Leabhar gineamhuinn Iosa Criosta, mac Dhài, mac Abrahaim. Bho Abraham ghineadh Isaac. Agus bho Isaac ghineadh Iacob. Agus bho Iacob ghineadh Iudas, agus a bhraithrean. Agus bho Iudas ghineadh Phares agus Sara le Tamar. Agus bho Phares ghineadh Esron. Agus bho Esron ghineadh Aram. Agus bho Aram ghineadh Aminadab. Agus bho Aminadab ghineadh Naason. Agus bho Naason ghineadh Salmon. Agus bho Shalmon ghineadh Boos le Rahab. Agus bho Bhoos ghineadh Obed le Buth. Agus bho Obed ghineadh Iesse. Agus bho Iesse ghineadh righ Dài. Agus bho righ Dài ghineadh Solomon leatha-sa, a bhʼaig Urias. Agus bho Sholomon ghineadh Roboam. Agus bho Roboam ghineadh Abia. Agus bho Abia ghineadh Asa. Agus bho Asa ghineadh Iosaphat. Agus bho Iosaphat ghineadh Ioram. Agus bho Ioram ghineadh Osias. Agus bho Iosias ghineadh Ioatham. Agus bho Ioatham ghineadh Achas. Agus bho Achas ghineadh Esechias. Agus bho Esechias ghineadh Manasses. Agus bho Mhanasses ghineadh Amon, Agus bho Amon ghineadh Iosias. Agus bho Iosias ghineadh Iechonias ʼs a bhraithrean ann an imrich Bhabiloin. Agus an deigh an giulan do Bhabilon, bho Iechonias ghineadh Salathiel. Agus bho Shalathiel ghineadh Sorobabel. Agus bho Shorobabel ghineadh Abiud. Agus bho Abiud ghineadh Eliasim. Agus bho Eliasim ghineadh Asor. Agus bho Asor ghineadh Sadoc. Agus bho Shadoc ghineadh Achim. Agus bho Achim ghineadh Eliud. Agus bho Eliud ghineadh Eleasar. Agus bho Eleasar ghineadh Mathan. Agus bho Mhathan ghineadh Iacob. Agus bho Iacob ghineadh Ioseph céile Moire, bhoʼn dʼrugadh Iosa ris an canar Criosta. Mar sin na linntean uile bho Abraham gu Dài, ʼsiad ceithir linntean diag: ʼs bho Dhài gu imrich Bhabiloin, ceithir linntean diag: agus bho imrich Bhabiloin gu Criosta, ceithir linntean diag. A nis ʼsann mar so a bha gineamhuinn Chriosta. Nuair a bha mhathair Moire aig Ioseph fo cheangal-posaidh, mun deachaidh iad cuideachd, fhuaradh i lethtromach leis an Spiorad Naomh. Ach bho na bha Ioseph a céile ʼna dhuine ceart, ʼs gun toil aige a cur fo mhasladh follaiseach, bha mhiann air a cur air falbh fos n-iosail. Ach mar bha e smaoineachadh air so, seall, thaisbean aingeal an Tighearna e fhein dha ʼna chadal, a g-radh: Ioseiph, a mhic Dhài, na biodh eagal ort do bhean Moire a ghabhail ga tʼionnsuidh; oir na tha air a giulan, ʼsann bhoʼn Spiorad Naomh a tha e. Agus beiridh i mac, us bheir thu Iosa mar ainm air: oir saoraidh e a phobull bhoʼm peacannan. A nis rinneadh so uile los gun coimhlionteadh na labhair an Tighearna leis an fhaidh, a g-radh: Seall, bithidh oigh leth-tromach, agus beiridh i mac, us bheir iad Emmanuel mar ainm air, se sin air eadar-theangachadh, Dia maille ruinn. Agus Ioseph a g-eirigh á chadal, rinn e mar dhʼàithn aingeal an Tighearna air, us ghabh e ga ionnsuidh a bhean. Agus cha dʼaithnich e i gus an dʼ rug i a ciadghin mic: agus thug e Iosa mar ainm air. Nuair a rugadh ma ta Iosa ann am Bethlehem Iuda, an lài righ Herod, seall, thainig daoine glice as an aird-an-ear gu Ierusalem, A g-radh: Càite a bheil esan a rugadh ʼna righ nan Iudhach? Oir chunnaic sinn a reul san aird-an-ear, agus thainig sinn a thoirt aoraidh dha. Agus air do righ Herod so a chluinntinn, bha e fo bhruaillean, agus Ierusalem uile maille ris. Agus a cruinneachadh nan ard-shagart uile, agus Sgriobhaichean a phobuill, dhʼfheoraich e dhiu càite an robh Criosta ri bhreith. Us thuirt iad ris: Am Bethlehem Iuda: oir mar so chaidh a sgriobhadh leis an fhaidh: Agus thusa Bhethlehem an tir Iuda, cha tu idir is lugha measg priomh-bhailtean luda: oir asadsa thig a mach ceannard, a riaghlas mo phobull Israel. An sin Herod a gairm nan daoine glice fos n-iosail, dhʼfhiosraich e dhiu gu dichiollach an t-àm air am fac iad an reul: Agus gan cur do Bhethlehem, thuirt e: Rachaibh, ʼs cuiribh forfhais gu dichiollach air an naoidhean, ʼs nuair a gheobh sibh e, thugaibh fios dhomh air ais, los gun teid mi fhein a thoirt aoraidh dha. Nuair chual iadsan an righ, dhʼfhalbh iad: agus, seall, chaidh an reul a chunnaic iad san ear rompa, gus an tainig i, ʼs na stad i fos cionn an aite anns an robh an leanabh. Agus a faicinn na reil rinn iad aoibhneas le mor thoil-inntinn. ʼSa gabhail a stigh doʼn tigh, fhuair iad an naoidhean maille ri Moire a mhathair, agus a tuiteam sios thug iad aoradh dha; ʼsa fosgladh an ionmhais, thairg iad dha tiodhlacan, òr, tùis, agus mirr. ʼSa faighinn freagairt ʼnan cadal, gun iad a thilleadh gu Herod, chaidh iad air ais rathad eile doʼn duthaich fhein. ʼS an deigh dhaibh falbh, seall, chunnacas aingeal an Tighearna le Ioseph ʼna chadal, a g-radh: Eirich, ʼs gabh an leanabh ʼs a mhathair, agus teich doʼn Eipheit; us fan an sin gus an innis mi dhut. Oir tachraidh gun sir Herod an leanabh gus a sgrios. Agus a g-eirigh ghabh e an leanabh ʼs a mhathair san oidhche, agus chaidh e lethtaobh doʼn Eipheit: Agus bha e an sin gu bàs Heroid: los gun coimhlionteadh an ni a labhair an Tighearna leis an fhaidh, a g-radh: As an Eipheit ghairm mi mo Mhac. An sin Herod a faicinn gun deach a mhealladh leis na daoine glice, dhʼeirich fhearg gu mor; ʼsa cur luchd-millidh mharbh e gach leanabh-gille, a bha am Bethlehem agus ʼna criochan gu leir, a bha dà bhliadhnʼ a dhʼaois us fodha, air reir na time a dhʼfheoraich e gu mean dhe na daoine glice. An sin choimhlionadh na labhair am faidh Ieremias, a g-radh: Chualas guth ann an Rama, tuireadh us bròn ro-mhor; Rachel a caoidh a cloinne, ʼs cha ghabhadh i furtachd, chionn nach maireann iad. Ach nuair dhʼeug Hèrod, seall, chunnacas aingeal an Tighearna le Ioseph ʼna chadal san Eipheit, A g-radh: Eirich, us gabh an leanabh ʼs a mhathair, agus falbh gu talamh Israil. Oir tha iad marbh a dhʼiarr beatha an leinibh. Dhʼeirich e, us ghabh e an leanabh ʼs a mhathair, agus thainig e gu talamh Israil. Ach a cluinntinn gun do righich Archelaus ann an Iudéa an aite ʼathar, Herod, bha sgàth air a dhol an sin: ʼs air dha rabhadh fhaighinn ʼna chadal, chaidh e a lethtaobh gu criochan Ghalile: Agus thainig e, ʼs ghabh e comhnuidh ann am baile ris an canar Nasareth: chum gun coimhlionteadh na labhradh leis na faidhean: gun canar Nasaréach ris. Anns na laithean sin thainig Eoin Baiste, a searmonachadh am fasach Iudéa, ʼSa g-radh: Dianaibh aithreachas: oir tha rioghachd fhlathanais faisg. Oir se so esan mun do labhair am faidh Isaias, a g-radh: Guth neach a g-eigheach san fhasach, Reitichibh slighe an Tighearna, dianaibh direach ʼaisridhean. Agus bha eideadh Eoin de chalg chamhal, us crios leathrach timchioll a leasraidh: agus bʼe bhiadh locuist us mil fhiadhaich. An sin chaidh Ierusalem a mach ga ionnsuidh agus Iudéa gu leir, ʼs an duthaich uile mun cuairt do Iordan: Agus bhaisteadh iad leis ann an Iordan, a g-aideachadh am peacannan. Ach a faicinn morain de na Phairisich ʼs de na Sadusaich a tighinn gu bhaisteadh, thuirt e riu: A ghineil nan nathraichean, co dhʼ fhiach dhuibhse teicheadh bhoʼn fheirg a tha ri tighinn? Thugaibh a mach ma ta toradh freagrach doʼn aithreachas. ʼS na smaoinichibh air a radh umaibh fhein: ʼSe Abraham ar n-athair-ne. Oir deiream ribh gum beil Dia comasach air mic a thogail suas do Abraham de na clachan sin. Oir a nis tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh. Uime sin a h-uile craobh nach toir mach dea-mheas, theid a gearradh sios, ʼsa tilgeadh san teine. Tha mise gu dearbh gu ʼr baisteadh le uisge gu aithreachas: ach esan a thig am dheigh se is cumhachdaiche na mise, ʼs cha n-airidh mi air a bhrogan a ghiulan: baistidh esan sibh san Spiorad Naomh agus ann an teine. Aigesan tha ghuit ʼna laimh, us glanaidh e gu buileach ʼurlar-bualaidh, agus tionailidh e a chruithneachd gu shabhal; ach loisgidh e am moll le teine nach gabh diocladh. An sin thainig Iosa bho Ghalile gu Iordan dhʼionnsuidh Eoin, gu bhith air a bhaisteadh leis. Ach bhac Eoin e, a cantuinn: Bu chòir dhomhsa bhith air mo bhaisteadh leatsa, ʼsa bheil thusa tighinn h-ugamsa? Us Iosa freagairt, thuirt e ris: Ceadaich e an drasda: oir ʼsann mar so is còir dhuinn a h-uile ceartas a choimhlionadh. An sin leig e leis. Agus nuair bhaisteadh Iosa, thainig e air ball nuas as an uisge: agus, seall, dhʼfhosgladh neamh dha: agus chunnaic e Spiorad De a tearnadh mar chalaman, ʼsa tighinn air. Agus, seall, guth bho neamh, a g-radh: Se so mo Mhac ionmhuinn, agus is mor mo thlachd dheth. An sin chaidh Iosa stiuradh leis an Spiorad doʼn fhasach, gus e bhith air a bhuaireadh leis an aibhistear. ʼS nuair a thraisg e dàfhichead latha agus dàfhichead oidhche, an deigh sin bha acras air. ʼS am buaireadair a tighinn, thuirt e ris: Maʼs tu Mac De, orduich do na clachan so a bhith ʼnan aran. Os esan, a freagairt: Tha e sgribhte: Cha n-ann air aran a mhain a thig an duine beo, ach air a h-uile facal a thig a mach á bial De. An sin thug an deomhan suas e gus am baile naomh, agus chuir e air binnein an teampuill e, Agus thuirt e ris: Ma ʼs tu Mac De, tilg thu fhein sios: oir tha e sgribhte: Thug e fainte dha ʼainglean mu dʼ dheidhinn, us togaidh iad suas ʼnan lamhan thu, eagal ma dhʼfhaoidte gum buail thu do chas an aghaidh cloiche. Thuirt Iosa ris: Tha e sgribhte rithist: Na buair an Tighearna do Dhia. Thug an deomhan e rithist gu beinn gle ard, agus dhʼfhiach e dha rioghachdan an domhain uile agus an gloir, Us thuirt e ris: Iad so uile bheir mi dhut, ma thuiteas tu sios agus aoradh a thoirt domh. An sin thuirt Iosa ris: Gabh romhad, a shatain: oir tha e sgribhte: Doʼn Tighearna do Dhia bheir thu aoradh, agus dhasan a mhain ni thu seirbhis. An sin dhʼfhag an deomhan e; agus, seall, thainig ainglean, agus fhreasdail iad dha. Ach nuair a chual Iosa, gun do ghlacadh Eoin, dhʼfhalbh e do Ghalile. ʼSa fagail baile Nasareth, thainig e agus ghabh e comhnuidh ann an Capharnaum ri taobh na mara, an criochan Shabuloin agus Nephtalim: Gus an ni, a thuirt am faidh Isaias, a choimhlionadh: Talamh Shabuloin us talamh Nephtalim ri oir na mara air taobh thall Iordain, Galile nan Cinneach: Am pobull a shuidh an dorchadas, chunnaic iad solus mor: us dhaibhse, a shuidh an tir sgàil a bhais, dhʼeirich solus. Bhoʼn àm sin thòisich Iosa ri teagasg, ʼs ri radh: Dianaibh peanas, oir tha rioghachd De faisg. Us nuair a bha Iosa g-imeachd ri taobh muir Ghalile, chunnaic e dithis bhraithrean, Simon dhaʼn ainm Peadar, agus Aindris a bhrathair, a cur lin sa mhuir (oir bʼiasgairean iad). Us thuirt e riu: Leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh. Agus ghrad-dhʼfhag iad na lin, us lean iad e. ʼSa falbh as a sin, chunnaic e dithis bhraithrean eile, Seumas mac Shebede, agus Eoin a bhrathair, ann am bàta maille riʼn athair Sebede, a càradh an lion: agus ghairm e iad. ʼS air ball dhʼfhag iad an lin agus an athair, us lean iad e. Agus dhʼimich Iosa mun cuairt feadh Ghalile uile, a teagasg ʼnan sinagogan, ʼsa searmonachadh soisgeul na rioghachd, ʼsa leigheas a h-uile gné thinnis, ʼsa h-uile easlaint am measg an t-sluaigh. Agus sgaoil a chliu feadh Shiria uile, us thug iad ga ionnsuidh an sluagh tinn uile, a bha air am pianadh le iomadh aiceid agus doruinn, us iadsan anns an robh deomhain, us iadsan air an robh an caothach, us iadsan air an robh a chrith, agus leighis e iad. Agus lean cuideachda mhor e bho Ghalile, ʼs bho Dhecapolis, bho Ierusalem ʼs bho Iudéa, ʼs bho thaobh thall Iordain. ʼSa faicinn an t-sluaigh, chaidh e suas gu beinn, ʼs nuair a shuidh e, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh. ʼSa fosgladh a bheoil, theagaisg e iad, a g-radh: Is beannaichte iadsan, a tha bochd ʼnan Spiorad: bhon is leo rioghachd Dhe. Is beannaichte na daoine ciuin: bho na gheobh iad seilbh air an talamh. Is beannaichte luchd a bhròin: bho na gheobh iad sòlas. Is beannaichte iadsan air am beil acras agus pathadh a cheartais: bho na gheobh iad an lan-riarachadh. Is beannaichte luchd na trocaire: bho na gheobh iad trocair. Is beannaichte luchd a chridhe ghlain: bho na chi iad Dia. Is beannaichte luchd dianamh na sithe: bho na theirear clann De riu. Is beannaichte an fheadhainn a dhʼ fhuiligeas geur-leanmhuinn air son a cheartais: bhon is leo rioghachd fhlathanais. Is beannaichte sibhse nuair a chàineas iad sibh, ʼsa ni iad geur-leanmhuinn oirbh, ʼsa their iad h-uile olc ʼnur n-aghaidh gu briagach as mo lethse: Biodh aighear us aoibhneas oirbh, oir is ro-mhor ur duais am flathanas. Oir ʼsann mar sin a rinn iad geur-leanmhuinn air na faidhean a bha romhaibh. Is sibhse salann an talmhuinn. Ach ma chailleas an salann a bhlas, co leis a shaillear e? Cha n-eil tuille feum ann, ach a bhith air a thilgeadh a mach, ʼs air a shaltairt fo chasan dhaoine. Is sibhse solus an t-saoghail. Cha n-urrainn baile a thogar air beinn a bhith am falach. Cha mhua lasar coinneal, ʼsa chuirear i fo shaghach, ach air coinnleir, gu solus a thoirt do mhuinntir an tighe uile. Dearrsadh mar sin ur solus an lathair dhaoine, los gum faic iad ur deagh-oibrichean, ʼs gun toir iad gloir dha ur n-Athair, a tha air neamh. Na saoilibh gun tainig mi a bhristeadh an lagha, no nam faidhean: cha n-ann a bhristeadh, ach a choimhlionadh a thainig mi. Oir gu firinneach tha mi g-radh ribh, gus an teid neamh us talamh seachad, nach teid aon lide no aona phong deʼn lagh seachad, gus an coimhlionar a h-uile ni. Uime sin an neach a bhristeas air an aon is lugha de na faintean so, agus a theagaisgeas mar sin do dhaoine, theirear an urra is lugha ris ann an rioghachd fhlathanais. Ach esan a ni ʼsa theagaisgeas, theirear urra mhor ris an rioghachd fhlathanais. Oir tha mi g-radh ribh, mur toir ur ceartas barrachd air ceartas nan Sgriobhach ʼs nam Phairiseach, nach teid sibh a stigh do rioghachd fhlathanais. Chuala sibh gun tuirteadh ris na seanairean: Na dian murt: agus ge bʼe neach a ni murt, bithidh e an cunnart a bhreitheanais. Ach tha mise g-radh ribh, gum bi neach air bith, aig a bheil fearg ri bhrathair, an cunnart a bhreitheanais. Us neach air bith a their ri bhrathair, Raca, bithidh e an cunnart na comhairle. Us neach air bith a their, amadain, bithidh e an cunnart teine iutharna. Uime sin ma bhios tu tairgse do ghibht aig an altair, ʼs gun cuimhnich thu an sin gu bheil rudeigin aig do bhrathair ad aghaidh: Fag an sin do thobhartas air bialaobh na h-altrach, agus falbh an toiseach a dhianamh reite ridʼ bhrathair; ʼs an sin a tighinn tairgidh thu do thobhartas. Dian reite ri dʼ namhaid gu h-ealamh, fhad ʼsa tha thu san t-slighe marris: eagal ma dhʼfhaoidte gun liubhair an namhaid thu doʼn bhritheamh, ʼs gun liubhair am britheamh thu doʼn mhaor, ʼs gun tilgear thu am priosan. Gu firinneach tha mi g-radh riut, nach teid thu mach as a sin gus am paidh thu an fheoirlinn mu dheireadh. Chuala sibh gun deach a radh riu bho shean: Na dian adhaltras. Ach tha mise radh ribh, ge bʼe neach a sheallas air boirionnach gus a sanntachadh, gun dʼrinn e adhaltras rithe cheana ʼna chridhe. Agus ma bheir do shuil dheas sgainneal dhut, spion asad i, us tilg bhuat i: oir is fhearr dhut gun rachadh a h-aon dhe dʼ bhuill a dhith, na gun tilgte do cholunn uile a dhʼiutharna. Agus ma bheir do lamh dheas sgainneal dhut, gearr dhiot i, us tilg bhuat i: oir is fhearr dhut gun rachadh a h-aon dhe dʼ bhuill a dhith, na gun tilgte do cholunn uile a dhʼiutharna. Agus chaidh a radh: Fear sam bith a chuireas air falbh a bhean, thugadh e litir-dhealachaidh dhi. Ach tha mise cantuinn ribh, ge bʼe neach a chuireas air falbh a bhean, ach air son adhaltrais, gum beil e toirt oirre adhaltras a dhianamh: agus tha am fear a phosas an té a chuireadh air falbh a dianamh adhaltrais. Chuala sibh a rithist gun tuirteadh riu bho shean: Na toir mionnan eithich: ach coimhlion do mhionnan doʼn Tighearna. Ach tha mise g-radh ribh, na mionnaichibh idir, co dhiu ʼsann air neamh, bhon is e cathair Dhe: No air an talamh, bhon is e stol a chas: no air Ierusalem, bhon is e baile an Righ mhoir: Cha mhua mhionnaicheas tu air do cheann, a chionn nach urrainn dut aon fhuiltean a dhianamh geal no dubh. Ach biodh ur briathran, Tha, tha; Cha n-eil, cha n-eil: agus na tha dol fos cionn sin, ʼsann bhoʼn olc a tha e. Chuala sibh gun deach a radh: Suil air son sula, us fiacaill air son fiacla. Ach tha mise a cantuinn ribh, gun chur an aghaidh an uilc: ach ma bhuaileas neach thu air do ghruaidh dheis, tionndaidh ris an té eile, Agus ma ʼs aill le neach stri riut le lagh, agus do chota thoirt bhuat, leig do chleoc leis cuideachd. Agus ge bʼe a bheir leis thu mile a dhʼaindeoin, theirig dà mhile eile comhla ris. Thoir doʼn neach a dhʼiarras ort; ʼs na tionndaidh air falbh bhoʼn fhear a shireas coingheall ort. Chuala sibh gun deach a radh: Bheir thu gaol dha dʼ choimhearsnach, agus fuath dha do namhaid. Ach tha mise g-radh ribh: Thugaibh gaol dhaʼr naimhdean: dianaibh math doʼn fheadhainn a bheir fuath dhuibh, us guidhibh air son na feadhnach, a tha dianamh geur-leanmhuinn oirbh, agus guʼr caineadh: Los gum bi sibh ʼnur cloinn ur n-Athar, a tha air neamh, a tha toirt air a ghrein eirigh air na daoine matha ʼs air na daoine olca, ʼsa tha sileadh an uisge do na daoine cearta agus do na daoine eucorach. Oir ma ʼsann doʼn fheadhainn aig a bheil gaol oirbh a bheir sibh gaol, dé an duais a bhios agaibh? nach eil na cismhaoir fhein a dianamh so? Agus ma ʼsann air ur braithrean a mhain a chuireas sibh fàilt, ciod am barrachd a tha sibh a dianamh? nach eil na paganaich a dianamh so? Bithibh ma ta coimhlion, mar a tha ur n-Athair air neamh coimhlion. Thugaibh an aire nach dian sibh ur ceartas an lathair dhaoine, gus sibh a bhith air ur faicinn leo: air-neo cha bhi duais agaibh bhoʼr n-Athair, a tha air neamh. Uime sin nuair a bheir thu seachad deirc, na seid trombaid romhad, mar a tha na cealgairean a dianamh sna sinagogan, agus air na straidean, gus iad a dhʼfhaighinn onair bho dhaoine. Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, fhuair iad an duais. Ach nuair bheir thusa seachad deirc, na biodh fios aig do laimh chli ciod tha do lamh dheas a dianamh: Los gum bi do dheirc an uaigneas, agus bheir tʼAthair, a chi an uaigneas, duais dhut. Agus nuair a ni sibhse urnaigh, na bithibh mar na cealgairean, leis an toil urnaigh a dhianamh ʼnan seasamh sna sinagogan ʼs aig oisinnean nan straidean, los gum faicear le daoine iad: Gu deimhinn, tha mi g-radh ribh, fhuair iad an duais. Ach thusa nuair a ni thu tʼ urnaigh, theirig a stigh dha dʼ sheomar, ʼsa dunadh an doruis dian urnaigh ri tʼAthair an uaigneas: agus tʼAthair, a chi ann an uaigneas, paidhidh e thu. Agus nuair ni sibh urnaigh, na abraibh moran, mar na cinnich: oir tha duil aca-san le moran a radh gum faigh iad eisdeachd. Na bithibh ma ta coltach riu, oir ʼs aithne dha ʼr n-Athair na tha feumail dhuibh muʼn iarr sibh air e. ʼSann mar so ma ta ni sibh urnaigh: Ar n-Athair, a tha air neamh, gum bu naomh a bhios tʼainm. Gun tigeadh do rioghachd. Gun dianar do thoil air talamh, mar a thathas ga dianamh air neamh. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran lathail. Agus math dhuinn ar fiachan, mar a mhathas sinn do luchd-ar-fiach. ʼS na leig ann am buaireadh sinn. Ach saor sinn bho ʼn olc. Amen. Oir ma mhathas sibh an ciontan do dhaoine, mathaidh ur n-Athair air neamh ur ciontan fhein dhuibhse. Ach mur math sibh do dhaoine, cha mhua mhathas ur n-Athair ur ciontan dhuibh fhein. Agus nuair a ni sibh traisg, na bithibh dubhach mar na cealgairean: oir duaichnichidh iadsan an aodann, gus fhiachuinn do dhaoine gu bheil iad a trasgadh. Gu deimhinn, tha mi g-radh ribh, fhuair iad an duais. Ach nuair a thraisgeas tusa, ung do cheann, us nigh tʼaodann; Gus nach faicear le daoine thu ri traisg, ach le tʼAthair, a tha an uaigneas: agus tʼAthair, a tha an uaigneas, ath-dhiolaidh e dhut. Na taisgibh dhuibh fhein iuntas air talamh, far an caith a mheirg ʼs an reudan, agus far am brist meirlich a stigh ʼs an goid iad. Ach taisgibh dhuibh fhein iuntas am flathanas: far nach caith a mheirg no an reudan, agus far nach brist meirlich a stigh, ʼs nach goid iad. Oir far am beil tʼ iuntas, ʼsann an sin tha do chridhe mar an ciadna. Si do shuil solus do choluinne. Ma bhitheas do shuil glan bithidh do cholunn uile soilleir. Ach ma bhios do shuil olc, bithidh do cholunn uile dorcha. Le sin ma tha an solus a tha unnad ʼna dhorchadas, nach mor an dorchadas a bhios an sin! Cha n-urrainn do dhuine sam bith dà mhaighistir a sheirbhiseachadh. Oir bheir e fuath doʼn darna fear, us gaol do ʼn fhear eile; no cuiridh e suas ris an darna h-aon, us ni e diu de ʼn aon eile. Cha n-urrainn dhuibh seirbhis a dhianamh do Dhia ʼs do mhammon. Uime sin deiream ribh, na biodh iomaguin oirbh mu ʼr beatha, ciod a dhʼitheas sibh, no mu ʼr coluinn, ciod a chuireas sibh oirbh. Nach mua a bheatha na ʼm biadh, ʼs nach mua a cholunn na ʼn t-aodach? Seallaibh air ianlaith an athair, oir cha n-eil iad a cur, no buain, no cruinneachadh gu saibhlean: ʼs tha ur n-Athair neamhaidh gam beathachadh. Nach mua luach gu mor sibhse na iadsa? Us co agaibh le smaoineachadh is urrainn aon lamh-choille a chur ri airde fhein? Agus mu aodach car-son a tha sibh fo imcheist? Gabhaibh beachd air lilidhean an achaidh mar a tha iad a fàs: cha n-eil iad ri saothair no ri sniomh. Ach tha mise radh ribh nach robh Solomon fhein ʼna uile ghloir air eideadh coltach ri h-aon dhiu so. A nis ma tha Dia a sgeadachadh mar so fiar an achaidh, a tha an diugh ann, ʼsa thilgear am maireach san àmhuinn: nach mor is mua sibhse, a dhaoine air bheag creidimh? Na bithibh ma ta fo churam, a g-radh: Ciod a dhʼitheas sinn, no ciod a dhʼolas sinn, no ciod a chuireas sinn oirnn? Oir iad so uile tha na cinnich a g-iarraidh. Oir tha fios aig ur n-Athair gum beil feum agaibh air na nichean sin uile. Air an aobhar sin iarraibh an toiseach rioghachd Dhe ʼs a cheartas-san, agus bheirear iad sin uile dhuibh a bharrachd. Uime sin na biodh iomaguin oirbh muʼn là maireach; oir bithidh an latha maireach curamach uime fhein. Is leor doʼn latha ʼolc fhein. Na tugaibh breth, ʼs cha toirear breth oirbh. Oir a reir na breth a bheir sibh, bheirear breth oirbh: ʼsa reir an tomhais leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh air ais. Agus car-son a tha thu faicinn a chaimein an suil do bhrathar, ʼs nach leir dhut an t-sail na dʼshuil fhein? No ciamar a their thu ri do bhrathair: Leig dhomh an caimein a thoirt á do shuil: us, seall, tha sail na dʼshuil fhein? A chealgaire, spion an toiseach an t-sail á do shuil fhein, us chi thu an sin an caimein a thoirt á suil do bhrathar. Na tugaibh ni naomh do na coin; cha mhua chuireas sibh ur seudan priseil air bialaobh mhuc, eagal ma dhʼ fhaoidte gun saltair iad orra leʼn casan, agus a tionndadh gun riab iad sibhse. Iarraibh, agus bheirear dhuibh; siribh, agus gheobh sibh: buailibh, agus fosglar dhuibh. Oir gach aon a dhʼiarras, bheirear dha; ʼs am fear a shireas, gheobh e: agus do ʼn fhear, a bhuaileas, fosglar. Oir co am fear agaibhse, ma dhʼiarras a mhac aran air, a shineas clach dha? No ma dhʼiarras e iasg, an sìn e nathair dha? Ma ʼs aithne dhuibhse ma ta, a tha olc, dea-thiodhlaicean a thoirt dha ʼr cloinn: nach mor nas mua na sin a bheir ur n-Athair, a tha air neamh, nichean matha dhaibhse a dhʼiarras iad air? A h-uile ni ma ta bu mhath leibh daoine a dhianamh dhuibh, dianaibh dhaibh. Oir se so an lagh agus na faidhean. Rachaibh a stigh air a gheata chumhann: a chionn gur leathan an geata ʼs gur farsuinn an rathad, a tha gabhail gu sgrios, agus is lionor iad a tha dol a stigh air. Nach cumhann an geata, ʼs nach aimhlean an rathad, a tha gabhail gu beatha, agus nach tearc iad a tha g-amas air! Bithibh air ur faicill roi fhaidhean-breige, a thig gu ʼr n-ionnsuidh an eideadh chaorach, ach air an taobh-stigh is madaidhean-alluidh riabach iad. Air an toradh aithnidh sibh iad. An tionailear dearcan-fiona dheʼn droighionn, no figisean dhe na drisean? Mar sin bheir a h-uile deagh chraobh a mach deagh mheas: ach bheir droch chraobh a mach droch mheas. Cha n-urrainn deagh chraobh droch mheas a thoirt a mach: cha mhua ʼs urrainn droch chraobh deagh mheas a thoirt a mach. A h-uile craobh nach toir a mach deagh mheas, gearrar sios i, agus tilgear san teine i. Uime sin air am meas aithnidh sibh iad. Cha teid a h-uile fear a their riumsa, a Thighearna, a Thighearna, a stigh do rioghachd fhlathanais: ach se am fear a ni toil mʼAthar, a tha air neamh, a theid a stigh do rioghachd fhlathanais. Their moran rium san latha sin: A Thighearna, a Thighearna, nach dʼrinn sinn faisneachd ad ainm, ʼs nach do thilg sinn a mach deomhain ad ainm, ʼs nach dʼrinn sinn moran mhiarailtean ad ainm? Agus an sin their mi riu: Cha bʼaithne dhomh riamh sibh: deilichibh rium, a luchd-dianamh an uilc. Air an aobhar sin, h-uile h-aon a chluinneas na briathran so agamsa, ʼsa ni iad, samhlaichear e ri duine glic, a thog a thigh air creig; Agus shil an t-uisge, us thainig na tuiltean, us sheid na gaoithean, agus bhuail iad ris an tigh sin, ʼs cha do thuit e, oir bha e air a steidheachadh air carraig. Agus gach aon a chluinneas iad so mo bhriathran-sa, ʼs nach dian iad, tha e coltach ri duine gorach, a thog a thigh air a ghainmhich: Agus shil an t-uisge, us thainig na tuiltean, us sheid na gaoithean, agus bhuail iad ris an tigh sin, us thuit e; agus bu mhor an sgrios a bhʼaige. Agus thachair nuair a chriochnaich Iosa na briathran so, guna ghabh an sluagh iongantas ri theagasg. Oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, ʼs cha n-ann mar na Sgriobhaich aca agus na Phairisich. Agus nuair a theirinn e bhoʼn bheinn, lean moran sluaigh e. Us, seall, thainig lobhar, agus thug e aoradh dha, a g-radh: A Thighearna ma ʼs aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh. Agus a sineadh a laimh bhean Iosa dha, a g-radh: Is aill: bi air do ghlanadh. Agus air ball bhaʼn luibhre air a glanadh. Us thuirt Iosa ris: Fiach nach innis thu do neach air bith: ach falbh, us nochd thu fhein doʼn t-sagart, agus tairg an tobhartas a dhʼorduich Maois mar theisteanas dhaibh. Agus nuair chaidh e stigh do Chapharnaum, thainig ceannard-ciad ga ionnsuidh a griosad air, ʼSa g-radh: A Thighearna, tha mo ghille ʼna laidhe san tigh leis an tinneas-chritheach, ʼs air a phianadh gu h-olc. Us thuirt Iosa ris: Ruigidh mise, agus leighisidh mi e. Agus an ceannard-ciad a freagairt, thuirt e ris: A Thighearna, cha n-airidh mise, gun tigeadh tu stigh fo mʼfhardaich, ach abair am facal a mhain, agus bithidh mo ghille air a leigheas. Oir is duine fo uachdranachd mi fhein, aig a bheil saighdearan fodham, us their mi ris an fhear so: Falbh, agus falbhaidh e; ʼs ri fear eile: Thig, agus thig e; agus ri mo sheirbhiseach: Dian so, ʼs ni e e. Agus Iosa cluinntinn so, ghabh e iongantas, agus thuirt e ris an fheadhainn a bha ga leanailt: Gu fior tha mi g-radh ribh: cha dʼfhuair mi creideamh cho mor ann an Israel. Agus tha mise cantuinn ribh, gun tig moran as an aird-an-ear, agus as an aird-an-iar, ʼs gun suidh iad maille ri Abraham, ʼs ri Isaac, ʼs ri Iacob an rioghachd fhlathanais: Ach gun tilgear a mach clann na rioghachd gu dorchadas iomallach; an sin bithidh gal agus giosgan fhiacal. Us thuirt Iosa ris a cheannard-chiad: Falbh, ʼs biodh e dhut a reir do chreidimh. Agus bha an gille air a leigheas sa cheart uair. Agus nuair rainig Iosa tigh Pheadair, chunnaic e a mhathair-cheile ʼna laidhe, ʼs i ann an teasaich; Agus bhean e dha ʼlaimh, us dhʼfhag an teasach i, us dhʼeirich i, agus fhritheil i dhaibh. Agus nuair thainig am feasgar, thug iad ga ionnsuidh moran anns an robh deomhain; us thilg e mach na spioraid le fhacal, agus leighis e iadsan uile a bha tinn: Gus an coimhlionteadh na labhair am faidh Isaias, a g-radh: Ghabh e air fhein ar laigsean, agus ghiulain e ar n-easlaintean. Us Iosa faicinn moran sluaigh mun cuairt da, dhʼ orduich e dhaibh dol thar a chaolas. Agus sgriobhach àraidh a tighinn ga ionnsuidh, thuirt e ris: A mhaighistir, leanaidh mi thu, ge bʼe aite an teid thu. Agus thuirt Iosa ris: Tha saobhaidhean aig na sionnaich, us nid aig eoin an athair, ach cha n-eil aite aig Mac an duine far an leag e cheann. Us thuirt fear eile dhe dhiesciopuil ris: A Thighearna, leig dhomh falbh an toiseach, us mʼathair a thiodhlaiceadh. Ach thuirt Iosa ris: Lean mise; us leig leis na mairbh am mairbh fhein a thiodhlaiceadh. ʼSa dol air bord saghaich, lean a dheisciopuil e. Agus, seall, dhʼeirich stoirm mhor air an fhairge, ionnus gun robh na tuinn a tighinn thairis air an eathar, ach bha esan ʼna chadal. Us thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, agus dhuisg iad e, a g-radh: A Thighearna, sabhail sinn, tha sinn a dol a dhith. Agus thuirt Iosa riu: Car-son a tha eagal oirbh, sibhse air bheag creidimh? An sin dhʼeirich e, us smachdaich e na gaoithean agus a mhuir, us thainig fiath mor. Ach ghabh na daoine iongantas, a g-radh: Ciod e an seorsa duine tha ʼn so, chionn tha na gaoithean agus a mhuir umhailt dha? Us nuair a thainig e thar a chaolas gu tir nan Gerasenach, choinnich dithis e anns an robh deomhain, a tighinn a mach as na h-uaighean, ro-fhiadhaich, ionnus ʼs nach bʼurrainn duine air bith gabhail seachad an rathad sin. Us, seall, ghlaodh iad, a g-radh: Ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa, a Mhic Dhe? An tainig thu an so gus ar pianadh roi ʼn àm? Agus bha treud mhor mhuc teann orra a g-ionaltradh: Agus ghrios na deomhain air, a g-radh: Ma thilgeas tu mach á so sinn, cuir san treud mhuc sinn. Us thuirt e riu: Rachaibh. Agus air dol mach dhaibh, chaidh iad anns na mucan, us seall, ruith an treud ʼna deann le bruthach cas doʼn mhuir; agus bhàsaich iad sna h-uisgeachan. Us theich na buachaillean; ʼsa dol a stigh doʼn bhaile, dhʼinnis iad gach ni, ʼs mar a thachair dhaibhse anns an robh na deomhain. Agus, seall, chaidh am baile uile mach an coinneamh Iosa, ʼs nuair a chunnaic iad e, ghuidh iad air, e dhʼfhalbh as an criochan. ʼSa dol a stigh do bhàta, chaidh e thairis, us thainig e gu bhaile fhein. Agus, seall, thug iad ga ionnsuidh fear air an robh an tinneas-critheach ʼna laidhe air leabaidh. Agus Iosa faicinn an creidimh, thuirt e ris an fhear air an robh a chrith: Biodh misneach agad, a mhic, tha do pheacannan mathte dhut. Agus, seall, thuirt cuid dhe na Sgriobhaich riu fhein: Tha e labhairt blaisbheum. Agus Iosa faicinn an smaointean, thuirt e: Car-son a tha sibh a smaoineachadh air olc ʼnur cridheachan? Co dhiu is fhasa radh: Tha do pheacannan mathte dhut; no gh-radh: Eirich agus coisich? Ach air chor ʼs gum bi fios agaibh, gum beil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (an sin thuirt e ri fear na crithe): Eirich, tog do leabadh, us falbh gu do thigh. Agus dhʼeirich e, us dhʼ fhalbh e gu thigh. Agus an sluagh a faicinn so, ghabh iad eagal us thug iad gloir do Dhia, a thug a leithid so de chomas do dhaoine. Agus nuair a thriall Iosa as a sin, chunnaic e fear dhaʼm bʼainm Matu ʼna shuidhe an tigh-na-cise. Us thuirt e ris: Lean mise. ʼSa g-eirigh, lean e e. Us thachair nuair a bha e ʼna shuidhe aig biadh san tigh, seall, thainig moran chismhaor us pheacach, agus shuidh iad maille ri Iosa, ʼs ri dheisciopuil. Agus nuair chunnaic na Phairisich so, thuirt iad ri dheisciopuil: Car-son a tha ur maighistir a g-ithe comhla ri cismhaoir ʼs ri peacaich? Ach thuirt Iosa, ʼs e cluinntinn so: Cha n-eil feum aig daoine slan air leigh, ach aig daoine tinne. Ach falbhaibh agus ionnsaichibh ciod is ciall dha so: Is aill leam trocair, ʼs cha n-e iobairt. Oir cha tainig mi a ghairm nan naomh, ach nam peacach. An sin thainig deisciopuil Eoin ga ionnsuidh, a g-radh: Car-son a tha sinne ʼs na Phairisich a trasgadh gu tric, ʼs nach eil do dheisciopuil-se a trasgadh? Us thuirt Iosa riu: An urrainn do fhleasgaich fear-na-bainnse a bhith ri cumha fhad ʼsa bhios fear-na-bainnse maille riu? Ach thig na lài anns an toirear fear-na-bainn-se bhuapa: agus an sin ni iad traisg. Agus cha chuir neach air bith breid de dhʼaodach ùr air seann eideadh: oir bheir e ʼliad fhein as an eideadh, us bithidh an stracadh nas miosa. Cha mhua chuireas iad fion ùr an seann searragan; air-neo sgàinidh na searragan, us doirtear am fion, agus caillear na searragan. Ach thathas a cur fiona ùir an searragan ùra, agus tiarnar an dà chuid. Nuair bha e labhairt so riu, seall, thainig uachdran àraidh h-uige, us thug e aoradh dha, a g-radh: A Thighearna, chaochail mo nighean san uair so, ach thig-se, cuir do lamh oirre, agus thig i beo. Us Iosa a g-eirigh, lean e e, agus a dhiesciopuil. Agus, seall, boirionnach air an robh siubhal fala fad dà bhliadhna-dhiag a tighinn air a chulaobh, bhean i do dhʼfhaitheam eididh. Oir thuirt i rithe fhein: Ma bheanas mi a mhain dha eideadh, bithidh mi slan. Ach Iosa a tionndadh ʼs ga faicinn, thuirt e: Biodh misneach agad, a nighean, rinn do chreideamh slan thu. Us bha ʼm boirionnach slan bho ʼn uair sin. Agus nuair a thainig Iosa gu tigh an uachdrain, ʼsa chunnaic e an luchd-ciuil ʼsa chuideachda ri toirm mhoir, thuirt e: Rachaibh as an rathad: oir cha n-eil a chaileag marbh, ach ʼna cadal. Us rinn iad gaire-fanaid air. ʼS nuair a chuireadh a mach a chuideachda, chaidh e stigh: agus rug e air laimh oirre. Us dhʼeirich a chaileag. Agus sgaoil iomradh air so feadh na ducha sin gu leir. ʼS nuair a thriall e as a sin, lean dithis dhall e, a g-eigheach, ʼsa cantuinn: Gabh truas ruinn, a Mhic Dhài. Agus nuair a thainig e thun an tighe, thainig na doill ga ionnsuidh. Us thuirt Iosa riu: Am beil sibh a creidsinn gur urrainn domh so dhianamh dhuibh? Tha, a Thighearna, arsa iadsan ris. An sin bhean e dhaʼn suilean, a g-radh: Biodh e dhuibh a reir ur creidimh. Us dhʼfhosgladh an suilean. Agus mhaoidh Iosa orra, a g-radh: Faicibh nach fhaigh neach air bith fios air so. Ach dhʼfhalbh iadsan, agus sgaoil iad a chliu feadh na duthcha sin uile. ʼS an deigh dhaibhse falbh, seall, thug iad ga ionnsuidh balbhan, anns an robh deomhan. Agus nuair a chuireadh a mach an deomhan, labhair am balbhan, agus ghabh an sluagh iongantas, a cantuinn: Cha n-fhacas riamh leithid so an Israel. Ach thuirt na Phairisich: ʼSann le prionnsa nan deomhan a tha e cur a mach dheomhan. Us dhʼimich Iosa mun cuairt feadh nan caithrichean ʼs nam bailtean uile, a teagasg ʼnan sinagogan, ʼsa searmonachadh soisgeul na rioghachd, ʼsa leigheas a h-uile eugail, ʼsa h-uile easlaint. ʼSa faicinn an t-sluaigh ghabh e truas riu: a chionn ʼs gun robh iad air an sarachadh ʼs ʼnan laidhe mar chaoraich gun bhuachaille. An sin thuirt e ri dheisciopuil: Tha ʼm foghar ga rireamh pailt, ach an luchd-oibre gann. Uime sin guidhibh air Tighearna an fhoghair, e chur luchd-oibre gu fhoghar fhein. ʼSa gairm a dhà ostal-dhiag, thug e cumhachd dhaibh thairis air spioraid neo-ghlan, gus an cur a mach, ʼs gus iad a leigheas a h-uile eugail ʼsa h-uile easlaint. Agus ʼsiad so ainmean an dà ostal-dhiag. A chiad fhear Simon, ris an canar Peadar, agus Aindris a bhrathair, Seumas mac Shebede, us Eoin a bhrathair, Philip, ʼs Bartholomé, Tomas, agus Matu an cismhaor, Seumas Alpheuis, agus Thadeus, Us Simon an Canàanach, agus Iudas Iscariot a bhrath e. Chuir Iosa an dà fhear dhiag so air falbh, a g-àithneadh orra, a g-radh: Na rachaibh rathad nan cinneach, ʼs na gabhaibh a stigh do bhailtean nan Samaritanach: Ach gum bu raghnaiche leibh dol air tòir nan caorach a chailleadh de thigh Israil. Agus air ur siubhal, searmonaichibh, a g-radh: Tha rioghachd fhlathanais faisg. Leighisibh na daoine tinne, thugaibh beo na mairbh, glanaibh na lobhair, cuiribh a mach na deomhain: fhuair sibh a nasgaidh, thugaibh seachad a nasgaidh. Na gleidhibh òr, no airgiod, no cùineadh ʼnur sporain: No màla air ur turus, no dà chota, no brogan, no bata: oir ʼs fhiach an t-oibriche a bhiadh. Us ge bʼe air bith caithir no baile dhaʼn teid sibh a stigh, faighnichibh co an duine fiachail a tha ʼn sin, agus fanaibh an sin gus am falbh sibh. Agus nuair a thig sibh a stigh do thigh, beannaichibh e, a g-radh: Sith doʼn tigh so. Agus ma ʼs airidh an tigh sin, thig ur sith air: ach mur airidh, tillidh ur sith h-ugaibh fhein. Us co sam bith nach gabh ribh, no nach eisd riʼr briathran; a dol a mach as an tigh, no as a bhaile sin, crathaibh an duslach dheʼr casan. Gu firinneach tha mi g-radh ribh: Fiachar tuille fathamais do thalamh Shodoim us Ghomorra air latha bhreitheanais, na doʼn bhaile sin. Seall, tha mise guʼr cur mar chaoraich am miadhon mhadadh-alluidh. Bithibh ma ta glic mar nathraichean, us aon-fhillte mar chalamain. Ach bithibh air ur faicill bho dhaoine. Oir liubhraidh iad sibh do chomhairlean, agus sgiursaidh iad sibh ʼnan sinagogan. Us bheirear air bialaobh uachdran agus righrean sibh as mo lethse, mar theisteanas dhaibh fhein ʼs dha na cinnich. Ach nuair a liubhras iad seachad sibh, na smaoinichibh ciamar no ciod a their sibh: oir bheirear dhuibh san uair sin, ciod a their sibh. Oir cha n-e sibhse a labhras, ach se Spiorad ur n-Athar a labhras unnaibh. Agus liubhraidh brathair a bhrathair gu bàs, ʼs an t-athair am mac; agus eiridh a chlann an aghaidh am parantan, agus cuiridh iad gu bàs iad. Agus bheir daoine uile fuath dhuibh as leth mʼ ainmse: ach se am fear a bhuan-sheasas gus a chrioch a bhios sabhailte. Agus nuair a ni iad geur-leanmhuinn oirbh an aona bhaile, teichibh gu baile eile. Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: Nach teid sibh tromh bhailtean Israil uile mun tig Mac an duine. Cha n-eil an deisciopul fos cionn a mhaighistir, no an seirbhiseach fos cionn a thighearna. Foghnaidh doʼn deisciopul a bhith mar a mhaighistir, ʼs doʼn t-seirbhiseach a bhith mar a thighearna. Ma thuirt iad Beelsebub ri fear-an-tighe, nach mua gu mor na sin ri mhuinntir? Uime sin na gabhaibh eagal rompa: oir cha n-eil ni am falach, nach soilleirichear: no an diomhaireachd, air nach faighear eolas. An ni a their mi ribh an dorchadas, labhraibh e san t-solus: agus na chluinneas sibh sa chluais, searmonaichibh e air mullach nan tighean. Agus na gabhaibh eagal rompasan a mharbhas a cholunn, ʼs nach urrainn an t-anam a mharbhadh: ach gum bu raghnaiche leibh eagal a bhith oirbh roimhe-san, a ʼs urrainn a cholunn agus an t-anam a sgrios ann an iutharna. Nach eil dà ghealbhonn gan reic air feoirlinn, ʼsa h-aon dhiu sin cha thuit gu talamh gun ur n-Athair? Agus tha uile fhuiltean ur cinn air an aireamh. Na biodh eagal oirbh ma ta: is fhearr sibhse na moran ghealbhonn. Uime sin a h-uile h-aon a dhʼ aidicheas mise an lathair dhaoine, aidichidh mise esan an lathair mʼAthar, a tha air neamh. Ach an neach a dhʼ aicheadhas mise an lathair dhaoine, aicheadhaidh mise esan an lathair mʼAthar, a tha air neamh. Na saoilibh gur ann a chur sith air talamh a thainig mi: cha n-ann a chur sithe, ach claidhimh. Oir thainig mi a chur duine an aghaidh athar, us nighinn an aghaidh a mathar, agus bean a mhic an aghaidh a mathar-céile. Agus ʼsiad naimhdean duine muinntir a thighe fhein. Am fear a bheir gaol dha athair no dha mhathair nas mua na dhomhsa, cha n-airidh e orm; ʼs am fear a bheir gaol dha mhac no dha nighinn nas mua na dhomhsa, cha n-airidh e orm. ʼS am fear nach glac a chrois, ʼs nach lean mise, cha n-airidh e orm. An neach a ghleidheas a bheatha, caillidh e i; ʼs an neach a chailleas a bheatha air mo shonsa, gleidhidh e i. An neach a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa: ʼs an neach a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris-san a chuir mi. An neach a ghabhas faidh an ainm faidh, gheobh e duais faidh; ʼs an neach a ghabhas duine ionraic an ainm duine ionraic, gheobh e duais duine ionraic. Agus neach air bith a bheir cupa de dhʼuisge fuar fhein gus ol do ʼn aon is lugha dhiu sin an ainm deisciopuil, gu firinneach tha mi g-radh ribh: cha chaill e dhuais. Agus thachair, nuair chriochnaich Iosa a chomhairleachadh a dhà dheisciopul diag, gun dʼfhalbh e á sin a theagasg ʼsa shearmonachadh sna bailtean aca. A nis nuair a chual Eoin sa phriosan oibrichean Chriosta, chuir e dithis dhe dheisciopuil ga ionnsuidh, Us thuirt e ris: An tu esan a tha ri tighinn, no am bi duil againn ri fear eile? Agus Iosa a freagairt, thuirt e riu: Falbhaibh agus innsibh do dhʼEoin na nichean a chuala ʼsa chunnaic sibh. Tha na doill a faicinn, na bacaich a g-imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a cluinntinn, na mairbh a g-eirigh a rithist, ʼs an soisgeul air a theagasg do na bochdan. Agus is beannaichte esan nach gabh sgainneal asamsa. ʼS an deigh dhaibh-san falbh, thoisich Iosa ri labhairt ris an t-sluagh mu Eoin: Ciod a chaidh sibh a mach do ʼn fhasach a dhʼfhaicinn? an e cuilc air a crathadh leis a ghaoith? Ach ciod a chaidh sibh a mach a dhʼfhaicinn? an e duine air eideadh an aodach mìn? seall, tha iadsan, a tha caitheamh aodach mìn, an tighean righrean. Ach ciod a chaidh sibh a mach a dhʼfhaicinn? an e faidh? Se, tha mi g-radh ribh, us tuilleadh na faidh. Oir se so esan mu bheil e sgribhte: Fiach, tha mise cur mʼaingil romh do ghnuis, a reiticheas do rathad romhad. Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: Cha dʼeirich de shliochd nam ban nas mua na Eoin Baiste: ach an t-aon is lugha an rioghachd neamh se is mua na esan. Agus bho lài Eoin Baiste gus a nis, tha rioghachd fhlathanais a fulang ainneirt, agus ʼsiad luchd an ainneirt a bheir a mach i. Oir bha na faidhean uile agus an lagh ri faisneachd gu linn Eoin. Agus ma ʼs math leibh a chluinntinn, se so Elias, a bha ri tighinn. Am fear aig a bheil cluasan gu eisdeachd, eisdeadh e. Ach co ris a shamlaicheas mi an ginealach so? Tha e coltach ri cloinn ʼnan suidhe sa mhargadh, ʼsa g-eigheach riʼn companaich, A g-radh: Sheinn sinn dhuibh, agus cha do dhanns sibh: rinn sinn cumha, agus cha do ghuil sibh. Oir thainig Eoin cha n-ann a g-icheadh no g-ol, ʼs tha iad a g-radh: Tha deomhan aige. Thainig Mac an duine a g-icheadh ʼsa g-ol, ʼs tha iad a g-radh: Seall, fear a tha ʼna gheocaire, ʼs ʼna phoitear fiona, ʼna charaid chismhaor us pheacach. Agus tha gliocas air a firinneachadh le cloinn fhein. An sin thòisich e ri cronachadh nam bailtean anns an dʼrinneadh a mhor chuid dhe mhiarailtean, a chionn nach dʼrinn iad aithreachas. Mo thruaighe thu, Chorosain; mo thruaighe thu, Bhethsaida: oir nam bʼann an Tirus no an Sidon, a dhiante na miarailtean a rinneadh unnaibhse, is fhada bho na ghabhadh iad aithreachas an cainb-aodach ʼs an luath. Ach tha mi g-radh ribh: Gum fiachar tuilleadh baigh do Thirus ʼs do Shidon latha bhreitheanais, na dhuibhse. Agus thusa, Chapharnaum, an e gun togar suas gu ruig neamh thu? theid thu sios gu ruig iutharna. Oir nan diante na miarailtean a rinneadh unnadsa ann an Sodom, theagamh gum maireadh e gus an latha an diugh. Ach tha mise g-radh ribh, gum bithear nas iochdoire latha bhreitheanais ri talamh Shodoim na riutsa. San àm sin fhreagair Iosa, us thuirt e: Tha mi toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna neamh agus talmhuinn, a chionn ʼs gun dʼfhalaich thu na nichean so bho dhaoine glice agus tùrail, agus gun do thaisbean thu iad do leanabanan. Seadh, Athair: a chionn gun robh sin taitneach ad shuilean-sa. Liubhradh a h-uile ni dhomhsa le mʼAthair. ʼS cha n-aithne do dhuine air bith am Mac, ach do ʼn Athair; ʼs cha mhua is aithne do dhuine air bith an t-Athair, ach doʼn Mhac, ʼs an neach dha ʼn deonaich am Mac a thaisbeanadh. Thigibh gam ionnsuidhse uile, a tha ri saothair, agus fo eallaich, us bheir mise furtachd dhuibh. Togaibh mo chuing oirbh, us ionnsuichibh bhuam-sa, chionn gum beil mi ciuin us iriosal an cridhe, agus gheobh sibh fois dha ʼr n-anmannan. Oir tha mo chuing mìn, agus mʼeallach aotrom. San àm sin chaidh Iosa tro arbhar air an t-sàbaid; agus thòisich a dheisciopuil, ʼs iad air acras, ri spionadh dhias, agus ri ʼn iche. Ach na Phairisich a faicinn so, thuirt iad ris: Seall, tha do dheisciopuil a dianamh rud nach eil ceadaichte a dhianamh air laithean na sàbaid. Ach thuirt esan riu: Nach do leugh sibh ciod a rinn Dài, ʼs e air acras, ʼs an fheadhainn a bha comhla ris: Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe, us dhʼich e na builionnan-tairgse, nach robh ceadaichte dha iche, no dhaibhse a bha comhla ris, ach do na sagairt a mhain? No nach do leugh sibh san lagh, gum beil na sagairt a bristeadh na sàbaid san teampull, ʼs iad saor bho choire? Ach tha mise g-radh ribh gum beil neach nas mua na an teampull an so. Ach nam bʼaithne dhuibh ciod e: Is aill leam trocair, ʼs cha n-e iobairt: cha bhiodh sibh riamh air diteadh nan neochiontach. Oir is Tighearna air an t-sàbaid fhein Mac an duine. ʼS nuair a thriall e as a sin, thainig e stigh doʼn t-sinagog aca. Agus fiach duine aig an robh lamh sheargte, agus dhʼfhaighnich iad dheth, a g-radh: Am beil e laghail leigheas a dhianamh air latha na sàbaid? los coire chur as a leth. Ach thuirt esan riu: Co an duine agaibhse aig a bheil aon chaora, ʼs ma thuiteas i ann an slochd air an t-sàbaid, nach beir oirre, ʼs nach tog as i? Nach mor is fhearr duine na caora? Air an aobhar sin tha e laghail math a dhianamh air an t-sàbaid. An sin thuirt e ris an duine: Sìn a mach do lamh. Us shìn e i, agus rinneadh slan i mar an té eile. Agus chaidh na Phairisich a mach, us ghabh iad comhairle ʼna aghaidh, ciamar a chuireadh iad a dhith e. Ach Iosa a tuigsinn so, dhʼfhalbh e as a sin, us lean moran e, agus leighis e iad uile. Agus dhʼ àithn e orra gun iad ga dhianamh follaiseach: Los gun coimhlionteadh na chaidh a labhairt leis an fhaidh Isaias, a g-radh: Seall mo sheirbhiseach a thagh mi, mʼannsachd, dheth na ghabh mʼanam mor-thlachd. Cuiridh mi mo spiorad air, us foillsichidh e breitheanas do na cinnich. Cha dian e consachadh ʼs cha ghlaodh e, cha mhua chluinneas duine a ghuth air na straidean. A chuilc bhruite cha bhrist e, agus an lion smuideach cha mhùch e, gus an cuir e breitheanas air adhart gu buaidh. Agus ʼna ainm cuiridh na cinnich an earbsa. An sin thugadh ga ionnsuidh duine anns an robh deomhan, ʼs e dall agus balbh; us leighis e e, ionnus guna bhruidhinn ʼs gum fac e. Us ghabh an sluagh uile iongantas, us thuirt iad: Nach e so Mac Dhài? Agus na Phairisich a cluinntinn so, thuirt iad: Cha n-eil an duine so a cur a mach dheomhan ach le Beelsebub prionnsa nan deomhan. Ach Iosa a tuigsinn an smaointean, thuirt e riu: A h-uile rioghachd, a thʼair a roinn ʼna h-aghaidh fhein, nitear ʼna fasach i: ʼsa h-uile baile no tigh a thʼ air a roinn ʼna aghaidh fhein, cha sheas e. Agus ma chuireas satan a mach satan, tha e air a roinn ʼna aghaidh fhein: cia-mar ma ta a sheasas a rioghachd? Agus ma ʼsann le Beelsebub a tha mise tilgeil a mach dheomhan, co leis tha ur cloinn fhein gan tilgeadh a mach? Air an aobhar sin bithidh iadsa ʼnam britheamhnan oirbh. Ach ma ʼsann le Spiorad Dhe a tha mise tilgeadh a mach dheomhan, an sin thainig rioghachd Dhe guʼr n-ionnsuidhse. No ciamar is urrainn do neach dol a stigh do thigh duine laidir, us ʼairneis a spuilleadh, mar ceangail e an toiseach an duine laidir? ʼs an sin creachaidh e a thigh. An neach nach eil leam, tha e na mʼ aghaidh, ʼs an neach nach eil a tional maille rium, tha e sgapadh. Uime sin tha mi g-radh ribh: Mathar a h-uile peacadh agus blaisbheum do dhaoine, ach cha mhathar blaisbheum an aghaidh an Spioraid. Agus neach air bith a their facal an aghaidh Mhic an duine, mathar dha e: ach an neach a labhras an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha mhathar dha e san t-saoghal so, no san t-saoghal ri tighinn. An darna cuid, dianaibh a chraobh math, ʼs am meas math; no dianaibh a chraobh olc ʼs am meas olc: ʼs gur ann air a meas a dhʼaithnear a chraobh. A ghineil nan nathraichean, ciamar is urrainn duibh nichean matha labhairt, nuair tha sibh fhein olc? ʼs gur ann bho phailteas a chridhe a labhras am bial. Bheir duine math a mach bho iuntas math nichean matha: agus bheir duine olc a mach bho iuntas olc nichean olca. Ach tha mi g-radh ribh, gun toir daoine cunntas latha bhreitheanais air a h-uile facal diomhain a labhras iad. Oir ʼsann bho do bhriathran a shaorar thu, agus ʼsann bho do bhriathran a dhìtear thu. An sin fhreagair cuid de na Sgriobhaich agus de na Phairisich, a g-radh: A mhaighistir, bu mhath leinn comharradh fhaicinn bhuat. Thuirt esan, ʼs e gam freagairt: Tha ginealach olc agus adhaltranach a g-iarraidh comharraidh; us comharradh cha toirear dhaibh, ach coniharradh Ionais am faidh. Oir mar bha Ionas tri laithean ʼs tri oidhchean am broinn na muice-mara: is amhuil a bhios Mac an duine tri laithean agus tri oidhchean an cridhe an talmhuinn. Eiridh muinntir Ninibhé am breitheanas leis a ghinealach so, us ditidh iad e: a chionn guna ghabh iad aithreachas ri searmonachadh Ionais. Agus, seall, tha nas mua na Ionas an so. Eiridh banrighn na h-airde-deas am breitheanas leis a ghinealach so, us ditidh i e: a chionn ʼs gun tainig i bho iomall an t-saoghail a dhʼeisdeachd ri gliocas Sholomoin. Agus seall nas mua na Solomon an so. Nuair a theid deomhan neoghlan a mach á duine, siubhlaidh e feadh aiteachan tiorma a sireadh foise, ʼs cha n-fhaigh e i. An sin their e: Tillidh mi gu mʼ fhardaich fhein as an tainig mi. ʼSa tighinn gheobh e i falamh, sguabte, us sgeadaichte. An sin falbhaidh e us bheir e leis seachd spioraid eile nas miosa na e fhein, ʼsa dol a stigh fuirghidh iad an sin: us bithidh deireadh an duine sin nas miosa na thoiseach. Sin mar a dhʼeirgheas doʼn ghinealach choirbte so. Nuair a bha e fhathast a labhairt ris an t-sluagh, seall sheas a mhathair ʼs a bhraithrean a muigh a g-iarraidh labhairt ris. Us thuirt duine àraidh ris: Seall do mhathair us do bhraithrean ʼnan seasamh a muigh, ga dʼ iarraidh. Ach esan a toirt freagairt do ʼn urra a dhʼinnis dha, thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean? ʼSa sineadh a laimh a dhʼionnsuidh a dheisciopul, thuirt e: Faic mo mhathair agus mo bhraithrean. Oir co sa bith a ni toil mʼAthar, a tha air neamh, is esan mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair. Air an latha sin fhein chaidh Iosa mach as an tigh, agus shuidh e ri taobh na mara. Us thionail moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor ʼs gun deach e stigh do bhàta, ʼs gun do shuidh e; ach sheas an sluagh uile air a chladach. Us labhair e moran nichean riu ann an dubhfhacail, a g-radh: Seall, chaidh fear-cuir a mach a chur. ʼS nuair a bha e cur, thuit cuid ri oir an rathaid; us thainig ianlaith an athair, agus dhʼith iad e. Us thuit cuid eile air talamh creagach, far nach robh moran ùire aige; agus ghrad-dhʼfhas e suas, bhrigh nach robh doimhneachd thalmhuinn aige: ʼS air eirigh doʼn ghrein loisg e, ʼs bho nach robh friamh aige, shearg e as. Agus thuit cuid eile am measg dhrisean; us dhʼfhas na drisean, agus thachd iad e. Agus thuit cuid eile air talamh math, us thug e mach toradh, cuid ciad fillte, cuid tri fichead, agus cuid deich thar fhichead. Am fear aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e. Us thainig na deisciopuil ga ionnsuidh, us thuirt iad ris: Car-son a tha thu labhairt ann an dubhfhacail riu? ʼSa freagairt thuirt e riu: A chionn gun tugadh dhuibhse eolas air ruin-dhiomhair rioghachd neamh: ach cha tugadh sin dhaibhse. Oir an neach aig a bheil, dhasan bheirear, agus bithidh lan-phailteas aige: ach an neach aig nach eil, bheirear bhuaithse fiu na thʼaige. ʼSann air son sin tha mi labhairt ann an dubhfhacail riu: chionn a faicinn nach leir dhaibh, ʼsa cluinntinn nach cluinn iad ʼs nach tuig iad. Us tha faisneachd Isaiais air a coimhlionadh unnta, a g-radh: Le claisneachd cluinnidh sibh, agus cha tuig sibh; agus le fradharc chi sibh, agus cha leir dhuibh. Oir tha cridhe a phobuill so air fàs marbhanta, ʼs an cluasan mall gu eisdeachd, agus dhuin iad an suilean: eagal uair sam bith gum faiceadh iad leʼn suilean, agus gun cluinneadh iad leʼn cluasan, ʼs gun tuigeadh iad leʼn cridhe, agus gum biodh iad air an iompachadh, ʼs gun leighisinn iad. Ach is beannaichte ur suilean-sa, a chionn gum beil iad a faicinn, agus ur cluasan a chionn gum beil iad a cluinntinn. Oir gu firinneach tha mi g-radh ribh, gur ioma faidh agus ionracan a bha an geall air na nichean fhaicinn, tha sibhse faicinn, agus cha n-fhac iad iad; agus na nichean a chluinntinn, tha sibhse cluinntinn, agus cha chual iad iad. Cluinnibhse ma ta dubh-fhacal an fhir-chuir. Gach neach a dhʼeisdeas ri facal na rioghachd gun a thuigsinn, thig an droch-fhear agus sgobaidh e air falbh an ni a chuireadh ʼna chridhe: se so esan a chaidh a chur ri oir an rathaid. Ach esan a chuireadh air talamh creagach, se so esan a chluinneas am facal, ʼsa ghlacas e san uair le aoibhneas: Ach cha n-eil friamh aige ann fhein ach car tamuill, oir nuair thig trioblaid agus geur-leanmhuinn air son an fhacail, air ball gabhaidh e sgainneal. Esan mar an ciadna a chuireadh am measg dhrisean, se so esan a chluinneas am facal; ach tha ro-churam an t-saoghail so agus mealltaireachd beartais a tachdadh an fhacail, ʼs ga fhagail gun toradh. Ach esan a chuireadh air talamh math, se so esan a chluinneas am facal, ʼsa thuigeas e, ʼsa bheir a mach toradh, cuid gu dearbh ciad fìllte, cuid tri fichead, agus cuid deich thar fhichead, Thug e dubhfhacal eile dhaibh, a g-radh: Tha rioghachd fhlathanais coltach ri duine a chuir deagh shiol ʼna achadh. Ach nuair a bha daoine ʼnan cadal, thainig a namhaid, ʼs chuir e cogull am measg a chruithneachd, us dhʼfhalbh e. Ach nuair a dhʼfhàs an dias, ʼsa thug e toradh a mach, an sin nochd an cogull e fhein cuideachd. An sin thainig seirbhisich fear-an-tighe ga ionnsuidh, agus thuirt iad: A thighearna, nach do chuir thu siol math na tʼachadh? Co as ma ta tha an cogull? Us thuirt e riu: Rinn namhaid so. Ach thuirt na seirbhisich ris: An e do thoil sinn a dhol ʼs a thional? Us thuirt e riu: Cha n-e, eagal ma dhʼfhaoidte a trusadh a choguill gun spion sibh an cruithneachd comhla ris. Leigibh leo le cheile fàs gu faghar, ʼs an àm an fhaghair their mi ris na buanaichean: Trusaibh an toiseach an cogull, agus ceanglaibh e ʼna sguaban gus a losgadh, ach tionailibh an cruithneachd gu mʼ shabhal. Thug e dubhfhacal eile dhaibh, a g-radh: Tha rioghachd fhlathanais coltach ri grainnein mustaird, a ghabh duine ʼsa chuir e ʼna achadh. Deʼn h-uile frois gun ag si so is meanbha; ach nuair a dhʼfhasas i, si is mua de na luibhean uile, agus cinnidh i ʼna craoibh, air sheol ʼs gun tig ianlaith an athair, ʼs gun gabh iad tamh ʼna giagan. Labhair e dubhfhacal eile riu. Tha rioghachd fhlathanais coltach ri taois-ghoirt, a ghabh boirionnach ʼsa dhʼfhalaich i an tri toimhsean mine, gus na ghoirtich an t-iomlan. Labhair Iosa so uile ann an dubhfhacail ris an t-sluagh: ʼs gun dubhfhacal cha do labhair e riu: Gus an coimhlionteadh na thuirt am faidh, a g-radh: Ann an dubhfhacail fosglaidh mi mo bhial agus cuiridh mi an céill nichean a bha falaichte bho steidheachadh an t-saoghail. An sin, air dha an sluagh a chur air falbh, thainig e stigh doʼn tigh; agus thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, a g-radh: Minich dhuinn dubhfhacal cogull an achaidh. Us fhreagair esan us thuirt e riu: Am fear tha cur an t-sil mhath se Mac an duine e. Se an saoghal an t-achadh. Ach se an siol math clann na rioghachd, agus se an cogull clann an droch-fhir. Ach an namhaid a chuir e, se an deomhan. Se am faghar deireadh an t-saoghail. Agus ʼsiad na h-ainglean na buanaichean. Mar a thathas a cruinneachadh a choguill ma ta, ʼs ga losgadh le teine, ʼsann mar sin a thachras aig deireadh an t-saoghail: Cuiridh Mac an duine a chuid ainglean, us tionailidh iad as a rioghachd a h-uile sgainneal, agus iadsan a tha dianamh an uilc; Us tilgidh iad iad anns an àmhuinn theine: An sin bithidh gal agus giosgan fhiacal. An sin soillsichidh na daoine matha mar a ghrian ann an rioghachd an Athar. An neach aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e. Tha rioghachd fhlathanais coltach ri ulaidh air a falach ann an achadh: ʼs an duine, a fhuair i, dhʼfhalaich e i, ʼs le miad a shòlais dhʼ fhalbh e, agus reic e na bhʼ aige gu leir, agus cheannaich e an t-achadh sin. A rithist tha rioghachd fhlathanais coltach ri ceannaiche, a tha sireadh leugan priseil. ʼS air dha aona leug phriseil fhaighinn dhʼfhalbh e, us reic e gach ni a bhʼaige, agus cheanaich e i. A rithist tha rioghachd fhlathanais coltach ri lion air a thilgeadh san fhairge, agus a chruinnich a h-uile seorsa de dhʼiasg. ʼS nuair bha e lan, ga tharruing gu tir, ʼsa suidhe air a chladach, chuir iad an t-iasg math air leth an soithichean, ach thilg iad mach an droch iasg. ʼSann mar so a thachras aig deireadh an t-saoghail: theid na h-ainglean a mach, agus tearbaidh iad na droch dhaoine á miadhon nan ionracan, Agus tilgidh iad san àmhuinn theine iad: an sin bithidh caoidh agus giosgan fhiacal. Na thuig sibh na nichean so uile? Thuirt iad ris Thuig. An sin thuirt e riu: Mar sin tha h-uile sgriobhach ionnsuichte ann an rioghachd fhlathanais coltach ri fear-tighe, a bheir a mach as ionmhas nichean ùra agus sean. Agus thachair an deigh do Iosa na dubhfhacail so chriochnachadh, gun dʼfhalbh e as a sin. ʼSa tighinn gu dhuthaich fhein, theagaisg e iad ʼnan sinagogan, air chor ʼs gun do ghabh iad ioghnadh, ʼs gun tuirt iad: Co as a fhuair an duine so an gliocas, ʼs na feartan so? Nach e so mac an t-saoir? Nach e ainm a mhathar Moire; ʼs a bhraithrean, Seumas, agus Ioseph, agus Simon, agus Iudas? Agus nach eil a pheathraichean uile maille ruinn? Co as ma ta tha iad so uile aig an duine so? Us ghabh iad sgainneal ga thaobh. Ach thuirt Iosa riu: Cha n-eil faidh gun onair ach ʼna dhuthaich fhein, ʼs ʼna thigh fhein. Agus cha dʼrinn e moran mhiarailtean an sin as leth am mi-chreidimh. San àm sin chuala Herod an Tetrarch cliu Iosa: Us thuirt e ri sheirbhisich: Se so Eoin Baiste; dhʼeirich e bho na mairbh, agus a bhrigh sin tha feartan air an dianamh leis. Oir ghlac Herod Eoin, us cheangail e e, agus chuir e am priosan e air son Herodiais, bean a bhrathar. Oir thuirt Eoin ris: Cha n-eil e laghail dhut i bhith agad. ʼS ged a bha toil aige a chur gu bàs, bha eagal an t-sluaigh air: oir bha meas faidh aca air. Ach air latha breith Heroid dhanns nighean Herodiais ʼnan lathair, agus thaitinn i ri Herod. Ionnus guna gheall e le mionn gun tugadh e dhi ni sam bith, a dhʼiarradh i air. Ach thuirt ise, ʼs i air a comhairleachadh roi sin le mathair: Thoir dhomh an so air meis ceann Eoin Baiste. Agus bha an righ duilich: ach air son a mhionna, ʼs air son na feadhnach a bha ʼnan suidhe cuide ris, dhʼorduich e a thoirt di. Agus chuir e, us thug e an ceann dhe Eoin anns a phriosan. Agus ghiulaineadh a stigh a cheann air meis, us thugadh doʼn chailin e, agus thug ise dha mathair e. Agus thainig a dheisciopuil, us thug iad leo a chorp, agus thiodhlaic iad e: ʼsa tighinn dhʼinnis iad do Iosa. ʼS nuair a chuala Iosa so, dhʼfhalbh e as a sin air bàta gu aite fàs lethoireach: agus nuair a chual an sluagh so, lean iad air an cois e as na bailtean. ʼSa falbh á sin, chunnaic e cuideachda mhor, us ghabh e truas riu, agus leighis e an daoine easlainteach. ʼS nuair a thainig am feasgar, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, a g-radh: Is aite fàs so, us tha an tim an nis air ruith; leig air falbh a chuideachda, los a falbh do na bailtean, gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein. Ach thuirt Iosa riu: Cha ruig iad a leas falbh; thugaibh fhein biadh dhaibh gus ithe. Fhreagair iad e: Cha n-eil againn an so ach coig builionnan us dà iasg. Thuirt e riu: Thugaibh gam ionnsuidh an so iad. Agus nuair a dhʼorduich e doʼn t-sluagh suidhe sios air an fhiar, ghlac e na coig builionnan ʼs an dà iasg, ʼsa g-amharc suas gu neamh bheannaich e, agus bhrist e, us thug e na builionnan dha dheisciopuil, agus thug na deisciopuil doʼn t-sluagh iad. Us dhʼich iad uile, ʼs bha iad riaraichte. Agus thog iad lan dà chliabh dhiag de phronnaig, a bha dhʼ fhuighleach ann. Agus bʼe aireamh na feadhnach a dhʼith, coig mile fear, a bharr air boirionnaich us cloinn. ʼS air ball thug Iosa air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhàta, ʼs dhol roimhe thar a chaol, gus an cuireadh e an sluagh air falbh. ʼS an deigh dha an sluagh a sgaoileadh, chaidh e suas ʼna aonar do bheinn a dhianamh urnaigh, ʼs nuair a thainig am feasgar bha e an sin leis fhein. Ach bha ʼm bàta am miadhon na fairge air a luasgadh leis na tuinn: oir bha ghaoth ʼnan aghaidh. Ach air a cheathramh faire de ʼn oidhche thainig esan gan ionnsuidh a coiseachd air a mhuir. Agus nuair a chunnaic iad e coiseachd air a mhuir, dhʼoilltich iad, a g-radh: Se tannasg a thʼann. Us dhʼeigh iad le geilt. ʼS air ball labhair Iosa riu: Biodh misneach agaibh, is mise thʼ ann, na biodh eagal oirbh, os esan. Agus thuirt Peadar, ʼs e freagairt: A Thighearna, ma ʼs tusa thʼann, iarr ormsa tighinn ad ionnsuidh air na h-uisgeachan. Ach thuirt esan: Thig. Us Peadar a tighinn as a bhàta choisich e air an uisge gu Iosa ruighinn. ʼSa faireachduinn na gaoith laidir, ghabh e eagal; ʼs nuair a theann e ri dol fodha, ghlaodh e, a g-radh: A Thighearna, teasraig mi. Agus ghrad-shìn Iosa lamh, ʼs rug e air, us thuirt e ris: A lag-chreidiche, car-son a bha thu an teagamh? Agus nuair a chaidh iad a stigh doʼn bhàta, sguir a ghaoth. Agus thainig iadsan a bha sa bhàta agus thug iad aoradh dha, a g-radh: Gu firinneach is tu Mac Dhe. Agus nuair a dhʼaisig iad a null, rainig iad talamh Ghenesair. ʼS nuair a dhʼaithnich muinntir an aite sin e, chuir iad fios feadh na ducha sin uile, agus thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach; Us ghuidh iad air leigeil leo a mhain beanailt do dhʼfhaitheam aodaich. Agus a mhiad ʼsa bhean, rinneadh slan iad. An sin thainig Sgriobhaich us Phairisich á Ierusalem ga ionnsuidh, a g-radh: Car-son a tha na deisciopuil agadsa a bristeadh air beul-aithris nan seanairean? oir cha n-eil iad a nigheadh an lamhan nuair a dhʼicheas iad aran. Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Car-son a tha sibhse bristeadh air fainte Dhe le ur beul-aithris? Oir thuirt Dia: Thoir onair dha tʼ athair, ʼs dha dʼ mhathair; agus: An neach a mholluicheas athair, no mhathair, cuirear gu bas e. Ach tha sibhse radh: Neach sam bith a their ri athair, no ri mhathair, Tiodhlac sam bith bhuamsa do Dhia, thig e gu feum dhutsa; ʼS cha toir e onair dha ʼathair, no dha mhathair: us rinn sibh fàinte Dhe gun bhrigh le ur beul-aithris. A chealgairean, is math a rinn Isaias faisneachd muʼr deidhinn, a g-radh: Tha ʼm pobull so toirt onair dhomhsa leʼm bilean: ach tha an cridhe fada bhuam. Ach ʼsann gun fheum a tha iad a toirt aoraidh dhomhsa, a teagasg reachdan agus faintean dhaoine. ʼSa gairm an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riu: Eisdibh, agus tuigibh. Cha n-e an rud a theid a stigh air a bhial a shalaicheas an duine: ach se an rud a thig a mach as a bhial a shalaicheas an duine. An sin thainig a dheisciopuil, us thuirt iad ris: Am beil fios agad guna ghabh na Phairisich sgainneal le cluinntinn an fhacail ud? Ach esan a freagairt, thuirt e: A h-uile plannta nach do shuidhich mʼAthair a tha air neamh, spionar as a bhun e. Leigibh leo: is doill iad, agus cinn-iuil nan dall. ʼS ma ni dall ceann-iuil do dhall, tuitidh iad le cheile san t-slochd. Us Peadar a freagairt, thuirt e ris: Minich dhuinn an dubhfhacal so. Ach thuirt esan: A bheil sibhse fhathast gun tuigse? Nach eil sibh a tuigsinn, gum beil h-uile ni, a tha dol a stigh air a bhial, a dol sios doʼn bhroinn, ʼs air a thilgeadh a mach air an dun? Ach na nichean a tha tighinn a mach as a bhial, ʼsann bhoʼn chridhe tha iad a tighinn, agus ʼsiad sin a tha salachadh an duine. Oir ʼsann as a chridhe thig droch smaointean, murt, adhaltras, striopachas, goid, fianuis-bhreige, blaisbheum. ʼSiad so na nichean a shalaicheas an duine. Ach cha shalaich e an duine a bhith g-icheadh le lamhan gun an ionnlad. Us thriall Iosa á sin, us thainig e gu criochan Thiruis agus Shidoin. Us, seall, thainig ban-Chanàanach a mach as na criochan sin, agus ghlaodh i, a g-radh ris: Gabh truas rium, a Thighearna, a mhic Dhài: tha mo nighean air a cradh gu goirt le deomhan. Ach cha tug e facal freagairt dhi. ʼSa dheisciopuil a tighinn ga ionnsuidh, ghuidh iad air, a g-radh: Leig air falbh i, oir tha i g-eigheach ʼnar deigh. Ach thuirt esa, ʼs e freagairt: Cha do chuireadh mise ach a dhʼionnsuidh nan caorach a chailleadh de thigh Israil. Ach thainig ise, ʼs thug i aoradh dha, a g-radh: A Thighearna, dian mo chomhnadh. Thuirt esa, ʼs e freagairt: Cha n-eil e math breith air aran na cloinne, ʼsa thilgeadh thun nan con. Ach thuirt ise: Tha, a Thighearna: oir tha na cuileinean a g-ithe nan criomag a thuiteas bho bhord am maighistirean. An sin fhreagair Iosa, us thuirt e rithe: O bhean, is mor do chreideamh: biodh e dhut mar is aill leat. Us bhoʼn uair sin bhaʼn nighean aice air a leigheas. Agus nuair a thriall Iosa as a sin, thainig e lamh ri muir Ghalile, ʼsa direadh beinne, shuidh e an sin. Us thainig moran sluaigh ga ionnsuidh, a toirt leo nam balbhan, nan dall, nam bacach, nan ciorramach, us morain eile; agus thilg iad aig a chasan iad, agus leighis e iad. Air chor ʼs guna ghabh an sluagh iongantas a faicinn nam balbhan a labhairt, nam bacach a g-imeachd, nan dall a faicinn; agus thug iad gloir do Dhia Israil. Ach Iosa a gairm a dheisciopul ri cheile, thuirt e: Tha truas agam ris an t-sluagh, a chionn ʼs gun dʼfhan iad a nis tri latha comhla rium, ʼs cha n-eil ni aca a dhʼitheas iad: agus cha mhath leam an leigeil air falbh ʼnan trasgadh, eagal gum fannaich iad air an rathad. Us thuirt a dheisciopuil ris: Co as ma ta a gheobh sinn cho liuthad builionn san fhasach, ʼs gun riaraich sinn cuideachda cho mor? Agus thuirt Iosa riu: Co miad builionn a thʼagaibh? Agus thuirt iad: Seachd, agus beagan de dhʼiasg meanbh. Agus dhʼorduich e doʼn t-sluagh suidhe sios air an làr. ʼSa glacail nan seachd builionnan ʼs an éisg, ʼsa toirt buidheachais, bhrist e, us thug e dha dheisciopuil, agus thug na deisciopuil doʼn t-sluagh. Us dhʼith iad uile, agus shasuicheadh iad. Agus thog iad dheʼn phronnaig, a chaidh fhagail, seachd cleibh lan. Agus bʼiad, an fheadhainn a dhʼith, ceithir mile fear, a bharr air cloinn agus mnathan. ʼS an deigh dha an sluagh a sgaoileadh, chaidh e stigh do bhàta, agus thainig e gu criochan Mhagedain. Agus thainig na Phairisich ʼs na Sadusaich h-uige ga bhuaireadh; us dhʼ iarr iad air comharradh fhiachuinn dhaibh bho neamh. Ach esan a freagairt, thuirt e riu: Nuair a thig am feasgar, their sibh: Bithidh aimsir mhath ann; oir thaʼn t-athar dearg. Agus sa mhaduinn: Bithidh stoirm ann an diugh; oir tha an t-athar ruadh agus gruamach. Is aithne dhuibh ma ta aghaidh nan speur a bhreithneachadh: agus nach urrainn duibh comharran nan aimsir a thuigsinn? Tha ginealach olc agus adhaltranach a g-iarraidh comharraidh: us comharradh cha toirear dha, ach comharradh an fhàidh Ionas. Agus gam fagail dhʼfhalbh e. ʼS nuair a thainig a dheisciopuil thar a chaol, dhiochuimhnich iad builionnan arain a thoirt leo. Agus thuirt e riu: Bithibh faicilleach, us thugaibh an aire oirbh fhein bho thaois ghoirt nam Phairiseach ʼs nan Sadusach. Ach smaoinich iadsan aca fhein, a g-radh: ʼSann air son nach tug sinn builionnan leinn. Ach Iosa a tuigsinn so, thuirt e: Car-son tha sibh a smaoineachadh agaibh fhein, O lag-chreidiche, gur h-ann air son nach eil aran agaibh? Nach eil sibh a tuigsinn fhathast, no cuimhneachadh nan coig builionnan am measg choig mile fear, ʼs co miad cliabh a thog sibh? No nan seachd builionnan am measg cheithir mile fear, agus co miad cliabh a thog sibh? Car-son nach do thuig sibh nach ann muʼn aran a thuirt mi ribh: Bithibh air ur faicill bho thaois-ghoirt nam Phariseach ʼs nan Sadusach? An sin thuig iad nach tuirt e, iad a bhith air am faicill bho thaois-ghoirt nam builionnan, ach bho theagasg nam Phairiseach ʼs nan Sadusach. Agus thainig Iosa gu criochan Chesaréa Philippi; ʼs dhʼfharraid e dhe dheisciopuil, a g-radh: Co tha daoine a g-radh is e Mac an duine? Agus thuirt iadsa: Cuid gur tu Eoin Baiste, us cuid Elias, us cuid eile Ieremias, no fear dhe na faidhean. Thuirt Iosa riu: Ach co tha sibhse a g-radh is mi? Simon Peadar a freagairt, thuirt e: Is tusa Criosta, Mac an De bheo. Us Iosa a freagairt, thuirt e ris: Is beannaichte thusa, Shimoin Bhar-Iona; oir cha n-iad feoil us fuil a thaisbean sin dhutsa, ach mʼ Athair a tha air neamh. Agus tha mise g-radh riut: Gur tusa Peadar, agus air a charraig so togaidh mi mʼ Eaglais, ʼs cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre. Us bheir mi dhut iuchraichean rioghachd fhlathanais. Agus ciod sa bith a cheanglas tu air talamh, bithidh e ceangailte air neamh: agus ciod sa bith a dhʼfhuasglas tu air talamh, bithidh e fuasgailte air neamh. An sin dhʼorduich e dha dheisciopuil, gun iad a dhʼ innse do neach air bith gum bʼ esan Iosa an Criosta. Bho ʼn àm sin thòisich Iosa ri fhiachuinn dha dheisciopuil gum feumadh e dol gu Ierusalem, ʼs moran fhulang bho na seanairean, ʼs na Sgriobhaich, ʼs na h-ard-shagairt, ʼsa bhith air a chur gu bàs, agus eirigh air an treas latha. An sin thug Peadar air leth e, agus theann e ri chronachadh, a g-radh: Gum bu fada so bhuat, a Thighearna: cha thachair so dhut. Ach a tionndadh thuirt e ri Peadar: Falbh air mo chul, a shatain, tha thu na dʼ sgainnoal domh: a chionn nach blasda leat nichean Dhe, ach nichean dhaoine. An sin thuirt Iosa ri dheisciopuil: Ma ʼs aill le neach air bith tighinn am dheigh, aicheadhadh e e fhein, us togadh e chrois, agus leanadh e mi. Oir an neach leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: ach an neach a chailleas a bheatha as mo lethse, gheobh e i. Oir ciod e ʼs fheairrde duine, ged a choisneadh e an saoghal gu leir, ma chailleas e anam? No ciod e an eirig a bheir duine air son anma? Oir thig Mac an duine an gloir Athar le ʼainglean: ʼs an sin bheir e do gach neach air reir ʼoibrichean. Gu dearbh tha mi g-radh ribh: gum beil cuid ʼnan seasamh an so, nach blais bàs, gus am faic iad Mac an duine tighinn ʼna rioghachd fhein. ʼSan deigh shia laithean ghabh Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eoin a bhrathair, agus thug e iad gu beinn aird a lethtaobh. Us chaochail e chruth ʼnan lathair. Us dhealraich ʼaodann mar a ghrian: us dhʼfhàs ʼaodach geall mar shneachda. Us, seall, chunnacas leo Maois agus Elias a comhradh ris. Us Peadar a freagairt, thuirt e ri Iosa: A Thighearna, is math dhuinn a bhith an so: ma ʼs aill leat, dianamaid an so tri paillionnan, a h-aon dhutsa, a h-aon do Mhaois, ʼsa h-aon do Elias. Nuair bha e fhathast a labhairt, seall, chuir nial geal sgàil orra. Us, seall, guth as an nial a g-radh: Se so mo Mhac gradhach, agus is mor mo thlachd dheth: eisdibh ris. Agus na deisciopuil, a cluinntinn so, thuit iad air an aghaidh, agus ghabh iad eagal mor. Agus thainig Iosa, us bhean e dhaibh, us thuirt e riu: Eiribh, agus na biodh eagal oirbh. ʼSa togail an sul, cha n-fhac iad duine, ach Iosa ʼna aonar. ʼS nuair a bha iad a tearnadh bhoʼn bheinn, dhʼàithn Iosa orra, a g-radh: Na innsibh an sealladh do neach air bith, gus an eirich Mac an duine bho na mairbh. Agus dhʼfheoraich a dheisciopuil deth, a g-radh: Car-son ma ta tha na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseach? Us esan a freagairt, thuirt e riu: Thig gu dearbh Elias, agus ath-leasaichidh e h-uile ni. Ach tha mise g-radh ribh, gun tainig Elias a cheana, agus cha dʼaithnich iad e, agus rinn iad air gach ni thogair iad. Is amhuil a dhʼfhuiligeas Mac an duine bhuapa. An sin thuig na deisciopuil, gur h-ann mu Eoin Baiste a labhair e riu. ʼS nuair a thainig e thun an t-sluaigh, dhluthaich fear air, a thilg e fhein air a ghluinean roimhe, a g-radh: A Thighearna, gabh truas ri mo mhac; oir tha e as a chiall, agus tha e air a leireadh gu goirt: oir tha e tuiteam gu tric san teine, agus gu tric san uisge: Us thug mi a dhʼionnsuidh do dheisciopul e, agus cha bʼ urrainn daibh a leigheas. Agus thuirt Iosa, ʼs e freagairt: O ghinealaich neo-chreidich agus choirbte, cia fhad a bhios mi mar-ribh? Cia fhad a dhʼfhuiligeas mi sibh? thugaibh gam ionnsuidh an so e. Agus chronaich Iosa e, us dhʼfhalbh an deomhan as, agus leighiseadh an leanabh bho ʼn uair sin. An sin thainig na deisciopuil an uaigneas gu Iosa, agus thuirt iad: Car-son nach bʼurrainn duinne a thilgeadh a mach? Thuirt Iosa riu; Air son ur mi-chreidimh. Oir gu firinneach tha mi g-radh ribh: nam biodh creideamh agaibh mar ghrainne mustaird, theireadh sibh ris a bheinn so: Theirig as a so gu sid, us rachadh i, ʼs cha bhiodh ni air bith do-dhiante dhuibh. Ach cha chuirear a mach an seorsa so ach le urnaigh ʼs le traisg. Agus nuair a bha iad a tamh ann an Galile, thuirt Iosa riu: Tha Mac an duine ri bhith air a bhrath do lamhan dhaoine. Agus marbhaidh iad e, us eiridh e air an treas latha. Agus bha iadsa ro-bhronach. ʼS nuair a rainig iad Capharnaum, thainig luchd-togail na cise gu Peadar, agus thuirt iad ris: Nach eil ur maighistir-se paidheadh na cise? Thuirt e: Tha. ʼS nuair a chaidh e stigh doʼn tigh, labhair Iosa ris an toiseach, a g-radh: Ciod e do bharailse, a Shimoin? Co bhuaithe tha righrean an talmhuinn a faighinn càine no cise? An ann bhoʼn cloinn fhein, no bho choigrich? Us thuirt esan: Bho choigrich. Thuirt Iosa ris: A reir sin tha chlann saor. Ach eagal gun toir sinn sgainneal dhaibh, falbh thun na mara, us tilg a mach dubhan; ʼsa chiad iasg a thig an aird, tog e; ʼsa fosgladh a bheoil, gheobh thu bonn airgid; gabh e, agus thoir dhaibh e air mo shonsa, ʼs air do shon fhein. ʼSa cheart uair sin thainig na deisciopuil gu Iosa, a g-radh: Co shaoileas tu is mua bhios ann an rioghachd fhlathanais? Agus Iosa a gairm leinibh bhig ga ionnsuidh, chuir e ʼnam miadhon e. Agus thuirt e: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: mur tionndaidh sibh, ʼs mur fàs sibh mar leanabain, nach teid sibh a stigh do rioghachd fhlathanais. Co sam bith ma ta, a dhʼislicheas e fhein mar an leanabh so, se is mua ann an rioghachd fhlathanais. Agus ge bʼe a ghabhas ri leanabh beag mar so na mʼ ainmse, tha e gabhail riumsa. Ach an neach a bheir sgainneal do h-aon deʼn fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, bʼfhearr dha clach-mhuilinn a bhith crochte mu ʼamhaich, ʼsa bhith air a bhathadh an doimhne na fairge. Mo thruaighe an saoghal as leth sgainneil. Is fheudar gun tig sgainneal, ach se mo thruaighe am fear sin leis an tig sgainneal. Le sin ma bheir do lamh, no do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i, us tilg bhuat i: ʼs fhearr dhut dol a stigh do bheatha air lethlaimh, no air lethchois, na do thilgeadh le dà laimh, no le dà chois ann an teine siorruidh. ʼS ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i, us tilg bhuat i: ʼs fhearr dhut dol a stigh do bheatha le aon shuil, no do thilgeadh le dà shuil an teine iutharna. Seallaibh nach cuir sibh suarach gin deʼn fheadhainn bheaga so: oir tha mi g-radh ribh, gum beil an ainglean air neamh a faicinn daonnan gnuis mʼAthar a tha air neamh. Oir thainig Mac an duine a shabhaladh an ni a bha caillte. Ciod e ur barail? ma bhios ciad caora aig duine, ʼs gun teid h-aon diu air seachran; nach fag e an ceithir-fichead us naoi-diag air na beanntan, agus nach teid e shireadh na té a chaidh air seachran? Agus ma thachras gum faigh e i, gu dearbh tha mi radh ribh, gum bi tuille aighir air a son so, na air son a cheithir-fichead agus naoi-diag, nach deach air seachran. Mar sin cha n-eil toil aig ur n-Athair, a tha air neamh, gun teid gin deʼn fheadhainn bheaga sin a dhith. Ach ma pheacaicheas do bhrathair ad aghaidh, falbh, us cronaich e eadar thu fhein agus esan leibh fhein. Ma dhʼeisdeas e riut, bithidh tu air do bhrathair a chosnadh. Ach mur eisd e riut, gabh fear no dithis eile comhla riut, los ann am bial dithis no triuir fhianuisean, gun seas a h-uile facal. Agus mur eisd e riusan, innis doʼn eaglais, ʼs mur eisd e ris an eaglais, biodh e dhut mar phaganach ʼs mar chismhaor. Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: ge bʼe ni a cheanglas sibh air talamh, bithidh e ceangailte air neamh; agus ge bʼe ni a dhʼ fhuasglas sibh air talamh, bithidh e fuasgailte air neamh. A rithist tha mi g-radh ribh, ma chordas dithis agaibh air talamh mu dheidhinn ni air bith a dhʼiarras iad, gun toirear dhaibh e le mʼAthair a tha air neamh. Oir far a bheil dithis no triuir cruinn am ainmse, tha mise an sin ʼnam miadhon. An sin Peadar a tighinn ga ionnsuidh, thuirt e: A Thighearna, co miad uair a pheacaicheas mo bhrathair am aghaidh, ʼsa mhathas mi dha? an ann gu ruig seachd uairean? Thuirt Iosa ris: Cha n-ann gu ruig seachd uairean tha mise g-radh riut, ach gu ruig deich us tri-fichead seachd uairean. Uime sin tha rioghachd fhlathanais air a samhlachadh ri righ, leis am bʼ aill cunntas a dhianamh ri sheirbhisich. ʼS nuair a theann e ri cunntas a ghabhail, thugadh fear ga ionnsuidh, air an robh aige deich mile talann. ʼS nuair nach robh a bheag aige leis am paidheadh e, dhʼorduich a thighearna e fhein, ʼs a bhean, ʼs a chlann, ʼs gach ni bhʼaige a reic, agus dioladh a dhianamh. Ach an seirbhiseach a tuiteam sios, ghrios e air, a g-radh: Dean faighidin rium, us paidhidh mi dhut an t-iomlan. An sin ghabh tighearna an t-seirbhisich sin truas ris, ʼs leig e chead dha, agus mhath e dha na fiachan. Ach nuair chaidh an seirbhiseach sin a mach, fhuair e fear dhe cho-sheirbhisich fhein, air an robh aige ciad peighinn: ʼsa breith air bha e ga thachdadh, a g-radh: Paidh tʼfhiachan. Ach a cho-sheirbhiseach a tuiteam sios, ghrios e air, a g-radh: Dean faighidin rium, us paidhidh mi dhut an t-iomlan. Ach cha bʼaill leis; ach dhʼfhalbh e, agus sparr e am priosan e, gus am paidheadh e na fiachan. Ach a cho-sheirbhisich a faicinn na thachair, bha iad ro-dhuilich; us thainig iad, agus dhʼinnis iad dhaʼn tighearna gach ni a chaidh dhianamh. An sin ghairm a thighearna e, us thuirt e ris: A sheirbhisich eucoraich, mhath mise dhutsa na fiachan uile bho na ghrios thu sin orm. Nach bu chòir dhutsa ma ta truas a ghabhail ri do cho-sheirbhiseach, mar a ghabh mise truas riutsa? ʼS a thighearna a gabhail feirge, liubhair e seachad doʼn luchd-riaslaidh e, gus am paidheadh e na fiachan uile. Is amhuil a ni mʼAthair neamhaidh ribhse, mur math gach aon agaibh dha bhrathair bho ʼr cridheachan. Agus thachair, nuair a chriochnaich Iosa na briathran sin, gun dʼfhalbh e á Galile, ʼs gun tainig e gu criochan Iudéa air taobh thall Iordain. Us lean moran sluaigh e, agus leighis e an sin iad. Us thainig na Phairisich ga ionnsuidh ga bhuaireadh, ʼsa g-radh: Am beil e laghail do dhuine a bhean a chur bhuaithe air son a h-uile aobhair? Thuirt e riu, ʼs e freagairt: Nach do leugh sibh, esan a chruthaich an duine bho thoiseach, gun dʼrinn e firionn agus boirionn iad? Us thuirt e: Air an aobhar so dealaichidh duine ri athair ʼs ri mhathair, agus leanaidh e ri mhnaoi, agus bithidh an dithis ʼnan aon fheoil. Uime sin cha dithis iad tuille, ach aon fheoil. An ni ma ta, a cheangail Dia, na fuasgladh duine. Thuirt iad ris: Car-son ma seadh a dhʼorduich Maois litir-dhealachaidh a thoirt seachad, ʼsa cur air falbh? Thuirt e riu: ʼSann air son cruas ur cridhe a thug Maois cead duibh ur mnathan a chur air falbh: ach cha robh e mar sin bho thoiseach. Agus tha mise g-radh ribh, co sa bith a chuireas bhuaithe a bhean, ach air son striopachais, ʼsa phosas té eile, gu bheil e dianamh adhaltranais; ʼs gum beil am fear, a phosas an té a chuireadh air falbh, a dianamh adhaltranais. Thuirt a dheisciopuil ris: Ma se sin cor an duine a thaobh a mhna, cha n-eil e iomchuidh posadh. Thuirt e riu: Cha n-eil daoine uile a gabhail an fhacail so, ach iadsan dha ʼn tugadh e. Oir tha caillteanaich ann, a rugadh mar sin bho bhroinn am mathar; ʼs tha caillteanaich ann, a rinneadh mar sin le daoine; agus tha caillteanaich ann, a rinn caillteanaich dhiu fhein air son rioghachd fhlathanais. Am fear is urrainn a ghabhail, gabhadh e e. An sin thugadh ga ionnsuidh clann bheag gus a lamhan a chur orra ʼs urnaigh a dhianamh. Agus chronaich na deisciopuil iad. Ach thuirt Iosa riu: Leigibh leis a chloinn bhig, ʼs na bacaibh iad a thighinn gam ionnsuidhse; oir ʼsann dhaʼn leithidean a bhuineas rioghachd fhlathanais. Agus an deigh dha a lamhan a chur orra, dhʼfhalbh e as a sin. Agus, seall, thainig fear ga ionnsuidh, us thuirt e ris: A Mhaighistir mhath, ciod am math an ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh? Tʼhuirt e ris: Car-son tha thu cur ceisd ormsa mu mhath? Tha h-aon math, Dia. Ach ma ʼs aill leat dol a stigh gu beatha, cum na faintean. Thuirt esan ris: Co iad? Us thuirt Iosa: Na dian marbhadh: Na dian adhaltranas: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige. Thoir onair dha tʼ Athair ʼs dha dʼmhathair: agus bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein. Thuirt an t-oganach ris: Chum mi iad sin uile bho mʼoige, ciod tuille a tha dhith orm? Ars Iosa ris: Ma ʼs aill leat a bhith coimhlionta, falbh, reic na thʼagad, us thoir do na bochdan, agus bithidh iuntas agad am flathanas, us thig, lean mise. Ach nuair a chual an t-oganach am facal so, dhʼ fhalbh e gu muladach; oir bha moran sheilbh aige. Agus thuirt Iosa ri dheisciopuil: Gu firinneach tha mi g-radh ribh, gur h-ann air eiginn a theid duine beartach a stigh do rioghachd fhlathanais. ʼSa rithist tha mi g-radh ribh: Gur fhasa do chamhall dol ro chrò snathaid, na do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd fhlathanais. ʼSa cluinntinn so ghabh na deisciopuil moran iongantais, a g-radh: Co is urrainn ma ta a bhith sabhailte? Thuirt Iosa, ʼs e g-amharc orra: Tha so do-chomasach do dhaoine, ach tha h-uile ni comasach do Dhia. An sin fhreagair Peadar, us thuirt e: Seall, threig sinne a h-uile ni, agus lean sinn thu; ciod ma ta gheobh sinn? Agus thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, sibhse a lean mise, gun suidh sibh, anns an ath-bhreith nuair a shuidheas Mac an duine air cathair a mhoralachd, air dà chathair dhiag, a toirt breith air dà threibh dhiag Israil. Agus duine sa bith, a dhʼfhag a thigh, no bhraithrean, no pheathraichean, no athair, no mhathair, no bhean, no chlann, no fhearann, air son mʼainmse, gheobh e ciad fillte, agus sealbhaichidh e a bheatha mhairionnach. Agus tha moran air thoiseach a bhios air dheireadh, ʼs air dheireadh a bhios air thoiseach. Tha rioghachd fhlathanais coltach ri fear-tighe, a chaidh a mach much sa mhaduinn a thuarasdalachadh luchd-oibre gu ghàradh-fiona. Agus an deigh dha cordadh ris an luchd-oibre air son sgilinn san latha, chuir e gu ghàradh-fona iad. ʼSa dol a mach muʼn treas uair, chunnaic e feadhainn eile ʼnan seasamh diomhain air a mhargadh. Agus thuirt e riu: Theirigibhse mar an ciadna gu mʼ fhion-lios, ʼs an ni a bhios ceart bheir mi dhuibh. Us dhʼfhalbh iad. Agus chaidh e mach a rithist muʼn t-siathamh, ʼs muʼn naoitheamh uair; agus rinn e mar an ciadna. Agus mu aon uair-diag chaidh e mach, us fhuair e feadhainn eile ʼnan seasamh, us thuirt e riu: Car-son a tha sibh ʼnur seasamh an so ré an latha diomhain? Thuirt iad ris: A chionn nach do chuir duine air bith muinntireas oirnn. Thuirt e riu: Theirigibhse cuideachd gu mʼ fhion-lios. ʼS nuair thainig am feasgar, thuirt Tighearna a ghàraidh-fhiona ris an stiubhart: Gairm an luchd-oibre, ʼs thoir an tuarasdal dhaibh, a toiseachadh aig an fheadhainn mu dheireadh gu ruig a chiad fheadhainn. Nuair ma ta thainig iadsan a bhʼair tighinn mu aon uair-diag, fhuair iad sgilinn am fear. Ach nuair thainig a chiad fheadhainn, shaoil iad gum faigheadh iad tuilleadh; ach fhuair iadsa mar an ciadna sgilinn am fear. Agus ga fhaighinn rinn iad gearan an aghaidh fear-an-tighe, A g-radh: Cha dʼoibrich an fheadhainn dheirionnach so ach aon uair, agus rinn thu iad ionann us sinne a ghiulain cudtrom an latha agus a bhruthainn. Ach esan a freagairt, thuirt e ri fear dhiubh: A charaid, cha n-eil mi dianamh eucoir ort, nach do chord thu rium air son sgilinn? Tog do chuid fhein ʼs bi falbh: oir is aill leam a thoirt doʼn fhear dheirionnach so urad us dhutsa. Nach fhaod mi mo thoil fhein a dhianamh? am beil do shuilse olc, a chionn gum beil mise math? Mar sin bithidh an fheadhainn mu dheireadh air thoiseach, ʼs an fheadhainn a tha air thoiseach air dheireadh. Oir tha moran air an gairm, ach beagan air an taghadh. Agus Iosa a dol suas gu Ierusalem, thug e an dà dheisciopul diag a lethtaobh, us thuirt e riu: Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine seachad do na h-ard-shagairt, ʼs do na Sgriobhaich, agus ditidh iad gu bàs e. Agus bheir iad seachad do na cinnich e gu magadh air, agus gu sgiursadh, ʼs gu cheusadh, agus eiridh e air an treas latha. An sin thainig mathair mic Shebede le a mic ga ionnsuidh, a g-aoradh, ʼsa g-iarraidh rudeigin air. Thuirt e rithe: Ciod is aill leat? Thuirt i ris: Abair gun suidh iad so mo dhà mhac, fear air do laimh dheis, agus fear air do laimh chli na dʼ rioghachd. Ach thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Cha n-eil fhios agaibh ciod tha sibh a g-iarraidh. An urrainn duibh a chailis ol, a tha mise dol a dhʼol? Thuirt iad ris: Is urrainn. Thuirt e riu: Olaidh sibh gu dearbh mo chailis: ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gus a thoirt dhuibh, ach dhaibhse dha ʼn deach uidheamachadh le mʼAthair. Nuair a chuala an deichnear so, bha iad diumbach dheʼn dà bhrathair. Ach ghairm Iosa iad ga ionnsuidh, us thuirt e: Tha fios agaibh gum beil prionnsachan nan cinneach a gnathachadh tighearnais orra, ʼs gur h-ann aig na daoine mora tha chumhachd thairis orra. Cha n-ann mar sin a bhios ʼnur measgsa: ach fear sam bith leis an aill a bhith nas mua ʼnur measg, biodh e ʼna fhear-frithealaidh dhuibh. Agus esan leis an aill a bhith ʼna chiad fhear ʼnur measg, bithidh e ʼna sheirbhiseach dhuibh. Amhuil mar nach eil Mac an duine air tighinn gu frithealadh fhaighinn, ach los frithealadh, ʼs a bheatha a thoirt seachad gu moran a shabhaladh. Agus nuair a chaidh iad a mach á Iericho, lean moran sluaigh e. Agus seall, chuala dithis dhall, a bha ʼnan suidhe aig taobh an rathaid, gun robh Iosa dol seachad; us ghlaodh iad, a g-radh: A Thighearna, gabh truas ruinn, a Mhic Dhài. Agus chronaich an sluagh iad, gus iad a bhith samhach. Ach ʼsann is mua ghlaodh iad, a g-radh: A Thighearna, a Mhic Dhài, gabh truas ruinn. Agus sheas Iosa, us ghairm e iad, us thuirt e: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh? A Thighearna, ars iadsan, ar suilean fhosgladh. Agus ghabh Iosa truas riu, agus bhean e dhaʼn suilean. Agus air ball chunnaic iad, us lean iad e. Agus nuair a thainig iad teann air Ierusalem, ʼsa rainig iad Bethphage aig sliabh Olibheit, an sin chuir Iosa dithis dhe dheisciopuil, A g-radh riu: Rachaibh doʼn bhaile a tha muʼr coinneamh, agus gun dàil gheobh sibh asal an ceangal, us loth comhla rithe, fuasglaibh iad, agus thugaibh gam ionnsuidh iad. Agus ma their duine facal ribh, abraibh gum beil feum aig an Tighearna orra, agus leigidh e bhuaithe san uair iad. Us thachair so uile, gus an ni a labhradh leis an fhaidh a choimhlionadh, a g-radh; Abraibh ri nighean Shioin: Seall, tha do righ a tighinn dha tʼionnsuidh ciuin, ʼna shuidhe air asail ʼs air bioraiche, mac na té a chaidh fo chuing. Agus dhʼfhalbh na deisciopuil, agus rinn iad mar a dhʼorduich Iosa dhaibh. ʼS thug iad leo an asal agus am bioraiche; us chuir iad an aodach orra, agus thug iad air suidhe air am muin. Agus sgaoil moran sluaigh am falluinnean air an rathad, agus ghearr feadhainn eile giagan bharr nan craobh, agus sgap iad air an rathad iad. Agus ghlaodh an sluagh a bha roimhe ʼs ʼna dheigh, a g-radh: Hosanna do Mhac Dhài: Is beannaichte esan, a tha tighinn an ainm an Tighearna; hosanna anns na h-airdibh. ʼS nuair a chaidh e stigh do Ierusalem, ghluaiseadh am baile uile, a g-radh: Co e so? Ach thuirt an sluagh: Se so Iosa, faidh bho Nasareth Ghalile. Agus chaidh Iosa a stigh do theampull Dhe, ʼs thilg e mach iadsan uile a bha reic ʼsa ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-mhalairt an airgid, agus cathraichean luchd-reic chalman. Agus thuirt e riu: Tha e sgribhte: Theirear tigh urnaigh ri mo thighse, ach rinn sibhse uamha mheirleach dheth. Agus thainig doill us bacaich ga ionnsuidh san teampull, agus leighis e iad. Ach nuair chunnaic na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich na miarailtean a rinn e, ʼsa chlann a g-eigheach san teampull, ʼsa g-radh: Hosanna do Mhac Dhài: las am fearg, Us thuirt iad ris: Am beil thu cluinntinn ciod a tha iad sin a cantuinn? Agus thuirt Iosa riu: Tha mi. An do leugh sibh riamh: A bial naoidhean agus chiochran choimhlion thu moladh? Agus dhʼfhag e iad, ʼs chaidh e mach as a bhaile gu Bethania, agus dhʼfhan e an sin. ʼSa tilleadh sa mhaduinn thun a bhaile, bha acras air. ʼSa faicinn craoibh-fige aig taobh an rathaid, thainig e ga h-ionnsuidh; ʼs cha dʼfhuair e dad oirre ach duilleach a mhain, us thuirt e: Gu bràth na fasadh meas ortsa. Agus shearg a chraobh-fhige sa cheart uair. ʼS na deisciopuil a faicinn so, ghabh iad iongantas, a g-radh: Ciamar a shearg i as ann an tiota? ʼSa freagairt thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: ma bhios creideamh agaibh, ʼs nach cuir sibh ag ann, cha n-ann a mhain air craoibh-fhige, a ni sibh so, ach ma their sibh ris a bheinn so: Tog agus tilg thu fhein sa mhuir, nithear e. Agus a h-uile ni a dhʼ iarras sibh ann an urnaigh, ma chreideas sibh, gheobh sibh e. An deigh dha an teampull a ruighinn, thainig ga ionnsuidh, agus esan a teagasg, na h-ard-shagairt us seanairean a phobuill, a g-radh: Ciod e an t-ughdaras leis am beil thu dianamh nan nichean so? Us co thug an t-ughdaras so dhut? Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Faighnichidh mise aon fhacal dhibhse; ʼs ma dhʼ innseas sibh dhomh e, innsidh mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so. Co as a bha baisteadh Eoin? an ann bho neamh, no bho dhaoine? Ach smaoinich iadsan aca fhein, a g-radh: Ma their sinn bho neamh, their e ruinn: Car-son ma ta nach do chreid sibh e? Ach ma their sinn bho dhaoine, tha eagal an t-sluaigh oirnn: oir sheall iad uile air Eoin mar fhaidh. Agus fhreagair iad Iosa, agus thuirt iad: Cha n-aithne dhuinn. Agus thuirt esan riu: Cha mhua dhʼinnseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so. Ach ciod e ur barail? Aig duine àraidh bha dithis mhac, agus chaidh e dhʼionnsuidh a chiad fhir, us thuirt e: A mhic, falbh an diugh a dhʼobair na mʼ fhion-lios. Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Cha teid. Ach le gluasad an aithreachais dhʼ fhalbh e an deigh sin. ʼSa dol a dhʼionnsuidh an fhir eile, thuirt e an ni ciadna. Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Theid mi, a thighearna; ʼs cha deach e. Co dheʼn dithis a rinn toil ʼathar? Thuirt iad ris: A chiad fhear. Agus thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi a g-radh ribh, gun teid cismhaoir agus striopaichean do rioghachd Dhe roimhibhse. Oir thainig Eoin guʼr n-ionnsuidh air slighe a cheartais, agus cha do chreid sibh e: ach chreid cismhaoir agus striopaichean: agus sibhse, a chunnaic so, cha do ghabh sibh aithreachas an deigh sin, los gun creideadh sibh e. Eisdibh ri dubhfhacal eile: Bha fear-tighe àraidh ann a phlanntaich fion-lios, ʼsa chuartaich le gàradh e, ʼsa chladhaich amar-fìona ann, ʼsa thog tùr, agus a shuidhich air tuath e, ʼsa dhʼfhalbh do dhuthaich choigrich. Agus nuair a dhluthaich àm nam meas, chuir e sheirbhisich thun na tuatha, gus a mheas fhaighinn. Ach rug an tuath air na seirbhisich, agus bhuail iad fear dhiu, mharbh iad fear eile, agus chlach iad fear eile. A rithist chuir e seirbhisich eile na bu lionoire na chiad fheadhainn, agus rinn iad orrasan air an alt chiadna. Ach mu dheireadh chuir e mhac gan ionnsuidh, a g-radh: Bheir iad athadh do mʼ mhac. Ach air doʼn tuath am mac fhaicinn, thuirt iad ʼnam measg fhein: Se so an t-oighre: thigibh, marbhamaid e, ʼs bithidh ʼoighreachd againn fhein. Agus ga ghlacadh thilg iad a mach as an fhion-lios e, agus mharbh iad e. Nuair thig ma ta tighearna an fhion-lios, ciod a ni e air an tuath sin? Thuirt iad ris: Bheir e na droch dhaoine sin gu droch chrich, agus suidhichidh e fhion-lios air tuath eile, a bheir dha na measan ʼnan àm fhein. Thuirt Iosa riu: Nach do leugh sibh riamh anns na sgriobturan: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach-chinn na h-oisinn dhi? Rinneadh so leis an Tighearna, ʼs tha e iongantach ʼnar suilean? Uime sin tha mi g-radh ribh, gun toirear bhuaibhse rioghachd Dhe, agus bheirear i do chinneach a bheir mach a toradh. Agus an neach a thuiteas air a chloich so, pronnar e, ach an neach air an tuit i, min-bhleithear e. ʼS nuair a chuala na h-ard-shagairt, ʼs na Phairisich a dhubhfhaclan, thuig iad gum bʼann muʼn deidhinn fhein a bha e labhairt. ʼS ged bha toil aca a ghlacadh, bha eagal an t-sluaigh orra: oir bha iad coimhead air mar fhaidh. Agus fhreagair Iosa, us labhair e riu rithist ann an dubhfhacail, a g-radh: Tha rioghachd fhlathanais coltach ri righ, a rinn banais dha mhac. Agus chuir e sheirbhisich a ghairm na feadhnach a fhuair cuireadh thun na bainnse, ʼs cha bʼaill leo tighinn. A rithist chuir e seirbhisich eile, a g-radh: Abraibh riusan a fhuair cuireadh: Seall, dheasaich mi mo dhinneir, tha mo dhaimh ʼs mo spreidh bhiadhte air am marbhadh, agus tha gach ni reidh; thigibh thun na bainnse. Ach chuir iadsan suarach a ghairm; us dhʼfhalbh iad, fear gu thuathanas, agus fear eile gu mharsantachd. Agus rug a chuid eile dhiu air a sheirbhisich, ʼs an deigh taire a thoirt daibh, mharbh iad iad. Ach nuair a chual an righ so, ghabh e fearg: ʼsa cur bhuaithe armailtean sgrios e na murtairean sin, agus loisg e am baile aca. An sin thuirt e ri sheirbhisich: Tha bhanais gu dearbh deas, ach cha bʼairidh iadsan, a bhʼ air an cuireadh. Rachaibh ma ta thun nan rathaidean mora, agus a mhiad ʼsa gheobh sibh, gairmibh iad thun na bainnse. Agus na seirbhisich a gabhail a mach gus na rathaidean mora, chruinnich iad a h-uile h-aon a fhuair iad, eadar olc us mhath, agus lionadh tigh-na-bainnse le aoidhean. Agus chaidh an righ a stigh a dhʼfhaicinn nan aoidhean, agus chunnaic e fear an sin air nach robh eideadh bainnse. Us thuirt e ris: A charaid, ciamar thainig thu stigh an so gun eideadh bainnse ort? Ach dhʼfhan esan ʼna thosd. An sin thuirt an righ ris an luchd-fhrithealaidh: Ceanglaibh a lamhan ʼs a chasan, agus tilgibh e an dorchadas iomallach: an sin bithidh gal agus giosgan fhiacal. Oir tha moran air an gairm, ach beagan air an taghadh. An sin dhʼfhalbh na Phairisich, us chuir iad an comhairle ri cheile, fiach an glacadh iad e ʼna bhriathran. Agus chuir iad ga ionnsuidh an deisciopuil fhein comhla ri luchd-leanmhuinn Heroid, a g-radh: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, ʼs gum beil thu teagasg slighe Dhe ann am firinn, ʼs nach eil eisimeil agad ri duine air bith; oir cha n-eil thu sealltuinn air pearsa dhaoine. Innis ma ta do bheachd dhuinn, am beil e ceadaichte cis a thoirt do Cheasar, no nach eil? Ach Iosa a tuigsinn am mi-ruin, thuirt e riu: Car-son a tha sibh gam bhuaireadh, a chealgairean? Fiachaibh dhomh bonn na cìse. Agus dhʼfhiach iad dha sgilinn. Us thuirt Iosa riu: Co leis an iomhaigh agus an sgriobhadh mun cuairt di? Thuirt iad ris: Le Ceasar. An sin thuirt e riu: Thugaibh ma ta do Cheasar na bhuineas do Cheasar, agus do Dhia na bhuineas do Dhia. ʼSa cluinntinn so, ghabh iad iongantas, agus ga fhagail, shiubhail iad. Air an latha sin fhein thainig na Sadusaich, a tha cantuinn nach eil aiseirigh ann, ga ionnsuidh, agus dhʼ fhaighnich iad dheth, A g-radh: A Mhaighistir, thuirt Maois; Ma gheobh duine bàs gun chloinn aige, posadh a bhrathair a bhean aige, agus togadh e sliochd dha bhrathair. A nis bha seachdnar bhraithrean ʼnar measg-ne; agus chaochail a chiad fhear an deigh dha bean a phosadh; ʼs bho nach robh sliochd aige, dhʼfhag e a bhean dha bhrathair. Agus thachair an ni ciadna doʼn darna, ʼs doʼn treas fear, gu ruig an seachdamh fear. Agus mu dheireadh uile fhuair a bhean bàs cuideachd. Anns an aiseirigh ma ta co am fear deʼn t-seachdnar aig am bi i ʼna mnaoi? oir bha i na mnaoi aca uile. Ach Iosa a freagairt, thuirt e riu: Tha sibh am mearachd le cion eolais air na sgriobturan, ʼs air cumhachd Dhe. Oir anns an aiseirigh cha phos iad, cha mhua phosar iad: ach bithidh iad mar ainglean Dhe air neamh. Ach mu dheidhinn aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh mar thuirt Dia, ʼs e labhairt ribh: Is mise Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iacoib? Cha n-e Dia nam marbh e, ach nam beo. Agus an sluagh a cluinntinn so, ghabh iad ioghnadh ri theagasg. Ach nuair a chuala na Phairisich gun do chuir e na Sadusaich ʼnan tosd, thionail iad ri cheile; Us dhʼfharraid fear dhiu, ollamh san lagh, dheth, ga bhuaireadh: A Mhaighistir, co i an fhainte is mua san lagh? Thuirt Iosa ris: Bheir thu gaol doʼn Tighearna do Dhia le tʼ uile chridhe, le tʼ uile anam, ʼs le tʼ uile inntinn. Si so an fhainte is mua agus a chiad fhainte. Agus tha ʼn darna fainte coltach rithe: Bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein. Ris an dà fhainte so tha an lagh uile agus na faidhean an crochadh. Agus nuair bha na Phairisich cruinn, dhʼfhaighnich Iosa dhiu, A g-radh: Ciod e ur barail-se mu Chriosta? Co dha is mac e? Thuirt iad: Do Dhài. Thuirt e riu: Ciamar ma seadh tha Dài san Spiorad a cantuinn a Thighearna ris, a g-radh: Thuirt an Tighearna ri mo Thighearna, suidh air mo laimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean ʼnan stol-chas dhut? Ma tha Dài ma ta cantuinn a Thighearna ris, ciamar a tha e ʼna mhac dha? ʼS cha bʼurrainn do dhuine facal freagairt a thoirt da: cha mhua a bha chridhe aig duine sa bith bhoʼn latha sin suas a cheasnachadh. An sin labhair Iosa ris an t-sluagh ʼs ri dheisciopuil, A g-radh: Tha na Sgriobhaich ʼs na Phairisich ʼnan suidhe air cathair Mhaois. Uime sin cumaibh us dianaibh a h-uile ni a their iad ribh: ach na dianaibh air reir an gniomhan: oir their iad agus cha dian. Oir ceanglaidh iad eallaichean troma ʼs do-ghiulan, agus sparraidh iad air guaillnean dhaoine iad: ach cha dian iad fhein urad ʼs an carachadh leʼm miar fhein. Agus an oibrichean uile tha iad a dianamh los gum faicear le daoine iad: oir tha iad a liadachadh am philacteria, ʼsa miadachadh am fraoidhneasan. Oir is toil leo na ciad shuidheachain aig feisdean, ʼs na ciad chathraichean anns na sinagogan, Agus fàilt air a mhargadh, agus Rabbi a chantuinn riu le daoine. Ach na siribhse Rabbi a chantuinn ribh: oir is aon Mhaighistir a thʼagaibh, agus is braithrean sibh uile. Agus na canaibh ur n-athair ri h-aon air talamh, oir is aon ur n-Athair, a tha air neamh. Cha mhua theirear maighistirean ribh: oir is aon Mhaighistir a thʼagaibh, Criosta. Am fear is mua ʼnur measg, bithidh e ʼna sheirbhiseach dhuibh. Ach am fear a dhʼardaicheas e fhein, theid isleachadh: agus am fear a dhʼislicheas e fhein, theid ardachadh. Ach mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche ʼsa Phairisiche, a chealgairean; a chionn gum beil sibh a dunadh rioghachd neamh roi dhaoine; oir cha n-eil sibh fhein dol a stigh, agus an fheadhainn, a tha sireadh dol a stigh, cha leig sibh leo. Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean; a chionn gum beil sibh a creachadh tighean bhantrach, a g-urnaigh urnaighean fada: air son so gheobh sibh breitheanas nas cruaidhe. Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean: a chionn gun cuairtich sibh muir us tir, gu aon duine thionndadh: ʼs nuair a thionndaidhear e, ni sibh mac ifrinn deth dà chuairt nas mua na sibh fhein. Mo thruaighe sibh, a chinn-iuil dhalla, a tha radh: Co sam bith a mhionnaicheas air an teampull, is neoni sin: ach esan a mhionnaicheas air òr an teampuill, is fiachan air e. Amadana, ʼsa dhaoine dalla: Co dhiu is mua an t-òr no an teampuill, a tha naomhachadh an òir? Agus neach sam bith a mhionnaicheas air an altair, is neoni sin: ach neach air bith a mhionnaicheas air an tiodhlac, a tha air an altair, tha e am fiachan. A dhaoine dalla: Co dhiu is mua an tiodlac no an altair, a tha naomhachadh an tiodhlaic? Esan ma ta a mhionnaicheas air an altair, tha e mionnachadh oirre fhein, ʼs air gach ni a thʼair a h-uachdar: Agus neach air bith a mhionnaicheas air an teampull, tha e mionnachadh air, agus airsan a tha tamh san teampull. Agus an neach a mhionnaicheas air neamh, tha e mionnachadh air cathair Dhe, us airsan a tha ʼna shuidhe oirre. Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean: a tha toirt an deachaimh de mhionn, de dhʼainis, ʼs de chuimin, agus dhʼfhag sibh nichean nas cudtromaiche deʼn lagh, ceartas, us trocair, agus creideamh: iad so bu chòir dhuibh a dhianamh, gun iad sid a dhearmad. A chinn-iuil dhalla, a shiolaidheas a mheanbh-chuileag, ʼsa shluigeas an camhall. Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean: a chionn gum beil sibh a nighe taobh-mach a chupa ʼs na meise: ach air an taobh-stigh tha sibh lan reubainn agus truailleachd. A Phairisich dhoill, glan an toiseach taobh-stigh a chupa ʼs na meise, chum gun cinn an taobh-mach glan cuideachd. Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean: a chionn gum beil sibh coltach ri uaighean geala, a chithear boidheach le daoine air an taobh-mach, ach air an taobh-stigh a tha lan de chnaimhean nam marbh, ʼs deʼn h-uile salachar. Mar sin air an taobh-mach tha sibhse gu dearbh a sealltuinn ionraie an lathair dhaoine: ach air an taobh-stigh, tha sibh lan ceilge ʼs eucoire. Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean, a tha togail uaighean nam faidhean, ʼsa sgeimheachadh cruislean nan ionracan, Agus tha sibh a g-radh: Nam bithemid ann ri linn ar n-aithrichean, cha bhiodh comh-pairt againn riu ann am fuil nam faidhean. Mar sin tha sibh a toirt teisteanais ʼnur n-aghaidh fhein, a chionn ʼs gur sibh mic na feadhnach a mharbh na faidhean. Lionaibh suas ma ta tomhas ur n-aithrichean. A nathraiche, a ghineil nan nathraichean, ciamar a sheachnas sibh binn iutharna? Uime sin, seall, tha mise cur fhaidhean gu ʼr n-ionnsuidh, agus dhaoine glice, agus Sgriobhach, us cuid dhiu sin marbhaidh sibh agus ceusaidh sibh, us cuid sgiursaidh sibh ʼnur sinagogan, agus ni sibh geur-leanmhuinn orra bho bhaile gu baile: Gus a h-uile fuil neo-chiontach a dhoirteadh air talamh a thighinn oirbh, bho fhuil Abeil an t-ionracan gu ruig fuil Shachariais, mac Bharachiais, a mharbh sibh eadar an teampull agus an altair. Gu firinneach tha mi g-radh ribh: thig iad so uile air a ghinealach so. A Ierusalem, Ierusalem, a mharbhas na fàidhean, ʼsa chlachas an fheadhainn a chuirear ad ionnsuidh, nach minic a bʼaill leam do chlann a chruinneachadh, mar a chruinnicheas a chearc a h-iseanan fo ʼsgiathan, ach cha bʼaill leat! Seall, fagar ur tigh falamh dhuibh. Oir tha mi a g-radh ribh: cha n-fhaic sibh mise á so suas, gus an abair sibh: Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna. Agus chaidh Iosa mach as an teampull, us dhʼ imich e. Agus thainig a dheisciopuil gu aitreamh an teampuill fhiachuinn da. Ach thuirt esan riu, ʼs e freagairt: A bheil sibh faicinn so uile? gu deimhinn tha mi g-radh ribh: cha n-fhagar an so clach air muin cloiche, nach tilgear sios. ʼS nuair a shuidh e air beinn Olibheit, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh fos n-iosal, a g-radh: Innis dhuinn cuin a thachras iad so? agus ciod e an comharradh air do thighinn, ʼs air deireadh an t-saoghail? Agus Iosa a freagairt, thuirt e riu: Thugaibh an aire nach meall duine air bith sibh. Oir thig moran na mʼ ainmse, a g-radh: Is mise Criosta; us meallaidh iad moran. Agus cluinnidh sibh cogaidhnean, agus fathunn chogaidhnean. Thugaibh an aire nach bi sibh fo bhruaillean: oir feumaidh na nichean so tachairt, ach cha n-eil a chrioch ann fhathast: Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, us rioghachd an aghaidh rioghachd, agus bithidh plaighean, us gorta, us crithean-talmhuinn feadh aiteachan. Ach cha n-eil an so uile ach toiseach nan truaighean. An sin liubhraidh iad seachad sibh gu doruinn, agus marbhaidh iad sibh: agus bithidh fuath aig a h-uile cinneadh oirbh as leth mʼainmse. An sin gabhaidh moran sgainneal, agus brathaidh iad a cheile, agus bheir iad fuath do gach a cheile. Agus eiridh moran fhaidhean-breige, us meallaidh iad moran. Agus a chionn gum bi an drochbheart pailt, fuaraichidh carrantachd mhorain. Ach an neach a bhuanaicheas thun na criche, bithidh e sabhailte. Agus searmonaichear soisgeul so na rioghachd feadh an domhain uile, mar theisteanas do na cinnich gu leir: an sin thig a chrioch. Nuair a chi sibh ma ta graineileachd an leir-sgrios, mun do labhair am faidh Daniel, ʼna seasamh san ionad naomh: am fear a leughas, tuigeadh e. An sin teicheadh iadsan a thʼ ann an Iudéa thun nam beann. ʼS am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e a thoirt a bheag leis as a thigh: ʼS am fear a tha san achadh, na tilleadh e a thoirt leis a chota. Ach mo thruaighe iadsan, a tha lethtromach ʼsa toirt ciche anns na laithean sin. Ach guidhibh nach bi ur teicheadh sa gheamhradh no air an t-sàbaid. Oir san àm sin is mor an t-amhghar a bhios ann, a leithid ʼs nach robh bho thùs an t-saoghail, agus nach bi. ʼS mar rachadh na lài sin a ghiorrachadh, cha bhiodh feoil air bith sabhailte: ach air son nan daoine taghte giorraichear na lài sin. An sin ma their neach air bith ribh: Seall, tha Criosta an so, no ʼn sid, na creidibh e. Oir eiridh criostan-breige us faidhean-breige, agus ni iad comharran mora agus beartan iongantach, ann an rathad ʼs gum mealladh iad (nam faodadh e bhith) na daoine taghte fhein. Seall, dhʼinnis mise dhuibh roimh laimh. Ma their iad ma ta ribh, seall, tha e san fhasach, na rachaibh a mach, seall e sna seomraichean, na creidibh. Oir mar a thig an dealanach bhoʼn aird-an-ear, ʼsa chithear e gu ruig aird-an-iar: is amhuil a bhios tighinn Mhic an duine. Ge bʼe aite am bi a chairbh, ʼsann an sin a chruinnichear na h-iolairean. Air ball as deigh anradh nan laithean sin, thig dorchadas air a ghrein, ʼs cha toir a ghealach a solus, us tuitidh na reultan bho neamh, agus bithidh cumhachdan nan neamh air an gluasad. An sin chithear comharradh Mhic an duine san athar: an sin guilidh treubhan an talmhuinn gu leir; agus chi iad Mac an duine a tighinn ann an neoil nan speur le mor-chumhachd agus le gloir. Us cuiridh e ʼainglean le trombaid ʼs le guth mor: agus cruinnichidh iad a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean, bho iomall nan neamh gus an iomall eile. ʼS bhoʼn chrann-fhige ionnsaichibh dubhfhacal: nuair a tha a mheangan a nis maoth, ʼs an duilleach a bristeadh a mach, tha fios agaibh gum beil an samhradh faisg. Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nichean so uile, tuigibh gum beil e faisg, seadh aig na dorsan. Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile. Theid neamh agus talamh seachad, ach cha teid mo bhriathran-sa seachad. Ach air an là sin no air an uair cha n-eil fios aig duine, no aig ainglean fhlathanais, ach aig an Athair ʼna aonar. Mar a thachair an lài Noé, ʼsann a bhios aig tighinn Mhic an duine. Oir mar a bha iad sna laithean romh ʼn tuil, a g-iche, ʼsa g-ol, a posadh, ʼs toirt am posadh, gus a cheart latha anns an deach Noé stigh doʼn àirc, Agus cha tug iad toighe, gus an tainig an tuil, ʼs an tug i leatha iad uile: is amhuil a bhios tighinn Mhic an duine. An sin bithidh dithis san achadh: gabhar fear dhiu, agus fagar fear. Bithidh dithis bhan a bleith sa mhuilionn: gabhar té dhiu, agus fagar té. Air an aobhar sin dianaibh faire: a chionn ʼs nach eil fhios agaibh ciod an uair san tig ur Tighearna. Ach biodh fios agaibh air so, nam bitheadh brath aig fear-an-tighe dé an uair aig an tigeadh am meirleach, gun dianadh e faire, ʼs nach fuiligeadh e a thigh a bhristeadh. Uime sin bithibhse deas: oir thig Mac an duine an uair nach saoil sibh. Co shaoileas tu is e an seirbhiseach dileas agus glic, a dhʼorduich a thighearna fos cionn a theaghlaich, gu biadh a thoirt daibh na àm? Is beannaichte an seirbhiseach sin, a gheobh a thighearna, nuair a thig e, a dianamh mar sin. Gu dearbh tha mi radh ribh, gun cuir e fos cionn a mhaoin uile e. Ach ma their an droch sheirbhiseach sin ʼna chridhe: Tha mo thighearna a dianamh moille ʼna thighinn: ʼS gun teann e ri cho-sheirbhisich a bhualadh, agus ri iche ʼs ri ol comhla ri misgearan: Thig tighearna an t-seirbhisich sin an latha air nach bi duil ris, ʼs air an uair nach saoil e: Agus tearbaidh e e, agus cuiridh e a chrannchur am measg chealgairean: an sid bithidh gal us giosgan fhiacal. Bithidh rioghachd fhlathanais an sin coltach ri deich oighean, a ghabh an lochrain, ʼsa chaidh a mach an coinneamh fear-na-bainnse us bean-na-bainnse. Agus bha coignear dhiu gorach us coignear glic. Ach a choignear ghorach a gabhail an lochran, cha tug iad ola leo: Ach thug na h-oighean glice ola leo ʼnan soitheachan maille ri ʼn lochrain. Ach fear-na-bainnse a dianamh moille, thuit iad uile ʼnan turra-chadal ʼs ʼnan suain. Ach mu mhiadhon oidhche chualas glaodh: Seall fear-na-bainnse a tighinn, siubhlaibh ʼna choinneamh. An sin dhʼeirich na h-oighean ud uile, us dhʼuidheamaich iad an lochrain. Agus thuirt na h-oighean gorach ris an fheadhainn ghlic: Thugaibh dhuinn cuid dheʼr n-ola: oir tha na lochrain againn air dol as. Fhreagair na h-oighean glice, a g-radh: Eagal ma dhʼfhaoidte nach bi gu leòr dhuinne agus dhuibhse, ʼs fhearr dhuibh falbh thun nam marsannan, agus ceannach dhuibh fhein. Ach nuair a bha iad dol a cheannach, thainig fear-na-bainnse: agus chaidh iadsan a bha deas a stigh comhla ris thun na bainnse, us dhuineadh an dorus. Agus mu dheireadh thainig a chuid eile de na h-oighean, a g-radh: A thighearna, a thighearna, fosgail dhuinne. Ach a freagairt thuirt esan: Gu deimhinn tha mi radh ribh, cha n-aithne dhomh sibh. Leis a sin dianaibh faire, a chionn ʼs nach aithne dhuibh an latha, no ʼn uair. Oir ceart mar dhuine a dol gu cein-thir, ghairm e sheirbhisich, agus liubhair e dhaibh a mhaoin, Agus do h-aon thug e coig talannan, agus do h-aon eile dhà, agus do h-aon eile a h-aon, do gach aon air reir a chàileachd, us dhʼfhalbh e san uair air a thurus. Agus dhʼimich esan a fhuair na coig talannan, us rinn e ceannachd leo, agus choisinn e coig eile. Mar an ciadna am fear a fhuair a dhà, choisinn e dhà eile. Ach am fear nach dʼfhuair ach a h-aon, dhʼ fhalbh e, agus chladhaich e san talamh, agus dhʼfhalaich e airgiod a thighearna. Agus an deigh moran uine, thainig tighearna nan seirbhiseach sin, agus rinn e cunntas riu. Agus thainig am fear a fhuair na coig talannan, us thairg e dha coig talannan eile, a g-radh: A thighearna, thug thu dhomh coig talannan, seall coig eile, a choisinn mi a bharrachd. Agus thuirt a thighearna ris: Is gasda fhuaradh thu, a sheirbhisich mhath agus dhilis; a chionn gun robh thu dileas fos cionn beagain, cuiridh mise thu fos cionn morain: theirig a stigh gu sòlas do thighearna. Agus thainig am fear a fhuair an dà thalann, us thuirt e: A thighearna, thug thu dhomh dà thalann, seall dhà eile, a bhuannaich mi. Thuirt a thighearna ris: Is gasda fhuaradh thu, a sheirbhisich mhath agus dhilis; a chionn gun robh thu dileas fos cionn beagain, cuiridh mise thu fos cionn morain: theirig a stigh gu sòlas do thighearna. Ach nuair thainig am fear nach dʼfhuair ach aon talann, thuirt e: A thighearna, tha fios agam gur duine cruaidh thu; tha thu buain far nach do chuir thu, ʼsa cruinneachadh far nach do sgap thu: ʼSa gabhail eagail, dhʼfhalbh mi, agus dhʼfhalaich mi do thalann san talamh: seall, so agad do chuid fhein. Ach thuirt a thighearna ris, ʼs e freagairt: A sheirbhisich eucoraich agus leisg, bha fios agad gum buain mi far nach do chuir mi, ʼs gun cruinnich mi far nach do sgap mi: Uime sin bu chòir dhut mo chuid airgid a thoirt doʼn luchd-mhalairt, agus nuair a thiginn, gheobhainn mo chuid fhein le riadh. Thugaibh bhuaithe ma ta an talann, us thugaibh e doʼn fhear aig a bheil na deich talannan: Oir doʼn h-uile fear, aig a bheil, bheirear, us bithidh lan-phailteas aige; ach bheirear bhuaithe-san, aig nach eil, an ni a shaoilear a bhith aige. Agus tilgibh an seirbhiseach gun fheum an dorchadas iomallach: an sin bithidh gal us giosgan fhiacal. Agus nuair a thig Mac an duine ʼna mhoralachd, agus ainglean uile marris, an sin suidhidh e air cathair a ghloire: Agus cruinnichear ʼna lathair na cinnich uile, us tearbaidh e bho cheile iad, mar a thearbas buachaille na caoraich bho na gobhair: Agus cuiridh e na caoraich air a laimh dheis, ach na gobhair air a laimh chli. An sin their an righ riusan, a bhios air a laimh dheis: Thigibhse, a mhuinntir bheannaichte mʼAthar, gabhaibh seilbh air an rioghachd, a chaidh uidheamachadh dhuibh bho steidheachadh an t-saoghail: Oir bha mi acrach, agus thug sibh biadh dhomh; paiteach, agus thug sibh deoch dhomh; na mʼ choigreach, ʼs thug sibh stigh mi; Ruisgte, us chomhdaich sibh mi; tinn, agus thainig sibh a shealltuinn orm; bha mi am priosan, agus thainig sibh gam ionnsuidh. An sin freagraidh na daoine ionraic e, a g-radh: A thighearna, cuin a chunnaic sinn thu air acras, ʼsa thug sinn biadh dhut; air phathadh, ʼsa thug sinn deoch dhut? Agus cuin a chunnaic sinn na dʼ choigreach thu, ʼsa ghabh sinn stigh thu? no ruisgte, ʼsa chuir sinn aodach ort? No cuin a chunnaic sinn thu tinn, no am priosan, ʼsa thainig sinn ga tʼ ionnsuidh? ʼSa freagairt their an righ riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: cho tric ʼsa rinn sibh doʼn aon is lugha dhe mo bhraithrean so, rinn sibh dhomhsa e. An sin their e ris an fheadhainn a tha air a laimh chli: Gabhaibh bhuam, a luchd nam mollachd, gu teine siorruidh, a chaidh uidheamachadh doʼn deomhan, ʼs dha ainglean. Oir bha mi air acras, ʼs cha tug sibh biadh dhomh; air phathadh, ʼs cha tug sibh deoch dhomh; Bha mi am choigreach, ʼs cha tug sibh a stigh mi; ruisgte, ʼs cha do chuir sibh aodach orm; gu tinn ʼs am priosan, ʼs cha tainig sibh a shealltuinn orm. An sin freagraidh iadsan e cuideachd, a g-radh: A Thighearna, cuin a chunnaic sinn thu acrach, no paiteach, no ad choigreach, no ruisgte, no tinn, no am priosan, nach do fhritheil sinn dhut? An sin freagraidh e iad, a g-radh: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: fhad ʼs nach dʼrinn sibh e doʼn aon is lugha dhiu so, cha dʼrinn sibh dhomhsa e. Uime sin theid iad so gu pein shiorruidh: ʼs na daoine ionraic gu beatha shiorruidh. Agus thachair nuair chuir Iosa crioch air na briathran so uile, gun tuirt e ri dheisciopuil: Is aithne dhuibh gum bi a chàisg ann as deigh dà latha, agus liubhrar seachad Mac an duine gus a cheusadh. An sin chruinnich na h-ard-shagairt, agus seanairean an t-sluaigh an cùirt an ard-shagairt, dhaʼm bʼainm Caiphas: Us chuir iad an comhairle ri cheile, Iosa a ghlacadh le foill, ʼsa chur gu bàs. Ach thuirt iad: Cha n-ann air latha na feille, eagal gum faod buaireadh eirigh am measg an t-sluaigh. Agus nuair bha Iosa am Bethania an tigh Shimoin an lobhar, Thainig boirionnach ga ionnsuidh, aig an robh bocsa alabastair de dhʼ ola phriseil, us dhoirt i air a cheann i, agus e aig biadh. Agus na deisciopuil a faicinn so, bha iad diumbach, a g-radh: Car-son an t-ana-caitheamh so? Oir dhʼfhaoidte so a reic air mhoran, ʼsa thoirt do na bochdan. Agus Iosa a tuigsinn so, thuirt e riu: Car-son a tha sibh cur dragh air a bhoirionnach so? oir rinn i gniomh math dhomhsa: Oir tha na bochdan agaibh an comhnuidh, ach cha n-eil mise agaibh an comhnuidh. Oir le ise an ola so dhortadh air mo chorp, ʼsann mu choinneamh mʼ adhlaic, a rinn i e. Gu deimhinn tha mi a g-radh ribh: Ge bʼe air bith aite anns am bi an soisgeul so air a shearmonachadh feadh an t-saoghail gu leir, gum bi iomradh air na rinn i so mar chuimhne oirre. An sin chaidh fear deʼn dà-fhear-dhiag, dhaʼm bʼainm Iudas Iscariot, thun nan ard-shagart: Agus thuirt e riu: Dé bheir sibh dhomhsa, agus liubhraidh mi dhuibh e? Us chord iad ris air son deich buinn fhichead airgid. ʼS bho sin suas bha e sireadh cothroim air a bhrath. ʼS air a chiad latha deʼn aran neo-ghoirtichte, thainig na deisciopuil gu Iosa, a g-radh: Càit am math leat gun deasaich sinn dhut gus a chàisg icheadh? Ach thuirt Iosa: Theirigibh a stigh doʼn bhaile gu duine araid, agus abraibh ris: Tha ʼm Maighistir a g-radh: Tha mʼ àm faisg, cumaidh mi a chàisg agadsa maille ri mʼ dheisciopuil. Agus rinn na deisciopuil mar a dhʼorduich Iosa dhaibh, us dheasaich iad a chàisg. ʼS air doʼn fheasgar a thighinn, shuidh e sios comhla ri dhà dheisciopul dhiag. ʼS nuair a bha iad a g-ithe, thuirt e: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gum brath h-aon agaibh mi. Agus bha duilichinn mhor orra, agus thòisich gach aon ri radh: Am mise e, a Thighearna? Ach a freagairt thuirt esan: Am fear a tha tumadh a laimh sa mheis comhla rium, se bhrathas mi. Tha Mac an duine ga rireamh a falbh, mar a tha e sgribhte uime: ach mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath doʼn duine sin nach beirteadh e. An sin fhreagair Iudas, a bhrath e, us thuirt e: Am mise e, Rabbi? Ars esan ris: thuirt thu e. ʼS air dhaibh a bhith ri ʼn suipeir, ghlac Iosa aran, agus bheannaich e, agus bhrist e, agus thug e dha dheisciopuil, us thuirt e: Gabhaibh, agus ithibh: se so mo chorpsa. ʼSa glacadh na cailis, thug e taing, us thug e dhaibh, a g-radh: Olaibh uile dhe so. Oir si so mʼfhuilse an tiomnaidh nuaidh, a dhoirtear air son morain gu mathanas pheacannan. Oir tha mi g-radh ribh: cha n-ol mi á so suas de thoradh so na fionain, gus an latha sin air an ol mi ùr e maille ribh ann an rioghachd mʼAthar. ʼS an deigh laoidh a ghabhail, chaidh iad a mach gu sliabh Olibheit. An sin thuirt Iosa riu: Air an oidhche nochd gabhaidh sibh uile sgainneal asamsa. Oir tha e sgribhte: Buailidh mi am buachaille, agus sgapar caoraich na treuda. Ach an deigh dhomh eirigh a rithist, theid mi roimhibh do Ghalile. Agus Peadar a freagairt thuirt e ris: Ged a ghabhadh iad uile sgainneal asad, cha ghabh mise a chaoidh sgainneal asad. Thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi g-radh riut, air an oidhche so fhein mun goir an coileach, guʼn aicheadh thu mi tri uairean. Thuirt Peadar ris: Ged a bʼfheudar dhomh bàsachadh comhla riut, cha n-aicheadh mi thu. ʼS an ni ciadna thuirt na deisciopuil uile. An sin thainig Iosa leo gu baile dùcha ris an canar Gethsemani, us thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibhse an so, gus an teid mi ʼn sid, ʼs an dian mi urnaigh. ʼSa toirt leis Pheadair, agus dà mhac Shebede, thainig bròn us mulad air. An sin thuirt e riu: Tha mʼanam brònach eadhon gu bàs: fanaibh an so, agus dianaibh faire maille rium. ʼSa dol ceum air adhart, thuit e air aghaidh a g-urnaigh ʼsa g-radh: Mʼ Athair, ma ghabhas e dianamh, rachadh a chailis so seachad orm: ach co dhiu, cha n-ann mar is aill leamsa, ach mar is aill leatsa. Agus thainig e dhʼionnsuidh a dheisciopul, us fhuair e ʼnan cadal iad, us thuirt e ri Peadar: Ciod e so? an e nach bʼurrainn duibh aon uair a chaithris maille rium? Dianaibh faire agus urnaigh, gus nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu dearbh toileach, ach tha ʼn fheoil lag. Dhʼfhalbh e rithist an darna uair, agus rinn e urnaigh, a g-radh: Mʼ Athair, mur gabh a chailis so cur seachad orm gun a h-ol, biodh do thoilse diante. Agus thainig e rithist, us fhuair e ʼnan cadal iad: oir bha an suilean trom. Agus gam fagail, dhʼ fhalbh e rithist, agus rinn e urnaigh an treas uair, a g-radh nam briathran ciadna. An sin thainig e gu dheisciopuil, us thuirt e riu: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois: seall, tha ʼn uair air teannadh, agus brathar Mac an duine do lamhan pheacach. Eiribh, siubhlamaid; seall, tha ʼm fear a bhrathas mi aig laimh. Nuair a bha e fhathast a labhairt, seall, thainig Iudas, a h-aon deʼn dà-fhear-dhiag, agus buidheann mhor cuide ris, le claidhean, ʼs le bataichean, air an cur bho na h-ard-shagairt ʼs bho sheanairean an t-sluaigh. A nis thug esan, a bhrath e, comharradh dhaibh, a g-radh: Ge bʼ e dhaʼn toir mise pog, se sin e, dianaibh greim air. Agus ghrad-thainig e gu Iosa, us thuirt e: Fàilt dhut, a Rabbi. Agus thug e pog dha. Us thuirt Iosa ris: A charaid, ciod uige a thainig thu? An sin thainig iad air an adhart, agus chuir iad lamh an Iosa, agus ghlac iad e. Agus, seall, shìn fear de ʼn fheadhainn a bha maille ri Iosa a lamh, tharruinn e chlaidheamh, ʼsa bualadh seirbheiseach an ard-shagairt ghearr e a chluas dheth. An sin thuirt Iosa ris: Cuir air ais do chlaidheamh gu aite fhein: oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh, theid iad a dhith leis a chlaidheamh. Am beil thu an duil nach eil e am chomas iarraidh air mʼ Athair, agus bheir e dhomh san uair tuilleadh us dà legion dhiag aingeal? Ciamar ma ta bhiodh na sgriobturan air an coimhlionadh, gum feum e bhith mar so? ʼS an uair sin fhein thuirt Iosa ris a bhuidhinn: Thainig sibh a mach le claidhean, ʼs le bataichean gu mise ghlacail, mar gum bʼ fhear-reubuinn mi: bha mi na mʼ shuidhe gach latha san teampull maille ribh a teagasg, agus cha do chuir sibh an laimh mi. Ach thachair so uile chum gun coimhlionteadh sgriobturan nam faidhean. An sin dhʼfhag na deisciopuil uile e, agus theich iad. Ach chum iad greim air Iosa, ʼs thug iad leo e ga Caiphas an t-ard-shagart, far an robh na Sgriobhaich ʼs na seanairean air tional. Us lean Peadar e fad as gu ruig cùirt an ard-shagairt. Agus chaidh e stigh, agus shuidh e comhla ris na seirbhisich, a dhʼfhaicinn na crìche. Ach dhʼiarr na h-ard-shagairt, ʼsa chomhairle uile fianuis-bhreige an aghaidh Iosa gtis a chur gu bàs: ʼS cha dʼfhuair iad sin, ged thainig moran de fhianuisean-breige a stigh. Mu dheireadh thainig dà fhianuis-bhreige, Agus thuirt iad: Thuirt an duine so: Is urrainn domh teampull De a leagail, ʼsa thogail a rithist an ceann thri latha. ʼS an t-ard-shagart a g-eirigh, thuirt e ris: Nach toir thu freagairt sa bith air na nichean, a tha iad so toirt mar fhianuis ad aghaidh? Ach dhʼfhan Iosa ʼna thosd. Agus thuirt an t-ard-shagart ris: Guidheam ort air an Dia bheo, gun innis thu dhuinn, ma ʼs tu Criosta Mac De. Ars Iosa ris: Thuirt thu e: ach tha mi g-radh ribh: gum faic sibh an deigh so Mac an duine ʼna shuidhe air laimh dheis cumhachd Dhe, ʼsa tighinn ann an neoil nan speur. An sin sthrachd an t-ard-shagart aodach, a g-radh: Labhair e blaisbheurn: ciod an tuilleadh feum thʼ againn air fianuisean? Seall, chual sibh a nis am blaisbheum: Dé ur barail? Ach fhreagair iadsan, us thuirt iad: Tha e toillteanach air bàs. An sin chaith iad smugaidean ʼna aodann, us bhuail iad le ʼn duirn e, agus bhuail feadhainn eile le ʼm basan e san aodann, A g-radh: Faisnich dhuinn, a Chriosta, co bhuail thu? Ach bha Peadar ʼna shuidhe air taobh-mach na cùirte; agus thainig searbhanta ga ionnsuidh, a g-radh: Bha thusa comhla ri Iosa bho Ghalile. Ach dhʼaicheadh esan ʼnan lathair uile, a g-radh: Cha n-eil fhios agam ciod a tha thu a cantuinn. ʼS e dol a mach air a gheata, chunnaic searbhanta eile e, us thuirt i ris an fheadhainn a bha ʼn sin: Bha ʼm fear so comhla ri Iosa bho Nasareth. ʼSa rithist dhʼaicheadh esan le mionn: Cha n-aithne dhomh an duine. ʼS an ceann tacain thainig iadsan, a bha ʼnan seasamh, us thuirt iad ri Peadar: Gu cinnteach ʼsann dhiu thusa: oir tha do chainnt fhein ga dʼ dhianamh follaiseach. An sin thòisich e ri mollachadh ʼs ri mionnachadh, nach bʼaithne dha an duine. Agus anns a cheart uair ghoir an coileach. Agus chuimhnich Peadar facal Iosa, a thuirt e: Mun goir an coileach, aicheadhaidh tu mi tri uairean. ʼSa dol a mach, ghuil e gu goirt. ʼS nuair a thainig a mhaduinn, ghabh na h-ard-shagairt uile agus seanairean an t-sluaigh comhairle an aghaidh Iosa, gus a chur gu bàs. Agus thug iad leo e an ceangal, agus liubhair iad e do Phontius Pilat, an t-uachdran. An sin Iudas, a bhrath e, a faicinn gun deach a dhiteadh, ghabh e aithreachas, agus thug e air ais na deich buinn fhichead airgid do na h-ard-shagairt ʼs do na seanairean, A g-radh: Pheacaich mi le fuil neochiontach a bhrath. Ach thuirt iadsan: Ciod e sin dhuinne? seall thusa ris. ʼSa tilgeadh sios na buinn airgid san teampull, thug e e fhein as; ʼsa falbh chroch e e fhein le taod. Agus na h-ard-shagairt a gabhail na buinn airgid, thuirt iad: Cha chòir an cur anns an ionmhas: a chionn gur pris fala iad. ʼS an deigh an comhairle a chur ri cheile, cheannaich iad leo achadh a chriadhadair air son cladha choigreach. ʼSann air son sin a theirear Haceldama ris an achadh sin, se sin, achadh na fala, gus an latha an diugh. An sin choimhlionadh na labhradh leis an fhaidh Ieremias, a g-radh: Us ghabh iad na deich buinn fhichead airgid, pris an fhir a mheasadh, ʼs air na chuir iad pris de chloinn Israil. Agus thug iad air son achadh a chriadhadair iad, air reir ʼs mar a dhʼorduich an Tighearna dhomhsa. Us sheas Iosa air bialaobh an uachdrain, agus dhʼfharraid an t-uachdran deth, a g-radh: An tusa righ nan Iudhach? Ars Iosa ris: Thuirt thu e. ʼS nuair a chuir na h-ard-shagairt ʼs na seanairean coire as a leth, cha do fhreagair e ni sa bith. An sin thuirt Pilat ris: Nach eil thu cluinntinn co liuthad ni, a tha iad a toirt mar fhianuis na tʼaghaidh? Agus cha tug e freagairt dha fiu facail, air chor ʼs gum bʼanabarrach an t-ioghnadh a ghabh an t-uachdran. A nis air latha na feille bʼabhuist doʼn uachdran a leigeil mu sgaoil do ʼn t-sluagh aon phriosanach air bith a bʼàill leo. A nis sa cheart àm bha priosanach comharraichte aige, dhaʼm bʼainm Barabbas. Bho na bha iadsa ma ta cruinn, thuirt Pilat: Co is aill leibh mi leigeil mu sgaoil dhuibh, an e Barabbas, no Iosa ris an canar Criosta? Oir bha fios aige gum bʼann tre fharmad a liubhair iad seachad e. ʼS nuair a bha e ʼna shuidhe air cathair a bhreitheanais, chuir a bhean ga ionnsuidh, a g-radh: Na biodh idir gnothach agad ris an duine ionraic sin: oir dhʼfhuilig mise moran air a shon an diugh ann am bruadar. Ach thug na h-ard-shagairt ʼs na seanairean comhairle air an t-sluagh, Barabbas iarraidh, ach Iosa chur gu bàs. Agus an t-uachdran a freagairt, thuirt e riu: Co dheʼn dithis is math leibh leigeadh as dhuibh? Agus thuirt iadsa: Barabbas. Thuirt Pilat riu: Ciod ma ta ni mi ri Iosa, ris an canar Criosta? Fhreagair iad uile: A cheusadh. Thuirt an t-uachdran riu: Ach ciod an t-olc a rinn e? Ach ʼsann is mua dhʼeigh iad, a g-radh: Ceusar e. Ach Pilat a faicinn nach robh e a cosnadh dad, ach gur ann is mua a bha am buaireas a fàs, ghabh e uisge, agus nigh e a lamhan an lathair an t-sluaigh, a g-radh: Tha mise neochiontach de dhʼfhuil an duine ionraic so: seallaibhse ris. Agus an sluagh uile freagairt, thuirt iad: Biodh fhuil oirnne agus air ar cloinn. An sin leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh: ach liubhair e Iosa dhaibh, an deigh a sgiursadh, gus a cheusadh. An sin thug saighdearan an uachdrain Iosa leo doʼn talla, agus thionail iad a bhuidheann uile mun cuairt da. Agus ga rusgadh, chuir iad cleochd sgarlaid uime. ʼSa fighe crun dreighinn, chuir iad air a cheann e, agus cuilc ʼna laimh dheis. ʼSa lùbadh an glun air a bhialaobh, rinn iad fanaid air, a g-radh: Fàilt ort, a righ nan Iudhach. ʼSa caitheamh smugaidean air, rug iad air a chuilc, agus bhuail iad sa cheann e. ʼS an deigh dhaibh fanaid a dhianamh air, thug iad dheth an cleochd, agus chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh. ʼSa dol a mach fhuair iad duine bho Chirene, dhaʼm bʼainm Simon: thug iad airsan a chrois a ghiùlan. Us thainig iad gu aite ris an canar Golgotha, se sin, ionad Chalbhari. ʼS thug iad dha ri ol fion measgte le domblas. Agus nuair a bhlais e e, cha bʼaill leis ol. Agus an deigh dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach a tilgeadh chrann; gus an ni a labhradh leis an fhaidh a choimhlionadh a g-radh: Roinn iad mʼaodach eatorra, agus air mʼeideadh uachdrach thilg iad croinn. Agus a suidhe sios, rinn iad faire air. Agus chuir iad a chùis-dhitidh sgribhte fos cionn a chinn: Se so Iosa Righ Nan Iudhach. An sin cheusadh comhla ris dà mheirleach, fear air a laimh dheis, us fear air a laimh chli. Agus thug iadsan, a bha gabhail seachad, toibheum dha, a crathadh an cinn, ʼSa g-radh: A! thusa a leagas teampull De, agus an tri latha a thogas e rithist, teasraig thu fhein: ma ʼs tu Mac De, thig a nuas bhoʼn chrois. Air an alt chiadna thuirt na h-ard-shagairt, maille ris na Sgriobhaich ʼs ris na seanairean, a magadh air: Shabhail e feadhainn eile, e fhein cha n-urrainn e shabhaladh: ma se righ Israil e, thigeadh e nis a nuas bhon chrois, agus creididh sinn e: Chuir e earbsa ann an Dia: tiarnadh e nis e, ma tha toil aige dha; oir thuirt e: Is mi Mac Dhe. Agus mar an ciadna thug na meirlich, a cheusadh comhla ris, taire dha. A nis bhoʼn t-siathamh uair gus an naoitheamh uair bha dorchadas air an talamh uile. Agus muʼn naoitheamh uair dhʼeigh Iosa le gu ard, a g-radh: Eli, Eli, lamma sabacthani? se sin: Mo Dhia, mo Dhia, car-son a threig thu mi? Us thuirt cuid a bha ʼnan seasamh an sin, ʼsa cluinntinn: Tha e so a gairm Eliais. Agus ruith fear dhiu san uair, ʼsa breith air spuing lion e le fion-geur i, us chuir e air cuilc i; agus thairg e dha ri ol. Ach thuirt càch: Leig leis, fiach am faic sinn an tig Elias gus a theasraiginn. Agus Iosa a g-eigheach a rithist le guth ard, thug e suas an spiorad. Agus, seall, sthracadh cuirtein an teampuill ʼna dhà bhloigh, bho bhraighe gu iochdar: agus chrith an talamh, agus sgain na creagan. Us dhʼfhosgladh na h-uaighean, agus dhʼeirich moran de chuirp nan naomh, a bha ʼnan cadal. ʼSa tighinn a mach as na h-uaighean an deigh aiseirighse, thainig iad do ʼn bhaile naomh, agus chunnacas le moran iad. A nis nuair a chunnaic an ceannard-ciad, us iadsan a bha cuide ris, a cumail faire air Iosa, a chrith-thalmhuinn ʼs na nichean a thachair, ghabh iad eagal mor, a g-radh: Gu firinneach bʼe so Mac Dhe. Agus bha an sin moran bhoirionnach fad as, a lean Iosa bho Ghalile, a frithealadh dha: Bʼann dhiu sin Mairi Magdalen, agus Mairi, mathair Sheumais us Ioseiph, agus mathair mic Shebede. ʼS nuair bhaʼm feasgar ann, thainig duine beartach àraid bho Arimatéa dha ʼm bʼainm Ioseph, a bha e fhein ʼna dheisciopul do Iosa. Chaidh esan gu Pilat, agus dhʼiarr e corp Iosa, An sin dhʼorduich Pilat an corp a thoirt da. Agus Ioseph a gabhail a chuirp, phaisg e ann an annart glan e. Us chuir e ʼna uaigh ùir fhein e, a bha e air gearradh ann an creig. Agus charaich e clach mhor gu dorus na h-uaighe, us dhʼfhalbh e. Agus bha Mairi Magdalen agus a Mhairi eile ʼnan suidhe an sin mu choinneamh na h-uaghach. Agus an ath latha, a tha an deigh an deasachaidh, chruinnich na h-ard-shagairt agus na Phairisich gu Pilat, A g-radh: A thighearna, tha cuimhne againn, gun tuirt am mealltair ud, ʼs e fhathast beo: An ceann thri laithean eiridh mi rithist. Air an aobhar sin orduich freiceadan a chur air an uaigh gus an treas latha, eagal gum faod a dheisciopuil tighinn agus a ghoid, agus guʼn abair iad ris an t-sluagh: Dhʼeirich e bho na mairbh; agus bithidh am mearachd mu dheireadh nas miosa na ʼn ciad mhearachd. Thuirt Pilat riu: Tha freiceadan agaibh: falbhaibh, cuiribh freiceadan mar is aithne dhuibh. Us dhʼfhalbh iadsa, agus rinn iad an uaigh tiaruinte leis a chlach a sheuladh agus le luchd-faire. Agus deireadh oidhche na sàbaid, mu bhristeadh na fàire a chiad latha de ʼn t-seachduin, thainig Mairi Magdalen agus a Mhairi eile a shealltuinn na h-uaighe. Us, seall, bha crith-thalmhuinn mhor ann. Oir thainig aingeal an Tighearna bho neamh, agus air dha tighinn charaich e a chlach air a h-ais, agus shuidh e oirre. Agus bha ʼaodann mar dhealanach, agus ʼeideadh mar shneachda. Agus le fiamh roimhe dhʼoilltich an luchd-faire, agus dhʼfhas iad mar dhaoine marbha. ʼS an t-aingeal a freagairt, thuirt e ris na boirionnaich: Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam, gum beil sibh a sireadh Iosa, a chaidh a cheusadh: Cha n-eil e an so: oir dhʼeirich e mar a thuirt e. Thigibh, us faicibh an t-aite anns na chuireadh an Tighearna. ʼSa falbh gu luath, innsibh dha dheisciopuil, gun dʼeirich e; us, fiach, imichidh e roimhibh do Ghalile: an sin chi sibh e. Seall, tha mise air innse dhuibh roimh laimh. Agus ghrad-dhʼimich iad bhoʼn uaigh le fiamh ʼs le mor aoibhneas, agus ruith iad a dhʼinnse dha dheisciopuil. Agus, seall, choinnich Iosa iad, a g-radh: Fàilt oirbh. Us thainig iadsa faisg, agus rug iad air a chasan, agus thug iad aoradh dha. An sin thuirt Iosa riu: Na biodh eagal oirbh. Siubhlaibh, agus abraibh ri mo bhraithrean, iad a dhol do Ghalile, chi iad an sin mi. An deigh dhaibh falbh, faic, thainig cuid deʼn luchd-faire a stigh doʼn bhaile, agus dhʼinnis iad do na h-ard-shagairt h-uile ni a thachair. ʼS air dhaibhse cruinneachadh comhla ris na seanairean, ʼs an comhairle a chur ri cheile, thug iad suim mhor airgid do na saighdearan, A g-radh: Abraibh gun tainig a dheisciopuil feadh na h-oidhche, us ghoid iad e, agus sinne ʼnar cadal. Agus ma thig so gu cluasan an uachdrain, cuiridh sinne impidh air, agus saoraidh sinn sibhse. ʼSa gabhail an airgid, rinn iad mar a chaidh a sheoladh dhaibh. Agus tha ʼn sgial so air sgaoileadh am measg nan Iudhach gus an latha an diugh. An sin chaidh an t-aon deisciopul diag do Ghalile, gu beinn far an dʼorduich Iosa dhaibh. Agus ga fhaicinn thug iad aoradh dha; ach bha cuid dhiu ann an teagamh. Us Iosa a tighinn, labhair e riu, a g-radh: Thugadh dhomhsa a h-uile cumhachd air neamh ʼs air talamh. Falbhaibh ta, us teagaisgibh a h-uile cinneadh, gam baisteadh an ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh; A teagasg dhaibh a h-uile ni chumail, a dhʼàithn mise oirbh: agus, seall, tha mise maille ribh h-uile latha gu deireadh an t-saoghail. Toiseach soisgeul Iosa Criosta, Mac Dhe. Air reir ʼs mar tha e sgribhte san fhaidh Isaias: Seall, cuiridh mi mʼaingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad. Guth neach a g-eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh aisridhean direach. Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, ʼsa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan. Agus chaidh duthaich Iudéa uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, us bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain a g-aideachadh am peacannan. Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, us crios leathrach mu leasraidh; agus dhʼich e locuist us mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e, a g-radh: Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn am dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios us bariall a bhrogan fhuasgladh. Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh. Us thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin an Iordan. ʼS air ball a direadh as an uisge, chunnaic ʼe neamh fosgailte, ʼs an Spiorad mar chalman a tearnadh ʼsa fantuinn air. Agus thainig guth bho neamh: Is tusa mo Mhac gaolach, is mor mo thlachd dhiot. Agus ghrad-ghreas an Spiorad e doʼn fhasach. Agus bha e san fhasach dà-fhichead latha, agus dà-fhichead oidhche; us bhuaireadh le Satan e; ʼs bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha. ʼS an deigh do dhʼ Eoin a bhith air a liubhairt seachad, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe, ʼSa g-radh: Thaʼn t-àm air a choimhlionadh, ʼs tha rioghachd Dhe aig laimh; gabhaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul. ʼSa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon, agus Aindris a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir bʼiasgairean iad), Agus thuirt Iosa riu: Thigibh am dheighse, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh. Agus ghrad-dhʼfhag iad na lìn, us lean iad e. ʼSa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, ʼs iad a caradh nan lion san t-saghach: Agus ghairm e iad san uair. ʼSa fagail an athar Sebede maille ris an luchd-thuarasdail san t-saghach, lean iad e. Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha dol a stigh gun dail air na laithean sàbaide doʼn t-sinagog, theagaisg e iad. Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, ʼs cha n-ann mar na Sgriobhaich. Agus bha san t-sinagog aca duine anns an robh spiorad neoghlan, us dhʼeigh e, A g-radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? an tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe. Us mhaoith Iosa air, a g-radh: Bi ad thosd, agus gabh mach as an duine. ʼS an spiorad neoghlan ga riabadh, ʼsa g-eigheach le guth ard, chaidh e mach as. Agus ghabh iad uile iongantas, ionnus gun dʼfharraid iad ʼnam measg fhein, a g-radh: Ciod e so? ciod e an teagasg ùr so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhailt dha. Agus sgaoil iomradh air gun dàil feadh duthaich Ghalile uile. ʼSa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas us Eoin gu tigh Shimoin us Aindris. Agus bha mathair-cheile Shimoin ʼna laidhe ann an teasaich; agus dhʼinnis iad dha gun dàil mu deidhinn. Agus thainig e, ʼsa breith air laimh oirre thog e i; us ghrad-dhʼfhag an teasach i, agus fhreasdail i dhaibh. ʼS nuair thainig am feasgar, ʼsa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain. ʼS bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus. Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gné ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, ʼs cha do leig e leo labhairt, a chionn ʼs gum bʼaithne dhaibh e. ʼSa g-eirigh ro-mhuch, ʼsa dol a mach, chaidh e gu aite fàs; us rinn e urnaigh an sin. Agus lean Simon e, agus iadsan a bha cuide ris. ʼS nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile ga dʼ shireadh. Us thuirt e riu: Rachamaid do na bailtean ʼs na caithrichean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: ʼs gur ann h-uige so a thainig mi. ʼS bha e teagasg ʼnan sinagogan, ʼs feadh Ghalile uile, ʼsa tilgeadh mach dheomhan. Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; ʼsa tuiteam air a ghluinean, thuirt e ris: Ma ʼs aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh. ʼSa gabhail truais ris, shìn Iosa a lamh, ʼsa beantuinn da, thuirt e ris: Is aill: bi glan. ʼS nuair thuirt e so, ghrad-dhʼfhag an luibhre e, agus bha e air a ghlanadh. ʼS thug e sparradh cruaidh dha, agus leig e air falbh e gun dàil; ʼS thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach air bith: ach falbh, fiach thu fhein doʼn ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nichean a dhʼorduich Maois, mar theisteanas dhaibh. Ach air dhasan dol a mach, thòisich e ri innse, ʼs ri sgaoileadh an sgeoil; air chor ʼs nach bʼurrainn e nis dol a stigh doʼn bhaile gu follaiseach, ach dhʼfhuirich e mach ann an aitean fàs, agus thionail iad as gach aite ga ionnsuidh. Agus chaidh e stigh a rithist do Chapharnaum an ceann beagan laithean. Us chualas gun robh e san tigh, agus chruinnich moran, ionnus ʼs nach faigheadh iad fiu timchioll an doruis, us labhair e am facal riu. Agus thainig iad ga ionnsuidh a toirt leo duine, air an robh am pairilis, air a ghiulan le ceathrar. ʼSa chionn nach bʼurrainn iad a chur ʼna lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad an tigh far an robh e; ʼs air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe ʼna laidhe. ʼS nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut. Ach bha cuidʼ de na Sgriobhaich ʼnan suidhe an sin, ʼsa smaoineachadh ʼnan cridheachan: Ciod thaʼm fearsa cantuinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia ʼna aonar? Dhʼaithnich Iosa san uair ʼna spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, us thuirt e riu: Car-son tha sibh a smaoineachadh nan nichean sin ʼnur cridheachan? Co dhiu is fhasa gh-radh ri fear na crithe: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, tog do leaba, agus coisich? Ach los fios a bhith agaibh gum beil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe,) Deiream riut: Eirich, tog do leaba, agus imich gu do thigh. Agus ghrad-dhʼeirich e: ʼsa togail a leaba, dhʼfhalbh e ʼnam fianuis uile; air chor ʼs gun do ghabh iad ioghnadh air fad, ʼs thug iad gloir do Dhia, a g-radh: Cha n-fhaca sinn riamh a leithid so. Us chaidh e mach a rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, us theagaisg e iad. ʼS nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis ʼna shuidhe an tigh na cise, us thuirt e ris: Lean mise. ʼSa g-eirigh, lean e e. Agus thachair, nuair a bha e ʼna shuidhe aig biadh ʼna thigh-san, gun do shuidh moran chismhaor us pheacach mar ri Iosa agus a dheisciopuil: oir bha moran ann, a lean e. Agus na Sgriobhaich ʼs na Phairisich a faicinn gun robh e g-iche comhla ri cismhaoir agus peacaich, thuirt iad ri dheisciopuil: Car-son a tha ur maighistir a g-iche ʼsa g-ol comhla ri cismhaoir agus peacaich? Air do Iosa so chluinntinn, thuirt e riu: Cha n-eil feum aig daoine slana air leigh, ach aig daoine tinne: oir cha tainig mi a ghairm nan naomh ach nam peacach. Agus bha deisciopuil Eoin ʼs nam Phairiseach a trasgadh; agus thainig iad, us thuirt iad ris: Car-son tha deisciopuil Eoin ʼs nam Phairiseach ri traisg, agus nach eil na deisciopuil agadsa ri traisg? Us thuirt Iosa riu: An urrainn clann na bainnse trasgadh, fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riu? Fhad ʼsa bhitheas fear-na-bainnse cuide riu, cha n-urrainn dhaibh trasgadh. Ach thig na laithean anns an toirear bhuatha fear-na-bainnse: agus an sin ni iad traisg anns na laithean sin. Cha n-fhuaghail duine air bith breid de dhʼaodach ùr air seann eideadh: air-neo bheir am breid ùr a liad fhein as an t-seann aodach, us bithidh an stracadh nas mua. Agus cha chuir duine sam bith fion ùr ann an seann searragan: air-neo sgainidh am fion na searragan, us doirtear am fion, agus caillear na searragan: ach is còir fion ùr a chur an searragan ùra. Us thachair a rithist, nuair a bha an Tighearna triall tromh achaidhean arbhair air an t-sàbaid, gun a theann a dheisciopuil, ʼs iad a gabhail air an adhart, ri spioladh dhias. Us thuirt na Phairisich ris: Seall, car-son tha iad a dianamh air latha na sàbaid ni nach eil ceadaichte? Us thuirt e riu: Nach do leugh sibh riamh, ciod a rinn Dài, nuair a bha e feumach ʼs air acras, e fhein agus iadsan a bha cuide ris? Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe ri linn Abiathair an t-ard-shagart, agus dhʼich e na builionnan-tairgse, nach robh ceadaichte icheadh, ach do na sagairt, agus thug e dhaibhse a bha comhla ris? Us thuirt e riu: Rinneadh an t-sàbaid air son an duine, ʼs cha n-e an duine air son na sàbaid. Mar sin se Mac an duine Tighearna na sàbaid fhein. Us chaidh e stigh a rithist do ʼn t-sinagog, agus bha fear an sin aig an robh lamh sheargte. Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air na laithean sàbaid; los cuis dhitidh fhaighinn ʼna aghaidh. Agus thuirt e ris an duine aig an robh an lamh sheargte: Seas suas sa mhiadhon. Us thuirt e riu: A bheil e laghail math dhianamh air na laithean sàbaid, no olc? beatha a thiarnadh, no cur as di? Ach bha iadsan ʼnan tosd. ʼSa g-amharc orra mun cuairt le feirg ʼs le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sìn a mach do lamh. Agus shìn e i: us rinneadh slan a lamh dha. ʼSna Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich ʼna aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad a dhith e. Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile ʼs bho Iudéa, Agus bho Ierusalem, agus bho Iduméa, ʼs bho thaobh thall Iordain; us iadsan mu thimchioll Thiruis agus Shidoin, cuideachda mhor, ʼs iad air cluinntinn nan nichean a rinn e, thainig iad ga ionnsuidh. Agus thuirt e ri dheisciopuil, saghach beag a bhith ga fhreasdal as leth an t-sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e. Oir leighis e moran, air chor ʼs gun do bhruchd iad ga ionnsuidh gu beantuinn da, a mhiad ʼsa bha easlainteach. ʼS nuair a chunnaic na spioraid neoghlan e, thuit iad sios air a bhialaobh: agus dhʼeigh iad, a g-radh: Is tusa Mac Dhe. Us mhaoith e gu fuathasach orra, gun iad ga dhianamh follaiseach. ʼSa dol suas gu beinn, ghairm e h-uige an fheadhainn a bʼaill leis fhein; agus thainig iad ga ionnsuidh. Agus roghnaich e gum biodh dà fhear dhiag maille ris; agus gun cuireadh e a theagasg iad. Us thug e comas dhaibh tinneasan a leigheas, agus deomhain a thilgeadh a mach. Agus thug e Peadar mar ainm air Simon: Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, us thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich: Agus Aindris, agus Philip, agus Bartholomé, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananéach, Agus Iudas Iscariot, esa mar an ciadna a bhrath e. Us thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor ʼs nach bʼ urrainn daibh urad agus aran iche. ʼS nuair a chual a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Guna ghabh e an caothach. Us thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas á Ierusalem: Tha Beelsebub aige, ʼs gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan. ʼS an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riu ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach? Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, cha n-urrainn do ʼn rioghachd sin seasamh. Agus ma bhios tigh air a roinn ʼna aghaidh fhein, cha n-urrainn do ʼn tigh sin seasamh. ʼS ma tha Satan air eirigh ʼna aghaidh fhein, tha e roinnte, ʼs cha n-urrainn da seasamh, ach tha crioch air. Cha n-urrainn do neach air bith dol a stigh do thigh duine laidir, agus ʼairneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh. Gu firinneach tha mi g-radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum: Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha n-fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh. Chionn gun robh iad a g-radh: Tha spiorad neo-ghlan aige. Us thainig a mhathair ʼsa bhraithrean; ʼs ʼnan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh. Agus bha an sluagh ʼnan suidhe mun cuairt da; us thuirt iad ris: Faic tha do mhathair ʼs do bhraithrean a muigh ga tʼ iarraidh. Agus gam freagairt thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean? ʼSa g-amharc mun cuairt orrasan, a bha ʼnan suidhe mu thimchioll, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean. Oir is esan, a ni toil De, mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair. Agus thòisich e rithist ri teagasg aig taobh na mara; us thionail moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor ʼsa dol air bord saghaich air a mhuir, gun do shuidh e, agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tir; Agus theagasg e moran nichean dhaibh an dubhfhacail, us thuirt e riu ʼna theagasg: Eisdibh: Seall, chaidh fear-cuir a mach a chur. ʼS nuair a bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid; agus thainig eoin an athair, agus dhʼich iad e. Agus thuit cuid eile air talamh creagach, far nach robh moran ùire aige: ʼs ghrad-dhʼfhas e, chionn nach robh doimhneachd fuinn aige: ʼS nuair a dhʼeirich a ghrian, shearg e; ʼs bho nach robh friamh aige, shearg e as. Agus thuit cuid eile dheth feadh dhreaghan; agus dhʼ fhàs an dreaghan suas, us thachd e e, agus cha tug e mach toradh. Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dhʼfhas e suas, us chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte. Us thuirt e: Esan aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e. Agus nuair a bha e leis fhein, dhʼfhaighnich na dhà-dhiag, a bha comhla ris, an dubhfhacal dheth. Us thuirt e riu: Thugadh dhuibhse eolas air run-diomhair rioghachd Dhe: ach dhaibhse, a tha muigh, nithear a h-uile ni ann an dubhfhacail, Air chor ʼsa faicinn gum faiceadh iad, ʼs nach bu leir dhaibh; ʼsa cluinntinn gun cluinneadh iad, ʼs nach tuigeadh iad: eagal gun tionndadh iad uair air bith, ʼs gum mathte dhaibh am peacannan. Us thuirt e riu: Nach aithne dhuibh an dubhfhacal so? agus ciamar a dhʼaithneas sibh a h-uile dubhfhacal? Esan a tha cur, tha e cur an fhacail. Agus is iadsan ri taobh an rathaid, far na chuireadh am facal, an fheadhainn nach luaithe chluinneas iad e, na thig Satan, us sgobaidh e air falbh am facal a chuireadh ʼnan cridheachan. Agus is iadsan mar an ciadna, a chuireadh anns an talamh chreagach, an fheadhainn, an deigh dhaibh eisdeachd ris an fhacal, a ghrad-ghlac e le aoibhneas: ʼS cha n-eil friamh aca; unnta fhein, ach mairidh iad car tamuill; agus an deigh sin nuair a dhʼeirgheas trioblaid agus geur leanmhuinn air son an fhacail, tha iad a gabhail sgainneil san uair. Agus tha feadhainn eile ann, a tha air an cur am measg dhreaghan; ʼsiad sin iadsan a dhʼeisdeas ris an fhacal, Ach tha iomaguin an t-saoghail, agus mealltaireachd beartais, agus sannt air nichean eile dol a stigh ʼsa tachdadh an fhacail, agus ga fhagail gun toradh. Agus an fheadhainn a chuireadh air talamh math, ʼsiad sin iadsan a dhʼeisdeas ris an fhacal, ʼsa ghlacas e, sa bheir a mach toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, cuid ciad fillte. Us thuirt e riu: An toirear coinneal, gus a cur fo shaghach, no fo leabaidh? nach ann gus a cur an coinnleir? Oir cha n-eil ni am falach, nach toirear am follais; ʼs cha dʼrinneadh ni an uaigneas, ach los gun tig e fos naird. Ma tha cluasan aig duine air bith gu cluinntinn, cluinneadh e. Us thuirt e riu: Thugaibh an aire do ʼn rud a chluinneas sibh. Leis an tomhas leis na thomhais sibh, toimhsear dhuibh air ais, agus cuirear tuille ris dhuibh. Oir doʼn neach aig a bheil, bheirear: agus bho an neach aig nach eil bheirear an ni sin fhein a thʼaige. Us thuirt e: Mar so tha rioghachd Dhe mar gun tilgeadh duine siol anns an talamh, ʼS gun caidleadh e, ʼs gun eirgheadh e a dhʼoidhche ʼsa latha, ʼs gum fàsadh an siol, ʼs gun cinneadh e gun fhios da. Oir bheir an talamh a mach toradh leis fhein, an toiseach an duilleag, an sin an dias, a rithist an grainnean lan anns an déis. ʼS nuair a tha ʼn toradh abaich, cuiridh e an corran ris gun dàil, bho na tha am faghar air tighinn. Us thuirt e: Co ris a shamhlaicheas sinn rioghachd Dhe? no ciod an dubhfhacal ris an cuir sinn an coimeas i? Tha i coltach ri grainne de shiol mustaird, fras, nuair a chuirear san talamh i, is lugha deʼn h-uile siol a tha air thalamh: ʼS an deigh a cur, fàsaidh i suas, us cinnidh i nas mua na h-uile luibh, us cuiridh i mach giagan mora, ionnus ʼs gum faod eoin an athair tamh fo ʼsgàile. Agus le ioma dubhfhacal deʼn leithidean so, labhair e riu am facal, air reir ʼs mar bʼurrainn daibh eisdeachd: Agus gun dubhfhacal cha do labhair e riu: ach a lethtaobh mhinich e a h-uile ni dha dheisciopuil. Us thuirt e riu an latha sin fhein, nuair thainig am feasgar: Rachamaid null thun an taoibh eile. ʼSa cur air falbh an t-sluaigh, ghabh iad e stigh doʼn eathar mar a bha e; us bha eathraichean eile comhla ris. Agus dhʼeirich stoirm mhor ghaoithe, agus thaom i na tuinn a stigh doʼn eathar, air chor ʼs gun robh an t-eathar lionadh. Agus bha esan an deireadh an eathair ʼna chadal air cluasaig; agus dhuisg iad e, us thuirt iad ris: A Mhaighistir, nach eil omhail agad gu bheil sinn a dol a dhith? ʼSa g-eirigh bhagair e air a ghaoith, ʼs thuirt e ris a mhuir: Gabh fois, bi samhach. Us laidh a ghaoth; agus thainig fiath mor. Us thuirt e riu: Car-son a tha eagal oirbh? nach eil creideamh agaibh fhathast? Agus ghabh iad eagal mor; us thuirt iad ri cheile: Co, a shaoileas tu, is e so, chionn tha ghaoth araon agus a mhuir umhailt dha? Agus thainig iad thairis air a chaolas mhara gu duthaich nan Geresach. ʼSa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan, Aig an robh a thuineadh anns na h-uaighean, ʼs cha bʼurrainn do dhuine air bith a cheangal a nis, ged bʼ ann le slabhruidhean: Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, ʼs le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, ʼs bhruan e na cuibhrichean, agus cha bʼurrainn do dhuine air bith a cheannsachadh. Us bha e daonnan a latha ʼsa dhʼoidhche anns na h-uaighean agus anns na beanntan, a g-eigheach, ʼs ga bhruthadh fhein le clachan. ʼSa faicinn Iosa fad as, ruith e, ʼs thug e aoradh dha; ʼSa g-eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod mo ghnothachsa riut, Iosa Mhic an De is airde? guidheam ort as leth Dhe, nach pian thu mi. Oir thuirt e ris: Gabh a mach as an duine, a spioraid neoghlain. Agus dhʼfhaighnich e dheth: Cʼainm thʼort? Us thuirt e ris: Se Legion mʼ ainm, oir is moran sinn. Us ghrios e gu cruaidh air, nach fogradh e mach as an duthaich e. Agus bha an sin mun bheinn treud mhor mhuc a g-ionaltradh. Agus ghuidh na spioraid air, a g-radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta, Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. ʼS air dol a mach do na spioraid neoghlan, chaidh iad a stigh anns na mucan; us chaidh an treud, a bha mu dhà mhile, ʼnan deann-ruith an comhair an cinn sa mhuir, agus thachdadh iad sa mhuir. Agus theich an fheadhainn a bha gam biadhadh, us dhʼinnis iad sa bhaile, us feadh na ducha. Agus chaidh iad a mach a dhʼfhaicinn ciod a thachair; Us thainig iad gu Iosa, agus chunnaic iad esan, a bha air a sharachadh leis an deomhan, ʼna shuidhe agus aodach uime, agus ʼna lan chiall; us ghabh iad eagal. Agus dhʼinnis iadsan, a chunnaic e dhaibh mar a rinneadh airsan anns an robh an deomhan, agus mu dheidhinn nam muc. Agus thòisich iad ri guidhe air, gum falbhadh e as an criochan. ʼS nuair a bha e dol a stigh doʼn bhàta, thòisich am fear, a bha air a phianadh leis an deomhan, ri griosad air a leigeil comhla ris: Agus cha do leig e leis, ach thuirt e ris: Falbh dhachaidh gu do mhuinntir, us innis dhaibh a mhiad ʼsa rinn an Tighearna riut, ʼs mar ghabh e truas riut. Us dhʼfhalbh e, agus thòisich e ri innse ann an Decapolis a mhiad sa rinn Iosa ris; agus ghabh iad uile iongantas. ʼS nuair a chaidh Iosa thar an aiseag a rithist sa bhàta, thionail moran sluaigh ga ionnsuidh, agus bha e teann air a mhuir. Agus thainig fear de dhʼuachdrain an t-sinagoig, dhaʼm bʼainm Iairus; ʼs ga fhaicinn, thuit e sios aig a chasan, Agus ghuidh e gu cruaidh air, a g-radh: Tha mo nighean ri uchd bàis, thig, cuir do lamh oirre, los gun leighisear i, ʼs gum bi i beo. Us dhʼfhalbh e comhla ris, agus lean cuideachda mhor e, us bha iad a domhlachadh uime. Agus boirionnach, air an robh siubhal fala fad dà bhliadhna dhiag, ʼSa dhʼfhuilig moran bho iomadh lighich, ʼsa chosg a cuid uile, ʼs nach deach dad am feobhas, ach an aite sin am miosad, A cluinntinn mu Iosa, thainig i, am measg an t-sluaigh, air a chulaobh, agus bhean i dha eideadh; Oir thuirt i: Ged nach dian mi ach beantuinn dha aodach, bithidh mi slan. Us thiormaich san uair a tobar fala, agus dhʼfhairich i air a coluinn gun robh a h-eucail air a leigheas. Agus dhʼaithnich Iosa sa cheart uair ann fhein, gun deach feartan a mach bhuaithe, agus thionndaidh e ris an t-sluagh, us thuirt e: Co bhean dha mʼ eideadh? Us thuirt a dheisciopuil ris: Tha thu faicinn an t-sluaigh ga dʼ theannachadh, ʼs an abair thu: Co bhean dhomh? Agus sheall e mun cuairt a dhʼfhaicinn na té a rinn so. Ach am boirionnach a tuigsinn na rinneadh innte, thainig i fo fhiamh ʼs air chrith, agus thuit i sios air a bhialaobh, us dhʼinnis i dha an fhirinn gu leir. Us thuirt esan rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh ann an sith, us bi air do leigheas bho tʼ eucail. Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig feadhainn bho riaghladair an t-sinagoig, a g-radh: Chaochail do nighean: car-son a tha thu cur tuille dragh air a mhaighistir? Ach nuair a chual Iosa am facal a bhathas a labhairt, thuirt e ri riaghladair an t-sinagoig: Na gabh eagal: ach a mhain creid. ʼS cha do leig e le duine air bith a leanail, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, brathair Sheumais. Us rainig iad tigh riaghladair an t-sinagoig, agus chunnaic e an iomairt, us sluagh a gal, ʼsa caoidh gu goirt. ʼSa dol a stigh, thuirt e riu: Car-son tha sibh fo bhruaillean, ʼsa gal? cha n-eil an nighean marbh, ach ʼna cadal. Us rinn iad gàire fanaid air. Ach air dhasan an cur uile mach, thug e leis athair us mathair na h-ighinn, us iadsan a bha cuide ris, agus chaidh e a stigh far an robh an nighean ʼna laidhe. ʼSa breith air laimh na h-ighinn, thuirt e rithe: Talitha cumi, se sin air eadar-theangachadh: A nighean (tha mi g-radh riut), eirich. Us dhʼeirich an nighean san uair, us choisich i, oir bha i dà bhliadhna dhiag a dhʼ aois. Agus bʼanabarrach an t-iongantas a ghabh iad. Us sparr e gu cruaidh orra, gun neach air bith brath fhaighinn air so; agus dhʼ iarr e rudeigin a thoirt di ri icheadh. Us dhʼfhalbh e as a sin, agus chaidh e gu dhuthaich fhein; us lean a dheisciopuil e; Agus nuair thainig an t-sàbaid, thòisich e ri teagasg san t-sinagog; us ghabh moran a bha ga eisdeachd ioghnadh ri theagasg, a g-radh: Co as tha na nichean so uile aig an duine so? agus ciod e an gliocas a tha air a thoirt dha: ʼs na gniomhan cho euchdail, a thʼair an dianamh le lamhan? Nach e so an saor, mac Moire, brathair Sheumais, us Ioseiph, us Iuda, us Shimoin? nach eil a pheathraichean an so maille ruinn? Agus ghabh iad sgainneal as. Us thuirt Iosa riu: Cha n-eil faidh gun onair ach ʼna dhuthaich fhein, agus ʼna thigh fhein, ʼs am measg a chairdean fhein. Agus cha bʼurrainn da miarailt air bith a dhianamh an sin, ach a mhain gun do leighis e beagan de dhaoine tinne le a lamhan a leagail orra; Us ghabh e iongantas ri ʼn cion creidimh, agus dhʼ imich e feadh nam bailtean mun cuairt a teagasg. Agus ghairm e na dhà-dhiag: us thòisich e air an cur air falbh lion dithis us dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neoghlan. Us dhʼàithn e orra gun dad a thoirt leo air an rathad, ach bata a mhain: gun mhàla gun aran, gun airgiod ʼnan sporan, Ach cuarain air son caiseirt, ʼs gun dà chota a chur orra. Us thuirt e riu: Ge bʼe aite san teid sibh a stigh do thigh, fanaibh ann, gus am falbh sibh as a sin. Agus co air bith nach dian ur beatha, ʼs nach eisd ribh, a falbh á sin, crathaibh an duslach dhe ʼr casan mar theisteanas ʼnan aghaidh. ʼSa gabhail a mach, shearmonaich iad gun diante peanas: Agus thilg iad a mach moran dheomhan, us dhʼung iad le ola moran dhaoine tinne, agus leighis iad iad. Agus chual righ Herod (oir rinneadh ʼainm follaiseach), us thuirt e: Dhʼ eirich Eoin Baiste bho na mairbh: ʼs air an aobhar sin tha feartan gan oibreachadh leis. Ach thuirt feadhainn eile: Se Elias a thʼann. Us thuirt cuid eile: Se faidh thʼ ann, mar a h-aon de na faidhean. Air do Herod so chluinntinn, thuirt e: Se Eoin, dheʼn tug mise an ceann, a thʼ ann, dhʼeirich e bho na mairbh. Oir bha Herod fhein air cur mach, ʼs air glacadh Eoin, ʼs air a cheangal am priosan as leth Herodiais, bean a bhrathar Philip, chionn gun do phos e i. Oir thuirt Eoin ri Herod: Cha n-eil e laghail dhut bean do bhrathar a bhith agad. Agus bha Herodias a caitheamh foille air; agus bha toil aice a mharbhadh, ach cha bʼurrainn di. Oir bha eagal aig Herod roimh Eoin, a tuigsinn gun robh e ʼna dhuine ceart agus naomh: agus ghleidh e e, agus air dha eisdeachd ris, rinn e ioma ni, agus dhʼ eisd e ris gu toileach. Agus nuair thainig latha freagrach, rinn Herod suipeir, air son latha bhreith, do dhʼuaislean, ʼs do cheannardan, ʼs do mhaithean Ghalile. ʼS nuair a thainig nighean Herodiais so stigh, ʼsa dhanns i, ʼsa thaitinn i ri Herod, agus riusan a bha aig bord cuide ris, thuirt an righ ris a chailin: Iarr orm na ʼs aill leat, us bheir mi dhut e: Agus mhionnaich e dhi: Ge bʼe ni a dhʼiarras tu bheir mi dhut, ged a bʼe leth mo rioghachd. Nuair chaidh i mach, thuirt i ri mathair: Ciod a dhʼiarras mi? ach thuirt ise: Ceann Eoin Baiste. ʼS air dhi tighinn stigh le cabhaig san uair thun an righ, dhʼiarr i, a g-radh: Is aill leam gun toir thu dhomh san uair ceann Eoin Baiste air meis. Agus bhaʼn righ ro-dhuilich: ach as leth a mhionnan, ʼs air son na feadhnach a bhʼaig bord maille ris, cha bʼaill leis miothlachd a chur oirre: ʼSa cur sleagh-fhear bhuaithe, dhʼorduich e a cheann a thoirt a stigh air meis. Us thug e an ceann dheth sa phriosan, Agus thug e leis a cheann air meis, ʼs thug e do ʼn chailin e; agus thug a chailin dha mathair e. Nuair chual a dheisciopuil so, thainig iad, ʼs thug iad leo a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e. Us chruinnich na h-ostail gu Iosa, agus dhʼ innis iad dha h-uile ni, a bha iad air dianamh, ʼs air teagasg. Us thuirt e riu: Thigibh a lethtaobh gu aite fàs, agus leigibh ur n-anail car tamuill. Oir bha iad lionor an fheadhainn a bha tighinn ʼsa dol; agus cha robh urad us tim aca air biadh a ghabhail. ʼSa gabhail a stigh do bhàta, chaidh iad a lethtaobh gu aite fàs. Agus chunnacas iad a falbh, ʼs bha fios aig moran air; ʼsa falbh air an cois as na bailtean uile, ruith iad an sin, agus bha iad rompa. ʼSa dol a mach, chunnaic Iosa moran sluaigh: agus ghabh e truas riu, a chionn gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaill, agus thòisich e ri moran a theagasg dhaibh. Agus nuair a bha nis a mhor chuid de ʼn latha seachad, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, a g-radh: Is fasach an t-aite so, ʼs thaʼn uair nis air ruith: Leig air falbh iad, los a dol do na tighean duthcha ʼs do na bailtean is teinne orra gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein a dhʼicheas iad. Agus fhreagair e iad, a g-radh: Thugaibh fhein dhaibh ri iche. Us thuirt iad ris: Rachamaid a cheannach luach dà chiad sgilinn de dhʼ aran; agus bheir sinn dhaibh ri iche. Us thuirt e riu: Co miad builionn a thʼagaibh? siubhlaibh a dhʼfhaicinn. Agus nuair fhuair iad mach, thuirt iad: Coig, ʼs dà iasg. Agus dhʼorduich e dhaibh a thoirt orra suidhe uile ʼnam buidhnean air an fhiar ghorm. Us shuidh iad sios ʼnan cuideachdan chiadan agus leth-chiadan. ʼSa glacail nan coig builionnan, ʼs an dà éisg, ʼsa g-amharc suas gu neamh, bheannaich e, us bhrist e na builionnan, agus thug e iad dha dheisciopuil, gus an cur air am bialaobh; agus roinn e an dà iasg orra uile. Us dhʼich iad uile, agus riaraicheadh iad. Us thog iad na fuighlichean, lan dà chliabh dhiag de spruileach, ʼs de dhʼiasg. Agus bʼe aireamh na feadhnach, a dhʼich, coig mile fear. ʼS air ball thug e air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhàta, gus iad a dhol roimhe thar a chaol gu Bethsaida, fhad ʼsa bhiodh e fhein a sgaoileadh an t-sluaigh. Agus nuair a sgaoil e iad, chaidh e suas do bheinn a ghabhail urnaigh. ʼS nuair a bha an t-anamuch ann, bha am bàta am miadhon na fairge, agus esan leis fhein air tir. ʼSa faicinn gun robh iad air an sarachadh a g-iomradh (oir bha ghaoth ʼnan aghaidh), thainig e muʼn cheathramh faire deʼn oidhche gan ionnsuidh, a coiseachd air a mhuir; agus bha toil aige dhol seachad orra. Ach iadsan ga fhaicinn a coiseachd air a mhuir, shaoil iad gur samhladh a bhʼann, ʼs thug iad glaodh. Oir chunnaic iad uile e, agus dhʼoiltich iad. Agus ghrad-labhair e riu, us thuirt e riu: Biodh misneach agaibh: Is mise thʼann, na biodh eagal oirbh. Agus dhirich e suas doʼn bhàta gan ionnsuidh, agus laidh a ghaoth. Agus ʼsann is mua a bha dhʼiongantas orra annta fhein. Oir cha do thuig iad mu na builionnan: oir bha an cridhe air a dhalladh. Agus nuair dhʼaisig iad thairis, thainig iad gu talamh Ghenesareth, us tharruinn iad gu tir. ʼS nuair thainig iad as a bhàta, dhʼaithnich iad e san uair: ʼSa ruith feadh na duthcha sin uile, thoisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiulan mun cuairt air leabaichean far an cual iad esan a bhith. Agus co sa bith aite san robh e dol a stigh do bhailtean, no chathraichean, no do dhuthchannan, bha iad a cur nan daoine tinn air na straidean, ʼsa guidhe air gum faodadh iad a mhain beantuinn do dhʼfhaitheam eididh; ʼsa mhiad ʼsa bhean da, rinneadh slan iad. Agus thionail na Phairisich ga ionnsuidh, us cuid dhe na Sgriobhaich, a thainig bho Ierusalem. Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil a g-ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh. Oir cha n-ith na Phairisich, agus na h-Iudhaich uile biadh, mur nigh iad an lamhan gu tric, a leanail beul-aithris nan seanairean. Agus ma thig iad bhoʼn mhargadh, cha n-ith iad gun ionnlad; ʼs tha ioma ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, us phoitean, us shoitheachan pràise, us leabaichean. Agus dhʼfharraid na Phairisich ʼs na Sgriobhaich dheth: Car-son nach eil do dheisciopuil a g-imeachd air reir beul-aithris nan seanairean, ach a g-ithe arain le lamhan gun nighe? Ach esan a freagairt, thuirt e riu: Is math a dhʼfhaisnich Isaias muʼr deidhinn, a chealgairean, mar tha e sgribhte: Tha ʼm pobull so toirt urraim dhomhsa leʼm bilean: ach tha an cridhe fada bhuam. Agus is faoin dhaibh a bhith toirt aoraidh dhomhsa, ʼs iad a teasgasg puingean us orduighean dhaoine. Oir a fagail fainte Dhe, tha sibh a cumail beul-aithris dhaoine, mar tha nighe phoitean, us chupaichean; agus moran nichean eile de ʼn leithidean sin tha sibh a dianamh. Us thuirt e riu: Is math tha sibh a cur fainte Dhe air chul, gus ur beul-aithris fhein a chumail. Oir thuirt Maois: Thoir onair dha tʼathair us dha dʼmhathair; agus: Am fear a mholluicheas ʼathair no mhathair, a basachadh basaicheadh e. Ach tha sibhse g-radh: Ma their duine ri ʼathair no ri mhathair: Corban sam bith (se sin tobhartas) bhuam-sa, thig e gu buannachd dhutsa: Agus thar sin cha leig sibh leis dad a dhianamh dha athair, no dha mhathair, A cur facal De air chul le ur bial-aithris fhein, a thug sibh seachad; agus tha sibh a dianamh ioma ni eile coltach riu sin. ʼSa gairm a rithist an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riu: Eisdibh rium uile, agus tuigibh. Cha n-eil ni a dol a stigh ann an duine bhoʼn taobh-mach, a ʼs urrainn a thruailleadh: ach ʼsiad na nichean a tha tighinn a mach á duine, a tha truailleadh an duine. Ma tha cluasan aig neach air bith gu cluinntinn, cluinneadh e. Agus nuair a chaidh e stigh do ʼn tigh bhoʼn t-sluagh, dhʼfharraid a dheisciopuil dheth an dubhfhacal. Us thuirt e riu: Am beil sibhse mar sin gun tuigse? Nach eil sibh a tuigsinn, nach eil ni sa bith a dol a stigh ann an duine bhoʼn taobh-mach, a ʼs urrainn a thruailleadh: A chionn ʼs nach eil e a dol a stigh ʼna chridhe, ach a dol a stigh ʼna bhroinn, us theid e mach do ʼn dùn, a glanadh bhiadhan uile? Ach thuirt e, gur iad na nichean, a thig mach as an duine a thruailleas an duine. Oir ʼsann bhoʼn taobh stigh á cridhe dhaoine a thig droch smaointean, adhaltras, striopachas, murt, Goid, sannt, droch-bheart, foill, mi-gheamnachd, droch-shuil, blaisbheum, uabhar, aimideachd. Tha na h-uilc sin uile a struthadh bhoʼn taobh stigh, ʼs tha iad a truailleadh an duine. ʼSa g-eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; ʼsa dol a stigh do thigh, cha bʼaill leis gum biodh brath aig duine sa bith air, agus cha bʼurrainn e bhith am falach. Oir cho luath ʼsa chuala boirionnach, aig an robh nighean anns an robh spiorad neoghlan, uime, chaidh i stigh, agus thuit i aig a chasan. Oir bu bhana-phaganach am boirionnach de chinneadh Shirophenissa. Agus ghrios i air gun cuireadh e an deomhan as a h-ighinn. Thuirt esan rithe: Leig leis a chloinn a bhith air an riarachadh an toiseach: oir cha n-eil e math aran na cloinne a ghabhail, ʼsa thilgeadh thun nan con. Ach fhreagair ise, us thuirt i ris: Tha, a Thighearna, oir ithidh na cuileinean foʼn bhord de chriomagan na cloinne. Us thuirt e rithe: Air son an fhacail so bi falbh, chaidh an deomhan a mach as do nighinn. ʼS nuair rainig i a tigh, fhuair i an nighean ʼna laidhe air an leabaidh, ʼs an deomhan air dol a mach. ʼSa triall a rithist á criochan Thiruis, thainig e tromh Shidon gu muir Ghalile tromh mhiadhon criochan Dhecapolis. Agus thug iad ga ionnsuidh duine bodhar us balbh, agus ghuidh iad air, gun cuireadh e a lamh air. Us ga thoirt a lethtaobh a mach as an t-sluagh, chuir e mheoir ʼna chluasan; ʼs le shile bhean e dha theangaidh; ʼSa g-amharc suas gu neamh, thug e osnadh, us thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air tʼfhosgladh. Agus san uair dhʼ fhosgladh a chluasan, agus dhʼfhuasgladh ceangal a theangaidh, us labhair e ceart. Us dhʼàithn e orra gun iad a dhʼinnse do neach air bith. Ach mar is mua dhʼàithn e orra ʼsann is ro-mhua bha iadsa ga innse; Agus ʼsann is ro-mhua ghabh iad iongantas, a g-radh: Rinn e a h-uile ni gu math; thug e air na bodhair cluinntinn, agus air na balbhain labhairt. Anns na laithean sin a rithist nuair a bha moran sluaigh ann, gun ni aca a dhʼitheadh iad, ghairm e a dheisciopuil, us thuirt e riu: Tha truas agam ris an t-sluagh: oir, seall, tha iad air giulan leam cheana tri latha, ʼs cha n-eil ni aca a dhʼitheas iad: Agus ma leigeas mi air falbh iad ʼnan traisg dhaʼn tighean, fannaichidh iad air an rathad; oir thainig cuid dhiu fad as. Us fhreagair a dheisciopuil e: Co as is urrainn do neach an riarachadh le aran an so san fhasach? Us dhʼfharraid e dhiu: Co miad builionn a thʼagaibh? Thuirt iad: Seachd. Agus dhʼorduich e doʼn t-sluagh suidhe air an làr. ʼSa glacail nan seachd builionnan, ʼsa toirt buidheachais, bhrist e, us thug e dha dheisciopuil iad gus an cur air am bialaobh, agus chuir iad air bialaobh an t-sluaigh iad. ʼS bha beagan de mheanbh-iasg aca; agus bheannaich e iad, agus dhʼ iarr e an cur air am bialaobh. Agus dhʼith iad, us riaraicheadh iad, agus deʼn phronnaig a dhʼfhagadh thog iad seachd cleibh. Us bha an fheadhainn a dhʼith mun cuairt do cheithir mile: agus chuir e air falbh iad. ʼS gun mhoille chaidh e stigh do shaghach maille ri dheisciopuil, agus thainig e gu criochan Dhalmanutha. Agus thainig na Phairisich a mach, us thòisich iad ri cheasnachadh, a g-iarraidh comharraidh air bho neamh, ga bhuaireadh. ʼSa g-osnaich ʼna spiorad, thuirt e: Car-son a tha an ginealach so a g-iarraidh comharraidh? gu deimhinn tha mi g-radh ribh, nach toirear comharradh doʼn ghinealach so. Agus gam fagail chaidh e a rithist air bord saghaich, us dhʼfhalbh e thar a chaol. Agus dhiochuimhnich iad builionnan a thoirt leo; agus cha robh aca ach aon bhuilionn maille riu san eathar. Us dhʼàithn e orra, a g-radh: Bithibh sealltuinneach agus faicilleach oirbh fhein bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, ʼs bho thaois-ghoirt Heroid. Agus bha iadsa reusonachadh ri cheile, a g-radh: ʼSann a chionn nach eil aran againn. Os Iosa riu, ʼs e tuigsinn so: Car-son tha sibh smaoineachadh a chionn ʼs nach eil aran agaibh? nach eil aithne agaibh fhathast no tuigse? am beil ur cridhe dall fhathast? Tha suilean agaibh, ʼs nach eil sibh a faicinn? agus tha cluasan agaibh, ʼs nach eil sibh a cluinntinn? cha mhua tha sibh a cuimhneachadh, Nuair bhrist mi na coig builionnan am measg choig mile, co miad lan cleibh de phronnagan a thog sibh? Thuirt iad ris: A dhà-dhiag. Agus a rithist na seachd builionnan am measg cheithir mile, co miad cliabh de phronnagan a thog sibh? Us thuirt iad ris: Seachd. Us thuirt e riu: Ciamar nach eil sibh a tuigsinn fhathast? Agus thainig iad gu Bethsaida, ʼs thug iad duine dall ga ionnsuidh, agus ghuidh iad air gum beanadh e dha. ʼSa breith air laimh an doill, thug e mach as a bhaile e; ʼsa cur a shile air a shuilean, ʼsa cur a lamhan air, dhʼ fharraid e dheth, an robh e faicinn dad. ʼSa sealltuinn suas thuirt e: Tha mi faicinn dhaoine mar chraobhan a g-imeachd. An sin chuir e a lamhan air a shuilean rithist; agus thòisich e ri faicinn; us fhuair e fhradharc, air chor ʼs gum bu leir dha gach ni gu soilleir. Us chuir e gu thigh fhein e, a g-radh: Falbh gu do thigh; agus ma theid thu stigh doʼn bhaile, na innis do neach air bith. Agus chaidh Iosa agus a dheisciopuil a mach gu bailtean Chesaréa Philippi; ʼs air an t-slighe dhʼ fharraid e dhe dheisciopuil, a g-radh riu: Co tha daoine g-radh is mi? Fhreagair iad e a g-radh: Eoin Baiste, cuid Elias, ach cuid eile mar h-aon de na faidhean. An sin thuirt e riu: Ach co tha sibhse cantuinn is mi? Fhreagair Peadar, us thuirt e ris: Is tu Criosta. Agus mhaoidh e orra, gun iad a dhʼinnseadh so uime do neach air bith. Us thòisich e ri theagasg dhaibh gum feum Mac an duine moran fhulang, a bhith air a dhiultadh leis na seanairean, ʼs leis na h-ard-shagairt, agus leis na Sgriobhaich, ʼsa bhith air a chur gu bàs; agus an deigh thri laithean eirigh a rithist. Agus labhair e am facal gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus theann e ri chronachadh. Ach Iosa a tionndadh, sheall e air a dheisciopuil, us bhagair e air Peadar, a g-radh: Theirig air mo chulaobh, a shatain: oir cha n-eil tlachd agad de nichean Dhe, ach de nichean dhaoine. ʼSa gairm an t-sluaigh maille ri dheisciopuil ga ionnsuidh, thuirt e riu: Ma ʼs aill le neach air bith mise leantuinn, aicheadhadh e e fhein, us togadh e chrois, agus leanadh e mi. Oir co sa bith leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: agus co sa bith chailleas a bheatha air mo shonsa, ʼs air son an t-soisgeil, sabhailidh e i. Oir ciod e is fheairrde duine, an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e anam? No ciod a bheir duine an eirig anma? Oir an neach a ghabhas naire asamsa, us as mo bhriathran, anns a ghinealach adhaltrannach agus pheacach so, gabhaidh Mac an duine naire as-san, nuair a thig e an gloir Athar maille ris na h-ainglean naomha. Us thuirt e riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gum beil cuid dhiu-san, a tha ʼnan seasamh an so, nach blais bàs, gus am faic iad rioghachd Dhe a tighinn an cumhachd. Agus an deigh shia laithean ghabh Iosa Peadar, us Seumas, agus Eoin; us threoraich e iadsa leo fhein gu beinn aird a lethtaobh, agus dhʼatharraicheadh a chruth ʼnan lathair. Agus dhʼfhàs eideadh dealrach us ro-gheal mar shneachda, geal mar nach urrainn fucadair air talamh a dhianamh. Us chunnacas leo Elias agus Maois; agus bha iad a bruidhinn ri Iosa. Agus Peadar a freagairt, thuirt e ri Iosa: A Rabbi, is math dhuinne a bhith an so; agus dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, a h-aon do Mhaois, ʼsa h-aon do Elias. Oir cha robh fios aige ciod a bha e g-radh; bhrigh gun robh iad fo fhiamh ro-mhor. Agus bha nial a cur sgàile orra, agus as an nial thainig guth, a g-radh: Se so mo Mhac ro-ghaolach; eisdibh ris. ʼSa g-amharc san uair mun cuairt daibh, cha n-fhac iad gin a thuilleadh, ach Iosa leis fhein maille riu. ʼSa tearnadh bhoʼn bheinn, dhʼàithn e orra, gun iad a dhʼ innse do neach air bith nan nichean a chunnaic iad, gus an eireadh Mac an duine bho na mairbh. Us ghleidh iad am facal aca fhein, a cur cheisd air a cheile, ciod a bʼe: gus an eireadh e bho na mairbh. Agus dhʼfharraid iad dheth, a g-radh: Car-son ma ta tha na Phairisich ʼs na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseach? Thuirt e riu, ʼs e freagairt: Elias, nuair thig e air tùs, ath-shuidhichidh e h-uile ni; us mar tha e sgribhte mu Mhac an duine, gum fuilig e moran, ʼs gum faigh e taire. Ach tha mi g-radh ribh, gun tainig Elias, (ʼs gun dʼrinn iad air gach ni bʼaill leo) mar tha sgribhte uime. ʼSa tighinn gu dheisciopuil, chunnaic e moran sluaigh muʼn timchioll, ʼs na Sgriobhaich a deaspud riu. ʼS cha luaithe chunnaic an sluagh uile Iosa, na ghlac iongantas agus uamhas iad, ʼsa ruith ga ionnsuidh chuir iad fàilt air. Agus dhʼfhaighnich e dhiu: Ciod mu bheil sibh a consachadh ri cheile? Us fhreagair fear deʼn t-sluagh, a g-radh: A mhaighistir, thug mi ga tʼ ionnsuidh mo mhac anns am beil spiorad balbh. Agus, ge bʼe aite an glac e e, tha e ga bhualadh ri làr, agus tha e cur a mach cobhair, ʼsa giosgail le fhiaclan, ʼsa seargadh as: us thuirt mi ri dʼ dheisciopuil iad a thilgeadh a mach, agus cha bʼ urrainn daibh. ʼSa freagairt thuirt e: O ghinealaich ana-creidich, cia fhad a bhitheas mi mar-ribh? cia fhad a chuireas mi suas ribh? thugaibh gam ionnsuidh e. Agus thug iad e ga ionnsuidh. Agus cha luaithe chunnaic e Iosa, na ghluais an spiorad e; us bhuaileadh e ris an làr, agus chuir e caran deth us cop mu bhial. Us dhʼfhaighnich e dhe athair: Cia fhad bho na thachair so dha? Us thuirt esan: Bho na bha e ʼna leanabh. Agus is tric a thilg e san teine us anns an uisge e, gu cur as da: ach ma tha ni sa bith na dʼ chomas, gabh truas ruinn agus cuidich sinn. Us thuirt Iosa ris: Ma ʼs urrainn dhut creidsinn, is comasach a h-uile ni doʼn chreideach. Agus athair a ghille a glaodhach san uair, thuirt e le deoir: Tha mi creidsinn, a Thighearna: cuidich mʼ ana-creideamh. Us nuair a chunnaic Iosa an sluagh a ruith cuideachd, mhaoidh e air an spiorad neoghlan, a cantuinn ris: A spioraid bhodhair agus bhailbh, tha mi g-àithneadh ort, theirig a mach as; ʼs na rach a stigh ann tuilleadh. Agus chaidh e mach as, a g-eigheach, ʼs ga riabadh gu goirt: agus dhʼfhas e coltach ri duine marbh, air chor ʼs gun robh moran a g-radh: Tha e marbh. Ach Iosa breith air laimh air, thog e e, agus dhʼ eirich e. ʼS nuair chaidh e stigh doʼn tigh, dhʼfharraid a dheisciopuil deth fos n-iosail: Car-son nach bʼ urrainn duinn a thilgeadh a mach? Us thuirt e riu: Cha n-urrainn do ʼn t-seorsa so dol a mach air sheol sa bith, ach le urnaigh ʼs le traisg. ʼSa falbh as a sin, chaidh iad troimh Ghalile; ʼs cha bʼaill leis gum biodh fios aig duine air bith air so. Oir bha e teagasg a dheisciopul, ʼsa g-radh riu: Gun rachadh Mac an duine liubhairt seachad do lamhan dhaoine, ʼs gum marbhadh iad e, ʼs an deigh a mharbhadh, gun eireadh e rithist air an treas latha. Ach cha do thuig iadsan am facal; agus bha sgàth orra fharraid dheth. Us thainig iad gu Capharnaum. ʼS nuair a bha iad san tigh, dhʼfhaighnich e dhiu: Ciod mun robh sibh a deaspud air an rathad? Ach bha iadsa samhach: oir air an rathad bha iad a consachadh eatorra fhein, co dhiu bu mhua bhiodh. ʼSa suidhe, ghairm e na dhà-dhiag, us thuirt e riu: Ma tha toil aig fear sam bith a bhith air thoiseach, bithidh e air dheireadh orra uile, agus ʼna sheirbhiseach dhaibh uile. ʼSa breith air leanabh, chuir e ʼnam miadhon e; ʼs an deigh a ghlacail ʼna uchd, thuirt e riu: Ge bʼe sa bith ghabhas ri aon leanabh deʼn leithidean so na mʼ ainmse, tha e gabhail riumsa; agus co sa bith ghabhas riumsa, cha n-ann riumsa tha e gabhail, ach ris-san a chuir mi. Agus fhreagair Eoin e, a g-radh: A Mhaighistir, chunnaic sinn duine araid, nach eil gaʼr leanailne, a tilgeadh a mach dheomhan na tʼ ainmse, agus bhac sinn e. Agus thuirt Iosa: Na bacaibh e: oir cha n-eil aon air bith, a ni miarailt na mʼ ainmse, a ʼs urrainn gu h-ealamh labhairt gu h-olc orm. Oir an neach nach eil ʼnur n-aghaidh, tha e leibh. Oir co sa bith a bheir dhuibh ri ol cupan uisge na mʼainmse, a chionn ʼs gur le Criost sibh: gu firinneach tha mi g-radh ribh: cha chaill e dhuais. Agus co sa bith bheir sgainneal do h-aon deʼn fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, bʼfhearr dha clach mhuilinn a bhith crochte mu amhaich, ʼsa bhith air a thilgeil sa mhuir. ʼS ma bheir do lamh sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut dol a stigh gu beatha air lethlaimh, na dol le dà laimh a dhʼiutharna gu teine nach smalar: Far nach basaich a chnuimh aca, ʼs nach smalar an teine. Agus ma bheir do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut dol a stigh gu beatha air lethchois, na do thilgeadh le dà chois a dhʼ iutharna gu teine nach diocail: Far nach basaich a chnuimh aca, ʼs nach smalar an teine. Agus ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i: is fhearr dhut dol a stigh do rioghachd Dhe le aon shuil, na do thilgeadh le dʼ dhà shuil ann an teine iutharna: Far nach basaich a chnuimh aca, ʼs nach smalar an teine. Oir saillear gach aon le teine, us saillear gach iobairt le salann. Tha salann math: ach ma dhʼfhasas an salann neo-bhlasda, co leis a ni sibh blasda e? Biodh salann agaibh unnaibh, agus biodh sith agaibh eadaraibh fhein. ʼSa g-eirigh as a sin, thainig e gu criochan Iudéa air taobh thall Iordain; agus chruinnich sluagh a rithist ga ionnsuidh; agus mar a bʼabhuist da, theagaisg e rithist iad. ʼS na Phairisich a tighinn ga ionnsuidh, dhʼfharraid iad dheth: Bheil e laghail do dhuine a bhean chur air falbh? ʼs iad ga bhuaireadh. Ach esan a freagairt, thuirt e riu: Ciod a dhʼàithn Maois oirbh? Thuirt iad: Thug Maois cead litir-dhealachaidh sgriobhadh, ʼsa cur air falbh. Thuirt Iosa gam freagairt: ʼS ann air son cruas ur cridhe a sgriobh e dhuibh an reachd so. Ach bho thùs a chruthachaidh rinn Dia iad firionn us boirionn. Air son so fagaidh duine athair agus a mhathair, us dluth-leanaidh e ri mhnaoi; Agus bithidh an dithis ʼnan aon fheoil. As leth sin cha dithis iad a nis, ach aon fheoil. An ni ma ta a cheangail Dia, na fuasgladh duine. Agus anns an tigh chuir a dheisciopuil ceisd air a rithist muʼn ni chiadna. Us thuirt e riu: Co sam bith a chuireas air falbh a bhean, ʼsa phosas té eile, tha e dianamh adhaltrais na h-aghaidh. ʼS ma chuireas bean air falbh a fear, ʼs fear eile phosadh, tha i dianamh adhaltrais. Agus thug iad clann bheag ga ionnsuidh, los gum beanadh e dhaibh. Us bha na deisciopuil a maoitheadh air an fheadhainn a bha gan toirt. Nuair chunnaic Iosa iad, ghabh e gu h-olc e, us thuirt e riu: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidhse, agus na bacaibh iad: ʼs gur ann dha ʼn leithidean a bhuineas rioghachd Dhe: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach teid e a stigh innte. Us ghlac e ʼna uchd iad, ʼsa cur a lamhan orra, bheannaich e iad. ʼS nuair a dhʼfhalbh e mach air a thurus, thainig duine araid ʼna ruith, ʼsa dol air a ghluinean air a bhialaobh, dhʼfharraid e dheth, a g-radh: A Mhaighistir mhath, ciod a ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh? Us thuirt Iosa ris: Car-son a tha thu cantuinn math riumsa? cha n-eil aon air bith math, ach Dia ʼna aonar. Is aithne dhut na faintean: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige: Na dian mealltaireachd: Thoir onair dha tʼ athair us dha dʼ mhathair. Ach esan a freagairt, thuirt e ris: A Mhaighistir, iad sin uile chum mi bho mʼ oige. Agus Iosa a g-amharc air, thug e gaol da, us thuirt e ris: Tha aon ni a dhith ort: falbh, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan e, agus bithidh iuntas agad am flathanas; us thig, lean mise. Ach bha duilichinn airse as leth an fhacail, us dhʼ fhalbh e gu tuirseach: oir bu duine e aig an robh moran saibhreis. Agus Iosa a coimhead mu thimchioll, thuirt e ri dheisciopuil: Nach duilich do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd Dhe! Us ghabh a dheisciopuil iongantas á bhriathran. Ach Iosa freagairt a rithist, thuirt e riu: A chlann bheag, nach duilich dhaibhse, a chuireas uigh am beartas, dol a stigh do rioghachd Dhe! Is fhasa do chamhal dol tromh chrò snathaid, na do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd Dhe. Us ghabh iad am barrachd ioghnaidh, a g-radh ri cheile: Agus co is urrainn a bhith sabhailte? Agus thuirt Iosa, ʼs e g-amharc orra: Tha so do-dhiante do dhaoine, ach cha n-eil do Dhia: oir tha h-uile ni an comas Dhe. Agus thòisich Peadar air radh ris: Seall, dhʼfhag sinn a h-uile ni, agus lean sinn thu. Us thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: cha n-eil neach air bith a dhʼfhagas tigh, no braithrean, no peathraichean, no athair, no mathair, no clann, no fearann, as mo lethse, agus as leth an t-soisgeil, Nach fhaigh a chiad urad a nis san tim so fhein, tighean, agus braithrean, us peathraichean, us mathraichean, us clann, us fearann, am measg gheur-leanmhuinn, agus a bheatha shiorruidh san ath shaoghal. Ach tha moran air thoiseach a bhitheas air dheireadh, ʼs air dheireadh a bhitheas air thoiseach. Agus bha iad air an rathad a dol suas gu Ierusalem; agus dhʼimich Iosa rompa, us bha ioghnadh orra; us ga leanail bha fiamh orra. Agus ghabh e rithist na dhà-dhiag, agus thòisich e ri innse dhaibh na bha dol a thachairt dha. Seall, tha sinn dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine do na h-ard-shagairt, ʼs do na Sgriobhaich, ʼs do na seanairean, agus ditidh iad e gu bàs, agus bheir iad seachad do na cinnich e; Us ni iad fanaid air, agus caithidh iad smugaidean air, agus sgiursaidh iad e; agus marbhaidh iad e, agus eiridh e air an treas latha. Us thainig Seumas agus Eoin, mic Shebede, ga ionnsuidh, a g-radh: A Mhaighistir, is aill leinn gun dian thu dhuinn ni air bith a dhʼ iarras sinn. Ach thuirt esan riu: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh? Us thuirt iad: Deonaich dhuinn gun suidh sinn, fear againn air do laimh dheis ʼs am fear eile air do laimh chli, na dʼ ghloir. Us thuirt Iosa riu: Cha n-eil fhios agaibh ciod tha sibh a g-iarraidh: an urrainn duibh a chailis ol, a tha mise dol a dhʼol, no bhith air ur baisteadh leis a bhaisteadh leis am beil mise ri mʼ bhaisteadh? Us thuirt iad ris: Is urrainn duinn. Us thuirt Iosa riu: Olaidh sibh gu dearbh a chailis, a tha mise dol a dhʼ ol; agus baistear sibh leis a bhaisteadh leis a bheil mise ri mʼbhaisteadh: Ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gu thoirt dhuibh, ach dhaibhse dhaʼn deach uidheamachadh. Us nuair a chual an deichnear so, thòisich iad ri bhith diumbach de Sheumas ʼs de Eoin. Ach Iosa gan gairm, thuirt e riu: Is aithne dhuibh gum beil acasan, air a bheileas a coimhead mar riaghladairean air na cinnich, ard-thighearnas orra: ʼs gum beil cumhachd aig am prionnsaichean thairis orra. Ach cha n-ann mar sin a bhios ʼnur measgsa: ach co sam bith leis am miann a a bhith air thoiseach ʼnur measg, bithidh e ʼna fhear-frithealaidh dhuibh. Us co sam bith leis an aill a bhith air thoiseach ʼnur measg, bithidh e ʼna sheirbhiseach agaibh uile. Oir cha tainig Mac an duine e fhein los gun diante frithealadh dha, ach gu frithealadh, ʼs gus a bheatha leigeil sios ʼna h-eirig air son morain. Agus rainig iad Iericho; ʼs nuair bha esan ʼsa dheisciopuil agus cuideachda ro-mhor a falbh, bhaʼn dall Bartimeus, mac Thimeiuis ʼna shuidhe ri taobh an rathaid, a g-iarraidh deirce. ʼS nuair chual e gur e Iosa bho Nasareth a bhʼann, thòisich e ri glaodhach ʼs ri radh: Iosa, a Mhic Dhài, dian trocair orm. Us mhaoith moran air, fiach am biodh e samhach. Ach ʼsann bu mhua gu mor a ghlaodh e: A Mhic Dhài, dian trocair orm. Agus sheas Iosa, us dhʼ orduich e a ghairm. Agus ghairm iad an dall, a cantuinn ris: Biodh sith inntinne agad: eirich, tha e ga dʼ iarraidh. ʼSa tilgeadh bhuaithe fhalluinne, thainig e ʼna leum ga ionnsuidh. Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Us thuirt an dall ris: A Rabboni, gum faic mi. Us thuirt Iosa ris: Falbh, rinn do chreideamh slan thu. Agus sa cheart uair chunnaic e, us lean e e air an t-slighe. Agus nuair thainig e teann air Ierusalem us Betania aig sliabh Olibheit, chuir e air adhart dithis dhe a dheisciopuil, Us thuirt e riu: Siubhlaibh doʼn bhaile a tha muʼr coinneamh, agus air ball a dol a stigh ann, gheobh sibh bioraiche an ceangal, air nach do shuidh duine riamh: fuasglaibh us thugaibh an so e. Agus ma their duine air bith ribh: Ciod tha sibh a dianamh? abraibh, gu bheil feum aig an Tighearna air: us leigidh e an so e san uair. ʼSa dol air an adhart fhuair iad am bioraiche an ceangal air taobh-mach a gheata aig coinneachadh dà rathaid; us dhʼfhuasgail iad e. Agus thuirt cuid deʼn fheadhainn a bha ʼnan seasamh an sin riu: Ciod tha sibh a dianamh a fuasgladh a bhioraiche? Us thuirt iad riu mar a dhʼorduich Iosa dhaibh, us leig iad leo e. Agus thug iad am bioraiche gu Iosa; us chuir iad am falluinnean air, agus shuidh e air. Us sgaoil moran an aodaichean air an rathad; agus ghearr feadhainn eile meoir chraobh, agus sgap iad air an rathad iad. Agus ghlaodh an fheadhainn a chaidh roimhe, ʼsa lean e, a g-radh: Hosanna: Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna: is beannaichte rioghachd ar n-athar Dài a tha tighinn: Hosanna anns na h-ardaibh. Us chaidh e stigh do Ierusalem thun an teampuill; ʼs an deigh amharc air gach ni mun cuairt, bho na bhaʼm feasgar a nis ann, chaidh e gu Betania maille ris na dhà-dhiag. ʼS an ath latha nuair a chaidh iad a mach á Betania, bha acras air. ʼS nuair a chunnaic e fad as craobh-fhige air an robh duilleach, thainig e fiach am faigheadh e ma dhʼ fhaoidte dad oirre; ʼs nuair a rainig e i, cha dʼfhuair e ni ach duilleagan: oir cha robh àm nam figis ann. ʼSa freagairt, thuirt e rithe: A so suas gu bràth na itheadh neach meas dhiot. Agus bha dheisciopuil ga chluinntinn. Us rainig iad Ierusalem. ʼS nuair a chaidh e stigh doʼn teampull, thòisich e ri fuadachadh a mach na feadhnach a bha reic, ʼs na feadhnach a bha ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-malairt an airgid, us cathraichean luchd-reic chalman. ʼS cha n-fhuiligeadh e gun giulanadh neach air bith saghach tromhʼn teampull: Us theagaisg e, a g-radh riu: Nach eil e sgribhte: Gun abrar tigh urnaigh ri mo thighse feadh nan cinneach uile? Ach rinn sibhse uamh mheirleach dheth. Agus nuair chuala na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich so, dhʼiarr iad ciamar a dhʼfhaodadh iad cur as da: oir bha eagal aca roimhe, a chionn gun robh an sluagh uile a gabhail ioghnaidh ri theagasg. Agus nuair thainig am feasgar, chaidh e mach as a bhaile. ʼS nuair a bha iad a gabhail seachad sa mhaduinn, chunnaic iad a chraobh-fhige seargte bho friamhaichean. Us Peadar a cuimhneachadh, thuirt e ris: A Rabbi, seall, tha chraobh-fhige, a mholluich thu, air seargadh as. Us Iosʼ a freagairt, thuirt e riu: Biodh creideamh Dhe agaibh. Gu deimhinn tha mi radh ribh, co sam bith a their ris a bheinn so: Tog agus tilg thu fhein sa mhuir, agus aig nach bi teagamh ʼna chridhe, ach a chreideas, gun dianar ciod sam bith a their e, gum bi e diante dha. Air an aobhar sin deiream ribh: Ge bʼe ni dhʼiarras sibh ann an urnaigh, creidibh gum faigh sibh e, us thig e guʼr n-ionnsuidh. ʼS nuair sheasas sibh a dhianamh urnaigh, mathaibh ma tha dad agaibh an aghaidh duine air bith, los gum math ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse. Ach mur math sibh, cha mhua mhathas ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse. Agus thainig iad a rithist gu Ierusalem. ʼS nuair a bha e coiseachd san teampull, thainig na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean ga ionnsuidh, Us thuirt iad ris: Ciod an t-ughdaras leis a bheil thu dianamh nan nichean so? us co thug an t-ughdaras so dhut gu bheil thu gan dianamh? Agus Iosa a freagairt, thuirt e riu: Faighnichidh mise aon fhacal dhibhse, agus freagraibh mi; agus innsidh mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh nan nichean so. Baisteadh Eoin, an ann bho neamh, no bho dhaoine a bha e? Freagraibh mi. Ach smaoinich iadsan aca fhein, a g-radh: Ma their sinn: bho neamh, their e: Car-son ma ta nach do chreid sibh e? Ma their sinn: bho dhaoine, tha eagal an t-sluaigh oirnn: oir sheall daoine uile air Eoin mar fhior fhaidh. ʼSa freagairt thuirt iad ri Iosa: Cha n-aithne dhuinn. Us thuirt Iosa riu, ʼs e freagairt: Cha mhua dhʼinnseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so. Us thòisich e ri labhairt riu ann an dubhfhacail: Phlanntaich duine araid fion-lios, us chuir e gàradh; mu thimchioll, us chladhaich e amar-fiona, us thog e tùr, us shuidhich e air tuath e, us dhʼfhalbh e gu tir chein. Agus chuir e seirbhiseach thun na tuatha san àm, los gum faigheadh e de thoradh an fhion-lios bhoʼn tuath. ʼSa breith air, bhuail iad e, us chuir iad air falbh falamh e. Agus a rithist chuir e gan ionnsuidh seirbhiseach eile; us lot iad sa cheann e, agus thug iad taire dha. ʼSa rithist chuir e fear eile, ʼs mharbh iad e; agus moran eile: cuid dhiu sgiurs iad, ach cuid eile mharbh iad. Ach fhathast bha aona mhac ro-ghradhach aige, agus mu dheireadh uile chuir e esan gan ionnsuidh, a g-radh: Bheir iad athadh dha mʼ mhac. Ach thuirt an tuath ri cheile: Se so an t-oighre: thigibh, marbhamaid e; agus bithidh an oighreachd againn fhein. ʼSa breith air, mharbh iad e; us thilg iad a mach as a ghàradh-fhiona e. Ciod ma ta a ni tighearna a ghàraidh-fhiona? Thig e, agus sgriosaidh e an tuath sin; agus bheir e ghàradh-fiona do dhʼfheadhainn eile. Nach do leugh sibh an sgriobtur so: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach-chinn na h-oisinn di: Leis an Tighearna rinneadh so, ʼs tha e iongantach ʼnar suilean? Agus dhʼiarr iad a ghlacadh, ach bha eagal an t-sluaigh orra: oir bʼaithne dhaibh gum bʼann muʼn deidhinn fhein a labhair e an dubhfhacal so. Agus ga fhagail, dhʼfhalbh iad. Us chuir iad ga ionnsuidh cuid de na Phairisich, agus de luchd-leanmhuinn Heroid, fiach an glacadh iad e ʼna chainnt. Thainig iadsan, us thuirt iad ris: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, ʼs nach eil eisimeil agad ri duine air bith: oir cha sheall thu air pearsa dhaoine, ach tha thu teagasg slighe Dhe am firinn. Bheil e ceadaichte cis a thoirt do Chésar, no nach toir sinn i? Thuig esan am foill, us thuirt e riu: Car-son tha sibh gam bhuaireadh? faraibh dhomh sgilinn gus am faic mi i. Agus thug iad dha i. Us thuirt e riu: Co leis an iomhaigh so, ʼs an sgriobhadh? Thuirt iad ris: Le César. Us Iosa freagairt, thuirt e riu: Thugaibh ma ta do Chésar na bhuineas do Chésar; ʼs do Dhia na bhuineas do Dhia. Agus ghabh iad iongantas as. Agus thainig na Sadusaich ga ionnsuidh, a tha cantuinn nach eil aiseirigh ann; us dhʼfharraid iad dheth, a g-radh: A mhaighistir, sgriobh Maois dhuinn, ma gheobh brathair duine bàs, ʼs gum fag e bean, ʼs nach fhag e clann, gabhadh a bhrathair a bhean, ʼs togadh e sliochd dha bhrathair. A nis bha seachdnar bhraithrean ann: ʼs ghabh a chiad fhear bean, agus chaochail e gun sliochd fhagail. Agus ghabh an darna fear i, agus chaochail esan; ʼs cha mhua dhʼfhag e sliochd. Agus an treas fear mar an ciadna. Agus mar sin ghabh an t-seachdnar i; ʼs cha dʼfhag iad sliochd. ʼNan deigh uile dhʼeug am boirionnach fhein. Anns an aiseirigh ma ta, nuair dhʼeireas iad, co dhiu sin dhaʼm bi i ʼna mnaoi? oir bha i ʼna mnaoi aig an t-seachdnar. Agus fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Nach eil sibh gu beachd a dol mearachd a thaobh so le cion eolais air na sgriobturan, ʼs air cumhachd Dhe? Oir nuair a dhʼeireas iad bho na mairbh, cha phos iad, ʼs cha mhua phosar iad, ach tha iad mar na h-ainglean sna flathais. Agus a thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an leabhar Mhaois, mar a labhair Dia ris anns a phreas, a g-radh: Is mise Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iacoib? Cha Dia nam marbh e, ach nam beo. Tha sibhse uime sin dol fada mearachd. Us thainig fear de na Sgriobhaich, a chual iad a consachadh, ʼsa faicinn gur math a fhreagair e iad, dhʼ fharraid e dheth co bʼi a chiad fhainte dhiu uile. Us fhreagair Iosa e: Gum bʼ i chiad fhainte dhiu uile: Eisd, Israel: is aon Dia an Tighearna do Dhia: Agus bheir thu gaol doʼn Tighearna do Dhia le tʼuile chridhe, agus le tʼuile anam, agus le fuile inntinn, agus le tʼ uile neart. Se so chiad fhainte. Agus tha an darna fainte coltach rithe: Bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein. Nas mua na iad so cha n-eil fainte eil ann. Us thuirt an sgriobhach ris: Is math, a Mhaighistir, a labhair thu an fhirinn, gum beil aon Dia ann, ʼs nach eil ann ach e; ʼS gur e gaol thoirt da leis an uile chridhe, ʼs leis an uile anam, ʼs leis an uile inntinn, agus leis an uile neart; agus gaol a thoirt do choimhearsnach mar do dhuine fhein, is mua na gach iobairt uile-loisgte agus tobhartas eile. Agus Iosa faicinn, gur glic a fhreagair e, thuirt e ris: Cha n-eil thu fada bho rioghachd Dhe. Us bho sin suas cha robh chridhe aig duine ceisd a chur air. Us thuirt Iosa, ʼs e freagairt nuair bha e teagasg san teampull: Ciamar tha na Sgriobhaich a cantuinn gur e Criost mac Dhài? Oir tha Dài fhein a cantuinn leis an Spiorad Naomh: Thuirt an Tighearna ri mo Thighearna, suidh air mo laimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean ʼnan stol-chas dhut. Tha Dài fhein ma ta a cantuinn a Thighearna ris, agus ciamar ma ta is e a mhac? Us dhʼeisd moran sluaigh ris gu deonach. Us thuirt e riu ʼna theagasg: Thugaibh an aire oirbh fhein bho na Sgriobhaich leis an toil imeachd an culaidhean fada, agus furan fhaighinn air a mhargadh, Agus suidhe air na ciad chathraichean anns na sinagogan, ʼs air na ciad shuidheachain aig suipeirean: A shluigeas tighean bhantrach air sgàth urnaighean fada: gheobh iad sin binn nas cruaidhe. ʼS nuair a bha Iosa ʼna shuidhe mu choinneamh tasgaidh an iuntais, chunnaic e mar bha ʼn sluagh a tilgeadh airgid san tasgaidh, agus thilg moran de dhaoine beartach na h-uibhir innte. Agus thainig bantrach bhochd, us chuir i dà leth-fheoirlinn, se sin fairdein, innte. ʼSa gairm a dheisciopul, thuirt e riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gun do chuir a bhantrach bhochd so tuilleadh na iadsan uile, a chuir anns an tasgaidh. Oir ʼsann bho am mor-phailteas a chuir iadsan uile ann; ach ʼsann bho h-uireasuidh a chuir ise, gu ruig a tiochd-an-tir air fad. ʼS nuair a bha e dol a mach as an teampull thuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Mhaighistir, seall ciod iad na clachan, agus ciod e an t-aitreabh a thaʼn so. Us fhreagair Iosa, us thuirt e ris: Bheil thu faicinn an aitreibh mhoir so uile? Cha n-fhagar clach air muin cloiche nach tilgear sios. ʼS nuair a bha e ʼna shuidhe air sliabh Olibheit, mu chomhair an teampuill, chuir Peadar, us Seumas, us Aindris ceisd air a lethtaobh: Innis dhuinn cuin a thachras na nichean sin? agus ciod an comharradh a bhios ann, nuair a thòisicheas na nichean sin uile riʼn coimhlionadh? Us Iosa freagairt thòisich e ri radh riu: Seallaibh nach meall duine air bith sibh: Oir thig moran na mʼ ainmse, a g-radh: Is mise e; agus meallaidh iad moran. Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus sgialan chogaidhean, na gabhaibh eagal: oir ʼs fheudar do na nichean sin tachairt: ach cha n-eil a chrioch ann fhathast. Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd, us bithidh crithean-talmhuinn feadh aiteachan, agus gorta. ʼSiad sin toiseach nan amhghar. Ach seallaibhse ribh fhein. Oir liubhraidh iad seachad sibh do chomhairlean, agus sgiursar sibh sna sinagogan, agus seasaidh sibh air bialaobh uachdran us righrean as mo lethse, mar theisteanas dhaibh. Us feumar an soisgeul a theagasg an toiseach feadh a h-uile cinnidh. Agus nuair a bhios iad guʼr tarruinn leo, ʼs guʼr liubhairt seachad, na smaoinichibh air ciod a their sibh; ach an ni bheirear dhuibh san uair sin fhein, labhraibh: oir cha sibhse a tha labhairt, ach an Spiorad Naomh. Agus liubhraidh brathair brathair gu bàs, agus an t-athair am mac; us eiridh clann an aghaidh am parantan, agus cuiridh iad gu bàs iad. Agus bithidh fuath aig daoine uile oirbh as leth mʼ ainmse. Ach is esan a sheasas buan thun na crìche a bhios sabhailte. Agus nuair a chi sibh grainealachd an leirsgrios ʼna seasamh far nach bu chòir dhi, am fear a leughas tuigeadh e: an sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudéa thun nam beann. ʼS am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e do ʼn tigh, ʼs na rachadh e stigh gu dad a thogail leis as a thigh; ʼS am fear a bhitheas san achadh, na tilleadh e air ais gus ʼaodach a thoirt leis. Ach mo thruaighe iadsan a tha lethtromach ʼsa toirt ciche sna laithean sin. Ach guidhibh nach tachair iad so sa gheamhradh. Oir anns na laithean sin bithidh amghairean ann nach robh an leithid ann bho thùs a chruthachaidh, a rinn Dia, gu so, ʼs nach bi. Agus mur giorraicheadh an Tighearna na laithean sin, cha bhiodh feoil air bith tiaruinte: ach air son nan daoine taghte, a thagh e, giorraichidh e na laithean sin. Agus an sin ma their neach air bith ribh: Seall, tha Criosta an so, seall, tha e ʼn sin, na creidibh. Oir eiridh criostan-breige, agus faidhean-breige, us ni iad comharran agus beartan iongantach, gus, nam faodadh e bhith, na daoine taghte fhein a mhealladh. Thugaibhse ma ta an aire: seall, dhʼinnis mi dhuibh gach ni roi-laimh. Ach anns na laithean sin an deigh na trioblaide sin, thig dorchadas air a ghrein, ʼs cha toir a ghealach a solus. Agus bithidh reultan neamh a tuiteam, agus gluaisear na cumhachdan a tha sna flathais. Agus an sin chi iad Mac an duine tighinn sna neoil le cumhachd mhoir agus le gloir. An sin cuiridh e ʼainglean a mach, us tionailidh e a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean bho iomall an talmhuinn gu iomall neamh. A nis ionnsuichibh dubh-fhacal bhoʼn chraoibh-fhige. Nuair a bhios a miar a nis maoth, ʼsa chinneas an duilleach, tha fios agaibh gum beil an samhradh gle fhaisg: Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nichean so tachairt, tuigibh gu bheil e gle dhluth, seadh aig na dorsan. Gu firinneach tha mi g-radh ribh nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile. Theid neamh agus talamh thairis, ach cha teid mʼ fhacalsa thairis. Ach air an latha no air an uair sin cha n-eil fios aig duine air bith, no aig na h-ainglean air neamh, no aig a Mhac, ach aig an Athair. Thugaibh an aire, dianaibh faire agus urnaigh: oir cha n-eil fhios agaibh cuin a bhios an t-àm. Mar dhuine a dol fad air astar a dhʼ fhag a thigh, ʼsa thug cumhachd dha sheirbhisich thairis air gach obair, ʼsa dhʼ àithn air an dorsair faire dhianamh. Dianaibhse faire ma ta, (chionn ʼs nach eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an tighe: co dhiu ʼsann anamuch, no mu mhiadhon oidhche, no mu ghairm a choilich, no sa mhaduinn), Eagal gun tig e gu h-obann, ʼs gum faigh e sibh ʼnur cadal. Agus na tha mi cantuinn ribhse, tha mi cantuinn ri daoine uile: Dianaibh faire. A nis bha feill na càsga ʼs an arain neo-ghoirtichte an ceann dà latha: us bha na h-ard-shagairt, ʼs na Sgriobhaich a sireadh ciamar a ghlacadh iad e le foill, ʼsa mharbhadh iad e. Ach thuirt iad: Cha n-ann air latha na feille, eagal buaireas eirigh ma dhʼ fhaoidte am measg an t-sluaigh. ʼS nuair a bha e ann am Bethania an tigh Shimoin an lobhar, ʼsa bha e aig biadh, thainig boirionnach aig an robh bocsa alabastair de dhʼ ola phriseil spicnaird, ʼsa bristeadh a bhocsa alabastair, thaom i air a cheann i. A nis bha cuid a ghabh anntlachd unnta fhein, a g-radh: Car-son a rinneadh an t-ana-caitheamh so air an ola? Oir dhʼfhaoidte an ola so reic air son corr us tri fichead sgilinn, ʼs an toirt do na bochdan. Agus rinn iad monmhur ʼna h-aghaidh. Ach thuirt Iosa: Leigibh leatha, car-son tha sibh a cur dragh oirre? Rinn i deagh ghniomh ormsa. Oir tha na bochdan daonnan agaibh; us faodaidh sibh math a dhianamh dhaibh, nuair a thoilicheas sibh: ach cha n-eil mise daonnan agaibh. An ni bhʼaice so, rinn i: thainig i roi-laimh a dhʼungadh mo chuirp air son an adhlaic. Gu firinneach tha mi g-radh ribh: ge bʼe aite an teid an soisgeul so shearmonachadh feadh an t-saoghail uile, gun innsear na rinn i so mar chuimhneachan oirre. Us dhʼfhalbh Iudas Iscariot, fear de na dhà-dhiag, a dhʼionnsuidh nan ard-shagart, gus a bhrath dhaibh. Air dhaibhse so chluinntinn, rinn iad toileachadh; agus gheall iad airgiod a thoirt dha. Us bha esan a sireadh ciamar gheobhadh e cothrom air a bhrath. ʼS air a chiad latha deʼn aran neo-ghoirtichte, nuair bha iad a g-iobradh na càsga, thuirt a dheisciopuil ris: Càite an aill leat sinn a dhol, los gun deasaich sinn dhut, ʼs gun ich thu a chàisg? Agus chuir e dithis dhe dheisciopuil, agus thuirt e riu: Rachaibh a stigh doʼn bhaile: us tachraidh duine oirbh a giulan saghach uisge, leanaibh e; Agus ge bʼe aite an teid e stigh, abraibh ri fear an tighe gum beil am maighistir a g-radh: Càite a bheil mo sheomar-bìdh, far an ith mi a chàisg comhla ri mo dheisciopuil? Agus fiachaidh e dhuibh seomar-bìdh farsuinn lan-uidheamaichte; deasaichibh an sin dhuinn. Us dhʼfhalbh a dheisciopuil, agus thainig iad doʼn bhaile, agus fhuair iad mar a thuirt e riu, agus dheasaich iad a chàisg. Agus air tighinn doʼn fheasgar, rainig e leis na dhà-dhiag. Agus nuair a bha iad ʼnan suidhe aig a bhord, ʼsa g-ithe, thuirt Iosa: Gu firinneach tha mi radh ribh, gum brath fear agaibh, a tha g-ithe maille rium, mi. Agus thòisich iadsa ri bhith muladach, ʼs gach aon ri radh ris fos leth: Am mise e? Us thuirt e riu: Se am fear deʼn dà fhear dhiag a tha tumadh a laimh comhla rium sa mheis. ʼS gu deimhinn tha Mac an duine a falbh, mar a tha e sgribhte uime: ach se mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath dhaʼn duine sin nach beirte e. ʼS nuair a bha iad a g-ithe, ghlac Iosa aran; ʼsa beannachadh bhrist e, agus thug e dhaibh, us thuirt e: Gabhaibh, se so mo chorpsa. Agus ghlac e chailis, ʼsa toirt taing thug e dhaibh; us dhʼol iad uile dhi. Us thuirt e riu: Si so mʼfhuil-sa an tiomnaidh nuaidh a dhoirtear air son morain. Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, nach ol mi á so suas de thoradh so na fionain, gus an latha sin air an ol mi ùr e ann an rioghachd Dhe. ʼS nuair a sheinn iad laoidh, chaidh iad a mach gu sliabh Olibheit. Us thuirt Iosa riu: Gabhaidh sibh uile sgainneal asamsa air an oidhche nochd: oir tha e sgribhte: Buailidh mi am buachaille, agus sgapar na caoraich. Ach an deigh mʼaiseirigh gabhaidh mi roimhibh do Ghalile. Ach thuirt Peadar ris: Ged ghabhadh iad uile sgainneal asad, cha ghabh mise. Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi g-radh riut, an diugh fhein air an oidhche nochd, mun goir an coileach dà uair, gun aicheadh thu mi tri uairean. Ach ʼsann an sin bu diana a labhair e: Ged bʼfheudar dhomh am bàs fhulang maille riut, cha n-aicheadh mi thu. Agus an ni ciadna thuirt iad uile. Agus thainig iad gu fearann ris an canar Gethsemani. Us thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibh an so gus an dian mi urnaigh. Agus thug e leis Peadar, us Seumas, us Eoin; agus thòisich e air oillteachadh, ʼs air tiamhachd a ghabhail. Us thuirt e riu: Tha mʼanam brònach gu ruig am bàs: fanaibh an so, us dianaibh faire. ʼSa dol ceum air adhart, thuit e air an talamh; us ghuidh e, nam faodadh e bhith, gun rachadh an uair seachad air: Us thuirt e: Abba Athair, tha a h-uile ni na dʼ chomas, cuir a chailis so seachad orm, ach cha n-e na ʼs aill leamsa, ach na ʼs aill leatsa. Agus thainig e, us fhuair e iad ʼnan cadal. Us thuirt e ri Peadar: A Shimoin, am beil thu na dʼchadal? nach bʼurrainn dhut aon uair a chaithris? Dianaibh faire agus urnaigh, chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu dearbh toileach, ach thaʼn fheoil lag. ʼSa falbh a rithist rinn e urnaigh, a cantuinn nam briathran ciadna. ʼSa tilleadh, fhuair e rithist iad ʼnan cadal (oir bha an suilean trom), agus cha robh fios aca ciod a fhreagradh iad da. Agus thainig e an treas uair, us thuirt e riu: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois. Foghnaidh sin: tha ʼn uair air tighinn: seall, liubhrar Mac an duine do lamhan pheacach. Eiribh, falbhamaid: seall, tha esa a bhrathas mi faisg. Bha e fhathast a labhairt, nuair thaing Iudas Iscariot fear de na dhà-dhiag, agus moran sluaigh comhla ris le claidhean, ʼs le bataichean, bho na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaichean, ʼs na seanairean. Agus bhaʼm brathadair air comharradh a thoirt dhaibh, a g-radh: Ge bʼe neach dha ʼn toir mise pog, se sin e, beiribh air, agus thugaibh leibh e gu curamach. ʼS nuair thainig e, ghrad-chaidh e ga ionnsuidh, us thuirt e: Failt ort, a Mhaighistir; agus phog e e. Agus chuir iadsan an lamhan air, agus chum iad e. Ach tharruinn aon deʼn fheadhainn a bha mun cuairt a chlaidheamh, agus bhuail e seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e chluas dheth. Agus Iosa a freagairt, thuirt e riu: An tainig sibh a mach le claidhean ʼs le bataichean gu mise ghlacadh, mar gum bu mheirleach mi? Bha mi a teagasg san teampull comhla ribh a h-uile latha, agus cha do ghlac sibh mi. Ach ʼsann gus na sgriobturan a choimhlionadh a tha so. An sin a dheisciopuil ga threigsinn, theich iad uile. Ach lean oganach araid e air eideadh le lion-anart thairis air a choluinn ruisgte; agus rinn iad greim air. Ach esan a tilgeadh dheth an lion-anairt, theich e bhuapa ruisgte. Us thug iad leo Iosa thun an ard-shagairt; agus chruinnich na sagairt uile, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean. Agus lean Peadar e fad as, gu ruig cùirt an ard-shagairt; ʼs bha e ʼna shuidhe marris na seirbhisich aig an teine, agus ga gharadh fhein. Agus dhʼiarr na h-ard-shagairt, ʼsa chomhairle uile, comhdach an aghaidh Iosa, gus a chur gu bàs, agus cha dʼfhuair iad sin. Oir bha moran a toirt fianuise-breige ʼna aghaidh: ach cha robh an teisteanas a cordadh. Agus bha cuid a dhʼ eirich suas, ʼsa thog fianuis-bhreige ʼna aghaidh, a g-radh: Chuala sinn e g-radh: Leagaidh mi an teampull so a rinneadh le lamhan, agus an tri latha togaidh mi fear eile nach dʼrinneadh le lamhan. Us cha robh an teisteanas acasan a cordadh. Agus an t-ard-shagart a g-eirigh ʼnam miadhon, cheasnaich e Iosa, a g-radh: Nach toir thu freagairt sam bith air na nichean a tha iad so a cur as do leth? Ach dhʼfhan esan ʼna thosd, agus cha do fhreagair e guth. Agus dhʼfharraid an t-ard-shagart dheth rithist, us thuirt e ris: An tu an Criosta, Mac an De bheannaichte? Us thuirt Iosa ris: Is mi; agus chi sibh Mac an duine ʼna shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe, ʼsa tighinn air neoil nan speur. An sin an t-ard-shagart a stracadh ʼeididh, thuirt e: Ciod am feum thʼagainn tuilleadh air fianuisean? Chuala sibh am blais-bheum: ciod e ur barail? Dhit iad uile e mar fhear toillteanach air bàs. Agus theann cuid ri caitheamh smugaidean air, ʼs ri comhdach ʼaodainn, ʼs ri bualadh dhorn air, ʼs ri radh ris: Fàisnich; agus bhuail na seirbhisich leʼm basan e. ʼS nuair a bha Peadar gu h-iosal anns a chùirt, thainig té de shearbhantan an ard-shagairt; ʼS nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh fhein, a gabhail beachd air, thuirt i: Bha thusa cuideachd comhla ri Iosa bho Nasareth. Ach dhʼaicheadh esan, a g-radh: Cha n-aithne dhomh agus cha mhua tha mi tuigsinn ciod tha thu g-radh. Agus dhʼfhalbh e mach gu bialaobh na cùirte, agus ghoir an coileach. Agus a rithist nuair chunnaic searbhanta e, thòisich i ri innse doʼn fheadhainn a bha ʼnan seasamh mun cuairt: ʼSann dhiu am fear so. Us dhʼaicheadh esan a rithist. Agus an ceann tacain, thuirt iadsan a bha san lathair a rithist ri Peadar: ʼSann dhiu thu gu cinnteach: oir is Galiléach thu. Ach thòisich esan ri mollachadh ʼs ri mionnachadh: Cha n-aithne dhomh an duine so mu ʼm beil sibh a labhairt. Agus anns a cheart uair ghoir an coileach a rithist. Us chuimhnich Peadar air an fhacal, a thuirt Iosa ris: Mun goir an coileach dà uair, aicheadhaidh thu mi tri uairean. Agus thòisich e air gal. Agus gu luath sa mhaduinn chuir na h-ard-shagairt, ʼs na seannairean ʼs na Sgriobhaich, ʼsa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat. Us dhʼfharraid Pilat dheth: An tu Righ nan Iudhach? Agus Iosʼ a freagairt, thuirt e ris: Tha thu ga gh-radh. Agus bha na h-ard-shagairt a cur ioma cuis as a leth. Us dhʼfharraid Pilat a rithist dheth, a g-radh: Nach toir thu freagairt air bith? seall co liuthad ni tha iad a g-agairt na tʼaghaidh. Ach cha do fhreagair Iosa idir tuilleadh, air sheol ʼs gun do ghabh Pilat iongantas. A nis air latha na feille bʼabhuist da leigeil mu sgaoil dhaibh aon sa bith dhe na priosanaich, a dhʼiarradh iad. Agus bha fear ann, dha ʼm bʼainm Barabbas, a chuireadh am priosan comhla ri luchd-ceannairc, agus a bha air murt a dhianamh ann an ceannairc. Agus nuair a dhirich an sluagh suas, thòisich iad ri iarraidh air, e dhianamh dhaibh mar a bʼabhuist dha daonnan. Agus fhreagair Pilat iad, ʼs thuirt e: An aill leibh gun leig mi as dhuibh righ nan Iudhach? Oir bha fios aige gum bʼann tromh fharmad a liubhair na h-ard-shagairt seachad e. Ach bhrosnaich na h-ard-shagairt an sluagh, gun leigeadh e mar raghainn Barabbas mu sgaoil daibh. Agus fhreagair Pilat a rithist, us thuirt e riu: Ciod ma ta is aill leibh mi dhianamh ri righ nan Iudhach? Ach ghlaodh iad a rithist: Ceus e. Us thuirt Pilat riu: Ciod an t-olc a rinn e? Ach ʼsann is mua ghlaodh iad: Ceus e. Agus bho na bha Pilat deonach an sluagh thoileachadh, leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh, ʼs an deigh Iosa sgiursadh, thug e seachad e, gus a cheusadh. Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cùirt an uachdrain, us ghairm iad am buidheann uile. Agus dhʼeid iad e le purpur, ʼsa fighe crùn dreighinn chuir iad air e. Agus thòisich iad air furan a chur air, a g-radh: Failt, a righ nan Iudhach. Us bhuail iad a cheann le cuilc; agus thilg iad smugaidean air, ʼsa lubadh an glun, thug iad aoradh dha. Agus an deigh dhaibh magadh air, thug iad dheth am purpur, us chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh. Agus dhʼeignich iad fear a bha dol seachad, Simon bho Chirene, athair Alastair agus Rufuis, a bha tighinn as an duthaich, gus a chrois a ghiulan. Agus thug iad e gu aite ris an canar Golgotha, se sin air eadar-theangachadh, aite Chalbhari. Agus thug iad dha ri ol fion measgte le mirr; agus cha do ghabh e e. Agus air dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach, a tilgeadh chrann air, fiach ciod a thogadh gach aon. Agus bʼi an tritheamh uair a bhʼann, agus cheus iad e. ʼS bha chuis-dhitidh sgribhte fos a chionn: Righ nan Iudhach. Agus cheus iad dà mheirleach comhla ris, fear air a laimh dheis, us fear air a laimh chli. Agus choimhlionadh an sgriobtur, a tha g-radh: Agus bha e air a mheas am measg nan eucorach. Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a crathadh an cinn, ʼsa g-radh: O thusa, a leagas an teampull, ʼsa thogas e rithist ann an tri latha: Teasraig thu fhein agus thig a nuas dheʼn chrois. Mar an ciadna bha na h-ard-shagairt a magadh air, agus marris na Sgriobhaich a cantuinn ri cheile: Shabhail e feadhainn eile, e fhein cha n-urrainn e shabhaladh. Thigeadh Criosta righ Israil a nuas a nis bhoʼn chrois, chum gum faic agus gun creid sinn. Us thug iadsan, a cheusadh maille ris, taire dha. ʼS nuair a thainig an t-siathamh uair, bha dorchadas air an talamh gus an naoitheamh uair. Agus aig an naoitheamh uair dhʼeigh Iosa le guth ard, a g-radh: Eloi, Eloi, lamma sabacthani? se sin air eadar-theangachadh: Mo Dhia, mo Dhia, car-son a threig thu mi? Agus thuirt cuid deʼn fheadhainn a bha ʼnan seasamh mun cuairt, nuair a chual iad e: Seall, tha e gairm Eliais. Agus ruith fear, ʼsa lionadh spuing le fion-geur, ʼs ga cur air cuilc, thug e dha ri ol, a g-radh: Leigibh leam, faicemid an tig Elias gus a thoirt a nuas. Agus Iosa a g-eigheach le guth ard, thug e suas an anail. Agus sthracadh brat an teampuill na dhà leth bho bhraighe gu ʼiochdar. Agus nuair a chunnaic an ceannard-ciad, a bha ʼna sheasamh mu choinneamh, gun do dhʼeug e a g-eigheachd mar sin, thuirt e: Gu firinneach bʼe an duine so Mac Dhe. Agus bha boirionnaich cuideachd a coimhead fad as: ʼnam measg bha Mairi Magdalen, agus Mairi mathair Sheumais is lugha us Ioseiph, agus Salome: A lean e nuair a bha e ann an Galile, ʼsa fhreasdail air, agus moran bhoirionnach eile, a bhʼair direadh gu Ierusalem maille ris. ʼS nuair thainig am feasgar, a chionn gum bʼe an t-uidheamachadh a bhʼann, se sin an latha romh ʼn t-sàbaid, Thainig Ioseph bho Arimatéa, comhairleach urramach, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe, us chaidh e stigh gu dàna gu Pilat, agus dhʼiarr e corp Iosa. ʼS bha iongantas air Pilat gum biodh e cheana marbh. ʼSa gairm a cheannaird-chiad, dhʼfharraide dheth an robh e cheana marbh. ʼS nuair fhuair e fios bhoʼn cheannard-chiad, thug e an corp do Ioseph. Agus cheannaich Ioseph lion-anart, ʼs ga thoirt a nuas, shuain e san lion-anart e, agus chuir e ann an uaigh e, a bhʼair a gearradh as a chraig, agus charaich e clach gu dorus na h-uaighe. ʼS bha Mairi Magdalen agus Mairi mathair Ioseiph a gabhail beachd càite an rachadh a chur. ʼS nuair a chaidh an t-sàbaid seachad, cheannaich Mairi Magdalen, us Mairi mathair Sheumais, agus Salome, spiosradh, los, air tighinn daibh, gun ungadh iad Iosa. Agus ro-mhuch sa mhaduinn air a chiad latha deʼn t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe an deigh eirigh na greine. ʼS bha iad a g-radh ri cheile: Co charaicheas a chlach dhuinn bho bhial na h-uaighe? ʼSa toirt sula, chunnaic iad a chlach air a carachadh air a h-ais. Oir bʼanabarrach mor i. ʼSa dol a stigh doʼn uaigh, chunnaic iad oganach ʼna shuidhe air an taobh dheas, an eideadh geal, agus bha sgàth orra. Us thuirt e riu: Na biodh eagal oirbh: tha sibh a sireadh Iosa bho Nasareth a chaidh cheusadh: dhʼeirich e, cha n-eil e an so, seallaibh an t-aite far na chuir iad e. Ach falbhaibh, us innsibh dha dheisciopuil, agus do Pheadar, gu bheil e dol roimhibh do Ghalile: chi sibh an sin e, mar thuirt e ribh. ʼSa gabhail a mach, theich iadsa bhoʼn uaigh: oir ghlac eagal us balla-chrith iad; ʼs cha tuirt iad ni ri duine air bith: oir bha sgàth orra. Ach esan a g-eirigh much sa mhaduinn air a chiad latha deʼn t-seachduin, chunnacas an toiseach e le Mairi Magdalen, as na chuir e seachd deomhain. Dhʼfhalbh ise, agus dhʼ innis i dhaibhse a bhʼair a bhith comhla ris, ʼs iad a gal ʼsa caoidh. Us iadsʼ a cluinntinn gun robh e beo, ʼs gum facas e leatha, cha do chreid iad. ʼS an deigh sin dhʼfhiach e e fhein an riochd eile do dhithis dhiu, a bha coiseachd a mach doʼn duthaich. Agus dhʼfhalbh iadsan, us dhʼinnis iad do chàch: ʼs cha mhua chreid iadsan iad. Mu dheireadh chunnacas e leis na h-aon-diag, nuair a bha iad aig bord; agus thug e achasan dhaibh air son am mi-chreidimh agus cruas an cridhe: a thaobh nach do chreid iad an fheadhainn a chunnaic e an deigh dha eirigh rithist. Us thuirt e riu: Falbhaibh feadh an t-saoghail gu leir, agus searmonaichibh an soisgeul doʼn h-uile creutair. Esan a chreideas ʼsa bhaistear, sabhailear e: ach esan nach creid, theid a dhiteadh. Agus leanaidh na comharran so iadsan a chreideas: Na mʼ ainmse tilgidh iad a mach deomhain: labhraidh iad le teangan ura; Us togaidh iad nathraichean; agus ma dhʼolas iad ni marbhtach air bith, cha dian e dolaidh orra; cuiridh iad an lamhan air daoine tinn, agus bithidh iad gu math. Agus an deigh doʼn Tighearna Iosa labhairt riu, thogadh suas e gu neamh, agus tha e ʼna shuidhe air laimh dheis De. Agus chaidh iadsan a mach, agus shearmonaich iad anns gach aite, an Tighearna a co-oibreachadh leo, ʼsa daingneachadh an fhacail leis na comharran a lean. Bho na ghabh moran fos laimh na nichean, a choimhlionadh ʼnar measgne, a sgriobhadh sios an ordugh: Air reir ʼs mar a dhʼinnseadh dhuinn leis an fheadhainn a bha ann bho thoiseach ʼnam fianuisean ʼs ʼnan luchd-frithealaidh doʼn fhacal: Chunnacas iomchuidh leamsa cuideachd, ʼs mi air faotuinn a mach gu dichiollach gach ni bho thoiseach, an sgriobhadh an ordugh dhut, a Theophiluis urramaich, Gu fios a bhith agad air firinneachd nam facal sin, anns an deach do theagasg. An laithean Heroid righ Iudéa, bha sagart araid ann, dhaʼm bʼainm Sacharias, de roinn Abia, ʼs bha a bhean de nigheanan Aaroin, agus bʼe a h-ainm Ealasaid. Agus bha iad le cheile ionraic an lathair Dhe, a g-imeachd ann an uile fhaintean agus riaghailtean an Tighearna gun ghiomh; Agus cha robh mac aca, a chionn gun robh Ealasaid neo-thorrach, ʼs gun robh iad le cheile fad air an adhart an laithean. Us thachair, nuair a bha e an ordugh a chuairt fhein a cur driachd sagairt an gniomh an lathair Dhe, A reir cleachdadh na sagartachd, gum bʼe chrannchur dol a stigh do thigh an Tighearna, agus tùis a thairgse suas; ʼS aig uair na tùise bha co-thional a phobuill uile a g-urnaigh am muigh. Agus chunnacas leis aingeal an Tighearna, ʼna sheasamh air taobh deas altair na tùise. Agus Sacharias ga fhaicinn bha e fo fhurban, us thainig eagal air. Ach thuirt an t-aingeal ris: Na biodh eagal ort, a Shachariais: oir dhʼeisdeadh ri tʼurnaigh; us beiridh do bhean Ealasaid mac dhut, ʼs bheir thu Eoin mar ainm air; Agus bithidh e ʼna aobhar sòlais us aighir dhut, agus gabhaidh moran toil-inntinn as a bhreith. Oir bithidh e mor an lathair an Tighearna; agus cha n-ol e fion, no deoch laidir, agus lionar e leis an Spiorad Naomh, seadh bho bhroinn a mhathar; Us tionndaidhidh e moran de chloinn Israil ris an Tighearna an Dia; Agus imichidh e roimhe ann an spiorad ʼs an cumhachd Eliais; gu cridheachan nan aithrichean a thionndadh ris a chloinn, ʼs na neo-chreidich gu gliocas nan ionraic, agus gu pobull coimhlion uidheamachadh doʼn Tighearna. Agus thuirt Sacharias ris an aingeal: Ciamar a dhʼ aithneas mi so? oir is seann duine mi, agus tha mo bhean fad air a h-adhart an laithean. Fhreagair an t-aingeal us thuirt e ris: Is mise Gabriel, a tha na mʼ sheasamh air bialaobh Dhe; agus chuireadh mi a labhairt riut, ʼsa dhʼinnse naigheachd so an aigh dhut. Agus, seall, bithidh tu balbh, agus gun chomas labhairt gus an latha san tachair so, a thaobh ʼs nach do chreid thu mo bhriathransa, a choimhlionar ʼnan àm fhein. Agus bha am pobull a feitheamh ri Sacharias; agus bʼiongantach leo ciod a bha ga chumail san teampull cho fada. Air dha tighinn a mach cha bʼurrainn da bruidhinn riu, us thuig iad gum faca e sealladh san teampull. ʼS bha e smeideadh riu, agus dhʼ fhan e balbh. Agus thachair, nuair thainig laithean a dhriachd gu ceann, gun dʼ fhalbh e gu thigh fhein. ʼS an deigh nan laithean sin dhʼfhas a bhean Ealasaid lethtromach, agus dhʼfhalaich i i fhein fad choig miosan, a g-radh: A thaobh gur ann mar so a rinn an Tighearna rium anns na laithean air na sheall e orm gus mo mhasladh a thogail dhiom am measg dhaoine. ʼS air an t-siathamh mios chuireadh an t-aingeal Gabriel bho Dhia gu baile an Galile dhaʼn ainm Nasareth, Gu oigh bha fo cheangal posaidh aig duine, dhaʼm bʼ ainm Ioseph, de thigh Dhài, agus bʼ e ainm na h-oighe Moire. ʼS an t-aingeal a dol a stigh ga h-ionnsuidh, thuirt e: Fàilt ort, tha thu lan de na grasan: tha an Tighearna maille riut: Is beannaichte thu am measg nam mna. Nuair chuala ise so, bha i fo bhruaidlean thaobh a chainnt, ʼsa smaoineachadh ciod a ghné altachaʼ-bheatha a bhaʼn so. Us thuirt an t-aingeal rithe: Na biodh eagal ort, a Mhoire, oir fhuair thu grasan an lathair Dhe: Seall, gabhaidh tu na dʼ chom, agus beiridh tu Mac, ʼs bheir thu Iosa mar ainm air. Bithidh e mor, agus theirear Mac an Tì is airde ris, ʼs bheir an Tighearna Dia dha cathair Dhài ʼathair; agus righichidh e an tigh Iacoib a chaoidh, Agus air a rioghachd cha bhi crioch. Us thuirt Moire ris an aingeal: Ciamar a bhios sin, ʼs nach eil aithne agam air duine? ʼS an t-aingeal a freagairt, thuirt e rithe: Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì is airde sgàile ort. Agus air an aobhar sin an Naomh a bheirear leat, theirear Mac Dhe ris. Us, seall, do bhanacharaid Ealasaid, ghin ise cuideachd mac ʼna sean aois; agus se so an siathamh mios dhi-sa, a theirear neo-thorrach rithe: Chionn ʼs nach eil facal air bith do-dhiante do Dhia. Us thuirt Moire: Seall bean-mhuinntir an Tighearna, biodh e diante dhomh a reir tʼ fhacail. Us dhʼfhalbh an t-aingeal bhuaipe. Agus dhʼeirich Moire sna lài sin, agus dhʼ fhalbh i le cabhaig do dhuthaich nam beann gu baile ann an Iuda; Agus chaidh i stigh do thigh Shachariais, us chuir i fàilt air Ealasaid. Us thachair, cho luath ʼsa chuala Ealasaid fàilt Moire, gun do leum an naoidhean ʼna com; agus lionadh Ealasaid leis an Spiorad Naomh; Agus dhʼeigh i le guth ard, us thuirt i: Is beannaichte thu am measg nam mna, agus is beannaichte toradh do bhronn. Agus ciamar tha an rath so orm, gun tigeadh mathair mo Thighearna ga mʼ ionnsuidh? Oir, seall, cho luath ʼsa thainig guth tʼfhàilte gu mo chluasan, leum an naoidhean le aoibhneas na mʼbhroinn. Agus is beannaichte thusa a chreid, a chionn ʼs gun coimhlionar na nichean sin, a chaidh labhairt riut leis an Tighearna. Us thuirt Moire: Tha mʼ anam a g-ardachadh an Tighearna: Us ghlac mo spiorad aoibhneas ann an Dia mo Shlanair. A chionn gun do sheall e air irioslachd a bhan-sheirbhisich: oir, seall, á so suas their a h-uile ginealach beannaichte rium. A chionn gun dʼ rinn esan a tha cumhachdach nichean mora dhomh; agus is naomh ʼainm. Agus bho linn gu linn tha throcair doʼn fheadhainn air a bheil fhiamh. Dhʼfhiach e neart ʼna ghairdean: sgap e na h-uaibhrich am pròis an cridhe fhein. Thilg e na daoine cumhachdach dhe ʼn cathraichean, agus dhʼardaich e na daoine iriosal. Lion e na daoine acrach le nichean matha, ʼs leig e air falbh na daoine saibhir falamh. Ghabh e ri Israel a sheirbhiseach, a cuimhneachadh, a throcaire. A reir ʼs mar dhʼ innis e dhaʼr n-aithrichean, do Abraham, agus dha shliochd gu siorruidh. Us dhʼfhuirich Moire maille rithe mun cuairt do thri miosan, agus thill i gus a tigh fhein. Agus choimhlionadh àm aisead Ealasaid, agus rug i mac. Us chual a coimhearsnaich ʼsa luchd-daimh, gun dʼfhiach an Tighearn a mhor throcair dhi, agus rinn iad co-aoibhneas maille rithe. ʼS air an ochdamh latha thachair, gun tainig iad gus an leanabh a thimchioll-ghearradh, agus bha iad a toirt Sacharias air, ainm athar. Ach fhreagair a mhathair, a g-radh: Cha n-e idir, ach bheirear Eoin air. Us thuirt iad rithe: Cha n-eil aon dhe dʼ chinneadh air a bheil an t-ainm sin. Agus smeid iad air athair, fiach ciod an t-ainm a bʼaill leis a thoirt air. Agus dhʼiarr e clar-sgriobhaidh, agus sgriobh e, a g-radh: Se Eoin ʼainm. Agus ghabh iad uile iongantas. Agus ghrad-dhʼfhosgladh a bhial, us dhʼfhuasgladh a theanga, agus labhair e, a moladh Dhe. Agus thuit eagal air an coimhearsnaich uile; agus sgaoil na briathran so uile feadh bheanntan Iudéa air fad; Us iadsan uile, a chual iad, ghleidh iad ʼnan cridhe iad, a g-radh: Co, a shaoileas tu, bhios san leanabh so? oir bha lamh an Tighearna leis. Agus lionadh Sacharias ʼathair leis an Spiorad Naomh; agus rinn e faidheadaireachd, a g-radh: Beannaichte gun robh an Tighearna Dia Israil: a chionn ʼs gun do sheall e air a phobull, ʼs gun do shaor e e: ʼS gun do thog e adharc shabhalaidh dhuinn an tigh Dhài a sheirbhiseach: (A reir ʼs mar a labhair e á bial fhaidhean naomh fhein, a bha ann bho thoiseach:) Sabhaladh bhoʼr naimhdean, ʼs bho laimh na feadhnach sin uile, a thug fuath dhuinn: Gu trocair fhiachuinn dha ʼr n-aithrichean, ʼsa thiomnadh naomh a chuimhneachadh: Am mionn, a mhionnaich e dha ʼr n-athair Abraham, gun deonaicheadh e dhuinn: Los, air dhuinn a bhith air ar saoradh bho laimh ar naimhdean, gun dian sinn seirbhis dha gun fhiamh, Ann an naomhachd ʼs an ceartas ʼna lathair fad ar laithean gu leir. Agus theirear riutsa, a leinibh, faidh an Tì is airde; oir theid thu roi ghnuis an Tighearna gu shlighean a reiteachadh. Gu eolas an t-sabhalaidh a thoirt dha phobull, gu mathanas am peacannan: Tromh innibh trocair ar Dia, leis an tainig an t-Ur-sholus as na h-ardaibh ga ʼr sealltuinn: Gu soilleireachd a thoirt dhaibhse, a tha ʼnan suidhe ann an dorchadas ʼs an dubhar a bhàis, gu iul a dhianamh dhaʼr casan gu slighe na sithe. Agus dhʼfhas an leanabh, us neartaicheadh e san spiorad; agus bha e anns an fhasach gu latha fhoillseachaidh do Israel. Agus anns na laithean sin thachair, gun deach achd a mach bho Chésar Augustus gus an saoghal uile aireamh. Us rinneadh a chiad aireamh so le Cirinus uachdran Shiria. Agus chaidh iad uile gu bhith air an aireamh, gach aon gu bhaile fhein. Agus chaidh Ioseph cuideachd suas á Galile bho bhaile Nasareth gu Iudéa do bhaile Dhài, dha ʼn ainm Bethlehem, chionn gun robh e de thigh ʼs de theaghlach Dhài, Gu bhith air aireamh maille ri Moire, a bha ʼna mnaoi phòsta aige, ʼs i lethtromach. Agus thachair, nuair a bha iad an sin, gun do choimhlionadh na laithean gun rachadh a h-aiseadadh. Agus rug i a ciad-ghin mic, us shuain i ann an aodach speilidh e, agus chuir i ʼna laidhe ann am prasaich e: chionn nach robh aite dhaibh san tigh-osda. Agus anns an duthaich chiadna bha buachaillean a caithris, ʼsa cumail faire-oidhche air an treud. Agus, seall, sheas aingeal an Tighearna lamh riu, agus shoillsich solus Dhe mun cuairt daibh, agus ghabh iad eagal mor. Us thuirt an t-aingeal riu: Na biodh eagal oirbh: oir, seall, tha mi toirt deagh sgeul a mhor-aoibhneis dhuibh, a bhios doʼn h-uile pobull: Oir an diugh rugadh dhuibh Slanair, Criosta an Tighearna, ann am baile Dhài. Agus bithidh so ʼna chomharradh dhuibh: Gheobh sibh an leanabh suainte an aodach speilidh, ʼs ʼna laidhe ann am prasaich. Agus bha gu h-ealamh comhla ris an aingeal feachd mhor de dhʼarmailt fhlathanais, a moladh Dhe, ʼsa g-radh: Gloir do Dhia anns na h-ardaibh, ʼs air talamh sith do luchd na deagh thoil. Agus thachair, an deigh do na h-ainglean falbh bhuapa gu neamh, gun tuirt na buachaillean ri cheile: Rachamaid null gu Bethlehem, us faicemid muʼn fhacal, a thʼ air tachairt, a nochd an Tighearna dhuinn. Agus thainig iad le cabhaig; ʼs fhuair iad Moire, agus Ioseph, agus an leanabh ʼna laidhe ann am prasaich. ʼS nuair a chunnaic iad e, thuig iad mu ʼn fhacal a thuirteadh riu mu dheidhinn an naoidhein so. ʼUs ghabh iadsan uile, a chual e, iongantas as na nichean a chaidh a radh riu leis na buachaillean. Ach ghleidh Moire na nichean so uile, gam meomhrachadh ʼna cridhe. Agus thill na buachaillean, a toirt gloire us molaidh do Dhia, air son nan nichean uilʼ a chual ʼsa chunnaic iad, mar a dhʼinnseadh dhaibh. ʼS air do ochd laithean a bhith air an coimhlionadh gus an leanabh a thimchioll-ghearradh, thugadh Iosa mar ainm air, mar thugadh air leis an aingeal, mun do ghineadh sa bhroinn e. ʼS an deigh laithean a glanaidh air reir lagh Mhaois a bhith air an coimhlionadh, ghiulain iad e gu Ierusalem, gus a thairgse doʼn Tighearna, Mar tha e sgriobhte an lagh an Tighearna: A h-uile leanabh gille, a dhʼfhosglas a bhru, gairmear naomh doʼn Tighearna e; Agus gu iobairt a thairgse suas, a reir ʼs mar tha e air a gh-radh an lagh an Tighearna, paidhir thurtur, no dà chalaman oga. Us, seall, bha duine ann an Ierusalem, dhaʼm bʼainm Simeon, ʼs bha ʼn duine so ceart agus crabhach, a feitheamh ri sòlas Israil, agus bha ʼn Spiorad Naomh ann. Agus bha e air freagairt fhaighinn bho ʼn Spionad Naomh, nach fhaiceadh e bàs, gus am faiceadh e an toiseach Criosta an Tighearna. Agus thainig e le iul an Spioraid doʼn teampull. ʼS nuair thug a pharantan a stigh an leanabh Iosa, gu dianamh as a leth air reir cleachdadh an lagha, Ghabh esan air a ghairdeanan e, agus bheannaich e Dia, us thuirt e: Tha thu nis, a Thighearna, a leigeil air faibh do sheirbhisich ann an sith air reir tʼfhacail: Chionn gum faca mo shuilean do shabhaladh, A dhʼ ullaich thu roimh ghnuis nan uile shluagh: Solus a shoilleireachadh nan cinneach, agus gloir do phobuill Israel. Agus bha athair ʼsa mhathair a gabhail iongantais as na nichean a bhathas a g-radh uime. Agus bheannaich Simeon iad, us thuirt e ri Moire a mhathair: Fiach, chuireadh an leanabh so gu sgrios agus gu aiseirigh morain ann an Israel, agus ʼna chuspair a dhʼ aicheadhar. Agus sathar claidheamh tromh tʼanam fhein, los smaointean moran chridheachan a shoilleireachadh. ʼS bha an sin Anna, ban-fhaidh, nighean Phanueil, de threubh Aseir: bha i so fad air a h-adhart an laithean, agus chaith i seachd bliadhna comhla ri a fear bho a maighdeanas. Agus bha i ʼna bantraich gu ruig ceithir fichead us ceithir bliadhna: nach robh dealachadh ris an teampull, a seirbhiseachadh le traisg ʼs le urnaigh a latha ʼsa dhʼ oidhche. ʼSa tighinn a stigh sa cheart uair, dhʼaidich i an Tighearna; agus labhair i uime riusan uile aig an robh duil ri saorsainn Israil. ʼS nuair choimhlion iad a h-uile ni air reir lagh an Tighearna, thill iad do Ghalile, dha ʼm baile Nasareth. Us dhʼfhas an leanabh, agus neartaicheadh e, ʼs e lan de ghliocas; agus bha grasan De ann. Agus chleachd a pharantan a h-uile bliadhna dol suas gu Ierusalem aig feill mhor na càsga. ʼS nuair a bha e dà bhliadhna dhiag a dhʼaois, chaidh iad suas gu Ierusalem a reir cleachdadh na feille, ʼS an deigh dhaibh na laithean a choimhlionadh, nuair bha iad a tilleadh, dhʼ fhan an leanabh Iosa ann an Ierusalem, ʼs cha robh fios aig a pharantan air so. Ach a saoilsinn gun robh e sa chuideachda, chaidh iad air an adhart astar latha, agus bha iad ga shireadh am measg an luchd-daimh ʼs an luchd-eolais. Agus bho nach dʼ fhuair iad e, thill iad gu Ierusalem ga shireadh. ʼS an ceann thri latha, thachair gun dʼ fhuair iad e san teampull, ʼna shuidhe am miadhon nan ollamh gan eisdeachd, ʼsa cur cheisd orra. Us ghabh iadsan uile, a bha ga eisdeachd, iongantas ri ghliocas agus ri fhreagairtean. Agus ga fhaicinn ghabh iad fior iongantas. Us thuirt a mhathair ris: A Mhic, car-son a rinn thu mar so oirnn? seall, bha tʼ athair agus mise gu muladach ga dʼ shireadh. Us thuirt e riu: Car-son a bha sibh ga mʼ shireadhsa? nach robh fios agaibh, gum feum mise a bhith ris na bhuineas dha mʼ Athair? Agus cha do thuig iad am facal a thuirt e riu. Agus chaidh e sios comhla riu, us thainig e gu Nasareth; agus bha e umhailt dhaibh. Agus ghleidh a mhathair na briathran so uile ʼna cridhe. Agus thainig Iosa air adhart an gliocas, ʼs an aois, ʼs an grasan an lathair Dhe agus dhaoine. A nis anns a choigeamh bliadhna diag de dhʼ iompaireachd Thiberiuis César, nuair bha Pontius Pilat ʼna uachdran air Iudéa, us Herod ʼna thetrarc air Galile, us Philip a bhrathair ʼna thetrarc air Iturea agus duthaich Thraconitis, us Lisanias ʼna thetrarc air Abilina, Ri linn nan ard-shagart Annas agus Caiphas, thainig facal an Tighearna gu Eoin, mac Shachariais, anns an fhasach. Agus thainig e do ʼn duthaich sin uile mun cuairt Iordain, a searmonachadh baisteadh a pheanais air son mathanas pheacannan, Mar a tha e sgriobhte an leabhar briathran an fhaidh Isaias: Guth neach a g-eigheach san fhasach: Dianaibh deas slighe an Tighearna: dianaibh direach ʼaisridhean: Lionar a h-uile gleann, agus islichear a h-uile beinn agus cnoc; us nithear na slighean cama direach, agus na rathaidean garbha comhnard; Agus chi a h-uile feoil sabhaladh Dhe. Uime sin thuirt e ris a mhor-shluagh a thainig a mach gu bhith air am baisteadh leis: A ghineil nan nathraichean, co dhʼfhiach dhuibhse teicheadh bhoʼn fheirg ri tighinn? Thugaibh ma ta mach toradh freagrach do ʼn aithreachas, agus na teannaibh ri radh: Tha Abraham ʼna athair againn. Oir deiream ribh, gum beil Dia comasach air clann a thogail do dhʼ Abraham de na clachan so. Oir tha ʼn tuagh cheana air a leagail ri bun nan craobh. A h-uile craobh ma ta nach toir a mach deagh mheas, gearrar sios agus tilgear san teine i. Us dhʼfharraid an sluagh dheth, a g-radh: Ciod ma ta ni sinne? Agus fhreagair esan, us thuirt e riu: Am fear aig a bheil dà chota, thugadh e do ʼn fhear aig nach eil cota idir; ʼs am fear aig a bheil biadh, dianadh e air an alt chiadna. Agus thainig na cis-mhaoir fhein ga ionnsuidh gu bhith air am baisteadh, us thuirt iad ris: A mhaighistir, ciod a ni sinne? Agus thuirt e riu: Na dianaibh ni fos cionn na tha air orduchadh dhuibh. Agus dhʼfharraid na saighdearan dheth cuideachd, a g-radh: Agus ciod a ni sinne? Us thuirt e riu: Na dianaibh ainneart air aon sam bith, ʼs na dianaibh casaid bhreige; us bithibh toilichte le ʼr paidheadh. Agus nuair a bha ʼn sluagh uile am barail, ʼsa smaoineachadh ʼnan cridheachan thaobh Eoin, gum bʼe an Criosta e, ma dhʼ fhaoidte; Fhreagair Eoin, a cantuinn riu uile: Tha mise gu dearbh gu ʼr baisteadh le uisge: ach thig nas treasa na mi, dha nach airidh mise air barr-iall a bhrog fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh ʼs le teine: Aig a bheil a ghuit ʼna laimh, us glanaidh e ʼurlar-buailidh, us tionailidh e an cruithneachd gu shabhal, ach loisgidh e am moll le teine nach muchar. ʼSa comhairleachadh ioma ni eile, shearmonaich e doʼn t-sluagh. Ach Herod an tetrarc, nuair a chronaicheadh e leis air son Herodiais, bean a bhrathar, ʼs air son gach uilc a rinn Herod, Rinn e so a bharrachd air gach ni eile, gun a chuir e Eoin am priosan. Agus thachair, an deigh doʼn t-sluagh uile a bhith air am baisteadh, us Iosa cuideachd air a bhaisteadh, gun dʼ fhosgladh flathanas, ʼs e ri urnaigh; Agus theirinn an Spiorad Naomh air, an riochd corporra mar chalaman; us thainig guth bho neamh: Is tu mo Mhac ionmhuinn, asadsa is mor mo thlachd. ʼS bha Iosa faisg air deich bliadhna fichead a dhʼaois, ʼs bʼ e a reir barail dhaoine mac Ioseiph, a bha bho Heli, a bha bho Mhathat, A bha bho Lebhi, a bha bho Mhelchi, a bha bho Ianne, a bha bho Ioseph, A bha bho Mhathathias, a bha bho Amos, a bha bho Nahum, a bha bho Hesli, a bha bho Nage, A bha bho Mhahath, a bha bho Mhathathias, a bha bho Sheinei, a bha bho Ioseph, a bha bho Iuda, A bha bho Ioanna, a bha bho Resa, a bha bho Shorobabel, a bha bho Shalathiel, a bha bho Neri, A bha bho Mhelchi, a bha bho Addi, a bha bho Chosan, a bha bho Helmadan, a bha bho Her, A bha bho Iesus, a bha bho Elieser, a bha bho Iorim, a bha bho Mhathat, a bha bho Lebhi, A bha bho Shimeon, a bha bho Iuda, a bha bho Ioseph, a bha bho Iona, a bha bho Eliacim, A bha bho Mhelea, a bha bho Mhenna, a bha bho Mhathatha, a bha bho Nathan, a bha bho Dhài, A bha bho Iesse, a bha bho Obed, a bha bho Bhoos, a bha bho Shalmon, a bha bho Naason, A bha bho Aminadab, a bha bho Aram, a bha bho Esron, a bha bho Phares, a bha bho Iuda, A bha bho Iacob, a bha bho Isaac, a bha bho Abraham, a bha bho Thare, a bha bho Nachor, A bha bho Sharug, a bha bho Ragau, a bha bho Phaleg, a bha bho Heber, a bha bho Shale, A bha bho Chainan, a bha bho Arphacsad, a bha bho Shem, a bha bho Noé, a bha bho Lamech, A bha bho Mhathusale, a bha bho Henoch, a bha bho Iared, a bha bho Mhalaleel, a bha bho Chainan, A bha bho Henos, a bha bho Sheth, a bha bho Adhamh, a bha bho Dhia. Agus thill Iosa bho Iordan lan deʼn Spiorad Naomh; agus ghluaiseadh leis an Spiorad e do ʼn fhasach. Fad dà fhichead latha, agus bhuaireadh e leis an deomhan. ʼS cha dʼ ich e ni ré nan laithean sin; ʼs nuair a chaidh iad seachad bha acras air. Us thuirt an deomhan ris: Ma ʼs tu Mac De, abair ris a chloich so fàs ʼna h-aran. Us fhreagair Iosa e: Tha e sgriobhte: Nach ann air aran a mhain a tha ʼn duine tighinn beo, ach air h-uile facal De. Agus thug an deomhan e gu beinn aird, agus dhʼ fhiach e dha rioghachdan an domhain gu leir ann am mionaid na h-uarach, Us thuirt e ris: Bheir mi dhut a chumhachd so uile ʼs an gloir: oir thugadh dhomhsʼ iad, agus bheir mi iad doʼn neach is aill leam. Ma ni thu ma ta aoradh am lathair, is leat iad uile. Fhreagair Iosa, agus thuirt e ris: Tha e sgriobhte: Bheir thu aoradh do ʼn Tighearna do Dhia, agus dhasan a mhain ni thu seirbhis. Agus thug e gu Ierusalem e, agus chuir e air binnein an teampuill e, us thuirt e ris: Ma ʼs tu Mac De, tilg thu fhein sios á so. Oir tha e sgriobhte, gun tug e ordugh dha ainglean mu dʼ dheidhinn, iad ʼgad ghleidheadh: ʼS ʼnan lamhan togaidh iad suas thu, eagal, ma dhʼ fhaoidte, gum buail thu do chas nʼ aghaidh cloiche. Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Tha e air a radh: Na buair an Tighearna do Dhia. ʼS nuair a sguir am buaireadh uile, dheilich an deomhan ris car uine. Agus thill Iosa ann an neart an Spioraid do Ghalile, agus chaidh iomradh uime feadh na ducha gu leir. Us theagaisg e ʼnan sinagogan, agus dhʼ ard-mholadh e leo uile. Agus thainig e gu Nasareth, far an deach àrach, ʼs chaidh e stigh doʼn t-sinagog, mar a chleachd e, air latha na sàbaid, agus dhʼ eirich e suas a leughadh. Agus thugadh dha leabhar an fhaidh Isaias. ʼSa fosgladh an leabhair, fhuair e an t-aite anns an robh e sgriobhte: Tha Spiorad an Tighearna orm: air an aobhar sin dhʼung e mi gus an soisgeul a theagasg do na bochdan, chuir e mi a leigheas luchd a chridhe bhruite, A shearmonachadh saorsa do dhaoine am braighdeanas, agus fradhairc do na doill, a dhʼfhuasgladh air an fheadhainn a tha bruite, a shearmonachadh bliadhna thaitneach an Tighearna, agus latha an ath-dhiolaidh. ʼS nuair a dhuin e an leabhar, thug e doʼn fhear-fhrithealaidh e, agus shuidh e. Us bha suilean na bha san t-sinagog uile a dearcadh air. Agus thòisich e ri cantuinn riu: An diugh thaʼn sgriobtur so air a choimhlionadh ʼnur cluasan. Us thug iad uile teisteanas dha: agus ghabh iad iongantas as na facail ghrasor a thainig a mach as a bhial, us thuirt iad: Nach e so mac Ioseiph? Us thuirt e riu: Gun teagamh their sibh an sean-fhacal so rium: A lighich, leighis thu fhein: dian nichean cho mor, ʼsa chuala sinn a rinn thu an Capharnaum, an so na dʼ dhuthaich fhein. Agus thuirt e: Gu deimhinn deiream ribh nach gabhar ri faidh air bith ʼna dhuthaich fhein. Gu firinneach deiream ribh: bha moran bhantrach ann an lài Eliais an Israel, nuair dhuineadh neamh fad thri bhadhna agus shia miosan, nuair bha gorta mhor feadh an talmhuinn gu leir: ʼS gu h-aon dhiu cha do chuireadh Elias, ach gu té a bha ʼna bantraich an Sarepta Shidonia. Agus bha ioma lobhar an Israel ri linn Eliséuis am faidh: ʼs cha do ghlanadh a h-aon diu, ach Naaman an Sirianach. Ri so a chluinntinn, lionadh iad uile a bha san t-sinagog le feirg. Us dhʼeirich iad suas, agus thilg iad a mach e as a bhaile; ʼs thug iad e gu maladh na beinne air na thogadh am baile aca, gus a thilgeadh sios an comhair a chinn. Ach esan a gabhail tromh am miadhon, shiubhail e. Agus chaidh e sios do Chapharnaum, baile ann an Galile, ʼs bha e gan teagasg an sin air laithean na sàbaid. Us bha iongantas orra as a theagasg: chionn bha bhriathran le cumhachd. Agus anns an t-sinagog bha duine anns an robh deomhan neoghlan, agus ghlaodh e le guth ard, A g-radh: Leig leinn, ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? an ann gus ur sgrios a thainig thu? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe. Agus chronaich Iosa e, a g-radh: Bi na dʼ thosd, us theirig a mach as. ʼS nuair thilg an deomhan e sios ʼnam miadhon, chaidh e mach as gun dochunn air bith a dhianamh air. Agus bhuail uamhas iad uile, us labhair iad ri cheile, a g-radh: Ciod e am facal so, oir le ughdaras ʼs le cumhachd tha e toirt orduigh do na spioraid neoghlan, agus tha iad a dol a mach? Agus sgaoil a chliu feadh gach aite deʼn duthaich. Agus dhʼeirich Iosa as an t-sinagog, us chaidh e stigh do thigh Shimoin. Agus bha mathair-cheile Shimoin air a glacadh le fiabhrus mor; agus ghuidh iad air ga taobh. ʼSa seasamh fos a cionn, dhʼàithn e air an fhiabhrus; us dhʼfhag e i. Agus ghrad-dhʼeirìch i, us fhritheil i dhaibh. ʼS nuair chaidh a ghrian fodha, thug iadsan uile, aig an robh daoine tinne le ioma seorsa ghalar, ga ionnsuidh iad. Agus esan a leagail a lamhan air gach aon dhiu, leighis e iad. Agus chaidh na deomhain a mach á moran, a glaodhaich ʼsa g-radh: Is tu Mac Dhe. Us gan cronachadh, cha leigeadh e leo labhairt; oir bʼaithne dhaibh gum bʼe an Criosta. ʼS nuair thainig an latha, a gabhail a mach chaidh e gu aite fàs, ʼs bha an sluagh ga shireadh, agus thainig iad ga ionnsuidh; us bha iad ga chumail, chum nach dealaicheadh e riu. Ach thuirt e riu: Feumaidh mi rioghachd Dhe shearmonachadh do bhailtean eile: oir ʼsann air son sin a chaidh mo chur. Agus shearmonaich e ann an sinagogan Ghalile. Agus thachair, nuair a bha an sluagh a dianruith ga ionnsuidh gu facal De eisdeachd, gun robh e ʼna sheasamh ri taobh loch Ghenesareth. Agus chunnaic e dà shaghach ʼnan seasamh aig oir an loch: ach bha na h-iasgairean air tighinn asda, agus bha iad a nighe nan lion. ʼS air dha dol a stigh do h-aon de na saghaichean, bu le Simon, dhʼiarr e air tarruinn beagan bho thir. Agus air dha suidhe, theagaisg e an sluagh as an t-saghach. ʼS nuair sguir e a labhairt, thuirt e ri Simon: Tarruinn a mach thun na doimhne, us leigibh sios ur lin gu glacadh. Agus thuirt Simon ris, ʼs e freagairt: A Mhaighistir, shaothraich sinn fad na h-oidhche, ʼs cha do ghlac sinn dad: ach air tʼfhacalsa leigidh mi sios an lion. ʼS nuair rinn iad so, chuairtich iad tacar mor eisg, agus bha an lion a stracadh. Agus smeid iad air an companaich, a bha san t-saghach eile, iad a thighinn agus an cuideachadh. Us thainig iad, agus lion iad; an dà shaghach, ionnus gur beag nach robh iad a dol fodha. Nuair chunnaic Simon Peadar so, thuit e sios aig gluinean Iosa, a g-radh: Imich bhuam: oir is duine peacach mi, a Thighearna. Oir bʼanabarrach an t-iongantas a ghabh e, agus iadsan a bha comhla ris, as an tacar eisg a ghlac iad: Us mar an ciadna ghabh Seumas agus Eoin, mic Shebede, a bha ʼnan companaich aig Simon, iongantas. Us thuirt Iosa ri Simon: Na gabh eagal: á so suas glacaidh tu daoine. ʼSa tarruinn an saghaichean gu tir, dhʼfhag iad a h-uile ni, us lean iad e. Agus thachair, nuair bha e am baile araid, seall duine lan deʼn mhùir, ʼs e faicinn Iosa, thuit e air aghaidh, us ghuidh e air, a g-radh: Ma ʼs math leat, a Thighearna, is urrainn dhut mo ghlanadh. ʼSa sineadh a laimh, bhean e dha, a g-radh: Is math leam: Bi glan. Agus dhealaich a mhùir ris san uair. Us dhʼorduich e dha gun innseadh do neach sam bith, ach: Falbh, fiach thu fhein doʼn t-sagart, agus tairg air son do ghlanaidh air reir ʼs mar dhʼàithn Maois mar theisteanas dhaibh. Ach ʼsann is mua sgaoil a chliu; agus thainig an t-anabarr sluaigh cruinn gus ʼeisdeachd, agus gu bhith air an leigheas bhoʼ n easlaintean. Agus chaidh e lethtaobh doʼn fhasach, us rinn e urnaigh. ʼS air latha araid thachair, gun robh e ʼna shuidhe a teagasg. Agus ʼnan suidhe an sin mar an ciadna bha Phairisich agus ollamhan an lagha, a thainig as gach baile de Ghalile, ʼs de Iudéa, agus á Ierusalem: us bha feartan an Tighearna ann gus an leigheas. Agus, seall, ghiulain daoine air leabaidh fear, air an robh an tinneas-critheach, a sireadh a thoirt a stigh, ʼsa chur air a bhialaobh. ʼS nuair nach robh iad a faighinn doigh air a thoirt a stigh thaobh domhladas an t-sluaigh, dhirich iad gu mullach an tighe, agus leig iad sios e tromh na criadh-leacan le ʼleabaidh sa mhiadhon air bialaobh Iosa. Nuair chunnaic e an creideamh, thuirt e: A dhuine, tha do pheacannan mathte dhut. Agus thòisich na Sgriobhaich ʼs na Phairisich ri smaoineachadh, a g-radh: Co e so, a tha labhairt blais-bheum? Co is urrainn peacannan a mhathadh ach Dia ʼna aonar? Ach nuair thuig Iosa an smaointean, thuirt e riu, ʼs e freagairt: Ciod a tha sibh a smaoineachadh ʼnur cridheachan? Co dhiu is fhasa radh: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, agus coisich? Ach los fios a bhith agaibh gum beil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (os esan ri fear na crithe): Tha mi g-radh riut, eirich, tog do leaba, us falbh gu do thigh. Agus san uair a g-eirigh suas ʼnan lathair, thug e leis an leaba air an robh e ʼna laidhe; us shiubhail e gu thigh, a toirt gloir do Dhia. Agus ghabh iad uile mor-ioghnadh, us thug iad gloir do Dhia. Agus lionadh iad le eagal, a g-radh: Chunnaic sinn nichean miarailteach an diugh. Agus an deigh nan nichean so dhʼfhalbh e, us chunnaic e cismhaor, dhaʼm bʼainm Lebhi, ʼna shuidhe aig tigh na cise, us thuirt e ris: Lean mise. ʼSa g-eirigh dhʼfhag e h-uile ni, us lean e e. Agus rinn Lebhi cuilm mhor dha ʼna thigh; agus bha cuideachda lionor chismhaor ann, ʼs de mhuinntir eile aig bord comhla riu. Ach rinn na Phairisich ʼs na Sgriobhaich aca monmhur, a g-radh ri dheisciopuil: Car-son tha sibh a g-ithe ʼsa g-ol comhla ri cismhaoir ʼs ri peacaich? Agus thuirt Iosa riu, ʼs e freagairt: Cha n-eil feum aig an fheadh ainn a tha slan air leigh, ach aig an fheadhainn a tha tinn. Cha tainig mi a ghairm nan ionraic ach nam peacach gu aithreachas. Agus thuirt iad ris: Car-son tha deisciopuil Eoin a trasgadh gu tric, ʼsa dianamh urnaigh, agus deisciopuil nam Phairiseach mar an ciadna: ach tha dʼfheadhainn-sa a g-iche ʼsa g-ol? Thuirt e riu: An urrainn duibh a thoirt air fleasgaich fear-na-bainnse traisg a dhianamh, fhad ʼsa bhios fear-na-bainnse comhla riu? Ach thig na lài air an toirear fear-na-bainnse bhuapa: an sin ni iad traisg sna laithean sin. Us labhair e cuideachd cosamhlachd riu: Chionn cha chuir gin sa bith breid á eideadh ùr air seann eideadh: air-neo riabaidh e an t-eideadh ùr, agus cha fhreagair am breid as an fhear ùr do ʼn t-seann fhear. Agus cha chuir duine air bith fìon ùr ann an seann searragan: air-neo stracaidh am fion ùr na searragan, agus doirtear e fhein, us caillear na searragan: Ach feumar fion ùr a chur ann an searragan ùra, agus tiarnar an dà chuid. Agus cha mhath le duine air bith, a tha g-ol seann fhiona, fìon ùr grad as a dheigh: oir their e: Se ʼn seann fhion is fhearr. A nis thachair air an ath chiad shàbaid, nuair a bha e triall tromh na raointean arbhair, gun robh a dheisciopuil a spionadh dhias, ʼs gan ithe, an deigh an suathadh ʼnan lamhan. Agus thuirt cuid de na Phairisich riu: Car-son tha sibh a dianamh ni nach eil ceaduichte air laithean na sàbaid? Agus thuirt Iosa, ʼs e gam freagairt: Nach do leugh sibh so, a rinn Dài, nuair bha e fhein us iadsan a bha cuide ris air acras? Mar chaidh e stigh do thigh Dhe, ʼsa ghabh e an t-aran-tairgse, ʼsa dhʼ ith e, ʼsa thug e dhaibhse, a bha marris, nach eil laghail ithe ach a mhain do na sagairt? Us thuirt e riu: Se Mac an duine Tighearna na sàbaid fhein. Agus thachair mar an ciadna air sàbaid eile, gun deachaidh e stigh do ʼn t-sinagog, ʼs gun do theagaisg e. Agus bha fear an sin, aig an robh a lamh dheas air seargadh. Agus bha na Sgriobhàich ʼs na Phairisich a gabhail beachd an dianadh e leigheas air an t-sàbaid, los gum faigheadh iad cuis-dhitidh ʼna aghaidh. Ach thuig e an smaointean; us thuirt e ris an fhear, aig an robh an lamh sheargte: Eirich, agus seas sa mhiadhon. Agus dhʼeirich e ʼna sheasamh. Agus thuirt Iosa riu: Farraideam dhibh, am beil e laghail math no olc a dhianamh air laithean sàbaid; beatha thiarnadh, no a sgrios? Agus thuirt e ris an duine, ʼs e g-amharc mun cuairt orra uile: Sìn do lamh. Agus shìn e mach i, agus leighiseadh a lamh. Us ghabh iadsan an caothach, agus labhair iad ri cheile ciod a dhianadh iad air Iosa. Agus thachair anns na laithean sin, gun deachaidh e suas gu beinn a dhianamh urnaigh, agus bhuilich e an oidhche uile ann an urnaigh ri Dia. ʼS nuair thainig an latha, ghairm e a dheisciopuil ga ionnsuidh; us thagh e dhà dhiag dhiu (a dhʼainmich e ostail): Simon, a shloinn e Peadar, us Aindris a bhrathair; Seumas, agus Eoin; Philip, agus Bartolomé; Matu, agus Tomas; Seumas Alpheuis, agus Simon ris an abrar Selotes; Us Iuda brathair Sheumais; agus Iudas Iscariot, a bhrath e. ʼSa tearnadh maille riu, sheas e air aite comhnard, agus buidhean de dheisciopuil, agus cuideachda mhor de shluagh bho Iudéa uile ʼs bho Ierusalem, us bho chòrsa muir Thiruis agus Shidoin, A thainig ga eisdeachd, ʼs gu bhith air an leigheas bho ʼn easlaintean. Us leighiseadh iadsan a bha air an sarachadh le spioraid neoghlan. Agus bha an sluagh uile sireadh beantuinn da; oir bha feartan a dol a mach bhuaithe, a bha gan leigheas uile. Agus thuirt e, ʼs e togail suas a shuilean air a dheisciopuil: Is beannaichte sibhse, a tha bochd, oir is leibh rioghachd Dhe. Is beannaichte sibhse, air a bheil acras a nis: oir gheobh sibh ur lan-riarachadh. Is beannaichte sibhse a tha gal a nis: oir ni sibh gaire. Is beannaichte a bhios sibh, nuair bheir daoine fuath dhuibh, ʼsa thearbas iad sibh, ʼsa mhaslaicheas iad sibh, ʼsa thilgeas iad a mach ur n-ainm mar olc, as leth Mhic an duine. Biodh aoibhneas oirbh air an latha sin, agus aighear: oir, seall, is mor ur duais am flathanas: oir ʼsann mar sin a rinn an aithrichean air na faidhean. Ach mo thruaighe sibhse a tha beartach: chionn tha ur toileachadh agaibh. Mo thruaighe sibhse a tha sàthach: oir bithidh sibh acrach. Mo thruaighe sibhse a tha gaireachduinn a nis: oir ni sibh gal agus caoidh. Mo thruaighe sibh nuair a mholas daoine sibh: oir ʼsann mar sin a rinn an aithrichean ris na faidhean-breige. Ach tha mise g-radh ribhse, a tha gam eisdeachd: Thugaibh gaol dha ʼr naimhdean, dianaibh math dhaibhse, a tha toirt fuatha dhuibh. Beannaichibh an fheadhainn a tha gu ʼr mollachadh, us bithibh a g-urnaigh air son na feadhnach a tha gu ʼr caineadh. Agus do ʼn fhear, a bhuaileas thu air an darna gruaidh, tairg an té eile. Agus dhasan a bheir bhuat do chleoc, na bac do chota cuideachd. Thoir do ʼn h-uile h-aon a dhʼiarras ort: agus air-san, a bheir air falbh do chuid, na iarr air a h-ais i. Agus mar is math leibh daoine a dhianamh dhuibh, dianaibh dhaibh air an alt chiadna. Agus ma ʼsann do ʼn fheadhainn, a tha toirt gaoil dhuibh, a bheir sibh gaol, ciod an taing thʼagaibh? ʼs gun toir na peacaich fhein gaol do ʼn fheadhainn, a tha toirt gaoil dhaibh. Agus ma ni sibh math do ʼn fheadhainn a tha dianamh math dhuibh, ciod an taing thʼagaibh? ʼs gum beil na peacaich fhein a dianamh sin. Agus ma bheir sibh coingheall do ʼn fheadhainn bho ʼm beil duil agaibh ri leithid fhaighinn, ciod an taing dhuibh? oir bheir peacaich fhein coingheall do pheacaich gus urad fhaighinn. Ach thugaibhse gaol dha ʼr naimhdean; dianaibh math, agus thugaibh coingheall seachad, gun duil ri ni air ais: us bithidh ur duais pailt, agus bithidh sibh ʼnur cloinn do ʼn Tì is airde: oir tha esan caoimhneil ris na daoine mi-thaingeil agus olc. Bithibhse ma ta trocaireach, mar a tha ur n-Athair trocaireach. Na tugaibh breth, ʼs cha toirear breth oirbh: na ditibh, ʼs cha ditear sibh. Mathaibh, agus mathar dhuibh. Thugaibh seachad, us bheirear dhuibh: deagh thomhas, air a dhinneadh, ʼs air a chrathadh ri cheile, ʼsa cur thairis, cuiridh iad ʼnur n-uchd. Oir leis a cheart tomhas leis an tomhais sibhse, tomhaisear dhuibh air ais. Agus thug e samhladh dhaibh: An urrainn do dhall dall a stiuradh? Nach tuit iad le cheile san t-slochd? Cha n-eil deisciopul fos cionn a mhaighistir: ach bithidh a h-uile h-aon coimhlion, ma bhios e mar a mhaighistir. Agus car-son a tha thu faicinn a chaimein ann an suil do bhrathar, ʼs nach eil thu toirt an aire do ʼn t-sail, a tha na dʼ shuil fhein? No ciamar is urrainn dhut a radh ri dʼ bhrathair: A bhrathair, leig leam an caimein a thoirt á do shuil: thusa, dha nach leir an t-sail, a tha na dʼ shuil fhein? A chealgair, cuir an t-sail an toiseach á do shuil fhein; agus an sin chi thu gu soilleir an caimein a thoirt á suil do bhrathar. Oir cha chraobh mhath, a bheir mach droch mheas; agus cha dhroch chraobh, a bheir mach deagh mheas. Oir aithnichear gach craobh air a meas. Oir cha tionail daoine figisean dhe ʼn dreigheann, ʼs cha mhua bhuaineas iad dearcan-fiona dhe ʼn dris. Bho iuntas math a chridhe, bheir an duine math nichean matha; agus bho dhroch iuntas, bheir an droch dhuine nichean olca. Oir ʼsann á lanachd a chridhe a labhras am bial. Agus car-son tha sibh a g-radh, a Thighearna, a Thighearna, riumsa, ʼs nach eil sibh a cur an gniomh na tha mi g-radh? A h-uile h-aon a thig h-ugamsa, ʼsa dhʼeisdeas ri mo bhriathran, ʼsa ni iad: fiachaidh mi dhuibh co ris a tha e coltach. Tha e coltach ri duine a togail tighe, a chladhaich domhain, ʼsa leag a steidh air craig: ʼs nuair thainig an tuil, bhuail an struth gu dian air an tigh sin, ʼs cha bʼurrainn da a charachadh: oir bha e steidhichte air a chraig. Ach esan, a dhʼeisdeas, ʼs nach dian, tha e coltach ri duine a thog tigh air an talamh gun steidh: ʼs nuair a bhuail an struth air gu dian, ghrad-thuit e; agus bu mhor tuiteam an tighe sin. ʼS nuair a chriochnaich e na briathran sin uile ann an eisdeachd an t-sluaigh, chaidh e stigh do Chapharnaum. Agus aig ceannard-ciad araid bha seirbhiseach, a bha ro-mheasail aige, gu tinn, ʼs aig uchd bàis. ʼS nuair chual e mu Iosa, chuir e ga ionnsuidh seanairean nan Iudhach, a dhʼiarraidh air tighinn ʼsa sheirbhiseach a leigheas. ʼS nuair thainig iad gu Iosa, ghuidh iad air gu durachdach, a g-radh ris: Is airidh e air thu so dhianamh dha: Oir is toil leis ar cinneadh, us thog e sinagog dhuinn. Agus dhʼfhalbh Iosa comhla riu. ʼS nuair bha e nis teann air an tigh, chuir an ceannard-ciad cairdean ga ionnsuidh, a g-radh: A Thighearna, na cuir dragh ort fhein: oir cha n-airidh mise gun tigeadh tu stigh fo mʼfhardaich: Le sin cha do shaoil mi gum bʼairidh mi fhein air tighinn ga tʼ ionnnsuidhse: ach abair am facal, us bithidh mo sheirbhiseach air a leigheas. Oir is duine mi fhein air mo chur fo uachdranachd, aig a bheil saighdearan fodham; agus their mi ri fear: Falbh, us falbhaidh e; ʼs ri fear eile: Thig, us thig e; agus ri mo sheirbhiseach: Dian so, us ni e e. Ghabh Iosa, ʼs e cluinntinn so, iongantas; ʼsa tionndadh ris an t-sluagh, a bha ga leantuinn, thuirt e: Gu firinneach tha mi g-radh ribh, nach dʼfhuair mi urad chreidimh ann an Israel fhein. ʼS nuair a thill an fheadhainn, a bha air an cur, thun an tighe, fhuair iad an seirbhiseach, a bha tinn, slan. Us thachair an deigh sin, gun robh e dol gu baile, ris an abrar Naim; agus gun robh a dheisciopuil us moran sluaigh a dol comhla ris. ʼS nuair thainig e teann air geata a bhaile, seall, bhathas a giulan a mach duine mhairbh, aona mhac a mhathar, ʼs bu bhantrach i; agus bha cuideachda mhor de mhuinntir a bhaile comhla rithe. Nuair a chunnaic an Tighearna i, a gabhail truais di, thuirt e rithe: Na bi gal. Agus thainig e faisg, us bhean e do ʼn chiste. Agus sheas iadsan, a bha ga giulan. Us thuirt e: Oganaich, tha mi g-radh riut, eirich. Agus shuidh esan a bha marbh naird, agus thòisich e ri bruidhinn. Us thug e dha mhathair e. Agus ghabh iad uile eagal; us thug iad gloir do Dhia, a g-radh: Dhʼ eirich faidh mor ʼnar measg; us dhʼamhairc Dia air a phobull fhein. Agus ruith an sgial so uime feadh Iudéa uile, us feadh na duthcha gu leir mun cuairt. Agus dhʼinnis deisciopuil Eoin dha mu dheidhinn nan nichean so uile. Us ghairm Eoin dithis dhe a dheisciopuil, agus chuir e gu Iosa iad, a g-radh: An tu esan a tha ri tighinn, no am bi duil againn ri aon eile? ʼS nuair thainig na fir ga ionnsuidh, thuirt iad: Chuir Eoin Baiste sinn ga dʼ ionnsuidh, a g-radh: An tu esan a tha ri tighinn, no am bi dùil againn ri aon eile? (Agus sa cheart uair sin, leighis e moran bho ʼn easlaintean, us bho ʼn creuchdan, us bho dhroch, spioraid, agus do mhoran dhall thug e am fradharc.) Agus a freagairt, thuirt e riu: Falbhaibh, agus innsibh do Eoin na chual, ʼs na chunnaic sibh: Gu bheil na doill a faicinn, na bacaich a coiseachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a cluinntinn, na mairbh a g-eirigh rithist, an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan: Agus is beannaichte a h-uile h-aon nach gabh sgainneal asamsa. ʼS nuair a dhʼfhalbh teachdairean Eoin, thòisich e ri labhairt ris an t-sluagh mu Eoin: Ciod a chaidh sibh a mach do ʼn fhasach a dhʼ fhaicinn? cuilc air a crathadh leis a ghaoith? Ach ciod a chaidh sibh a mach a dhʼ fhaicinn? duine air eideadh an aodach riomhach? Seall, ʼsann an tighean righrean tha iadsan, a tha air an sgeadachadh an aodach priseil, ʼsa tighinn beo an ailleas. Ach ciod a chaidh sibh mach a dhʼfhaicinn? faidh? Seadh, tha mi g-rabh ribh, agus tuilleadh na faidh: Se so esan mu bheil e sgriobhte: Seall, cuiridh mi mʼ aingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad. Oir tha mi g-radh ribh: Am measg na rugadh bho mhnathan cha n-eil faidh nas mua na Eoin Baiste: ach tha an urra is lugha an rioghachd Dhe nas mua na esan. Agus an sluagh uile ʼs na cismhaoir, ʼs iad ga chluinntinn, dhʼfhirinnich iad Dia le bhith air am baisteadh le baisteadh Eoin. Ach chuir na Phairisich ʼs an luchd-lagha suarach comhairle Dhe ʼnan aghaidh fhein, oir cha do bhaisteadh iad leis. Us thuirt an Tighearna: Co ris ma ta a shamhlaicheas mi daoine a ghinealaich so? agus co ris a tha iad coltach? Tha iad coltach ri cloinn ʼnan suidhe sa mhargadh, agus a bruidhinn ri cheile, ʼsa g-radh: Ghleus sinn ceol dhuibh, ʼs cha do dhanns sibh; rinn sinn cumha, ʼs cha do ghuil sibh. Oir thainig Eoin Baiste, gun a bhith g-icheadh arain, no g-ol fiona, agus tha sibhse g-radh: Tha deomhan aige. Thainig Mac an duine a g-ich ʼsa g-ol, us tha sibh a g-radh: Seall fear a tha ʼna gheocaire ʼs ʼna phòitear fiona, ʼna charaid chismhaor agus pheacach. Ach tha gliocas air a firinneachadh le ʼcloinn uile. Agus dhʼiarr feareigin de na Phairisich air iche maille ris. Us chaidh e stigh do thigh an Phairisich, agus shuidh e sios gu biadh. Agus, seall, nuair a thuig boirionnach, a bha ʼna bana-pheacaich sa bhaile, gun robh e aig biadh an tigh an Phairisich, thug i leatha bocsa alabastair a dhʼola; ʼSa fantuinn air chùl aig a chasan, thòisich i ri chasan a fhliuchadh le a deoir, agus shuath i a chasan le falt a cinn, us phog i a chasan, us dhʼung i iad leis an oladh. Agus am Phairiseach, a thug cuireadh dha, a faicinn so, thuirt e ris fhein, a g-radh: Nam bʼe so faidh, gu cinnteach dhʼaithneadh e co i, agus ciod an seorsa boirionnaich a tha beantuinn da: chionn is bana-pheacach i. Us thuirt Iosa ris, ʼs e freagairt: A Shimoin, tha rudeigin agam ri radh riut. Ach ars esan: A Mhaighistir, abair e. Bha fiachan aig riadhadair araid air dithis: air aon fhear coig ciad peighinn, agus air an fhear eile leth-chiad. Agus bho nach robh dad aca leis am paidheadh iad, mhath e dhaibh le cheile. Co aca ma ta a bheir am barrachd gaoil dha? Fhreagair Simon, a g-radh: Tha mi am barail, gur e esan dha ʼm mua a mhath e. Us thuirt e ris: Is ceart a thug thu breth. ʼSa tionndadh ris a bhoirionnach, thuirt e ri Simon: A bheil thu faicinn a bhoirionnaich so? Thainig mi stigh dha dʼ thigh; cha tug thu uisge dhomh air son mo chasan: ach ise, nigh i mo chasan le a deoir, agus shuath i iad le ʼfalt. Cha tug thu pog dhomh: ach cha do sguir ise, bho na thainig i stigh, a phogadh mo chasan. Cha dʼung thu mo cheann le ola: ach dhʼung ise mo chasan le ola. Air an aobhar sin tha mi g-radh riut: Tha moran pheacannan air am mathadh dhi, chionn gun tug i moran gaoil. Ach an neach, dha ʼm mathar nas lugha, se is lugha a bheir gaol. An sin thuirt e rithe: Tha do pheacannan air am mathadh dhut. Us thòisich iadsan, a bha aig biadh maille ris, ri radh riu fhein: Co so, a tha mathadh pheacannan cuideachd? Ach thuirt e ris a bhoirionnach: Shabhail do chreideamh thu; falbh an sith. Agus thachair an deigh sin, gun do thriall e feadh chaithrichean agus bhailtean, a searmonachadh ʼsa teagasg soisgeul rioghachd Dhe; ʼs na dhà-dhiag maille ris, Agus boirionnaich araid, a leighiseadh bho dhroch spioraid ʼs bho easlaintean: Mairi, ris an canar Magdalen, as an deachaidh seachd deomhain a chur, Agus Ioanna bean Chusa, stiubhart Heroid, agus Susanna, agus moran eile, a bha ga fhreasdal le am maoin. ʼS nuair a chruinnich moran sluaigh, agus a ghreas iad orra ga ionnsuidh as na bailtean, labhair e ann an samhladh: Chaidh fear-cuir a mach a chur a shìl; ʼs nuair bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid, agus shaltradh sios e, us dhʼich ianlaith an athair e. Agus thuit cuid eile air craig; ach cha luaithe dhʼfhas e, na shearg e as: chionn nach robh sugh aige. Agus thuit cuid eile measg dreighinn, agus dhʼ fhas an dreigheann, us thachd e e. Agus thuit cuid eile air talamh math; ʼs air dha fàs, thug e mach toradh ciad-fillte. ʼS nuair a labhair e na nichean so, dhʼeigh e: Am fear aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e. Agus dhʼfhaighnich a dheisciopuil dheth, ciod bu chiall do ʼn dubhfhacal so. Thuirt e riu: Thugadh dhuibhse eolas air mistire rioghachd Dhe, ach do chàch an dubhfhaclan; los a faicinn, nach leir dhaibh, ʼsa cluinntinn, nach tuig iad. A nis se so an dubh-fhacal: An siol se facal De e. Agus is iadsan ri taobh an rathaid an fheadhainn a dhʼeisdeas: an sin thig an deomhan agus sgobaidh e am facal as an cridhe, eagal le creidsinn gum bi iad sabhailte. Agus is iadsan air a chreig an fheadhainn, an deigh cluinntinn, a ghabhas ris an fhacal le aoibhneas: us aca sin cha n-eil friamh: oir tha iad a creidsinn car seal, ʼsa teicheadh an àm buairidh air falbh. ʼSa chuid a thuit am measg an dreighinn, ʼsiad sin iadsan a chuala, ʼsa dol a mach a tha air an tachdadh le ro-churam, ʼs le beartas, ʼs le àilleas na beatha so, ann an rathad ʼs nach eil iad a toirt a mach toraidh. Ach a chuid air an talamh mhath, ʼsiad sin iadsan, a chluinneas am facal le oridhe math agus ro-mhath, agus a ghleidheas e, ʼsa bheir mach toradh le faighidin. Cha n-eil neach sam bith air dha coinnneal a lasadh a chuireas i fo shaghach, no fo leabaidh: ach an coinnleir, los gum faic iadsan, a thig a stigh, an solus. Oir cha n-eil ni am falach, nach tig am follais; no an cleith, nach aithnichear, ʼs nach tig an uachdar. Thugaibh an aire ma ta ciamar a chluinneas sibh. Oir h-uile fear aig a bheil, bheirear dha, ʼs am fear aig nach eil, bheirear bhuaithe an ni fhein, a tha e saoilsinn a thʼ aige. Agus thainig a mhathair ʼsa bhraithrean ga ionnsuidh, ʼs cha b ʼurrainn daibh tighinn ʼna chòir leis an t-sluagh. Us thuirt cuideigin ris: Tha do mhathair ʼs do bhraithrean ʼnan seasamh a muigh, a g-iarraidh tʼ fhaicinn. Agus a freagairt, thuirt esan riu: ʼSiad mo mhathair agus mo bhraithrean an fheadhainn a dhʼeisdeas ri facal De, ʼsa ni e. Us thachair air latha araid gun deach e stigh do eathar, e fhein ʼsa dheisciopuil, agus thuirt e riu: Rachamaid gu taobh thall an loch. Agus ghabh iad a null. ʼS nuair a bha iad a seoladh, thuit esan ʼna chadal, us bhuail stoirm ghaoithe a nuas air an loch, agus bha an t-eathar a lionadh, agus iad fhein an cunnart. Us thainig iad, agus dhuisg iad e, a g-radh: A Mhaighistir, tha sinn a dol a dhith. Ach esan a g-eirigh, chronaich e ghaoth, agus onfhadh nan tonn, agus sguir e; us thainig fiath, Us thuirt e riu: Càit a bheil ur creideamh? Agus ghabh iadsan eagal us iongantas, a g-radh ri cheile: Co tha ʼn so, a shaoileas tu, oir tha e toirt orduigh do ʼn ghaoith ʼs do ʼn mhuir, agus tha iad umhailt dha? Us sheol iad gu duthaich nan Gerasenach, a tha thall mu choinneamh Ghalile. ʼS nuair thainig e air tir, choinnich fear araid e, anns an robh deomhan uine fhada, agus cha robh aodach air, ʼs cha mhua bha e tamh ann an tigh, ach anns na h-uaighean. Cho luath ʼsa chunnaic e Iosa, thuit e air aghaidh ʼna lathair; ʼsa g-eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod e mo ghnothachsa riut, Iosa, a mhic an Ti is airde? Guidheam ort, na craidh mi. Oir thug e ordugh do ʼn spiorad neoghlan a dhol a mach as an duine. Oir bʼiomadh uair a ghlacadh e leis, agus bhathas ga cheangal le slabhruidhean, ʼs ga chumail le geimhlean; ʼsa bristeadh a chuibhrichean dhʼiomaineadh e leis an deomhan do dhʼ aiteachan fàs. Agus dhʼfharraid Iosa dheth, a g-radh: Cʼainm a thʼort? Ach thuirt e: Legion: a bhrigh gun robh ioma deomhan air dol a stigh ann. Agus ghuidh iad air, nach orduicheadh e dhaibh dol do ʼn aigeal. Us bha treud mhor mhuc a g-ionaltradh air a bheinn; agus ghuidh iad air leigeil leo dhol a stigh unnta. Agus leig e leo. An sin chaidh na deomhain a mach as an duine, us ghabh iad a stigh sna mucan; agus ruith an treud ʼnan deann an comhair an cinn do ʼn loch, agus thachdadh iad. Cho luath ʼsa chunnaic na buachaillean mar thachair, theich iad, agus dhʼinnis iad sa bhaile e, agus sna frith-bhailtean. Us chaidh iad a mach a choimhead ciod a rinneadh, agus thainig iad gu Iosa; agus fhuair iad an duine, as an dʼfhalbh na deomhain, ʼna shuidhe aig a chasan, ʼna aodach us ceart ʼna inntinn, agus ghabh iad eagal. Agus dhʼinnis iadsan cuideachd, a chunnaic, dhaibh, ciamar a leighiseadh e bho ʼn legion. Agus ghrios muinntir duthaich nan Gerasenach uile air falbh bhuatha: oir bu mhor an t-eagal a ghabh iad. ʼSa dol air bord an t-saghaich, thill e air ais a rithisd. Us ghuidh an duine, as an deach na deomhain, air, e bhith cuide ris. Ach chuir Iosa air falbh e, a g-radh: Till gu do thigh, agus innis cia mor na nichean a rinn Dia dhut. Agus shiubhail e feadh a bhaile uile a foillseachadh cia mor na nichean a rinn Iosa dha. Us thachair an deigh do Iosa tilleadh, gun do ghabh an sluagh gu toileach ris: oir bha iad uile ga fheitheamh. Agus, seall, thainig duine, dha ʼm bʼainm Iairus, agus bha e ʼna riaghladair air an t-sinagog; us thuit e aig casan Iosa, a guidhe air, e thighinn gu thigh: Oir bha an aon nighean a bhʼaige, ʼs i teann air dà bhliadhna dhiag, a faighinn a bhàis. Us thachair, ʼs e triall, gun robh e air a theannachadh leis an t-sluagh. Agus bha boirionnach araid ann, air an robh siubhal fala fad dà bhliadhna dhiag, a bha air a cuid uile a chosg ri lighichean, ʼs nach gabhadh a leigheas le h-aon diu: Thainig ise air a chulaobh, us bhean i do iomall aodaich; agus ghrad-stad a siubhal fala. Us thuirt Iosa: Co bhean domh? Nuair bha iad uile a g-aicheadh, thuirt Peadar agus iadsan a bha comhla ris: A Mhaighistir, tha ʼn sluagh ga dʼ dhomhlachadh ʼs ga dʼ theannachadh, ʼs am beil thu radh: Co bhean domh? Us thuirt Iosa: Bhean cuideigin domh: oir tha mi g-aithneachadh gun deach feartan a mach bhuam. ʼS am boirionnach, ʼs i faicinn nach robh i an cleith, thainig i air chrith, agus thuit i aig a chasan: us dhʼ innis i an lathair an t-sluaigh uile, an t-aobhar a bhʼaice air beantuinn da, ʼs mar chaidh a grad-leigheas. Us thuirt e rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh an sith. Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig fear gu riaghladair an t-sinagoig, a g-radh ris: Chaochail do nighean, na cuir dragh air. Ach nuair chual Iosa so, fhreagair e athair na h-ighinn: Na gabh eagal, creid a mhain, agus bithidh i slan. ʼS nuair rainig e an tigh, cha do leig e le h-aon air bith dol a stigh maille ris, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, agus athair us mathair na caileige. Us bha iad uile a gal ʼsa caoineadh air a son. Ach thuirt esan: Na bithibh a gal, cha n-eil a chaileag marbh, ach ʼna cadal. Agus rinn iad gàire-magaidh air, us fios aca gun robh i marbh. Ach esan a breith air laimh oirre, dhʼeigh e, a g-radh: A chaileag, eirich. Agus thill a spiorad rithe, us ghrad-dhʼeirich i. Agus dhʼorduich e biadh a thoirt dhi. Us ghabh a parantan uamhas, agus dhʼàithn e orra gun innseadh na rinneadh do neach air bith. An sin a gairm ri cheile an dà ostal dhiag, thug e cumhachd agus ughdaras dhaibh thairis air na deomhain gu leir, us air easlaintean a leigheas. Agus chuir e iad a theagasg rioghachd Dhe, ʼsa leigheas dhaoine tinne. Us thuirt e riu: Na tugaibh dad leibh air an t-slighe, no bata, no màla, no aran, no airgiod, ʼs na biodh dà chota agaibh. Agus tigh air bith san teid sibh a stigh, fanaibh an sin ʼs na rachaibh as. Agus co sa bith nach gabh ribh, air dhuibh dol a mach as a bhaile sin, crathaibh dhibh duslach ur casan, mar theisteanas ʼnan aghaidh. Agus air dol a mach dhaibh, thug iad cuairt feadh nam bailtean a searmonachadh an t-soisgeil, ʼsa leigheas anns gach aite. A nis chuala Herod an tetrarc mu na nichean sin uile a rinneadh leis, agus bha e ann an teagamh, a chionn ʼs gun deach a radh le cuid: Gun dʼeirich Eoin bho na mairbh; ach le cuid eile: Gun tainig Elias; ʼs le cuid eile: Gun dʼ eirich fear de na seann fhaidhean a rithist. Us thuirt Herod: Thug mise an ceann dhe Eoin: ach co e so mu bheil mi cluinntinn leithid de nichean? Agus bha e an geall air fhaicinn. ʼS nuair a thill na h-ostail, dhʼinnis iad dha gach uile ni a rinn iad; agus gan toirt leis chaidh e lethtaobh gu aite fàs, a tha faisg do Bhethsaida. Nuair thuig an sluagh so, lean iad e; agus ghabh e riu, us labhair e riu mu rioghachd Dhe, agus leighis e iadsan, a bha am feum leighis. Ach thòisich an latha air tarruinn gu deireadh. Agus thainig na dhà-dhiag, us thuirt iad ris: Cuir an sluagh air falbh, los, a siubhal do na bailtean agus do ʼn duthaich mun cuairt, gum faigh iad fardach agus biadh: oir tha sinn an so an aite fàs. Us thuirt e riu: Thugaibh fhein biadh dhaibh. Ach fhreagair iadsan: Cha n-eil againn tuilleadh na coig builionnan, agus dà iasg: nas lugha na theid sinn ma dhʼ fhaoidte us biadh a cheannach do ʼn t-sluagh so uile. Oir bha iad mun cuairt do choig mile fear. Us thuirt e ri dheisciopuil: Thugaibh orra suidhe sios lethchiad ʼs gach buidhinn. Agus rinn iad mar sin. Agus thug iad orra uile suidhe sios. Agus ghlac e na coig builionnan ʼs an dà iasg, ʼsa sealltuinn suas gu neamh bheannaich e iad: agus bhrist e, us thug e dha dheisciopuil iad, gus an cur air bialaobh an t-sluaigh. Us dhʼith iad uile, agus riaraicheadh iad. Agus thogadh dà chliabh dhiag de na pronnagan, a bha dhʼfhuighleach aca. Us thachair, nuair a bha e ri urnaigh leis fhein, gun robh a dheisciopuil cuideachd maille ris; agus dhʼfharraid e dhiu, a g-radh: Co a tha an sluagh a cantuinn is mi? Ach fhreagair iad, agus thuirt iad: Eoin Baiste; ach cuid, Elias; us cuid eile, gun dʼeirich a rithist fear de na faidhean a bha ann bho shean. Us thuirt esan riu: Ach co tha sibhse g-radh is mi? Fhreagair Simon Peadar, a g-radh: Criosta Dhe. Ach dhʼorduich e dhaibh le sparradh cruaidh, gun iad a dhʼinnse so do neach air bith: Oir feumaidh, os esan, Mac an duine moran fhulang, ʼsa bhith air a dhiultadh leis na seanairean, agus leis na h-ard-shagairt, agus leis na Sgriobhaich, ʼsa bhith air a chur gu bàs, agus eirigh a rithist an treas latha. Us thuirt e riu uile: Ma ʼs aill le neach sam bith tighinn am dheighse, aicheadh e e fhein, agus togadh e a chrois a h-uile latha, agus leanadh e mi. Oir an neach leis an aill a bheatha thiarnadh, caillidh e i: oir an neach a chailleas a bheatha air mo shonsa, tiarnaidh e i. Oir dé ʼs fheairde duine an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e e fhein, no ma bheir e sgrios air fhein? Oir an neach a ghabhas naire asamsa us á mo bhriathran, gabhaidh Mac an duine naire as-san, nuair a thig e ʼna mhoralachd, ʼs am moralachd Athar, ʼs nan ainglean naomh. Agus tha mi g-innse dhuibh le firinn: Tha cuid ʼnan seasamh an so, nach blais bàs, gus am faic iad rioghachd Dhe. Us thachair, mu thimchioll ochd latha an deigh nam briathran so, gun tug e leis Peadar, us Seumas, us Eoin, ʼs gun deach e suas gu beinn a dhianamh urnaigh. ʼS nuair a bha e ri urnaigh dhʼ atharraicheadh snuadh a ghnuis; us dhʼfhàs eideadh geal us dealrach. Agus, seall, bha dithis dhaoine a labhairt ris. Us bʼiad Maois agus Elias, A chunnacas ann am mor-ghloir; ʼs bha iad a labhairt mu bhàs, a bha e dol a choimhlionadh ann an Ierusalem. Ach bha Peadar us iadsan, a bha cuide ris, ʼnan trom-shuain. ʼSa dusgadh chunnaic iad a ghloir, ʼs an dithis dhaoine a bha an taice ris. Agus thachair, nuair bha iad a dealachadh ris, gun tuirt Peadar ri Iosa: A Mhaighistir, is math dhuinn a bhith an so; us dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, ʼsa h-aon do Mhaois, ʼsa h-aon do Elias: gun fhios aige ciod a bha e g-radh. Bha e fhathast a bruidhinn, nuair thainig nial, a chuir sgàile orra; us ghabh iad eagal, nuair chaidh iad a stigh san nial. Agus thainig guth as an nial, a g-radh: Se so mo Mhac ionmhuinn; eisdibh ris. ʼS nuair a labhradh an guth, fhuaras Iosa leis fhein. Us dhʼfhan iadsan samhach, agus cha dʼinnis iad sna lài sin do dhuine aon ni dhe na chunnaic iad. Agus thachair an ath latha, ʼs iad a tearnadh bho ʼn bheinn, gun do choinnich moran sluaigh e. Agus, seall, dhʼeigh fear am measg an t-sluaigh, a g-radh: A mhaighistir, guidheam ort, seall air mo mhac, ʼs gur e mʼ aon mhac e. Agus, seall, tha spiorad ga ghlacadh, ʼs tha esan san uair a toirt ràin as, ʼs ga thilgeil ri talamh tha e ga stroiceadh us cop mu bhial; agus is gann a sguireas e ga riasladh: Agus dhʼiarr mi air do dheisciopuil a thilgeadh a mach, ʼs cha bʼurrainn daibh. Agus thuirt Iosa, ʼs e freagairt: O ghinealaich ana-chreidich agus choirbte, cia fhad a bhios mi maille ribh, ʼsa chuireas mi suas ribh? Thoir an so do mhac. ʼS nuair a bha e tighinn ga ionnsuidh, thilg an deomhan sios e, agus riab e e. Agus chronaich Iosa an spiorad neoghlan, agus leighis e an gille, agus thug e dha athair e. Us ghabh iad uile iongantas á moralachd Dhe; ach nuair a bha iad uile lan ioghnaidh as na nichean uile, a rinn e, thuirt e ri dheisciopuil: Gleidhibh na briathran so ʼnur cridheachan: oir tachraidh, gun liubhrar Mac an duine do lamhan dhaoine. Ach cha do thuig iad am facal so, agus bha e am falach orra, ann an rathad ʼs nach do ghlac iad a bhrigh; agus bha sgàth orra fharraid dheth mu ʼn fhacal so. Agus chinn an smaointe unnta, co dhiu bu mhua bhiodh. Ach Iosa a faicinn smaointean an cridhe, rug e air leanabh, agus chuir e lamh ris e, Us thuirt e riu: Co sam bith a ghabhas ris an leanabh so na mʼainmse, tha e gabhail riumsa; agus co sam bith a ghabhas riumsa, tha e gabhail ris-san a chuir mi. Oir esan is lugha ʼnur measg uile, se is mua. Agus thuirt Eoin, ʼs e freagairt: A Mhaighistir, chunnaic sinn feareigin a tilgeadh a mach dheomhan na tʼ ainmse, agus bhac sinn e: chionn nach eil e ga ʼr leanailt-ne. Us thuirt Iosa ris: Na bacaibh e: oir an neach nach eile ʼnur n-aghaidh, tha e leibh. Agus thachair, nuair bha laithean a dheasghabhail gan coimhlionadh, gun do shuidhich e aghaidh gu dian gu dol gu Ierusalem. Agus chuir e teachdairean roimh ghnuis; agus air an siubhal chaidh iad a stigh do bhaile leis na Samaritanaich, a dheasachadh air a shon. Us cha do ghabh iad ris; oir bha e coltach ri fear am beachd dol gu Ierusalem. ʼS nuair chunnaic a dheisciopuil, Seumas agus Eoin, so, thuirt iad: A Thighearna, an e do thoil gun iarr sinn teine a thighinn a nuas bho neamh, agus an sgrios? ʼSa tionndadh chronaich e iad, a g-radh: Cha leir dhuibh co an spiorad dha ʼm buin sibh. Cha n-ann gu anmannan a sgrios a thainig Mac an duine, ach gus an sabhaladh. Agus thriall iad gu baile eile. Agus thachair, ʼs iad a g-imeachd air an t-slighe, gun tuirt cuideigin ris: Leanaidh mi thu ge bʼe aite an teid thu. Thuirt Iosa ris: Tha tuill aig na sionnaich, agus nid aig eoin an athair: Ach aig Mac an duine cha n-eil aite far an leag e cheann. Us thuirt e ri fear eile: Lean mise. Ach thuirt esan: A Thighearna, leig leam an toiseach dol a thiodhlaiceadh mʼ athar. Us thuirt Iosa ris: Leig leis na mairbh am mairbh fhein a thiodlaiceadh: ach theirig thusa, agus searmonaich rioghachd Dhe. Us thuirt fear eile: Leanaidh mi thu, a Thighearna, ach leig leam an toiseach mo chead a ghabhail dhiu-san a thʼaig an tigh. Thuirt Iosa ris: Cha n-eil duine air bith, a chuireas a lamh ris a chrann, ʼsa sheallas air ais, ʼna airidh air rioghachd Dhe. Agus an deigh nan nichean so shonraich an Tighearna mach tri fichead agus dhà-dhiag eile, agus chuir e iad romh a ghnuis lion dithis us dithis gus a h-uile baile agus aite, far an robh e fhein gu tighinn. Us thuirt e riu: Tha ʼm faghar gu dearbh mor, ach an luchd-oibre gann. Guidhibh ma ta air Tighearna an fhaghair luchd-oibre a chur gu fhaghar fhein. Falbhaibh: seall, tha mi gu ʼr cur mar uain am measg mhadaidhean-alluidh. Na giulainibh sporan, no màla, no brogan, ʼs na cuiribh failte air duine sam bith air an rathad. Tigh air bith anns an teid sibh a stigh, abraibh an toiseach: Sith do ʼn tigh so: ʼS ma tha mac na sithe an sin, laidhidh ur sith air: ʼs mur eil, tillidh i h-ugaibh fhein. Agus fanaibh san tigh sin, a g-iche ʼsa g-ol leithid ʼsa thʼaca: oir is fhiach an cosnach a thuarasdal. Na falbhaibh bho thigh gu tigh. Agus baile air bith san teid sibh a stigh, agus anns an gabh iad ribh, ichibh na chuirear air ur bialaobh; Agus leighisibh na h-easlaintich a tha an sin, us abraibh riu: Tha rioghachd Dhe air tighinn dluth oirbh. Ach baile air bith anns an teid sibh a stigh, agus anns nach gabh iad ribh, a gabhail a mach gu sthraidean, abraibh: Gu ruig duslach ur bail e a lean ruinn, tha sinn ga chrathadh dhinn ʼnur n-aghaidh: ach bithibhse cinnteach dhe so, gun tainig rioghachd Dhe faisg dhuibh. Ach tha mise g-radh ribh, gum fiachar air an latha ud tuille baigh do Shodom, na do ʼn bhaile sin. Mo thruaighe thu, a Chorosain, mo thruaighe thu, a Bhethsaida: oir nam bʼ ann an Tirus ʼs an Sidon a dhiante na feartan euchdail, a rinneadh unnaibhse, is fhad bho na ghabhadh iad aithreachas, ʼnan suidhe an cainb-aodach agus ann an luath. Ach fiachar tuille baigh ri Tirus agus ri Sidon na ribhse aig a bhreitheanas. Agus thusa, Chapharnaum, a dhʼardaicheadh gu ruig neamh, tilgear sios thu gu iutharna. Esan a dhʼeisdeas ribhse tha e g-eisdeachd riumsa; agus esan a chuireas suarach sibhse, tha e gam chur-sa suarach. Agus esan a chuireas suarach mise, tha e ga chur-san suarach, a chuir mi. Agus thill an tri fichead us dhà-dhiag le aoibhneas, a g-radh: A Thighearna, tha na deomhain fhein umhailt dhuinn na tʼainmse. Us thuirt e riu: Chunnaic mi Satan a tuiteam á flathanas mar dhealanach. Seall, thug mi dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean agus air scorpionan, agus air uile chumhachd an namhaid; agus cha dochainn nì sibh. An deigh sin na gabhaibh aoibhneas á so, gum beil na spioraid umhailt dhuibh: ach gabhaibh aoibhneas chionn gum beil ur n-ainmean sgriobhte am flathanas. Sa cheart uair sin rinn e aoibhneas san Spiorad Naomh, us thuirt e: Tha mi g-aideachadh dhut, O Athair, a Thighearna neamh agus talmhuinn, a chionn ʼs gun dʼfhalaich thu na nichean so bho dhaoine glice agus turail, ʼs gun do thaisbean thu iad do leanabain. Seadh, Athair: chionn gum facas sin math leat. Liubhradh a h-uile ni dhomhsa le mʼ Athair. Agus cha n-aithne do neach air bith co e am Mac, ach do ʼn Athair; us co e an t-Athair, ach do ʼn Mhac, agus dhasan dha ʼn soilleirich am Mac e. ʼS thuirt e, ʼs e tionndadh ri dheisciopuil: Is beannaichte na suilean, a tha faicinn nan nichean, a tha sibhse a faicinn. Oir tha mise g-radh ribh, gur ioma faidh us righ, le ʼm bʼaill na nichean fhaicinn, a tha sibhse a faicinn, ʼs nach fhac iad; ʼsua nichean a chluinntinn, a tha sibhse a cluinntinn, ʼs nach cual iad. Agus, seall, dhʼeirich fear-lagha araid suas, ga bhuaireadh, ʼsa g-radh: A mhaighistir, ciod a thʼagam ri dhianamh gus a bheatha shiorruidh a chosnadh? Ach thuirt esan ris: Ciod a tha sgriobhte san lagh? ciamar a tha thu leughadh? Thuirt esan, ʼs e freagairt: Bheir thu gaol do ʼn Tighearna do Dhia le tʼuile chridhe, agus le tʼuile anam, agus le tʼuile neart, agus le tʼuile inntinn; agus dha do choimhearsnach mar dhut fhein. Us thuirt e ris: Is math a fhreagair thu: dian-sa so, agus bithidh thu beo. Ach air dhasan deigh a bhith aige air ionracas fhein fhiachuinn, thuirt e ri Iosa: Agus co e mo choimhearsnach? Us thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Chaidh duine araid sios bho Ierusalem gu Iericho, agus thuit e measg mheirleach, a ruisg e; ʼs an deigh a lot, shiubhail iad, ga fhagail leth-mharbh. Agus thachair do shagart àraidh a bhith dol sios an rathad ciadna; ʼs ged a chunnaic e e, ghabh e seachad. Mar an ciadna Lebhiteach cuideachd, nuair a bha e teann air an aite, ʼsa chunnaic e e, ghabh e seachad. Ach air do Shamaritanach araid a bhith gabhail an rathaid, thainig e teann air; ʼs ga fhaicinn, ghabh e truas ris. ʼSa dol ga ionnsuidh, cheangail e lotan, a dortadh ola agus fìona unnta; ʼs ga chur air muin a bheathaich fhein, thug e gu tigh-osda e, agus ghabh e curam dheth. ʼS an ath latha thug e mach dà pheighinn, us thug e do fhear an tigh-osda iad, us thuirt e: Gabh curam dheth; agus ciod sam bith a chosgas tu bharrachd, air mo thilleadh, paidhidh mi thu. Co de ʼn triuir sin, a shaoileas tu, a bha ʼna choimhearsnach dhasan, a thuit am measg nan robairean? Ach thuirt esan: Am fear a rinn trocair air. Us thuirt Iosa ris: Falbh thusa, us dian a leithid. A nis thachair, ʼs iad a triall, gun deach e stigh do bhaile araid; ʼs gun do ghabh boirionnach araid, air an robh Marta mar ainm, a stigh ʼna tigh e; Agus bha piuthar aice, air an robh Mairi, a bha fantuinn ʼna suidhe aig casan an Tighearna, a g-eisdeachd ri fhacal. Ach bha Marta dripeil mu mhoran frithealaidh: agus sheas i, us thuirt i: A Thighearna, nach eil omhail agad gun dʼfhag mo phiuthar mi a fhrithealadh leam fhein? abair rithe ma ta mo chuideachadh. Agus fhreagair an Tighearna, us thuirt e rithe: A Mharta, a Mharta, tha thu lan iomaguin agus bruaidlein mu mhoran nichean. Ach tha aon ni riatanach. Thagh Mairi a chuid is fhearr, nach toirear bhuaipe. Us thachair nuair bha e ri urnaigh an aite araid, an deigh sgur dhi, gun tuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Thighearna, ionnsuich dhuinn a dhianamh urnaigh, mar a dhʼionnsuich Eoin dha dheisciopuil-sa. Us thuirt e riu: Nuair a ni sibh urnaigh, abraibh: Athair, gum bu naomh a bhios tʼainm, Gun tigeadh do rioghachd. Thoir dhuinn an diugh ar n-aran lathail. Agus math dhuinn ar peacannan, chionn tha sinne a mathadh do luchd ar fiach uile. Agus na leig ann am buaireadh sinn. Us thuirt e riu: Co agaibhse aig am bi caraid, ʼsa theid ga ionnsuidh mu mhiadhon oidhche, ʼsa their ris: A charaide, thoir dhomh coingheall de thri builionnan? Chionn thainig caraid dhomh gam ionnsuidh dhe thurus, ʼs cha n-eil ni agam a chuireas mi air a bhialaobh. Agus gum freagair esan air an taobh stigh, a g-radh: Na cuir dragh orm: tha ʼn dorus a nis duinte, agus tha mo chlann comhla rium anns an leabaidh: cha n-urrainn domh eirigh, ʼs an toirt dhut. Ach ma leanas e air bualadh: tha mi cantuinn ribh, ged nach eirich e gus an toirt dha a chionn gur e a charaid e, gun eirich e air sgàth a leamhachais, ʼs gun toir e dha urad ʼsa tha riatanach dha. Agus tha mise g-radh ribh: Iarraibh, agus bheirear dhuibh; siribh, agus gheobh sibh; buailibh, agus fosglar dhuibh. Chionn h-uile neach a dhʼiarras, bheirear dha; ʼs an neach a shireas, gheobh e; ʼs an neach a bhuaileas, fosglar dha. Agus ma dhʼiarras gin agaibhse aran air ʼathair, an toir e dha clach? no iasg, an toir e dha nathair an aite éisg? No ma dhʼiarras e ubh, an sìn e dha scorpion? Ma ʼs aithne dhuibhse ma ta a tha olc, deagh thiodhlaicean a thoirt dha ʼr cloinn: nach mor is mua, na sin a bheir ur n-Athair bho neamh an spiorad math dhaibhse, a dhʼiarras air e? Agus bha e tilgeadh mach deomhain a bha balbh. Us nuair chuir e mach an deomhan, labhair am balbhan, agus ghabh an sluagh iongantas. Ach thuirt cuid dhiu: Tha e cur mach dheomhan le Beelsebub, prionnsa nan deomhan. Agus bha feadhainn eile a g-iarraidh air, ga bhuaireadh, comharraidh bho neamh. Ach esan, bhon bu leir dha an smaointean, thuirt e riu: A h-uile rioghachd, a tha roinnte ʼna h-aghaidh fhein, sgriosar, agus tuitidh tigh air muin tighe. Ma tha satan ma ta roinnte ʼna aghaidh fhein, ciamar a sheasas a rioghachd? chionn tha sibhse g-radh gur h-ann le Beelsebub a tha mise cur mach dheomhan. A nis ma ʼsann le Beelsebub a tha mise cur a mach dheomhan, co leis a tha ur clann fhein gan cur a mach? Air an aobhar sin bithidh iadsan ʼnam britheamhan oirbh. Ach ma ʼsann le miar Dhe a tha mise cur a mach dheomhan, gun teagamh thainig rioghachd Dhe h-ugaibhse. Nuair a tha duine laidir fo airm a gleidheadh a thighe, tha na bhuineas da an sith. Ach ma thig fear air nas treasa na e fhein, ʼs gum faigh e buaidh air, bheir e bhuaithe airm uile, anns an robh earbsa, agus roinnidh e a chreach. Esan nach eil leam, tha e na mʼ aghaidh; agus esan nach eil a cruinneachadh maille rium, tha e sgapadh. Nuair theid spiorad neoghlan a mach á duine, tha e siubhal tromh aiteachan gun uisge, a sireadh foise; us nuair nach fhaigh e sin, their e: Tillidh mi gu mo thigh, as an dʼfhalbh mi. Agus nuair a thig e, gheobh e e sguabte ʼs air a sgeimheachadh. An sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioraid eile nas miosa na e fhein, ʼsa tilleadh a stigh tamhaidh iad an sin. Agus bithidh staid dheirionnach an duine sin nas miosa na chiad staid. Agus thachair, nuair a bha e labhairt mar so, guna thog boirionnach araid dhe ʼn t-sluagh a guth, ʼs gun tuirt i ris: Is beannaichte an com a ghiulain thu ʼs na ciochan a dheothail thu. Ach thuirt esan: Seadh, ach is ro-bheannaichte an fheadhainn a dhʼ eisdeas ri facal De, ʼsa chumas e. ʼS nuair a ruith an sluagh cruinn mun cuairt da, thòisich e ri radh: Is ginealach olc, an ginealach so: tha e g-iarraidh comharraidh, us comharradh cha toirear dha, ach comharradh an fhaidh Ionas. Amhuil mar a bhalonas ʼna chomharradh do mhuinntir Ninibhe, is amhuil a bhios Mac an duine do ʼn ghinealach so. Eiridh banrighn na h-airde-deas am breitheanas an aghaidh daoine a ghinealaich so, agus ditidh i iad: chionn thainig ise bho chriochan an talmhuinn a dhʼeisdeachd ri gliocas Sholomoin: agus seall nas mua na Solomon an so. Eiridh muinntir Ninibhe am breitheanas an aghaidh a ghinealaich so, agus ditidh iad e: bho na rinn iad peanas ri searmonachadh Ionais: agus seall nas mua na Ionas an so. Cha n-eil neach air bith nuair a lasas e coinneal, a chuireas am falach i, no fo shaghach: ach an coinnleir; los gum faic iadsan, a thig a stigh, an solus. Si do shuil solus do choluinne. Ma bhios do shuil glan, bithidh do choluinn uile soilleir: ach ma bhios i olc, bithidh do choluinn uile dorcha. Thoir an aire ma ta nach bi an solus a tha unnad ʼna dhorchadas. Air an aobhar sin ma bhios do choluinn uile soilleir, gun sgailein idir a dhorchadas innte, bithidh an t-iomlan soilleir, ʼs mar gheal-lochran bheir i solus dhut. ʼS nuair bha e labhairt, ghuidh Phairiseach araid air a dhinneir a ghabhail comhla ris. ʼSa dol a stigh, shuidh e gu biadh. Us thòisich am Phairiseach ri radh ʼna inntinn fhein, car-son nach dʼionnlaid e e fhein roimh a dhinneir. Agus thuirt an Tighearna ris: A nis tha sibhse, a Phairisiche, a glanadh taobh-mach a chupa ʼs na méise: ach tha an taobh-stigh dhibh lan de reubuinn ʼs de dhʼ olc. Amadana, esan a rinn an taobh-mach, nach dʼrinn e an taobh-stigh cuideachd? Ach se deireadh na cuise, thugaibh deirc seachad: agus, seall, tha h-uile ni glan dhuibh. Ach mo thruaighe sibh, a Phairisiche, chionn tha sibh toirt deachaimh de mhionnt, ʼs de rùdh, agus de ʼn h-uile lus, ʼsa dearmad breitheanas agus carrantachd Dhe: bu chòir gu dearbh iad so dhianamh gun iad sid a dhearmad. Mo thruaighe sibh, a Phairisiche, chionn gur toigh leibh na ciad shuidheachain anns na sinagogan agus failt air a mhargadh. Mo thruaighe sibh, chionn tha sibh mar uaighean, nach eil ri ʼm faicinn, agus air a bheil na daoine a tha falbh air an uachdar aineolach. Agus fhreagair fear araid de ʼn luchd-lagha, a g-radh ris: A Mhaighistir, le so radh tha thu toirt taire dhuinne cuideachd. Ach thuirt esan: Mo thruaighe sibhse cuideachd, a luchd-lagha, chionn tha sibh a cur eallaichean air daoine nach urrainn iad a ghiulan, ʼs le uibhir agus ur miar cha n-eil sibh fhein a beantuinn do ʼn luchd. Mo thruaighe sibh a tha togail uaighean nam faidhean: agus ʼsiad ur n-aithrichean a mharbh iad. Gu cinnteach tha sibh a togail fianuise gum beil sibh a g-aontachadh le gniomhan ur n-aithrichean: oir gu dearbh mharbh iadsan iad, agus tha sibhse a togail an uaighean. ʼSann air son so a thuirt gliocas De: Cuiridh mi gan ionnsuidh faidhean us ostail, agus cuid dhiu marbhaidh iad, ʼs air cuid ni iad geur-leanmhuinn; Los gun agrar air a ghinealach so fuil nam faidhean uile, a dhoirteadh bho thùs an t-saoghail, Bho fhuil Abeil gu fuil Shachariais, a chaidh mharbhadh eadar an altair agus an teampull. Mar sin tha mi g-radh ribh: agrar e air a ghinealach so. Mo thruaighe sibh, a luchd-lagha, chionn thug sibh air falbh iuchair an eolais: cha deachaidh sibh fhein a stigh, agus bhac sibh iadsan, a bha dol a stigh. ʼS nuair a bha e cantuinn nan nichean so riu, thòisich na Phairisich ʼs an luchd-lagha air casadh gu garg ʼna aghaidh, ʼs air a sharachadh mu mhoran nichean, A caitheamh foille air, ʼsa sireadh rudeigin a ghlacadh bho bhial, gus agairt ʼna aghaidh. Agus air do dhʼanabharr sluaigh a bhith mun cuairt da, air dhoigh ʼs gun robh iad a saltairt air a cheile, thòisich e air radh ri dheisciopuil: Thugaibh an aire dhuibh fhein bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, se sin cealgaireachd: Oir cha n-eil ni am falach, nach tig am follais; no ceilte, air nach faighear fios. Chionn na nichean a labhair sibh san dorchadas, innsear iad san t-solus; agus an ni a labhair sibh sa chluais sna seomraichean, searmonaichear e air mullach nan tighean. Agus tha mi g-radh ribhse, mo chairdean: Na gabhaibh eagal romh ʼn fheadhainn a mharbhas a choluinn, ʼs aig nach eil ni tuilleadh an deigh sin a ni iad. Ach fiachaidh mi dhuibh co roimh a ghabhas sibh eagal: gabhaibh eagal roimhsan, aig a bheil comas, an deigh dha neach a mharbhadh, a thilgeadh a dhʼiutharna. Seadh, tha mi g-radh ribh: Bitheadh eagal-san oirbh. Nach eil coig gealbhuinn gan reic air dà fhairdein, ʼs cha n-eil a h-aon dhiu air dhiochuimhnʼ an lathair Dhe? Ach tha dearbh fhuilteinean ur cinn air an aireamh uile. Na gabhaibh ma ta eagal: is mua luach sibhse na moran ghealbhonn. Agus tha mise g-radh ribh: a h-uile neach a dhʼ aidicheas mise an lathair dhaoine, aidichidh Mac an duine esan an lathair ainglean De: Ach esan a dhʼaicheadhas mise an lathair dhaoine, aicheadhar e an lathair ainglean De. Agus co air bith a their facal an aghaidh Mhic an duine, mathar dha e: ach cha mhathar dhasan, a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh. Agus an uair a bheir iad sibh thun nan sinagog, ʼs nan uachdran, ʼs nan cumhachdan, na biodh imcheist oirbh ciamar no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh: Chionn teagaisgidh an Spiorad Naomh dhuibh san uair sin fhein ciod is còir dhuibh a radh. Agus thuirt a h-aon de ʼn t-sluagh ris: A Mhaighistir, abair ri mo bhrathair an oighreachd a roinn rium. Ach thuirt e ris: A dhuine, co dhʼorduich mise na mʼ bhritheamh, no na mʼ fhear-roinn fos ur cionn? Us thuirt e riu: Bithibh furachail, agus faicilleach oirbh fhein bho ʼn h-uile sannt: chionn cha n-ann am pailteas nan nichean, a tha duine mealtuinn, a tha bheatha. Agus labhair e coimheart riu, a g-radh: Thug fearann duine bheartaich àraidh a mach barr tarbhach. Agus smaoinich e ann fhein, a g-radh: Ciod a ni mi, chionn cha n-eil aite agam san cuir mi mo bharr? Us thuirt e: So mar ni mi: leagaidh mi mo shaibhlean, agus togaidh mi feadhainn nas mua; us cruinnichidh mi unnta gach ni dhʼfhas domh, agus mo mhaoin; Agus their mi ri mʼ anam: Anma, tha moran de nichean matha mu seach agad mu choinneamh moran bhliadhnaichean; gabh socair, ith, ol, meal do shògh. Ach thuirt Dia ris: Amadain, an nochd fhein iarraidh iad tʼanam ort: agus co aig a bhitheas na chuir thu ri cheile? Is amhuil esan, a tha tasgadh ionmhais dha fhein, ʼs nach eil beartach a thaobh Dhe. Us thuirt e ri dheisciopuil: Uime sin tha mi g-radh ribh: na biodh iomaguin oirbh mu ʼr beatha, ciod a dhʼitheas sibh, no mu ʼr coluinn, ciod a chuireas sibh umaibh. Is mua a bheatha na am biadh, agus is mua a choluinn na an t-aodach. Gabhaibh beachd air na fithich, oir cha n-eil iad a cur no buain, cha n-eil tigh-tasgaidh aca no sabhal, agus tha Dia gam beathachadh. Nach mor is mua luach sibhse na iadsan? Agus co dhibh is urrainn le smaoineachadh aon lamh-choille a chur ri airde fhein? Mur urrainn duibh ma ta an ni is lugha dhianamh, car-son tha imcheist oirbh mu na nichean eile? Seallaibh na lilidhean, mar a tha iad a fàs: cha n-eil iad ri saothair, cha mhua tha iad ri sniomh: an deigh sin tha mise g-radh ribh: nach robh Solomon fhein ʼna uile ghloir air eideadh mar a h-aon dhiu sin. A nis ma tha Dia a sgeadachadh mar so an fheoir, a tha an diugh san achadh, agus am maireach air a thilgeadh san àmhuinn, nach mua gu mor na sin sibhse, a lag-chreidich? Agus na iarraibhse ciod a dhʼitheas sibh, no ciod a dhʼ olas sibh; ʼs na siribh gu ard-inbhe: Chionn orra sin uile tha cinnich an t-saoghail an geall. Agus is aithne dha ʼr n-Athair gum beil feum agaibh air na nichean sin. Ach iarraibh an toiseach rioghachd Dhe, agus a cheartas-san; agus cuirear na nichean sin uile ribh. Na biodh eagal oirbh, a threud bheag, ʼs gun do dheonaich ur n-Athair rioghachd a thoirt dhuibh. Reicibh na thʼagaibh, agus thugaibh seachad deirc. Dianaibh dhuibh fhein sporain, nach fàs sean, iuntas am flathanas nach faillinich, far nach tig meirleach am fagus, ʼs nach caith an reudan. Oir far a bheil ur n-iuntas, an sin bithidh ur cridhe cuideachd. Biodh ur leasraidh crioslaichte, agus ur lochrain laiste ʼnur lamhan, Agus sibh coltach ri daoine a feitheamh ri ʼn tighearna, nuair a thilleas e bho ʼn bhainis; air chor ʼs, nuair a thig e ʼsa bhuaileas e, gum fosgail iad dha an tiotadh. Is beannaichte na seirbhisich sin, a gheobh an tighearna, nuair a thig e, ri faire: gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gun crioslaich e e fhein, ʼs gun toir e orra suidhe sios gu biadh, ʼsa dol seachad gum fritheil e dhaibh. ʼS ma thig e san darna faire, no ma thig e san treas faire, ʼs gum faigh e mar sin iad, is beannaichte na seirbhisich sin. Ach biodh fios agaibh air so, nam biodh brath aig fear-an-tighe, ciod e an uair air an tigeadh am meirleach, gu cinnteach dhianadh e faire, ʼs cha leigeadh e le thigh a bhith air a bhristeadh. Bithibh-se ma ta deas: oir thig Mac an duine an uair nach saoil sibh. Us thuirt Peadar ris: A Thighearna, an ann ruinne a tha tlm a labhairt an dubh-fhacail so, no an ann riu uile? Us thuirt an Tighearna: Co shaoileas tu a tha ʼna stiubhart dileas agus glic, a tha a thighearn a cur fos cionn a theaghlaich, gus an tomhas cruithneachd a thoirt dhaibh ʼna àm? Is beannaichte an seirbhiseach sin, a gheobh a thighearna, nuair a thig e, a dianamh mar so. Gu firinneach tha mi radh ribh, gun cuir e e fos cionn gach ni a thʼaige. Ach ma their an seirbhiseach sin ʼna chridhe: Tha mo Thighearna a dianamh moille ʼna thighinn; ʼs gun tòisich e air na seirbhisich ʼs na ban-sheirbhisich a bhualadh, ʼs air iche, ʼs air ol, ʼsa bhith air mhisg: Thig tighearna an t-seirbhisich sin air latha nach eil duil ris, agus air uair nach fhios da, us tearbaidh e e, agus orduichidh e a chuibhrionn maille ris na h-anacreidich. Ach an seirbhiseach sin, dha ʼm bʼaithne toil a thighearna, ʼs nach dʼ rinn e fhein deas, ʼs nach dʼrinn air reir a thoil, sgiursar e le ioma strachd. Ach esan dha nach bʼ aithne, ʼsa rinn nichean toillteanach air smachdachadh, sgiursar le beagan bhuillean. Agus neach air bith dha ʼn tugadh moran, agrar moran air; agus an neach ris an dʼ earb iad moran, iarraidh iad nas mua air. Thainig mise a thilgeadh teine air an talamh, agus ciod is math leam ach gum bi e air fhadadh? Agus tha baisteadh agam ri bhith air mo bhaisteadh leis, agus ciamar a tha mi air mo theannachadh gus an coimhlionar e? An saoil sibh gur h-ann a thoirt sith air talamh a thainig mi? Cha n-ann, tha mi g-radh ribh, ach dealachadh: Chionn á so suas bithidh coignear air an roinn anns an aon tigh, triuir an aghaidh dithis, agus dithis an aghaidh triuir: Bithidh an t-athair air a roinn an aghaidh a mhic, agus am mac an aghaidh ʼathar, a mhathair an aghaidh na h-ighinne, ʼs an nighean an aghaidh a mathar, a mhathair-cheile an aghaidh bean a mic, agus bean a mhic an aghaidh a mathar-ceile. Agus bha e mar an ciadna g-radh ris an t-sluagh: Nuair a chi sibh nial a g-eirigh bho ʼn airde-an-iar, grad-their sibh: Tha fras a tighinn; us tha e mar sin. ʼS nuair sheideas a ghaoth á deas, their sibh: Bithidh teas ann; us tha e ann. A chealgairean, is aithne dhuibh breth a thoirt air coltas nan speur ʼs an talmhuinn: ach ciamar nach aithne dhuibh breth a thoirt air an aimsir so? Agus car-son nach eil sibh cuideachd a breithneachadh bhuaibh fhein an ni a tha ceart? ʼS nuair a bhitheas thu dol le do namhaid thun an uachdrain, thoir ionnsuidh san t-slighe air thu fhein shaoradh bhuaithe; eagal gun tarruinn e thu ma dhʼ fhaoidte thun a bhrithimh, ʼs gun liubhair am britheamh thu do ʼn mhaor, agus gun tilg am maor thu ann am priosan. Tha mi g-radh riut: nach teid thu mach á sin, gus am paigh thu a pheighinn mu dheireadh. Agus anns a cheart àm sin bha cuid san lathair, a dhʼinnis dha mu dheidhinn nan Galiléanach, dha na mheasgaich Pilat am fuil feadh an iobairtean. Agus thuirt e riu, ʼs e freagairt: Am beil sibh an dùil gun robh na Galiléanaich sin ʼnam peacaich fos cionn muinntir Ghalile uile: chionn gun dʼfhuilig iad leithid so? Cha robh, tha mi g-radh ribh: ach mur dian sibh peanas, bithidh sibh uile caillte mar an ciadna. No an saoil sibh cuideachd, gun robh na h-ochd fir dhiag sin, air na thuit an tùr ann an Siloé, ʼsa mharbh iad, fo fhiachan thar chach uile a bha tamh ann an Ierusalem? Cha robh, tha mi g-radh ribh: ach mur dian sibh peanas, bithidh sibh uile caillte mar an ciadna. Agus labhair e cuideachd an dubhfhacal so: Bha craobh-fhige aig duine àraidh air a suidheachadh ʼna fhionlios, us thainig e a shireadh meas oirre, agus cha dʼfhuair. Us thuirt e ri gairneilear an fhionlios: Seall, tha mi nis air tighinn fad thri bliadhna a shireadh meas air a chraoibh-fhige so, ʼs cha n-eil mi ga fhaighinn: uime sin gearr sios i; ciod uige bhuilichte talamh oirre? Ach fhreagair esan, us thuirt e ris: A thighearna, leig leatha a bhliadhna so fhathast, gus an cladhaich mi mun cuairt di, ʼs an cuir mi inneir rithe: Agus ma bheir i mach meas, is math: mur toir, faodaidh tu an sin a gearradh sios. Agus bha e teagasg ʼnan sinagog air laithean na sàbaid. Us seall boirionnach, aig an robh spiorad anfhannachd fad ochd bliadhna diag; agus bha i air a cromadh sios, ʼs cha bʼurrainn di amharc suas idir. Nuair a chunnaic Iosa i, ghairm e i ga ionnsuidh, us thuirt e rithe: A bhoirionnaich, tha thu air do shaoradh bho tʼ anfhannachd. Agus leag e a lamhan oirre, agus ghrad-dhʼfhas i direach, us thug i gloir do Dhia. Agus uachdran an t-sinagoig, ʼs e air a ghonadh gun do leighis Iosa air an t-sàbaid, a freagairt, thuirt e ris an t-sluagh: Tha sia latha ann air an còir obair a dhianamh: thigibh ma ta orra sin, agus bithibh air ur leigheas, ʼs cha n-ann air latha na sàbaid. ʼS thuirt an Tighearna, ʼse ga fhreagairt: A chealgairean, nach fuasgail gach aon agaibh air latha na sàbaid a dhamh no asal bho ʼn phrasaich, ʼs nach toir e thun an uisge e? Agus nach bu chòir an nighean so aig Abraham, a cheangail Satan, seall, a nis ochd bliadhna diag, a bhith air a fuasgladh bho ʼn chuibhreach so air latha na sàbaid? Agus nuair a thuirt e so bha ʼnaimhdean uile air an nàrachadh; ʼs bha an sluagh uile lan aoibhnis as na nichean glormhor so uile a rinneadh leis. Air an aobhar sin thuirt e; Co ris a tha rioghachd Dhe coltach, no co ris a shamhlaicheas mi i? Tha i coltach ri grainne de shiol mustairt, a ghabh duine ʼsa chuir e ʼna ghàradh, agus chinnich e, us dhʼ fhas e ʼna chraoibh mhoir; agus ghabh ianlaith an athair comhnuidh ʼna giagan. Us thuirt e rithist: Co ris a mheasas mi rioghachd Dhe a bhith coltach? Tha i coltach ri taois-ghoirt a ghabh té, ʼsa dhʼ fhalaich i an tri toimhsean mine, gus na ghoirticheadh an t-iomlan. Agus chaidh e air feadh nan caithrichean ʼs nam bailtean a teagasg, ʼsa gabhail a thuruis gu Ierusalem. Agus thuirt duine araid ris: A Thighearna, am beil iad tearc a bhios sabhailte? Ach thuirt e riu: Dianaibh stri gu dol a stigh air a gheata chumhann: a chionn, tha mi g-radh ribh, gun sir moran dol a stigh, agus nach urrainn daibh. Ach nuair a thig fear-an-tighe a stigh, ʼsa dhuineas e an dorus, tòisichidh sibhse ri seasamh am muigh, ʼs ri bualadh an doruis, a g-radh: A Thighearna, fosgail dhuinn; us esan a freagairt, their e ribh: Cha n-aithne dhomh sibh, co as a tha sibh. An sin teannaidh sibh ri radh: Dhʼ ich, us dhʼol sinn na dʼlathair, agus theagaisg thu ʼnar straidean. Us their e ribh: Cha n-aithne dhomh sibh, co as a tha sibh: dealaichibh rium, a luchd-dianamh an uilc. An sin bithidh gal, us giosgan fhiacal: nuair a chi sibh Abraham, agus Isaac, agus Iacob, agus na faidhean uile ann an rioghachd Dhe, us sibh fhein air ur tilgeadh a mach. Agus thig iad bho ʼn Ear, agus bho ʼn Iar, agus bho Thuath, agus bho Dheas, us suidhidh iad an rioghachd Dhe. Us, seall, tha iad air dheireadh a bhios air thoiseach, agus tha iad air thoiseach a bhios air dheireadh. Air an latha sin fhein thainig cuid de na Phairisich h-uige, a g-radh ris: Falbh, us imich á so: chionn tha Herod a sireadh do mharbhadh. Us thuirt e riu: Falbhaibh, agus innsibh do ʼn t-sionnach sin: Seall, tha mi tilgeadh a mach dheomhan, ʼsa dianamh leigheas an diugh, agus am màireach, agus air an treas latha criochnaichear mi. Ach feumaidh mi triall an diugh, am màireach, agus an latha an deigh sin: chionn cha n-fhaod e bhith gun cuirear faidh gu bàs a mach á Ierusalem. O Ierusalem, Ierusalem, a mharbhas na faidhean, ʼsa chlachas an fheadhainn a chuirear ad ionnsuidh, nach tric a bʼ aill leam do chlann a chruinneachadh, mar a chearc a h-àlach fo sgiathan, agus cha bʼaill leat? Seall, fagar ur tigh fàs dhuibh. Agus tha mi g-radh ribh nach fhaic sibh mise gus an tig an t-àm anns an abair sibh: Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna. Agus thachair, nuair a chaidh Iosa stigh do thigh h-aon de na priomh-Phairisich a dhʼiche arain air latha na sàbaid, gun robh geur fhaire aca air. Agus, seall, bha fear araid air a bhialaobh air an robh a mheud-bhronn; Agus fhreagair Iosa, us labhair e ris an luchd-lagha agus ris na Phairisich, a g-radh: Am beil e ceadaichte leigheas air latha na sàbaid? Ach dhʼfhan iadsa ʼnan tosd. Ach esan a breith air, leighis e e, agus leig e air falbh e. Agus gam freagairt, thuirt e: Co agaibhse, aig a bheil asal no damh a thuiteas ann an slochd, nach tarruinn gu grad as e air latha na sàbaid? ʼS cha bʼurrainn daibh freagairt a thoirt da anns na nichean so. Agus labhair e dubh-fhacal riusan cuideachd a fhuair cuireadh, ʼs e gabhail beachd mar thagh iad na ciad aiteachan-suidhe, a g-radh riu: Nuair a gheobh thu cuireadh gu bainis, na suidh sa chiad àite, eagal ma dhʼ fhaoidte gun dʼfhuair fear nas urramaiche na thusa cuireadh bhuaithe; ʼS gun tig esan, a thug cuireadh dhutsʼ agus dhasan, ʼs gun abair e riut: Thoir aite do ʼn duine so: ʼs gun tòisich thu an sin le naire air an aite is isle a ghabhail. Ach nuair a gheobh thu cuireadh, falbh, suidh sios anns an aite is isle; los, air dhasan a thug cuireadh dhut tighinn, gun abair e riut: A charaide, theirig suas nas airde. An sin gheobh thu urram an lathair nan daoine, a tha aig bord maille riut. Oir a h-uile h-aon a dhʼ ardaicheas e fhein, theid isleachadh; agus esan a dhʼ islicheas e fhein, theid ardachadh. Us thuirt e ris-san cuideachd, a thug cuireadh dha: Nuair a ni thu dinneir no suipeir, na gairm do chairdean, no do bhraithrean, no do luchd-eolais, no do choimhearsnaich a tha beartach: eagal ma dhʼ fhaoidte gun gairm iadsan thu fhein rithist, ʼs gum faigh thu dioladh. Ach nuair a ni thu cuilm, gairm na bochdan, na ciorramaich, na bacaich, na doill: Agus bithidh tu beannaichte, a chionn ʼs nach eil dad aca leis am paidh iad thu: oir ath-dhiolar dhut aig aiseirigh nan ionraic. Nuair a chuala fear de ʼn fheadhainn, a bha aig bord maille ris, na nichean so, thuirt e ris: Is sona esan a dhʼicheas aran ann an rioghachd Dhe. Us thuirt e ris: Rinn duine àraidh suipeir mhor, agus thug e cuireadh do mhoran. Agus chuir e a sheirbhiseach aig uair na suipreach a gh-radh riusan a fhuair cuireadh, iad a thighinn: a chionn gu bheil a h-uile ni nis deas. Agus leig iad uile mar-aon air an leisgeul a ghabhail. Thuirt a chiad fhear ris: Cheannaich mi baile fearainn, agus feumaidh mi dol ga fhaicinn: guidheam ort, gabh mo leisgeul. Us thuirt fear eile: Cheannaich mi coig cuing dhamh, agus tha mi dol gam fiachuinn: guidheam ort, gabh mo leisgeul. Us thuirt fear eile: Phos mi bean, le sin cha n-urrainn domh tighinn. ʼS an seirbhiseach a tilleadh, dhʼinnis e na nichean so dha mhaighistir. An sin ghabh fear-an-tighe fearg, us thuirt e ri sheirbhiseach: Falbh a mach gu luath gu straidean mora agus caol-sthraidean a bhaile; agus thoir a stigh an so na bochdan, agus na daoine ciorramach, agus na doill, agus na criplich. Us thuirt an seirbhiseach: A mhaighistir, rinneadh mar a dhʼorduich thu, agus tha aite ann fhathast. Us thuirt am maighistir ri sheirbhiseach: Falbh thun nan rathaidean mora, ʼs nan callaidean, agus thoir orra tighinn a stigh, gus gun lionar mo thigh. Ach tha mi g-radh ribh nach blais a h-aon de na daoine sin, a fhuair cuireadh, mo shuipeir. Agus bha anabarr sluaigh ga leantuinn; ʼsa tionndadh, thuirt e riu: Ma thig duine air bith gam ionnsuidhse, ʼs nach toir e fuath dha athair, ʼs dha mhathair, ʼs dha mhnaoi, ʼs dha chloinn, ʼs dha bhraithrean, ʼs dha pheathraichean, agus dha bheatha fhein cuideachd, cha n-urrainn dha bhith ʼna dheisciopul agamsa. Agus fear air bith nach giulain a chrois, ʼs nach lean mise, cha n-urrainn dha bhith ʼna dheisciopul agamsa. Oir co agaibhse, aig a bheil toil tùr a thogail, nach suidh sios an toiseach a mheas a chostuis a tha riatanach, fiach a bheil aige na chuireas crioch air, Eagal, an deigh dha an steidh a leagail, ʼs gun chomas aige air a chriochnachadh, gun teann iad uile, a chi e, ri magadh air, A g-radh: Thòisich an duine so air togail, agus cha bʼurrainn da criochnachadh? No co an righ, a tha dol a chogadh an aghaidh righ eile, nach suidh sios an toiseach, ʼs nach smaoinich an urrainn da le deich mile coinneamh a thoirt dhasan, a tha tighinn ʼna aghaidh le fichead mile? Mur urrainn, nuair a bhios am fear eile fhathast fad as, cuiridh e teachdaireachd ga ionnsuidh a dhʼiarraidh cumhnantan sithe. Mar an ciadna gach aon agaibhse, nach treig gach ni thʼaige, cha n-urrainn dha bhith ʼna dheisciopul agamsa. Tha salann math. Ach ma chailleas an salann a bhlas, co leis a nithear blasda e? Cha n-eil e gu feum do ʼn talamh, no do ʼn otrach, ach tilgear a mach e. Esan aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e. A nis bha na cismhaoir ʼs na peacaich a tarruinn dluth air gus a chluinntinn. Agus bha na Phairisich ʼs na Sgriobhaich ri monmhur, a g-radh: Tha an duine so a gabhail ri peacaich, agus a g-iche comhla riu. Agus labhair e an dubhfhacal so riu, a g-radh: Co an duine agaibhse aig a bheil ciad caora, ʼs ma chailleas e h-aon diu, nach fag an ceithir fichead us naoi-diag san fhasach, ʼs nach teid air tòir na té a chailleadh, gus am faigh e i? ʼS nuair a gheobh e i, cuiridh e le aoibhneas air a ghuaillean i: ʼSa tighinn dachaidh, gairmidh e a chairdean ʼsa choimhearsnaich, a cantuinn riu: Dianaibh aoibhneas maille rium, a chionn gun dʼ fhuair mi a chaora a chailleadh. Tha mi g-radh ribh gum bi aoibhneas mar sin ann am flathanas air son aon pheacaich a ni peanas, nas mua na air son ceithir fichead us naoi-diag de dhaoine ionraic, aig nach eil feum air peanas. No co am boirionnach aig a bheil deich buinn airgid, ma chailleas i aon bhonn, nach las coinneal, ʼs nach sguab an tigh, ʼs nach sir gu dichiollach, gus am faigh i e? ʼS nuair a gheobh i e, gairmidh i a bana-chairdean, sa bana-choimhearsnaich, a g-radh: Dianaibh aoibhneas maille riumsa, a chionn gun dʼfhuair mi am bonn a chaill mi. Air an alt chiadna tha mise g-radh ribhse, gum bi aoibhneas an lathair ainglean De air son aon pheacaich a ni peanas. Us thuirt e: Aig duine araid bha dithis mhac; Agus thuirt am fear a bʼoige dhiu ri athair: Athair, thoir dhomh an roinn a thig orm dhe do chuid. Agus roinn e orra a chuid. Agus an ceann beagan laithean an deigh sin, thionail am mac a bʼoige a chuid uile, us shiubhail e do chein-thir, agus chaith e a mhaoin an sin le caithe-beatha straoidheil. ʼS an deigh dha a chuid uile a chosg, dhʼeirich gorta mhor san tir sin, agus thòisich e ri bhith ann an uireasuidh. Agus dhʼfhalbh e, agus rinn e fasdadh ri fear de mhuinntir na ducha sin. Agus chuir esan gu ghabhail e a bhiadhadh mhuc, Agus bha deidh aige air a bhroinn a lionadh leis na plaosgan, a bha na mucan a g-ithe; ʼs cha tug gin sin dha. ʼSa tilleadh h-uige fhein, thuirt e: Nach lionor an luchd-tuarasdail, a tha an tigh mʼ athar, aig a bheil pailteas arain, agus mise an so a basachadh leis an acras? Eiridh mi, agus theid mi gu mʼathair, us their mi ris: Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlathanais agus ad lathair-sa: ʼS cha n-airidh mi tuilleadh gun cante do mhac-sa rium: dian mi mar aon dhe dʼ luchd-tuarasdail. ʼSa g-eirigh suas, thainig e gu ʼathair. ʼS nuair a bha e fhathast fad as, chunnaic athair e, ʼs ghabh e truas ris, ʼsa ruith ga ionnsuidh thuit e air a mhuineal, agus phog e e. Us thuirt am mac ris: Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlathanais ʼs ad lathair-sa: cha n-airidh mi tuilleadh gun cante do mhac-sa rium. Us thuirt an t-athair ri sheirbhisich: Grad-thugaibh a mach a chiad dheise, us cuiribh air i, us cuiribh fainne air a laimh, us brogan air a chasan: Agus thugaibh an so an laogh biadhte, agus marbhaibh e, agus ichemid, agus biomaid cridheil: A chionn ʼs gun robh mo mhac so marbh, agus thainig e beo rithist; bha e air chall, agus fhuaireadh e. Us thòisich iad air a bhith cridheil. A nis bha mhac bu shine san achadh; ʼs nuair a thainig e, ʼsa tharruinn e teann air an tigh, chuala e an ceol ʼs an dannsadh: Agus ghairm e fear de na seirbhisich, agus dhʼfharraid e dheth ciod bu chiall do na nichean so. Us thuirt e ris: Thainig do bhrathair, agus mharbh tʼ athair an laogh biadhte, a chionn gun dʼfhuair e sabhailte e. Us ghabh e fearg, agus cha rachadh e stigh. Chaidh athair uime sin a mach, agus theann e ri aslachadh air. Agus esan a freagairt, thuirt e ri athair: Seall, tha mi air do riarachadh fhad so de bhliadhnaichean, ʼs cha do chuir mi riamh an aghaidh tʼ orduigh, ʼs cha tug thu riamh dhomh meann gu cridhealas a dhianamh maille ri mʼ chairdean: Ach cho luath ʼsa thainig do mhac so, a chaith a chuid maille ri striopaichean, mharbh thu air a shon an laogh biadhte. Ach thuirt e ris: A mhic, tha thusa daonnan maille rium, agus is leat gach ni thʼ agam. Ach bha e iomchuidh gun dianamaid cuilm agus cridhealas: a chionn bha do bhrathair so marbh, us thainig e beo; bha e air chall, agus fhuaireadh e. Agus thuirt e cuideachd ri dheisciopuil: Bha duine beartach araid ann aig an robh stiubhart: agus rinneadh casaid ris uime, gun robh e air a chuid a mhilleadh. Agus ghairm e e, us; thuirt e ris: Ciod e so tha mi cluinntinn mu dʼ dheidhinn? thoir cunntas air do stiubhartachd: oir cha n-fhaod thu bhith ad stiubhart nas fhaide. An sin thuirt an stiubhart ris fhein: Ciod a ni mi, chionn tha mo thighearna a toirt bhuam mo stiubhartachd? Ruamhar cha n-urrainn domh, deirc iarraidh is nàir leam. Is aithne dhomh ciod a ni mi, los, nuair a bheirear bhuam mo stiubhartachd, gun gabh iad stigh do ʼn tighean mi. Uime sin a gairm ri cheile a h-uile h-aon de luchd-ain-fhiach a thighearna, thuirt e ris a chiad fhear: Dé urad ʼsa thʼaig mo thighearna ortsa? Us thuirt e: Ciad baraill ola. Us thuirt e ris: Gabh do sgriobhadh, us suidh sios gu h-ealamh, us sgriobh leth chiad. An sin thuirt e ri fear eile: Ach thusa, dé urad ʼsa thʼ aig ortsa? Thuirt e: Ciad tomhas cruithneachd. Thuirt e ris: Gabh do sgriobhadh agus sgriobh ceithir fichead. Agus mhol an tighearna an stiubhart eucorach, a thaobh ʼs gun dʼ rinn e gu glic: chionn tha clann an t-saoghail so nas glice ʼnan ginealach fhein na clann an t-soluis. Agus tha mi g-radh ribh: dianaibh dhuibh fhein cairdean le mammon an uilc, air chor ʼs nuair a dhʼfhailnicheas sibh, gun gabh iad stigh sibh do phaillionan siorruidh. Esan a tha dileas anns an ni is lugha, tha e dileas cuideachd anns an ni is mua; agus esan a tha eucorach san ni is lugha, tha e eucorach cuideachd san ni is mua. Mur robh sibh ma ta dileas anns a mhammon eucorach, co dhʼearbas ribh an ni a tha firinneach? ʼS mur robh sibh dileas ann an cuid an atharraich, co a bheir dhuibh ur cuid fhein? Cha n-urrainn do sheirbhiseach sa bith dà mhaighistir a sheirbhiseachadh: oir bheir e fuath do ʼn darna fear, agus gaol doʼn fhear eile; no cuiridh e suas ris an darna fear, agus ni e diu deʼn fhear eile: cha n-urrainn duibh Dia a sheirbhiseachadh agus mammon. A nis chuala na Phairisich, a bha sanntach, na nichean so uile; us rinn iad fanaid air. Us thuirt e riu: Is daoine sibh a tha gu ʼr cur fhein ceart an lathair dhaoine: ach is aithne do Dhia ur cridheachan: oir an ni a tha an ardmheas aig daoine, is grainealachd e an lathair Dhe. Bha an lagh ʼs na faidhean ann gu ruig Eoin: bho sin bhathas a searmonachadh rioghachd Dhe, ʼs tha h-uile duine dianamh dian-stri ga h-ionnsuidh. Agus is fhasa do neamh ʼs do ʼn talamh dol seachad, na do aon lide de ʼn lagh failneachadh. A h-uile fear a chuireas air falbh a bhean ʼsa phosas té eile, tha e a dianamh adhaltrais; ʼs am fear a phosas an té a chuireadh air falbh bho a fear, tha e a dianamh adhaltrais, Bha duine araid saibhir ann, a bha air eideadh am purpur ʼs an anart grinn, ʼsa bha g-ithe gu soghail a h-uile latha. Agus bha diol-deirc ann dha ʼm bʼainm Lasarus, a bha ʼna laidhe aig a ʼgheata lan chreuchdan, A miannachadh a bhith air a shasachadh leis na criomagan a bha tuiteam bho bhord an duine shaibhir, ʼs cha robh gin gan toirt dha: ach thainig na coin agus dhʼ imlich iad a chreuchdan. Agus thachair gun dʼ fhuair an diol-deirc bàs, ʼs gun do ghiulaineadh e le ainglean gu uchd Abrahaim. Us fhuair an duine saibhir e fhein bàs: agus thiodhlaiceadh ann an iutharna e. ʼSa togail suas a shuilean, nuair a bha e an doruinn, chunnaic e Abraham fad as, agus Lasarus ʼna uchd; Agus dhʼeigh e, us thuirt e: Athair, Abrahaim, gabh truas dhiom, agus cuir Lasarus a thumadh barr a mheoir an uisge gus mo theanga fhuarachadh, ʼs mi air mo chràdh san lasair so. Us thuirt Abraham ris: A mhic, cuimhnich gun dʼ fhuair thusa nichean matha ri do bheo, agus Lasarus mar an ciadna nichean olca: ach tha e nis ann an sòlas, us thusa an doruinn. ʼSa bharrachd air so uile, eadar sinne agus sibhse tha aibheis mhor air a suidheachadh, air nach urrainn daibhsan dol thairis, a dhʼ iarras á so h-ugaibhse, no tighinn a nall h-ugainn bhuaibhse. Us thuirt e: Tha mi guidhe ort ma ta, athair, gun cuir thu e gu tigh mʼathar: Oir tha coignear bhraithrean agam, gus e thoirt teisteanais dhaibh, eagal gun tig iadsan cuideachd gu àite na doruinne so. Agus thuirt Abraham ris: Tha Maois ʼs na faidhean aca: eisdeadh iad riusan. Ach thuirt esan: Cha n-eadh, athair Abraham; ach ma theid aon gan ionnsuidh bho na mairbh, gabhaidh iad aithreachas. Us thuirt e ris: Mur eisd iad ri Maois agus ris na faidhean, cha mhua chreideas iad, ged a dhʼeireadh neach bho na mairbh. Agus thuirt e ri dheisciopuil: ʼS fheudar gun tig sgainnealan: ach se mo thruaighe an duine leis an tig iad. Bʼ fhearr dha clach-mhuilinn a bhith air a crochadh mu amhaich, agus e bhith air a thilgeadh sa mhuir, na e sgainneal a thoirt do h-aon dhe ʼn fheadhainn ʼbheaga so. Thugaibh an aire dhuibh fhein. Ma pheacaicheas do bhrathair ad aghaidh, cronaich e: ʼs ma ghabhas e aithreachas, thoir mathanas dha. Agus ma pheacaicheas e na tʼ aghaidh seachd uairean san latha, agus gun tionndaidh e riut seachd uairean san latha, a g-radh: Tha aithreachas orm: thoir mathanas dha. Us thuirt na h-ostail ris an Tighearna: Miadaich ar creideamh. Us thuirt an Tighearna: Nam biodh creideamh agaibh mar ghrainne de shiol mustaird, theireadh sibh ris a chraoibh mhaol-dhearc so: Bi air do spionadh, ʼs bi air do shuidheachadh sa mhuir; agus bhiodh i umhailt dhuibh. Ach co agaibhse aig a bheil seirbhiseach a treabhadh, no g-àrach feudalach, a their ris, nuair a thig e bho ʼn achadh: Falbh gu h-ealamh, suidh gu biadh: ʼS nach docha e radh ris: Dian deas mo shuipeir, agus crioslaich thu fhein, agus fritheil dhomhsa gus an ich ʼs an ol mi, ʼs an deigh sin ithidh agus olaidh thusa? An toir e taing do ʼn t-seirbhiseach sin, a chionn gun dʼ rinn e na bha e air orduchadh dha? Air leam nach toir. Mar an ciadna sibhse, nuair a ni sibh na nichean sin uile a chaidh orduchadh dhuibh, abraibh: Is seirbhisich neo-tharbhach sinn: rinn sinn an ni bu chòir dhuinn dhianamh. Agus thachair, nuair a bha e triall gu Ierusalem, gun do ghabh e tromh mhiadhon Shamaria agus Ghalile. Agus nuair a bha e dol a stigh do bhaile araid, choinnich deichnear dhaoine e, a bha ʼnan lobhair, a sheas fad as; Agus thog iad an guth, a g-radh: Iosa, a Mhaighistir, dian trocair oirnn. Nuair a chunnaic e iad, thuirt e: Siubhlaibh, fiachaibh sibh fhein do na sagairt. Us thachair, nuair a bha iad a dol, guna ghlanadh iad. Agus thill fear dhiubh, nuair a chunnaic e gun deach a ghlanadh, air ais a toirt gloire do Dhia le guth ard. Us thuit e air aghaidh aig a chasan, a toirt taing: agus bu Shamaritanach e. Agus thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Nach deach deichnear a ghlanadh? ʼs càit a bheil an naoinear? Cha dʼ fhuaireadh a thilleadh ʼsa bheireadh gloir do Dhia ach an coigreach so. Us thuirt e ris: Eirich, falbh: oir rinn do chreideamh slan thu. Agus dhʼfharraid na Phairisich dheth: Cuin a thig rioghachd Dhe? gam freagairt thuirt e: Cha tig rioghachd Dhe an seol gum faicear i; Cha mhua their iad: Seall an so, no seall an sin. Oir, seall, tha rioghachd Dhe an taobh stigh dhibh. Agus thuirt e ri dheisciopuil: Thig na lài anns am bu mhath leibh aon latha fhaicinn de Mhac an duine, agus cha n-fhaic sibh e. Agus their iad ribh: Seall an so, seall an sin. Na rachaibh ann, ʼs na leanaibh iad: Oir, mar a tha an dealanach, a tha boillsgeadh an aon aite fo neamh, a soillseachadh gu ruig na h-aitean eile fo neamh, is amhuil a bhios Mac an duine ʼna latha fhein. Ach feumaidh e an toiseach ioma ni fhulang, ʼsa bhith air a dhiultadh leis a ghinealach so. Agus mar a thachair an lài Noé, is amhuil a bhios an laithean Mhic an duine. Bha iad a g-ithe ʼsa g-ol; bha iad a posadh ʼs bhathas gan toirt seachad am posadh, gus an latha san deach Noé stigh do ʼn àirc: us thainig an tuil, agus sgrios i iad uile. Mar a thachair cuideachd an lài Lot: bha iad a g-ithe ʼsa g-ol; bha iad a ceannach ʼsa reiceadh; bha iad a planntachadh ʼsa togail thighean: Agus air an latha anns an deach Lot a mach á Sodom, thuit teine agus pronnasg bho neamh, a sgrios iad uile: ʼSann mar sin a bhios san là air an nochdar Mac an duine. San uair sin, am fear a bhios air mullach an tighe, ʼsa mhaoin a stigh, na tearnadh e gu ʼtoirt air falbh; agus esan a bhios san achadh, mar an ciadna na tilleadh e air ais. Cuimhnichibh bean Lot. Fear sa bith a dhʼiarras a bheatha thiarnadh, caillidh e i; agus fear sa bith a chailleas i, tiarnadh e i. Tha mi g-radh ribh: air an oidhche sin bithidh dithis an aon leabaidh: gabhar a h-aon diu, agus fagar an t-aon eile. Bithidh dithis bhan a bleith comhla: gabhar té dhiubh, agus fagar an té eile; agus dithis san achadh: gabhar fear, agus fagar am fear eile. ʼSa freagairt thuirt iadsan ris: Càit, a Thighearna? Thuirt e riu: Ge bʼ e aite am bi a chlosach, an sin cruinnichear na h-iolairean. Agus labhair e dubhfhacal riu, gur còir dhuinn a bhith ri urnaigh daonnan, ʼs gun fhailneachadh, A g-radh: Bha britheamh ann am baile araid, anns nach robh eagal De, no suim de dhuine. Agus bha bantrach araid anns a bhaile chiadna, agus thainig i ga ionnsuidh, a g-radh: Dian diughaltas domh air mo namhaid. ʼS cha bʼ aill leis fad moran uine. Ach mu dheireadh thuirt e ris fhein: Ged nach eil eagal agam romh Dhia, no suim de dhuine: A dhʼ aindeoin sin, bhon tha bhantrach so draghail domh, ni mi diughaltas air a son, eagal le sior-thighinn gun saraich i mi. Us thuirt an Tighearna: Cluinnibh cioda tha am britheamh eucorach a cantuinn: Agus nach dian Dia diughaltas air son a dhaoine taghte, a tha g-eigheach ris a latha ʼsa dhʼoidhche; ʼs am bi faighidin aige gan taobh? Tha mi g-radh ribh gun dian e diughaltas gu h-ealamh air an son. An deigh sin nuair a thig Mac an duine, an saoil sibh, am faigh e creideamh air talamh? Agus ri cuid, a bha earbsach asda fhein mar dhaoine cearta, us taireil air feadhainn eile, labhair e an dubhfhacal so: Chaidh dithis dhaoine suas do ʼn teampull a dhianamh urnaigh: fear ʼna Phairiseach, ʼs am fear eile ʼna chismhaor. Am Phairiseach ʼna sheasamh, rinn e urnaigh mar so ann fhein: O Dhia, tha mi toirt taing dhut nach eil mi mar a chuid eile de dhaoine, ʼnan luchd-foirneirt, ana-cearta, adhaltranach: no mar an cismhaor so fhein. Tha mi trasgadh dà uair san t-seachduin: tha mi toirt an deachaimh bhuam de gach ni thʼ agam. ʼS an cismhaor ʼna sheasamh fad air ais, cha bʼaill leis urad ʼsa shuilean a thogail suas gu neamh: ach bhuail e ʼuchd, a g-radh: O Dhia, bi iochdor riumsa am pheacach. Tha mi a g-radh ribh: chaidh an duine so sios gu thigh air a naomhachadh a raghainn air an fhear eile: oir a h-uile duine a dhʼardaicheas e fhein, theid isleachadh; ʼs am fear a dhʼ islicheas e fhein, theid ardachadh. Agus thug iad leanabanan cuideachd ga ionnsuidh gus e bheantuinn daibh. ʼS nuair a chunnaic na deisciopuil so, chronaich iad iad. Ach Iosa gan gairm h-uige fhein, thuirt e: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidhse, ʼs na bacaibh iad: oir ʼsann do ʼn leithidean sin a tha rioghachd Dhe. Gu firinneach tha mi g-radh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh, nach teid e a stigh innte. Agus dhʼ fharraid uachdran araid dheth, a g-radh: A mhaighistir mhath, ciod a ni mise gus a bheatha shiorruidh a shealbhachadh? Us thuirt Iosa ris: Car-son tha thu cantuinn math riumsa? neach idir cha n-eil math ach Dia ʼna aonar. Is aithne dhut na faintean: Na dian murt: Na dian adhaltras: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige: Thoir onair dha dʼathair, ʼs dha dʼ mhathair. Thuirt e: Chum mi iad sin uile bho mʼ oige. Nuair chuala Iosa so, thuirt e ris: Tha aon ni fhathast a dhith ort: reic a h-uile ni a thʼ agad, us builich air na bochdan, agus bithidh iuntas agad ann am flathanas; agus thig lean mise. Air dhasan so chluinntinn, dhʼfhas e brònach: a chionn bha e gle bheartach. Agus thuirt Iosa, ʼs e faicinn gun dʼfhas e brònach: Nach duilich dhaibhse aig a bheil beartas dol a stigh do rioghachd Dhe! Oir is fhasa do chamhal dol tro chrò snathaid, na do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd Dhe. Agus thuirt an fheadhainn a bha ga chluinntinn: Co ma ta is urrainn a bhith sabhailte? Thuirt e riu: Na nichean tha do-chomasach do dhaoine, tha iad comasach do Dhia. An sin thuirt Peadar: Seall, threig sinn gach ni, agus lean sinn thu. Thuirt e riu: Gu firinneach tha mi g-radh ribh: cha n-eil duine air bith a dhʼ fhag tigh, no parantan, no braithrean, no bean, no clann, air son rioghachd Dhe, Nach fhaigh moran tuille san àm so, agus a bheatha shiorruidh anns an t-saoghail a tha ri tighinn. An sin ghabh Iosa na dhà-dhiag ga ionnsuidh, us thuirt e riu: Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus coimhlionar a h-uile ni a sgriobhadh leis na faidhean mu Mhac an duine. Oir liubhrar e do na cinnich, ʼs ni iad magadh air, agus sgiursar e, agus caithear smugaidean air; ʼS an deigh dhaibh a sgiursadh, cuiridh iad gu bàs e, agus air an treas latha eiridh e rithist. Agus cha do thuig iadsa ni dhiu so, ʼs bha am facal so am falach orra, agus cha robh iad a tuigsinn na chaidh a radh. A nis thachair, nuair a bha e teannadh air Iericho, gun robh dall araid ʼna shuidhe aig oir an rathaid a g-iarraidh deirce. ʼS nuair a chual e an sluagh a gabhail seachad, dhʼ fharraid e ciod a bhʼann. Agus dhʼinnis iad dha gun robh Iosa bho Nasareth a dol seachad. ʼS ghlaodh e, a g-radh: Iosa, a mhic Dhài, dian trocair orm. Agus chronaich an fheadhainn a bha air thoiseach e, gus e bhith ʼna thosd. Ach ʼsann is mua gu mor a ghlaodh e: A mhic Dhài, dian trocair orm. Agus Iosa a stad, dhʼ orduich e a thoirt ga ionnsuidh. ʼS nuair thainig e faisg, dhʼfharraid e dheth, A g-radh: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Ach thuirt e: A Thighearna, gum faic mi. Us thuirt Iosa ris: Faic, rinn do chreideamh slan thu. Agus san uair chunnaic e, agus lean e e, a toirt gloire do Dhia. ʼS thug an sluagh uile, ʼs iad a faicinn so, moladh do Dhia. Agus air dha dol a stigh ann, thriall e tromh Iericho. Us, seall, bha duine ann dha ʼm bʼainm Sacheus; agus bu cheannard nan cismhaor e, ʼs e beartach. Agus bha deidh aige air Iosa fhaicinn, fiach co bʼ e; ʼs cha bʼurrainn da leis an t-sluagh, a chionn gun robh e iosal am pearsa. ʼSa ruith air thoiseach, sthreap e ri craoibh-shicamoir gus fhaicinn: oir bha e gu dol seachad an rathad sin. ʼS nuair thainig Iosa thun an aite, a g-amharc suas chunnaic e e, agus thuirt e ris: A Shacheuis, dian cabhag, ʼs thig a nuas: oir feumaidh mi comhnuidh a ghabhail an diugh na dʼ thigh. Agus rinn e cabhag a nuas, us ghabh e ris le aoibhneas. ʼS nuair a chunnaic iad uile so, bha iad ri monmhur, a g-radh gun robh e air dol gu bhith ʼna aoidh aig duine a tha ʼna pheacach. Agus Sacheus a stad, thuirt e ris an Tighearna: Seall, a Thighearna, tha mi toirt leth mo mhaoin do na bochdan; ʼs ma mheall mi a bheag bho neach air bith, tha mi ga thoirt air ais dha ceithir fillte. Thuirt Iosa ris: Thainig sabhaladh an diugh thun an tighe so: a thaobh gur mac esan cuideachd do Abraham. Oir thainig Mac an duine a shireadh ʼsa shabhaladh na bha caillte. ʼS nuair a bha iad a g-eisdeachd ris na nichean so, lean e us labhair e dubhfhacal, a chionn gun robh e teann air Ierusalem, ʼsa chionn gun robh iad an duil gum faicte rioghachd Dhe gun dàil. Thuirt e uime sin: Chaidh duine uasal araid do dhuthaich fad as, a ghabhail rioghachd dha fhein, agus a thilleadh a rithist. ʼS ghairm e a dheich sheirbhisich, ʼs thug e deich puinnd dhaibh, agus thuirt e riu: Dianaibh marsantachd gus an tig mi. Agus bha fuath aig a luchd-ducha air; ʼs chuir iad teachdaireachd as a dheigh, a g-radh: Cha n-aill leinn an duine so a bhith ʼna righ oirnn. Agus thachair gun do thill e, air dha rioghachd fhaighinn; ʼs dhʼorduich e a sheirbhisich a bhith air an gairm, dha ʼn tug e an t-airgiod, gu fios a bhith aige dé urad ʼsa choisinn gach fear le marsantachd. ʼSa chiad fhear a tighinn, thuirt e: A thighearna, choisinn do phunnd deich puinnd. Us thuirt e ris: Is math a fhuaradh tu, a dheagh sheirbhisich: bho na bha thu dileas am beagan, bithidh thu na dʼ uachdran air deich bailtean. Agus thainig an ath fhear, a g-radh: A thighearna, choisinn do phunnd coig puinnd. Us thuirt e ris-san: Bisa mar an ciadna os cionn choig bhailtean. Agus thainig fear eile, a g-radh: A thighearna, seall do phunnd, a ghleidh mi taisgte ann an neapaicin: Oir bha sgàth agam romhad, a thaobh ʼs gur duine cruaidh thu: tha thu togail ni nach do leag thu, ʼsa buain ni nach do chuir thu. Thuirt e ris: Bho do bhial fhein tha mi toirt breth ort, a sheirbhisich eucoraich: bha fhios agad gur duine cruaidh mi, a togail ni nach do leag mi, ʼsa buain ni nach do chuir mi: Car-son ma ta nach do chuir thu mo chuid airgid sa bhanc, gus, air mo thighinn, gun agrainn e le riadh? Agus thuirt e riusan, a bha ʼnan seasamh lamh ris: Thugaibh am punnd bhuaithe, ʼs thugaibh e dhasan aig a bheil na deich puinnd. Agus thuirt iad ris: A thighearna, tha deich puinnd aige. Ach tha mi g-radh ribh, do ʼn h-uile h-aon, aig a bheil, bheirear, agus bithidh mor-phailteas aige: agus an neach, aig nach eil, bheirear bhuaithe an ni sin fhein a thʼ aige. Ach a thaobh mo naimhdean ud, leis nach bʼaill mi bhith am righ orra, thugaibh an so iad; agus marbhaibh iad na mʼ fhianuis. ʼS an deigh dha so chantuinn, dhʼimich e rompa, a gabhail suas gu Ierusalem. Agus thachair nuair a bha e teannadh air Bethphage agus Betania, aig sliabh ris an canar Olibhet, gun do chuir e air adhart dithis dhe dheisciopuil, A g-radh: Siubhlaibh do ʼn bhaile a tha mu ʼr comhair; ʼsa dol a stigh ann gheobh sibh searrach asail an ceangal, air nach do shuidh duine riamh; fuasglaibh us thugaibh an so e. ʼS ma dhʼfharraideas duine air bith dhibh: Car-son tha sibh ga fhuasgladh? mar so their sibh ris: A chionn gum beil feum aig an Tighearna air a sheirbhis. Agus shiubhail iadsan, a chaidh a chur air adhart; us fhuair iad an searrach ʼna sheasamh, mar a thuirt e riu. ʼS nuair bha iad a fuasgladh an t-searraich, thuirt a shealbhadairean riu: Car-son tha sibh a fuasgladh an t-searraich? Ach thuirt iadsan: A chionn gum beil feum aig an Tighearna air. Us thug iad gu Iosa e. ʼSa tilgeadh an aodaich air an t-searrach, chuir iad Iosa air a mhuin. Agus mar a thriall e, sgaoil iad an aodach fodha air an rathad. ʼS nuair bha e nis dluthachadh air leathad beinn Olibheit, thòisich buidhean a dheisciopul uile le aoibhneas air Dia a mholadh le guth ard, air son nan gniomhan cumhachdach uile, a chunnaic iad, A g-radh: Is beannaichte an righ, a tha tighinn an ainm an Tighearna, sith air neamh, us gloir ʼs na h-ardaibh. Agus thuirt cuid dhe na Phairisich a bha measg an t-sluaigh ris: A Mhaighistir, cronaich do dheisciopuil. Riu so thuirt e: Tha mi g-radh ribh, ma bhios iad so samhach, eighidh na clachan. Agus nuair tharruinn e faisg, ri faicinn a bhaile, ghuil e thairis air, a g-radh: Nam bʼ aithne dhut, seadh dhutsa, agus sin na dʼ là so fhein, na nichean a tha gu sith dhut? ach a nis tha iad falaichte bho do shuilean. Oir thig na laithean ort: us cladhaichidh do naimhdean staing mu dʼ thimchioll agus cuairtichidh iad thu; agus teannaichidh iad thu air gach taobh; Agus leagaidh iad ris an làr thu, agus do chlann a tha unnad, ʼs cha n-fhag iad unnad clach air muin cloiche: chionn ʼs nach bʼ aithne dhut àm tʼ fhiachuinn. ʼS air dha dol a stigh do ʼn teampull, theann e ri tilgeadh a mach na feadhnach, a bha reic ʼsa cearmach ann, A cantuinn riu: Tha e sgriobhte: Is tigh urnaigh mo thigh-sa. Ach rinn sibhse uamha mheirleach dheth. Agus bha e teagasg san teampull a h-uile latha. Agus bha na h-ard-shagairt agus na Sgriobhaich agus uachdrain an t-sluaigh a g-iarraidh cur as da: ʼS cha robh iad a faighinn ciod a dhianadh iad air. Oir bha an sluagh uile an ro-gheall air a chluinntinn. Us thachair air a h-aon de na laithean sin, nuair a bha e teagasg an t-sluaigh san teampull, ʼsa searmonachadh an t-soisgeil, gun do chruinnich na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich maille ris na seanairean, Agus labhair iad ris, a g-radh: Innis dhuinn ciod an t-ughdaras leis a bheil thu a dianamh nan nichean so? no co esan a thug an t-ughdaras so dhut? Agus a freagairt, thuirt Iosa riu: Farraididh mise cuideachd aon ni dhibhse. Freagraibh mi: Baisteadh Eoin an ann bho neamh a bha e, no bho dhaoine? Ach smaoinich iadsan unnta fhein, a g-radh: Ma their sinn: Bho neamh; their e: Car-son ma ta nach do chreid sibh e? Ach ma their sinn: Bho dhaoine; clachaidh an sluagh uile sinn: oir is cinnteach leo gum bʼ fhaidh Eoin. Agus fhreagair iad nach bʼ aithne dhaibh co as a bha e. Us thuirt Iosa riu: Cha mhua dhʼinnseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras, leis a bheil mi dianamh nan nichean so. Agus thòisich e air an dubhfhacal so a radh ris an t-sluagh: Phlanntaich duine araid fionlios, us shuidhich e air tuath e; us bha e fhein uine fhada an cein-thir. Agus anns an àm fhreagrach chuir e seirbhiseach thun na tuatha, gus iad a thoirt da de thoradh an fhionlios. Chuir iadsan, an deigh a bhualadh, air falbh falamh e. ʼS chuir e rithist seirbhiseach eile air adhart. Ach bhuail iad esan cuideachd, ʼsa toirt tàire dha, chuir iad air falbh falamh e. Agus chuir e fhathast an treas fear. Us leon iad esan mar an ciadna, agus thilg iad a mach e. An sin thuirt tighearna an fhionlios: Ciod a ni mi? cuiridh mi mo mhac gaolach; faodaidh e bhith, nuair a chi iad esan, gun toir iad athadh dha. Nuair chunnaic an tuath e, smaoinich iad unnta fhein: Se so an t-oighre, marbhamaid e, gus an oighreachd a bhith againn fhein. Agus ga thilgeadh a mach as an fhionlios, mharbh iad e. Ciod ma ta a ni tighearna an fhionlios orra? Thig e, us sgriosaidh e an tuath ud, agus bheir e fhionlios do dhʼfheadhainn eile. Air dhaibhse so a chluinntinn, thuirt iad: Na leigeadh Dia. Ach thuirt esan, ʼs e coimhead orra: Ciod e so ma ta a tha sgriobhte: A chlach a dhiult na clacharan, rinneadh clach chinn na h-oisinn dhi? Neach sam bith a thuiteas air a chloich sin, bruthar e; ach an neach air an tuit i, mìn-phronnaidh i e. Agus dhʼiarr na h-ard-shagairt agus na Sgriobhaich an lamhan a chur air sa cheart uair; ach bha eagal an t-sluaigh orra, oir thuig iad gur ann riu fhein a thuirt e an dubhfhacal so. ʼSa cumail giar aire air, chuir iad luchd-foille, a ghabhadh orra fhein a bhith nan daoine naomh, los a ghlacadh ʼna bhriathran, ʼsa liubhradh do chomas ʼs do chumhachd an uachdrain. Agus dhʼfharraid iad dheth, a g-radh: A Mhaighistir, tha fios againn gu bheil thu labhairt ʼsa teagasg gu ceart; ʼs nach eil eisimeil agad ri duine air bith, ach gu bheil thu teagasg slighe Dhe am firinn: Bheil e ceadaichte dhuinn cis a thoirt do Chésar, no nach eil? Ach a beachdachadh air am foill, thuirt esan riu: Car-son a tha sibh gam bhuaireadh? Fiachaibh dhomh peighinn: Co leis an iomhaigh ʼs an sgriobhadh a thʼ oirre? A freagairt, thuirt iad ris: Le César. Us thuirt e riu: Thugaibh ma ta do Chésar na bhuineas do Chésar; agus do Dhia na bhuineas do Dhia. Agus cha bʼ urrainn daibh cron fhaighinn dha fhacal an lathair an t-sluaigh; ʼsa gabhail ioghnaidh as a fhreagairt, dhʼfhan iad samhach. Us thainig cuid de na Sadusaich, a tha g-aicheadh gum beil aiseirigh ann, agus chuir iad ceisd air, A g-radh: A mhaighistir, sgriobh Maois dhuinn: Ma gheobh brathair duine air bith bàs, us bean aige ʼs nach fag e clann, gun gabhadh a bhrathair a bhean, ʼs gun togadh e sliochd dha bhrathair. Bha seachdnar bhraithrean ma ta ann; ʼs ghabh a chiad fhear bean, agus fhuair e bàs gun chloinn. Us ghabh an ath fhear i, agus fhuair esan bàs gun chloinn. Us ghabh an treas fear i. ʼS mar sin an t-seachdnar uile, ʼs cha dʼfhag iad sliochd, agus dhʼeug iad. Mu dheireadh orra uile fhuair a bhean i fhein bàs. Anns an aiseirigh ma ta co am fear dhiubh aig am bi i? oir bha i ʼna mnaoi aig an t-seachdnar. Agus thuirt Iosa riu: Tha clann an t-saoghail so a posadh, agus air an toirt seachad am posadh: Ach iadsan, a mheasar gur airidh iad air an t-saoghal ud, agus air an aiseirigh bho na mairbh, cha phosar iad, ʼs cha ghabh iad mnathan: ʼS cha mhua is urrainn daibh bàs fhaighinn tuilleadh: oir is ionann iad agus na h-ainglean, agus is clann do Dhia iad, bhon is clann na h-aiseirigh iad. A nis gun eirich na mairbh a rithist, dhʼfhiach Maois fhein aig a phreas, nuair ghairm e an Tighearna, Dia Abrahaim, Dia Isaic, us Dia Iacoib. Oir cha n-e Dia nam marbh e, ach nam beo: oir dhasan tha iad beo uile. Agus thuirt cuid de na Sgriobhaich, ʼs iad ga fhreagairt: A Mhaighistir, is math a thuirt thu. ʼS an deigh sin cha robh a dhanadas aca ceisd tuilleadh a chur air. Us thuirt e riu: Ciamar a tha iad a cantuinn gur e Criosta mac Dhài? Ach tha Dài fhein a cantuinn an leabhar nan salm: Thuirt an Tighearna ri mo Thighearna, suidh air mo laimh dheis, Gus an cuir mi do naimhdean ʼnan stol chas dhut. Tha Dài ma ta a cantuinn Tighearna ris: ciamar ma ta is mac dha e? Agus an eisdeachd an t-sluaigh uile, thuirt e ri dheisciopuil: Thugaibh an aire oirbh fhein bho na Sgriobhaich, leis an toil imeachd ann an deiseachan fada, ʼsa tha an deidh air failte sa mhargadh, ʼs air na ciad chathraichean anns na sinagogan, ʼs na ciad aiteachan suidhe aig cuilmean; A tha creachadh tighean bhantrach fo fheall-choltas urnaighean fada. Gheobh iad sin diteadh nas mua. ʼS air coimhead da, chunnaic e na daoine beartach a tilgeadh an tiodhlaicean anns an ionmhas. Agus chunnaic e mar an ciadna bantrach bhochd araid a cur ann dà fheoirlinn phràise. Us thuirt e: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gun do chuir a bhantrach bhochd so tuilleadh ann na iad uile. Oir bho ʼn leor mhor chuir iadsan uile ann tobhartasan do Dhia: ach bho h-uireasuidh chuir ise a beo-shlainte uile a bhʼaice ann. Agus ri cuid, a bha g-radh mu ʼn teampull gun robh e air a sgeimheachadh le deagh chlachan ʼs le tobhartasan, thuirt e: Na nichean sin a tha sibh a faicinn, thig na laithean anns nach fagar clach air muin cloiche, nach tilgear sios. Agus dhʼfhaighnich iad dheth, a g-radh: A Mhaighistir, cuin a bhios na nichean so, agus ciod an comharradh nuair a thòisicheas iad air tachairt? Thuirt e: Thugaibh an aire nach bi sibh air ur mealladh: oir thig moran na mʼainmse, a g-radh, is mise e: us tha an t-àm faisg: na rachaibhse uime sin ʼnan deigh. ʼS nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean agus àr-a-mach, na gabhaibh eagal: feumaidh iad sin tachairt an toiseach, ach cha n-eil a chrioch tur fhathast. An sin thuirt e riu: Eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd. Us bithidh crithean-talmhuinn mor ann an ioma aite, agus plaighean, agus gorta, us nichean fuathasach bho neamh, ʼs comharran mora. Ach rompa so uile, cuiridh iad sibhse an laimh, agus ni iad geur-leanmhuinn oirbh, gu ʼr liubhairt do na sinagogan, ʼs do phriosanan, gu ʼr tarruinn air bialaobh righrean agus uachdran as leth mʼ ainmse: Us tachraidh so dhuibh-se mar theisteanas. Socraichibh ma ta ʼnur cridheachan nach smaoinich sibh roimh laimh ciamar a fhreagras sibh. Oir bheir mise dhuibh bial us gliocas, nach urrainn dha ʼr naimhdean uile cur ʼna aghaidh no aicheadh. Agus brathar sibh le ʼr parantan, ʼs le ʼr braithrean, ʼs le ʼr luchd-daimh, ʼs le ʼr cairdean, us cuiridh iad cuid dhibh gu bàs; Agus bithidh fuath aig h-uile duine oirbh as leth mʼainmse: Ach fuiltean de ʼr ceann cha chaillear. ʼNur faighidin gleidhidh sibh ur n-anmannan. Ach nuair a chi sibh Ierusalem air a chuairteachadh le armailt, tuigibh an sin gum beil a sgrios aig laimh. An sin teicheadh iadsan, a tha ann an Iudéa, thun nam beann; us falbhadh iadsan, a tha ʼna miadhon, mach aisde; agus na rachadh iadsan, a tha anns na duchannan, a stigh innte: Oir ʼsiad sin laithean an diughaltais, los gach ni tha sgriobhte a bhith air an coimhlionadh. Ach mo thruaighe iadsan, a tha torrach ʼsa toirt ciche anns na laithean sin: oir bithidh amhghar mor san tir, us corruich an aghaidh an t-sluaigh so. Agus tuitidh iad fo fhaobhar a chlaidhimh; agus bheirear iad an daorsa gus a h-uile cinneadh; agus theid Ierusalem a shaltairt leis na cinnich: gus an coimhlionar amannan nan cinneach. Agus bithidh comharran anns a ghrein, agus anns a ghealaich, agus anns na reultan; ʼs air an talamh airc nan cinneach as leth uamhunn nuallan na mara ʼs nan tonn: Daoine a seargadh as le eagal, ʼs le suil ri ciod a dhʼ eireas do ʼn t-saoghal gu leir: oir bithidh cumhachdan nan neamh air an gluasad; ʼS an sin chi iad Mac an duine a tighinn air neul, le cumhachd mhoir ʼs le gloir. Ach nuair a thòisicheas na nichean so air tachairt, seallaibh an aird, us togaibh suas ur cinn: a chionn tha ur saoradh a teannadh oirbh. Agus labhair e coimheart riu: Seallaibh air a chraoibh-fhige ʼs air na craobhan uile: Nuair a tha iad a cur mach am meas, is aithne dhuibh gum beil an samhradh faisg. Mar sin sibhse, nuair a chi sibh na nichean so tachairt, tuigibh gum beil rioghachd Dhe aig laimh. Gu firinneach tha mi g-radh ribh nach teid an ginealach so seachad, gus an coimhlionar na nichean so uile. Theid neamh agus talamh seachad: ach cha teid mʼ fhacail-sa seachad. Thugaibh an aire dhuibh fhein, eagal ur cridheachan a bhith trom ma dhʼ fhaoidte le sathachd, ʼs le misg, ʼs le curaman na beatha so; ʼs gun tig an là ud oirbh gun fhaireachadh. Oir mar ribe thig e orrasan uile, a tha tamh air uachdar an talmhuinn uile. Dianaibhse uime sin faire ri urnaigh daonnan, los gum measar sibh toillteanach air na nichean so uile a tha ri tighinn a sheachnadh, agus seasamh an lathair Mhic an duine. Agus bha e san latha a teagasg anns an teampull: ach aig an oidhche a dol a mach, bha e fantuinn air sliabh ris an canar Olibhet. Agus much sa mhaduinn bha an sluagh uile a tighinn do ʼn teampull a dhʼ eisdeachd ris. A nis bha feill an arain neo-ghoirtichte, ris an canar a chàisg, aig laimh; Us bha na h-ard-shagairt, ʼs na Sgriobhaich a sireadh ciamar a chuireadh iad Iosa gu bàs: ach bha eagal an t-sluaigh orra. Ach chaidh satan ann an Iudas, a shloinneadh Iscariot, fear de na dhà-dhiag. ʼS chaidh e agus bhruidhinn e ris na h-ard-shagairt, ʼs ris na h-uachdrain, mu ʼn doigh air am brathadh e dhaibh e. Agus bha iad ro-thoilichte, us rinn iad cumhnant ris airgiod a thoirt da. Agus gheall e. Us dhʼ iarr e fàth a bhrath an ainfhios air an t-sluagh. Agus thainig latha an arain neo-ghoirtichte, air am feumte a chàisg a mharbhadh. Us chuir e Peadar agus Eoin, a g-radh: Falbhaibh, agus deasaichibh dhuinn a chàisg gus gun ich sinn i. Ach thuirt iadsan: Càit an aill leat sinn ga deasachadh? Us thuirt e riu: Seall, agus sibh a dol stigh do ʼn bhaile, coinnichidh fear sibh a giulan cuinneag uisge: leanaibh e thun an tighe anns an teid e stigh; Agus their sibh ri fear an tighe: Tha am maighistir a g-radh riut: Càit a bheil seomar nan aoidhean, far an ith mi chàisg maille ri mo dheisciopuil? Agus fiachaidh esan dhuibh seomar-bìdh farsuinn uidheamaichte, agus deasaichibh an sin. ʼS air dhaibhse falbh, fhuair iad mar a thuirt e riu, agus rinn iad deas a chàisg. ʼS nuair a thainig an uair, shuidh e sios, ʼs an dà ostal dhiag maille ris. Us thuirt e riu: Le ro-mhiann bu mhiann leam a chàisg so ithe maille ribh mum fuilig mi. Oir tha mi g-radh ribh, nach ith mi i á so suas, gus an coimhlionar i ann an rioghachd Dhe. ʼSa glacail na cailis, thug e taing, us thuirt e: Gabhaibh, us roinnibh eadaraibh i. Oir tha mi g-radh ribh nach ol mi de mheas na fionain, gus an tig rioghachd Dhe. ʼSa breith air aran, thug e taing, us bhrist e, us thug e dhaibh, a g-radh: Se so mo chorpsa, a tha air a thoirt seachad air ur son: Dianaibh so mar chuimhneachan ormsa. ʼSa chailis mar an ciadna an deigh na suipreach, a g-radh: Si chailis so an tiomnadh nuadh na mʼ fhuilse, a dhoirtear air ur son. Ach, seall, tha lamh an fhir, a bhrathas mi, maille rium air a bhord. Agus tha Mac an duine gu dearbh a falbh a reir ʼs mar chaidh orduchadh: ach se mo thruaighe an duine sin leis am brathar e. Agus thòisich iad air faighneachd ʼnam measg fhein, co dhiubh a dhianadh so. Agus dhʼeirich consachadh eatorra, co shaoilte bu mhua dhiu. Us thuirt e riu: Tha righrean nan cinneach gan riaghladh le smachd; agus theirear daoine mathasach riusan, aig a bheil cumhachd fos an cionn. Ach cha n-ann mar so a bhios sibhse: ach am fear is mua a tha ʼnur measg, bitheadh e mar am fear is oige; ʼs am fear is ceannard, mar esan a tha frithealadh. Oir co-dhiu is mua am fear a tha ʼna shuidhe aig bord, no ʼm fear a tha frithealadh? nach e am fear a tha aig bord? Ach tha mise ʼnur measgsa mar fhear-frithealaidh. Agus is sibhse iad, a dhʼfhan comhla rium na mʼ bhuairidhean: Agus tha mise a buileachadh oirbhse, mar a bhuilich mʼ Athair ormsa, rioghachd, Los gun ich ʼs gun ol sibh aig mo bhord na mʼ rioghachd; ʼs gun suidh sibh air cathraichean, a toirt breth air dà threibh dhiag Israil. Us thuirt an Tighearna: A Shimoin, a Shimoin, seall, dhʼ iarr Satan sibh, gus ur criathradh mar chruithneachd: Ach ghuidh mi air do shonsa nach failnicheadh do chreideamh: ʼs an deigh do thionndadh, neartaich do bhraithrean. Fhreagair e e: A Thighearna, tha mi deas gu dol am priosan maille riut, araon agus gu bàs. Ach thuirt esan: Tha mi g-radh riut, a Pheadair, nach goir an coileach an diugh, gus an aicheadh thu tri uairean gum bʼ aithne dhut mi. Us thuirt e riu: Nuair a chuir mi air falbh sibh gun sporan, gun mhàla, ʼs gun bhrogan, an robh dad sam bith a dhith oirbh? Ach thuirt iad: Cha robh. An sin thuirt e riu: Ach an drasda am fear aig a bheil sporan gabhadh e e, agus màla mar an ciadna; ʼs am fear aig nach eil, reiceadh e chota, agus ceannaicheadh e claidheamh. Oir tha mi a g-radh ribh, gum feumar so fhathast a tha sgriobhte a bhith air a choimhlionadh unnamsa: Agus bha e air aireamh am measg nan ciontach. Oir tha na nichean, a tha mu mʼ dheidhinnse gu criochnachadh. Ach thuirt iadsan: A Thighearna, faic, tha dà chlaidheamh an so. Us thuirt e riu: Foghnaidh sin. ʼSa dol a mach, thriall e, mar a chleachd e, gu sliabh Olibheit. Agus lean a dheisciopuil e. ʼS nuair a rainig e an t-aite, thuirt e riu: Dianaibh urnaigh, los nach tuit sibh ann am buaireadh. Agus tharruinneadh e bhuapa cho fada ri urchair cloiche: agus a dol air a ghluinean, rinn e urnaigh, A g-radh: Athair, ma se do thoil e, cuir a chailis so seachad orm: ach cha n-e mo thoil-sa, ach do thoil-sa gun robh diante. Agus nochdadh dha aingeal bho neamh ga neartachadh. Agus lean e, ʼs e ann an spairn, air urnaigh na bʼfhaide. Agus thainig fallus air mar bhoinnean fala a sileadh gu làr. ʼS nuair a dhʼeirich e bho urnaigh, ʼsa thainig e gu dheisciopuil, fhuair e iad ʼnan cadal leis a bhròn. Us thuirt e riu: Car-son a tha sibh ʼnur cadal? eiribh, dianaibh urnaigh, los nach tuit sibh ann am buaireadh. ʼS nuair a bha e fhathast a labhairt, seall, sluagh; agus bha esan, dhaʼm bʼainm Iudas, fear de na dhà-dhiag, air an ceann; agus dhluthaich e ri Iosa gus a phogadh. Agus thuirt Iosa ris: Iudais, am beil thu brath Mhic an duine le poig? ʼS iadsan, a bha mun cuairt da, a faicinn ciod a bha gu tachairt, thuirt iad ris: A Thighearna, am buail sinn leis a chlaidheamh? Us bhuail fear dhiu seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e dheth a chluas dheas. Agus thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Fuiligibh an fhad so. ʼS nuair a bhean e dha chluais, leighis e i. Agus thuirt Iosa ris na h-ard-shagairt, ʼs ri uachdrain an teampuill, ʼs ris na seanairean, a thainig ga ionnsuidh: An tainig sibh le claidhean ʼs le bataichean mar gum bʼ ann gu meirleach? Nuair a bha mi a h-uile latha cuide ribh san teampull, cha do shìn sibh lamh am aghaidh: ach si so ur n-uair-sa, agus cumhachd an dorchadais. ʼS ga ghlacadh, thug iad e gu tigh an ard-shagairt: ach lean Peadar e fad as. ʼS nuair a bheothaich iad teine am miadhon an talla, shuidh iad mun cuairt da, us Peadar ʼnam miadhon. ʼS nuair a chunnaic searbhant araid e ʼna shuidhe aig an t-solus, ʼsa ghabh i fior-bheachd air, thuirt i: Bha e so cuideachd maille ris. Ach dhʼaicheadh esan e, a g-radh: A bhoirionnaich, cha n-aithne dhomh e. Agus seal an deigh sin thuirt urra eile, ʼs e ga fhaicinn: Tha thusa dhiu. Ach thuirt Peadar: A dhuine, cha n-eil. ʼS mun cuairt de dhʼaon uair a thìm an deigh sin, chomhdaich feareigin eile air, a g-radh: Gu firinneach bha an duine so comhla ris: oir is Galiléach e. Us thuirt Peadar: A dhuine, cha n-eil fhios agam ciod a tha thu cantuinn. ʼS air ball, ʼs e fhathast a bruidhinn, ghoir an coileach. ʼS an Tighearna a tionndadh, sheall e air Peadar. Agus chuimhnich Peadar air facal an Tighearna, mar a thuirt e: Mu ʼn goir an coileach, aicheadhaidh tu mi tri uairean: Us Peadar a dol mach, ghuil e gu goirt. Agus rinn na fir, a bha cumail Iosa, magadh air, ga bhualadh. Agus chomhdaich iad a shuilean, us bhuail iad san aodann e; agus dhʼ fharraid iad dheth, a g-radh: Fàisnich, co e bhuail thu? ʼSa labhairt blaisbheum, thuirt iad a bharrachd ioma ni eile ʼna aghaidh. Agus cho luath ʼsa bha an latha ann, thionail seanairean an t-sluaigh, ʼs na h-ard-shagairt, ʼs na Sgriobhaich, us thug iad thun an comhairle e, a g-radh: Ma ʼs tu Criosta, innis dhuinn. Us thuirt e riu: Ma dhʼ innseas mi dhuibh, cha chreid sibh mi: ʼS ma chuireas mi ceisd oirbh, cha fhreagair sibh mi, us cha mhua leigeas sibh as mi. Ach an deigh so bithidh Mac an duine ʼna shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe. An sin thuirt iad uile: An tusa Mac Dhe? Thuirt esan: Tha sibhse g-radh gur mi. Us thuirt iadsan: Ciod am feum a thʼ againn air tuilleadh teisteanais? oir chuala sinn e bho bhial fhein. ʼS air eirigh do ʼn chuideachda uile aca, thug iad gu Pilat e. Agus leig iad air coire chur air, a g-radh: Fhuair sinn an duine so a cur ar cinnidh air aimhreadh, ʼsa bacail cis a thoirt do Chésar, ʼsa g-radh gur e fhein Criosta an righ. Agus dhʼfharraid Pilat dheth, a g-radh: An tu righ nan Iudhach? Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Tha thu ga radh, Us thuirt Pilat ris na h-ard-shagairt ʼs ris an t-sluagh: Cha n-eil mi faighinn coire sam bith anns an duine so. Ach ʼsann bu bhraise a dhʼfhas iad, a g-radh: Tha e togail an t-sluaigh, a teagasg feadh Iudéa uile, a tòiseachadh aig Galile gu ruig so. Ach Pilat a cluinntinn mu Ghalile, dhʼfhaighnich e am bu Ghaliléach e. Agus cho luath ʼsa thuig e gur ann fo chumhachd Heroid a bha e, chuir e e gu Herod, a bha sna laithean sin fhein ann an Ierusalem. Us Herod a faicinn Iosa, thug sin toileachadh mor dha: oir bha e an geall bho cheann fhada air fhaicinn, a chionn gun cuala e moran mu dheidhinn, agus bha dùil aige gum faiceadh e miarailte air choireigin air a dianamh leis. Agus chuir e ceisdean air am moran bhriathran. Ach cha tug e freagairt air bith dha. Agus sheas na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich a sior-chur choire as a leth. Ach chuir Herod us ʼarmailt suarach e; ʼs ga eideadh an trusgan geal, rinn e culaidh-mhagaidh dheth, agus chuir e air ais gu Pilat e. Us rinneadh Herod agus Pilat ʼnan cairdean an latha sin fhein: oir roimh sin bu naimhdean dha cheile iad. ʼS air do Philat na h-ard-shagairt, ʼs na h-uachdrain, agus an sluagh a ghairm ri cheile, Thuirt e riu: Thug sibh gam ionnsuidh an duine so, mar neach a tha cur an t-sluaigh air aimhreadh; agus, seall, an deigh dhomhsʼ a cheasnachadh air ur bialaobh, cha n-eil mi faighinn cionta sam bith san duine so thaobh nan nichean muʼm beil sibhse dianamh casaid air. Agus cha mhua tha Herod: oir chuir mi sibh ga ionnsuidh, agus, seall, cha dʼ rinneadh ni ris mar toillteannach air bàs. Uime sin an deigh a smachdachadh, bheir mi chead da. Agus bha e mar fhiachaibh air a h-aon a leigeil mu sgaoil dhaibh air latha na feille. Us ghlaodh an sluagh uile comhla, a g-radh: Cuir as dhasan, agus leig mu sgaoil dhuinn Barabbas, Neach a thilgeadh am priosan as leth ceannairce araid a rinneadh sa bhaile, ʼs air son muirt. Agus labhair Pilat riu rithist, ʼs e toileach Iosa a leigeil mu sgaoil. Us ghlaodh iadsan a rithist, a g-radh: Ceus e, ceus e. ʼS an treas uair thuirt e riu: Car-son, ciod an t-olc a rinn e? cha n-eil mi faighinn aobhar bàis ann: smachdaichidh mi e ma ta, us leigidh mi chead da. Ach le iolaich aird dhianlean iad a g-iarraidh a cheusadh; agus bhuadhaich an guth-sa. Agus thug Pilat binn, gum faigheadh iad an iarratas. Agus leig e as dhaibh am fear a bha iad a g-iarraidh, ʼsa chuireadh am priosan air son muirt us ceannairce: ach liubhair e Iosa seachad dha ʼn toil. Us nuair bha iad ga thoirt leo, rug iad air Simon araid bho Chirene, ʼs e tilleadh bho thigh-ducha; agus chuir iad a chrois air, gus a giulan an deigh Iosa. Agus bha cuideachda mhor sluaigh agus bhoirionnach ga leanntuinn, a bha a caoidh ʼsa gal air a shon. Agus thuirt Iosa, ʼs e tionndadh riu: A nigheana Ierusalem, na bithibh a gal air mo shonsa, ach guilibh air ur son fhein, ʼs air son ur cloinne. Oir, seall, thig na laithean anns an abair iad: Is sona na mnathan neo-thorrach, ʼs na bronnaichean nach do ghin, ʼs na ciochan nach tug bainne. An sin tòisichidh iad ri radh ris na beanntan: Tuitibh oirnn; ʼs ris na cnuic: Fallaichibh sinn. Oir ma ni iad na nichean so air an fhiodh ùr, ciod a nithear air a chrionaich? Us thugadh dithis eile de dhroch dhaoine comhla ris, gus an cuirteadh gu bàs iad. Agus nuair rainig iad an t-aite ris an abrar Calbhari, cheus iad an sin e, agus na meirlich, fear air an laimh dheis, am fear eile air an laimh chli. Us thuirt Iosa: Athair, thoir mathanas dhaibh, oir cha n-aithne dhaibh ciod a tha iad a dianamh. Agus roinn iad ʼaodach, a tilgeadh chrann. Agus sheas an sluagh a g-amharc, agus rinn na h-uachdrain cuide riu magadh air, a g-radh: Shabhail e feadhainn eile, sabhaladh e e fhein, ma ʼs esan Criosta taghte Dhe. Agus rinn na saighdearan cuideachd fanaid air, a tighinn dluth, ʼsa tairgse fion-gheir dha, ʼSa g-radh: Ma ʼs tu righ nan Iudhach, sabhail thu fhein. Agus bha sgriobhadh mar an ciadna fos a chionn, sgriobhte ann an litrichean Greigis, us Laidinn, us Eabhra: Se so righ nan Iudhach. Agus labhair fear dhe na meirlich a chrochadh blais-bheum ʼna aghaidh, a g-radh: Ma ʼs tu Criosta, sabhail thu fhein agus sinne. Ach am fear eile a freagairt, chronaich e e, a g-radh: Nach eil eagal De unnad, us tu fo ʼn diteadh chiadna? Us sinne gu dearbh le ceartas: oir tha sinn a faighinn mar a thoill ar gniomhan: ach cha dʼ rinn e so olc air bith. Agus thuirt e ri Iosa: A Thighearna, cuimhnich ormsa, nuair a thig thu gu dʼ rioghachd. Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi g-radh riut: An diugh bithidh thu maille riumsa am pàrras. Us bha e mun cuairt do ʼn t-siathamh uair, agus bha dorchadas air an talamh uile gus an naoitheamh uair. Agus thainig dorchadas air a ghrein: agus sthracadh brat an teampuill ʼna mhiadhon. Agus Iosa a g-eigheach le guth ard, thuirt e: Athair, ann ad lamhan tha mi liubhairt mo spioraid. ʼSa g-radh so, thilg e an anail. A nis an ceannard-ciad a faicinn ciod a thachair, thug e gloir do Dhia, a g-radh: Gu dearbh bu duine ionraic e so. ʼS an sluagh uile a chruinnich dhʼionnsuidh an t-seallaidh so, ʼsa chunnaic na rinneadh, thill iad a bualadh an uchd. Agus sheas a luchd-eolais uile, ʼs na boirionnaich, a lean e bho Ghalile, fad as a faicinn nan nichean so. Agus, seall, duine, dha ʼm bʼ ainm Ioseph, a bha ʼna chomhairleach, duine math agus ceart, (Duine nach dʼ aontaich dha ʼn comhairle no dha ʼn dianadas:) bho Arimatéa, baile ann an Iudéa, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe. Chaidh am fear so gu Pilat, agus dhʼ iarr e corp Iosa; Agus air dha a thoirt a nuas, shuain e an anart grinn e, agus chuir e ann an uaigh snaithte á creig e, anns nach deachaidh duine a chur riamh roimhe. Agus bʼ e là an uidheamachaidh a bhʼ ann, us bha an t-sàbaid faisg. Agus chunnaic na boirionnaich, a thainig comhla ris ga leanailt á Galile, an uaigh, ʼs mar a chaidh a chorp a chur. ʼSa tilleadh rinn iad deas spiosradh agus ola; ʼs ghabh iad fois air an t-sàbaid a reir na fainte. Agus ro-mhuch sa mhaduinn air a chiad latha de ʼn t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe, a toirt leo an spiosraidh a dheasaich iad. Us fhuair iad a chlach air a carachadh bho ʼn uaigh. ʼSa dol a stigh, cha dʼ fhuair iad corp an Tighearna Iosa. Us thachair, nuair bha iadsan fo ioghnadh ʼnan inntinn mu so, seall, sheas dithis dhaoine lamh riu an eideadh dealrach. ʼS nuair bha iad fo fhiamh, ʼsa cromadh an aghaidh gu làr, thuirt iad riu: Car-son tha sibh a sireadh a bheo am measg nam marbh? Cha n-eil e ʼn so, ach dhʼ eirich e: cuimhnichibh ciamar a thuirt e ribh, nuair a bha e fhathast ann an Galile, A g-radh: Feumaidh Mac an duine a bhith air a liubhairt do lamhan dhaoine peacach, agus air a cheusadh, agus eirigh a rithist air an treas latha. Agus chuimhnich iad a bhriathran. ʼS air tilleadh dhaibh bho ʼn uaigh, dhʼinnis iad so uile do na h-aon-diag, agus do chàch uile. Agus bʼ iad Mairi Magdalen, us Ioanna, us Mairi Sheumais, agus na boirionnaich eile, a bha comhla riu, a dhʼinnis na nichean so do na h-ostail. Ach mheasadh leosan mar bhreislich na briathran so; ʼs cha do chreid iad iad. Ach Peadar a g-eirigh, ruith e thun na h-uaighe; ʼsa cromadh sios chunnaic e na h-anartan air leth leo fhein, agus dhʼ fhalbh e, a gabhail ioghnaidh ann fhein as na nichean a thachair. Agus, fiach, bha dithis dhiu fhein a dol a cheart latha sin gu baile, dha ʼn ainm Emmaus, a bha tri fichead stàd bho Ierusalem. ʼS bha iad a comhradh ri cheile mu na nichean so uile a bha air tachairt. Agus thachair, nuair a bha iad a labhairt ʼsa reusonachadh ri cheile, gun do tharruinn Iosa fhein teann orra, ʼs gun do thriall e ʼnan cuideachda: Ach bha an suilean air an cumail air sheol ʼs nach dʼ aithnich iad e. Us thuirt e riu: Ciod an seanachas so a thʼ agaibh ri cheile, us sibh a triall agus dubhach? Agus fear dhiu, dha ʼm bʼ ainm Cleophas, ʼs e freagairt, thuirt e ris: An tusa a mhain a tha na dʼ choigreach ann an Ierusalem, ʼs nach aithne na nichean, a rinneadh anns na laithean so? Thuirt e riu: Ciod? Us thuirt iad: Mu Iosa bho Nasaret, a bha ʼna fhaidh, cumhachdach ann an gniomh ʼs am facal an lathair Dhe agus dhaoine uile; ʼS mar a liubhair ar n-ard-shagairt, ʼs ar n-uachdrain e gus a dhiteadh gu bàs, ʼs mar a cheus iad e. Ach bha sinne an earbsa gum bʼ e esan a bha gu Israel a shaoradh: agus a nis a thuilleadh air so uile, se an diugh an treas latha bho na rinneadh na nichean so. Seadh, agus chuir boirionnaich araid dhe ʼn chuideachda againne, a bha aig an uaigh romh shoillse an latha, fuathas oirnn, ʼS nuair nach dʼ fhuair iad a chorp, thainig iad a g-radh gum faca iad sealladh aingeal, a tha g-radh gum beil e beo. Us chaidh cuid de ʼn fheadhainn againne thun na h-uaighe, agus fhuair iad mar a thuirt na boirionnaich; ach cha dʼfhuair iad esan. ʼS an sin thuirt e riu: O amadana, us mall-chridheach gu creidsinn a h-uile ni a labhair na faidhean! Nach fheumadh Criosta iad so fhulang, agus mar so dol a stigh dha ghloir? ʼSa tòiseachadh aig Maois ʼs na faidhean uile, mhinich e dhaibh as na sgriobtuirean uile na bha mu dheidhinn fhein. Agus tharruinn iad teann air a bhaile gus an robh iad a dol, us ghabh esan air a bhith dol na bʼ fhaide. Ach cho-eignich iad e, a g-radh: Fan comhla ruinne, ʼs gum beil e teann air an fheasgar, agus deireadh an latha ann. Agus chaidh e stigh comhla riu. Us thachair, nuair a bha e aig bord maille riu, gun do ghlac e aran, agus bheannaich e, agus bhrist e, agus shìn e dhaibhse. Agus dhʼfhosgladh an suilean, us dhʼ aithnich iad e; agus chaidh esan as an sealladh. Us thuirt iad ri cheile: Nach robh ar cridhe a lasadh unnainn, am feadh a bha e labhairt san t-slighe, ʼsa; fosgladh dhuinn nan sgriobtur? ʼSa g-eirigh sa cheart uair, thill iad air an ais gu Ierusalem: agus fhuair iad cruinn na h-aon-diag, us iadsan a bha cuide riu, A g-radh: Dhʼeirich an Tighearna gu cinnteach, agus chunnacas le Simon e. Agus dhʼ aithris iadsan na rinneadh san t-slighe, ʼs mar a dhʼ aithnich iad e aig bristeadh an arain. ʼS air dhaibh bhith labhairt nan nichean so, sheas Iosa ʼnam miadhon, us thuirt e riu: Sith dhuibh: Is mise thʼann, na gabhaibh eagal. Ach shaoil iadsan, ʼs iad fo fhurban ʼs fo gheilt, gur spiorad a chunnaic iad. Us thuirt e riu: Car-son tha sibh fo fhurban, agus car-son tha smaointean a g-eirigh ʼnur cridheachan? Faicibh mo lamhan ʼs mo chasan, gur mi fhein a thʼ ann: laimhsichibh, agus fiachaibh: oir aig spiorad cha n-eil feoil us cnaimhean, mar a tha sibh a faicinn agamsa. Agus an deigh dha so radh, dhʼ fhiach e dhaibh a lamhan ʼsa chasan. Ach nuair nach robh iad fhathast a creidsinn, ʼsa bha iad fo ioghnadh le aighear, thuirt e: Am beil dad agaibh an so a dhʼ ithear? Us thairg iad dha mir de dhʼ iasg roiste, agus cir mheala. ʼS an deigh dha itheadh ʼnan lathair, a gabhail an fhuighlich thug e dhaibh e. Us thuirt e riu: ʼSiad so na briathran a labhair mi ribh, ʼs mi fhathast ʼnur cuideachda, gum feumar gach ni a choimhlionadh, a tha sgriobhte mu mʼ dheidhinn an lagh Mhaois, agus anns na faidhean, agus anns na sailm. An sin dhʼfhosgail e an tuigse, los gun tuigeadh iad na sgriobtuirean. Us thuirt e riu: Mar so tha e sgriobhte, ʼs mar so dhʼ fheumadh Criosta fulang, agus eirigh a rithist bho na mairbh air an treas latha; Agus peanas us mathanas pheacannan a bhith air an searmonachadh ʼna ainm, feadh a h-uile rioghachd, a tòiseachadh aig Ierusalem. ʼS tha sibhse ʼnur fianuisean air na nichean so. Agus cuiridh mi h-ugaibh gealladh mʼ Athar. Ach fuirichibhse sa bhaile, gus an comhdaichear sibh le neart bho neamh. Agus thug e a mach iad cho fad ri Bethania; ʼsa togail suas a lamhan, bheannaich e iad. Us thachair, ʼs e gam; beannachadh, gun a tharruinn e bhuapa, ʼs gun do thogadh suas do fhlathanas e. Agus thug iad aoradh dha, us thill iad gu Ierusalem le mor aoibhneas. Agus bha iad daonnan san teampull a moladh ʼsa beannachadh Dhe. Amen. San toiseach bha am Facal, ʼs bha am Facal maille ri Dia, agus bʼ e am Facal Dia. Bha e so san toiseach maille ri Dia. Rinneadh a h-uile ni leis: ʼs gun e cha dʼ rinneadh ni a chaidh a dhianamh. Annsan bha a bheatha, ʼs bʼ i a bheatha solus dhaoine: Agus tha an solus a soillseachadh san dorchadas, ʼs cha do ghabh an dorchadas ris. Chuireadh duine bho Dhia, dha ʼm bʼ ainm Eoin. Thainig e so mar fhianuis gu teisteanas a thoirt air an t-solus, los gun creideadh daoine uile troimh-san. Cha bʼ e esan an solus, ach bha e gu teisteanas a thoirt air an t-solus. Bʼ e sin an solus firinneach, a tha soilleireachadh a h-uile duine, a tha tighinn dhʼ ionnsuidh an t-saoghail so. Bha e anns an t-saoghal, ʼs rinneadh an saoghal leis, ʼs cha bʼ aithne do ʼn t-saoghal e. Thainig e gu chuid fhein, ʼs cha do ghabh a mhuinntir fhein ris. Ach a mhiad ʼsa ghabh ris, thug e cumhachd dhaibh a bhith ʼnan cloinn do Dhia, dhaibhse a tha creidsinn ʼna ainm, A rugadh cha n-ann bho fhuil, no bho thoil na feola, no bho thoil duine, ach bho Dhia. Us ghabh am Facal feoil, us rinn e comhnuidh ʼnar measg: us chunnaic sinn a ghloir, mar ghloir aonghin an Athar, lan ghras agus firinn. Thug Eoin teisteanas air, agus dhʼeigh e, a g-radh: Bʼ e so esan mun do labhair mi: Esan a tha ri tighinn as mo dheigh, tha toiseach aige orm: a chionn gun robh e romham. Agus dhe a lanachd fhuair sinn uile, agus grasan air ghrasan: Oir thugadh an lagh le Maois, ach thainig grasan agus firinn le Iosa Criosta. Cha n-fhaca duine Dia riamh: an t-aonghin Mic, a tha an uchd Athar, se dhʼ innis e. Agus se so teisteanas Eoin, nuair a chuir na h-Iudhaich bho Ierusalem sagairt agus leibhitich ga ionnsuidh a dhʼfhaighneachd dheth: Co thu? Us dhʼ aidich e, ʼs cha dʼ aicheadh e; us dhʼ aidich e: Cha mhise Criosta. Agus dhʼ fharraid iad dheth: Co thu ma ta? An tu Elias? Us thuirt e: Cha mhi. Am faidh thu? Us fhreagair e: Cha n-eadh. Thuirt iad uime sin ris: Co thu, los gun toir sinn freagairt dhaibh-san, a chuir sinn? Ciod a tha thu g-radh mu dʼ dheidhinn fhein? Thuirt e: Is mi guth neach a g-eigheach san fhasach: Dianaibh direach slighe an Tighearna, mar a thuirt am faidh Isaias. Agus bʼ ann dhe na Phairisich iadsan a chuireadh ga ionnsuidh. ʼS dhʼfharraid iad dheth, us thuirt iad ris: Car-son ma ta a tha thu a baisteadh, mur tu Criosta, no Elias, no faidh? Agus fhreagair Eoin iad, a g-radh: Tha mise baisteadh le uisge: ach tha aon ʼna sheasamh ʼnur miadhon, nach aithne dhuibh. Se so esan a tha ri tighinn am dheigh, aig a bheil toiseach orm: air nach airidh mise air barriall a bhroige fhuasgladh. Rinneadh na nichean so ann am Bethania, air taobh thall Iordain, far an robh Eoin a baisteadh. Air an ath latha chunnaic Eoin Iosa a tighinn ga ionnsuidh, us thuirt e: Seall uan De, seall esan a tha toirt air falbh peacadh an t-saoghail. Se so esan mun tuirt mi: Thig fear am dheigh aig a bheil toiseach orm: chionn bha e romham. ʼS cha bʼ aithne dhomh e: ach ʼsann los gum biodh e air fhoillseachadh ann an Israel a thainig mise a baisteadh le uisge. Agus thug Eoin fianuis, a g-radh: Chunnaic mi an Spiorad a tearnadh mar chalaman bho neamh, us dhʼfhan e air. Agus cha bʼ aithne dhomh e: ach esan a chuir mise a bhaisteadh le uisge, thuirt e rium: Esan air am faic thu an Spiorad a tearnadh ʼsa fantuinn air, se esan a bhaisteas leis an Spiorad Naomh. Agus chunnaic mise: ʼs tha mi toirt fianuis, gur e so Mac Dhe. A rithist air an ath latha sheas Eoin agus dithis dhe dheisciopuil. ʼSa faicinn Iosa coiseachd, thuirt e: Seall uan De. Agus chuala an dithis dheisciopul e a labhairt, us lean iad Iosa. Us Iosa a tionndadh ʼs gam faicinn ga leanail, thuirt e riu: Ciod a tha sibh a sireadh? Thuirt iad ris: A Rabbi (se sin air eadar-theangachadh, a mhaighistir), càite am beil thu fuireach? Thuirt e riu: Thigibh, agus faicibh. Thainig iad, ʼs chunnaic iad càite an robh e fuireach, agus dhʼ fhan iad maille ris an latha sin: oir bha e nis mun cuairt do ʼn deicheamh uair. Agus bʼ e Aindris brathair Shimoin Pheadair a h-aon de ʼn dithis, a chuala so bho Eoin, ʼsa lean e. Fhuair esan an toiseach a bhrathair Simon, us thuirt e ris: Fhuair sinn am Messias (se sin air eadar-theangachadh Criosta). Agus thug e gu Iosa e. Us Iosa a sealltuinn air, thuirt e: Is tusa Simon mac Iona: theirear Cephas riut, se sin air eadar-theangachadh, Peadar. Air an latha an deigh sin bʼ aill leis dol do Ghalile, us fhuair e Philip. Us thuirt Iosa ris: Lean mise. A nis bha Philip bho Bhethsaida, baile Aindris agus Pheadair. Fhuair Philip Nathanael, us thuirt e ris: Fhuair sinn esan mun do sgriobh Maois anns an lagh, agus na faidhean, Iosa mac Ioseph bho Nasareth. Us thuirt Nathanael ris: An urrainn do ni math air bith tighinn á Nasareth? Thuirt Philip ris: Thig, us faic. Chunnaic Iosa Nathanael a tighinn ga ionnsuidh, agus thuirt e mu dheidhinn: Seall fior Isralach, anns nach eil dad a dhʼ fhoill. Thuirt Nathanael ris: Ciamar is aithne dhut mi? Fhreagair Iosa, us thuirt e ris: Mun do ghairm Philip thu, nuair bha thu fo ʼn chrann-fhige, chunnaic mi thu. Fhreagair Nathanael, us thuirt e: A Rabbi, is tu Mac De, is tu righ Israil. Fhreagair Iosa us thuirt e ris: A chionn gun tuirt mi riut, chunnaic mi thu fo ʼn chrann-fhige, tha thu creidsinn: chi thu nichean nas mua na iad sin. Us thuirt e ris: Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh, gum faic sibh neamh fosgailte, agus ainglean De a direadh ʼsa tearnadh air Mac an duine. Agus air an treas latha bha bainis ann an Cana Ghalile; ʼs bha mathair Iosa an sin. Agus fhuair Iosa fhein ʼsa dheisciopuil cuireadh thun na bainnse. ʼS am fiona teireachduinn, thuirt mathair Iosa ris: Cha n-eil fion aca. Us thuirt Iosa rithe: Ciod e sin domhsa us dutsa, a bhoirionnaich? cha n-eil mʼ uair-sa air tighinn fhathast. Thuirt a mhathair ris an luchd-riarachaidh: Ni sam bith a their e ribh, dianaibh. A nis bha sia poitean-uisge de chloich air an cur an sin a reir gnath glanaidh nan Iudhach, a chumadh a dhà no tri de thoimhsean gach aon. Thuirt Iosa riu: Lionaibh na poitean le uisge. Agus lion iad suas gus am bial iad. Agus thuirt Iosa riu: Tarruinnibh a nis, agus thugaibh e gu ard-riaghladair na cuilme. Agus thug iad e. ʼS nuair a bhlais ard-riaghladair na cuilme an t-uisge a chaidh thionndadh gu fion, ʼs e gun fhios aige co as a bha e, ach bha fios aig an luchd-riarachaidh a tharruinn an t-uisge, ghairm an t-ard-riaghladair fear-na-bainnse, Us thuirt e ris: Tha h-uile duine cur sios an toiseach fiona mhath; ʼs nuair a dhʼ olas daoine gu pailt, an sin fiona nas miosa: ach ghleidh thusa am fion math gu so. Bʼ e so toiseach miarailtean Iosa ann an Cana Ghalile: us rinn e ghloir follaiseach, agus chreid a dheisciopuil ann. An deigh so chaidh e sios do Chapharnaum, e fhein, ʼsa mhathair, ʼsa bhraithrean, agus a dheisciopuil; ʼs cha dʼfhan iad an sin moran laithean. Agus bha càisg nan Iudhach aig laimh, ʼs chaidh Iosa suas gu Ierusalem; Agus fhuair e san teampull luchd-reic dhamh us chaorach us chalaman, agus luchd-malairt airgid ʼnan suidhe. ʼS nuair rinn e sgiursa de chuird chaola, dhʼfhuadaich e mach as an teampull iad uile, na caoraich mar-aon agus na daimh, agus thaom e sios airgiod an luchd-mhalairt agus leag e na buird. Us thuirt e riusan a bha reic chalaman: Thugaibh iad sin á so, ʼs na dianaibh tigh mʼ Athar ʼna thigh marsantachd. An sin chuimhnich a dheisciopuil gun robh e sgriobhte: Dhʼith eud do thighe suas mi. Uime sin fhreagair na h-Iudhaich, us thuirt iad ris: Ciod an comharradh a dhʼ fhiachas tu dhuinn, a thaobh gu bheil thu dianamh nan nichean so? Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Leagaibh an teampull so, agus togaidh mi suais e an tri latha. An sin thuirt na h-Iudhaich: Dà-fhichead bliadhna ʼsa sia bhathas a togail an teampuill so, agus an cuir thusa suas e an tri latha? Ach bha esan a labhairt mu theampull a chuirp. Air an aobhar sin nuair dhʼeirich e bho na mairbh, chuimhnich a dheisciopuil gun tuirt e so, agus chreid iad an sgriobtur, agus am facal a thuirt Iosa. A nis, nuair a bha e ann an Ierusalem aig a chàisg, air latha na feille, chreid moran ʼna ainm, ʼs iad a faicinn nam miarailtean a bha e dianamh. Ach cha dʼ earb Iosa e fhein riu: a thaobh gum bʼ aithne dha daoine uile, ʼSa thaobh nach robh feum aige gun tugadh neach air bith teisteanas air duine: oir bʼ aithne dha fhein ciod a bha anns an duine. Agus bha duine ann dhe na Phairisich, dha ʼm bʼ ainm Nicodemus, a bha ʼna riaghladair air na h-Iudhaich. Thainig an duine so gu Iosa san oidhche, us thuirt e ris: A Rabbi, is aithne dhuinn gun tainig thu na dʼ fhear-teagaisg bho Dhia: oir cha n-eil e an comas duine air bith na miarailtean sin a dhianamh, a tha thusa dianamh, mur biodh Dia maille ris. Fhreagair Iosa, us thuirt e ris: Amen, amen, tha mi g-radh riut: mur bi duine air a bhreith a rithist, cha n-urrainn e rioghachd Dhe fhaicinn. Thuirt Nicodemus ris: Ciamar is urrainn do dhuine a bhith air a bhreith, nuair a tha e sean? an urrainn e dol a stigh a rithist am broinn a mhathar, ʼsa bhith air ath-bhreith? Fhreagair Iosa: Amen, amen, tha mi g-radh riut: mur bi duine air a bhreith a rithist le uisge ʼs leis an Spiorad Naomh, cha n-urrainn e dol a stigh do rioghachd Dhe. Is feoil na rugadh bho fheoil; agus is spiorad na rugadh bho spiorad. Na gabh iongantas, gun tuirt mi riut: Feumaidh sibh a bhith air ur breith as ùr. Tha an spiorad a seideadh far an aill leis; ʼs tha thu a cluinntinn a ghuth, ach cha n-aithne dhut co as a tha e tighinn, no ceana tha e dol: is amhuil a tha h-uile h-aon a rugadh leis an spiorad. Fhreagair Nicodemus, us thuirt e ris: Ciamar a dhʼ fhaodas iad sin a bhith? Fhreagair Iosa, us thuirt e ris: A bheil thusa na dʼ mhaighistir ann an Israel, ʼs tu aineolach air na nichean so? Gu firinneach firinneach tha mi g-radh riut gum beil sinn a labhairt an ni is aithne dhuinn, ʼsa toirt fianuis air an ni a chunnaic sinn, ʼs cha n-eil sibhse gabhail ri ar fianuis. Ma labhair mi nichean talmhaidh ribh, ʼs nach eil sibh a creidsinn: ciamar a chreideas sibh, ma their mi ribh nichean neamhaidh? Agus cha deach duine air bith suas do fhlathanas, ach esan a thainig a nuas bho neamh, Mac an duine a tha air neamh. Agus mar a thog Maois an nathair suas san fhasach, is amhuil a dhʼfheumas Mac an duine a bhith air a thogail suas; Los nach teid neach sam bith, a tha creidsinn ann, a dhith, ach gum bi a bheatha shiorruidh aige. Oir thug Dia leithid de ghaol do ʼn t-saoghal, gun tug e ʼaonaghin Mic seachad; chum nach teid a h-aon air bith, a tha creidsinn ann, a dhith, ach gum bi a bheatha shiorruidh aige. Oir cha do chuir Dia a Mhac thun an t-saoghail gus an saoghal a dhiteadh, ach gus an saoghal a bhith air a shabhaladh leis. Esan a chreideas ann, cha dhitear e: ach esan nach creid, tha e cheana air a dhiteadh: a chionn nach eil e creidsinn ann an ainm aonghin Mhic Dhe. Agus se so an diteadh: a chionn gun tainig an solus thun an t-saoghail, ʼs gum bu docha le daoine an dorchadas na ʼn solus: oir bha an gniomhran olc. Oir tha grain aig gach neach, a tha dianamh an uilc, air an t-solus, ʼs cha n-eil e tighinn a dhʼionnsuidh an t-soluis, gus nach cronaichear ʼoibrichean: Ach am fear a ni an fhirinn, thig e thun an t-soluis, gus oibrichean a bhith air am foillseachadh: a chionn gur h-ann an Dia a rinneadh iad. ʼNan deigh sin thainig Iosa agus a dheisciopuil gu talamh Iudéa; us rinn e comhnuidh an sin maille riu, agus bha e a baisteadh. ʼS bha Eoin cuideachd a baisteadh ann an Ennon lamh ri Salim: a chionn ʼs gun robh moran uisge an sin, us thainig iad, agus bhaisteadh iad. Oir cha do thilgeadh Eoin fhathast am priosan. ʼS dhʼeirich ceisd eadar cuid de dheisciopuil Eoin agus na h-Iudhaich mu dheidhinn glanaidh. Agus thainig iad gu Eoin, us thuirt iad ris: A Rabbi, seall, tha esan, a bha comhla riut air taobh thall Iordain, ʼs air an tug thu fianuis, a baisteadh, agus tha daoine uile a tighinn ga ionnsuidh. Fhreagair Eoin, us thuirt e: Cha n-urrainn do dhuine ni air bith ghlacadh, mur toirear dha e bho neamh. Tha sibhse fhein a togail fianuis dhomh, gun tuirt mi: Cha mhi Criosta, ach gun deach mo chur roimhe. Is esan fear na bainnse aig a bheil bean na bainnse: ach tha caraid fear na bainnse, a tha ʼna sheasamh ʼs ga eisdeachd, a gabhail toil-inntinn le aighear á guth fear na bainnse. Mar sin tha mo thoil-inntinn-sa air a coimhlionadh. Is fheudar dhasan miadachadh, agus dhomhsa laghdachadh. Tha esan, a thʼ air tighinn as na h-ardaibh, fos cionn gach uile. Esan a tha bho ʼn talamh, tha e dhe ʼn talamh, ʼs dhe ʼn talamh tha a labhairt. Esan a tha bho neamh, tha e fos cionn nan uile. ʼS air an ni, a chunnaic ʼsa chual e, tha e toirt fianuis: ʼs cha n-eil duine a gabhail ri fhianuis. Esan a ghabh fhianuis, chuir e sheul ris gum beil Dia firinneach. Oir tha esan, a chuir Dia, a labhairt briathran Dhe: oir cha tug Dia seachad a spiorad le tomhas. Tha gaol aig an Athair air a Mhac; agus chuir e a h-uile ni ʼna laimh. Tha bheatha shiorruidh aige-san, a tha creidsinn sa Mhac: ach esan nach eil a creidsinn sa Mhac, cha n-fhaic e beatha, ach tha fearg Dhe a laidhe air. Nuair, a thuig Iosa ma ta, gun cuala na Phairisich gun robh Iosa a dianamh tuille dheisciopul, ʼsa baisteadh tuille na Eoin, (Ged nach bʼ e Iosa fhein a bha baisteadh, ach a dheisciopuil,) Dhʼfhag e Iudéa, agus chaidh e rithist do Ghalile. Us bʼ fheudar dha dol tromh Shamaria. Thainig e uime sin gu baile de Shamaria, ris an abrar Sichar, lamh ris an fhearann, a thug Iacob dha mhac Ioseph. A nis bha tobar Iacoib an sin. Shuidh Iosa ma ta, ʼs e sgith le thurus, mar so fos cionn an tobair. Bha e mun cuairt do ʼn t-siathamh uair. Thainig boirionnach á Samaria a tharruinn uisge. Thuirt Iosa rithe: Thoir dhomh deoch. (Oir bha a dheisciopuil air dol a stigh do ʼn bhaile a cheannach bìdh.) An sin thuirt a bhan-Shamaritanach sin ris: Cia-mar a tha thusa, ʼs gur Iudhach thu, a g-iarraidh deoch ormsa, ʼs mi namʼ bhan-Shamaritanaich? Oir cha n-eil comunn aig na h-Iudhaich ris na Samaritanaich. Fhreagair Iosa, us thuirt e rithe: Nam bʼ aithne dhut gibht Dhe, agus co e a tha g-radh riut: Thoir dhomh deoch, theagamh gun iarradh tu air, ʼs bheireadh e dhut uisge beo. Thuirt am boirionnach ris: A Thighearna, cha n-eil saghach agad leis an tarruinn thu, ʼs tha an tobar domhain: co as ma ta a tha uisge beo agad? Am mua thusa na ar n-athair Iacob, a thug an tobar dhuinn, ʼsa dhʼ ol as e fhein, ʼsa chlann, ʼsa spreidh? Fhreagair Iosa, us thuirt e rithe: Co sa bith a dhʼolas dhe ʼn uisge so, bithidh pathadh air a rithisd: ach an neach a dhʼ olas dhe ʼn uisge a bheir mise dha, cha bhi pathadh air am feasd. Ach cinnidh an t-uisge, a bheir mise dha, ʼna thobar uisge ann, a struthadh gu beatha shiorruidh. Thuirt am boirionnach ris: A Thighearna, thoir dhomh an t-uisge so, gus nach bi pathadh orm, ʼs nach tig mi ʼn so a tharruinn. Thuirt Iosa rithe: Falbh, gairm an duine agad, ʼs thig an so. Fhreagair am boirionnach, us thuirt i: Cha n-eil fear agam. Thuirt Iosa rithe: Is math a labhair thu, cha n-eil fear agam: Oir bha coignear fhear agad, ʼs am fear a thʼ agad an drasda, cha n-e tʼ fhear e: is fior a thuirt thu so. Thuirt am boirionnach ris: A Thighearna, tha mi faicinn gur faidh thu. Bha ar n-aithrichean a toirt aoraidh air a bheinn so, ʼs tha sibhse a g-radh gur ann an Ierusalem tha an t-aite far an còir aoradh a thoirt. Thuirt Iosa rithe: A bhoirionnaich, creid mise gum beil an uair a tighinn anns nach toir sibh air a bheinn so, no ann an Ierusalem, aoradh do ʼn Athair. Tha sibhse toirt aoraidh do ʼn ni nach aithne dhuibh: tha sinne toirt aoraidh do ʼn ni is aithne dhuinn: oir ʼsann bho na h-Iudhaich a tha sabhaladh. Oir tha ʼn uair a tighinn, ʼs tha i nis ann, anns an toir am fior luchd-aoraidh aoradh do ʼn Athair ann an spiorad ʼs am firinn. Oir ʼsiad an leithidean sin, a tha an t-Athair a sireadh gu aoradh a thoirt da. Tha Dia ʼna spiorad; agus feumaidh iadsan, a tha toirt aoraidh dha, aoradh a thoirt da an spiorad ʼs am firinn. Thuirt am boirionnach ris: Tha fios agam gum beil am Messias a tighinn (ris an abrar Criosta): air an aobhar sin nuair a thig esan, innsidh e h-uile ni dhuinn. Thuirt Iosa rithe: Is mise e, a tha labhairt riut. Agus thainig a dheisciopuil sa cheart uair: ʼs bha iongantas orra gun robh e a bruidhinn ris a bhoirionnach. Ach cha tuirt duine: Ciod a tha thu sireadh, no, car-son a tha thu bruidhinn rithe? Uime sin dhʼfhag am boirionnach a saghach uisge, agus dhʼfhalbh i do ʼn bhaile, us thuirt i ris na daoine sin: Thigibh, agus faicibh duine a dhʼinnis dhomh gach uile ni a rinn mi: Nach esan an Criosta? Le sin chaidh iad a mach as a bhaile, agus thainig iad ga ionnsuidh. ʼS an àm sin ghuidh na deisciopuil air, a g-radh: A Rabbi, ith. Ach thuirt esan riu: Tha biadh agamsa ri itheadh nach aithne dhuibh. Uime so bha na deisciopuil a g-radh ri cheile: An tug duine air bith dad ga ionnsuidh gus ithe? Thuirt Iosa riu: Se mo bhiadhsa a thoil-san a dhianamh a chuir mi, gus mi obairsan a choimhlionadh. Nach eil sibhse a g-radh gum beil fhathast ceithir miosan ann, ʼs an sin gun tig am faghar? Seall, tha mi g-radh ribh: togaibh ur suilean, us faicibh na h-achannan, gum beil iad mar-tha geal air son an fhaghair. Agus am fear a bhuaineas, gheobh e tuarasdal, agus cuiridh e toradh cruinn air son na beatha siorruidh; los gun dian am fear-cuir agus am buanaiche aoibhneas le cheile. Agus le so tha am facal fior: gum beil aon fhear a cur, ʼs fear eile a buain. Chuir mise sibhse a bhuain an ni nach do threabh sibh: threabh feadhainn eile, agus chaidh sibhse a stigh ʼnan saothair. A nis chreid moran Shamaritanach dhe ʼn bhaile ud ann, air facal a bhoirionnaich, a togail fianuis: Gun dʼinnis e dhomh gach uile ni a rinn mi. Air chor ʼs, nuair thainig na Samaritanaich ga ionnsuidh, gun do ghrios iad air fuireach an sin. Us dhʼ fhuirich e an sin dà latha. Agus chreid moran tuille ann as leth fhacail fhein. Us thuirt iad ris a bhoirionnach: Tha sinn a creidsinn a nis cha n-ann as leth do chainntse: oir chuala sinn fhein e, agus is aithne dhuinn gu fior gur e so Slanair an t-saoghail. ʼS an deigh dà latha thriall e á sin; us chaidh e do Ghalile. Oir thug Iosa fhein teisteanas, nach eil onair aig faidh ʼna dhuthaich fhein. Agus an deigh dha tighinn do Ghalile, ghabh na Galiléanaich ris, a chionn gum faca iad na nichean uile a rinn e ann an Ierusalem air latha na feille: oir bha iad fhein air tighinn thun na feille. Thainig e ma ta rithist do Chana Ghalile, far na thionndaidh e uisge gu fion. Agus bha riaghladair araid ann aig an robh a mhac tinn an Capharnaum. Nuair chual esan gun robh Iosa air tighinn bho Iudéa do Ghalile, chaidh e ga ionnsuidh, agus ghuidh e air gun rachadh e sios agus a mhac a leigheas: oir bha e ri uchd bàis. Uime sin thuirt Iosa ris: Mur faic sibh comharran agus miarailtean, cha chreid sibh. Thuirt an riaghladair ris: A Thighearna, thig sios mu ʼm faigh mo mhac bàs. Thuirt Iosa ris: Bi falbh, tha do mhac beo. Chreid an duine am facal a thuirt Iosa ris, us dhʼfhalbh e. ʼS nuair a bha e tearnadh, choinnich a sheirbhisich e, ʼs thug iad brath dha a g-innse gun robh a mhac beo. An sin dhʼfharraid e dhiu an uair anns an deach e am feobhas. Us thuirt iad ris: Mu sheachd uairean an dé dhʼfhag an teasach e. Uime sin dhʼaithnich an t-athair, gum bʼ i sin a cheart uair anns an tuirt Iosa ris: Tha do mhac beo; us chreid e fhein, ʼsa thigh uile. Se so rithist an darna miarailt a rinn Iosa, an deigh dha tighinn bho Iudéa do Ghalile. ʼNan deigh so bha là feill nan Iudhach ann, agus chaidh Iosa suas gu Ierusalem. A nis tha lochan aig Ierusalem, ris an abrar Probatica, ach se ainm san Eabhra Bethsaida, aig a bheil coig sgail-thighean. Bha ʼnan laidhe unnta sin cuideachda mhor de shluagh tinn, dall, bacach, seargte, a feitheamh ri gluasad an uisge. Oir air àman sonraichte theirinn aingeal an Tighearna do ʼn lochan; us ghluaiseadh an t-uisge. ʼSa chiad fhear a rachadh sios do ʼn lochan an deigh gluasad an uisge, leighiseadh e bho ghalar sam bith a bhiodh air. Agus bha duine araid an sin, a bha ochd bliadhnʼ-diag thar fhichead fo aiceid. Nuair chunnaic Iosa esan ʼna laidhe, us fios aige gun robh e nis fada dhʼ uine san staid sin, thuirt e ris: An aill leat a bhith air do leigheas? Fhreagair an duine euslainteach e: A Thighearna, cha n-eil duine agam, a chuireas san lochan mi, nuair a ghluaisear an t-uisge: oir nuair a tha mise a tighinn, tha neach eile a tearnadh romham. Thuirt Iosa ris: Eirich, tog do leaba, agus siubhail. Us ghrad-leighiseadh an duine; us thog e a leaba, agus shiubhail e. ʼS bʼ e latha na sàbaid a bhʼann. Uime sin bha na h-Iudhaich a g-radh ris-san a chaidh a leigheas: Se an t-sàbaid a thʼann, cha n-eil e ceadaichte dhut do leaba iomrachadh. Fhreagair e iad: Thuirt esan, a shlanaich mi, rium: Tog do leaba, agus siubhail. Uime sin dhʼfhaighnich iad ris: Co e an duine sin a thuirt riut: Tog do leaba, agus siubhail? Ach cha bʼaithne dhasan, a chaidh a leigheas, co bhʼ ann. Oir chaidh Iosa a lethtaobh bho ʼn t-sluagh a bha cruinn san aite. An deigh sin fhuair Iosa e san teampull, us thuirt e ris: Seall, tha thu air do leigheas: na peacaich á so suas, eagal rudeigin nas miosa eirigh dhut. Dhʼfhalbh an duine, us dhʼinnis e do na h-Iudhaich, gum bʼ e Iosa a shlanaich e. Air son so rinn na h-Iudhaich geur-leanmhuinn air Iosa: a chionn gun robh e dianamh nan nichean so air an t-sàbaid. Ach fhreagair Iosa iad: Tha mʼ Athair a g-oibreachadh gus a nis, ʼs tha mise g-oibreachadh. ʼSann as leth sin bu mhua deidh nan Iudhach air a mharbhadh: a chionn cha n-e mhain gun robh e bristeadh na sàbaid, ach cuideachd gun robh e cantuinn Dia ri ʼAthair, ga dhianamh fhein co-ionann ri Dia. An sin fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Amen, amen tha mi g-radh ribh: cha n-urrainn do ʼn Mhac ni dhianamh bhuaithe fhein, ach na chi e an t-Athair a dianamh: oir ge bʼ iad na nichean a ni esan, iad sin ni am Mac mar an ciadna. Oir tha gaol aig an Athair air a Mhac, ʼs tha e fiachuinn dha gach ni a tha e fhein a dianamh; agus fiachaidh e gniomhran nas mua na iad so dha, air chor ʼs gun gabh sibh ioghnadh. Oir mar a tha an t-Athair a togail suas nam marbh, ʼsa toirt beatha dhaibh: mar an ciadna tha am Mac a toirt beatha dhaibh-san is aill leis. Cha mhua tha an t-Athair a toirt breth air neach air bith: ach thug e h-uile breitheanas do ʼn Mhac; Los gun tugadh daoine uile onair do ʼn Mhac, mar a tha iad a toirt onair do ʼn Athair. Esan nach eil toirt onair do ʼn Mhac, cha n-eil e toirt onair do ʼn Athair, a chuir e. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh gum beil a bheatha shiorruidh aige-san a dhʼeisdeas ri mʼ fhacalsa, ʼsa chreideas annsan a chuir mi, agus cha teid a dhiteadh, ach aisigear e bho bhàs gu beatha. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh gum beil an uair a tighinn, ʼs gum beil i nis ann, anns an cluinn na mairbh guth Mhic Dhe: us bithidh iadsan a chluinneas beo. Oir mar a tha a bheatha aig an Athair ann fhein, mar sin thug e do ʼn Mhac a bheatha a bhith aige ann fhein; ʼS thug e cumhachd dha breitheanas a dhianamh: a chionn gur Mac an duine e. Na gabhaibh iongantas á so, oir tha an uair a tighinn, anns an cluinn iadsan uile, a tha sna h-uaighean, guth Mhic Dhe. Agus theid iadsan, a rinn nichean matha, gu aiseirigh na beatha: ach iadsan, a rinn olc, gu aiseirigh a bhreitheanais. Cha n-urrainn mise ni sa bith dhianamh bhuam fhein. Mar a tha mi cluinntinn, tha mi toirt breth; agus tha mo bhreth ceart: a chionn nach eil mi sireadh mo thoil fhein, ach a thoil-san a chuir mi. Ma tha mi ma ta toirt teisteanais orm fhein, cha n-eil mo theisteanas firinneach. Tha neach eile a toirt teisteanais orm; agus is aithne dhomh gum beil an teisteanas a tha e toirt orm firinneach. Chuir sibh gu Eoin; us thug e teisteanas air an fhirinn. Ach cha n-eil mise a gabhail teisteanais bho dhuine: ach tha mi g-radh nan nichean so gus sibhse a bhith sabhailte. Bʼ esan lochran lasrach agus dealrach. Us bha sibhse deonach car seal air toileachadh a ghabhail ʼna sholus. Ach tha teisteanas agamsa nas mua na teisteanas Eoin. Oir na gniomhran a thug an t-Athair dhomh gus an coimhlionadh, na gniomhran fhein a tha mi dianamh, tha iad a toirt teisteanais orm, guna chuir an t-Athair mi. Agus thug an t-Athair fhein, a chuir mi, teisteanas orm: cha chuala sibh riamh a ghuth, cha mhua chunnaic sibh a dhealbh. Agus cha n-eil fhacal a tamh unnaibh: a chionn esan a chuir e, cha n-eil sibh ga chreidsinn-sa. Rannsaichibh na sgriobtuirean, oir tha sibh an duil gum beil a bheatha mhairionnach agaibh unnta: agus ʼsiad sin a tha toirt teisteanais ormsa: ʼS cha n-aill leibh tighinn h-ugamsa gus a bheatha a bhith agaibh. Cha n-eil mise a gabhail gloire bho dhaoine. Ach is aithne dhomh sibhse, nach eil gaol De agaibh unnaibh. Thainig mise an ainm mʼ Athar, ʼs cha n-eil sibh a gabhail rium: ma thig fear eile ʼna ainm fhein, gabhaidh sibh ris. Ciamar is urrainn sibh creidsinn, sibhse a tha gabhail gloire bho cheile, ʼsa ghloir a tha bho Dhia a mhain, cha n-eil sibh a sireadh? Na saoilibh gun dian mise casaid oirbh ris an Athair, Tha fear ann, a tha dianamh casaid oirbh, Maois, as a bheil sibhse a g-earbsa. Oir nan creideadh sibh Maois, theagamh gun creideadh sibh mise cuideachd: oir sgriobh e mu mʼ dheidhinn-sa. Ach mur creid sibh a sgriobhadh-sa, ciamar a chreideas sibh mo bhriathran-sa? ʼNan deigh so chaidh Iosa thairis air muir Ghalile, si sin muir Thiberiais; Agus lean moran sluaigh e, a chionn ʼs gum faca iad na miarailtean a rinn e orrasan a bha tinn. Uime sin chaidh Iosa suas air beinn: agus shuidh e an sin maille ri dheisciopuil. A nis bha chàisg, là feill nan Iudhach, aig laimh. Nuair ma ta a thog Iosa suas a shuilean, ʼsa chunnaic e anabarr sluaigh air tighinn ga ionnsuidh, thuirt e ri Philip: Co as a cheannaicheas sinn aran, los gun ith iad so? Ach thuirt e so gu diachuinn a chur air: oir bʼ aithne dha fhein ciod a bha e dol a dhianamh. Fhreagair Philip e: Cha n-fhoghainn luach dà chiad peighinn de dhʼ aran dhaibh, gus gach aon a dhʼ fhaighinn beagain. Thuirt a h-aon dhe dheisciopuil, Aindris, brathair Shimoin Pheadair, ris: Tha giullan an so aig a bheil coig builionnan eorna, ʼs dà iasg: ach ciod iad sin am measg na h-uibhir? An sin thuirt Iosa: Thugaibh air na daoine suidhe sios. A nis bha moran feoir san aite. Shuidh ma ta na daoine, an aireamh mu thimchioll choig mile. Agus ghlac Iosa na builionnan; ʼs an deigh dha taing a thoirt, riaraich e orrasan a bha ʼnan suidhe; mar an ciadna de ʼn iasg, a mhiad ʼsa bʼ aill leo. Us nuair bha iad riaraichte, thuirt e ri dheisciopuil: Tionailibh na fuighlichean, a dhʼfhagadh, los nach teid iad a dholaidh. Thrus iad uime sin, agus lion iad dà chliabh dhiag de spruileach nan coig builionnan eorna, a dhʼfhagadh leo-san a dhʼith. Le sin nuair chunnaic na daoine sin a mhiarailt a rinn Iosa, thuirt iad: Gu firinneach se so am faidh a tha gu tighinn thun an t-saoghail. Uime sin nuair a thuig Iosa gun robh iad dol a thighinn gus a spionadh leo gu righ a dhianamh dheth, theich e rithist ʼna aonar do ʼn bheinn. ʼS nuair a thainig an t-anamuch, chaidh a dheisciopuil sios thun na mara. ʼSa dol air bord saghach, chaidh iad thar a mhuir do Chapharnaum; agus bha e nis dorcha; ʼs cha robh Iosa air tighinn gan ionnsuidh. Us dhʼ at a mhuir suas le gaoith mhoir a sheid. Nuair ma ta bha iad air iomradh mun cuairt de choig stàdan fichead, no deich thar fhichead, chunnaic iad Iosa a coiseachd air a mhuir, ʼsa tarruinn teann air an t-saghach, agus ghabh iad eagal. Us thuirt e riu: Is mise a thʼann, na gabhaibh eagal. Le sin bha toil aca a ghabhail a stigh do ʼn t-saghach; ʼs air ball bha an saghach aig an tir gus an robh iad a dol. Air an là ʼr na mhaireach chunnaic an sluagh a sheas air taobh eile na mara, nach robh saghach sam bith eile an sin ach an t-aon fhear, ʼs nach robh Iosa air dol air bord comhla ri dheisciopuil, ach gun deachaidh a dheisciopuil air falbh leo fhein: Ach thainig saghaichean eile bho Thiberias, teann air an aite anns na dhʼith iad aran, an deigh do ʼn Tighearna taing a thoirt. Nuair ma ta chunnaic an sluagh nach robh Iosa an sin, no dheisciopuil, ghabh iad saghaichean, ʼs thainig iad gu Capharnaum, a sireadh Iosa. ʼS nuair a fhuair iad e air taobh eile na mara, thuirt iad ris: A Rabbi, cuin a thainig thu an so? Fhreagair Iosa, us thuirt e: Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: tha sibh gam shireadh, cha n-ann air son gum faca sibh na miarailtean, ach air son gun dʼ ith sibh de na builionnan, ʼs gun dʼ fhuair sibh ur sàsachadh. Na saothraichibh air son an tiochd-an-tir a theid a dhith, ach air son an tiochd-an-tir a mhaireas gus a bheatha shiorruidh, a bheir Mac an duine dhuibh. Oir esan sheul Dia an t-Athair. Uime sin thuirt iad ris: Ciod a ni sinn, los gun oibrich sinn obair Dhe? Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Si so obair Dhe, sibh a chreidsinn annsan a chuir e. Air an aobhar sin thuirt iad ris: Ciod an comharradh ma ta a ni thu, chum gum faic sinn, ʼs gun creid sinn thu? Ciod a tha thu g-oibreachadh? Dhʼith ar n-aithrichean manna anns an fhasach, mar a tha sgriobhte: Thug e aran dhaibh bho neamh gus ithe. An sin thuirt Iosa riu: Gu fior fior tha mi g-radh ribh: Cha tug Maois dhuibh aran bho neamh, ach tha mʼ Athair toirt dhuibh an fhior arain bho neamh. Oir se sin aran De a tha tighinn a nuas bho neamh, ʼsa tha toirt beatha do ʼn t-saoghal. Uime sin thuirt iad ris: A Thighearna, thoir an t-aran so dhuinn an comhnuidh. Us thuirt Iosa riu: Is mise aran na beatha: an neach a thig gam ionnsuidhse, cha bhi acras air; ʼsan neach a chreideas unnamsa, cha bhi pathadh air a chaoidh. Ach thuirt mi ribh, gum faca sibhse cuideachd mi, ʼs cha n-eil sibh a creidsinn. Thig gach aon a bheir an t-Athair dhomh gam ionnsuidh; ʼs an neach a thig gam ionnsuidh, cha thilg mi mach: Oir thainig mi nuas bho neamh, cha n-ann gus mo thoil fhein a dhianamh, ach a thoil-san a chuir mi. A nis si so toil an Athar a chuir mi, nach caillinn gin dhiusan uile, a thug e dhomh, ach gun togainn suas e rithist air an latha dheireannach. Ach si so toil mʼAthar a chuir mi, gum bi a bheatha shiorruidh aig gach aon a chi am Mac, ʼsa chreideas ann, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach. Uime sin rinn na h-Iudhaich monmhur uime, chionn gun tuirt e: Is mise an t-aran beo a thainig a nuas bho neamh. Agus thuirt iad: Nach e so Iosa mac Ioseiph, aig a bheil athair agus mathair a ʼs aithne dhuinn? Ciamar ma ta their esan: Thainig mi nuas bho neamh? Uime sin fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Na bithibh ri monmhur ʼnur measg fhein. Cha n-urrainn do dhuine sam bith tighinn gam ionnsuidhse, mur tarruinn an t-Athair, a chuir mi, e; agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach. Tha e sgriobhte sna faidhean: Bithidh iad uile air an teagasg le Dia. Tha gach aon, a chuala bho ʼn Athair, ʼsa dhʼfhaghluim, a tighinn h-ugamsa. Cha n-e gum faca neach: air bith an t-Athair, ach esan a tha bho Dhia, chunnaic esan an t-Athair. Gu firinneach firinneach tha mi a g-radh ribh: Esan a tha creidsinn unnamsa, tha bheatha shiorruidh aige. Is mise aran na beatha. Dhʼith ur n-aithrichean manna san fhasach, agus fhuair iad bàs. Se so an t-aran a tha tighinn a nuas bho neamh; los, ma dhʼitheas neach air bith dheth, nach fhaigh e bàs. Is mise an t-aran beo, a thainig a nuas bho neamh. Ma dhʼitheas neach air bith dhe ʼn aran so, bithidh e beo gu siorruidh; ʼs an t-aran a bheir mise seachad, se mʼ fheoil e air son beatha an t-saoghail. Air son so bha na h-Iudhaich a consachadh ri cheile, a g-radh: Ciamar is urrainn do ʼn duine so fheoil a thoirt dhuinn gus a h-ithe? An sin thuirt Iosa riu: Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: mur ith sibh feoil Mhic an duine, ʼs mur ol sibh fhuil, cha bhi bheatha agaibh unnaibh. An neach a dhʼitheas mʼ fheoil, ʼsa dhʼolas mʼ fhuil, tha bheatha shiorruidh aige; us togaidh mi suas e air an latha dheireannach. Oir is biadh firinneach mʼ fheoil; agus is deoch fhirinneach mʼ fhuil. An neach a dhʼitheas mʼ fheoil, ʼsa dhʼolas mʼ fhuil, gabhaidh e comhnuidh unnamsa, agus mise annsan. Mar a chuir an t-Athair beo mise, ʼsa tha mise beo tromh mʼ Athair: mar sin an neach a dhʼitheas mise, bithidh e beo tromham-sa. Se so an t-aran a thainig a nuas bho neamh. Cha n-ann mar a dhʼith ur n-aithrichean manna, ʼsa fhuair iad bàs. An neach a dhʼitheas an t-aran so, bithidh e beo gu siorruidh. Iad so labhair e, ʼs e teagasg anns an t-sinagog an Capharnaum. Uime sin thuirt moran dhe dheisciopuil, ʼs iad a cluinntinn so: Is cruaidh am facal so, co is urrainn eisdeachd ris? Ach Iosa a tuigsinn ann fhein, gun robh a dheisciopuil ri monmhur mu so, thuirt e riu: Am beil sibh a gabhail sgainneil á so? Ciod ma ta ma chi sibh Mac an duine a dol suas far an robh e roimhe? Se an Spiorad a tha beothachadh: cha n-eil buannachd sam bith san fheoil. Na briathran a labhair mi ribh, is spiorad agus beatha iad. Ach tha cuid dhibh nach eil a creidsinn. Oir bha fios aig Iosa bho thoiseach co bʼ iad nach robh a creidsinn, agus co am fear a bhrathadh e. Us thuirt e: ʼSann as leth sin a thuirt mi ribh nach urrainn do neach air bith tighinn h-ugamsa, mur toirear dha e le mʼ Athair. An deigh so chaidh moran dhe dheisciopuil air an ais; ʼs cha dʼimich iad tuille comhla ris. An sin thuirt Iosa ris na dhà-dhiag: An aill leibhse falbh cuideachd? Agus fhreagair Simon Peadar e: A Thighearna, co dhʼionnsuidh an teid sinn? Tha briathran na beatha siorruidh agad. Agus chreid sinne, agus ʼs aithne dhuinn gur tu Criosta Mac Dhe. Fhreagair Iosa iad: Nach do thagh mise sibh a dhà-dhiag? agus tha h-aon agaibh ʼna dheomhan. Ach labhair e mu Iudas Iscariot, mac Shimoin: oir bʼesan a bha gus a bhrath, ʼs gum bu h-aon de na dhà-dhiag e. Agus ʼnan deigh so bha Iosa a g-imeachd feadh Ghalile: oir cha robh toil aige imeachd feadh Iudéa: a thaobh gun robh na h-Iudhaich a g-iarraidh a mharbhadh. A nis bha là feill-paillion nan Iudhach aig laimh. Us thuirt a bhraithrean ris: Falbh á so, agus rach gu Iudéa, los gum faic do dheisciopuil cuideachd do ghniomhran a tha thu dianamh. Oir cha dian neach air bith ni an uaigneas, us deidh aig fhein a bhith am follais: ma tha thu dianamh nan nichean so, nochd thu fhein do ʼn t-saoghal. Oir cha robh a bhraithrean fhein a creidsinn ann. An sin thuirt Iosa riu: Cha tainig an t-àm agam-sa fhathast: ach tha an t-àm agaibhse daonnan deas. Cha n-urrainn do ʼn t-saoghal fuath a thoirt dhuibhse: ach tha fuath aig ormsa: chionn gum beil mi togail fianuis air, gum beil a dhianadas olc. Gabhaibhse suas a dhʼ ionnsuidh na feille so, ach cha teid mise suas thun na feille so: chionn nach do choimhlionadh mʼ àmsa fhathast. An deigh dha iad so radh, dhʼ fhan e fhein ann an Galile. Ach an deigh dha bhraithrean dol suas, chaidh e fhein an sin suas thun na feille, cha n-ann gu follaiseach, ach mar gum bʼ ann gu h-uaigneach. Uime sin bha na h-Iudhaich ga shireadh latha na feille, ʼsa g-radh: Càite am beil e? ʼS bha monmhur mor am measg an t-sluaigh mu dheidhinn. Oir bha cuid a g-radh: Tha e ʼna dhuine math. ʼS bha cuid eile g-radh: Cha n-eil, ach tha e a mealladh an t-sluaigh. Ach cha robh duine air bith a labhairt gu follaiseach uime, air eagal nan Iudhach. A nis mu mhiadhon na feille, chaidh Iosa suas doʼn teampull, agus theagaisg e. Agus ghabh na h-Iudhaich ioghnadh, a g-radh: Ciamar is aithne do ʼn duine so litrichean, agus nach dʼ ionnsuich e? Fhreagair Iosa iad, us thuirt e: Cha leam fhein mo theagasg, ach leis-san a chuir mi. Ma ʼs math le duine air bith a thoil-sa dhianamh, bithidh fios aige mu ʼn teagasg, co-dhiu ʼsann bho Dhia a tha e, no gur h-ann bhuam fhein a tha mise labhairt. Esan a labhras bhuaithe fhein, tha e sireadh a ghloire fhein: ach esan a shireas a ghloir-san, a chuir e, tha e firinneach, ʼs cha n-eil eucoir sa bith ann. Nach tug Maois dhuibh an lagh? ʼs cha n-eil a h-aon agaibh a cumail an lagha. Car-son tha sibh a sireadh mise mharbhadh? Fhreagair an sluagh, us thuirt iad: Tha deomhan agad: co tha sireadh do mharbhadh? Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Aon obair rinn mi, agus tha sibh uile a gabhail iongantais. A rithist thug Maois dhuibh an timchioll-ghearradh (cha n-ann chionn gum beil e bho Mhaois, ach bho na h-aithrichean); us air an t-sàbaid timchioll-ghearraidh sibh duine. Ma tha duine a gabhail an timchioll-ghearraidh air latha na sàbaid, gus nach bristear lagh Mhaois: am beil fearg agaibh riumsa, a chionn gun do leighis mi duine gu h-iomlan air latha na sàbaid? Na tugaibh breth a reir coltais, ach thugaibh breth cheart. Uime sin bha cuid de mhuinntir Ierusalem a g-radh: Nach e so esan a tha iad a g-iarraidh a mharbhadh? Us, fiach, tha e labhairt gu follaiseach, ʼs cha n-eil iad a g-radh ni ris. Am beil na riaghladairean air gabhail ris a cheart rireadh gur e so an Criosta? Ach ʼs aithne dhuinn an duine so, co as a tha e: ach nuair thig Criosta, cha bhith fios aig duine air bith co as a tha e. Air an aobhar sin ghlaodh Iosa anns an teampull, a teagasg ʼsa g-radh: Is aithne dhuibh mi, agus is aithne dhuibh co as a tha mi; ʼs cha tainig mi bhuam fhein, ach tha esan fior, a chuir mi, neach nach aithne dhuibhse. Is aithne dhomhsa e: chionn tha mi bhuaithe, agus is esan a chuir mi. Uime sin dhʼiarr iad a ghlacadh: ʼs cha do chuir duine lamh air: a chionn nach robh uair-sa air tighinn fhathast. Ach chreid moran de ʼn t-sluagh ann, us bha iad a g-radh: Nuair a thig Criosta, an dian e tuille mhiarailtean na iad so, a tha an duine so dianamh? Chuala na Phairisich an sluagh a talach mu na nichean so ga thaobh; agus chuir na riaghladairean ʼs na Phairisich maoir gus a ghlacadh. Uime sin thuirt Iosa riu: Tacan beag fhathast tha mi cuide ribh; an sin tha mi dol ga ionnsuidhse, a chuir mi. Iarraidh sibh mi, ʼs cha n-fhaigh sibh mi: agus far am bi mise, cha n-urrainn duibhse tighinn. Uime sin thuirt na h-Iudhaich ʼnam measg fhein: Càite bheil e gu dol, far nach fhaigh sinn e? Bheil e gu dol thun nan daoine sgapte measg nan cinneach, ʼs na cinnich a theagasg? Ciod e am facal so, a thuirt e: Iarraidh sibh mi, ʼs cha n-fhaigh sibh mi; us far a bheil mise, cha n-urrainn duibhse tighinn? Agus air an latha mhor mu dheireadh de ʼn fheill, sheas Iosa, us dhʼeigh e, a g-radh: Ma tha pathadh air neach sam bith, thigeadh e h-ugamsa, agus oladh e. Esan a chreideas unnamsa, mar tha an sgriobtur a g-radh, as a bhroinn-sa struthaidh aibhnichean de dhʼ uisge beo. A nis thuirt e so mu ʼn spiorad a gheobhadh iadsan, a chreideadh ann: oir cha tugadh an spiorad seachad fhathast: a bhrigh nach robh Iosa fhathast air a ghlorachadh. Uime sin nuair chuala cuid am measg an t-sluaigh sin na briathran so, thuirt iad: Se so a rireadh am faidh. Thuirt cuid eile: Se so Criosta. Ach thuirt roinn eile: An tig Criosta á Galile? Nach eil an sgriobtur a g-radh: Gur ann bho shiol Dhài, ʼs bho bhaile Bhethlehem far an robh Dài, a thig Criosta? Mar sin dhʼeirich easaontas am measg an t-sluaigh as a leth. Agus bha toil aig cuid diubh a ghlacadh: ach cha do chuir duine sa bith lamh air. An sin thainig na maoir thun nan ard-shagart ʼs nam Phairiseach. Agus thuirt iadsan riu: Car-son nach tug sibh leibh e? Fhreagair na maoir: Cha do labhair duine riamh mar an duine so. Fhreagair ma ta na Phairisich iad: A bheil sibhse cuideachd air ur mealladh? Na chreid aon fhear de na riaghladairean ann, no de na Phairisich? Ach an sluagh so dha nach aithne an lagh, tha iad mollaichte. Thuirt Nicodemus riu, esan a thainig ga ionnsuidh trath oidhche, ʼs e fhein ʼna fhear dhiubh: Am beil an lagh againne a toirt breth air duine gun chluinntinn bhuaithe fhein an toiseach, ʼs mu ʼm bi fios ciod a tha e dianamh? Fhreagair iadsan, us thuirt iad ris: An Galiléanach thusa cuideachd? Rannsaich na sgriobtuirean, agus faic nach eirich faidh á Galile. Us thill gach duine gu thigh fhein. Agus thriall Iosa gu sliabh Olibheit. Agus aig bristeadh na fàire thainig e rithist do ʼn teampull, us thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, ʼsa suidhe sios theagaisg e iad. Agus thug na Sgriobhaich ʼs na Phairisich boirionnach ga ionnsuidh, a ghlacadh an adhaltras; ʼs chuir iad sa mhiadhon i, Us thuirt iad ris: A mhaighistir, ghlacadh am boirionnach so an drasda fhein ann an adhaltras. A nis dhʼ àithn Maois oirnn anns an lagh a leithidse a chlachadh. Ach ciod a tha thusa g-radh? Ach thuirt iad so ga fhiachuinn, gus aobhar casaid a bhith aca ʼna aghaidh. Ach Iosa ga chromadh fhein sios, sgriobh e air an làr le mhiar. An sin, bho na lean iad air sior-fharraid dheth, dhirich e e fhein, us thuirt e riu: Am fear a tha gun pheacadh ʼnur measg, tilgeadh e a chiad chlach oirre. Agus ga chromadh fhein sios a rithist, sgriobh e air an làr. Ach air so a chluinntinn, ghabh iad a mach lion fear us fear, a tòiseachadh aig an fheadhainn bu shine; agus dhʼ fhagadh Iosa ʼna aonar, ʼs am boirionnach ʼna seasamh sa mhiadhon. An sin ga thogail fhein suas, thuirt Iosa rithe: A bhoirionnaich, càite a bheil do luchd-coireachaidh? an do dhit duine sa bith thu? Thuirt ise: Cha do dhit, a Thighearna. Us thuirt Iosa: Cha mhua dhiteas mise thu: falbh, agus a nis na peacaich tuille. An sin labhair Iosa riu rithist, a g-radh: Is mise solus an t-saoghail: esan a leanas mise, cha n-imich e an dorchadas, ach bithidh solus na beatha aige. Uime sin thuirt na Phairisich ris: Tha thu toirt teisteanais ort fhein: cha n-eil do theisteanas firinneach. Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Ged a tha mi toirt teisteanais orm fhein, tha mo theisteanas firinneach: oir is aithne dhomh co as a thainig mi, us càite a bheil mi dol: ach cha n-aithne dhuibhse co as a thainig mi, no càite a bheil mi dol. Tha sibhse a toirt breth a reir na feola: cha n-eil mise a toirt breth air duine sam bith. Agus ma bheir mi breth, tha mo bhreth firinneach: a chionn nach eil mi am aonar, ach mise agus an t-Athair a chuir mi. Agus ʼnur lagh fhein tha e sgriobhte, gum beil teisteanas dithis dhaoine firinneach. Is aon mise a tha toirt teisteanais orm fhein, agus tha an t-Athair a chuir mi a toirt teisteanais orm. Air an aobhar sin thuirt iad ris: Càit a bheil tʼ Athair? Fhreagair Iosa: Cha n-aithne dhuibh aon chuid mise, no mʼ Athair: nam bʼ aithne dhuibh mise, theagamh gu ʼn aithneadh sibh mʼ Athair cuideachd. Labhair Iosa na briathran so ann an aite tasgadh an ionmhais, ʼs e teagasg san teampull; ʼs cha do chuir duine air bith lamh air: a chionn nach robh uair-sa air tighinn fhathast. An sin ma ta thuirt Iosa riu rithist: Tha mise a falbh, agus iarraidh sibh mi, agua gheobh sibh bàs ʼnur peacadh. Far am beil mise a dol, cha n-urrainn duibhse tighinn. As leth sin thuirt na h-Iudhaich: Am marbh e e fhein, chionn gun tuirt e: Far am beil mise a dol, cha n-urrainn duibhse tighinn? Us thuirt e riu: Tha sibhse bho shios, tha mise bho shuas. Tha sibhse dhe ʼn t-saoghal so, cha n-eil mise dhe ʼn t-saoghal so. Air an aobhar sin thuirt mi ribh gum faigh sibh bàs ʼnur peacannan: oir mur creid sibh gur mise e, gheobh sibh bàs ʼnur peacadh. As leth sin thuirt iad ris: Co thusa? Thuirt Iosa riu: Is mi an Toiseach, mise fhein a tha labhairt ribh. Tha moran agam ri gh-radh mu ʼr deidhinn, ʼs ri bhreithneachadh: ach tha esan, a chuir mi, firinneach; agus tha mise labhairt san t-saoghal na chuala mi bhuaithsan. Us cha do thuig iad gun tuirt e, gum bʼ e Dia Athair. Uime sin thuirt Iosa riu: Nuair a thogas sibh suas Mac an duine, an sin bithidh fios agaibh gur mise e, ʼs nach eil mi dianamh ni bhuam fhein, ach mar a theagaisgan t-Athair mi, iad sin tha mi labhairt: Agus tha esan, a chuir mi, maille rium, ʼs cha dʼ fhag e leam fhein mi: oir tha mi daonnan a dianamh na tha taitneach leis. Nuair a labhair e na nichean so, chreid moran ann. An sin thuirt Iosa ris na h-Iudhaich a chreid ann: Ma sheasas sibh na mʼ fhacalsa, bithidh sibh gu fior ʼnur deisciopuil agamsa; Us aithnidh sibh an fhirinn, agus saoraidh an fhirinn sibh. Fhreagair iad e: Is sinne siol Abrahaim, ʼs cha robh sinn riamh ʼnar traillean do dhuine air bith: ciamar tha thusa cantuinn: Bithidh sibh saor? Fhreagair Iosa iad: Gu dearbh dearbh tha mi g-radh ribh, gach aon a ni peacadh, gur traill e doʼn pheacadh. A nis cha n-fhan an traill gu bràth san tigh: ach fuiridh am mac gu bràth. Uime sin ma shaoras am mac sibh, bithidh sibh saor a rireadh. Is aithne dhomh gur sibh clann Abrahaim: ach tha sibh a sireadh mise a mharbhadh: a chionn ʼs nach eil aite aig mʼ fhacal unnaibh. Tha mise a labhairt an ni a chunnaic mi aig mʼ Athair; ʼs tha sibhse a dianamh na chunnaic sibh aig ur n-athair fhein. Fhreagair iad, us thuirt iad ris: Se Abraham ar n-athair. Thuirt Iosa riu: Ma ʼs sibh clann Abrahaim, dianaibh oibrichean Abrahaim. Ach a nis tha sibh a sireadh mise a mharbhadh, duine a dhʼinnis an fhirinn dhuibh, a chuala mi bho; Dhia: cha dʼ rinn Abraham so. Tha sibhse dianamh oibrichean ur n-athar fhein. Uime sin thuirt iad ris: Cha dʼ rugadh sinn an diolanas: tha aon athair againn, Dia. As leth sin thuirt Iosa riu: Nam bʼ e Dia ur n-athair, bheireadh sibh gu cinnteach gaol domhsa: oir ʼsann bho Dhia a tha mi, ʼsa thainig mi: cha n-ann bhuam fhein a thainig mi, ach chuir esan mi. Car-son nach eil sibh a g-aithneachadh mo bhruidhinn? Se nach urrainn duibh mʼ fhacal eisdeachd. ʼSann bho ʼn deomhan ur n-athair a tha sibhse: agus iarratas ur n-athar ʼs aill leibh a dhianamh: bha esan ʼna mhurtair bho thoiseach, ʼs cha do sheas e san fhirinn: a chionn ʼs nach eil an fhirinn ann: nuair labhras e briag, tha e labhairt bhuaithe fhein: chionn gur briagadair e, agus athair nam briag. Ach ma their mise an fhirinn, cha chreid sibh mi. Co agaibhse a chuireas peacadh as mo leth? ma ʼs i an fhirinn tha mi labhairt ribh, car-son nach eil sibh gam chreidsinn? Esan a tha bho Dhia, eisdidh e ri facail De. Uime sin cha n-eil sibhse gan eisdeachd: a chionn nach ann bho Dhia sibh: As leth sin fhreagair na h-Iudhaich, us thuirt iad ris: Nach eil sinne a g-radh gu math, gur Samaritanach thu, ʼs gum beil deomhan agad? Fhreagair Iosa: Cha n-eil deomhan agam: ach tha mi toirt onair dha mʼAthair, ʼs thug sibhse as-onair dhomhsa. Ach cha n-eil mi sireadh mo ghloire fhein: tha h-aon ann a tha sireadh ʼsa toirt breth. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: ma chumas neach mʼ fhacalsa, cha n-fhaic e bàs gu bràth. Uime sin thuirt na h-Iudhaich: A nis is aithne dhuinn gum beil deomhan agad. Fhuair Abraham bàs agus na faidhean; ʼs tha thusa g-radh: Ma chumas neach mʼ fhacalsa, nach blais e bàs gu bràth. Am mua thusa na ar n-athair Abraham, a tha marbh? agus tha na faidhean marbh. Co tha thu a dianamh dhiot fhein? Fhreagair Iosa: Ma tha mise toirt gloire dhomh fhein, is neoni mo ghloir: se mʼ Athair a tha toirt gloire dhomh, esan a tha sibhse g-radh gur e ur Dia. Agus cha bʼaithne dhuibh e, ach is aithne dhomhsa e: agus nan, abrainn nach aithne dhomh e, bhithinn coltach ribhse am bhriagadair. Ach is aithne dhomh e, ʼs tha mi cumail fhacail. Rinn ur n-athair Abraham aoibhneas ri mo lathasa fhaicinn: chunnaic e e, ʼs bha e aoibhneach. Uime sin thuirt na h-Iudhaich ris: Cha n-eil thu fhathast lethchiad bliadhna dhʼ aois, ʼs am faca tu Abraham? Thuirt Iosa riu: Gu dearbh dearbh tha mi g-radh ribh: mun robh Abraham ann, tha mise. As leth sin thog iad clachan gus an caitheamh air: ach dhʼ fhalaich Iosa e fhein, ʼs chaidh e mach as an teampull. ʼS nuair a bha Iosa a gabhail seachad, chunnaic e duine a bha dall bho na rugadh e; Us dhʼ fharraid a dheisciopuil dheth, a g-radh: A Mhaighistir, co a pheacaich, an duine so, no pharantan, gun dʼrugadh dall e? Fhreagair Iosa: Cha do pheacaich aon chuid an duine so, no pharantan: ach gus oibrichean De a dhianamh follaiseach ann. Is còir dhomhsa oibrichean-sa oibreachadh, a chuir mi, fhad ʼs is latha e: tha ʼn oidhche tighinn, anns nach urrainn do dhuine air bith oibreachadh. Fhad ʼsa tha mise san t-saoghal, is mi solus an t-saoghail. Nuair thuirt e na nichean so, thilg e smugaid air an talamh, agus rinn e criadh le shile, agus sgaoil e a chriadh air a shuilean, Us thuirt e ris: Falbh, nigh ann an lochan Shiloé (se sin air eadar-theangachadh, Cuirte). Shiubhail e ma ta, us nigh e, agus thainig e a faicinn. Uime sin thuirt na coimhearsnaich, us iadsan a chunnaic e roimhe gun robh e ʼna dhiol-deirce: Nach e so esan, a bha ʼna shuidhe ʼsa g-iarraidh deirce? Bha cuid a g-radh: Se so e. Ach cuid eile: Cha n-e idir, ach fear coltach ris. Ach thuirt e fhein: Is mi e. Uime sin thuirt iad ris: Ciamar a dhʼ fhosgladh do shuilean? Fhreagair e: An duine sin, ris an abrar Iosa, rinn e criadh, agus dhʼung e mo shuilean, ʼs thuirt e rium: Falbh gu lochan Shiloé, agus nigh. Us dhʼ fhalbh mi, nigh mi, ʼs tha mi faicinn. Us thuirt iad ris: Càit am beil e? Ars esan: Cha n-eil fhios agam. Thug iad thun nam Phairiseach am fear a bhʼ air bhith dall. A nis bʼ ann air an t-sàbaid a rinn Iosa criadh, ʼsa dhʼfhosgail e shuilean. An sin dhʼfharraid na Phairisich dheth a rithist ciamar a fhuair e fhradharc. Ach thuirt e riu: Chuir e criadh air mo shuilean, agus nigh mi, ʼs tha mi faicinn. An sin thuirt cuid de na Phairisich: Cha n-eil an duine so bho Dhia, a bhrigh nach eil e cumail na sàbaid. Ach thuirt cuid eile: Ciamar is urrainn do dhuine a tha ʼna pheacach an leithidean so de mhiarailtean a dhianamh? Us bha eas-aontasʼ nam measg. As leth sin thuirt iad as ùr ris an dall: Ciod a tha thusa g-radh mu ʼn fhear a dhʼfhosgail do shuilean? Us thuirt e: Is faidh e. Ach cha do chreid na h-Iudhaich uime gun robh e air a bhith dall, ʼs gun dʼ fhuair e fhradharc, gus na ghairm iad parantan an fhir a fhuair a shealladh; Agus dhʼfhaighnich iad dhiu, a g-radh: An e so ur mac-sa, a tha sibh a g-radh a rugadh dall? Ciamar ma ta a tha e nis a faicinn? Fhreagair a pharantan iad, us thuirt iad: Is aithne dhuinn gur e so ar mac-ne, ʼs gun dʼ rugadh dall e: Ach ciamar a tha e nis a faicinn, cha n-eil fhios againn; no co dhʼ fhosgail a shuilean, cha n-eil fhios againn; ceasnaichibh e fhein: tha aois aige, bruidhneadh e air a shon fhein. Thuirt a pharantan so, a chionn ʼs gun robh eagal nan Iudhach orra: oir bha na h-Iudhaich a cheana air cordadh ʼnam measg fhein, gun tilgte fear air bith, a dhʼaidicheadh gum bʼ esan Criosta, a mach as an t-sinagog. ʼSann air son sin a thuirt a pharantan: Thainig e gu aois, cuiribh a cheisd air fhein. Uime sin ghairm iad a rithist am fear a bha air bhith dall, us thuirt iad ris: Thoir gloir do Dhia. Tha fios againne gum beil an duine so ʼna pheacach. Uime sin thuirt e riu: A thaobh e bhith ʼna pheacach, chan aithne dhomh: aon ni ʼs aithne dhomh, gun robh mi dall, ʼsa nis tha mi faicinn. An sin thuirt iad ris: Ciod a rinn e riut? ciamar a dhʼ fhosgail e do shuilean? Fhreagair e iad: Dhʼ innis mi dhuibh a cheana, us chuala sibh: car-son is math leibh a chluinntinn as ùr? an aill leibhse cuideachd a bhith ʼnur deisciopuil aige? As leth sin chàin iad e, us thuirt iad: Bi-sa na dʼ dheisciopul aige: ach is deisciopuil Mhaois sinne. Tha fios againn gun do labhair Dia ri Maois: ach a thaobh an duine so, cha n-eil fhios againn co as a tha e. Fhreagair an duine, us thuirt e riu: Is fior chuis-ioghnaidh so, nach aithne dhuibh co as a tha e, ʼs gun dʼfhosgail e mo shuilean-sa: Oir is aithne dhuinn nach eisd Dia ri peacaich: ach ma tha duine toirt aoraidh do Dhia, ʼsa dianamh a thoil, ris-san eisdidh Dia. Bho thùs an t-saoghail cha chualas, gun dʼ fhosgail duine air bith suilean neach a rugadh dall. Mur biodh an duine so bho Dhia, cha bʼurrainn da nì dhianamh. Fhreagair iad, us thuirt iad ris: Rugadh thu gu h-iomlan ann am peacannan, ʼs am beil thu ga ʼr teagasg-ne? Agus thilg iad a mach e. Chual Iosa gun do thilg iad a mach e; ʼs air dha fhaighinn, thuirt e ris: Am beil thu creidsinn ann am Mac Dhe? Fhreagair e, us thuirt e: Co e, a Thighearna, chuin gun creid mi ann? Us thuirt Iosa ris: Chunnaic thu e cheana, agus se tha labhairt riut. An sin thuirt esan: Tha mi creidsinn, a Thighearna. ʼSa tuiteam sios, thug e aoradh dha. Us thuirt Iosa: ʼSann chum breitheanais a thainig mise thun an t-saoghail so; los gum faic iadsan nach eil a faicinn, ʼs gum fàs iadsan, a tha faicinn, dall. Agus chuala cuid de na Phairisich, a bha maille ris, so, us thuirt iad ris: Am beil sinne dall cuideachd? Thuirt Iosa riu: Nam biodh sibh dall, cha bhiodh peacadh agaibh; ach a nis tha sibh a g-radh: Is leir dhuinn. Tha ur peacadh a fantuinn. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: esan nach teid a stigh do chrò nan caorach air an dorus, ach a streapas suas rathad eile, is meirleach agus creachadair e. Ach esan a theid a stigh air an dorus, se buachaille nan caorach e. Dhasan fosglaidh an dorsair, agus eisdidh na caoraich ri ghuth, agus gairmidh e chaoraich fhein air an ainm, agus stiuiridh e mach iad. Agus air dha a chaoraich fhein leigeil a mach, theid e rompa, agus leanaidh na caoraich e: a chionn gur aithne dhaibh a ghuth. Ach cha lean iad coigreach, ach teichidh iad bhuaith e: a chionn nach aithne dhaibh guth choigreach. Labhair Iosa an samhladh so riu. Ach cha do thuig iadsan ciod a bha e labhairt riu. Thuirt Iosa ma ta riu a rithist: Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh gur mise dorus nan caorach. Is meirlich agus creachadairean iadsan uile a mhiad ʼsa thainig, ʼs cha dʼ eisd na caoraich riu. Is mise an dorus. Ma theid neach air bith stigh tromhamsa, bithidh e sabhailte: us theid e stigh agus a mach, agus gheobh e ionaltradh. Cha tig am meirleach ach gu goid, ʼs gu marbhadh, ʼs gu sgriosadh. Thainig mise gu beatha a bhith aca, ʼsa bhith aca nas lan phailte. Is mise am buachaill math. Bheir am buachaill math a bheatha air son a chaorach. Ach am fear-tuarasdail, ʼs esan nach e am buachaill, ʼs dha nach buin na caoraich, chi e am madadh-alluidh a tighinn, agus fagaidh e na caoraich, agus teichidh e; agus glacaidh am madadh-alluidh agus sgapaidh e na caoraich: Ach teichidh am fear-tuarasdail, a chionn gur fear-tuarasdail e, ʼs nach eil omhail aige de na caoraich. Is mise am buachaill math: is aithne dhomh mo chaoraich, agus is aithne dha mo chaoraich mi. Mar is aithne dha ʼn Athair mise, mar sin is aithne dhomhsʼ an t-Athair; agus tha mi leigeil sios mo bheatha air son mo chaorach. Agus tha caoraich eile agam, nach eile de ʼn chrò so: iadsan cuideachd feumaidh mi thoirt a stigh; ʼs eisdidh iad ri mo ghuth, agus bithidh aona chrò ann, agus aona bhuachaill. Air an aobhar so tha gaol aig an Athair orm: a chionn ʼs gum beil mi leigeil sios mo bheatha, gus a glacail a rithist. Cha n-eil duine air bith ga toirt bhuam: ach tha mi ga leigeil sios bhuam fhein, agus tha comas agam a leigeil sios; agus tha comas agam a glacail a rithist: an fhainte so fhuair mi bho mʼAthair. Dhʼeirich consachadh a rithist am measg nan Iudhach as leth nam briathran so. Us thuirt moran dhiubh: Tha deomhan aige, ʼs tha an caothach air: car-son a tha sibh ga eisdeachd? Thuirt cuid eile: Cha bhriathran duine aig a bheil deomhan iad so: an urrainn do dheomhan suilean nan dall fhosgladh? Agus bʼ e feill coisrigeadh an teampuill an Ierusalem a bhʼ ann; ʼs bʼ e an geamhradh e. ʼS bha Iosa coiseachd san teampull ann am for-dhorus Sholomoin. Chruinnich na h-Iudhaich ma ta mun cuairt da, ʼs thuirt iad ris: Cia fhad a chumas tu ar n-anmannan an teagamh? Ma ʼs tu Criosta, innis dhuinn gu soilleir. Fhreagair Iosa iad: Tha mi labhairt ribh, ʼs cha n-eil sibh a creidsinn; na gniomhra, na tha mi dianamh an ainm mʼ Athar, tha iadsan a toirt teisteanais orm: Ach cha n-eil sibhse a creidsinn, a chionn ʼs nach ann de mo chaoraich sibh. Tha mo chaoraich-sa g-eisdeachd ri mo ghuth; agus is aithne dhomh iad, ʼs tha iad gam leantuinn; Us tha mi toirt na beatha siorruidh dhaibh; ʼs cha teid iad a chaoidh a dhith, agus cha spion neach air bith as mo laimh iad. Tha na thug mʼ Athair dhomh nas mua na h-uile ni; ʼs cha n-urrainn do neach air bith an spionadh á laimh mʼ Athar. Is aon mise agus an t-Athair. An sin thog na h-Iudhaich clachan gus a chlachadh. Fhreagair Iosa iad: Is iomadh obair mhath a dhʼ fhiach mi dhuibh bho mʼ Athair: co an obair dhiu sin air son am beil sibh gam chlachadh? Fhreagair na h-Iudhaich e: Cha n-eil sinn ga dʼ chlachadh air son deagh ghniomha, ach air son blaisbheum: ʼsa chionn gum beil thusa, a tha na dʼ dhuine, a dianamh Dia dhiot fhein. Fhreagair Iosa iad: Nach eil e sgriobhte ʼnur laghsa: Thuirt Mi, is diathan sibh? Ma thuirt e diathan riusan, ris na labhradh facal Dhe, agus nach fhaodar an sgriobtur a bhristeadh: An abair sibh ris-san, a naomhaich an t-Athair, ʼsa chuir e thun an t-saoghail: Tha thu labhairt blaisbheum: a chionn gun tuirt mi: Is mi Mac Dhe? Mur eil mi dianamh oibrichean mʼ Athar, na creidibh mi. Ach ma tha mi gan dianamh: mur aill leibh mise chreidsinn, creidibh na h-oibrichean, los gun aithnich ʼs gun creid sibh, gum beil an t-Athair unnamsa, agus mise anns an Athair. Uime sin dhʼiarr iad a ghlacadh; us thàr e as an lamhan. Us dhʼ fhalbh e rithist thar Iordain thun an aite sin anns an robh Eoin a baisteadh an toiseach; agus dhʼ fhuirich e an sin. Agus thainig moran ga ionnsuidh, us thuirt iad: Cha dʼ rinn Eoin gu dearbh miarailt air bith. Ach bha gach ni, a thuirt Eoin mu ʼn duine so, fior. Us chreid, moran ann. A nis bha duine araid tinn, air an robh Lasarus, bho Bhethania, bho bhaile Mairi agus Marta, a piuthar. (Agus bʼ i Mairi, a dhʼ ung an Tighearna le ola, ʼsa shuath a chasan le a falt; bʼ e brathair-sa Lasarus, a bha gu tinn.) Uime sin chuir a pheathraichean-sa ga ionnsuidh, a g-radh: A Thighearna, tha esan is toil leat gu tinn. ʼS nuair chuala Iosa so, thuirt e riu: Cha n-eil an tinneas so gu bàs, ach gu gloir Dhe, ʼs gu Mac De a bhith air a ghlorachadh leis. A nis bha gaol aig Iosa air Marta, ʼs air a piuthar Mairi, agus air Lasarus. Nuair a chuala e ma ta gun robh e tinn, dhʼ fhan e fhathast dà latha san aite san robh e. An sin ʼnan deigh so, thuirt e ri dheisciopuil: Rachamaid gu Iudéa rithist. Thuirt a dheisciopuil ris: A Rabbi, dhʼ iarr na h-Iudhaich a chianamh do chlachadh, ʼs am beil thu dol ann a rithist? Fhreagair Iosa: Nach eil dà uair dhiag san latha? Ma choisicheas duine san latha, cha tuislich e: a chionn gum beil e faicinn solus an t-saoghail so: Ach ma choisicheas e trath oidhche, tuislichidh e: a chionn nach eil solus ann. An deigh dha so labhairt, thuirt e riu: Tha ar caraid Lasarus ʼna chadal: ach tha mise dol gus a dhusgadh as a chadal. Uime sin thuirt a dheisciopuil: A Thighearna, ma tha e ʼna chadal, bithidh e gu math. Ach labhair Iosa mu bhàs: us shaoil iadsan gur ann mu fhois cadail a labhair e. An sin ma ta thuirt Iosa riu gu soilleir: Tha Lasarus marbh; ʼS tha toil-inntinn orm as ur lethse, nach robh mi an sin, los gun creid sibh. Ach rachamaid ga ionnsuidh. Uime sin thuirt Tomas, ris an abrar Didimus, ri cho-dheisciopuil: Rachamaid-ne cuideachd los gum basaich sinn comhla ris. Thainig ma ta Iosa; ʼs fhuair e mach gun robh e air bhith cheana ceithir latha san uaigh. (A nis bha Bethania teann air Ierusalem, mun cuairt do choig stàdan diag bhuaithe.) ʼS bha moran de na h-Iudhaich air tighinn gu Marta, ʼs gu Mairi, gu furtachd a thoirt dhaibh a thaobh am brathar. Cho luath ma ta ʼsa chuala Marta gun tainig Iosa, chaidh i ʼna choinneamh: ach shuidh Moire aig an tigh. Thuirt Marta ma ta ri Iosa: A Thighearna, nam bitheadh tu an so, cha n-fhaigheadh mo bhrathair bàs: Ach a nis fhein tha fios agam, ge bʼ e ni a dhʼiarras tu air Dia, gun toir e dhut e. Thuirt Iosa rithe: Eiridh do bhrathair a rithist. Thuirt Marta ris: Tha fios agam gun eirich e rithist san aiseirigh air an latha mu dheireadh. Thuirt Iosa rithe: Is mise an aiseirigh agus a bheatha: esan a chreideas unnamsa, ged bhitheadh e marbh, thig e beo; ʼS gach neach a tha beo, agus a creidsinn unnamsa, cha n-fhaigh e bàs a chaoidh. Am beil thu creidsinn so? Thuirt i ris: Tha, a Thighearna, chreid mi gur tu Criosta Mac an De bheo, a thainig thun an t-saoghail. ʼS an deigh dhi so chantuinn, dhʼfhalbh i, us ghairm i Mairi a piuthar os n-iosal, a g-radh: Tha am maighistir air tighinn, ʼs tha e ga dʼ iarraidh. Cho luath ʼsa chual i so ghrad-dhʼeirich i, agus thainig i ga ionnsuidh. Oir cha robh Iosa fhathast air a bhaile ruighinn: ach bha e fhathast san aite far na choinnich Marta e. Nuair ma ta a chunnaic na h-Iudhaich, a bha stigh comhla rithe, ʼsa toirt furtachd dhi, gun dʼ eirich Mairi gu h-ealamh, ʼs gun deach i mach, lean iad i, a g-radh: Tha i dol thun na h-uaighe a chaoineadh an sin. An sin nuair thainig Mairi far an robh Iosa, ʼsa chunnaic i e, thuit i aig a chasan, us thuirt i ris: A Thighearna, nam bitheadh tu an so, cha n-fhaigheadh mo bhrathair bàs. Uime sin, nuair chunnaic Iosa i gal, ʼs na h-Iudhaich a thainig comhla ri a gal, rinn e osnadh ʼna spiorad, ʼs chuir e spairn air fhein. Us thuirt e: Càite na chuir sibh e? Thuirt iad ris: A Thighearna, thig, agus faic. Agus ghuil Iosa. Uime sin thuirt na h-Iudhaich: Seall mar thug e gradh dha. Ach thuirt cuid dhiu: Nach bʼ urrainn dhasan, a dhʼ fhosgail suilean an duine a rugadh dall, a thoirt air an fhear so nach faigheadh e bàs? Uime sin thainig Iosa, a g-osnaich a rithist ann fhein, thun na h-uaighe. A nis se uamh a bhʼ ann; ʼs bha clach air a cur oirre. Thuirt Iosa: Togaibh a chlach. Thuirt Marta, piuthar an fhir a bha marbh, ris: A Thighearna, tha nis droch fhaile dheth: oir se so nis an ceathramh là dha. Thuirt Iosa rithe: Nach tuirt mi riut, ma chreideas tu, gum faic thu gloir Dhe? Thug iad ma ta a chlach air falbh: us thuirt Iosa, ʼs e togail suas a shuilean: Athair, tha mi toirt taing dhut air son gun dʼ eisd thu rium. Agus bʼ aithne dhomh gum beil thu an comhnuidh gam eisdeachd, ach ʼsann air son an t-sluaigh, a tha ʼnan seasamh mun cuairt, a thuirt mi e; chum gun creid iad gun do chuir thu mi. Nuair thuirt e so, ghlaodh e le guth ard: A Lasaruis, thig a mach. Us ghrad-thainig esan a bha marbh a mach, a chasan ʼsa lamhan ceangailte san aodach-mhairbh, agus aodann air a suaineadh le neapaicin. Thuirt Iosa riu: Fuasglaibh, agus leigibh as e. Uime sin, moran de na h-Iudhaich, a thainig gu Mairi us Marta, a faicinn na rinn Iosa, chreid iad ann. Ach dhʼfhalbh cuid dhiu thun nam Phairiseach, agus dhʼ innis iad daibh na rinn Iosa. Air an aobhar sin thionail na h-ard-shagairt ʼs na Phairisich comhairle, us thuirt iad: Ciod a tha sinn a dianamh, ʼs gum beil an duine so a dianamh moran mhiarailtean? Ma leigeas sinn air adhart e mar so, creididh iad uile ann; agus thig na Romanaich, ʼs bheir iad air falbh an t-aite ʼs an cinneadh againne. Ach thuirt fear dhiu riu, dha ʼm bʼ ainm Caiphas, a bha a bhliadna sin ʼna ard-shagart: Cha n-aithne dhuibh ni air bith, Cha mhua ghabh sibh beachd gum beil e riatanach dhuibh, gum faigheadh aon duine bàs air son an t-sluaigh, ʼs nach rachadh an cinneadh uile a dhith. A nis cha bʼ ann bhuaithe fhein a thuirt e so: ach air dha bhith ʼna ard-shagart a bhliadhna sin, rinn e faisneachd gun robh Iosa gu bàs fhaighinn air son a chinnidh. Agus cha n-ann air son a chinnidh a mhain, ach gu clann De, a bha sgapte, a thional gu bhith ʼnan aon. Bha e ʼnam beachd ma ta bho ʼn latha sin a chur gu bàs. As leth sin cha robh Iosa a triall gu follaiseach tuilleadh am measg nan Iudhach, ach chaidh e gu duthaich teann air an fhasach, gu baile ris an abrar Ephrem, agus thamh e an sin maille ri dheisciopuil. Agus bha càisg nan Iudhach aig laimh; ʼs chaidh moran suas as an duthaich romh ʼn chàisg, gus iad fhein a ghlanadh. Uime sin shir iad Iosa; agus bhruidhinn iad ri cheile ʼnan seasamh san teampull: Ciod e ur barail-sa, a thaobh ʼs nach tainig e thun na feille? Agus bha na h-ard-shagairt ʼs na Phairisich air toirt orduigh, ma bha fios aig aon sam bith càite an robh e, e a dhʼ innse, gus gun glacadh iad e. Uime sin thainig Iosa sia latha romh ʼn chàisg gu Bethania, far an robh Lasarus air bhith marbh, a thug Iosa beo. Us rinn iad suipeir dha an sin; agus bha Marta a frithealadh, ʼs bʼ e Lasarus fear dhe ʼn fheadhainn a bha aig bord maille ris. Uime sin ghabh Mairi punnd de dhʼ ola spiocnaird ro luachmhor, agus dhʼ ung i casan Iosa, us shuath i chasan le ʼfalt; agus lionadh an tigh le deagh fhaile na h-ola. An sin thuirt fear dhe dheisciopuil, Iudas Iscariot, esan a bha gus a bhrath: Car-son nach do reiceadh an ola so air son tri chiad peighinn, ʼs nach tugadh iad do na bochdan? A nis thuirt e so, cha n-ann air son omhail a bhith aige de na bochdan, ach a chionn gun robh e ʼna mheirleach, ʼs leis an sporan a bhith aige, gun robh e giulan na chuireadh ann. Uime sin thuirt Iosa: Leigibh leatha, los a gleidheadh mu choinneamh latha mʼ adhlaic. Oir tha na bochdan agaibh daonnan maille ribh: ach cha n-eil mise agaibh daonnan. Agus thuig cuideachda mhor de na h-Iudhaich gun robh e an sin; us thainig iad, cha n-ann air son Iosa mhain, ach a dhʼ fhaicinn Lasaruis, a thog e bho na mairbh. Ach smaoinich na h-ard-shagairt air Lasarus a mharbhadh cuideachd: A chionn gun dʼ fhalbh moran de na h-Iudhaich as a lethse, ʼs gun do chreid iad ann an Iosa. Agus air an là ʼr na mhàireach, nuair chuala am mor-shluagh, a bhʼ air tighinn gu latha na feille, gun robh Iosa a tighinn gu Ierusalem, Ghabh iad giagan pailm, ʼs chaidh iad a mach ʼna chomhail, agus dhʼ eigh iad: Hosanna, is beannaichte esan, righ Israil, a tha tighinn an ainm an Tighearna. Us fhuair Iosa asal og, agus shuidh e air, mar a tha sgriobhte: Na gabh eagal, a nighean Shioin: seall, tha do righ a tighinn, ʼna shuidhe air bioraiche asail. Cha do thuig a dheisciopuil na nichean so an toiseach: ach nuair a ghloraicheadh Iosa, an sin chuimhnich iad, gun robh na nichean so sgriobhte uime, agus gun dʼ rinn iad iad so dha. As leth sin thug an sluagh, a bha comhla ris nuair a ghairm e Lasarus as an uaigh, ʼsa thog e bho na mairbh e, teisteanas. ʼSann air son sin cuideachd, a thainig an sluagh ʼna choinneamh: a chionn gun cuala iad gun dʼ rinn e a mhiarailt so. Thuirt na Phairisich uime sin eatorra fhein: Am beil sibh a faicinn nach eil sinn a cosnadh a bheag? Seall, tha ʼn saoghal uile air dol ʼna dheigh. A nis bha cinnich araid am measg na feadhnach a thainig a thoirt aoraidh air an latha feille. Thainig iad sin ma ta gu Philip, a bha bho Bhethsaida Ghalile, agus ghuidh iad air, a g-radh: A mhaighistir, tha toil againn Iosa fhaicinn. Thainig Philip, us dhʼ innis e do dhʼAindris: a rithist dhʼinnis Aindris agus Philip do Iosa. Agus fhreagair Iosa iad: Tha an uair air tighinn gu Mac an duine a bhith air a ghlorachadh. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: mur faigh an grainne cruithneachd, a thuiteas san talamh, bàs, Stadaidh e leis fhein: ach ma gheobh e bàs, bheir e mach moran toraidh. Esan aig a bheil gaol dha bheatha, caillidh e i; us esan aig a bheil fuath dha bheatha anns an t-saoghal so, gleidhidh e i gu beatha shiorruidh. Ma ni neach air bith frithealadh dhomhsa, leanadh e mi; agus far am beil mise, an sin cuideachd bithidh mo; sheirbhiseach. Ma ni neach air bith seirbhis domhsa, bheir mʼ Athair onair dha. A nis tha mʼ anam fo bhruaillean. Us ciod a their mi? Athair, sabhail mi bho ʼn uair so. Ach ʼsann as leth so a thainig mi gus an uair so. Athair, gloraich tʼ ainm. An sin thainig guth bho neamh: Ghloraich mi e a cheana, agus gloraichidh mi rithist e. Uime sin thuirt an sluagh, a bha ʼnan seasamh ʼsa chuala, gur e tairneanach a bhʼ ann. Us thuirt cuid eile: Labhair aingeal ris. Fhreagair Iosa, us thuirt e: Cha n-ann air mo shonsa a thainig an guth so, ach air ur sonsa. A nis tha breitheanas an t-saoghail ann: a nis tilgear a mach prionns an t-saoghail so. Agus mise, ma thogar bho ʼn talamh mi, tarruinnidh mi gach ni gam ionnsuidh fhein. (A nis thuirt e so a ciallachadh ciod an seorsa bàis a bha e gus fhaighinn.) Fhreagair an sluagh e: Chuala sinne as an lagh, gum fuirich Criosta gu bràth: us ciamar a tha thusa g-radh: Feumar Mac an duine a bhith air a thogail suas? Co e Mac an duine so? Uime sin thuirt Iosa riu: Car uine bige fhathast, tha an solus ʼnur measg. Gluaisibh fhad ʼsa tha an solus agaibh, los nach beir an dorchadas oirbh; oir am fear, a tha g-imeachd san dorchadas, cha n-eil fhios aige cean a tha e dol. Fhad ʼsa tha an solus agaibh, creidibh anns an t-solus, los gum bi sibh ʼnur cloinn an t-soluis. Labhair Iosa na nichean so; an sin dhʼ fhalbh e, ʼs dhʼ fhalaich e e fhein bhuapa. Us ged a bha e air cho liuthad miarailt a dhianamh ʼnan lathair, cha do chreid iad ann: Chum gum biodh facal an fhaidh Isaias air a choimhlionadh, a labhair e: A Thighearna, co a chreid ga ʼr n-eisdeachd-ne? agus co dha a thaisbeanadh gairdean an Tighearna? So an t-aobhar nach bʼ urrainn daibh creidsinn: a chionn thuirt Isaias a rithist: Dhall e an suilean, ʼs chruadhaich e an cridhe; gus nach faiceadh iad le ʼn suilean, ʼs nach tuigeadh iad le ʼn cridhe, ʼs gum biodh iad air an iompachadh, ʼs gun slanaichinn iad. Na nichean so thuirt Isaias, nuair a chunnaic e ghloir, ʼsa labhair e uime. An deigh sin chreid moran de na priomh-dhaoine ann: ach as leth nam Phairiseach cha robh iad ga aideachadh, los nach tilgte mach as an t-sinagog iad. Oir bu docha leo gloir dhaoine na gloir Dhe. Ach ghlaodh Iosa, us thuirt e: An neach a tha creidsinn unnamsa, cha n-ann unnamsa a tha e creidsinn, ach annsan a chuir mi. Agus an neach a tha gam fhaicinn-sa, tha e ga fhaicinn-sa a chuir mi. Tha mise, an solus, air tighinn thun an t-saoghail; gus ge bʼ e, a chreideas unnamsa, nach fan e ann an dorchadas. ʼS ma dhʼeisdeas neach air bith ri mʼ fhacail, ʼs nach cum e iad, cha n-eil mise ga dhiteadh: oir cha tainig mi gus an saoghal a dhiteadh, ach gus an saoghal a shabhaladh. Esan a tha dianamh diu dhiom, ʼs nach eil gabhail mʼ fhacal, tha aon aige a bheir breth air: am facal a labhair mi, ditidh sin e air an latha mu dheireadh. Oir bhuam fhein cha do labhair mise, ach thug an t-Athair, a chuir mi, fainte dhomh, ciod a theirinn agus ciod a labhruinn. Agus is aithne dhomh gur beatha shiorruidh fhaintesa. Uime sin na tha mise cantuinn, tha mi ga chantuinn, mar thuirt an t-Athair rium. Roimh latha feill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gun robh ʼuair air tighinn gu dol as an t-saoghal so a dhʼ ionnsuidh an Athar, mar a bha e air gaol a thoirt do mhuinntir fhein, a bha san t-saoghal, thug e gaol daibh gus a chrioch. Agus nuair bha an t-suipeir thairis, air do ʼn deomhan bhith air a chur a nis an cridhe Iudais Iscariot, mac Shimoin, esan a bhrath: A g-aithneachadh gun do chuir an t-Athair a h-uile ni ʼna lamhan, ʼs gun tainig e bho Dhia, agus gun robh e dol gu Dia; Dhʼ eirich e bho ʼn t-suipeir, ʼs chuir e eideadh dheth; ʼsa gabhail tubhailte, chrioslaich e e fhein. An deigh sin chuir e uisge ann am ballan, us thòisich e air casan a dheisciopul a nighe, ʼs an tiormachadh leis an tubhailte, leis an robh e crioslaichte. Thainig e ma ta gu Simon Peadar. Us thuirt Peadar ris: A Thighearna, am beil thusa nighe mo chasansa? Fhreagair Iosa, us thuirt e ris: An ni tha mise dianamh, cha n-aithne dhutsa e an drasda, ach tuigidh tu e an deigh so. Thuirt Peadar ris: Cha nigh thu chaoidh mo chasansa. Fhreagair Iosa e: Mur nigh mi thu, cha bhi pairt agad maille rium. Thuirt Simon Peadar ris: A Thighearna, cha n-iad mo chasan a mhain, ach mar an ciadna mo lamhan, agus mo cheann. Thuirt Iosa ris: An neach a tha nighte, cha ruig e leas ach a chasan a nigheadh, agus tha e uile glan. ʼS tha sibhse glan, ach cha n-eil uile. Oir bʼ aithne dha co bʼ e a bhrathadh e: air son sin thuirt e: Cha n-eil sibh uile glan. An sin, an deigh an casan a nigheadh agus eideadh a ghabhail, air dha suidhe rithist, thuirt e riu: An aithne dhuibh ciod a rinn mi dhuibh? Tha sibh a g-radh, a Mhaighistir, ʼsa Thighearna rium; ʼs tha sibh a cantuinn gu math: Is mi sin. Uime sin ma nigh mise, ur Tighearna, agus ur Maighistir, ur casansa, is còir dhuibhse casan a cheile nighe mar an ciadna. Oir thug mi samplair dhuibh, gus gun dian sibhse, mar a rinn mise dhuibh. Gu dearbh dearbh tha mi g-radh ribh: cha n-eil an seirbhiseach nas mua na thighearna; agus cha mhua an t-ostal na esan a chuir e. Ma ʼs aithne dhuibh na nichean so, bithidh sibh beannaichte ma ni sibh iad. Cha n-eil mi labhairt mu ʼr deidhinn uile: is aithne dhomh co iad a thagh mi: ach los gun coimhlionar an sgriobtur: Esan a tha g-iche arain maille rium, togaidh e shàil am aghaidh. An drasda tha mi g-innse dhuibh, mun tachair e; air chor, nuair a thachras e, gun creid sibh gur mise e. Gu fior, gu fior tha mi g-radh ribh: am fear a ghabhas ri urra air bith a chuireas mise, tha e gabhail riumsa: ʼs am fear a ghabhas riumsa, tha e gabhail ris-san, a chuir mi. Air do Iosa so a labhairt, bha e fo thrioblaid ʼna spiorad; agus thog e fianuis, us thuirt e: Gu fior fior tha mi g-radh ribh: gum brath fear agaibh mi. As leth sin dhʼ amhairc na deisciopuil air a cheile, an teagamh co uime a bha e labhairt. A nis a g-aomadh air uchd Iosa bha fear dhe a dheisciopuil, dha ʼn robh gaol aig Iosa. Air an aobhar sin smeid Simon Peadar air; us thuirt e ris: Co e mu bheil e a labhairt? As leth sin thuirt esan, a bha g-aomadh air uchd Iosa, ris: A Thighearna, co e? Fhreagair Iosa: Se esan dha ʼn sìn mise aran an deigh a thumadh. Us nuair a thum e an t-aran, thug e e do Iudas Iscariot, mac Shimoin. ʼS an deigh a ghreime chaidh satan a stigh ann. Us thuirt Iosa ris: An ni tha thu dianamh, dian e gu h-ealamh. ʼS cha robh fios aig duine air bith aig a bhord car-son a thuirt e so ris. Oir bha cuid a saoilsinn, bho na bha an sporan aig Iudas, gun tuirt Iosa ris: Ceannaich na nichean a tha feumail dhuinn air son latha na feille; no gun tugadh e rudeigin do na bochdan. Nuair a ghabh e ma ta an greim, ghrad-chaidh e mach. ʼS bha an oidhche ann. Uime sin nuair chaidh esan a mach, thuirt Iosa: A nis tha Mac an duine air a ghlorachadh; agus tha Dia air a ghlorachadh ann. Ma tha Dia air a ghlorachadh ann, gloraichidh Dia esan mar an ciadna ann fhein; agus gu grad gloraichidh e e. A chlann bheag, fhathast car seal tha mi maille ribh. Siridh sibh mi; ʼs mar thuirt mi ris na h-Iudhaich: Far am beil mise dol, cha n-urrainn duibhse tighinn: ʼsa nis tha mi g-radh an ni chiadna ribhse. Fainte ùr tha mi toirt dhuibh: Gun toir sibh gaol do gach a cheile, mar a thug mise gaol dhuibhse, gun toir sibhse gaol do gach a cheile mar an ciadna. Le so aithnidh daoine uile gur sibh mo dheisciopuil-sa, ma bheir sibh gaol do gach a cheile. Thuirt Simon Peadar ris: A Thighearna, cean a tha thu dol? Fhreagair Iosa: Far a bheil mi dol cha n-urrainn dhutsa mo leanail an drasda: ach leanaidh thu an deigh so. Thuirt Peadar ris: Car-son nach urrainn domh do leanail an drasda? leigidh mi sios mo bheatha airʼ do shon. Fhreagair Iosa e: An leig thu sios do bheatha air mo shon? Gu dearbh dearbh tha mi g-radh riut: cha ghoir an coileach, gus an aicheadh thu mi tri uairean. Na biodh ur cridhe fo iomaguin. Tha sibh a creidsinn ann an Dia, creidibh mar an ciadna unnamsa. Ann an tigh mʼAthar tha iomadh aros: mur biodh, bhithinn air innse dhuibh: a chionn tha mi dol a dhianamh deas aite dhuibh. Agus ma dhʼfhalbhas mi, ʼs ma dheasaicheas mi aite dhuibh, thig mi rithist, agus gabhaidh mi gam ionnsuidh fhein sibh, air chor ʼs, far am beil mise, gum bi sibhse mar an ciadna. Agus is aithne dhuibh cean tha mi dol, agus is aithne dhuibh an rathad. Thuirt Tomas ris: A Thighearna, cha n-aithne dhuinn cean a tha thu dol; agus ciamar is urrainn eolas a bhith againn air an rathad? Thuirt Iosa ris: Is mise an rathad, agus an fhirinn, agus a bheatha: cha tig neach air bith thun an Athar, ach tromhamsa. Nam bʼaithne dhuibh mise, gu cinnteach dhʼaithneadh sibh mʼAthair mar an ciadna; agus á so suas aithnidh sibh e, agus chunnaic sibh e. Thuirt Philip ris: A Thighearna, fiach dhuinn an t-Athair, agus foghnaidh sin duinn. Thuirt Iosa ris: An fhad so dhʼ uine tha mise cuide ribh, ʼs nach aithne dhuibh mi? Philip, esan a tha gam fhaicinn-sa, tha e faicinn an Athar cuideachd. Ciod h-uige a tha thusa, g-radh: Fiach dhuinn an t-Athair? Nach eil sibh a creidsinn gum beil mise anns an Athair, ʼs an t-Athair unnamsa? Na briathran a tha mi labhairt ribh, cha n-ann bhuam fhein a tha mi gan labhairt. Ach an t-Athair, a tha tamh unnam, se tha dianamh nan oibrichean. Nach eil sibh a creidsinn gum beil mise anns an Athair, ʼs an t-Athair unnamsa? Mur eil, creidibh as leth nan oibrichean fhein. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: esan a chreideas unnamsa, na h-oibrichean a tha mise dianamh, ni esan iad mar an ciadna, agus nas mua na iad sin ni e: a chionn gum beil mi dol gu mʼ Athair. Agus ciod sam bith a dhʼ iarras sibh air an Athair na mʼainmse, ni mi e; los gum bi an t-Athair air a ghlorachadh anns a Mhac. Ma dhʼ iarras sibh orm ni air bith na mʼ ainmse, sin ni mise. Ma tha gaol agaibh ormsa, cumaibh mʼ fhaintean. Us iarraidh mi air an Athair, agus bheir e Cofhurtair eile dhuibh, gus e dhʼ fhantuinn maille ribh a chaoidh, Spiorad na firinne, nach urrainn do ʼn t-saoghal a ghabhail: a chionn ʼs nach eil e ga fhaicinn, no eolach air: ach bithidh eolas agaibhse air: a chionn gum fan e maille ribh, agus gum bi e unnaibh. Cha n-fhag mi sibh ʼnur dilleachdain; thig mi gu ʼr n-ionnsuidh. Sealan fhathast ʼs cha n-fhaic an saoghal mi tuilleadh. Ach chi sibhse mi: a chionn gum beil mise beo, ʼs gum bi sibhse beo. ʼS an latha sin tuigidh sibh gum beil mise ann am Athair, us sibhse unnamsa, agus mise unnaibhse. Am fear aig a bheil mʼ fhaintean, ʼsa tha gan cumail, se a tha toirt gaoil dhomhsa. ʼS am fear a tha toirt gaoil dhomhsa, bithidh gaol aig mʼAthair air: agus bithidh gaol agamsa air, agus foillsichidh mi mi fhein dha. Thuirt Iudas (cha n-e Iscariot) ris: A Thighearna, ciamar a tha e gum foillsich thu thu fhein dhuinne, ʼs nach ann do ʼn t-saoghal? Fhreagair Iosa, us thuirt e ris: Ma ghradhaicheas duine air bith mise, cumaidh e mʼ fhacal, us bheir mʼ Athair gaol da, agus thig sinn ga ionnsuidh, agus gabhaidh sinn comhnuidh maille ris: Am fear nach toir gradh dhomh, cha chum e mʼfhacal. ʼS am facal a chuala sibhse, cha leamsa e, ach leis an Athair a chuir mi. Na nichean so labhair mi ribh, ʼs mi gabhail comhnuidh mar-ribh. Ach an Cofhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t-Athair na mʼ ainmse, teagaisgidh e h-uile ni dhuibh, agus bheir e gach ni gu ʼr cuimhne, ge bʼ e air bith iad, a their mi ribh. Sith tha mi fagail agaibh, mo shith tha mi toirt dhuibh; cha n-ann mar a tha ʼn saoghal ga toirt, tha mise ga toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo iomaguin no fo fhiamh. Chuala sibh gun tuirt mi: Tha mi falbh, agus thig mi gu ʼr n-ionnsuidh. Ma thug sibh gaol domh, bhiodh aighear gu dearbh oirbh, gum beil mi dol dhʼionnsuidh an Athar: oir is mua an t-Athair na mise. Agus a nis dhʼinnis mi dhuibh mun tachair e; los, nuair a thachras e, gun creid sibh. Cha n-abair mi moran nichean ribh an drasda: oir tha prionns an t-saoghail so a tighinn, agus unnamsa cha n-eil ni aige. Ach gu fios a bhith aig an t-saoghal gur toigh leam an t-Athair, ʼs mar a thug an t-Athair fainte dhomh, mar sin tha mi dianamh. Eiribh, rachamaid as a so. Is mise an fhior fhionan, agus se mʼAthair an tuathanach. A h-uile miar unnamsa nach eil toirt a mach measa, bheir e air falbh i; ʼs gach miar a tha toirt a mach measa, glanaidh e i, los gun toir i mach am barrachd measa. A nis tha sibhse glan, as leth an fhacail a labhair mi ribh. Fanaibh unnamsa: us mise unnaibhse. Mar nach urrainn do ʼn mhiar meas a thoirt a mach bhuaipe fhein, mur fan i san fhionan, mar sin cha n-urrainn duibhse, mur fan sibh unnamsa. Is mise an fhionan, sibhse na meoir; an neach a tha fantuinn unnamsa, agus mise annsan, tha esan a toirt a mach moran measa: oir as mʼ aonais cha n-urrainn duibh ni dhianamh. Neach nach fan unnam-sa, tilgear a mach e mar mhiar, agus seargaidh e, agus trusaidh iad e, us tilgidh iad san teine e, agus loisgidh e. Ma dhʼ fhanas sibh unnamsa, ʼs ma dhʼ fhanas mʼ fhacail unnaibhse, iarraibh ni air bith is aill leibh, agus nithear dhuibh e. Ann an so tha mʼAthair air a ghlorachadh, gun toir sibh a mach fior mhoran toraidh, ʼs gun dianar sibh ʼnur deisciopuil dhomhsa. Mar a thug an t-Athair gradh dhomhsa, thug mise gradh dhuibhse. Fanaibhse na mʼ ghradh. Ma ghleidheas sibh mʼ fhaintean, fanaidh sibh na mʼ ghradh, mar a ghleidh mise fhein faintean mʼ Athar, us tha mi fantuinn ʼna ghradh-sa. Iad so labhair mi ribh, gus mʼaoibhneas a bhith unnaibh, ʼs gus ur n-aoibhneasa a bhith lan. Si so mʼ fhainte, gun toir sibh gaol do gach a cheile, mar a thug mise gaol dhuibhse. Gaol nas mua na so cha n-eil aig duine air bith, gun leigeadh duine a bheatha sios air son a chairdean. Is sibhse mo chairdean-sa, ma ni sibh na tha mi g-àithneadh oirbh. A nis cha chan mi seirbhisich ribh: oir cha n-eil fhios aig seirbhiseach ciod a tha mhaighistir a dianamh. Ach thuirt mi cairdean ribh: a chionn gun dʼrinn mi aithnichte dhuibhse na nichean gu leir, a chuala mi bho mʼ Athair. Cha sibhse a thagh mise: ach thagh mise sibhse, us shuidhich mi sibh, gus sibh a dhol us toradh a thoirt a mach, ʼs gum mair ur toradh; los, ge bʼ e ni a dhʼ iarras sibh air an Athair na mʼainmse, gun toir e dhuibh e. ʼSiad so na nichean a; tha mi g-àithneadh oirbh, sibh gaol a thoirt dha cheile. Ma tha an saoghal a toirt fuatha dhuibh, biodh brath agaibh, gun tug e fuath dhomhsa roimhibh. Nam bʼ ann dhe ʼn t-saoghal sibh, bheireadh an saoghal gaol dha mhuinntir fhein: ach bho nach eil sibh dhe ʼn t-saoghal, ach gun do thagh mise sibh as an t-saoghal, air son sin tha fuath aig an t-saoghal oirbh. Cuimhnichibh air mʼ fhacal, a thuirt miʼ ribh: Cha n-eil an seirbhiseach nas mua na mhaighistir. Ma rinn iad geur-leanmhuinn ormsa, ni iad geur-leanmhuinn oirbhse cuideachd; ma chum iad mʼ fhacalsa, cumaidh iad ur facalsa mar an ciadna. Ach iad so uile ni iad oirbh as leth mʼ ainmse: a chionn nach aithne dhaibh esan a chuir mi. Mur bithinn-sa air tighinn ʼs air labhairt riu, cha bhiodh peacadh aca: ach a nis cha n-eil leisgeul aca air son am peacaidh. Esan aig a bheil fuath dhomhsa, tha fuath aige dha mʼ Athair cuideachd. Mur bithinn-sa air oibrichean a dhianamh ʼnam measg nach dʼ rinn duine air bith eile, cha bhitheadh peacadh aca: ach a nis chunnaic iad, agus thug iad fuath dhomhsa mar-aon us dha mʼ Athair. Ach sin gus am facal, a tha sgriobhte ʼnan lagh, a choimhlionadh: Thug iad fuath dhomh gun aobhar. Ach nuair a thig an Cofhurtair, a chuireas mise h-ugaibh bhoʼn Athair, Spiorad na firinne, a tha tighinn bho ʼn Athair, bheir esan teisteanas ormsa; Us bheir sibhse teisteanas: a chionn gum beil sibh maille rium bho thoiseach. Labhair mi na nichean so ribh, gus nach gabh sibh sgainneal. Cuiridh iad a mach sibh as na sinagogan: seadh, tha an uair a tighinn, anns an saoil neach air bith a mharbhas sibh, gum beil e dianamh seirbhis do Dhia. Agus na nichean so ni iad oirbh: a chionn nach bʼ aithne dhaibh an t-Athair no mise. Ach dhʼinnis mi iad so dhuibh, a los, nuair a thig an uair aca, gun cuimhnich sibh gun tuirt mi ribh iad. Ach cha dʼinnis mi dhuibh na nichean so bho thoiseach: a chionn gun robh mi cuide ribh: Agus a nis tha mi dol ga ionnsuidhse, a chuir mi; agus cha n-eil a h-aon agaibh a faighneachd dhiom: Cean tha thu dol? Ach a chionn gun do labhair mi na nichean so ribh, lionadh ur cridhe le mulad. Ach tha mi g-innseadh na firinne dhuibh: tha e iomchuidh dhuibh gum falbhainn: oir mur falbh mi, cha tig an Cofhurtair gu ʼr n-ionnsuidh: ach ma dhʼfhalbhas mi, cuiridh mi h-ugaibh e. Agus nuair thig esan, comhdaichidh e an saoghal a thaobh peacaidh, ʼsa thaobh ceartais, ʼsa thaobh breitheanais. A thaobh peacaidh: a chionn nach do chreid iad unnamsa; A thaobh ceartais: a chionn gum beil mi dol a dhʼ ionnsuidh an Athar, ʼs nach fhaic sibh mi nas fhaide; ʼSa thaobh breitheanais: a chionn gum beil prionns an t-saoghail so air a bhreithneachadh cheana. Tha ioma ni agam ri radh ribh fhathast: ach cha n-urrainn duibh an giulan an drasda. Ach nuair thig esan, Spiorad na firinne, teagaisgidh e h-uile firinn dhuibh: oir cha labhair e bhuaithe fhein: ach labhraidh e ge bʼ iad air bith nichean a chluinneas e, agus fiachaidh e dhuibh na nichean a tha ri tighinn. Gloraichidh esan mise: a chionn gum faigh e bhuam, agus fiachaidh e dhuibhse e. Gach uile ni, a thʼ aig mʼ Athair, is leamsa. Air an aobhar sin thuirt mi: Gum faigh e bhuam, agus fiachaidh e dhuibhse e. Uine bheag, us cha n-fhaic sibh mi; agus rithist uine bheag, us chi sibh mi: a chionn gu bheil mi dol a dhʼ ionnsuidh an Athar. An sin thuirt cuid dhe dheisciopuil ri cheile: Ciod e so tha e g-radh ruinn: Uine bheag, ʼs cha n-fhaic sibh mi, agus a rithist uine bheag, us chi sibh mi: agus a chionn gum beil mi dol a dhʼ ionnsuidh an Athar? Uime sin thuirt iad: Ciod e so tha e g-radh: Uine bheag? Cha n-aithne dhuinn ciod tha e g-radh. A nis dhʼaithnich Iosa gun robh toil aca fharraid dheth, us thuirt e riu: Tha sibh a feorachadh ʼnur measg mu so gun tuirt mi: Uine bheag, ʼs cha n-fhaic sibh mi; a rithist uine bheag, agus chi sibh mi. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh, gun dian sibhse caoineadh agus gal, ach ni an saoghal subhachas: ach nithear sibhse brònach, ach tionndaidhear ur bròn gu aighear. Nuair tha boirionnach ri saothair-chloinne, tha i brònach: a chionn tha h-uair air tighinn: ach nuair a bheireas i an leanabh, cha bhi tuille cuimhne aice air a doruinn, le toileachas gun dʼ rugadh duine thun an t-saoghail. Is amhuil tha sibhse nis gu dearbh fo bhròn: ach chi mi sibh a rithist, agus bithidh ur cridhe sòlasach: agus ur sòlas cha toir duine air bith bhuaibh. Agus air an latha sin cha n-iarr sibh ni air bith orm. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: ma dhʼiarras sibh ni air bith air an Athair na mʼ ainmse, bheir e dhuibh e. Gu so cha dʼ iarr sibh ni air bith na mʼ ainmse: Iarraibh, agus gheobh sibh, gus ur n-aoibhneas a bhith lan. Labhair mi na nichean so ribh ann an dubhfhacail. Tha an uair a tighinn anns nach labhair mi ribh tuille ann an dubhfhacail, ach fiachaidh mi dhuibh gu soilleir mu ʼn Athair. ʼSan latha sin iarraidh sibh na mʼ ainmse; ʼs cha n-eil mi g-radh ribh gun guidh mi an t-Athair air ur son. Oir tha gaol aig an Athair fhein oirbh: a chionn gun tug sibh gaol dhomhsa, ʼs gun do chreid sibh gun tainig mi mach bho Dhia. Thainig mi mach bho ʼn Athair, us thainig mi thun an t-saoghail; a rithist tha mi fagail an t-saoghail ʼsa dol a dhʼ ionnsuidh an Athar. Thuirt a dheisciopuil ris: Seall, tha thu nis a labhairt gu soilleir, ʼs cha n-eil thu a g-radh dubhfhacail air bith. A nis tha fhios againn gur aithne dhut a h-uile ni, ʼs nach ruig thu leas gum farraideadh duine air bith dhiot; le so tha sinn a creidsinn gun tainig thu mach bho Dhia. Fhreagair Iosa iad: Am beil sibh a nis a creidsinn? Seall, thig an uair, us tha i nis air tighinn, anns am bi sibh air ur sgapadh gach duine a thaobh fhein, agus fagaidh sibh mise leam fhein; ʼs cha n-eil mi leam fhein: a chionn tha an t-Athair maille rium. Labhair mi na nichean so ribh, gu sith a bhith agaibh unnamsa. Anns an t-saoghal gheobh sibh trioblaid: ach bitheadh misneach agaibh, thug mise buaidh air an t-saoghal. Labhair Iosa na nichean so: ʼsa togail suas a shuilean gu neamh, thuirt e: Athair, tha an uair air tighinn, gloraich do Mhac, gus gun gloraich do Mhac Thu: Mar a thug thu cumhachd dha thairis air a h-uile feoil, gus gun tugadh e a bheatha shiorruidh dhaibhsan uile, a thug thu dha. A nis si so a bheatha shiorruidh: Eolas a bhith aca ortsa, an t-aon Dia fior, agus air Iosa Criosta, a chuir thusa. Ghloraich mise thu air talamh: chriochnaich mi an obair, a thug thu dhomh ri dianamh: ʼSa nis gloraich thusa mise, O Athair, maille riut fhein, leis a ghloir a bhʼ agam maille riut, mun robh an saoghal ann. Shoilleirich mi tʼ ainm do na daoine, a thug thu dhomh as an t-saoghal. Bu leatsa iad, us thug thu dhomhsa iad: agus ghleidh iad tʼ fhacal. A nis tha fios aca gur h-ann bhuatsa a tha a h-uile ni, a thug thu dhomhsa: A chionn gun tug mi dhaibh na facail, a thug thu dhomh; us ghlac iadsan iad, agus thuig iad gu firinneach, gun tainig mi mach bhuat, agus chreid iad gun do chuir thu mi. Tha mi guidhe air an sonsa: cha n-eil mi guidhe air son an t-saoghail, ach air an sonsan, a thug thu dhomh: a chionn ʼs gur leatsa iad; Agus is leatsa a h-uile ni is leamsa, agus is leamsa a h-uile ni is leatsa; agus tha mi air mo ghlorachadh unnta. Agus a nis cha n-eil mi san t-saoghal, ach tha iadsan san t-saoghal, ʼs tha mise tighinn ga tʼ ionnsuidhse. Athair naoimh, gleidh na tʼ ainm iadsan, a thug thu dhomh; gus gum bi iad ʼnan aon, ceart mar tha sinne. Fhad sa bha mi comhla riu, ghleidh mi iad na tʼ ainm-se. Ghleidh mi iadsan, a thug thu dhomh; ʼs cha do chailleadh a h-aon diu, ach mac an sgrios, chum gun coimhlionar an sgriobtur. ʼSa nis tha mi tighinn ga tʼ ionnsuidh; ʼsna nichean so tha mi labhairt anns an t-saoghal, gus mʼ aoibhneas a bhith aca coimhlionta unnta fhein. Thug mi tʼ fhacal dhaibh; us thug an saoghal fuath dhaibh: a chionn ʼs nach ann dhe ʼn t-saoghal iad, mar nach ann dhe ʼn t-saoghal mise fhein. Cha n-eil mi guidhe gun toir thu as an t-saoghal iad, ach gun gleidh thu bho olc iad. Cha n-eil iad dhe ʼn t-saoghal, mar nach eil mise fhein dhe ʼn t-saoghal. Naomhaich iad ann am firinn. Se tʼ fhacalsa an fhirinn. Mar a chuir thu mise thun an t-saoghail, is amhuil a chuir mise iadsan thun an t-saoghail. Agus air an sonsan tha mise gam naomhachadh fhein; gus iadsan a bhith air an naomhachadh ann am firinn. Ach cha n-ann air an sonsan a mhain a tha mi guidhe, ach air an sonsa cuideachd a thig gu creidsinn unnam tromh ʼm facal-san. Gus iad a bhith uile ʼnan aon, mar tha thusa, Athair, unnamsa, us mise unnadsa, gus iadsan mar an ciadna a bhith ʼnan aon unnainn; a los gun creid an saoghal gun do chuir thusa mi; ʼSa ghloir, a thug thu dhomh, thug mise dhaibhse; gus iad a bhith ʼnan aon, amhuil mar tha sinne ʼnar n-aon. Mise unntasan, us thusa unnamsa; gus iad a bhith coimhlion ʼnan aon, ʼs gun aithnich an saoghal, gun do chuir thusa mi, agus gun tug thu gaol dhaibhse, mar a thug thu gaol dhomhsa. Athair, si mo thoil, gum bi iadsan, a thug thu dhomh, maille rium, far am beil mise; los gum faic iad mo ghloir, a thug thu dhomh: a chionn thug thu gradh dhomh mun do chruthaicheadh an saoghal. Athair cheairt, cha dʼ aithnich an saoghal thu: ach dhʼ aithnich mise thu; agus dhʼ aithnich iad so gun do chuir thusa mi. Agus rinn mi tʼ ainm aithnichte dhaibh, ʼs ni mi aithnichte e, gus an gradh, leis na ghradhaich thu mise, a bhith unntasan, agus mise unnta. Nuair, a labhair Iosa na nichean so, chaidh e le dheisciopuil thairis air struth Chedroin, far an robh lios, anns an deach e fhein ʼsa dheisciopuil a stigh. Agus bʼ aithne do Iudas cuideachd, a bhrath e, an t-aite: a chionn gun do thathaich Iosa gu tric ann maille ri dheisciopuil. Uime sin nuair fhuair Iudas buidhean shaighdearan agus maoir bho na h-ard-shagairt ʼs bho na Phairisich, thainig e do ʼn aite le lochrain, ʼs le leois, ʼs le airm. Chaidh Iosa ma ta, ʼs e tuigsinn a h-uile ni a bha ri tachairt dha, air adhart, us thuirt e riu: Co tha sibh a sireadh? Fhreagair iad e: Iosa bho Nasareth. Thuirt Iosa riu: Is mise e. Us sheas Iudas fhein, a bhrath e, maille riu. Uime sin cho luath ʼsa thuirt e riu: Is mise e, dhʼ aom iad air an ais, us thuit iad air an talamh. Dhʼfharraid e an sin dhiubh rithist: Co tha sibh a sireadh? Us thuirt iad: Iosa bho Nasareth. Fhreagair Iosa: Dhʼinnis mi dhuibh gur mise e: air an aobhar sin ma tha sibh gam shireadh-sa, leigibh leo sin falbh. Gus gun coimhlionteadh am facal a thuirt e: Dhe ʼn fheadhainn, a thug thu dhomh, cha do chaill mi gin. An sin air do chlaidheamh a bhith aig Simon Peadar, tharruinn e e, us bhuail e seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e dheth a chluas dheas. Agus bʼ e Malchus ainm an t-seirbhisich. Uime sin thuirt Iosa ri Peadar: Cuir do chlaidheamh san truaill. An e nach ol mi a chailis, a thug mʼ Athair dhomh? An sin rug a bhuidhean, ʼs an ceannard-ciad, us maoir nan Iudhach air Iosa, agus cheangail iad e. Us thug iad leo e an toiseach gu Annas: oir bʼ esan athair-ceile Chaiphais, a bha ʼna ard-shagart a bhliadhna sin. A nis bʼ e Caiphas, a thug comhairle do na h-Iudhaich: Gun robh e iomchuidh gum faigheadh aon duine bàs air son an t-sluaigh. Agus lean Simon Peadar Iosa, us deisciopul eile. Us bʼ aithne do ʼn ard-shagart an deisciopul so, agus chaidh e stigh maille ri Iosa do chùirt an ard-shagairt. Ach bha Peadar ʼna sheasamh a muigh aig an dorus. Uime sin chaidh an deisciopul eile, a bʼ aithne do ʼn ard-shagart, a mach, agus bhruidhinn e ris a bhan-dorsair, us thug e Peadar a stigh. As leth sin thuirt a chailin, a bhan-dorsair, ri Peadar: Nach aon thusa cuideachd de dheisciopuil an duine so? Ars esan: Cha mhi. A nis bha na seirbhisich ʼs na maoir ʼnan seasamh aig an teine ghuail: chionn bha ʼm fuachd ann, ʼs bha iad gan garadh fhein: agus bha Peadar cuideachd ʼna sheasamh comhla riu, ʼs ga gharadh fhein. Dhʼfharraid ma ta an t-ard-shagart de dhʼIosa mu dheisciopuil, agus mu theagasg. Fhreagair Iosa e: Labhair mi gu follaiseach ris an t-saoghal; ʼs theagaisg mi daonnan anns an t-sinagog, agus anns an teampull, far a bheil na h-Iudhaich uile a tional: agus an uaigneas cha do labhair mi ni air bith. Car-son tha thu faighneachd dhiomsa? faighnich dhiusan a chuala ciod a thuirt mi riu: seall, is aithne dhaibhse na thuirt mi. Agus nuair a thuirt e so, bhuail fear de na maoir, a bha lathair, Iosa le bhois, a g-radh: An ann mar sin tha thu freagairt an ard-shagairt? Fhreagair Iosa e: Ma labhair mi gu h-olc, tog fianuis air an olc: ach ma labhair mi gu math, car-son tha thu gam bhualadh? ʼS chuir Annas e ceangailte gu Caiphas, an t-ard-shagart. Agus bha Simon Peadar ʼna sheasamh, ʼs ga gharadh fhein. Thuirt iad ma ta ris: Nach fear dhe dheisciopuil thusa cuideachd? Dhʼaicheadh e, us thuirt e: Cha n-eadh. Thuirt aon de sheirbhisich an ard-shagairt (caraid dhasan dhe na ghearr Peadar a chluas) ris: Nach fhaca mise thu san lios comhla ris? Dhʼaicheadh Peadar an sin rithist; agus ghoir an coileach sa cheart uair. An sin thug iad Iosa bho Chaiphas gu talla an uachdrain. Us bʼ i mhaduinn a bhʼann; agus cha deach iad fhein a stigh do ʼn talla, gus nach biodh iad air an truailleadh, ach gun icheadh iad a chàisg. Air an aobhar sin chaidh Pilat a mach gan ionnsuidh, us thuirt e: Ciod a thʼ agaibh ri thoirt suas an aghaidh an duine so? Fhreagair iad, us thuirt iad ris: Mur biodh e ʼna fhear droch-bheairt, cha bhithemid air a liubhairt dhutsa. An sin thuirt Pilat riu: Gabhaibh fhein e, ʼs thugaibh breth air a reir ur lagh. Uime sin thuirt na h-Iudhaich ris: Cha n-eil e ceadaichte dhuinne duine air bith a chur gu bàs. Gu facal Iosa a bhith air a choimhlionadh, a thuirt e, a fiachuinn a bhàis a bha e dol a dhʼfhaighinn. Uime sin chaidh Pilat a stigh do ʼn talla rithist, agus ghairm e Iosa, us thuirt e ris: An tusa righ nan Iudhach? Fhreagair Iosa: An ann bhuat fhein a tha thu g-radh so, no an dʼinnis feadhainn eile dhut e mu mʼ dheidhinn? Fhreagair Pilat: An Iudhach mise? Liubhair do chinneadh fhein ʼs na h-ard-shagairt dhomhsa thu: ciod a rinn thu? Fhreagair Iosa: Cha n-ann dhe ʼn t-saoghal so mo rioghachd. Nam bʼ ann dhe ʼn t-saoghal so mo rioghachd, gu cinnteach dhianadh mo sheirbhisich stri gus nach rachadh mo liubhairt do na h-Iudhaich: ach a nis cha n-ann bho so a tha mo rioghachd. Air an aobhar sin thuirt Pilat ris: Am beil thu ma ta na dʼ righ? Fhreagair Iosa: Tha thu cantuinn gur righ mi. ʼSann air son so a rugadh mi, ʼsann air son so a thainig mi thun an t-saoghail, gus mi teisteanas a thoirt air an fhirinn: gach aon a tha air taobh na firinne, eisdidh e ri mʼ ghuthsa. Thuirt Pilat ris: Ciod e an fhirinn? Us nuair a thuirt e so, chaidh e mach a rithist a dhʼionnsuidh nan Iudhach, us thuirt e riu: Cha n-eil mi faighinn cionta air bith ann. Ach tha e ʼna chleachdadh agaibh, gun tugainn a chead do h-aon dhuibh aig a chàisg: an aill leibh ma ta gun saor mi dhuibh righ nan Iudhach? An sin ghlaodh iad uile rithist, a g-radh: Cha n-e e so, ach Barabbas. A nis bha Barabbas ʼna mheirleach. Uime sin rug Pilat air Iosa, agus sgiurs e e. Agus na saighdearan a fighe crun dreighinn, chuir iad air a cheann e, agus chuir iad deise phurpuir air. Agus thainig iad ga ionnsuidh, us thuirt iad: Fàilt ort, a righ nan Iudhach; agus bhuail iad le ʼm basan e. Chaidh Pilat an sin a mach rithist, us thuirt e riu: Seall, tha mi ga thoirt a mach gu ʼr n-ionnsuidh, gu fios a bhith agaibh nach eil mi faighinn coire ann. (Thainig Iosa ma ta mach leis a chrun dreighinn ʼs an eideadh phurpuir air.) Us thuirt e riu: Seall an duine. Uime sin nuair chunnaic na h-ard-shagairt, ʼs na maoir e, ghlaodh iad, a g-radh: Ceus e, ceus e. Thuirt Pilat riu: Gabhaibh fhein e, agus ceusaibh e: oir cha n-eil mise faighinn coire ann. Fhreagair na h-Iudhaich e: Tha lagh againne; ʼsa reir an lagha is còir a chur gu bàs: a chionn gun dʼrinn e Mac De dheth fhein. Nuair ma ta chuala Pilat am facal so, ghabh e am barrachd eagail. Agus chaidh e rithist a stigh do ʼn talla; us thuirt e ri Iosa: Co as a tha thu? Ach cha tug Iosa freagairt air. As leth sin thuirt Pilat ris: Nach bruidhinn thu riumsa? nach eil fhios agad gum beil comas agam do cheusadh, agus comas agam do shaoradh? Fhreagair Iosa: Comas sam bith cha bhiodh agad ormsa, mar tugte dhut e as na h-ardaibh. Uime sin ʼsann dhasan, a liubhair dhutsa mi, is mua peacadh. Bho so mach dhʼiarr Pilat a shaoradh. Ach dhʼ eigh na h-Iudhaich, a g-radh: Ma shaoras tu an duine so, cha n-eil thu ad charaid do Chésar: oir fear air bith a tha dianamh righ dheth fhein, tha e labhairt an aghaidh Chésair. A nis nuair chuala Pilat a chainnt so, thug e mach Iosa; agus shuidh e air cathair a bhreitheanais, anns an aite ris an abrar Lithostrotos, ach anns an Eabhra Gabbatha. Us bʼ e latha deasachadh na Càsga bhʼann, mun cuairt do ʼn t-siathamh uair, agus thuirt e ris na h-Iudhaich: Seall ur righ. Ach ghlaodh iadsan: Air falbh leis, air falbh leis, ceus e. Thuirt Pilat riu: An ceus mi ur righ? Fhreagair na h-ard-shagairt: Cha n-eil righ againn, ach César. Air an aobhar sin liubhair e dhaibh e gu bhith air a cheusadh. Agus rug iad air Iosa, us thug iad leo e. Agus chaidh e mach, a giulan a chroise fhein, gu aite ris an abrar Calbhari, ach an Eabhra Golgotha; Far na cheus iad e, us dithis eile maille ris, fear air gach taobh, agus Iosa sa mhiadhon. Agus sgriobh Pilat tiodal cuideachd; ʼs chuir e air a chrois e. Us bʼ e an sgriobhadh: Iosa bho Nasareth, righ nan Iudhach. Uime sin leugh moran de na h-Iudhaich an tiodal so: a chionn gun robh an t-aite anns na cheusadh Iosa teann air a bhaile: agus bha e sgriobhte an Eabhra, an Greigis, ʼs an Laidinn. An sin thuirt ard-shagairt nan Iudhach ri Pilat: Na sgriobh: Righ nan Iudhach, ach gun tuirt e fhein: Is mi righ nan Iudhach. Fhreagair Pilat: An ni a sgriobh mi, sgriobh mi. An sin, air do na saighdearan a cheusadh, rug iad air aodach (us rinn iad ceithir earrannan, earrann do gach saighdear), agus air ʼfhalluinn. A nis bha ʼfhalluinn gun fhuaghal, air a figheadh bho braighe gu h-iochdar. Us thuirt iad an sin ri cheile: Na stracamaid i, ach tilgemid crainn oirre, co aig am bi i. Chum gun coimhlionteadh an sgriobtur, a g-radh: Roinn iad mʼ aodach eatorra; ʼs air mʼ fhalluinn thilg iad crainn. Agus gu dearbh rinn na saighdearan na nichean so. A nis sheas teann air crois Iosa a mhathair, agus piuthar a mhathar, Mairi Chleophais, agus Mairi Magdalen. Uime sin nuair chunnaic Iosa a mhathair, agus an deisciopul bu toigh leis ʼna sheasamh, thuirt e ri mhathair: A bhoirionnaich, seall do mhac. An sin thuirt e ris an deisciopul: Seall do mhathair. Agus bho ʼn uair sin ghabh an deisciopuil ga ionnsuidh fhein i. An deigh sin, air do Iosa fios a bhith aige gun robh a h-uile ni nis air an criochnachadh, gus an sgriobtur a choimhlionadh, thuirt e: Tha pathadh orm. A nis bha saghach an sin lan de dhʼ fhion-geur. Agus air dhaibh spong lan de dhʼ fhion-geur a chur air hisop, shìn iad i gu bhial. Nuair ma ta a ghabh Iosa am fion-geur, thuirt e: Tha e criochnaichte. ʼSa cromadh a chinn, liubhair e suas an spiorad. An sin, (bho na bʼ e latha an deasachaidh a, bhʼ ann) los nach fanadh an cuirp air a chrois air an t-sàbaid, (oir bu mhor an latha sàbaid sin) ghuidh na h-Iudhaich air Pilat, gun rachadh an luirgnean a bhristeadh, ʼs gun tugteadh air falbh iad. Air an aobhar sin thainig na saighdearan; agus bhrist iad luirgnean a chiad fhir agus an fhir eile, a cheusadh maille ris. Ach nuair thainig iad gu Iosa, ʼsa chunnaic iad e cheana marbh, cha do bhrist iad a luirgnean-sa, Ach dhʼ fhosgail fear de na saighdearan a thaobh le sleagh: us ghrad-thainig a mach fuil agus uisge. ʼS am fear a chunnaic, thug e teisteanas; us tha theisteanas firinneach. Agus is aithne dha gum beil e g-radh na firinne; los gun creid sibhse cuideachd. Oir rinneadh na nichean so, gus an sgriobtur a bhith air a choimhlionadh: Cha bhrist iad cnaimh dheth. ʼSa rithist tha sgriobtur eile a g-radh: Amhaircidh iad airsan a lot iad. ʼNan deigh so ghuidh Ioseph bho Arimatéa (a chionn gun robh e ʼna dheisciopul aig Iosa, ach gu h-uaigneach le eagal nan Iudhach) air Pilat cead corp Iosa thoirt air falbh. Us thug Pilat cead dha. Thainig e ma ta, agus thug e air falbh corp Iosa. Agus thainig Nicodemus cuideachd, esan a thainig gu Iosa an toiseach san oidhche, a toirt leis mun cuairt do chiad punnd mirr us aloes air am measgachadh. Uime sin ghabh iad corp Iosa, agus phaisg iad e ann an anart le spiosradh, mar is gnath leis na h-Iudhaich tiodhlaiceadh a dhianamh. A nis bha lios anns an aite far na cheusadh e; us anns an lios uaigh ùr, anns nach deach duine a chur roimh sin. Air an aobhar sin as leth deasachadh càisge nan Iudhach, chuir iad Iosa an sin, bho na bha an uaigh aig laimh. Agus air a chiad latha de ʼn t-seachduin, thainig Mairi Magdalen much sa mhaduinn, nuair bha e fhathast dorcha, thun na h-uaighe; us chunnaic i chlach air a toirt air falbh bho ʼn uaigh. Air an aobhar sin ruith i, us thainig i gu Simon Peadar, agus thun an deisciopuil eile bu toigh le Iosa, us thuirt i riu: Thug iad an Tighearna air falbh as an uaigh, ʼs cha n-eil fhios againn càite na chuir iad e. Uime sin dhʼ fhalbh Peadar agus an deisciopul eile, us thainig iad thun na h-uaighe. Agus ruith an dithis comhla, ʼs bu luaithe a ruith an deisciopul eile sin na Peadar, agus rainig e an uaigh air thoiseach. Us nuair a chrom e sios, chunnaic e na lion-anartan ʼnan laidhe, ach cha deach e stigh. An sin rainig Simon Peadar ga leantuinn, ʼs chaidh e stigh do ʼn uaigh, agus chunnaic e na lion-anartan, ʼnan laidhe, ʼS an neapaicin, a bha mu cheann, ʼna laidhe cha n-ann comhla ris na lion-anartan, ach air a filleadh leatha fhein an aon aite. An sin chaidh an deisciopul eile sin a stigh cuideachd, a rainig an uaigh air thoiseach; agus chunnaic e, agus chreid e. Oir cha do thuig iad fhathast an sgriobtur, gum feumadh e eirigh a rithist bho na mairbh. Uime sin chaidh na deisciopuil dhachaidh a rithist. Ach sheas Mairi muigh roimh an uaigh aʼ gal. A nis, nuair a bha i gal, chrom i sios, agus sheall i san uaigh; Agus chunnaic i dithis aingeal ann an geal-eideadh ʼnan suidhe, fear aig a cheann agus fear aig na casan, far na chuireadh corp Iosa ʼna laidhe. Thuirt iadsan rithe: A bhoirionnaich, car-son a tha thu gal? Thuirt i riu: A chionn gun tug iad air falbh mo Thighearna, ʼs cha n-eil fhios agam càite na chuir iad e. Us nuair thuirt i so, thionndaidh i air a h-ais, agus chunnaic i Iosa ʼna sheasamh; ʼs cha dʼ aithnich i gur e Iosa a bhʼ ann. Thuirt Iosa rithe: A bhoirionnaich, car-son a tha thu gal? co tha thu sireadh? Ise ʼs i saoilsinn gur e an gairneilear a bhʼ ann, thuirt i ris: A mhaighistir, ma ʼs tu thug air falbh e, innis dhomh càite na chuir thu e; ʼs bheir mi air falbh e. Thuirt Iosa rithe: A Mhairi. Thuirt ise ris, ʼs i tionndadh: Rabboni (se sin ri radh a Mhaighistir). Thuirt Iosa rithe: Na bean dhomh, oir cha deachaidh mi fhathast suas gu mʼ Athair: ach falbh gu mo bhraithrean, agus abair riu: Tha mi dol suas gu mʼ Athair, us gu ʼr n-Athair-sa, gu mʼ Dhia ʼs ur Dia-sa. Thainig Mairi Magdalen, ʼs dhʼ innis i do na deisciopuil: Chunnaic mi an Tighearna, agus thuirt e na nichean so rium. ʼS air tighinn do ʼn anamuch an latha sin fhein, a chiad latha de ʼn t-seachduin, us na dorsan duinte, far an robh na deisciopuil cruinn, le eagal nan Iudhach, thainig Iosa, us sheas e sa mhiadhon, agus thuirt e riu: Sith dhuibh. Us nuair thuirt e so, dhʼ fhiach e dhaibh a lamhan ʼsa thaobh. Uime sin bha aoibhneas air na deisciopuil, nuair chunnaic iad an Tighearna. Uime sin thuirt e riu rithist: Sith dhuibh. Mar a chuir an t-Athair mise, tha mise guʼr cur-sa. Nuair a thuirt e so, sheid e orra; us thuirt e riu: Glacaibhs ʼan Spiorad Naomh: Ge bʼ iad dha ʼm math sibhse am peacannan, tha iad mathte dhaibh; agus ge bʼ iad dha ʼn ceangail sibhse am peacannan, tha iad air an ceangal. A nis cha robh Tomas, ris an abrar Didimus, a h-aon de na dhà-dhiag, comhla riu, nuair a thainig Iosa. Uime sin thuirt na deisciopuil eile ris: Chunnaic sinne an Tighearna. Ach thuirt esan riu: Mur faic mi ʼna lamhan athailtean nan tairgnean, ʼs mur cuir mi mo mhiar ann an aite nan tairgnean, ʼs mur cuir mi mo lamh ʼna thaobh, cha chreid mi. ʼS an ceann ochd latha bha na deisciopuil rithist a stigh, us Tomas comhla riu. Thainig Iosa, ʼs na dorsan duinte, agus sheas e sa mhiadhon, us thuirt e: Sith dhuibh. An sin thuirt e ri Tomas: Cuir do mhiar an so, agus faic mo lamhan, us sìn do lamh, agus cuir na mʼ thaobh i; ʼs na bi mi-chreideach, ach na dʼ chreideach. Fhreagair Tomas, us thuirt e ris: Mo Thighearna, agus mo Dhia. Thuirt Iosa ris: A chionn gum fac thu mi, a Thomais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach fhaca ʼsa chreid. Rinn Iosa ioma miarailt eile an lathair a dheisciopul, nach eil sgriobhte anns an leabhar so. Ach tha iad so air an sgriobhadh, chum gun creid sibh gur e Iosa an Criosta, Mac Dhe; agus le creidsinn gum bi a bheatha agaibh ʼna ainm. An deigh so dhʼfhiach Iosa e fhein dha dheisciopuil aig muir Thiberiais. Agus ʼsann mar so dhʼ fhiach e e fhein: Bha comhla ri cheile Simon Peadar agus Tomas, ris an abrar Didimus, agus Nathanael, a bha bho Chana Ghalile, us mic Shebede, agus dithis eile dhe dheisciopuil. Thuirt Simon Peadar riu: Tha mi dol a dhʼiasgach. Ars iadsan ris: Tha sinn fhein dol comhla riut. Us dhʼ fhalbh iad a mach, ʼs chaidh iad air bord luing; ʼs cha do ghlac iad dad an oidhche sin. Ach nuair thainig a mhaduinn, sheas Iosa air a chladach: ach cha bʼ aithne do na deisciopuil gum bʼ e Iosa a bhʼ ann. Uime sin thuirt Iosa riu: A chlann, am beil biadh agaibh? Fhreagair iad e: Cha n-eil. Thuirt e riu: Cuiribh an lion air taobh deas an t-saghaich; ʼs gheobh sibh. Chuir iad e ma ta; ʼsa nis cha bʼ urrainn daibh a tharruinn le lionmhorachd an éisg. Uime sin thuirt an deisciopul bu toigh le Iosa ri Peadar: Se an Tighearna a thʼ ann. Nuair a chuala Simon Peadar gum bʼ e an Tighearna a bhʼann, chuir e uime eideadh (oir bha e ruisgte), us thilg e e fhein sa mhuir. Ach thainig na deisciopuil eile anns an t-saghach (oir cha robh iad fada bho thir, ach mu chuairt do dhà chiad lamh-choille), a tarruinn leo an lin de dhʼiasg. Cho luath ma ta ʼsa thainig iad air tir, chunnaic iad eileagan laiste, ʼs iasg orra, agus aran. Thuirt Iosa riu: Thugaibh an so roinn de ʼn iasg a ghlac sibh an drasda. Chaidh Simon Peadar suas, us tharruinn e gu tir an lion, lan de dhʼiasg mor, ciad gu leth agus tri. ʼS ged a bha iad cho lionor, cha do sthrac an lion. Thuirt Iosa riu: Thigibh, us gabhaibh ur dinneir. ʼS cha robh a dhanadas aig a h-aon diu, a bhʼaig bord, fharraid dheth: Co thusa? oir dhʼ aithnich iad gur e an Tighearna a bhʼann. Agus thainig Iosa, us ghlac e aran, ʼs thug e dhaibh, agus iasg air an doigh chiadna. Bi so nis an treas uair a chunnacas Iosa le dheisciopuil, an deigh dha eirigh bho na mairbh. Nuair ma ta a ghabh iad an dinneir, thuirt Iosa ri Simon Peadar: A Shimoin, mhic Eoin, am beil tuille gaoil agad orm na thʼ aca so? Thuirt e ris: Tha, a Thighearna, tha fhios agad gum beil gaol agam ort. Thuirt e ris: Beathaich mʼ uain. Thuirt e ris a rithist: A Shimoin mhic Eoin, am beil gaol agad orm? Thuirt e ris: Tha, a Thighearna, tha fios agad gum beil gaol agam ort. Thuirt e ris: Beathaich mʼ uain. Thuirt e ris an treas uair: A Shimoin mhic Eoin, am beil gaol agad ormsa? Bha Peadar duilich, a chionn gun tuirt e ris an treas uair: Am beil gaol agad orm? Us thuirt e ris: A Thighearna, is aithne dhut a h-uile ni: tha fios agad gum beil gaol agam ort. Thuirt e ris: Beathaich mo chaoraich. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh riut: nuair bha thu na bʼ oige, chrioslaich thu thu fhein, agus chaidh thu far am bʼ aill leat: ach nuair a dhʼfhasas tu sean, sìnidh tu mach do lamhan, us crioslaichidh fear eile thu, agus stiuiridh e thu far nach aill leat. Us thuirt e so a ciallachadh an seorsa bàis leis an gloraicheadh e Dia. Agus an deigh so radh, thuirt e ris: Lean mise. Chunnaic Peadar, ʼs e tionndadh, an deisciopul sin a bʼ ionmhuinn le Iosa gan leantuinn, esan a dhʼaom air ʼuchd aig an t-suipeir, ʼsa thuirt: A Thighearna, co e a bhrathas thu? Uime sin nuair chunnaic Peadar esan, thuirt e ri Iosa: A Thighearna, ach ciod mu ʼn fhear so? Thuirt Iosa ris: Ma ʼs aill leamsʼ e dhʼfhuireach gus an tig mi, ciod e sin dhutsa? Lean thusa mise. Uime sin ruith an sgeul so mach am measg nam braithrean, nach fhaigheadh an deisciopul sin bàs. Ach cha tuirt Iosa ris: Cha n-fhaigh e bàs, ach: ma ʼs aill leam e dhʼfhuireach gus an tig mi, ciod e sin dhutsa? Se so an deisciopul a tha toirt teisteanais air na nichean so, ʼsa sgriobh iad so; ʼs tha fios againn gum beil a theisteanas firinneach. Ach tha ioma ni eile ann, a rinn Iosa; ʼs nam biodh gach aon dhiu sgriobhte, si mo bharail, nach bʼ urrainn do ʼn t-saoghal fhein na leabhraichean, a rachadh a sgriobhadh, a chumail. Rinn mi chiad leabhar, O Theophiluis, mu na nichean uile, a thòisich Iosa ri dhianamh ʼs ri theagasg, Gus an latha air na thogadh suas e, an deigh dha fhaintean a thoirt leis an Spiorad Naomh do na h-ostail a thagh e; Us dha na dhʼ fhiach e e fhein beo as deigh a phàis le ioma dearbhadh, ga fhiachuinn fhein dhaibh ré dhà-fhichead latha, ʼsa labhairt mu rioghachd Dhe. ʼSa g-icheadh maille riu, dhʼàithn e orra gun iad a dhʼ fhalbh bho Ierusalem, ach iad a dhʼfheitheamh ri gealltanas an Athar, a chuala sibh (os esan) bho mʼ bhialsa: Oir bhaist Eoin gu dearbh le uisge, ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh beagan laithean an deigh so. Uime sin dhʼfharraid iadsan, a bha cruinn, dheth, a g-radh: A Thighearna, an ann san àm so a thilleas tu an rioghachd do Israel? Ach thuirt e riu: Cha bhuin e dhuibhse fios a bhith agaibh air na h-amannan no air na mionaidean, a chuir an t-Athair ʼna chomas fhein: Ach gheobh sibh cumhachd an Spioraid Naoimh a tighinn nuas oirbh, us bithidh sibh ʼnur fianuisean dhomhsa ann an Ierusalem, agus ann an Iudéa uile, agus an Samaria, agus gu ruig iomall an t-saoghail. Agus nuair a thuirt e na nichean so, thogadh suas e, ʼs iadsan ga fhaicinn; us thug nial e as an sealladh. ʼS nuair a bha iad a g-amharc air a dol suas do fhlathanas, seall, sheas lamh riu dithis dhaoine an deiseachan geala, A thuirt: Fheara Ghalile, ciod h-uige tha sibh ʼnur seasamh a coimhead suas gu neamh? Iosa so, a thugadh bhuaibh do fhlathanas, thig e mar a chunnaic sibh e dol suas do fhlathanas. An sin thill iad gu Ierusalem, bho ʼn t-sliabh ris an abrar Olibhet, a tha teann air Ierusalem, uidhe latha sàbaid bhuaithe. Us nuair thainig iad a stigh, chaidh iad suas do sheomar uachdrach, far an robh Peadar ʼs Eoin, Seumas us Aindris, Philip us Tomas, Bartholomé us Matha, Seumas Alpheuis, us Simon Selotes, agus Iudas brathair Sheumais, a tuinidh. Bha iad so uile a buanachadh a dhʼaon inntinn ann an urnaigh, maille ris na boirionnaich, agus Moire mathair Iosa, ʼsa bhraithrean. Anns na laithean sin dhʼ eirich Peadar am miadhon nam braithrean, us thuirt e (a nis bha cruinn mun cuairt do chiad agus fichead pearsa): Fheara agus a bhraithrean, is còir an sgriobtur a bhith air a choimhlionadh, a roimh-labhair an Spiorad Naomh le bial Dhài mu Iudas, a bha ʼna cheann-iuil dhaibh-san a ghlac Iosa: A bha air a chunntadh ʼnar measg-ne, ʼs aig an robh pairt de ʼn driachd so. Agus fhuair e gu dearbh seilbh air achadh le duais na h-eucorach, agus air dha bhith air a chrochadh, sgain e sa mhiadhon; agus thaom a mhionach uile mach. Agus rinneadh so follaiseach do luchd-comhnuidh Ierusalem air fad, air chor ʼs gun abrar ʼnan canan-sa ris an achadh sin, Haceldama, se sin ri radh achadh na fala. Oir tha e sgriobhte ann an leabhar nan salm: Biodh an aite-comhnuidh fàs, agus na gabhadh neach air bith tamh ann; us faigheadh fear eile ʼeasbuigeachd. Air an aobhar sin feumar fear dhe na daoine so, a bha comhla ruinn ré na tìme san robh an Tighearna Iosa a dol a stigh ʼsa mach comhla ruinn, A tòiseachadh aig baisteadh Eoin, gus an latha air na thogadh bhuainn e, a dhianamh ʼna fhianuis comhla ruinne air ʼaiseirigh. Agus shonraich iad a mach dithis, Ioseph, ris an canar Barsabas, dha ʼn co-ainm Iustus, agus Mathias. ʼSa g-urnaigh thuirt iad: Thusa, a Thighearna, dha ʼn aithne cridheachan dhaoine uile, fiach co dhe ʼn dithis so a thagh thu, A ghabhail aite an fhrithealaidh so ʼs na h-ostalachd, bho ʼn do thuit Iudas le dhrochbheart, gus e dhol gu aite fhein. Agus thug iad crainn daibh; us thuit an crann air Mathias, agus mheasadh e an aireamh an aon ostail dhiag. Us nuair choimhlionadh lài na caingis, bha iad uile cruinn an aon aite; Agus ghrad-thainig fuaim bho neamh mar de ghaoith ro laidir a tighinn, us lion i an tigh uile anns an robh iad ʼnan suidhe. Us chunnacas leo teangannan sgoilte mar gum bʼ ann de theine, agus shuidh e air gach aon dhiu; Agus lionadh iad uile leis an Spiorad Naomh, us thòisich iad air labhairt le ioma seorsa theangan, a reir ʼs mar thug an Spiorad Naomh dhaibh ri labhairt. A nis bha Iudhaich a tamh ann an Ierusalem, daoine crabhach dhe ʼn h-uile cinneadh a tha fo ʼn athar. ʼS nuair a sgaoil an sgial so mach, thionail an sluagh, ʼs bha iad fo imcheist ʼnan inntinn, a chionn ʼs gun cual a h-uile fear iad a labhairt ʼna chanan fhein. ʼS bha iad uile fo uamhas, agus fo ioghnadh, a g-radh: Seall, nach Galiléich na daoine so uile a tha labhairt? Agus ciamar chuala sinn gach aon ar canan fhein anns an dʼ rugadh sinn? Parthich, us Medich, ʼs Elamitich, agus luchd-comhnuidh Mhesopotamia, Iudéa, agus Chapadocia, Phontuis, us Asia, Phrigia, agus Phamphilia, na h-Eipheit, ʼs an roinn sin de Libia, a tha mun cuairt do Chiréné, agus coigrich bho ʼn Roimh, Iudhaich cuideachd, us feadhainn a thionndaidh, Cretich, us Arabaich, chuala sinn iad a labhairt ʼnar canan fhein oibrichean iongantach Dhe. Agus bha iad uile lan uamhais agus ioghnaidh, a g-radh ri cheile: Ciod is ciall dha so? Ach thuirt feadhainn eile, a magadh: Tha na daoine so lan de dhʼ fhion ùr. An sin thog Peadar, ʼs e ʼna sheasamh comhla ris na h-aon-diag, a ghuth, us thuirt e riu: A dhaoine Iudéa, agus sibhse uile, a tha tamh ann an Ierusalem, biodh fios agaibh air so, agus le ʼr cluasan gabhaibh ri mʼ bhriathran. Oir cha n-eil iad so air mhisg, mar tha sibhse a saoilsinn, ʼs nach eil ann ach an treas uair dhe ʼn latha: Ach se so an ni a labhradh leis an fhaidh Ioel: Agus tachraidh anns na laithean deireannach (os an Tighearna): taomaidh mi mach dhe mʼ Spiorad air a h-uile feoil; us ni ur mic agus ur nigheanan faisneachd, agus chi ur daoine oga seallaidhean, us bruadaraidh ur seann daoine bruadaran. Agus gu fior air na laithean sin taomaidh mi mach dhe mʼ Spiorad air mo sheirbhisich, ʼs air mo bhan-sheirbhisich, agus ni iad faisneachd; Us fiachaidh mi beartan iongantach air neamh shuas, agus comharraidhnean air talamh shios, fuil, agus teine, agus toit deathaich. Tionndaidhear a ghrian gu dorchadas, ʼsa ghealach gu fuil, mun tig latha mor agus follaiseach an Tighearna. Agus tachraidh, gum bi a h-uile h-aon, a ghairmeas air ainm an Tighearna, sabhailte. Sibhse, fheara Israil, eisdibh ris na facail so: Iosa bho Nasareth, duine taitneach le Dia ʼnur measg, leis na miarailtean, ʼs na beartan iongantach, ʼs na comharraidhnean a rinn Dia leis ʼnur measg, mar tha fios agaibhse; A cheart dhuine so, air dha bhith air a liubhairt seachad le comhairle shuidhichte, ʼs le roimh-eolas De, cheus sibhse agus mharbh sibh le lamhan dhroch dhaoine; Esan thog Dia suas, air dha doruinnean iutharna fhuasgladh, thaobh nach bʼ urrainn dasan a bhith air a chumail leis. Oir tha Dài a g-radh uime: Chunnaic mi an Tighearna daonnan romh mo ghnuis: oir tha e air mo laimh dheis, gus nach gluaisear mi: Air son so rinneadh mo chridhe aoibhneach, agus ghabh mo theanga aiteas, a thuilleadh air so gabhaidh mʼ fheoil fois ann an dochas: A chionn ʼs nach fag thu mʼ anam an ifrinn, ʼs nach leig thu le tʼ Aon Naomh truailleachd fhaicinn. Rinn thu aithnichte dhomh slighean na beatha: us lionaidh tu mi le sòlas do ghnuis. Fheara ʼsa bhraithrean, leigibh leam labhairt ribh gu dana mu ʼn phriomh-athair Dài, gun dʼfhuair e bàs, ʼs gun do thiodhlaiceadh e; agus gus an latha an diugh tha uaigh maille ruinn. Uime sin bhon a bha e ʼna fhaidh, us fios aige gun do mhionnaich Dia dha le mionn, gun suidheadh fear air a chathair de thoradh a leasraidh, A faicinn so roimh-laimh, labhair e mu aiseirigh Chriosta, chionn cha dʼfhagadh esan an ifrinn, ʼs cha mhua chunnaic fheoil truailleachd. Thog Dia suas an t-Iosa so rithist, ni air a bheil sinne uile ʼnar fianuisean. Uime sin le esan a bhith air ardachadh le laimh dheis De, agus air faighinn bho ʼn Athair gealltanas an Spioraid Naoimh, thaom e mach so, a tha sibhse a faicinn ʼsa cluinntinn. Oir cha deachaidh Dài suas gu neamh: ach thuirt e fhein: Thuirt an Tighearna ri mo Thighearna: Suidh air mo laimh dheis, Gus an dian mi do naimhdean ʼnan stol chas dhut. Uime sin biodh lan-chinnteas aig tigh Israil uile, gun dʼ rinn Dia mar-aon Tighearna agus Criosta dhe ʼn dearbh Iosa so a cheus sibhse. A nis air dhaibh na nichean so chluinntinn, ghabh iad aithreachas goirt ʼnan cridhe, us thuirt iad ri Peadar, ʼs ris a chuid eile de na h-ostail: A dhaoine ʼsa bhraithre, ciod a ni sinn? Ach thuirt Peadar riu: Gabhaibh aithreachas, agus biodh gach aon agaibh air a bhaisteadh an ainm Iosa Criosta gu mathanas ur peacannan; agus gheobh sibh tiodhlac an Spioraid Naoimh. Oir tha an gealltanas dhuibhse, us dha ʼr cloinn, agus dhaibhse uile a tha fad as, ge bith iad a ghairmeas an Tighearna ar Dia. Agus le moran tuille bhriathran thug e teisteanas, agus chomhairlich e iad, a g-radh: Sabhailibh sibh fhein bho ʼn ghinealach choirbte so. Iadsan ma ta a ghabh ri fhacal, chaidh am baisteadh; agus an latha sin fhein chuireadh ri ʼn aireamh mun cuairt do thri mile anam. Agus sheas iad gu buan ann an teagasg nan ostal, ʼs an comanachadh bristeadh an arain, agus ann an urnaigh. Agus thuit fiamh air a h-uile anam: us rinneadh moran mhiarailtean agus chomharraidhnean leis na h-ostail ann an Ierusalem, ʼs bha eagal mor orra uile. Us bha iadsan uile, a bha creidsinn, comhla, ʼs bha h-uile ni aca coichionta. Reic iad an seilbh ʼs am maoin, agus roinn iad orra uile iad, a reir uireasuidh gach aon. ʼSa buanachadh a h-uile latha a dhʼ aon inntinn san teampull, ʼsa bristeadh arain bho thigh gu tigh, ghabh iad am biadh le sòlas ʼs le aon-fhillteachd cridhe, A moladh Dhe, us measail aig an t-sluagh uile. Agus leasaich an Tighearna gach latha aireamh na feadhnach a bhiodh air an sabhaladh. A nis chaidh Peadar us Eoin suas do ʼn teampull aig an naoitheamh uair de ʼn urnaigh: ʼS bha fear araid, a bha crubach bho bhroinn a mhathar, air a ghiulan; bhathas ga chur gach latha aig geata an teampuill, ris an abrar Sgeimheach, gus e deirc iarraidh air an fheadhainn a bha dol a stigh do ʼn teampull. Nuair chunnaic esan Peadar us Eoin a teannadh ri dol a stigh do ʼn teampull, dhʼ iarr e deirc fhaighinn. Ach Peadar maille ri Eoin a toirt geur-shula air, thuirt e: Amhairc oirnne. Agus sheall esan gu durachdach orra, an duil ri rudeigin fhaighinn bhuatha. Ach thuirt Peadar: Airgiod no òr cha n-eil agam: ach an ni thʼ agam, bheir mi dhut e: An ainm Iosa Criosta bho Nasareth, eirich agus imich. ʼSa breith air a laimh dheis, thoge suas e; us ghrad-neartaicheadh a luirgnean ʼsa chasan. Agus a leum suas, sheas agus choisich e; ʼs chaidh e stigh comhla riu do ʼn teampull, a coiseachd, ʼsa leum, ʼsa moladh Dhe. Agus chunnaic an sluagh uile e a coiseachd, ʼsa moladh Dhe. Agus dhʼ aithnich iad e, gum bʼ e a bha ʼna shuidhe a g-iarraidh deirce aig geata Sgeimheach an teampuill; us lionadh iad le mor ioghnadh ʼs le uamhas thaobh an ni a bhʼ air tachairt dha. Us nuair bha e cumail Pheadair us Eoin, ruith an sluagh uile le mor ioghnadh gan ionnsuidh gus am for-dhorus, ris an canar for-dhorus Sholomoin. Ach Peadar a faicinn so, fhreagair e an sluagh: Fheara Israil, car-son a tha sibh a gabhail iongantais á so, no car-son a tha sibh a g-amharc oirnn, mar gum bʼann le ʼr neart, no le ʼr cumhachd fhein, a thug sinn air an duine so imeachd? Se Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iacoib, Dia ar n-aithrichean, a ghloraich a Mhac Iosa, a liubhair sibhse seachad gu dearbh, ʼsa dhʼ aicheadh sibh air bialaobh Philait, a thug breth gum bu chòir a leigeadh as. Ach dhʼ aicheadh sibhse an t-Aon naomh agus ceart, us dhʼ iarr sibh murtair a thoirt dhuibh: Ach mharbh sibh ughdair na beatha, a thog Dia bho na mairbh, air a bheil sinne ʼnar fianuisean. Agus tromh chreideamh ʼna ainm, ainm a neartaich an duine so, a chunnaic sibh ʼsa bʼ aithne dhuibh; agus thug an creideamh, a tha troimhsan, an t-slainte choimhlionta so ʼnur sealladh-sa uile. Agus a nis, a bhraithre, tha fios agam gun dʼ rinn sibh so le aineolas, agus ur riaghladairean mar an ciadna. Ach choimhlion Dia mar so na dhʼ innis e roimh laimh le bial nam faidhean uile, gum fuiligeadh a Chriost-san. Air an aobhar sin gabhaibh aithreachas, us bithibh air ur n-iompachadh gus ur peacannan a bhith air an dubhadh as; Los nuair thig amannan an fhaothachaidh bho lathair an Tighearna, ʼsa chuireas e h-ugaibh esan, a chaidh shearmonachadh dhuibh, Iosa Criosta, A dhʼ fheumas flathanas gu dearbh a ghabhail gu tìmean ath-shuidheachadh gach uile ni, a labhair Dia le bial fhaidhean naomh bho thoiseach. Oir thuirt Maois: Togaidh an Tighearna ur Dia suas dhuibh faidh dhe ʼr braithrean, coltach riumsa, eisdidh sibh ris-san anns a h-uile ni, ge bith iad, a their e ribh. Agus tachraidh, gun sgriosar á miadhon an t-sluaigh a h-uile anam nach eisd ris an fhaidh sin. Agus dhʼ innis na faidhean uile, a labhair bho Shamuel ʼs ʼna dheigh, mu na laithean so. Is sibhse clann nam faidh ʼs an tiomnaidh, a rinn Dia ri ʼr n-aithrichean, a g-radh ri Abraham: Agus ann ad shliochd-sa bithidh uile fhineachan an talmhuinn air am beannachadh. Dia a togail suas a Mhic dhuibhse an toiseach, chuir e gus ur beannachadh e, gus gach aon a thionndadh bho a dhrochbheart. Agus nuair a bha iad a labhairt ris an t-sluagh, thainig na sagairt, us riaghladair an teampuill, agus na Sadusaich orra, ʼS iad duilich gun robh iad a teagasg an t-sluaigh, agus a searmonachadh ann an Iosa aiseirigh bho na mairbh; Us chuir iad lamh unnta, agus chuir iad am priosan iad gus an ath latha: oir bʼ e nis am feasgar a bhʼ ann. Agus chreid moran dhiubh-san a chual am facal; us bʼ e an aireamh coig mile fear. Us thachair air an là ʼr na mhaireach, gun do thionail ri cheile am priomh-dhaoine, ʼs na seanairean, ʼs na Sgriobhaich ann an Ierusalem: Agus Annas an t-ard-shagart, us Caiphas, us Eoin, us Alastair, ʼsa mhiad ʼsa bha de chinneadh an ard-shagairt. ʼS gan cur sa mhiadhon, dhʼ fharraid iad: Ciod a chumhachd, no ciod an t-ainm anns an dʼ rinn sibh so? An sin thuirt Peadar, ʼs e lan de ʼn Spiorad Naomh, riu: Sibhse, a riaghladairean an t-sluaigh agus a sheanairean, eisdibh: Ma tha sinne an diugh ri ar ceasnachadh a thaobh an deagh ghniomha a rinneadh do ʼn duine euslan, ciamar a rinneadh slan e, Biodh fios agaibh uile, agus aig sluagh Israil gu leir, gur h-ann an ainm ar Tighearna Iosa Criosta bho Nasareth, a cheus sibhse, ʼsa thog Dia bho na mairbh, seadh troimh-san tha an duine so ʼna sheasamh slan air ur bialaobh. Si so a chlach a dhiultadh leibhse na clachairean, a rinneadh ʼna ceann na h-oisne: ʼS cha n-eil sabhaladh ann an neach air bith eile. Oir cha n-eil ainm air bith eile fo neamh air a thoirt do dhaoine, leis am faod sinn a bhith sabhailte. A nis a faicinn misneach Pheadair us Eoin, ʼsa tuigsinn gum bu daoine gun fhaghlum gun eolas iad, ghabh iad iongantas, us dhʼ aithnich iad iad, gun robh iad air a bhith comhla ri Iosa: ʼSa faicinn a bharr air sin an duine a chaidh a leigheas ʼna sheasamh comhla riu, cha bʼ urrainn daibh ni a radh ʼna aghaidh. Ach dhʼ orduich iad dhaibh dol a mach as a chomhairle; agus labhair iad eatorra fhein, A g-radh: Ciod a ni sinn ris na daoine so? oir gu fior rinneadh leo miarailt follaiseach do luchd-comhnuidh Ierusalem air fad: tha e soilleir, ʼs cha n-urrainn duinn aicheadh. Ach a chor ʼs nach sgaoil e nas fhaide measg an t-sluaigh, bagramaid orra gun iad a labhairt ri duine air bith tuilleadh anns an ainm so. ʼS gan gairm, mhaoidh iad orra, gun iad a labhairt idir, no a theagasg an ainm Iosa. Ach fhreagair Peadar us Eoin, us thuirt iad riu: Thugaibhse breth, ma tha e ceart an lathair Dhe eisdeachd ribhse a raghainn air Dia: Oir cha n-urrainn duinn gun na nichean a chunnaic ʼsa chuala sinn a labhairt. Ach an deigh bagradh orra, leig iad air falbh iad, chionn nach robh iad a faighinn doigh air an smachdachadh as leth an t-sluaigh: oir bha daoine uile a moladh an ni a rinneadh thaobh mar bha e air tachairt. Oir bha an duine fos cionn dàfhichead bliadhna a dhʼ aois, air an dʼ rinneadh an leigheas miarailteach so. ʼS air faighinn an cead, thainig iad a dhʼ ionnsuidh am muinntir fhein; us dhʼ innis iad dhaibh a h-uile ni, a thuirt na h-ard-shagairt, ʼs na seanairean riu. Nuair chuala iadsan so, a dhʼ aon inntinn thog iad suas an guth ri Dia, us thuirt iad: A Thighearna, is tu esan a rinn neamh agus talamh, a mhuir, ʼs gach ni a thʼ unnta; A thuirt leis an Spiorad Naomh le bial ar n-athar Dài, do sheirbhiseach: Car-son a dhʼ eirich na cinnich ʼnam boile, ʼsa dhealbh an sluagh nichean faoin? Sheas righrean an talmhuinn suas, us chruinnich na h-uachdrain ri cheile an aghaidh an Tighearna, ʼs an aghaidh a Chriosta. Oir gu dearbh chruinnich ri cheile sa bhaile so Herod, us Pontius Pilat, comhla ris na cinnich agus sluagh Israil an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dhʼ ung thu, A dhianamh na dhʼ orduich do lamh agus do chomhairle a bhith diante. A nis, a Thighearna, seall air am bagradh, agus deonaich dha dʼ sheirbhisich tʼ fhacal a labhairt le lan mhisnich, Le dʼ lamh a shìneadh a mach gu leigheasan, agus gu comharraidhnean, agus gu miarailtean a bhith air an dianamh tromh ainm do Mhic naoimh Iosa. ʼS air dhaibh an urnaigh a radh, ghluaiseadh an t-aite anns an robh iad cruinn; agus lionadh iad uile leis an Spiorad Naomh, us labhair iad facal De gu misneachail. ʼS aig co-thional nan creideach cha robh ach aona chridhe agus aon anam; ʼs cha mhua bha a h-aon aca g-radh gum bu leis fhein ni air bith a bha e sealbhachadh, ach bha h-uile ni coitchionn aca. Agus le mor-chumhachd thug na h-ostail fianuis air aiseirigh Iosa Criosta, ar Tighearna; agus bha grasan mora unnta uile. ʼS cha mhua bha neach air bith uireasach ʼnam measg. Oir a mhiad ʼsa bha ʼnan sealbhadairean fearainn no thighean, reic iad iad, ʼs thug iad leo pris na chaidh reiceadh, Agus chuir iad aig casan nan ostal i. Agus chaidh a roinn air gach aon a reir fheumalachd. Agus Ioseph, air an tug na h-ostail Barnabas mar cho-ainm (se sin air eadar-theangachadh, mac na furtachd), lebhiteach, a rugadh ann an Ciprus, Reic e fearann a bhʼ aige, us thug e leis a phrìs, agus chuir e aig casan nan ostal i. Ach reic duine araid, dha ʼm bʼ ainm Ananias, maille ri mhnaoi Sapphira, fearann, Agus le foill ghleidh e roinn de phrìs an fhearainn le fios dha mhnaoi; ʼsa toirt a chorr leis, chuir e aig casan nan ostal e. Ach thuirt Peadar: Ananiais, car-son a bhuair Satan do chridhe, gu briag a dhianamh do ʼn Spiorad Naomh, us gu roinn de phris an fhearainn a chumail le foill? Fhad ʼsa bha e agad nach bu leat fhein e? ʼs an deigh a reiceadh nach robh e na dʼ chomas fhein? Car-son a dhealbh thu so na dʼ chridhe? Cha n-ann do dhaoine, ach, do Dhia a rinn thu briag. Us Ananias a cluinntinn nam facal so, thuit e sios, agus thilg e an anail. Us thuit eagal mor orrasan uile a chuala e. ʼS na daoine oga a g-eirigh suas, thug iad air falbh e, ʼs ga ghiulan a mach, dhʼ adhlaic iad e. Agus mu thri uairean an deigh sin, thainig a bhean a stigh, ʼs i gun fhios aice ciod a bhʼ air tachairt. Us thuirt Peadar rithe: Innis dhomh, a bhoirionnaich, an ann air an urad so a reic sibh am fearann? Agus thuirt ise: ʼSann air an urad sin. An sin thuirt Peadar rithe: Car-son a chord sibh ri cheile gu Spiorad an Tighearna a bhuaireadh? Faic aig an dorus casan na feadhnach a thiodhlaic tʼ fhear, us giulanaidh iad a mach thusa. Agus ghrad-thuit i sios aig a chasan, us thilg i an anail. Agus na daoine oga a tighinn a stigh, fhuair iad marbh i; us ghiulain iad a mach i, agus thiodhlaic iad i lamh ri a fear. Us thuit eagal mor air an eaglais uile, us orrasan uile a chuala na nichean so. Agus le lamhan nan ostal rinneadh ioma miarailt agùs comharradh am measg a phobuill. Us bha iad uile a dhʼ aon inntinn ann am for-dhorus Sholomoin. Ach cha robh a chridhe aig aon de chàch dol ʼnan cuideachd: ach bha an sluagh gam moladh gu mor. Us bha aireamh nan daoine ʼs nam mnathan, a chreid anns an Tighearna, a sior-mhiadachadh; Ionnus gun tug iad a mach na daoine tinn thun nan straidean, agus gun do chuir iad air leabaichean ʼs air uirighean iad, los, air tighinn do Pheadar, gun cuireadh fhaileas an car is lugha sgàil air feareigin dhiu, ʼs gum biodh iad air an leigheas bho ʼn eugailean. Agus ghreas mor-shluagh mar an ciadna as na bailtean sa choimhearsnachd gu Ierusalem, a toirt leo nan daoine tinne, agus iadsan a bha air an sarachadh le spioraid neo-ghlan; us chaidh an leigheas uile. An sin dhʼ eirich an t-ard-shagart agus iadsan uile a bha comhla ris (se sin eiriceachd nan Sadusach), us lionadh iad le gamhlas; Agus chuir iad na h-ostail an laimh, us chuir iad sa phriosan chumanta iad. Ach dhʼ fhosgail aingeal an Tighearna am priosan san oidhche, ʼs gan toirt a mach, thuirt e: Falbhaibh, us labhraibh ʼnur seasamh san teampull ris an t-sluagh briathran uile na beatha so. Chaidh iadsan, air dhaibh so chluinntinn, much sa mhaduinn a stigh do ʼn teampull, agus theagaisg iad. Ach thainig an t-ard-shagart us iadsan a bha comhla ris, agus ghairm iad a chomhairle agus seanairean chlann Israil uile ri cheile; us chuir iad do ʼn phriosan gus an toirt ʼnan lathair. Ach air do na maoir a ruighinn ʼs am priosan fhosgladh, cha dʼ fhuair iad ann iad, agus a tilleadh air ais, dhʼ innis iad, A g-radh: Am priosan gu dearbh fhuair sinn duinte gu ro-thiaruinte, ʼs an luchd-faire ʼnan seasamh aig na dorsan: ach ga fhosgladh, cha dʼ fhuair sinn duine a stigh. A nis nuair a chuala riaghladair an teampuill ʼs na h-ardʼ-shagairt na facail so, bha iad an teagamh mu ʼn deidhinn, ciod a thachradh. Ach thainig duine, us dhʼinnis e dhaibh: Seall, na daoine a chuir sibh am priosan, tha iad ʼnan seasamh san teampull ʼsa teagasg an t-sluaigh. An sin chaidh an riaghladair cuide ris na maoir, agus thug iad leo iad gun ainneart: oir bha fiamh an t-sluaigh orra eagal gun clachte iad. ʼS air dhaibh an toirt leo, chuir iad air bialaobh na comhairle iad; agus dhʼ fharraid an t-ard-shagart dhiu, A g-radh: A g-orduchadh nach tug sinn ordugh dhuibh gun bhith teagasg san ainm so; agus, seall, tha sibh air Ierusalem a lionadh le ʼr teagasg; agus tha mhiann oirbh fuil an duine so leagadh oirnne. Ach thuirt Peadar ʼs na h-ostail, ʼs iad a freagairt: Is còir dhuinn a bhith umhailt do Dhia a raghainn air daoine. Thog Dia ar n-aithrichean Iosa suas, a chuir sibhse gu bàs ga chrochadh ri crann. Dhʼardaich Dia esan le ʼlaimh dheis ʼna phrionns agus ʼna shlanair, gu aithreachas a thoirt do Israel, us mathanas pheacannan. Agus tha sinne ʼnar fianuisean air na nichean so, agus an Spiorad Naomh, a thug Dia dhaibhse uile a tha umhailt dha. Nuair chuala iad na nichean so, bha iad air an gonadh, agus smaoinich iad an cur gu bàs. Ach dhʼeirich sa chomhairle Phairiseach araid, dha ʼm bʼ ainm Gamaliel, fear-teagaisg an lagha, ʼsa bha measail aig an t-sluagh uile, agus dhʼorduich e na daoine a chur mach car tamuill; Us thuirt e riu: Fheara Israil, thugaibh an aire dhuibh fhein, ciod a tha ʼnur beachd a dhianamh a thaobh nan daoine so. Oir romh na laithean so dhʼeirich Theodas, a g-radh, gum bu neach-eigin mor e fhein, leis-san dhʼaontaich aireamh dhaoine mun cuairt do cheithir chiad: chaidh esan a mharbhadh; agus sgaoileadh iadsan uile a bha creidsinn ann, us thainig iad gu neoni. As a dheighse dhʼeirich Iudas bho Ghalile, ann an laithean gabhail nan ainmean, us tharruinne sluagh ʼna dheigh: chaidh esan cuideachd a dhith; agus sgapadh iad uile a mhiad ʼsa dhʼaontaich leis. ʼSa nis ma ta, tha mise g-radh ribh: Sguiribh dhe na daoine so, agus leigibh leo: oir ma tha chomhairle so, ʼno an obair so bho dhaoine, thig e gu neoni: Ach ma tha e bho Dhia; cha n-urrainn duibh cur as da, air eagal gum faighear sibh ma dhʼfhaoidte a cath an aghaidh Dhe. Agus dhʼ aontaich iad leis. ʼSa gairm nan ostal a stigh, an deigh an sgiursadh, bhac iad dhaibh labhairt idir an ainm Iosa, agus leig iad as iad. ʼS gu dearbh chaidh iadsan bho bhialaobh na comhairle lan aighir air son gum bʼairidh iad air taire fhulang air son ainm Iosa. ʼSa h-uile latha san teampull, ʼs bho thigh gu tigh, cha do sguir iad a theagasg ʼsa shearmonachadh Iosa Criosta. Agus anns na laithean sin, nuair bha aireamh nan deisciopul a miadachadh, dhʼeirich monmhur nan Greigeach an aghaidh nan Eabhrach, a thaobh gun dʼrinneadh dearmad air am bantraichean anns an riarachadh lathail. An sin ghairm na dhà-dhiag mor-bhuidhean nan deisciopul cruinn, us thuirt iad: Cha n-eil e ceart sinne dhʼfhagail facal De, ʼsa fhrithealadh do bhuird. Air an aobhar sin, a bhraithre, seallaibh ʼnur measg fhein air son seachdnar dhaoine aig am beil deagh ainm, agus lan de ʼn Spiorad Naomh, ʼs de ghliocas, a dhʼ orduicheas sinn thairis air an obair so. Ach leagaidh sinne ar n-aire gu buileach air urnaigh, ʼs air frithealadh an fhacail. Us thaitinn an seanachas ris a chuideachda uile. Agus thagh iad Stephan, duine lan de chreideamh ʼs de ʼn Spiorad Naomh, us Philip, us Prochorus, us Nicanor, us Timon, us Parmenas, us Nicolas á Antioch, fear a thionndaidh. Iad so chuir iad air bialaobh nan ostal, us iadsan a dianamh urnaigh, chuir iad an lamhan orra. Agus chinnich facal an Tighearna, us lionoraicheadh aireamh nan deisciopul ann an Ierusalem gu ro-mhor; agus bha buidhean mhor de na sagairt umhailt do ʼn chreideamh. Agus rinn Stephan, ʼs e lan de ghrasan ʼs de neart, miarailtean, agus comharran mor am measg an t-sluaigh. A nis dhʼeirich cuid de ʼn t-sinagog, ris an abrar na Saoranaich, ʼs na Cirenich, ʼs na h-Alesandraich, agus dhiusan a bha bho Shilicia, agus Asia, a dheaspud ri Stephan; ʼS cha bʼ urrainn daibh cur an aghaidh a ghliocais, ʼs an spioraid a bha labhairt. An sin thug iad ceannach do dhaoine a theireadh, gun cuala iad e a g-radh facail bhlaisbheum an aghaidh Mhaois ʼs an aghaidh Dhe. Mar sin ghluais iad an sluagh, ʼs na seanairean, ʼs na Sgriobhaich; ʼsa ruith cuideachd, rug iad air, ʼs thug iad air bialaobh na comhairle e. Agus thug iad a stigh fianuisean-breige, a thuirt: Cha n-eil tamh air an duine so ach a labhairt bhriathran an aghaidh an ionaid naoimh agus an lagha. Oir chuala sinn e g-radh, gun sgrios Iosa so bho Nasareth an t-aite so, ʼs gun atharraich e na bial-aithrisean, a liubhair Maois dhuinn. Us chunnaic iadsan uile, a bha ʼnan suidhe sa chomhairle, ʼs iad a g-amharc air, ʼaodann mar aodann aingil. An sin thuirt an t-ard-shagart: An ann mar so tha chuis? Fhreagair esan: A dhaoine a bhraithre, agus aithrichean, eisdibh: Thaisbean Dia na glorach e fhein dha ʼr n-athair Abraham, nuair bha e ann am Mesopotamia, mun do thuinich e ann an Caran, Agus thuirt e ris: Falbh a mach á do dhuthaich fhein us á do chinneadh, agus thig gus an talamh a dhʼ fhiachas mi dhut. An sin chaidh e mach á talamh nan Caldéanach, us thamh e ann an Caran. ʼS an deigh bàs athar, chuir e air imrich á sin e gus an talamh sam beil sibhse a nis a tamh. ʼS cha tug e oighreachd dha ann, cha tug uibhir ʼs ceum coise: ach gheall e a thoirt ʼna sheilbh dha, agus dha shliochd ʼna dheigh, ʼs e fhathast gun mhac. Us thuirt Dia ris: Gun tuinicheadh a shliochd ann an duthaich choigrich; ʼs gun dianadh iad traillean dhiu, ʼs gun dianadh iad droch càradh orra fad cheithir chiad bliadhna: ʼS air a chinneadh, dha ʼn dian iad seirbhis, bheir mise binn, os an Tighearna; agus ʼnan deigh so theid iad a mach, us ni iad seirbhis dhomhsa san aite so. Us thug e dhaibh cumhnant an timchioll-ghearraidh; ʼs mar sin ghineadh Isaac dha, us thimchioll-ghearr e e air an ochdamh latha, agus do Isaac ghineadh Iacob; agus do Iacob an dà phriomh-athair dhiag. Agus le brosnachadh an fharmaid reic na priomh-aithrichean Ioseph do ʼn Eiphit; us bha Dia maille ris-san. Agus liubhair e e bho chruaidh chàsan uile; ʼs thug e meas us gliocas dha an lathair Pharao righ na h-Eiphit, us dhʼorduich esan e ʼna uachdran air an Eiphit, agus air a thigh uile. A nis thainig gorta air an Eiphit uile, ʼs air Canaan, agus amhghar mor, ʼs cha robh biadh ri fhaighinn le ʼr n-aithrichean. Ach nuair chuala Iacob gun robh arbhar san Eiphit, chuir e air falbh ar n-aithrichean an toiseach; ʼS an ath thurus rinneadh Ioseph aithnichte dha bhraithrean, agus rinneadh a chinneadh aithnichte do Pharao. ʼSa cur fios bhuaithe, ghairm Ioseph ʼathair, Iacob, ʼsa chinneadh uile, tri fichead anam ʼsa coig diag. Mar sin chaidh Iacob sios do ʼn Eiphit, us fhuair e fhein agus ar n-aithrichean bàs. Agus dhʼatharraicheadh iad gu Sichem, us chuireadh iad anns an uaigh, a cheannaich Abraham air suim airgid bho mhic Hemoir ʼic Shichem. ʼS nuair a tharruinn àm a ghealltanais faisg, a gheall Dia do Abraham, chinn an sluagh us dhʼ fhas iad lionor san Eiphit, Gus an dʼ eirich righ eile anns an Eiphit, dha nach bʼ aithne Ioseph. Chaith e so foill air a chinneadh againne, agus shàraich e ar n-aithrichean, a toirt orra an naoidheana chur a mach gus nach biodh iad air an cumail beo. ʼS an àm chiadna rugadh Maois, us thaitinn e ri Dia, agus chaidh altrum tri miosan an tigh ʼathar. Agus nuair a chuireadh a mach e, thog nighean Pharao e, us bheathaich i e mar a mac fhein. ʼS bha Maois air ionnsachadh ann an uile ghliocas nan Eiphiteach; ʼs bha e cumhachdach ʼna bhriathran ʼs ʼna ghniomhran. ʼS nuair a lan-choimhlion e dàfhichead bliadhna dhʼ aois, thainig e ʼna chridhe dhol a shealltuinn air a bhraithrean, clann Israil. ʼS nuair chunnaic e fear àraidh a fulang eucoire, dhion e e, ʼsa bualadh an Eiphitich, rinn e diughaltas dhasan, a dhʼ fhuilig an eucoir. Us bha e am beachd gun robh a bhraithrean a tuigsinn gur h-ann le laimhse a shaoradh Dia iad: ach cha do thuig iadsan. ʼS an ath latha dhʼ fhiach e e fhein dhaibh, ʼs iad a consachadh; agus bha e gan reiteachadh gu sith, a g-radh: A dhaoine, is braithrean sibh, car-son tha sibh a dochnadh a cheile? Ach dhʼ ùp am fear, a rinn an eucoir air a choimhearsnach, air falbh e, a g-radh: Co dhʼ orduich thusa na tʼ uachdran ʼs na dʼ bhritheamh fos ar cionn? An e gur aill leat mise mharbhadh, mar a mharbh thu an t-Eiphiteach an dé? Theich Maois as leth an fhacail so; us bha e ʼna choigreach ann an tir Mhadiain, far na ghineadh dithis mhac dha. ʼS air do dhàfhichead bliadhna ruith, chunnacas leis ann am fasach beinn Shina aingeal ann an lasair theine ann am preas. Us ghabh Maois, ri faicinn so, ioghnadh as an t-sealladh; ʼs air da tarruinn dluth gu beachd a ghabhail air, thainig guth an Tighearna ga ionnsuidh, a g-radh: Is mise Dia tʼ aithrichean, Dia Abrahaim, Dia Isaic, agus Dia Iacoib. Agus bu dàna le Maois, ʼs e fo bhall-chrith, amharc. Us thuirt an Tighearna ris: Fuasgail do bhrogan dhe dʼ chasan: oir is talamh naomh an t-aite sam beil thu na dʼ sheasamh. A faicinn chunnaic mi amhghar mo phobuill a tha san Eiphit, us chuala mi an osnaich, agus thainig mi nuas gus an saoradh. Agus a nis thig, us cuiridh mi do ʼn Eiphit thu. ʼSa cheart Mhaois so, a dhiult iad, a g-radh: Co dhʼ orduich thusa gu bhith na dʼ phrionns ʼs na dʼ bhritheamh? Esan chuir Dia, le laimh an aingil, a chunnacas leis sa phreas, gu bhith ʼna phrionns ʼs ʼna fhear-saoraidh. Thug esan a mach iad, a dianamh mhiarailtean us chomharran an talamh na h-Eiphit, agus anns a Mhuir ruaidh, agus anns an fhasach fad dàfhichead bliadhna. Se so cheart Mhaois, a thuirt ri clann Israil: Togaidh Dia suas dhuibh faidh dhe ʼr braithrean fhein coltach riumsa, eisdidh sibh ris-san. Se so esan a bha san eaglais anns an fhasach maille ris an aingeal, a labhair ris air sliabh Shina, us ri ʼr n-aithrichean, a fhuair facail na beatha gus an toirt dhuinne. Dha nach bʼ aill le ʼr n-aithrichean a bhith umhailt; ach dhʼ ùp iad bhuapa e, agus ʼnan cridheachan thill iad do ʼn Eiphit, A g-radh ri Aaron: Dian diathan dhuinn a theid romhainn: oir a thaobh a Mhaois so, a thug a mach sinn á talamh na h-Eiphit, cha n-eil fhios againn ciod a dhʼ eirich dha. Us rinn iad laogh sna laithean sin, agus thairg iad suas iobairt do ʼn iodhol, ʼs ghabh iad toileachadh á gniomhran an lamhan fhein. Agus thionndaidh Dia, us thug e thairis iad gu aoradh a dhianamh do dhʼ armailt neamh, mar tha sgriobhte an leabhar nam faidh: Na thairg sibh tobhartasan agus iobairtean dhomhsa ré dhàfhichead bliadhna san fhasach, O thigh Israil? ʼS ghabh sibh h-ugaibh paillion Mholoich, agus neul ur dè Rempham, iomhaighean a rinn sibh gu aoradh a thoirt daibh. Us cuiridh mi air fogradh sibh gu taobh thall Bhabiloin. Bha paillion an teisteanais maille ri ʼr n-aithrichean anns an fhasach, mar a dhʼ òrduich Dia dhaibh, ʼs e labhairt ri Maois, gun dianadh e e a reir an t-samplair a bha e air fhaicinn. ʼS ar n-aithrichean ga ghabhail, thug iad stigh e maille ri Iosa gu sealbh nan cinneach, a thilg Dia mach romh ghnuis ar n-aithrichean, gu laithean Dhài, A fhuair meas an lathair Dhe, ʼsa bha an geall air paillion fhaighinn do Dhia Iacoib. Ach thog Solomon tigh dha. Ach cha n-eil an Tì is airde a tamh ann an tighean a thogar le lamhan, mar a tha am faidh a g-radh: Se neamh mo chathair, agua an talamh stol mo chas. Ciod an tigh a thogas tu dhomhsa, os an Tighearna? no ciod e aite mʼ fhoise? Nach i mo lamh a rinn na nichean so uile? Tha sibhse, a dhaoine rag-mhuinealach, neo-thimchioll-ghearrte an cridhe ʼs an cluasan, daonnan a cur an aghaidh an Spioraid Naoimh; mar a rinn ur n-aithrichean, is amhuil sin sibhse cuideachd. Co de na faidhean air nach dʼ rinn ur n-aithrichean geur-leanmhuinn? Agus mharbh iad an fheadhainn a dhʼ innis roimh laimh mu thighinn an Aon Naoimh, air a bheil sibhse a nis ʼnur brathadairean ʼs ʼnur murtairean; A fhuair an lagh le frithealadh ainglean, ʼs nach do chuin e. A nis a cluinntinn nan nichean so, bha iad air an gonadh ʼnan cridhe, us chas iad am fiaclan ris. Ach air dhasan, ʼs e lan de ʼn Spiorad Naomh, amharc gu durachdach suas gu neamh, chunnaic e gloir Dhe, Iosa ʼna sheasamh air deas laimh Dhe. Us thuirt e: Seall, tha mi faicinn neamh fosgailte, agus Mac an duine ʼna sheasamh air deas laimh Dhe. Agus iadsan, a g-eigheach le guth ard, dhuin iad an cluasan, ʼsa dhʼ aon run leum iad air ʼnan deann. ʼS ga thilgeadh a mach as a bhaile, chlach iad e, agus leag na fianuisean sios an aodach aig casan oganaich, dha ʼm bʼ ainm Saul. Agus chlach iad Stephan, us esan a guidhe ʼsa g-radh: A Thighearna Iosa, glac mo spiorad. ʼSa tuiteam air a ghluinean, dhʼ eigh e le guth ard, a g-radh: A Thighearna, na cuir am peacadh so as an leth. Agus nuair thuirt e so, chaidil e san Tighearna. Us bha Saul a g-aontachadh ri bhàs. Agus rinneadh anns an àm sin geur-leanmhuinn mhor an aghaidh na h-eaglais a bha ann an Ierusalem, agus sgapadh iad uile, ach na h-ostail, air feadh dhuchannan Iudéa us Shamaria. Agus ghabh daoine crabhach curam dhe Stephan thaobh a thiodhlaiceadh, us rinn iad moran caoidh fos a chionn. Ach bha Saul a sgriosadh na h-eaglais, a dol bho thigh gu tigh ʼsa slaodadh a mach fhirionnach agus bhoirionnach, ʼs gan sparradh am priosan. Chaidh iadsan ma ta, a sgapadh, mun cuairt a searmonachadh facal De. Agus Philip a dol sios gu baile Shamaria, theagaisg e Criosta dhaibh. Agus leag an sluagh an aire air na nichean bha Philip a labhairt, gan eisdeachd a dhʼ aon aigne, ʼsa faicinn nam miarailtean a rinn e. Oir chaidh na spioraid neoghlan a mach á moran anns an robh iad, a glaodhaich le guth ard. ʼS chaidh moran air an robh an tinneas-critheach, ʼsa bha bacach, a leigheas. Uime sin bha aoibhneas mor anns a bhaile sin. A nis bha duine araid, dha ʼm bʼ ainm Simon, a bha roimh sin ʼna dhraoidh sa bhaile sin, a mealladh muinntir Shamaria, a g-radh gum bu neach-eigin mor e fhein; Dha ʼn tug iad uile cluas bho ʼn bheag gus a mhor, a g-radh: Se am fear so cumhachd Dhe, ris an abrar mor. Agus thug iad eisdeachd dha, a chionn ʼs gun robh e air am buidseachadh fad moran uine le dhraoidheachd. Ach nuair a chreid iad Philip a teagasg mu rioghachd Dhe, bhaisteadh iad eadar dhaoine us mhnathan ann an ainm Iosa Criosta. An sin chreid Simon fhein; ʼs an deigh dha bhith air a bhaisteadh, dhluth-lean e ri Philip. ʼS ri faicinn nan comharran ʼs nam miarailtean a rinneadh, ghlac ioghnadh us uamhas e. A nis nuair a chuala na h-ostail, a bha ann an Ierusalem, gun do ghlac Samaria facal De, chuir iad Peadar us Eoin gan ionnsuidh. ʼS nuair a thainig iad, ghuidh iad air an son gum faigheadh iad an Spiorad Naomh: Oir cha tainig e fhathast air a h-aon diu, ach bha iad air am baisteadh a mhain an ainm an Tighearna Iosa. An sin leag iad an lamhan orra, us ghlac iad an Spiorad Naomh. ʼS nuair a chunnaic Simon gun robhas a toirt seachad an Spioraid Naoimh le leagadh lamhan nan ostal, thairg e airgiod dhaibh, A g-radh: Thugaibh dhomhsa cuideachd a chumhachd so, gun glac neach air bith air an cuir mi mo lamhan an Spiorad Naomh. Ach thuirt Peadar ris: Rachadh tʼ airgiod a dhith maille riut fhein: a chionn gun do shaoil thu gum faoidte gibht Dhe a cheannach le airgiod. Cha n-eil cuid no crannchur agad san teagasg so: oir cha n-eil do chridhe treibhdhireach an lathair Dhe. Gabh aithreachas ma ta as do dhrochbheart so; agus guidh air Dia, fiach ma dhʼ fhaoidte gum mathar dhut smaoineachadh so do chridhe. Oir tha mi faicinn gum beil thu ann an domblas na seirbhe ʼs an cuibhrichean an uilc. An sin Simon a freagairt, thuirt e: Guidhibhse an Tighearna as mo leth, gus nach tig ni orm de na nichean sin a thuirt sibh. ʼ S gu deimhinn an deigh dhaibh fianuis a thoirt, us facal an Tighearna labhairt, thill iad gu Ierusalem, agus shearmonaich iad an soisgeul ann am moran de dhuchannan nan Samaritanach. An sin labhair aingeal an Tighearna ri Philip, a g-radh: Eirich, us theirig gu deas thun an rathaid a tha gabhail sios bho Ierusalem do Ghasa: a tha ʼna fhasach. ʼSa g-eirigh, dhʼ fhalbh e. Agus seall, bha fear á Ethiopia, caillteanach ro chumhachdach fo Chandase, banrighn nan Ethiopianach, a bha fos cionn a h-iuntasan uile, air tighinn gu Ierusalem a thoirt aoraidh: Agus bha e tilleadh ʼna shuidhe ʼna charbad, ʼsa leughadh an fhaidh Isaias. Us thuirt an Spiorad ri Philip: Theirig am faisg, agus dluthaich ris a charbad sin. ʼS air do Philip ruith ga ionnsuidh, chual e e leughadh an fhaidh Isaias, us thuirt e: An saoil thu gum beil thu tuigsinn na tha thu leughadh? Thuirt esan: Ciamar is urrainn domh, mar seol cuideigin mi? Us dhʼ iarr e air Philip tighinn an aird, agus suidhe comhla ris. Agus bʼ e so an t-aite de ʼn sgriobtur a bha e leughadh: Thugadh e mar chaora thun na casgairt; ʼs mar uan gun ghuth romh an rusgadair, mar sin cha dʼfhosgail e bhial. Ann an irioslachd thugadh air falbh a bhreitheanas. Co dhʼ innseas a ghinealach, oir bheirear a bheatha dhe ʼn talamh? ʼS thuirt an Caillteanach, ʼs e freagairt Philip: Guidheam ort, co uime a tha ʼm faidh a labhairt so? an ann mu dheidhinn fhein, no mu neach-eigin eile? An sin dhʼ fhosgail Philip a bhial, ʼsa toiseachadh aig an sgriobtur so, theagaisg e Iosa dha. Agus rainig iad, ʼs iad a gabhail an rathaid, uisge araid; us thuirt an Caillteanach: Seall uisge, ciod tha bacadh mi bhith air mo bhaisteadh? Us thuirt Philip: Ma tha thu creidsinn le tʼ uile chridhe, tha e ceadaichte. Us thuirt esan, ʼs e freagairt: Tha mi creidsinn gur e Iosa Criosta Mac De. Agus dhʼ orduich e do ʼn charbad stad; us theirinn iad le cheile sios do ʼn uisge, Philip agus an Caillteanach, agus bhaist e e. ʼS air dhaibh tighinn a nios as an uisge, thug Spiorad an Tighearna Philip air falbh, ʼs cha n-fhaca an Caillteanach e tuilleadh. Us ghabh e air a shlighe le aoibhneas. Agus fhuaras Philip ann an Asotos, ʼsa gabhail air adhart, shearmonaich e an soisgeul do na bailtean uile, gus an dʼ rainig e Cesaréa. Agus chaidh Saul, ʼs e fhathast a seideadh bhagradh us casgairt an aghaidh deisciopuil an Tighearna, thun an ard-shagairt, Agus dhʼ iarr e litrichean air gu Damascus thun nan sinagog; los, nam faigheadh e firionnaich us boirionnaich de ʼn aidmheil so, gun tugadh e an geimhlean iad do Ierusalem. ʼS nuair a bha e air a thurus, thachair gun robh e teannadh air Damascus; us air ball dhealraich solus bho neamh mun cuairt da. ʼSa tuiteam air an làr, chual e guth a cantuinn ris: A Shauil, a Shauil, car-son a tha thu dianamh geur-leanmhuinn ormsa? Thuirt esan: Co thu, a Thighearna? Us fhreagair e: Is mi Iosa, air a bheil thusa dianamh geur-leanmhuinn. Is cruaidh dhut breabadh an aghaidh a ghatha. Thuirt esan, ʼs e air chrith agus fo fhuathas: A Thighearna, ciod is aill leat mi dhianamh? Us thuirt an Tighearna ris: Eirich, us falbh a stigh do ʼn bhaile, agus innsear dhut an sin ciod is còir dhut a dhianamh. Us bha na daoine a bha comhla ris ʼnan seasamh lan ioghnaidh, a cluinntinn guth gu dearbh, ach gun duine fhaicinn. Agus dhʼ eirich Saul bho ʼn talamh, ʼs ged dhʼ fhosgail a shuilean cha bu leir dha ni. Ach a breith air laimh air, stiuir iadsan e gu Damascus. ʼS bha e an sin tri laithean gun fhradharc, agus cha dʼ ith e agus cha dʼ ol. A nis bha deisciopul araid ann an Damascus, dha ʼm bʼ ainm Ananias: us thuirt an Tighearna ris ann an sealladh: Ananiais. Us thuirt esan: Seall mi ʼn so, a Thighearna. Us thuirt an Tighearna ris: Eirich, us falbh gus an t-straid ris an canar Direach, us iarr ann an tigh Iudais fear ris an abrar Saul bho Tharsus: oir seall, tha e ri urnaigh. (Agus chunnaic e fear, Ananias air ainm, a tighinn a stigh, ʼsa cur a lamhan air, los gum faigheadh e a fhradharc.) Ach fhreagair Ananias: A Thighearna, chuala mi bho mhoran mu ʼn duine so a mhiad ʼsa rinn e dhʼ olc air do naoimh ann an Ierusalem; Agus tha ordugh an so aige bho na h-ard-shagairt air a h-uile h-aon a cheangal, a tha gairm air tʼ ainmse. Ach thuirt an Tighearna ris: Falbh: oir is saghach taghte an duine so dhomhsa, gu mʼ ainm a ghiulan air bialaobh chinneach, us righrean, us chlann Israil. Oir fiachaidh mise dha cia mor na nichean a dhʼ fheumas e fhulang as leth mʼ ainmse. Us dhʼ fhalbh Ananias, agus chaidh e stigh do ʼn tigh; ʼsa leagadh a lamhan air, thuirt e: A bhrathair Shauil, chuir an Tighearna Iosa, a nochd e fhein dhut san rathad air an robh thu tighinn, mise gus thu dhʼ fhaighinn do fhradhairc, ʼsa bhith air do lionadh leis an Spiorad Naomh. Agus ghrad-thuit bho shuilean mar gum biodh ann lannan, agus fhuair e fhradharc, ʼsa g-eirigh suas, bhaisteadh e. ʼS nuair a ghabh e biadh, fhuair e furtachd. Us bha e beagan laithean comhla ris na deisciopuil, a bha ann an Damascus. ʼS air ball shearmonaich e Iosa sna sinagogan, gur e esan Mac Dhe. ʼS bha iadsan uile, a chual e fo ioghnadh, ʼsa g-radh: Nach e so esan a bha toirt sgriosa ann an Ierusalem orrasan, a bha gairm air an ainm so, ʼsa thainig an so a dhʼ aona ghnothach gus an tarruinn an geimhlean thun nan ard-shagart? Ach ʼsann bu treasa gu mor a chinn Saul, agus chuir e na h-Iudhaich ann an Damascus ʼnam breislich, a comhdach orra gur e so an Criosta. Agus air do mhoran laithean a ruith, chuir na h-Iudhaich an comhairle ri cheile gum marbhadh iad e. Ach rinneadh am feall-fhalach aithnichte do Shaul. Oir chum iad faire air na geataichean a latha ʼsa dhʼ oidhche, los a bheatha ghabhail. Ach na deisciopuil ga thoirt leo san oidhche, ʼs ga chur ann an cliabh, leig iad sios thar a bhalla e. ʼS air dha Ierusalem a ruighinn, thug e ionnsuidh air dol an cuideachda nan deisciopul: ach bha sgàth orra uile roimhe, thaobh ʼs nach robh iad a creidsinn gum bu deisciopul e. Ach ghabh Barnabas e, us thug e thun nan ostal e; us dhʼ aithris e dhaibh mar a chunnacas leis air an t-slighe an Tighearna, a labhair ris cuideachd, agus mar dhʼ oibrich e gu misneachail ann an Damascus an ainm Iosa. Agus bha e dol a stigh ʼsa dol a mach cuide riu ann an Ierusalem, ʼsa g-oibreachadh gu misneachail an ainm an Tighearna. Labhair e ris na cinnich cuideachd, agus bha e deaspud ris na Greigich: ach bha iadsan an geall air a mharbhadh. Nuair fhuair na braithrean fios air so, thug iad sios e do Chesaréa, agus chuir iad air falbh e gu Tarsus. A nis bha sith aig an eaglais air feadh Iudéa uile, us Ghalile, us Shamaria, agus chinn i a g-imeachd an eagal an Tighearna, agus lionadh i le sòlas an Spioraid Naoimh. Us thachair, nuair bha Peadar a falbh gan coimhead uile, gun dʼ rainig e na naoimh, a bha tamh an Lidda. ʼS fhuair e duine araid an sin, dha ʼm bʼ ainm Enéas, ʼna laidhe air a leabaidh bho chionn ochd bliadhna, air an robh a chrith. Us thuirt Peadar ris: Enéais, tha ʼn Tighearna Iosa Criosta ga dʼ leigheas: eirich, us càirich do leaba. Agus dhʼ eirich e san uair. Agus chunnaic luchd-comhnuidh Lidda us Sharoin uile e; agus thionndaidh iad ris an Tighearna. Agus bha ban-dheisciopul araid ann an Ioppe, dha ʼm bʼ ainm Tabitha, se sin ri radh air eadar-theangachadh Dorcas. Bha i so lan de dheagh oibrichean, ʼs de dheirc a bha i toirt seachad. Agus thachair anns na laithean sin, air do thinneas a bualadh, gun do chaochail i. ʼS an deigh dhaibh a nigheadh, chuir iad ann an seomar uachdrach i. Agus bho na bha Lidda teann air Ioppe, chuir na deisciopuil, ʼs iad air cluinntinn gun robh Peadar an sin, dithis ga ionnsuidh, a guidhe air: Na dian moille na dʼ thighinn ga ʼr n-ionnsuidh. Agus Peadar a g-eirigh, chaidh e comhla riu. ʼS nuair a rainig e, thug iad e gus an seomar uachdrach; agus sheas na bantraichean uile mun cuairt da a gal, ʼsa fiachuinn dha nan cotaichean, ʼs nan deiseachan a rinn Dorcas dhaibh. ʼS an deigh an cur uile mach, chaidh Peadar air a ghluinean, agus rinn e urnaigh; ʼsa tionndadh ris a chorp, thuirt e: Thabitha, eirich. Us dhʼ fhosgail i a suilean; ʼsa faicinn Pheadair, dhʼ eirich i ʼna suidhe. ʼSa toirt dhi a laimhe, thog e suas i. ʼS air dha na naoimh ʼs na bantraichean a ghairm, liubhair e dhaibh i beo. Us rinneadh so follaiseach feadh Ioppe uile; agus chreid moran anns an Tighearna. Agus thachair gun dʼ fhuirich e moran laithean ann an Ioppe comhla ri Simon araid, fear-cartadh-leathrach. Agus bha duine araid ann an Cesaréa, dha ʼm bʼ ainm Cornelius, ceannard-ciad na buidhne, ris an abrar Eadailteach, Duine crabhach, ʼs duine anns an robh eagal De maille ri thigh uile, a bha toirt moran deirce seachad do ʼn t-sluagh, ʼsa dianamh urnaigh ri Dia gun lasachadh: Chunnaic esan gu soilleir ann an sealladh, mun cuairt do ʼn naoitheamh uair de ʼn latha, aingeal De a tighinn ga ionnsuidh, ʼsa g-radh ris: A Chorneliuis. Agus ri fhaicinn ghlacadh esan le eagal, us thuirt e: Ciod e, a Thighearna? Us thuirt e ris: Dhʼ eirich tʼ urnaighean ʼs do dheirc suas mar chuimhneachan an lathair Dhe. Agus cuir daoine a nis gu Ioppe, us gairm an so Simon àraid, dha ʼn co-ainm Peadar: Tha e ʼna aoidh aig Simon araid, fear-cartadh-leathrach, aig a bheil a thigh ri taobh na mara: innsidh esan dhut ciod is còir dhut a dhianamh. ʼS nuair a dhʼ fhalbh an t-aingeal a labhair ris, ghairm e dithis de fhir-muinntir a thighe, agus saighdear anns an robh eagal an Tighearna, dhiusan a bha fo ʼriaghladh. Agus air dha a chuis uile aithris dhaibh, chuir e iad gu Ioppe. ʼS air an ath latha nuair a bha iad a triall air an turus ʼsa tarruinn teann air a bhaile, chaidh Peadar mu ʼn t-siathamh uair do bhraighe an tighe a dhianamh urnaigh. ʼSa faireachduinn an acrais, bha toil aige blasad air rudeigin. Ach nuair a bha iadsan a deasachadh, thainig plathadh-inntinn air. Agus chunnaic e neamh fosgailte, us seorsa de shaghach a tearnadh mar lionart mhor air a leigeil sios bho neamh gu talamh air a ceithir oisinnean, Anns an robh a h-uile seorsa de bheathaichean ceithir-chasach, ʼs de bheistean snàgach an talmhuinn, ʼs de dhʼ eoin an athair. Agus thainig guth ga ionnsuidh: Eirich, a Pheadair, marbh, agus ich. Ach thuirt Peadar: Gum bu fada bhuam e, a Thighearna: oir cha dʼ ich mi riamh ni coichionta no neo-ghlan. ʼSa rithist an darna uair labhair an guth ris: Na ghlan Dia, na gairm thusa coichionta. Agus rinneadh so tri uairean; us ghrad-thogadh an saghach suas gu neamh. ʼSam feadh a bha Peadar an teagamh ann fhein ciod bu bhrigh do ʼn t-sealladh a chunnaic e, seall, bha na daoine, a chuireadh bho Chornelius, aig an dorus, a faighneachd air son tigh Shimoin. ʼS nuair a rinn iad guth, dhʼ fharraid iad an robh Simon, dha ʼn co-ainm Peadar, a fuireach an sin. Ach san àm san robh Peadar a smaoineachadh air an t-sealladh, thuirt an Spiorad ris: Seall, tha triuir dhaoine ga dʼ shireadh: Eirich ma ta, gabh sios, us falbh comhla riu gun ag air bith: oir is mise a chuir iad air adhart. An sin Peadar a dol sios thun nan daoine, thuirt e: Seall, is mise an duine a tha sibh a sireadh: Ciod e an t-aobhar mun tainig sibh? Thuirt iad: Fhuair Cornelius, ceannard-ciad, duine ceart agus anns a bheil eagal De, ʼs aig a bheil deagh theisteanas bho chinneadh nan Iudhach uile, rabhadh bho aingeal naomh cur ga tʼ iarraidh gu thigh, agus facail a chluinntinn bhuat. An sin gan toirt a stigh, thug e fardach dhaibh. ʼS an ath latha dhʼ eirich e, us dhʼ fhalbh e comhla riu; agus chaidh cuid de na braithrean bho Ioppe maille ris. ʼS air an ath latha chaidh e stigh do Chesaréa. Agus bha Cornelius a feitheamh riu, ʼs e air gairm ri cheile a luchd-cinnidh ʼsa chairdean bu dilse. Us thachair, nuair bha Peadar a dol a stigh, gun deach Cornelius ʼna choinneamh, ʼsa tuiteam aig a chasan rinn e aoradh. Ach thog Peadar suas e, a g-radh: Eirich: is duine mi fhein cuideachd. ʼSa comhradh ris, chaidh e stigh, ʼs fhuair e moran a bha air cruinneachadh. Us thuirt e riu: Is aithne dhuibh cho graineil ʼsa tha e do dhuine a tha ʼna Iudhach companas a chumail ri coigreach, no tighinn ga ionnsuidh: ach dhʼ fhiach Dia dhomhsa, gun duine air bith a ghairm coichionta no neoghlan. Air an aobhar sin thainig mi gun ag air bith, nuair a chuireadh gam shireadh. Uime sin farraideam car-son a chuir sibh gam iarraidh? Us thuirt Cornelius: Bho chionn cheithir latha gus an uair so, bha mi aig an naoitheamh uair ri urnaigh na mʼ thigh; agus, seall, sheas duine am lathair an eideadh geal, us thuirt e: A Chorneliuis, dhʼ eisdeadh ri tʼ urnaigh, agus chuimhnicheadh do dheirc an lathair Dhe. Cuir ma ta gu Ioppe, agus gairm an so Simon, dha ʼn co-ainm Peadar: tha e ʼna aoidh an tigh Shimoin, fear-cartadh-leathrach, aig taobh na mara. Uime sin chuir mi gun dàil ga dʼ shireadh; agus is math rinn thu tighinn. A nis ma ta tha sinn uile ad lathair a dhʼ eisdeachd ris a h-uile ni a dhʼ orduicheadh dhut leis an Tighearna. An sin dhʼ fhosgail Peadar a bhial, us thuirt e: Gu firinneach tha mi tuigsinn nach eil Dia dianamh leth-bhreth air duine seach duine. Ach anns a h-uile cinneadh, tha am fear anns am beil fhiamh, ʼsa tha cur ceartais an gniomh, taitneach leis. Chuir Dia am facal gu cloinn Israil, a searmonachadh sithe tromh Iosa Criosta (is esan Tighearna gach ni). Is aithne dhuibh ciod am facal a tha air fhoillseachadh feadh Iudéa uile: oir thòisich e bho Ghalile, an deigh a bhaistidh a shearmonaich Eoin: Mar a dhʼ ung Dia Iosa bho Nasareth leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; chaidh esan mun cuairt a dianamh math, ʼsa leigheas gach aon a bha air an sàrachadh leis an deomhan: a chionn bha Dia maille ris. Agus tha sinne ʼnar fianuisean air na nichean sin uile, a rinn e ann an duthaich nan Iudhach, agus ann an Ierusalem; esan mharbh iadsan ga chrochadh ri crann. Thog Dia e so suas air an treas latha, agus dheonaich e a dhianamh follaiseach, Cha n-ann do ʼn t-sluagh uile, ach do dhʼ fhianuisean roimh-orduichte le Dia, dhuinne a dhʼ ich ʼsa dhʼ ol comhla ris an deigh dha eirigh bho na mairbh. Us dhʼ àithn e oirnn searmonachadh do ʼn t-sluagh agus fianuis a thoirt, gur esan a bha air orduchadh le Dia gu bhith ʼna bhritheamh air bheo ʼs air mhairbh. Air-san tha na faidhean uile toirt teisteanais gum faigh iadsan uile, a tha creidsinn ann, mathanas pheacannan ʼna ainm. ʼS nuair a bha Peadar a labhairt nam briathran so, thuirlinn an Spiorad Naomh orrasan uile a bha g-eisdeachd ris an fhacal. Agus ghabh creidich an timchioll-ghearraidh a thainig comhla ri Peadar ioghnadh, gun deach grasan an Spioraid Naoimh a dhoirteadh air na cinnich mar an ciadna. Oir bha iad gan cluinntinn a labhairt le teanganan, ʼsa toirt ard-urraim do Dhia. An sin fhreagair Peadar: An urrainn do dhuine air bith uisge a bhacail, los nach baistear iad so, a fhuair an Spiorad Naomh cho math ruinne? Agus dhʼ orduich e am baisteadh an ainm an Tighearna Iosa Criosta. An sin ghuidh iad air gum fuiricheadh e comhla riu beagan laithean. Agus chuala na h-ostail ʼs na braithrean, a bha an Iudéa, gun do ghabh na cinnich fhein ri facal De. ʼS nuair chaidh Peadar suas gu Ierusalem, rinn an fheadhainn a bha de ʼn timchioll-ghearradh consachadh ris, A g-radh: Car-son chaidh thu stigh gu daoine neo-thimchioll-ghearrte, ʼsa dhʼ ith thu comhla riu? Ach thòisich Peadar, agus mhinich e dhaibh ann an ordugh, a g-radh: Bha mi ann am baile Ioppe ri urnaigh, ʼs ann am plathadh-inntinn chunnaic mi sealladh, saghach araid a tearnadh, mar lionart mhor air a leigeadh a nuas bho neamh air a ceithir oisinnean, us thainig i gu ruig mise. A toirt sula innte, ghabh mi beachd, agus chunuaic mi beathaichean ceithir-chasach na talmhuinn, us ainmhidhean, us beistean snàgach, agus eoin an athair. Agus chuala mi cuideachd guth a g-radh rium: Eirich, a Pheadair; marbh, agus ith. Us thuirt mise: Na dianar leam sin, a Thighearna: oir cha deach aiteal coichionta no neoghlan riamh a stigh air mo bhial. Agus fhreagair an guth an darna uair bho neamh: Na ghlan Dia, na gairm thusa coichionta. Agus rinneadh so tri uairean; us ghabhadh a rithist an t-iomlan suas gu neamh. Agus seall, ʼsa cheart uair thainig triuir dhaoine thun an tighe anns an robh mi, a chuireadh h-ugam á Cesaréa. Us thuirt an Spiorad rium, mi dhol comhla riu gun ag air bith. Agus thainig mar an ciadna an t-siathnar bhraithrean so cuide rium, ʼs chaidh sinn a stigh do thigh an duine. Agus dhʼ innis e dhuinn mar a chunnaic e aingeal ʼna thigh, ʼna sheasamh ʼsa g-radh ris: Cuir gu Ioppe, agus gairm an so Simon, dha ʼn co-ainm Peadar, A labhras riut briathran leis an sabhailear thu fhein agus do thigh uile. ʼS nuair a theann mi ri labhairt, thuirlinn an Spiorad Naomh orra, mar oirnn fhein an toiseach. Agus chuimhnich mi air facal an Tighearna, mar a thuirt e: Bhaist Eoin gu dearbh le uisge, ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh. A nis ma thug Dia dhaibhse na grasan ciadna, a thug e dhuinne, a chreid anns an Tighearna Iosa Criosta, co mise gum bʼ urrainn domh Dia bhacadh? Nuair chual iad so, dhʼ fhan iad samhach; ʼs thug iad gloir do Dhia, a g-radh: Mar so thug Dia do na cinnich cuideachd aithreachas gu beatha. A nis shiubhail iadsan, a chaidh sgapadh leis a gheur-leanmhuinn a dhʼ eirich as leth Stephain, gu ruig Phenice, us Ciprus, us Antioch, gun am facal a labhairt ach ris na h-Iudhaich a mhain. Ach bha daoine araid dhiu bho Chiprus, agus bho Chiréné, a labhair, air dhaibh dol a stigh do dhʼ Antioch, ris na Greigich cuideachd, a searmonachadh an Tighearna Iosa. Agus bha lamh an Tighearna leo: us thionndaidh aireamh mhor de chreidich ris an Tighearna. Us thainig iomradh air so gu cluasan na h-eaglais a bha ann an Ierusalem; agus chuir iad Barnabas gu ruig Antioch. Air dhasan ruigheachd, us grasan De fhaicinn, ghabh e toileachas; agus bhrosnaich e iad uile gus an Tighearna leanail gu buan le run an cridhe. Oir bu duine e, a bha math agus lan de ʼn Spiorad Naomh ʼs de chreideamh. Us chuireadh moran sluaigh ris an Tighearna. Us chaidh Barnabas gu Tarsus a shireadh Shauil: ʼsan deigh dha fhaighinn, thug e e gu Antioch. Us bha iad an conaltradh ris an eaglais sin bliadhna shlan; us theagaisg iad moran sluaigh, air dhoigh ʼs gur h-ann an Antioch a thugadh Criostaidhean mar ainm air na deisciopuil an toiseach. Agus anns na laithean sin thainig faidhean bho Ierusalem gu Antioch. Us fear dhiu, dha ʼm bʼ ainm Agabus, a g-eirigh suas, dhʼ fhiach e tromh ʼn Spiorad gum biodh gorta mhor air feadh an domhain gu leir, ni a thachair ri linn Chlaudiuis. Agus chuir na deisciopuil rompa, gach aon a reir a chomais, cobhair a chur a dhʼ ionnsuidh nam braithrean a bha tamh ann an Iudéa: Ni mar an ciadna a rinn iad, ga chur le lamhan Bharnabais us Shauil thun nan seanair. San àm chiadna, shìn righ Herod a mach a lamh gu cuid dhe ʼn eaglais a dhochnadh. ʼS mharbh e Seumas, brathair Eoin, leis a chlaidheamh. ʼSa faicinn gun do thaitinn so ris na h-Iudhaich, chuir e roimhe Peadar a ghlacadh cuideachd. A nis bʼ iad laithean an arain neo-ghoirtichte a bhʼ ann. ʼS an deigh dha a ghlacadh, thilg e am priosan e, ga liubhairt do cheithir cheathrar shaighdearan gus a ghleidheadh, a cur roimhe a thoirt a mach do ʼn t-sluagh an deigh na casga. Ghleidheadh Peadar uime sin ann am priosan. Ach bha ʼn eaglais cur suas urnaigh gun lasachadh ri Dia air a shon. Us nuair bha Herod gu thoirt a mach, an oidhche sin fhein bha Peadar ʼna chadal eadar dà shaighdear ceangailte le dà shlabhruidh; ʼs bha an luchd-faire air bialaobh an doruis a gleidheadh a phriosain. Agus, seall, sheas aingeal an Tighearna lamh ris, agus shoillsich solus san t-seomar; ʼsa bualadh Pheadair san taobh, dhuisg e e, a g-radh: Eirich gu luath. Agus thuit na slabhruidhean dhe lamhan. Us thuirt an t-aingeal ris: Crioslaich thu fhein, ʼs cuir ort do chuarain. Us rinn e sin: Us thuirt e ris: Cuir tʼ eideadh umad, ʼs lean mise. ʼSa dol a mach lean e e, ʼs cha do mhuthaich e gun robh e fior na rinneadh leis an aingeal: ach shaoil leis gum fac e sealladh. ʼSa dol seachad air a chiad ʼs air an darna freiceadan, thainig iad thun a gheata iaruinn, a tha gabhail a dhʼ ionnsuidh a bhaile, a dhʼ fhosgail dhaibh leis fhein. ʼSa dol a mach, chaidh iad tromh aon straid; agus san uair dhealaich an t-aingeal ris. Agus thuirt Peadar, ʼs e tighinn h-uige fhein: Tha mi nis a lan-thuigsinn, gun do chuir an Tighearna aingeal bhuaithe, ʼs gun do shaor e mi á laimh Heroid, ʼs bho uile dhuil pobull nan Iudhach. ʼSa gabhail gu smaoineachadh, thainig e gu tigh Mairi mathair Eoin, dha ʼm bu cho-ainm Marcus, far an robh moran cruinn ʼs ri urnaigh. ʼS nuair a bha e bualadh aig dorus a gheata, thainig cailin, dha ʼm bʼ ainm Rodé, a dhʼ eisdeachd. Cha luaithe dhʼ aithnich i guth Pheadair, na ruith i le sòlas a stigh, gun an geata fhosgladh, a dhʼ innseadh gun robh Peadar ʼna sheasamh romh ʼn gheata. Ach thuirt iad rithe: Tha ʼn caothach ort. Ach chomhdaich ise gun robh a chuis mar sin. Thuirt iadsan an sin: Se an t-aingeal aige a thʼ ann. Ach bha Peadar a sior-bhualadh. ʼS air dhaibh fosgladh, chunnaic iad e, agus ghabh iad iongantas. Ach a smeideadh orra le ʼlaimh iad a bhith ʼnan tosd, dhʼ aithris e mar a thug an Tighearna mach as a phriosan e, us thuirt e: Innsibh na nichean so do Sheumas ʼs do na braithrean. ʼSa dol a mach, chaidh e gu aite eile. ʼS air tighinn do ʼn latha, bha upraid nach bu bheag am measg nan saighdearan, ciod a dhʼ eirich do Pheadar. Agus air do Herod a shireadh, ʼs nach dʼ fhuair e e, an deigh an luchd-faire a rannsachadh, dhʼ orduich e an cur gu bàs; ʼsa dol sios bho Iudéa do Chesaréa, rinn e comhnuidh an sin. ʼS bha fearg aige ri muinntir Thiruis us Shidoin. Ach thainig iadsan a dhʼ aon aigne ga ionnsuidh, ʼs air dhaibh Blastus, seomarlan an righ, a chosnadh dha ʼn taobh, dhʼ iarr iad sith, a chionn gun robh an duchannan air an àrach leis. ʼS air latha suidhichte, shuidh Herod sgeadaichte an earradh rioghail air cathair a bhreitheanais, ʼs rinn e deas-labhairt riu. Agus thog iad iolach: Se guth De a thʼ ann, ʼs cha ghuth duine. ʼS ghrad-bhuail aingeal an Tighearna e, a chionn nach tug e an onair do Dhia; agus dhʼ itheadh le cnuimheagan e, us thilg e an anail. Ach chinnich facal an Tighearna, agus lionsgair e. Us thill Barnabas agus Saul bho Ierusalem, ʼs iad air an seirbhis a choimhlionadh, a toirt leo Eoin, dha ʼn co-ainm Marcus. A nis bha san eaglais a bha an Antioch faidhean agus ollamhan, ʼnam measg sin bha Barnabas, agus Simon, ris an abrar Niger, agus Lucius bho Chirené, agus Manahen, a bha ʼna chomhalta Heroid an Tetrarch, agus Saul. ʼS nuair a bha iad a frithealadh do ʼn Tighearna, ʼsa trasgadh, thuirt an Spiorad Naomh riu: Cuiribh Saul ʼs Barnabas air leth dhomh air son na h-oibre, gus na shonraich mi iad. An sin air dhaibh trasgadh, ʼs urnaigh a dhianamh, agus an lamhan a chur orra, leig iad air falbh iad. Us chaidh iadsan, ʼs iad air an cur air an adhart mar so leis an Spiorad Naomh, do Sheleucia, agus á sin sheol iad gu Ciprus. ʼS nuair a thainig iad gu Salamina, shearmonaich iad facal De ann an Sinagogan nan Iudhach. ʼS bha Eoin aca cuideachd san fhrithealadh. Us nuair a shiubhail iad tromh ʼn eilean uile gu ruig Paphos, fhuair iad feareigin, a bha ʼna dhraoi, ʼna fhaidh-breige, ʼna Iudhach, dha ʼm bʼ ainm Bariésu, A bha comhla ris an uachdran Sergius Paulus, duine tuigseach. Air dhasan Barnabas agus Saul a ghairm ga ionnsuidh, bha toil aige facal De chluinntinn. Ach chuir Elimas an draoi (oir se sin an t-ainm aige air eadar-theangachadh,) ʼnan aghaidh, a sireadh an t-uachdran a thionndadh air falbh bho ʼn chreideamh. Ach Saul, se sin Pol, ʼs e lan de ʼn Spiorad Naomh, a leagail giar shula air, Thuirt e: O thusa, a tha lan de ʼn h-uile foill, ʼs de ʼn h-uile ceilg, a mhic an deomhain, a namhaid a h-uile ceartais, cha n-eil thu sgur de shlighean cearta an Tighearna fhiaradh. Us, seall, a nis tha lamh an Tighearna ort, ʼs bithidh thu dall, gun a ghrian fhaicinn car uine. ʼS ghrad-thuit ceo agus dubhar air; ʼsa dol mun cuairt shir e cuideigin a stiuradh air laimh e. An sin nuair chunnaic an t-uachdran na rinneadh, chreid e, a gabhail ioghnaidh ri teagasg an Tighearna. ʼS nuair sheol Pol us iadsan a bha cuide ris bho Phaphos, thainig iad gu Pergé ann am Pamphilia. Ach dhealaich Eoin riu, us thill e gu Ierusalem. Ach iadsan a gabhail tromh Phergé, thainig iad gu Antioch ann am Pisidia; ʼsa dol a stigh do ʼn t-sinagog air latha na sàbaid, rinn iad suidhe. ʼS an deigh leughadh an lagha, ʼs nam faidhean, chuir riaghladairean an t-sinagoig gan ionnsuidh, a g-radh: A dhaoine ʼsa bhraithre, ma tha facal air bith de dhʼ earail agaibh do ʼn t-sluagh, abraibh e. An sin Pol a g-eirigh, ʼsa smeideadh le ʼlaimh iad a bhith samhach, thuirt e: A dhaoine Israil, us sibhse air a bheil eagal De, eisdibh: Thagh Dia pobull Israil ar n-aithrichean, ʼs dhʼ ardaich e am pobull, nuair a bha iad a tamh an talamh na h-Eiphit, ʼs le gairdean treun thug e mach iad aisde. Agus fad dà fhichead bliadhna chuir e suas ri ʼm beusan anns an fhasach. ʼS nuair a sgrios e seachd cinnidhean an talamh Chanaain, roinn e am fearann-sa orra le crannchur, Mar gum bʼ eadh an ceann ceithir chiad agus leth-chiad bliadhna; ʼs an deigh so thug e dhaibh britheamhan gu Samuel am faidh. ʼS an deigh sin dh ʼiarr iad righ; us thug Dia dhaibh Saul mac Chis, fear dhà fhichead bliadhna, de threibh Bheniamin. ʼS nuair thugadh esan air falbh, thog e suas dhaibh Dài gu bhith ʼna righ: air an tug e teisteanas a g-radh: Fhuair mi Dài mac Iesse, duine a reir mo chridhe, a ni mʼ uile thoil. De shliochd-sa, a reir a gheallaidh, thog Dia suas do dhʼ Israel Slanair, Iosa, An deigh do Eoin, roimh a thighinn-sa, baisteadh an aithreachais a shearmonachadh do shluagh Israil uile. ʼS nuair bha Eoin a coimhlionadh a thuruis, thuirt e: Cha mhise esan a tha sibh a saoilsinn gur mi, ach seall, tha neach a tighinn as mo dheigh, nach airidh mi air brogan a chas fhuasgladh. Fheara ʼsa bhraithre, a chlann-stuic Abrahaim, ʼs gach aon ʼnur measg anns a bheil eagal De, ʼsann gu ʼr n-ionnsuidhse chaidh facal an t-sabhalaidh so a chur. Oir luchd-tuinidh Ierusalem, agus an riaghladairean, le cion eolais air-san, ʼs air facail nam faidhean, a thathas a leughadh gach sàbaid, le toirt binn air-san choimhlion iad iad. ʼS ged nach dʼ fhuair iad cuis-bhàis air bith ann, dhʼ iarr iad cead air Pilat a chur gu bàs. ʼS nuair a choimhlion iad a h-uile ni a bha sgriobhte mu dheidhinn, thug iad nuas bho ʼn chrann e, ʼs chuir iad ann an uaigh e. Ach thog Dia suas e bho na mairbh air an treas latha; agus chunnacas e fad moran laithean leo-san, A thainig suas comhla ris bho Ghalile do Ierusalem, a tha ʼnam fianuisean dha do ʼn t-sluagh gus an latha an diugh. Agus tha sinn a g-innse dhuibhse a gheallaidh sin a thugadh dha ʼr n-aithrichean: Gun do choimhlion Dia e dhuinne an clann-sa, le Iosa a thogail suas, mar a tha e sgriobhte san darna salm: Is tu mo mhac, an diugh ghin mi thu. Ach gun do thog e e bho na mairbh gun e a thilleadh bho sin suas tuille gu truailleachd, thuirt e mar so: Ni mi firinneach dhuibh geallaidhnean naomha Dhài. Us uime sin tha e g-radh an aite eile: Cha leig thu le tʼ Aon Naomh truailleachd fhaicinn. Oir an deigh do Dhài ʼna linn fhein frithealadh do thoil De, chaidil e; ʼs chuireadh e ri ʼaithrichean, agus chunnaic e truailleachd. Ach cha n-fhac esan a thog Dia bho na mairbh truailleachd. Biodh fios agaibh ma ta, fheara ʼsa bhraithre, gur ann troimhse a tha mathanas pheacannan air a shearmonachadh dhuibh; agus bho ʼn h-uile ni, bho nach bʼ urrainn duibh a bhith air ur naomhachadh le lagh Mhaois, Tha gach aon, a chreideas, air a naomhachadh leis-san. Thugaibh an aire ma ta nach eirich dhuibh na chaidh innse leis na faidhean: Faicibh, a luchd-taire, ʼs gabhaibh iongantas, agus theirigibh a dhith: oir oibrichidh mi obair ʼnur laithean, obair nach creid sibh, ged dhʼ innseadh duine air bith dhuibh e. ʼS nuair a bha iad a dol a mach, ghuidh iad orra na briathran ciadna labhairt riu air an ath shàbaid. Agus nuair a sgaoil an sinagog, lean moran de na h-Iudhaich, ʼs de na coigrich chrabhach Pol agus Barnabas: a labhair riu, gan comhairleachadh iad a sheasamh buan ann an grasan De. Ach air an ath shàbaid chruinnich am baile uile ach beag a dhʼ eisdeachd ri facal De. Ach air do na h-Iudhaich leithid de shluagh fhaicinn, lionadh iad le farmad, ʼs le blaisbheum chuir iad an aghaidh nan nichean a bha air an radh le Pol. An sin thuirt Pol us Barnabas gu misneachail: ʼSann dhuibhse a thigeadh oirnn facal De a labhairt an toiseach: ach a chionn gum beil sibh ga dhiultadh, ʼs gu ʼr meas fhein neo-thoillteanach air beatha shiorruidh, seall, tha sinn a tionndadh ris na cinnich. Oir ʼsann mar sin a dhʼ àithn an Tighearna oirnn: Chuir mi thu na dʼ sholus do na cinnich, gus thu bhith na dʼ shabhaladh gu iomall an talmhuinn. ʼS nuair chuala na cinnich so, ghabh iad toilinntinn, ʼs ghloraich iad facal an Tighearna; agus chreid a mhiad ʼsa bha air an roimh-orduchadh gu beatha shiorruidh. Agus bha facal an Tighearna air a sgaoileadh feadh na ducha gu leir. Ach bhrosnaich na h-Iudhaich boirionnaich chrabhach agus uasal, agus priomh-dhaoine a bhaile, us thog iad geur-leanmhuinn an aghaidh Phoil agus Bharnabais: us thilg iad a mach iad as an criochan. Ach chrath iadsan duslach an cas ʼnan aghaidh, agus thainig iad gu Iconium. Agus bha na deisciopuil air an lionadh le sòlas agus leis an Spiorad Naomh. Agus thachair ann an Iconium gun deach iad le cheile stigh do shinagog nan Iudhach, agus gun do labhair iad ann an seol ʼs gun do chreid ro-mhoran sluaigh de na h-Iudhaich araon ʼs de na Greigich. Ach bhrosnaich na h-Iudhaich, a bha mi-chreideach, us bhorbnaich iad gu feirg inntinn nan cinneach an aghaidh nam braithrean. A dhʼ aindeoin sin dhʼ fhuirich iad moran uine, a g-oibreachadh gu misneachail san Tighearna, a thug teisteanas do fhacal a ghras le deonachadh comharraidhnean, agus miarailtean a bhith diante le ʼn lamhan. ʼS bha sluagh a bhaile air an roinn; bha cuid gu dearbh air taobh nan Iudhach, agua cuid air taobh nan ostal. Ach nuair thugadh ionnsuidh leis na cinnich, us leis na h-Iudhaich maille ri ʼn riaghladairean, le beachd am maslachadh agus an clachadh, Bha iad ʼnam faireachadh, agus theich iad gu Listra agus Derbè, bailtean ann an Licaonia, ʼs gus an duthaich uile mun cuairt, agus bha iad ri obair an t-soisgeil an sin. ʼS bha duine araid ann an Listra ʼna shuidhe, gun lùs ʼna chasan, ʼs na chripleach bho bhroinn a mhathar, ʼs nach do choisich riamh. Chual am fear so Pol a labhairt. Agus esan a g-amharc air, ʼsa faicinn gun robh creideamh aige gu bhith air a leigheas, Thuirt e le guth ard: Eirich direach air do chasan. Us leum e suas, agus choisich e. ʼS nuair chunnaic an sluagh ciod a rinn Pol, thog iad an guth a cantuinn ann an canan Licaonia: Theirinn na diathan nuas gaʼr n-ionnsuidh an riochd dhaoine. Agus thug iad Iupiter air Barnabas, agus Mercurius air Pol: a chionn ʼs gum bʼ e am priomh fhear-labhairt e. A bharr air sin thug sagart Iupiteir, a bha mu choinneamh a bhaile, tairbh us fleasgan leis gu bialaobh a gheata, us bʼaill leis iobairt a thairgse suas comhla ris an t-sluagh. Ach cho luath ʼsa chuala na h-ostail, Barnabas agus Pol, so, riab iad an aodach, agus leum iad am measg an t-sluaigh, a glaodhaich, ʼSa g-radh: Fheara, car-son a tha sibh a dianamh so? Is daoine bàsmhor sinne, coltach ribh fhein, a tha teagasg dhuibh tionndadh bho na nichean faoin sin gus an Dia beo, a rinn neamh, agus talamh, agus a mhuir, agus gach ni a thʼ unnta: A leig, anns na linntinn a chaidh seachad, leis na cinnich uile imeachd ʼnan slighean fhein. An deigh sin uile cha dʼ fhag e e fhein gun theisteanas, a buileachadh math bho neamh, a toirt uisge agus aimsirean torach; a lionadh ar cridheachan le biadh ʼs le aoibhneas. Agus leis na nichean so radh, ʼsann air eiginn a chàisg iad an sluagh bho iobairt a thairgse dhaibh. A nis thainig Iudhaich araid á Antioch ʼs á Iconium; ʼs air dhaibh an sluagh a thoirt air an comhairle, chlach iad Pol, agus shlaod iad a mach as a bhaile e an dùil gun robh e marbh. Ach air cruinneachadh do na deisciopuil mun cuairt da, dhʼ eirich e, ʼs chaidh e stigh do ʼn bhaile; ʼs air an ath latha dhʼ imich e maille ri Barnabas gu Derbè. ʼS an deigh dhaibh an soisgeul a shearmonachadh do ʼn bhaile sin, us moran a theagasg, thill iad a rithist do Listra, ʼs do Iconium, ʼs do Antioch, A neartachadh anmannan nan deisciopul, ʼs gam brosnachadh gu leantuinn ris a chreideamh; ʼs gur ann tromh mhoran anshocair a dhʼ fheumas sinn dol a stigh do rioghachd Dhe. ʼS nuair a shuidhich iad sagairt daibh anns a h-uile eaglais, ʼsa chuir iad suas urnaigh le traisg, dhʼearb iad iad ris an Tighearna, anns na chreid iad. ʼSa gabhail tromh Phisidia, thainig iad gu Pamphilia. ʼS an deigh dhaibh facal an Tighearna a labhairt am Pergè, chaidh iad sios gu Attalia; Agus sheol iad á sin do Antioch, as na liubhradh iad do ghrasan De thun na h-oibre, a choimhlion iad. ʼS nuair a rainig iad, ʼsa chruinnich iad an eaglais, dhʼ aithris iad a mhiad sa rinn Dia leo, ʼs mar dhʼ fhosgail e dorus a chreidimh do na cinnich. Agus dhʼ fhuirich iad; uine nach bu bheag comhla ris na deisciopuil. Agus theagaisg cuid, a thainig a nuas bho Iudéa, do na braithrean: Mur teid ur timchioll-ghearradh a reir gnath Mhaois, cha n-urrainn duibh a bhith sabhailte. ʼS an deigh do Phol ʼs do Bharnabas consachadh nach bu bheag a chumail riu, chuir iad rompa, gun rachadh Pol agus Barnabas, us feadhainn araid bho ʼn taobh eile, suas do Ierusalem thun nan ostal ʼs nan sagart mu dheidhinn na ceisde so. Air dhaibhse ma ta bhith air an toirt air an adhart leis an eaglais, ghabh iad tromh Phenice agus Shamaria, a g-aithris tionndadh nan cinneach; agus thug iad toileachadh mor do na braithrean uile. Agus nuair a rainig iad Ierusalem, ghabhadh riu leis an eaglais, ʼs leis na h-ostail, agus leis na seanairean, ʼs iad a g-aithris nan nichean mora a rinn Dia leo. Ach dhʼ eirich cuid de dhʼeiriceachd nam Phairiseach, a bha sa chreideamh, a g-radh: Gum bu chòir an timchioll-ghearradh, agus orduchadh dhaibh cuideachd lagh Mhaois a chumail. Agus thionail na h-ostail ʼs na seanairean gus a chuis so rannsachadh: ʼS an deigh moran deaspuid, air eirigh do Pheadar, thuirt e riu: A dhaoine ʼsa bhraithrean, tha fios agaibh gun dʼ rinn Dia sna laithean bho shean raghainn ʼnar measg-ne, gun cluinneadh na cinnich facal an t-soisgeil á bhialsa, ʼs gun creideadh iad. Agus thug Dia, do ʼn aithne cridheachan, teisteanas, leis an Spiorad Naomh a thoirt dhaibh, direach mar dhuinne. ʼS eadar-dhealachadh sa bith cha dʼ rinn e eadar sinne agus iadsan, a glanadh an cridheachan le creideamh. A nis ma ta, car-son tha sibh a buaireadh Dhe, a cur cuinge air amhuichean nan deisciopul, nach bʼ urrainn ar n-aithrichean no sinne a ghiulan? Ach tha sinn a creidsinn gur ann tromh ghrasan an Tighearna Iosa Criosta a shabhailear sinn, amhuil us iadsan. Ach dhʼ fhan a chuideachda uile samhach; us dhʼ eisd iad ri Barnabas agus ri Pol a g-innse miad nan comharraidhnean ʼs nam miarailtean, a rinn Dia leo am measg nan cinneach. Agus an deigh dhaibhse bhith samhach, fhreagair Seumas, a g-radh: A dhaoine agus a bhraithrean, eisdibh riumsa: Dhʼ innis Simon mar a sheall Dia an toiseach, gu pobull a ghabhail de na cinnich dha ainm fhein. Agus ri so tha briathran nam faidhean a cordadh, mar tha e sgriobhte: ʼNan deigh so tillidh mi, us togaidh mi as ùr paillion Dhài, a thuit sios; agus togaidh mi rithist na tha leagte dheth, agus cuiridh mi suas e, Los gun iarr a chuid eile de dhaoine an Tighearna, agus na cinnich gu leir air an gairmear mʼ ainm, os an Tighearna a tha dianamh nan nichean so. Bho thoiseach an t-saoghail bʼ aithne doʼ n Tighearna obair fhein. Air an aobhar sin tha mise toirt breth, nach eil dragh ri chur orrasan, a tha air tionndadh ri Dia, de na cinnich: Ach sinn a sgriobhadh gan ionnsuidh, iad a sheachnadh truailleachd iodholan, agus striopachais, agus nichean tachdte, agus fala. Oir bho chian tha feadhainn aig Maois anns gach baile, a tha ga theagasg anns na sinagogan, far a bheileas ga leughadh air a h-uile sàbaid. A nis bʼ i toil nan ostal ʼs nan seanairean, maille ris an eaglais uile, daoine dhiu fhein a thaghadh, agus an cur do Antioch maille ri Pol us Barnabas, bʼ iad sin Iudas, dha ʼn co-ainm Barsabas, agus Silas, priomh-dhaoine am measg nam braithrean; A cur an sgriobhaidh so leo: Tha na h-ostail, ʼs na seanairean braithrean, a cur bheannachd a dhʼ ionnsuidh nam braithrean de na cinnich a tha an Antioch, ʼs an Siria, agus an Cilicia. A chionn gun cuala sinn gun do chuir daoine araid, a chaidh mach bhuainn, bruaidlein oirbh le ʼm briathran, a cur ur n-anman air aimhreidh, dha nach tug sinn ordugh air bith: Chunnacas iomchuidh leinne, air dhuinn a bhith cruinn a dhʼ aon bheachd, daoine a thaghadh, ʼs an cur gu ʼr n-ionnsuidh maille ri Barnabas us Pol, a tha ro ionmhuinn leinn, Daoine, a thug seachad am beatha air son ainm ar Tighearna Iosa Criosta. Chuir sinn ma ta Iudas agus Silas, agus innsidh iadsan dhuibh na nichean ciadna le cainnt beoil. Oir chunnacas ceart leis an Spiorad Naomh agus leinne, gun tuilleadh eallaich a leagadh oirbh, ach na nichean riatanach so: Gun seachnadh sibh nichean, a chaidh iobradh do iodholan, us fuil, us nichean tachdte, agus striopachas; le ʼr cumail fhein bho na nichean sin, ni sibh gu math. Slan leibh. Nuair chaidh an cur air an adhart ma ta, chaidh iad sios gu Antioch; ʼs an deigh an sluagh a chruinneachadh, liubhair iad an litir. Nuair a leugh iad i, rinn iad aoibhneas as leth na cofhurtachd. Ach bho na bha Iudas agus Silas iad fhein ʼnam faidhean, le moran bhriathran dhʼ fhurtaich agus neartaich iad na braithrean. ʼS an deigh dhaibh beagan uine a chaithe an sin, leigeadh air falbh iad leis na braithrean le sith thun na feadhnach a chuir air an adhart iad. Ach chunnacas iomchuidh le Silas fuireach an sin: us chaidh Iudas ʼna aonar do Ierusalem. Agus dhʼ fhan Pol us Barnabas an Antioch, a teagasg ʼsa searmonachadh facal an Tighearna comhla ri moran de dhʼ fheadhainn eile. ʼS an deigh beagan laithean, thuirt Pol ri Barnabas: Tillemid a shealltuinn air ar braithrean anns gach baile, far na shearmonaich sinn facal an Tighearna, los fhaicinn ciamar a tha iad. Agus bha Barnabas deidheil air Eoin, dha ʼn co-ainm Marc, a thoirt leo cuideachd. Ach bʼ e iarratas Phoil nach bu chòir esan a ghabhail (a chionn gun robh e air dealachadh riu aig Pamphilia, ʼs nach deach e comhla riu thun na h-oibre). Agus dhʼ eirich eas-aontas, air chor ʼs gun do dhealaich iad ri cheile, ʼs gun do sheol Barnabas, a toirt Mhairc leis, gu Ciprus. Ach Pol a taghadh Shilais, dhʼ imich e, ʼs e air a liubhairt leis na braithrean do ghrasan De. Us shiubhail e tromh Shiria agus Chilicia, a daingneachadh nan eaglaisean, a g-àithneadh orra reachdan nan ostal agus nan seanairean a chumail. Agus thainig e gu Derbè ʼs gu Listra. Us, seall, bha deisciopul araid an sin, dha ʼm bʼ ainm Timoti, mac ban-Iudhaich a bha creidsinn, ach bʼ ann de na cinnich ʼathair. Thug na braithrean, a bha an Listra ʼs an Iconium, deagh theisteanas air an duine so. Bʼ aill le Pol an duine so a dhol comhla ris; agus ga ghabhail, thimchioll-ghearr e e as leth nan Iudhach, a bha sna h-aitean sin. Oir bʼ aithne dhaibh uile gum bʼ ann de na cinnich ʼathair. ʼS mar a thriall iad troimh na bailtean, liubhair iad dhaibh na h-achdannan ri ʼn cumail, a bha air an orduchadh leis na h-ostail ʼs na seanairean a bha ann an Ierusalem. Agus gu dearbh bha na h-eaglaisean air an daingneachadh sa chreideamh, ʼsa dol nas mua gu mor an airimh a h-uile latha. Ach air dhaibh dol tromh Phrigia ʼs dhuthaich Ghalatia, bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh facal De a labhairt an Asia. ʼS nuair thainig iad gu Misia, thug iad ionnsuidh air dol do Bhithinia; ʼs cha do leig Spiorad Iosa leo. Agus nuair a chaidh iad tromh Mhisia, ghabh iad sios gu Troas; ʼS dhʼ fhiachadh do Phol sealladh san oidhche: Bha fear araid de Mhacedonia ʼna sheasamh, agus a guidhe air, a g-radh: Gabh thairis do Mhacedonia, us cuidich sinne. Agus cho luath ʼsa chunnaic e an sealladh, dhʼ iarr sinn san uair dol gu Macedonia, lan-chinnteach gun do ghairm Dia sinn, gus an soisgeul a shearmonachadh dhaibh. ʼSa seoladh bho Throas, thainig sinn le seoladh direach gu Samothracia, ʼs an ath latha gu Neapolis; Agus as a sin gu Philippi, ceann-bhaile de ʼn chuid sin de Mhacedonia, a tha ʼna ùr-àiteachas. Us bha sinn sa bhaile so beagan laithean a comhradh ri cheile. ʼS air latha na sàbaid chaidh sinn mach air a gheata ri taobh na h-aibhne, far am bu choltach urnaigh a bhith; agus a suidhe sios, labhair sinn ris na boirionnaich a bhʼ air cruinneachadh. Agus dhʼ eisd boirionnach araid, dha ʼm bʼ ainm Lidia, bana-cheannaiche purpuir bho bhaile Thiatira, té bha toirt aoraidh do Dhia, dha ʼn dʼfhosgail an Tighearna a cridhe, gu aire a thoirt do na nichean a labhradh le Pol. ʼS nuair a bhaisteadh i fhein ʼsa teaghlach, ghrios i oirnn, a g-radh: Ma tha sibh gam mheas dileas do ʼn Tighearna, thigibh do mʼ thigh, us fanaibh ann. Agus thug i sin oirnn. Agus thachair, us sinn a dol gu urnaigh, gun do choinnich nighean araid sinn aig an robh spiorad fiosachd, a thug moran buannachd dha maighistirean le fiosachd. Lean i so Pol agus sinne, a glaodhaich ʼsa g-radh: ʼSiad na daoine so seirbheisich an De is airde, a tha teagasg dhuibh slighe an t-sabhalaidh. Agus rinn i so fad moran laithean. Ach air do Phol a bhith duilich, thionndaidh e, us thuirt e ris an spiorad: Tha mi g-orduchadh dhut an ainm Iosa Criosta, thu dhol a mach aisde. ʼS chaidh e mach sa cheart uair. Ach a maighistirean ri faicinn gun dʼfhalbh earbsa am buannachd, ghlac iad Pol agus Silas, us thug iad iad gu aite a mhargaidh thun nan uachdran; ʼS gan cur air bialaobh nan riaghladairean, thuirt iad: Tha na daoine so togail aimhreite sa bhaile againn, agus iad ʼnan Iudhaich; ʼS tha iad a toirt a stigh nos, nach fhaod sinn a ghabhail no chumail, us sinn ʼnar Romanaich. Agus ruith an sluagh comhla ʼnan aghaidh; agus dhʼorduich na riaghladairean, an deigh an aodach a riabadh dhiu, an sgiursadh le slatan. Agus an deigh dhaibh am bualadh le iomadh strac, thilg iad am priosan iad, a toirt teann-orduigh do fhear-coimhead a phriosain an gleidheadh gu tiaruinte. Air dhasan lethid so dhʼ ordugh fhaighinn, chuir e sa phriosan a bʼ fhaide stigh iad, agus theannaich e an casan sna cip. Agus mu mhiadhon oidhche, air do Phol ʼs do Shilas a bhith g-urnaigh, mhol iad Dia; us chual iadsan a bha sa phriosan iad. ʼS air ball bha crith-thalmhuinn mhor ann, air chor ʼs gun do ghluaiseadh steidh a phriosain. ʼS ghrad-dhʼfhosgladh na dorsan gu leir; agus dhʼfhuasgladh na cuibhrichean aca uile. Agus fear-coimhead a phriosain a dusgadh á chadal, ʼsa faicinn dorsan a phriosain fosgailte, tharruinn e a chlaidheamh a brath e fhein a mharbhadh, a saoilsinn gun robh na priosanaich air teicheadh. Ach dhʼeigh Pol le guth ard, a g-radh: Na dian cron ort fhein: oir tha sinn uile an so. An sin dhʼiarr e solus, ʼs chaidh e stigh; agus thuit e sios, ʼs e air chrith, aig casan Phoil agus Shilais; ʼS gan toirt a mach, thuirt e: A mhaighistirean, ciod a dhʼfheumas mi dhianamh gu bhith sabhailte? Us thuirt iadsan: Creid anns an Tighearna Iosa, us bithidh thu fhein agus do thigh sabhailte. Agus mhìnich iad facal an Tighearna dha, agus dhaibh-san a bha ʼna thigh. Agus gan gabhail sa cheart uair sin deʼn oidhche, nigh e an creuchdan; ʼs gun dàil bhaisteadh e fhein ʼsa thigh uile. ʼS nuair a thug e thun a thighe iad, chuir e biadh air am bialaobh, ʼs rinn e aoibhneas maille ri thigh uile, a creidsinn ann an Dia. ʼS nuair thainig an latha, chuir na riaghladairean maoir bhuapa, a g-radh: Leig as na daoine sin. Agus dhʼinnis fear-coimhead a phriosain na briathran sin do Phol: Gun do chuir an luchd-riaghlaidh fios sibhse leigeadh as; falbhaibh ma ta nis, agus imichibh an sith. Us thuirt Pol riu: sgiurs iad gu follaiseach ʼs gun bhinn daoine a tha ʼnan Romanaich, agus chuir iad am priosan sinn, ʼsa nis am beil iad ga ʼr tilgeadh a mach an uaigneas? Cha n-ann mar sin a bhios: ach thigeadh iad, Us tilgeadh iad fhein a mach sinn. Agus dhʼinnis na maoir na briathran so do ʼn luchd-riaghlaidh. ʼS ghabh iadsan eagal, a cluinntinn gum bu Romanaich iad: ʼSa tighinn dhʼaslaich iad orra, ʼs gan toirt a mach, ghuidh iad orra falbh as a bhaile. Agus air dhaibh dol a mach as a phriosan, chaidh iad a stigh do thigh Lidia; agus air dhaibh na braithrean fhaicinn, thug iad comhfhurtachd dhaibh, ʼs ghabh iad air falbh. ʼS nuair a shiubhail iad tromh Amphipolis us Apollonia, thainig iad gu Thessalonica, far an robh sinagog aig na h-Iudhaich. ʼS chaidh Pol mar a bʼ abhuist a stigh gan ionnsuidh, us fad tri latha sàbaid mhìnich e dhaibh as na sgriobtuirean, A soilleireachadh dhaibh, ʼsa, leigeil fhaicinn gum feumadh Criosta fulang, us eirigh rithist bho na mairbh; agus gur e so Iosa Criosta, a tha mise cur an ceill dhuibh. Us chreid cuid dhiu, agus lean iad ri Pol ʼs ri Silas, agus buidhean mhor de dhaoine crabhach ʼs de na cinnich, agus roinn nach bu bheag de mhnathan uasal. Ach na h-Iudhaich a gabhail farmaid, ʼsa tional gan ionnsuidh roinn de dhroch dhaoine de ghraisg an t-sluaigh, ʼsa togail buaireis, lion iad am baile le iorghuill; ʼsa cuairteachadh tigh Iasoin, dhʼiarr iad an liubhairt a mach do ʼn t-sluagh. Agus nuair nach robh iad gam faighinn, tharruinn iad Iason us braithrean araid gu riaghladairean a bhaile, a g-eigheach: Iad so, a tha togail iorghuill air feadh a bhaile, thainig iad an so cuideachd, Iad so ghabh Iason h-uige; ʼs tha iad uile a cur an aghaidh achdannan Chésair, le bhith g-radh gum beil righ eile ann, Iosa. Agus bhuair iad an sluagh us riaghladairean a bhaile, ri cluinntinn nan nichean so. ʼS air dhaibh urras a ghabhail bho Iason, ʼs bho chàch, leig iad as iad. Ach san uair chuir na braithrean Pol us Silas air falbh san oidhche gu Beréa. Nuair rainig iadsa sin, chaidh iad a stigh do shinagog nan Iudhach. A nis bha iad so ʼna bʼ uaisle na muinntir Thessalonica: ʼs ghabh iad ris an fhacal leis a h-uile deothas, a rannsachadh nan Sgriobtur gach latha, fiach an ann mar sin a bha. ʼS gu dearbh chreid moran dhiu-san, agus de mhnathan urramach dhe na cinnich, agus roinn nach bu bheag de dhaoine. ʼS nuair a fhuair na h-Iudhaich, a bhʼann an Thesslonica, brath gun robh facal De air a shearmonachadh le Pol ann am Beréa, thainig iad an sin cuideachd, a gluasad ʼsa cur roimh cheile an t-sluaigh. An sin ghrad-chuir na braithrean Pol air falbh, gus e dhol thun na mara: ach dhʼ fhuirich Silas us Timoti an sin. Us thugadh Pol le luchd-coimhideachd gu ruig Athéne; ʼsa faighinn orduigh bhuaithe gu Silas us Timoti, iad a thighinn h-uige gu ro chabhagach, dhʼ fhalbh iad. ʼS nuair bha Pol gam feitheamh-san aig Athéne, ghluaiseadh a spiorad ann, a faicinn a bhaile a geilleadh tur do dhʼiodhol-aoradh. Uime sin rinn e deaspud anns an t-sinagog ris na h-Iudhaich, ʼs ris na daoine crabhach, agus air a mhargadh gach latha riusan a bha san lathair an sin. ʼS bha feallsanaich araid de na h-Epicurich, us de na Stoicich a deaspud ris; agus thuirt cuid: Ciod is miann leis a ghlagaire so radh? ach cuid eile: Is coltach gur duine e, a tha toirt a stigh dhiathan ùra: a chionn gun do shearmonaich e dhaibh Iosa, agus an aiseirigh. Agus ga ghabhail, thug iad leo e thun an Areopaguis, a g-radh: Am faod sinn eolas fhaighinn air an teagasg ùra so, a tha thu labhairt? Oir tha thu toirt nichean araid ùra ga ʼr cluasan: uime sin bu mhath leinn brath a bhith againn ciod is ciall daibh sin. (A nis cha n-eil muinntir Athéne uile, ʼs na coigrich a tha an sin, a dianamh chaochla, ach a g-innse, no a g-eisdeachd ri uirsgeul air choireigin.) Ach thuirt Pol, ʼs e ʼna sheasamh am miadhon an Areopaguis: A Mhuinntir Athéne, tha mi faicinn gum beil sibhse anns a h-uile ni ro shaobh-chrabhach. Oir a gabhail seachad ʼsa faicinn ur n-iodholan, fhuair mi altair air an robh e sgriobhte: Doʼn Dia Neo-aithnichte. Esan ma ta dha ʼm beil sibhse toirt aoraidh, agus sibh gun aithne air, se tha mise teagasg dhuibh: An Dia, a rinn an saoghal, ʼs gach ni thʼann, ʼs gur Tighearna neamh agus talmhuinn e, cha n-eil e tamh ann an teampuill, a rinneadh le lamhan, Cha mhua tha e air a sheirbhiseachadh le lamhan dhaoine, mar gum biodh ni a dhʼeasbhuidh air, ʼs gur e fhein a tha toirt do gach aon beatha, us anail, agus gach ni; Us rinn e bho h-aon an cinneadh-daonda uile, gus comhnuidh a ghabhail air uachdar an talmhuinn gu leir, a suidheachadh amannan sonraichte, agus criochan an aite comhnuidh, Gus iad Dia a shireadh, fiach am biodh a rath orra a mhothachadh, no fhaighinn, ged nach eil e fada bho gach aon againn. Oir ʼsann annsan a tha ar beatha, ar gluasad, agus ar bith: mar a thuirt cuideachd cuid dhe ur baird fhein: Oir is sinn cuideachd a ghineal. Air an aobhar sin bhon is sinne gineal De, cha n-fhaod sinn bhith am beachd, gum beil an Diadhachd coltach ri òr, no ri airgiod, no ri cloich, air an dealbhadh le seoltachd us innleachd dhaoine. Agus Dia gu dearbh a sealltuinn thairis air linntean an aineolais so, tha e nis a g-innse do dhaoine, iad uile peanas a dhianamh anns gach aite, A chionn gun do shonraich e latha anns an toir e breth air an t-saoghal le ceartas, leis an duine so, a dhʼ orduich e, a toirt creidimh do ʼn h-uile duine, le a thogail-sa bho na mairbh. Ach nuair a chual iad mu aiseirigh nam marbh, rinn cuid gu dearbh fanaid, ach thuirt cuid eile: Cluinnidh sinn thu fhathast mu thimchioll so. Mar sin chaidh Pol a mach as am measg. Ach dhʼ aontaich cuid de dhaoine leis, us chreid iad: ʼnam measg sin bha Dionisius an t-Areopagach, us boirionnach dha ʼm bʼ ainm Damaris, agus feadhainn eile maille riu. ʼNan deigh so a fagail Athéne, thainig e do Chorint. ʼSa faighinn Iudhaich araid, do ʼm bʼ ainm Acuila, a rugadh am Pontus, ʼsa thainig beagan roimh sin as an Eadailte maille ri mhnaoi Prisilla (ʼs gun dʼ orduich Claudius do na h-Iudhaich uile an Roimh fhagail), thainig e gan ionnsuidh. ʼS bho na bʼ ionann ceaird dhaibh, dhʼ fhuirich e comhla riu, agus dhʼ oibrich e (a nis bʼ e dianamh phaillionan bu cheaird daibh). ʼS bha e reusonachadh anns an t-sinagog a h-uile sàbaid, a toirt iomraidh air ainm an Tighearna Iosa, ʼsa comhairleachadh nan Iudhach ʼs nan Greigeach. ʼS nuair thainig Silas us Timoti á Macedonia, chinn Pol na bu diana ʼna theagasg, a togail fianuis do na h-Iudhaich gum bʼ e Iosa an Criosta. Ach nuair bha iadsa cur ʼna aghaidh ʼs ri blaisbheum, chrath e aodach, us thuirt e riu: Biodh ur fuil air ur cinn fhein: tha mise glan, bho so suas theid mi thun nan cinneach. ʼSa falbh as a sin, chaidh e stigh do thigh duine araid, Titus Iustus bʼ ainm dha, fear a bha toirt aoraidh do Dhia, ʼs aig an robh a thigh an taice ris an t-sinagog. Us chreid Crispus, riaghladair an t-sinagoig, anns an Tighearna, maille ri thigh uile; agus moran de mhuinntir Chorint ga chluinntinn chreid iad, us bhaisteadh iad. An sin thuirt an Tighearna ri Pol san oidhche ann an sealladh: Na biodh eagal ort, ach labhair, agus na bi samhach: Chionn tha mise maille riut: ʼs cha toir duine ionnsuidh ort los do chiurradh: oir tha moran sluaigh agam anns a bhaile so. Us dhʼ fhuirich e an sin bliadhna agus sia miosan, a teagasg facal De ʼnam measg. Ach nuair bha Gallio ʼna uachdran air Achaia, dhʼ eirich na h-Iudhaich suas a dhʼ aon inntinn an aghaidh Phoil, ʼs thug iad gu cathair a bhreitheanais e, A g-radh: Tha an duine so a comhairleachadh dhaoine aoradh a thoirt do Dhia an aghaidh an lagha. ʼS nuair a bha Pol a teannadh ri bhial fhosgladh, thuirt Gallio ris na h-Iudhaich: Nam bu cuis anaceartais, no cionta ro ghraineil a bhiodh ann, O Iudhaich, bu cheart gun cuirinn suas leibh. Ach ma ʼs ceisdean mu fhacail, ʼs ainmean, agus ur lagh fhein a thʼ ann, seallaibhse ris: cha mhath leam a bhith am bhritheamh orra sin. Agus dhʼ fhuadaich e iad bho chathair a bhreitheanais. An sin rug iad uile air Sosthenes, riaghladair an t-sinagoig, us ghabh iad air an lathair cathair a bhreitheanais: ʼs cha robh omhail aig Gallio do ni dhe so. Ach Pol, an deigh dha fuireach fhathast fad moran laithean, a gabhail a chead dhe na braithrean, sheol e gu Siria (us Prisilla agus Acuila maille ris), an deigh a cheann a bhearradh aig Ceneris: oir bha e fo bhoid. Agus thainig e gu Ephesus, us dhʼ fhag e an sin iadsan. Ach chaidh e fhein a stigh do ʼn t-sinagog, agus rinn e deaspud ris na h-Iudhaich. ʼS cha dʼ aontaich e leo, ʼs iad a g-iarraidh air fuireach na bʼ fhaide: Ach a gabhail slan leo, ʼsa g-radh: Tillidh mi h-ugaibh a rithist, ma se toil De, dhʼ fhalbh e á Ephesus. ʼSa dol air tir aig Cesaréa, chaidh e suas, ʼs chuir e fàilt air an eaglais, ʼs an sin ghabh e sios a dhʼ Antioch. Agus an deigh dha cuid de dhʼ uine a chaithe an sin, dhʼ fhalbh e, a siubhal ann an ordugh tromh dhuthaich Ghalatia us Phrigia, a daingneachadh nan deisciopul uile. A nis thainig Iudhach araid gu Ephesus, Apollo bʼ ainm dha, a rugadh an Alecsandria, duine fileanta, us cumhachdach anns na sgriobtuirean. Bha an duine so ionnsuichte ann an slighe an Tighearna; agus le e bhith dian ʼna spiorad, labhair agus theagaisg e gu dichiollach na nichean a bhuineadh do dhʼ Iosa, ʼs fios aige a mhain air baisteadh Eoin. Thòisich ma ta an duine so ri labhairt gu misneachail anns an t-sinagog. Nuair chual Prisilla agus Acuila e, ghabh iad gan ionnsuidh fhein e, us mhìnich iad slighe an Tighearna dha na bu dichiollaiche. ʼS nuair a bha mhiann air dol do Achaia, air dhaibh a bhrosnachadh, sgriobh na braithrean thun nan deisciopul iad a ghabhail ris. An deigh dha ruighinn, bu mhor an comhnadh a rinn e riusan a bhʼ air creidsinn. Oir le mor dhealas chomhdaich e gu follaiseach air na h-Iudhaich, agus dhʼ fhiach e dhaibh bho na sgriobtuirean gum bʼe Iosa an Criosta. Us thachair nuair bha Apollo aig Corint, gun tainig Pol, an deigh dha na braighean a shiubhal, gu Ephesus, ʼs gun dʼ fhuair e deisciopuil araid; Us thuirt e riu: Na ghlac sibhse an Spiorad Naomh bho na chreid sibh? Ach thuirt iad ris: Cha chuala sinne urad ʼs gum beil Spiorad Naomh ann. Us thuirt esan: Co ann ma ta a bhaisteadh sibh? Thuirt iad: Am baisteadh Eoin. An sin thuirt Pol: Bhaist Eoin sluagh le bqisteadh an aithreachais, a g-radh, iad a chreidsinn annsan, a bha gu tighinn ʼna dheigh, se sin, ann an Iosa. Air dhaibh so chluinntinn, bhaisteadh iad an ainm an Tighearna Iosa. ʼS nuair a chuir Pol a lamhan orra, thainig an Spiorad Naomh orra, us labhair iad le teanganan, agus rinn iad faisneachd. ʼS bha na daoine a bhʼ ann uile mun cuairt do dhà dhiag. ʼSa dol a stigh doʼn t-sinagog, labhair e gu misneachail fad thri miosan, a deaspud, ʼsa comhairleachadh mu rioghachd Dhe. Ach air do chuid a bhith air an cruadhachadh, ʼs gun a bhith creidsinn, a labhairt gu h-olc air slighe an Tighearna an lathair na cuideachda, gam fagail, chuir e air leth na deisciopuil, ʼs rinn e deaspud gach latha an sgoil Tirannnis araid. Agus rinneadh so fad dà bhliadhna, air chor ʼs gun cuala iadsan uile, a bha tamh ann an Asia, Iudhaich araon us Cinnich, facal an Tighearna. ʼS rinn Dia le laimh Phoil miarailtean nach bu chumanta: Air chor ʼs gun robhas a toirt bho phearsa neapaicean us aprain thun nan daoine tinne, us dhʼ fhalbh an easlaintean bhuapa, us chaidh na droch spioraid a mach asda. Agus dhʼ fhiach cuid de gheasadairean Iudhach, a bha dol mun cuairt, ri ainm an Tighearna Iosa a ghairm fos cionn na feadhnach anns an robh droch spioraid, a g-radh: Tha mi griosad oirbh tromh Iosa, a tha Pol a searmonachadh. Agus bʼ iad seachdnar araid, mic Sheva, ard-shagart Iudhach, a bha dianamh so. Ach thuirt an droch spiorad riu, ʼs e freagairt: Is aithne dhomh Iosa, agus is aithne dhomh Pol: ach co sibhse? Ach am fear anns an robh an droch spiorad a leum orra, ʼsa faighinn laimh an uachdar air dithis dhiu, cheannsaich e iad, air chor ʼs gun do theich iad as an tigh sin ruisgte agus leointe. ʼS rinneadh so follaiseach do na h-Iudhaich uile ʼs do na cinnich, a bha tamh an Ephesus; agus thuit eagal orra uile, ʼs bha ainm an Tighearna Iosa air ardachadh. Us thainig moran chreideach, a g-aideachadh ʼsa g-innse an gniomhran. Agus thug moran dhiu-san, a chleachd innleachdan neònach, leo an leabhraichean, agus loisg iad iad ʼnan lathair uile; ʼsa meas am prìs, fhuair iad an luach a tighinn gu leth-chiad mile bonn airgid. Mar so chinn facal De cumhachdach, agus dhaingnicheadh e. Nuair chriochnaicheadh na nichean so, chuir Pol roimh san Spiorad, gun rachadh e, an deigh triall tromh Mhacedonia ʼs Achaia, gu Ierusalem, a g-radh: An deigh dhomh bhith an sin, feumaidh mi an Roimh fhaicinn cuideachd. ʼSa cur dithis dhiusan, a bha frithealadh dha, Timoti agus Erastus, air an adhart gu Macedonia, dhʼ fhan e fhein car uine ann an Asia. A nis mu ʼn àm sin dhʼ eirich iomairt nach bu bheag mu shlighe an Tighearna. Oir thug ceard-airgid araid, do ʼm bʼ ainm Demetrius, a bha dianamh theampull-airgid do Dhiana, buannachd nach bu ghann do ʼn luchd-cheairde: ʼS gan gairm ri cheile, agus càch a bha dhʼ aon cheaird riu, thuirt e: Fheara, tha fhios agaibh gur h-ann bho ʼn cheaird so a tha ar cosnadh; ʼS tha sibh a faicinn ʼsa cluinntinn, gum beil am Pol so le chomhairle air tionndadh moran sluaigh air falbh, cha n-ann a mhain an Ephesus, ach air feadh Asia uile ach beag, a g-radh: Nach diathan idir iad a thathas a dianamh le lamhan: Air chor ʼs nach i a cheaird so againn a mhain a tha an cunnart tighinn gu neoni, ach measar teampull Diana moire fhein mar neoni, seadh agus tòisichear air cur as da moralachd-sa, dha ʼm beil Asia gu leir, ʼs an domhan a toirt aoraidh. Air dhaibh so a chluinntinn, lionadh iad le feirg, us ghlaodh iad, a g-radh: Is mor Diana nan Ephesianach. Agus lionadh am baile le buaireas, ʼsa breith air Gaius ʼs air Aristarchus, Macedonaich, companaich Phoil, dhian-ruith iad a dhʼ aon rùn thun an tigh-chluich. ʼS ged bha toil aig Pol dol a stigh thun an t-sluaigh, cha do leig na deisciopuil leis. Us chuir cuid de riaghladairean Asia, a bha ʼnan cairdean dha, fios h-uige a guidhe air, gun e a thighinn thun an tigh-chluich; A nis ghlaodh cuid aon ni, cuid ni eile. Oir bha an comhthional roimh cheile; ʼs cha robh fios aig an roinn bu mhua car-son a chruinnich iad. Us tharruinn iad Alastair a mach as an t-sluagh, na h-Iudhaich ga upadh air adhart. Us Alastair a smeideadh le laimh a g-iarraidh samhchair, bha toil aige a chuis a mhineachadh do ʼn t-sluagh. Ach cho luath ʼsa thuig iad gum bu Iudhach e, ghlaodh iad uile a dhʼ aon ghuth bial ri dà uair a dhʼ uine: Is mor Diana nan Ephesianach. Agus nuair a chiuinich an cleireach an sluagh, thuirt e: Fheara Ephesuis, co an duine aig nach eil fios, gum beil baile nan Ephesianach a toirt aoraidh do Dhiana mhoir, ʼs do ghineal Iupiteir? Uime sin bhon is nichean so nach fhaodar aicheadh, bu chòir dhuibh gabhail gu sith, ʼs gun ni dhianamh le braise. Oir thug sibh na daoine so ʼn so, gun iad a bhith ciontach an naomh-bhraid, no an toibheum an aghaidh ur ban-dé. Ach ma tha cuis an aghaidh duine air bith aig Demetrius, ʼs aig an luchd-cheairde a tha maille ris, tha na cuirtean-lagha fosgailte, ʼs tha uachdranan ann; agradh iad a cheile. Agusma se cuis airbith eile a tha ʼnur n-aire, faodar a fuasgladh ann an cruinneachadh laghail. Oir tha sinn an cunnart gun agrar oirnn buaireas an latha an diugh: gun duine air bith ciontach (air am faod sinn cunntas a thoirt) mu ʼn chruinneachadh so. ʼS an deigh dha so a chantuinn, sgaoil e an comhthional. ʼS an deigh do ʼn upraid sgur, ghairm Pol na deisciopuil ga ionnsuidh, ʼsa toirt chomhairlean orra, ghabh e slan leo, us thriall e gu dol do Mhacedonia. ʼS nuair a shiubhail e tromh na h-aiteachan sin, ʼsa thug e comhairle orra le moran bhriathran, thainig e do ʼn Ghreig: An deigh dha tri miosan a chaithe an sin, rinn na h-Iudhaich, ʼs e gu seoladh do Shiria, feall-fhalach air, le sin chuir e roimh tilleadh tromh Mhacedonia. Agus chaidh ʼna chuideachd Sopater, mac Phirruis á Beréa: ʼs de mhuinntir Thessalonica Aristarchus agus Secundus, us Gaius á Derbe agus Timoti; us á Asia Tichicus agus Trophimus. Air dhaibh so dol romhainne, dhʼ fheith iad ruinn aig Troas. Agus an deigh laithean an arain neo-ghoirtichte, sheol sinn bho Philippi, ʼs ann an coig latha thainig sinn gan ionnsuidh aig Troas, far na stad sinn seachd latha. ʼS air a chiad latha de ʼn t-seachduin, nuair a bha sinn air cruinneachadh gu aran a bhristeadh, reusonaich Pol riu, us aige ri falbh air an là ʼr na mhaireach, agus lean e air labhairt gu miadhon oidhche. Agus bha moran lochran anns an t-seomar uachdrach, far an robh sinn cruinn. ʼS bha oganach araid, Eutichus theirte ris, ʼna shuidhe ann an uinneig, us trom chadal a tighinn air (le Pol a bhith fad a teagasg) thuit e, ʼs e ʼna shuain, sios bho ʼn treas lobhta, agus thogadh suas marbh e. Agus nuair theirinn Pol ga ionnsuidh, shìn e e fhein air ʼuachdar, ʼs ga ghlacail thuirt e: Na biodh furban oirbh: oir tha ʼanam ann. ʼSa dol suas, ʼsa bristeadh arain, ʼsa blasad, labhair e moran riu gu solus latha, an sin dhʼ fhalbh e. ʼS thug iad an t-oganach leo beo, ʼs cha bu bheag an toil-inntinn. Ach a dol air bord saghaich, sheol sinne gu Assos, far an robh againn ri Pol a ghabhail air bord: oir ʼsann mar sin a shuidhich e, ʼs e fhein gus an t-astar a dhianamh air tir. Agus air dha ar coinneachadh aig Assos, ghabh sinn air bord e, ʼs thainig sinn gu Mitiléne. ʼSa seoladh as a sin, thainig sinn an ath latha mu chomhair Chiois, ʼs an ath latha rinn sinn Samos, agus an latha an deigh sin rainig sinn Miletus. Oir bha Pol air cur roimhe seoladh seachad air Ephesus, eagal gun cuirte moille air an ʼAsia. Oir bha e greasad air, gu latha Caingis, nam bʼ urrainn da idir, a chumail ann an Ierusalem. ʼSa cur fios bho Mhiletus gu Ephesus, ghairm e seanairean na h-eaglais. ʼS nuair thainig iad ga ionnsuidh, ʼsa bha iad comhla, thuirt e riu: Tha brath agaibh bho ʼn chiad latha a thainig mi do dhʼ Asia, ciamar a ghiulain mi mi fhein maille ribh fad na h-uine, A seirbhiseachadh an Tighearna leis a h-uile umhlachd, ʼs le deoir, us buairidhnean, a thainig orm le foill nan Iudhach; Ciamar nach do chum mi aiteal bhuaibh, a bha gu leas dhuibh, gun innseadh dhuibh, ʼs gun a theagasg dhuibh gu follaiseach, ʼs bho thigh gu tigh, A cur an ceill do na h-Iudhaich, ʼs do na cinnich aithreachais a thaobh Dhe, agus creidimh ann ar Tighearna Iosa Criosta. Us, seall, a nis ceangailte san spiorad, tha mi dol gu Ierusalem, gun fhios agam ciod a dhʼ eireas dhomh an sin, Ach gum beil an Spiorad Naomh a dianamh fianuis dhomh anns gach baile, a g-radh, gum beil cuibhrichean agus diachuinnean a feitheamh orm ann an Ierusalem. Ach cha n-eil ni dhiu sin a cur sgath orm, cha mhua tha mi sealltuinn air mo bheatha nas luachmhoire na mi fhein, ma se ʼs gun criochnaich mi mo chùrsa agus riarachadh an fhacail, a fhuair mi bho ʼn Tighearna Iosa gu teisteanas a thoirt air soisgeul grasan Dhe. Us, seall, tha fios agam a nis nach fhaic sibh mo ghnuis tuilleadh, sibhse uile am measg na shiubhail mi a searmonachadh rioghachd Dhe. Air an aobhar sin tha mi gu ʼr gabhail an diugh mar fhianuis, gum beil mi glan bho fhuil dhaoine gu leir. Oir cha do sheachuinn mi comhairle Dhe air fad innseadh dhuibh. Seallaibh ribh fhein ʼs ris an treud uile, air na shuidhich an Spiorad Naomh sibh ʼnur n-easbuigean gu riaghladh eaglais De, a cheannaich e le fhuil fhein. Oir tha fios agam an deigh dhomhsa falbh, gun tig madaidhean-allaidh reubach a stigh ʼnur measg, nach caomhuinn an treud. Us eiridh daoine dhibh fhein, a labhras nichean coirbte, gu deisciopuil a tharruinn ʼnan deigh. Uime sin dianaibh faire, a cuimhneachadh nach do lasaich mi, fad thri bliadhna, a chomhairleachadh gach aon agaibh le deoir a dhʼ oidhche ʼsa latha. A nis tha mi gu ʼr n-earbsa ri Dia, ʼs ri facal a ghras, a tha comasach air togail suas, ʼs air oighreachd a thoirt seachad am measg nan daoine naomhaichte uile. Cha do shanntaich mi airgiod, no òr, no aodach duine air bith, Mar tha fios agaibh fhein, a chionn fhritheil na lamhan so do mʼ fheumalachd fhein, agus dhaibhse a bha cuide rium. Dhʼ fhiach mi dhuibh a h-uile ni, gur còir dhuibh, le saothrachadh mar so, an fheadhainn laga chomhnadh, agus facal an Tighearna Iosa a chuimhneachadh, mar thuirt e: Se toirt seachad is beannaichte na gabhail. ʼS an deigh na nichean so radh, a dol air a ghluinean, rinn e urnaigh maille riu uile. Agus rinn iad uile gal gu goirt; ʼsa tuiteam air muineal Phoil, phog iad e, ʼS iad gu h-araid craiteach as leth an fhacail a thuirt e, nach fhaiceadh iad a ghnuis tuilleadh. Us thug iad coimhideachd dha gu ruig an saghach. ʼS nuair a thachair, ʼs sinn air dealachadh riusan, gun do sheol sinn, thainig sinn le gabhail dhirich gu Coos, ʼs an latha an deigh sin gu Rodes, us á sin gu Patara. ʼS air dhuinn long fhaighinn, a bha dol thairis gu Phenice, ghabh sinn air bord, agus sheol sinn. ʼS nuair thainig Ciprus ʼnar fradharc, ga fhagail air an laimh chli, sheol sinn gu Siria, us thainig sinn gu Tirus: oir ʼsann an sin bha luchd an t-saghaich ri chur a mach. ʼSa faighinn dheisciopul, dhʼ fhuirich sinn an sin seachd latha; thuirt iadsan ri Pol tromh ʼn Spiorad, gun e dhol suas gu Ierusalem. Agus a triall an deigh do na laithean sin tighinn gu ceann, ghabh sinn air ar n-adhart, us iadsan uile ʼnar cuideachd le ʼm mnathan ʼs le ʼn cloinn gu taobh-mach a bhaile: us chaidh sinn air ar gluinean air a chladach, us rinn sinn urnaigh. Us nuair ghabh sinn beannachd le gach a cheile, chaidh sinn air bord; us thill iadsa dhachaidh. Ach a criochnachadh ar turuis-mhara bho Thirus, ghabh sinn sios gu Ptolemais; ʼsa cur fàilt air na braithrean, thamh sinn aon latha comhla riu. ʼSa togail oirnn an ath latha, thainig sinn gu Cesaréa. ʼSa dol a stigh do thigh Philip, an soisgeulach, fear de ʼn t-seachdnar, dhʼ fhuirich sinn comhla ris. ʼS bha ceathrar nighean aige, oighean a bha ri faidheadaireachd. ʼS nuair a thamh sinn an sin beagan laithean, thainig bho Iudéa faidh araid, dha ʼm bʼainm Agabus. Agus cho luath ʼsa thainig esan ga ʼr n-ionnsuidh, rug e air crios Phoil: ʼsa ceangal a chasan ʼsa lamhan fhein, thuirt e: Iad so tha an Spiorad Naomh a cantuinn: Am fear leis an leis an crios so, ceanglaidh na h-Iudhaich mar so ann an Ierusalem, us liubhraidh iad seachad e do lamhan nan cinneach. Nuair chuala sinn so, ghrios sinne us muinntir an aite air, gun e dhol suas do Ierusalem. An sin fhreagair Pol, us thuirt e: Ciod is ciall duibh a gal, ʼsa cradh mo chridhe? Oir tha mise deas cha n-ann gu bhith air mo cheangal a mhain, ach gu bàsachadh ann an Ierusalem air son ainm an Tighearna Iosa. ʼS nuair nach bʼ urrainn duinn toirt air ar comhairle a ghabhail, sguir sinn, a g-radh: Toil an Tighearna gun robh diante. ʼS an deigh nan laithean sin, air dhuinn bhith reidh, chaidh sinn suas gu Ierusalem. Us chaidh cuid dhe na deisciopuil á Cesaréa comhla ruinn, a toirt leo Mnasoin, Ciprianach araid, seann deisciopul, aig an robh sinn gu bhith air aoidheachd. ʼS nuair thainig sinn do Ierusalem, ghabh na braithrean gu toileach ruinn. ʼ S air an ath latha chaidh Pol a stigh comhla ruinn gu Seumas, agus chruinnicheadh na seanairean uile. ʼS nuair a chuir e fàilt orra, dhʼ innis e fos leth na nichean a rinn Dia le mhinistreileachd-sa am measg nan cinneach. Air dhaibhse so chluinntinn, thug iad gloir do Dhia, us thuirt iad ris: Tha thu faicinn, a bhrathair, a liuthad mile a tha measg nan Iudhach, a chreid, ʼs tha iad uile eudmhor mu ʼn lagh. Ach chual iad mu dʼ dheidhinn-sa, gum beil thu teagasg nan Iudhach a tha measg nan cinneach, Maois a threigsinn, a g-radh, nach còir daibh an clann a thimchioll-ghearradh, no imeachd a reir an abhuist. Ciod a nis ma ta? gu cinnteach ʼs fheudar an sluagh a thional: oir cluinnidh iad gun tainig thu. Dian so ma ta tha sinn a g-radh riut: tha ceathrar dhaoine againn, a tha fo bhòid. Thoir iad so leat, us naomhaich thu fhein comhla riu, agus cost orra gus an cinn a bhearradh; us bithidh fios aca uile gur briagan na chual iad umad, ʼs gum beil thu fhein na dʼ imeachd a cumail an lagha. Ach a thaobh nan cinneach a chreid, sgriobh sinne, a toirt breth, iad a sheachnadh a mhain nichean a chaidh iobradh do dhʼ iodholan, us fala, us ni tachdte, agus striopachais. An sin ghabh Pol na daoine, ʼs air an ath latha, air dha bhith air a ghlanadh maille riu, chaidh e stigh do ʼn teampull, a toirt brath mu choimhlionadh laithean a ghlanaidh, ʼs gus an tairgteadh tobhartas air son gach aon dhiu. Ach nuair bha na seachd laithean a tarruinn gu ceann, air do na h-Iudhaich, a bha bho Asia, esan fhaicinn san teampull, ghluais iad an sluagh uile, us chuir iad an laimh e, a g-eigheach: Fheara Israil, cuidichibh: so agaibh an duine a tha teagasg dhaoine uile feadh gach aite an aghaidh an t-sluaigh, ʼs an lagh, agus an aite so, ʼsa bharr air sin thug e cinnich a stigh do ʼn teampull, us thruaill e an t-ionad naomh so. (Oir bha iad air Trophimus á Ephesus fhaicinn comhla ris sa bhaile, us shaoil leo gun tug Pol e stigh do ʼn teampull.) Us bha am baile uile fo bhuaireas, agus ruith an sluagh cuideachd. ʼSa breith air Pol, tharruinn iad a mach as an teampull e: us ghrad-dhuineadh na dorsan. ʼS nuair bha mhiann orra a mharbhadh, chaidh innse do ard-cheannard na cuideachda gun robh Ierusalem uile troimh cheile. Ruith esan san uair gan ionnsuidh, a toirt leis shaighdearan us cheannardan-ciad. Cho luath ʼsa chunnaic iadsan an t-ard-cheannard ʼs na saighdearan, sgair iad de bhualadh Phoil. An sin an t-ard-cheannard a tighinn faisg, rug e air, ʼs dhʼ orduich e a cheangal le dà shlabhruidh; agus dhʼ fharraid e, co am fear a bhʼ ann, agus ciod a rinn e. Us ghlaodh cuid aon rud, cuid rud eile feadh an t-sluaigh. ʼS bho nach bʼurrainn da cinnteas fhaighinn leis an iorghuill, dhʼ orduich e a thoirt do ʼn chaisteal. ʼS nuair thainig e thun na staidhreach, thachair gun robh e air a ghiulan leis na saighdearan as leth ainneart an t-sluaigh. Oir lean domhladas sluaigh, a glaodhaich: Cuir as da. ʼS nuair a bha Pol gu bhith air a thoirt a stigh do ʼn chaisteal, thuirt e ris an ard-cheannard: Am faod mi facal a radh riut? Thuirt esan: Am beil Greigis agad? Nach tusʼ an t-Eiphiteach, a thog roimh na laithean so buaireas, ʼsa tharruinn a mach do ʼn fhasach ceithir mile fear de mhurtairean? Us thuirt Pol ris: Is Iudhach mise á Tarsus ann an Silicia, saor-dhuine de bhaile ro ainmeil. Ach se tha mi guidhe ort, gun leig thu dhomh labhairt ris an t-sluagh. ʼS nuair leig e leis, sheas Pol air an staidhre, us smeid e la laimh ris an t-sluagh, ʼs nuair rinneadh samhchair mhor, labhair e riu sa chanan Eabhrach, a g-radh: A dhaoine, a bhraithrean, us aithrichean, eisdibh a nis ri mo lethsgeul a tha mi dol a thoirt duibh. ʼS nuair a chual iadsan gur ann sa chanan Eabhrach a labhair e riu; bha iad nas samhaiche. Us thuirt e: Is Iudhach mise a rugadh ann an Tarsus Chilicia, ach a chaidh àrach sa bhaile so, air mʼ fhaghlum aig casan Ghamalieil a reir firinn lagh nan aithrichean, eudmhor mu ʼn lagh, mar a tha sibh fhein uile an diugh; A rinn geur-leanmhuinn air an aidmheil so gu bàs, a ceangal ʼsa cur am priosan fhirionnach mar-aon agus bhoirionnach, Mar a thogas an t-ard-shagart fianuis dhomh, ʼs na seanairean uile, bho ʼn dʼ fhuair mi litrichean cuideachd thun nam braithrean, us chaidh mi gu Damascus, gus an toirt ceangailte as a sin gu Ierusalem, los gun rachadh an smachdachadh. Agus thachair, ʼs mi triall ʼsa tarruinn teann air Damascus mu mhiadhon latha, gun do shoillsich gu grad solus mor mun cuairt domh bho neamh; ʼSa tuiteam gu làr, chuala mi guth a g-radh rium: A Shauil, a Shauil, car-son atha thu gam gheur-leanmhuinn-sa? Agus fhreagair mi: Co thu, a Thighearna? Us thuirt e rium: Is mi Iosa bho Nasareth, air a bheil thusa dianamh geur-leanmhuinn. Us iadsan, a bha cuide rium, chunnaic iad gu dearbh an solus, ach cha chual iad a ghuthsa, a labhair rium. Us thuirt mise: Ciod a ni mi, a Thighearna? Us thuirt an Tighearna rium: Eirich, agus falbh gu Damascus; us innsear dhut an sin mu na nichean uile is còir dhut a dhianamh. Agus bho nach bu leir dhomh le soilleireachd an t-soluis sin, thainig mi gu Damascus air mo stiuradh air laimh le mo chompanaich. Agus Ananias araid, duine air reir an lagha, ʼs aig an robh deagh theisteanas bho na h-Iudhaich uile, a bha tamh an sin, A tighinn gam ionnsuidh, ʼsa seasamh lamh rium, thuirt e rium: A bhrathair Shauil, seall naird. Agus sa cheart uair sheall mi naird air. Ach thuirt esan: Roimh-dhʼorduich Dia ar n-aithrichean thu, los gun tuigeadh tu a thoil, ʼs gum faiceadh tu an t-Aon naomh, ʼs gun cluinneadh tu an guth as a bhial: Oir bithidh thu do dhaoine uile na dʼ fhianuis dha air na nichean a chunnaic ʼsa chuala tu. Agus a nis car-son a tha thu dianamh moille? Eirich, ʼs bi air do bhaisteadh, agus nigh dhiot do pheacannan a gairm air ainmse. Us thachair nuair a thainig mi rithist gu Ierusalem, ʼsa bha mi ri urnaigh san teampull, gun tainig plathadh-inntinn orm, ʼS gum fac mi e a g-radh rium: Greas ort, us fag Ierusalem gu h-ealamh: a chionn nach gabh iad do theisteanas mu mʼ dheidhinn. Us thuirt mise: A Thighearna, tha fios aca gun robh mise tilgeadh am priosan, ʼsa sgiursadh anns gach sinagog, na feadhnach a chreid unnadsa; ʼS nuair a dhoirteadh fuil Stephain, tʼ fhianuis, bha mise san lathair ʼsa g-aontachadh leo, ʼsa gleidheadh am falluinnean-sa a bha ga mharbhadh. Us thuirt e rium: Bi falbh: oir cuiridh mi thu thun nan cinneach a tha an cein. Agus dhʼ eisd iad ris gus am facal so, ʼs an sin thog iad an guth, a g-radh: Togaibh bharr an talmhuinn a leithid so de dhuine: oir cha cheart e bhith beo. ʼS nuair a bha iadsan a g-eigheach, ʼsa tilgeil an aodaich dhiu, ʼsa caitheamh duslaich san athar, Dhʼ orduich an t-ard-cheannard gun tugteadh do ʼn chaisteal e, ʼs gun rachadh a sgiursadh ʼsa riasladh, gus am faigheadh e mach car-son a bha iad a glaodhaich mar so ʼna aghaidh. ʼS air dhaibh a cheangal le iallan, thuirt Pol ris a cheannard-chiad a bha lamh ris: Am beil e laghail dhuibh duine a tha ʼna Romanach a sgiursadh, ʼs e neo-dhìte? Nuair chual an ceannard-ciad so, chaidh e thun an ard-cheannaird, us dhʼ innis e dha, a g-radh: Ciod a tha thu dol a dhianamh? oir is saor Romanach an duine so. ʼS an t-ard-cheannard a tighinn ga ionnsuidh, thuirt e ris: Innis dhomh an Romanach thu. Ach thuirt esan: Seadh. Us fhreagair an t-ard-cheannard: Choisinn mise air suim mhoir an t-saorsa so. Us thuirt Pol: Ach rugadh mise saor. Air an aobhar sin ghrad-dhʼfhag an fheadhainn a bha dol gus a riasladh e. Us bha eagal cuideachd air an ard-cheannard, an deigh dha thuigsinn gum bu shaor Romanach e, agus a thaobh gun do cheangail e e. Ach an ath latha air dha bhith an geall air fios na bu chinntiche fhaighinn car-son a bha na h-Iudhaich a cur choire as a leth, dhʼ fhuasgail e e, agus dhʼorduich e do na sagairt ʼs do ʼn chomhairle uile tighinn cruinn; ʼsa toirt Phoil a mach, chuir e air am bialaobh e. Agus Pol a g-amharc air a chomhairle, thuirt e: A dhaoine ʼsa bhraithre, ghiulain mise mi fhein leis a h-uile deagh chogais an lathair Dhe gus an latha an diugh. ʼS dhʼorduich Ananias an t-ard-shagart do ʼn fheadhainn, a bha ʼnan seasamh lamh ris, a bhualadh sa bhial. An sin thuirt Pol ris: Buailidh Dia thusa, a bhalla ghealaichte. Oir am beil thusa ad shuidhe a thoirt breth ormsa a reir an lagha, ʼs an aghaidh an lagha g-orduchadh mo bhualadh? Us thuirt iadsan a bha faisg: Am beil thu toirt beum do ard-shagart Dhe? Us thuirt Pol: Cha robh fhios agam, a bhraithrean, gum bʼ e an t-ard-shagart e. Oir tha e sgriobhte: Cha labhair thu olc air uachdran do phobuill. Ach thuig Pol, gun robh an darna cuid ʼnan Sadusaich, ʼsa chuid eile ʼnam Phairisich, agus ghlaodh e anns a chomhairle: A dhaoine ʼsa bhraithre, is Phairiseach mise, mac Phairiseach, as leth dochas agus aiseirigh nam marbh tha mise fo bhreth. Air dha so a radh, dhʼ eirich eas-aontas eadar na Phairisich agus na Sadusaich, agus bha ʼn sluagh air an roinn. Oir tha na Sadusaich a cantuinn nach eil aiseirigh, no aingeal, no spiorad ann: ach tha na Phairisich a g-aideachadh an dà chuid. Agus thogadh iolach mhor. Us cuid de na Phairisich a g-eirigh, bha iad a stri, a g-radh: Cha n-eil sinn faighinn coire sam bith do ʼn duine so: ciod ma labhair spiorad ris, no aingeal? An sin nuair a dhʼ eirich aimhreit mhor, ghabh an t-ard-cheannard eagal gun rachadh Pol a riabadh as a cheile leo, ʼs dhʼ orduich e do na saighdearan a dhol sios, agus Pol a spionadh le laimh laidir as am measg, ʼsa thoirt do ʼn chaisteal. ʼS an ath oidhche thuirt an Tighearna, ʼs e lamh ris: Seas dileas: oir mar a thug thu teisteanas ormsa ann an Ierusalem, ʼs amhuil a dhʼ fheumas tu teisteanas a thoirt orm san Roimh cuideachd. ʼS air tighinn do ʼn latha, thionail roinn dhe na h-Iudhaich, us cheangail iad iad fhein le mionnan, a g-radh nach itheadh ʼs nach oladh iad gus am marbhadh iad Pol. ʼS bha iad corr us dà fhichead fear, a shuidhich a cho-fheall so; Agus thainig iad thun nan ard-shagart, ʼs nan seanair, us thuirt iad: Bhòidich sinn le bòid mhoir, nach blais sinn air ni, gus am marbh sinn Pol. A nis ma ta thugaibhse maille ris a chomhairle rabhadh do ʼn ard-cheannard a thoirt a mach dhuibh, mar gum bʼ aill leibh rudeigin na bu chinntiche thuigsinn mu dheidhinn. Agus, mun tig e faisg, tha sinne deas gu mharbhadh. Cho luath sa chuala mac piuthar Phoil am feall-fhalach so, thainig e, us chaidh e stigh do ʼn chaisteal, agus dhʼinnis e do Phol e. An sin ghairm Pol a h-aon de na ceannardan-ciad, us thuirt e: Thoir an t-oganach so gus an t-ard-cheannard: oir tha rudeigin aige ri innseadh dha. Agus esan ga ghabhail, thug e thun an ard-cheannaird e, us thuirt e: Dhʼiarr am priosanach Pol orm an t-oganach so thoirt ga dʼionnsuidh, us rudeigin aige ri radh riut. ʼS an t-ard-cheannard a breith air laimh air, chaidh e lethtaobh leis, agus dhʼfharraid e dheth: Ciod a thʼ agad ri innseadh dhomh? Us thuirt esan: Chord na h-Iudhaich mu iarraidh ort, gun tugadh tu Pol am maireach thun na comhairle, mar gu rudeigin na bu chinntiche fhiosrachadh mu dheidhinn: Ach na creid thusʼ iad: oir tha corr agus dà fhichead fear dhiu am feall-fhalach air, a cheangail iad fhein le mionnan, nach icheadh iad ʼs nach oladh iad gus am marbhadh iad e; ʼs tha iad a nis deas, an duil ri gealladh bhuatsa. An sin leig an t-ard-cheannard an t-oganach air falbh, a cur mu choinneamh gun e a dhʼinnse do dhuine gun do chuir e na nichean so air shuilean dhasan. ʼS air do dhà cheannard-chiad a bhith air an gairm, thuirt e riu: Dianaibh deas dà chiad saighdear gu dol gu ruig Cesaréa, agus tri fichead us deich marcaich, agus dà chiad fear-sleagh air son an treas uair de ʼn oidhche: Agus uidheamaichibh ainmhidhean air an cuirear Pol, gus a thoirt gu tiaruinte thun an uachdrain Felics. (Oir bha eagal air gum faodadh na h-Iudhaich ma dhʼ fhaoidte a thoirt air falbh le ainneart, ʼsa mharbhadh, agus an deigh sin gum biodh e fhein fo mhichliu, mar gun gabhadh e airgiod,) Us sgriobh e litir anns an tuirt e mar so: Tha Claudius Lisias a cur bheannachd thun an uachdrain ro urramach Felics. Thainig mi air an duine so le armailt, ʼs e an sàs aig na h-Iudhaich, ʼs iad air tì a mharbhadh, agus theasraig mi e, a tuigsinn gum bu Romanach e; ʼS mi an geall air fios fhaighinn air an aobhar a bhʼ aca ʼna aghaidh, thug mi mach e thun an comhairle. Fhuair mi mach gur ann air son cheisdean mu ʼn lagh aca fhein, a bhathas ga choireachadh, ach gun dad a thoilleadh bàs no cuibhrichean ga chur as a leth. Ach nuair chaidh innse dhomh muʼn fheall-fhalach a bha iad air suidheachadh air a shon, chuir mi ga dʼ ionnsuidh fhein e, a toirt brath dha luchd-casaid, iad an cuis agairt ad lathair fhein. Slan leat. An sin na saighdearan a toirt leo Phoil, mar fhuair iad an t-ordugh, thug iad e feadh na h-oidhche gu Antipatris. Agus an ath latha a fagail nam marcach gu dol leis, thill càch thun a chaisteil. Air daibh-san Cesaréa a ruighinn, ʼs an litir a liubhairt do ʼn uachdran, chuir iad Pol air a bhialaobh. ʼS nuair a leugh e i, ʼsa dhʼ fharraid e co an duthaich dhe ʼn robh e, ʼsa tuigsinn gun robh e bho Chilicia: Eisdidh mi riut, os esan, nuair thig do luchd-casaid. Us dhʼ orduich e a ghleidheadh an talla-breitheanais Heroid. An ceann choig latha chaidh an t-ard-shagart Ananias sios maille ri cuid de na seanairean, agus Tertullus fear-tagraidh araid, us chaidh iad thun an uachdrain an aghaidh Phoil. ʼS nuair chaidh Pol a ghairm, thòisich Tertullus air a choireachadh, a g-radh: Gu bheil sinn a mealtuinn mor-shithe air do sgath, ʼs gu bheil ioma ni air an ceartachadh le dʼ fhreasdail, Is nichean so ris a bheil sinn daonnan agus anns gach aite a gabhail, Fhelics ro urramach, leis a h-uile taingealachd. Ach gun tuille moille chur ort, guidheam, gun eisd thu ruinn, as leth do shuairceis, am beagan bhriathran. Fhuair sinn an duine so ʼna phlaigh, ʼsa togail cheannairc am measg nan Iudhach uile air feadh an t-saoghail gu h-iomlan, ʼs ʼna cheannard air eiriceachd bhuaireasaich nan Nasarénach; A thug ionnsuidh cuideachd air an teampull a thruailleadh, air am bʼ aill leinne, an deigh a ghlacadh, breth a thoirt a reir ar lagh fhein. Ach air do Lisias an t-ard-cheannard tighinn oirnn, spion e e le fior ainneart as ar lamhan, A g-orduchadh a luchd-casaid a thighinn h-ugadsa: bho ʼm faod thu fhein le cheasnachadh fios a bhith agad air na nichean sin uile a tha sinn a cur as a leth. Us chuir na h-Iudhaich leis, a g-radh gur ann mar sin a bha a chuis. An sin fhreagair Pol (an t-uachdran a toirt cead dha labhairt): ʼS mi tuigsinn gum beil thu fad moran bhliadhnaichean na dʼ bhritheamh air a chinneadh so, le mor mhisnich freagraidh mi air mo shon fhein. Oir faodaidh tu thuigsinn nach eil tuille na dà latha dhiag, bho na chaidh mi suas do Ierusalem a dhʼ aoradh; ʼS cha dʼfhuair iad mi san teampull a deaspud ri neach air bith, no na mʼ cheann-aobhair air tional an t-sluaigh, anns na sinagogun, no ʼsa bhaile; Agus cha mhua is urrainn daibh comhdach dhut na tha iad a nis cur as mo leth. Ach tha mi g-aideach so dhut, gum beil mi air reir an t-seorsa ris an can iadsan eiricich, a dianamh seirbhis do ʼn Athair, ʼs do mo Dhia, a creidsinn gach ni a tha sgriobhte san lagh agus anns na faidhean, A cur mo dhochais ann an Dia, ris a bheil duil aca fhein mar an ciadna, gum bi aiseirigh nan ionraic agus nan eucorach ann. As leth so tha mi daonnan a stri, fiach am bi cogais neo-lochdach agam an lathair Dhe, ʼs an lathair dhaoine. A nis an deigh moran bhliadhnaichean thainig mi a thoirt deirce do mʼ chinneadh, agus tairgsichean, agus bòidean. Fhuair iad mi, ʼs mi riu so, air mo ghlanadh san teampull; ʼs cha n-ann le sluagh, cha mhua ʼsann le buaireas. Bʼ iad Iudhaich araid bho Asia, dha ʼm bu chòir a bhith ad lathair, agus a thoirt suas, nam biodh a bheag aca na mʼ aghaidh, No innseadh iad so fhein, ma fhuair iad coire sam bith unnam, nuair sheas mi air bialaobh na comhairle, Saor bho ʼn aon fhacal so a mhain, a ghlaodh mi, ʼs mi na mʼ sheasamh ʼnam measg: Gur h-ann as leth aiseirigh nam marbh a tha mise fo bhreth agaibhse an diugh. Ach chuir Felics, ʼs e ro fhiosrach air an aidmheil so, dàil sa chuis, a g-radh: Nuair thig Lisias an t-ard-cheannard a nuas, eisdidh mi ribh. Us thug e ordugh do cheannard-ciad a ghleidheadh, agus fois a bhith aige, ʼs gun duine dhe chairdean a bhacadh bho fhrithealadh dha. ʼS an ceann beagan laithean thainig Felics le mhnaoi Drusilla, a bha ʼna ban-Iudhaich, ʼs chuir e shireadh Phoil, agus chual e bhuaithe an creideamh a thʼ ann an Iosa Criosta. Us nuair bha e labhairt mu cheartas, ʼs mu gheamnachd, ʼs mu ʼn bhreitheanas ri tighinn, fhreagair Felics, ʼs e fo gheilt-chrith: A thaobh so bi falbh a nis: ach nuair bhios àm freagrach agam, cuiridh mi ga dʼ shireadh. Bha duil aige cuideachd gun tugte dha airgiod le Pol, as leth so a cur fios air gu tric labhair e ris. Ach an deigh do dhà bhliadhna dol seachad, thainig Portius Festus an aite Fhelics. Agus dhʼ fhag Felics, le toil comain a chur air na h-Iudhaich, Pol ceangailte. A nis nuair thainig Festus do ʼn mhor-roinn, chaidh e suas an ceann tri latha bho Chesaréa gu Ierusalem. Agus chaidh na h-ard-shagairt agus priomh-dhaoine nan Iudhach air a bhialaobh an aghaidh Phoil, agus dhʼ aslaich iad air, A g-iarraidh mar chomain dhaibh ʼna aghaidh, gun orduicheadh e a thoirt gu Ierusalem, iad fhein a dianamh feall-fhalaich air, los a mharbhadh air an t-slighe. Ach fhreagair Festus, gun robh Pol air a ghleidheadh ann an Cesaréa: ʼs gun rachadh e fhein an sin gu h-aithghearr. Rachadh ma ta, os esan, an fheadhainn a tha comasach ʼnur measg sios comhla rium-sa, agus ma se ʼs gum beil coire san duine, agaireadh iad sin ʼna aghaidh. ʼS gun fhuireach ʼnam measg na bʼ fhaide na ochd no deich latha, chaidh e sios do Chesaréa, ʼs an ath latha shuidh e air cathair a bhreitheanais, ʼs dhʼorduich e Pol a thoirt air a bhialaobh. Nuair a thugadh an sin e, sheas na h-Iudhaich, a bha air tearnadh bho Ierusalem, mun cuairt da, a cur chuisean lionar agus trom as a leth, nach bʼ urrainn daibh a chomhdach, Us fhreagair Pol, ga shaoradh fhein: Cha n-eil mi coireach ann an ni air bith a tha an aghaidh lagh nan Iudhach, no an aghaidh an teampuill, no an aghaidh Chésair. Ach le toil comain a chur air na h-Iudhaich, fhreagair Festus Pol, us thuirt e: An aill leat dol suas gu Ierusalem, ʼs an sin dol fo bhreth mu na nichean so am lathair-sa? Ach thuirt Pol: Tha mi fo bhreth aig cathair Chésair, an sin is còir breth a thoirt orm: air na h-Iudhaich cha dʼ rinn mi dolaidh, mar is math a tha fios agad. Oir ma rinn mi eucoir orra, no coire sam bith toillteanach air bàs, cha n-eil mi diultadh bàs fhulang: ach mur eil bonn aig na nichean a tha iad so cur as mo leth, cha n-fhaod duine sam bith mo liubhairt dhaibh. Tha mi togail mo chuis gu César. An sin fhreagair Festus, an deigh dha labhairt ris a chomhairle: Na thog thu do chuis gu César? Gu César theid thu. ʼS an ceann beagan laithean, thainig righ Agrippa agus Bernicé a nuas gu Cesaréa gu fàilt a chur air Festus. ʼS air dhaibh fanailt an sin moran laithean, dhʼinnis Festus do ʼn righ mu Phol, a g-radh: Dhʼ fhagadh le Felics duine araid ʼna phriosanach, Ga thaobh-san, nuair bha mi ann an Ierusalem, thainig ard-shagairt us seanairean nan Iudhach h-ugam, a g-iarraidh binn-ditidh ʼna aghaidh: Dha ʼn do fhreagair mi: Cha n-eil e ʼna chleachdadh aig na Romanaich duine air bith a dhiteadh, gus am bi esan a thathas a coireachadh ʼsa luchd-casaid an lathair a cheile, agus cead aige-san e fhein a dhion ʼsa shaoradh bho choire. Uime sin air dhaibh so a ruighinn gun dad de dhàil, shuidh mi an ath latha air cathair a bhreitheanais, ʼs dhʼ orduich mi an duine chur na mʼ lathair. Nuair a sheas a luchd-casaid suas ʼna aghaidh, cha do chuir iad coire sam bith as a leth, mu nichean a bha mise saoilsinn olc: Ach bha ceisdean araid dhe ʼn saobh-chreideamh fhein aca ʼna aghaidh, agus mu dhuine araid Iosa a bha marbh, a bha Pol a cumail a mach a bhith beo. Ann an teagamh ma ta mu ʼn ghné cheisde so, dhʼ fharraid mi an robh e deonach dol gu Ierusalem, agus dol an sin fo bhreth mu na nichean so. Ach nuair dhʼiarr Pol a ghleidheadh gu breitheanas Augustuis, dhʼorduich mi a ghleidheadh, gus an cuirinn e gu César. Us thuirt Agrippa ri Festus: Bu toigh leam fhein an duine so chluinntinn. Am maireach, os esan, cluinnidh tu e. An ath latha ma ta, nuair thainig Agrippa agus Bernicé le mor mhorchuis, ʼsa chaidh iad a stigh do thalla na h-eisdeachd maille ris na h-ard-cheannardan us maithean a bhaile, thugadh Pol air ordugh Fhestuis a stigh. Us thuirt Festus: A righ Agrippa, agus sibhse a dhaoine uile a tha ʼn so san lathair maille ruinn, tha sibh a faicinn an duine, mu ʼn do ghearain uile shluagh nan Iudhach rium ann an Ierusalem, a g-iarraidh ʼsa glaodhaich nach bu chòir e bhith na bʼ fhaide beo. Ach cha dʼ fhuair mise mach gun dʼ rinn e ni toillteanach air bàs. Ach bho na thog e fhein a chuis gu Augustus, chuir mi romham a chur an sin. Ga thaobh cha n-eil ni cinnteach agam ri sgriobhadh gu mo thighearna. As leth so thug mi e ʼnur lathair, ʼs gu h-araid ad lathair-sa, a righ Agrippa, air chor ʼs, an deigh a cheasnachadh, gum bi rudeigin agam a sgriobhas mi. Oir is neo-reusanta na mʼ shuilean-sa priosanach a chur air adhart, ʼs gun innseadh nan cuisean a thathas a cur as a leth. An sin thuirt Agrippa ri Pol: Tha e na dʼ chead labhairt air do shon fhein. An sin a sineadh mach a laimh, thòisich Pol air freagairt ʼna aobhar fhein. Tha mi gam shaoilsinn fhein sona, a righ Agrippa, gur ann ad lathair-sa tha mi gu mi fhein a dhion an diugh, a thaobh nan nichean sin uile a tha na h-Iudhaich a cur as mo leth, Gu h-araid bhon is math is aithne dhutsa gach ni, na cleachdaidhean araon agus na ceisdean a tha measg nan Iudhach: uime sin guidheam ort eisdeachd rium gu faighidneach. Agus is aithne gu dearbh do na Iudhaich uile mo bheatha bho mʼ oige, ʼs mi air caithe toiseach mo laithean am measg mo chinnidh fhein ann an Ierusalem: Oir tha eolas aca orm bho thoiseach (ma ʼs aill leo teisteanas a thoirt seachad) gun do chaidh mi mo bheatha am Phairiseach a reir an luchd-leanmhuinn is ro dhearbhte de ʼn chreideamh againne. ʼSa nis ʼsann as leth dochas a ghealltanais, a thugadh le Dia dha ʼr n-aithrichean, a tha mise fo bhreth. ʼSann an duil ruighinn air a ghealltanas so a tha ar dà threibh dhiag a seirbhiseachadh a dhʼoidhche sa latha. Air son an dochais so, a righ, tha mise air mʼ agairt leis na h-Iudhaich. Car-son a mheasar leibhse mar ni nach gabh creidsinn, gun togadh Dia na mairbh? Agus shaoil leam fhein gu dearbh roimh so, gum bu choir dhomh ioma ni a dhianamh an aghaidh ainm Iosa bho Nasareth: Ni mar an ciadna a rinn mi ann an Ierusalem, ʼsa faighinn cumhachd bho na h-ard-shagairt, chuir mi moran de na naoimh am priosan; ʼs nuair a chuireadh gu bàs iad, is mise a thug air adhart a bhinn. ʼS le bhith gam pianadh gu tric anns a h-uile sinagog, thug mi orra blaisbheum a labhairt; ʼs le bhith fhathast na bu chaothaichte ʼnan aghaidh, rinn mi geur-leanmhuinn orra gu ruig bailtean coigreach. ʼ S mi dol ma ta anns a bheachd so gu Damascus le ughdaras us cead nan ard-shagart, Chunnaic mi, O righ, am miadhon-latha air an t-slighe, solus bho neamh, na bu ghile na ghrian, a dealradh mun cuairt domh fhein ʼs do na companaich a bha cuide rium. ʼS air dhuinn uile tuiteam gu làr, chuala mi guth a labhairt rium sa chainnt Eabhraich: A Shauil, a Shauil, car-son a tha thu dianamh geur-leanmhuinn ormsa? Is searbh dhut breabadh an aghaidh a ghatha. Us thuirt mise: Co thusa, a Thighearna? Us fhreagair an Tighearna: Is mise Iosa, air a bheil thusa dianamh geur-leanmhuinn. Ach eirich, agus seas air do chasan: oir ʼsann air son so a nochd mi mi fhein dhut, gus an dianainn thu na dʼ fhear-frithealaidh, ʼs na dʼ fhianuis air na nichean a chunnaic thu, ʼs air na nichean anns am foillsich mi mi fhein dhut, Ga dʼ theasraiginn bho ʼn t-sluagh, ʼs bho na cinnich thun a bheil mi nis ga dʼ chur, Gus an suilean fhosgladh, los gun tionndaidhear iad bho dhorchadas gu solus, ʼs bho chumhachd Shatain gu Dia, agus gum faigh iad mathanas pheacannan, agus crannchur am measg nan naomh, tromh ʼn chreideamh a tha unnamsa. Air an aobhar so, a righ Agrippa, cha robh mi na mʼ mhi-chreideach do ʼn taisbeanadh bho neamh: Ach theagaisg mi an toiseach dhaibh ann an Damascus, ʼs ann an Ierusalem, ʼs ann an duthaich Iudéa air fad, agus do na cinnich, iad a dhianamh peanais, ʼsa thilleadh ri Dia, a dianamh gniomhran an fhior aithreachais. ʼSann air son so, nuair a bha mi san teampull, a ghlac na h-Iudhaich mi, ʼsa thug iad ionnsuidh air mo mharbhadh. Ach le comhnadh Dhe gam chuideachadh, tha mi beo gus an latha an diugh, a togail fianuis do ʼn bheag ʼs do ʼn mhor, gun ni a bharrachd a radh, ach na nichean a dhʼ innis na faidhean agus Maois, a bha ri tachairt, Gum fuiligeadh Criosta, ʼs gum bʼ e a chiad fhear a dhʼ eireadh bho na mairbh, ʼs gun tugadh e solus do ʼn phobull, agus do na cinnich. Nuair bha e labhairt nan nichean so, ʼsa freagairt ʼna aobhar fhein, thuirt Festus le guth ard: Tha thu na dʼ bhoile, a Phoil; chuir an t-anabarr faghluim an caothach ort. Us thuirt Pol: Cha n-eil an caothach orm, Fhestuis ro urramach, ach tha mi labhairt facail na firinn ʼs na measarrachd. Oir is aithne do ʼn righ, ris a bheil mi a labhairt gu misneachail, mu na nichean so: oir tha mi ʼm barail nach eil ni dhiu so am falach air. Oir cha n-ann an cuil a rinneadh a h-aon diubh. Am beil thu creidsinn nam faidhean, a righ Agrippa? Tha fios agam gum beil. Us thuirt Agrippa ri Pol: Cha mhor nach eil thu gam ghluasad gu bhith am Chriostaidh. Us thuirt Pol: Se mo ghuidhe ri Dia gum biodh, ann am beagan us ann am moran, cha n-e mhain thusa, ach mar an ciadna iadsan uile a tha g-eisdeachd rium an diugh, mar a tha mise, saor bho na cuibhrichean so. Agus dhʼeirich an righ, ʼs an t-uachdran, agus Bernicé, us iadsan a bha ʼnan suidhe comhla riu. ʼS nuair a chaidh iad a lethtaobh, bhruidhinn iad eatorra fhein, a g-radh: Cha dʼ rinn an duine so ni toillteanach air bàs, no air cuibhrichean. Us thuirt Agrippa ri Festus: Dhʼ fhaoidteadh an duine so leigeil mu sgaoil, mur biodh e air a chuis a thogail gu César. ʼS nuair shuidhicheadh gun seoladh Pol do ʼn Eadailte, ʼs gun rachadh a liubhairt maille ris na priosanaich eile do cheannard-ciad dha ʼm bʼ ainm Iulius, de chuideach da Augustuis, Chaidh sinn air bord saghaich a bhuineadh do Adrimetum, us thog sinn a mach, a cur romhainn seoladh ri oirthir Asia, Aristarchus bho Thessalonica ann am Macedonia a fuireach maille ruinn. ʼS an ath latha thainig sinn do Shidon. Agus Iulius a gabhail le caoimhneas ri Pol, leig e leis dol gu chairdean, ʼsa bhith air a churam fhein. ʼS nuair a thog sinn a mach as a sin, sheol sinn fo Chiprus: a chionn gun robh a ghaoth ʼnar n-aghaidh. ʼSa seoladh thar muir Chilicia us Phamphilia, thainig sinn do Listra, a thʼ ann an Licia: ʼS an ceannard-ciad a faighinn an sin luinge bho Alecsandria a dol do ʼn Eadailte, chuir e sinne air a bordsa. ʼS air dhuinn a bhith seoladh gu mall fad moran laithean, ʼs gur gann a thainig sinn fa chomhair Ghniduis, leis a ghaoth a bhith ga ʼr bacail, sheol sinn teann air Crete faisg air Salmone: ʼSa seoladh air eiginn seachad air, thainig sinn gu aite araid, ris an canar an Deaghchala, air an robh baile Thalassa teann. Bho na uhaidh moran uine seachad, ʼs gun robh an seoladh a nis cunnartach, a thaobh gun deach an traisg cheana seachad, thug Pol misneach dhaibh, A g-radh riu: Fheara, tha mi faicinn gum beil an seoladh a teannadh air a bhith gu call ʼs gu moran dolaidh, cha n-ann a mhain do ʼn luchd ʼs do ʼn luing, ach dha ʼr beatha cuideachd. Ach bha an ceannard-ciad a toirt tuilleadh creideis do ʼn stiuradair agus do mhaighistir na luinge, na do na nichean a bha Pol a g-radh. Agus bho nach robh an cala goireasach gu geamhrachadh ann, bʼ e comhairle na cuid bu mhua seoladh as a sin, fiach am bʼ urrainn daibh an doigh air bith Phenicé thoirt a mach, cala de Chrete a tha sealltuinn ris an iar-dheas agus an iar-thuath, agus geamhrachadh an sin. ʼS nuair a sheid soirbheas caoin á deas, a saoilsinn gun dʼ fhuair iad an run, thog iad a mach bho Asson, a cumail ri tir Chrete. Ach beagan an deigh sin, sheid gaoth ghailbheach ʼna h-aghaidh, Euro-acuilo theirte rithe. ʼS miair a ghlacadh an long leis, ʼs nach bʼ urrainn di cathachadh an aghaidh na gaoithe, a toirt na luinge do ʼn ghaoith, chaidh ar fuadachadh. ʼSa ruith fo eilein araid, dha ʼm bʼ ainm Cauda, is gann a bʼ urrainn duinn ruighinn air a bhàta. An deigh a thogail, chuir iad gleusan comhnuidh an uidheam, a criosachadh na luinge foipe, a gabhail eagail gun tigeadh iad sa bheo-ghainmhich, leig iad sios an t-slat-shiuil, ʼs mar sin dhʼ fhuadaicheadh iad. ʼS nuair a bha sinn air ar luasgadh gu h-anabarrach leis an stoirm, air an ath latha dhʼ aotromaich iad an long; ʼS air an treas latha thilg iad a mach le ʼn lamhan fhein acfhuinn na luinge. ʼS nuair nach fhacas grian no reultan fad moran laithean, agus stoirm nach bu bheag a maoidheadh oirnn, thugadh a nis bhuainn a h-uile duil ri tiarnadh. Agus an deigh dhaibh bhith moran uine ʼnan traisg, thuirt Pol, ʼs e seasamh suas ʼnam miadhon: O dhaoine, bu choir dhuibh gu dearbh a bhith air eisdeachd riumsa, ʼs gun togail a mach á Crete, agus an dolaidh ʼs an call so sheachnadh. Agus se mo chomhairle dhuibh a nis deagh mhisneach a bhith agaibh: oir cha chaillear beatha duine air bith agaibh, ach caillear an long. Oir air an oidhche nochd sheas lamh rium aingeal an De, leis an leis mise, agus dha ʼm beil mi dianamh seirbhis, A g-radh: Na biodh eagal ort, a Phoil, tha e riatanach gun seas thu an lathair Chésair; us, seall, thug Dia dhut iadsan uile a tha seoladh maille riut. Uime sin, fheara, biodh deagh mhisneach agaibh: oir tha mi creidsinn ann an Dia, gun tachair mar a chaidh a radh rium. Agus ʼs fheudar gun tig sinn air eilein araid. ʼS an deigh do ʼn cheathramh oidhche diag tighinn, us sinn a seoladh mu mhiadhon oidhche air muir Adria, shaoil leis na seoladairean gum faca iad tir air choireigin. ʼSa leigeil sios na luaidhe, fhuair iad fichead aitheamh; ʼsa gabhail beagan air adhart, fhuair iad coig aitheamh diag. An sin air eagal gum buaileadh sinn air garbhlach, thilg iad ceithir acraichean a mach air a deireadh, ʼs iad deidheil air an latha thighinn. Ach bho na bha na maraichean a g-iarraidh teicheadh as an luing, ʼsa leig iad sios am bàta do ʼn mhuir, mar gum bʼ ann a thilgeadh a mach acraichean á toiseach na luinge, Thuirt Pol ris a cheannard-chiad ʼs ris na saighdearan: Mur fuirich iad so san luing, cha n-urrainn duibhse bhith sabhailte. An sin ghearr na saighdearan buill a bhàta, ʼs leig iad leis tuiteam sios. ʼS aig bristeadh na fàire, ghuidh Pol orra uile biadh a ghabhail, a g-radh: Se an diugh an ceathramh latha diag a tha sibh a feitheamh ʼsa fuireach ʼnur traisg, gun dad a ghabhail. Uime sin guidheam oirbh biadh a ghabhail air son ur slainte: oir cha chaillear fuiltean cinn a h-aon agaibh. ʼS nuair thuirt e so, a glacadh arain, thug e taing do Dhia ʼnan lathair uile; us nuair a bhrist e, thòisich e air iche. An sin dhʼ fhas iad uile na bu mhisneachaile, us ghabh iad fhein biadh. Agus bha sinn san luing uile gu leir dà chiad, tri-fichead, us sia-diag de dhʼanmannan. ʼS nuair a dhʼich iad am foghnadh, dhʼ aotromaich iad an long leis a chruithneachd a thilgeadh sa mhuir. ʼS nuair thainig an latha cha dʼ aithnich iad am fearann: ach thug iad an aire do shàilean araid, aig an robh cladach, air am bu mhath leo, nam bʼ urrainn daibh an long a thilgeadh. ʼS nuair a thog iad na h-acraichean, dhʼearb iad iad fhein ris a mhuir, a fuasgladh cuideachd ceanglaichean na stiuire; ʼsa togail suas an t-siuil-mhoir ris a ghaoith, rinn iad air a chladach. ʼS nuair thuit sinn air aite far na choinnich dà fhairge, bhuail iad an long air a ghrunnd; agus dhʼ fhan a toiseach an sàs gun charachadh, ach bhristeadh a deireadh le neart na mara. Agus bʼ e comhairle nan saighdearan na priosanaich a mharbhadh, eagal iad a dhʼ fhalbh air an t-snamh, agus teicheadh. Ach an ceannard-ciad, ʼs e an geall air Pol a thiarnadh, bhac e so dhianamh; us dhʼ orduich e dha ʼn fheadhainn dha ʼm bʼ aithne snamh iad fhein a thilgeadh sa mhuir an toiseach, ʼs tàrsuinn as, agus tir a chosnadh; ʼSa thaobh chàich, bhathas gan giulan, cuid air buird, cuid air nichean a bhuineadh do ʼn luing. Agus mar so thachair, gun dʼ fhuair a h-uile anam sabhailte gu tir. ʼS nuair a thiarnadh sinn, thuig sinn an sin gum bʼ e ainm an eilein Melita. Ach dhʼfhiach na borbfhearan baighealachd nach bu bheag dhuinn. Oir, air do theine a bhith air fhadadh, dhʼ fhurtaich iad oirnn uile bho ʼn uisge a bha taomadh, ʼs bho ʼn fhuachd. Agus nuair thionail Pol dorlach bhioran, ʼsa thilg e air an teine iad, thainig nathair a mach leis an teas, us chaidh i ʼn sàs ʼna laimh. ʼS nuair a chunnaic na borbfhearan a bheist an crochadh ri laimh, thuirt iad ri cheile: Gun teagamh is murtair an duine so, oir, ged a thàr e as bho ʼn mhuir, cha ʼn eil dioghaltas a leigeil leis a bhith beo. Ach chrath esan gu dearbh a bheist dheth san teine, ʼs cha dʼ fhuilig e beud. Ach bha iadsan an duil gun tòisicheadh e air at, ʼs gun tuiteadh e sios gu grad, ʼs gum basaicheadh e. Ach air dhaibh feitheamh fada, us fhaicinn nach dʼ fhuilig e beud, dhʼ atharraich iad beachd, us thuirt iad gum bu dia e. A nis anns na h-aiteachan sin bha seilbhean aig priomh-fhear an eilein, dha ʼm bʼ ainm Publius, a ghabh a stigh sinn, ʼsa dhʼ fhiach caoimhneas ruinn fad thri latha. Us thachair do athair Phubliuis a bhith ʼna laidhe air a chlaoidh le teasaich agus le gearraich. Chaidh Pol a stigh ga ionnsuidh; ʼs nuair a rinn e urnaigh, ʼsa leag e lamhan air, leighis e e. Nuair a rinneadh so, thainig iadsan uile a bha easlainteach feadh an eilein, agus leighiseadh iad. Thug iad onair dhuinn cuideachd le muirn mhoir, ʼs nuair a bha sinn dol a sheoladh, sholaraich iad gach ni a bha riatanach dhuinn. Agus an deigh thri miosan sheol sinn ann an luing bho Alecsandria, a gheamhraich san eilein, dha ʼm bu shuaicheantas na Castoir. ʼS nuair a rainig sinn Siracùsa, dhʼ fhuirich sinn an sin tri latha. As a sin a stiuradh ri taobh a chladaich, thainig sinn do Regium; ʼs an deigh aon latha, le soirbheas a seideadh á deas, thainig sinn an darna latha do Phutéoli; ʼSa faighinn bhraithrean an sin, dhʼ iarradh oirnn fuireach comhla riu seachd laithean; ʼs mar so rainig sinn an Roimh. Agus nuair a chuala na braithrean mu ʼr deidhinn, thainig iad a mach bho sin ʼnar coinneamh gu ruig Appii Forum, ʼs na tri tighean osda. Air do Phol am faicinn, thug e taing do Dhia, agus ghlac e misneach. ʼS nuair a rainig sinn an Roimh, leigeadh le Pol tamh leis fhein comhla ri saighdear, a bha ga ghleidheadh. ʼS an deigh an treas latha, ghairm e cruinn maithean nan Iudhach. Agus air dhaibh cruinneachadh, thuirt e riu: A dhaoine ʼsa bhraithrean, gun mi dhianamh ni an aghaidh a phobuill no cleachdadh nan aithrichean, liubhradh mi na mʼ phriosanach bho Ierusalem do lamhan nan Romanach: ʼS an deigh dhaibhse rannsachadh a dhianamh gam thaobh, bʼ aill leo mo leigeil as, chionn nach robh aobhar sam bith bàis na mʼ aghaidh. Ach leis na h-Iudhaich a bhith cur an aghaidh so, bʼ fheudar dhomh mo chuis a thogail gu César, cha n-e gu bheil ni sa bith agam ri chur an aghaidh mo chinnidh fhein. ʼSann air son so ma ta dhʼ iarr mi ur faicinn, us labhairt ribh. Oir ʼsann air son dochas Israil a tha mise ceangailte leis an t-slabhruidh so. Us thuirt iadsan ris: Cha dʼ fhuair sinn litrichean bho Iudéa mu dʼ dheidhinn, cha mhua thainig neach de na braithrean, a dhʼ aithris no a dhʼ innis sion de dhʼ olc na dʼ aghaidh. Ach is math leinn do bheachd a chluinntinn bhuat: oir a thaobh na h-aidmheil so, tha fios againn gum beileas a cur ʼna h-aghaidh anns a h-uile h-aite. ʼS nuair a shuidhich iad latha ris, thainig fior-mhoran ga ionnsuidh gu fhardaich, dha ʼn robh e mineachadh rioghachd Dhe, a togail fianuis, agus gan comhairleachadh a thaobh Iosa á lagh Mhaois us as na faidhean, bho mhaduinn gu feasgar. Us chreid cuid na nichean a chaidh a radh: agus cuid nach do chreid. ʼS bho nach robh iad a cordadh ʼnam measg fhein, thog iad orra gu falbh, Pol a cantuinn an aon fhacail so riu: Is math a labhair an Spiorad Naomh ri ʼr n-aithrichean leis an fhaidh Isaias, A g-radh: Falbh thun a phobuill so, us abair riu: Leis a chluais cluinnidh sibh, ʼs cha tuig sibh; agus a faicinn chi sibh, ʼs cha toir sibh fos-near. Oir tha cridhe a phobuill so air fàs marbhanta, us dhʼ eisd iad gu mall le ʼn cluasan agus dhuin iad an suilean: air eagal ma dhʼ fhaoidte gum faiceadh iad le ʼn suilean, ʼs gun cluinneadh iad le ʼn cluasan, ʼs gun tuigeadh iad le ʼn cridhe, ʼs gum biodh iad air an iompachadh, agus gun leighisinn iad. Biodh fios agaibh ma ta gun do chuireadh an sabhaladh so bho Dhia thun nan cinneach, agus eisdidh iadsan ris. ʼS air dha so a radh, dhʼ fhalbh na h-Iudaich a mach bhuaithe, ri moran de chonsachadh eatorra fhein, Agus dhʼ fhuirich e dà bhliadhna shlan ʼna chairtealan màil fhein; agus ghabh e riusan uile, a thainig ga ionnsuidh, A searmonachadh rioghachd Dhe, ʼsa teagasg nan nichean a bhuineas do ʼn Tighearna Iosa Criosta leis a h-uile mhisneach gun bhacadh. Pol seirbhiseach Iosa Criosta, a chaidh ghairm ʼna ostal, ʼsa chur air leth gu soisgeul De, A roimh-gheall e le fhaidhean anns na sgriobtuirean naomh, Mu dheidhinn a Mhic, a rinneadh dha de shiol Dhài a reir na feola, ʼS bʼ esan Mac roimh-orduichte Dhe ann an cumhachd, a reir spiorad na naomhachd le aiseirigh ar Tighearna Iosa Criosta bho na mairbh, Tromh ʼn dʼ fhuair sinn grasan us ostalachd gus a h-uile cinneach umhlachadh do ʼn chreideamh air sgath ainmse, ʼNam measg sin tha sibhse cuideachd air ur gairm le Iosa Criosta: Dhuibhse uile a tha san Roimh, gradhaichte le Dia, gairmte gu bhith ʼnur naoimh, grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, agus bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. An toiseach tha mi toirt taing do mo Dhia, tromh Iosa Criosta, air ur sonsa uile: a chionn gum beil iomradh air ur creideamh air feadh an domhain gu leir. Oir se Dia mʼ fhianuis, a tha mi seirbhiseachadh na mʼ spiorad ann an soisgeul a Mhic, gum beil mi gun lasachadh a dianamh cuimhne oirbh, Daonnan am urnaighean: a guidhe, gum faighinn air chor air choireigin a nis mu dheireadh rathad reidh le toil De air tighinn gu ʼr n-ionnsuidh. Oir tha deidh agam air ur faicinn, los càileigin a riarachadh oirbh de ghrasan spioradail gus ur daingneachadh: Se sin ri radh, gu sòlas fhaighinn maille ribhse anns a chreideamh sin, a tha againn le cheile, agaibhse agus agamsa. Agus cha mhath leam sibh a bhith aineolach, a bhraithrean, gur tric a chuir mi romham tighinn gu ʼr n-ionnsuidh (us bhacadh mi gu so), los cuid de thoradh a bhith agam ʼnur measgsa, mar am measg nan cinneach eile. Do na Greigich ʼs do na borbfhearan, do dhaoine glic agus do dhaoine gorach tha mi fo fhiachaibh: Air chor (fhad ʼsa tha e am chomas) gum beil mi deas gus an soisgeul a theagasg dhuibhse cuideachd, a tha san Roimh. Oir cha n-eil mi gabhail nàire as an t-soisgeul. Oir se cumhachd Dhe e gu sabhaladh a h-uile h-aon a chreideas, an t-Iudhach an toiseach, ʼs an sin an Greigeach. Oir tha ceartas De air a shoilleireachadh an sin bho chreideamh gu creideamh, mar tha e sgriobhte: Tha an duine ceart a tighinn beo tromh chreideamh. Oir tha fearg Dhe air a nochdadh bho neamh an aghaidh a h-uile h-ain-diadhachd agus anaceartas na feadhnach sin, a tha cumail firinn De ann an anaceartas: A chionn gum beil na tha aithnichte thaobh Dhe follaiseach unnta: oir dhʼ fhoillsich Dia dhaibh e. Oir bho chruthachadh an t-saoghail tha na nichean neo-fhaicinneach aige-san fior-shoilleir, agus air an tuigsinn leis na nichean a rinneadh; a chumhachd shiorruidh cuideachd agus a dhiadhachd: air chor ʼs nach eil leisgeul aca. A chionn, nuair a bha eolas aca air Dia, nach tug iad gloir dha mar Dhia, no buidheachas: ach dh ʼfhas iad faoin ʼnan smaointean, agus dhorchaicheadh an cridhe amaideach: Oir a gabhail orra fhein a bhith glic, rinneadh iad ʼnan amadain. Agus thionndaidh iad gloir an De neo-thruaillidh gu dealbh iomhaigh duine thruaillidh, us ian, us ainmhidhean ceithir-chasach, agus bheistean snàgach. Air son sin thug Dia thairis iad do thograichean an cridhe fhein, do neo-ghloine: gus an coluinnean fhein a mhaslachadh eatorra fhein: Dhʼ atharraich iad firinn De gu breig; ʼs thug iad aoradh, agus rinn iad seirbhis do ʼn chreutair a raghainn air a chruthadair, a tha beannaichte gu siorruidh. Amen. Air son so liubhair Dia seachad iad do dhʼ ana-miannan graineil. Oir dhʼ atharraich na boirionnaich aca an cleachdadh nadurra gus an cleachdadh a tha an aghaidh naduir. ʼS mar an ciadna na firionnaich, a leigeil dhiubh gnath nadurra a bhoirionnaich, las iad suas ʼnan ana-miannan do gach a cheile, firionnaich ri firionnaich a g-oibreachadh graineileachd, ʼsa faighinn unnta fhein na duaise, a thoill an seachran. ʼS bho nach robh càil aca air Dia a bhith ʼnan aire, liubhair Dia seachad iad do bheachd eucorach, gus na nichean sin a dhianamh, a tha mi-iomchuidh, Air an lionadh leis a h-uile olc, gò, striopachas, sannt, droch bheart, lan de dhʼ fharmad, de mhurt, de chonsachadh, de dhʼ fhoill, de dhroch-mheinn, ʼnan cogarsaichean, Culchainnteach, fuathach le Dia, tailceasach, uaibhreach, ardanach, ʼnan luchd-deilbh nichean olc, as-umhailte do pharantan, Aimideach, mi-bheusach, gun ghradh, gun dhilseachd, gun iochd. Daoine, ged a bʼ aithne dhaibh ceartas De, nach do thuig gum beil luchd-dianamh nan leithidean so toillteanach air bàs; ʼs cha n-iad an luchd-dianamh a mhain, ach iadsan cuideachd a tha g-aontachadh leo-san, a tha gan dianamh. Uime sin, tha thu gun leisgeul, O dhuine, co air bith thu a tha toirt breth. Oir leis an ni air a bheil thu toirt breth air an atharrach, tha thu ga dʼ dhiteadh fhein: oir tha thu dianamh nan ceart nichean air a bheil thu toirt breth. Oir tha fios againn gum beil breitheanas De a reir na firinne ʼnan aghaidhse, a ni na nichean sin. ʼS am beil thusa an duil, O dhuine, a tha toirt breth orrasan a tha dianamh an leithidean sin, ʼs tu fhein gan dianamh, gun tàr thu as bho bhreitheanas De? No am beil thu cur suarach saoibhreas a mhathais, us fhaighidin, agus fhad-fhulangais? Nach eil fhios agad gum beil caomhalachd Dhe ga dʼ thaladh gu aithreachas? Ach a reir do chruais ʼs do chridhe neo-aithreachail, tha thu tasgadh dhut fhein feirge an aghaidh latha na feirge agus taisbeanadh ceart-bhreitheanas De, A bheir do gach neach air reir oibrichean: Dhaibhse gu deimhinn, a shireas le faighidin ann an deagh-oibrichean gloir, agus onair, agus neo-thruailleachd, a bheatha shiorruidh: Ach dhaibh-san a tha aimhreiteach, ʼs nach striochd do ʼn fhirinn, ach a chreideas an t-olc, fearg us corruich. Anshocair us airc air anam gach duine a tha ris an olc, air an Iudhach an toiseach, ʼs an sin air a Ghreigeach: Ach gloir, us onair, agus sith do gach neach a tha ris a mhath, do ʼn Iudhach an toiseach, ʼs an sin do ʼn Ghreigeach; Oir cha n-eil Dia gabhail ri pearsa seach a cheile. Oir co sa bith a pheacaich gun an lagh, theid iad a dhith gun an lagh; agus co sa bith a pheacaich fo ʼn lagh, bheirear breth orra leis an lagh: Oir cha n-iad luchd-eisdeachd an lagha a tha naomh an lathair Dhe, ach ʼsiad luchd-cumail an lagha a naomhaichear. Oir, nuair a tha na cinnich, aig nach eil an lagh, a cumail le tùr naduir riaghailtean an lagha, tha iad, ʼs iad gun an lagh, ʼnan lagh dhaibh fhein: Tha iadsan a fiachuinn obair an lagha sgriobhte ʼnan cridhe, an cogais fhein a togail fianuis dhaibh, agus an smaointean eatorra fhein gan diteadh, no gan dion, ʼS an latha air an toir Dia breth air ruin-diomhair dhaoine le Iosa Criosta a reir mo shoisgeil-sa. Ach ma theirear Iudhach riutsa, ʼs gum beil thu cur do bhuin as an lagh, ʼsa dianamh uaill á Dia, Agus fiosrach air a thoil, ʼsa raghnachadh nan nichean is feumaile, ʼs tu air do theagasg leis an lagh, Agus earbsach asad fhein, gum beil thu na dʼ cheann-iuil do na doill, na dʼ sholus dhaibh-san a tha ann an dorchadas, Na dʼ fhear-faghluim nan amadan, na dʼ fhear-teagaisg leanaban aig a bheil coltas an eolais, ʼs na firinn, anns an lagh. Thusa ma ta a tha teagasg an atharraich, cha n-eil thu ga dʼ theagasg fhein; thusa a tha teagasg nach fhaodar goid, tha thu goid; Thusa a tha g-radh nach fhaodar adhaltranas a dhianamh, tha thu dianamh adhaltranais; thusa leis am fuathach iodholan, tha thu ri naomh-ghoid; Thusa a tha dianamh cùis uaill dhe ʼn lagh, leis an lagh a bhristeadh tha thu toirt as-onair do Dhia. ( Oir tha ainm Dhe a faighinn toibheum bhuaibhse am measg nan cinneach, mar tha e sgriobhte.) Tha buannachd gu dearbh san timchioll-ghearradh, ma chumas tu an lagh: ach ma ʼs fear-bristeadh an lagha thu, rinneadh do thimchioll-ghearradh ʼna neo-thimchioll-ghearradh. Uime sin ma chumas an neo-thimchioll-ghearradh reachdan an lagha, nach measar a neo-thimchioll-ghearradh-sa ʼna thimchioll-ghearradh? Agus nach dit an neo-thimchioll-ghearradh sin, a tha thaobh naduir, ma choimhlionas e an lagh, thusa, a tha tromh ʼn litir us tromh ʼn timchioll-ghearradh na dʼ fhear-bristeadh an lagha? Oir cha n-Iudhach esan, a tha mar sin air an taobh-mach; ʼs cha mhua is timchioll-ghearradh sin, a tha follaiseach san fheoil: Ach is fior Iudhach esan, a tha mar sin san taobh stigh; agus se am fior thimchioll-ghearradh, a tha sa chridhe agus san spiorad, cha n-ann san litir; aig a bheil a chliu cha n-ann bho dhaoine, ach bho Dhia. Ciod e ma ta barrachd an Iudhaich? no ciod e math an timchioll-ghearraidh? Is mor sin sa h-uile doigh. An toiseach gu dearbh, a chionn gur ann riusan a chaidh briathran Dhe earbsadh. Ciod ma ta ma bha cuid dhiu nach do chreid? an dian am mi-chreideamh-san firinn De gun tairbhe? Na leigeadh Dia. Oir tha Dia firinneach: ʼs tha h-uile duine ʼna bhriagadair, mar tha e sgriobhte: Los gum firinnichear thu na dʼ bhriathran, ʼs gum buadhaich thu, nuair a bheirear breth ort. Ach ma bheir an t-ana-ceartas againn cliu do cheartas De, ciod a their sinn? Am beil Dia anaceart, a tha cur feirge an ceill? (tha mi labhairt mar dhuine.) Fad bho sin: air chaochla doigh ciamar a bheir Dia breth air an t-saoghal so? Oir ma tha firinn Dhe a cosnadh leasachadh gloire dhasan bho mʼ bhreigse, car-son a thathas fhathast a toirt breth orm mar pheacach? Ach an aite sin (mar thathas gu briagach a cur as ur leth, ʼs mar tha cuid a g-radh gun abair sinn) dianamaid olc gu math a thighinn as: tha iad sin le ceartas air an diteadh. Ciod a nis? Am beil sinn toirt barrachd orra? Cha n-eil idir. Oir mhìnich sinn cheana, gum beil araon na h-Iudhaich agus na Greigich fo ʼn pheacadh, Mar tha e sgriobhte: Cha n-eil duine ionraic sa bith ann. Cha n-eil a h-aon a tuigsinn, cha n-eil a h-aon a sireadh Dhe. Chlaon iad uile bharr na slighe, dhʼ fhas iad neo-tharbhach gu leir: cha n-eil a h-aon a tha dianamh math, cha n-eil fiu a h-aon. Is uaigh fhosgailte an sgornan, le ʼn teanganan labhair iad gu cealgach: tha nimh nan nathraichean fo ʼm bilean: Tha am bial lan mhollachd us seirbhe: Tha an casan luath gu dortadh fala: Tha sgrios agus truaighe ʼnan slighean: Agus rathad na sithe cha bʼ aithne dhaibh. Cha n-eil eagal De romh ʼn suilean. A nis tha fios againn, ciod air bith a their an lagh, gur h-ann riusan a tha fo ʼn lagh a tha e ga labhairt; gu gach bial a dhunadh, ʼs an saoghal uile a dhianamh striochdte do Dhia: Oir le oibrichean an lagha cha naomhaichear feoil air bith ʼna lathair. Oir ʼsann bho ʼn lagh a tha eolas a pheacaidh. Ach a nis as aonais an lagha tha ceartas De, air an tug an lagh ʼs na faidhean fianuis, air a shoilleireachadh. Seadh, ceartas De tromh chreideamh Iosa Criosta do gach neach ʼs air gach neach, a chreideas ann: chionn cha n-eil eadar-dhealachadh ann: Oir pheacaich iad uile, us tha iad as easbhuidh gloir Dhe. Air dhaibh a bhith air an naomhachadh a nasgaidh le ghrasan, tromh ʼn t-saoradh a thʼ ann an Iosa Criosta, A shonraich Dia ʼna reite tromh chreideamh ʼna fhuil, los a cheartas fhiachuinn le mathanas nam peacannan a chaidh seachad, Tromh fhad-fhulangas De, los a cheartas fhiachuinn san àm so; gus e fhein a bhith ceart, ʼs ga dhianamh-sa ceart, a tha de chreideamh Iosa Criosta. Càite a nis a bheil dʼ uaill? Chuireadh air chul i. Le ciod an lagh? Le lagh nan gniomhran? Cha n-ann: ach le lagh a chreidimh. Oir tha sinn a meas gun naomhaichear duine le creideamh, as aonais oibrichean an lagha. An e Dia nan Iudhach e a mhain? Nach e Dia nan cinneach e mar an ciadna? Seadh nan cinneach mar an ciadna. Oir is aon Dia gu dearbh, a tha naomhachadh an timchioll-ghearraidh le creideamh a gus an neo-thimchioll-ghearraidh tromh chreideamh. A bheil sinn ma ta cur as do ʼn lagh tromh chreideamh? Fad bho sin: ach tha sinn a steidheachadh an lagha. Ciod uime sin a their sinn a fhuair Abraham, ar n-athair a reir na feola? Oir ma naomhaicheadh Abraham le oibrichean, tha aobhar uaill aige, ach cha n-ann a thaobh Dhe. Oir ciod tha ʼn sgriobtur a g-radh? Chreid Abraham Dia; us mheasadh sin dha gu ceartas. A nis dhasan a tha g-oibreachadh, cha n-eil an tuarasdal air a mheas mar ghean-math, ach mar fhiachan. Ach dhasan nach eil a g-oibreachadh, ach a tha creidsinn annsan a tha naomhachadh nan neo-dhiadhaidh, tha a chreideamh air a mheas gu ceartas a reir beachd grasan De. Mar tha Dài cuideachd a cur an ceill sonas an duine, dha ʼm beil Dia meas ceartais gun oibrichean: Is beannaichte iadsan, dha ʼn do mhathadh an lochdan, us dha ʼn do dhubhadh as am peacannan. Is beannaichte an duine nach do chuir an Tighearna peacadh as a leth. Am beannachadh so ma ta, an ann san timchioll-ghearradh a mhain a tha e fantuinn, no bheil e san neo-thimchioll-ghearradh mar an ciadna? Oir tha sinn a g-radh gun do mheasadh creideamh do Abraham gu ceartas. Ciamar a mheasadh e ma ta? An ann san timchioll-ghearradh, no san neo-thimchioll-ghearradh? Cha n-ann san timchioll-ghearradh, ach san neo-thimchioll-ghearradh. Us fhuair e comharradh an timchioll-ghearraidh, seul air ceartas a chreidimh, a bhʼ aige san neo-thimchioll-ghearradh; gus e bhith ʼna athair acasan uile a tha creidsinn gun an timchioll-ghearradh, los gum measar dhaibh-san e cuideachd gu ceartas; Agus gus e bhith ʼna athair do ʼn timchioll-ghearradh, cha n-ann a mhain do luchd an timchioll-ghearraidh, ach dhaibhse cuideachd a tha leanail ceuman a chreidimh, a tha ann an neo-thimchioll-ghearradh ar n-athar Abraham. Oir cha bʼ ann tromh ʼn lagh a thugadh an gealladh do Abraham, no dha shliochd, gum biodh e ʼna oighre air an t-saoghal, ach tromh cheartas creidimh. Oir ma ʼs oighreachan iadsan a tha dhe ʼn lagh, tha creideamh gun bhrigh, tha an gealladh gun stath. Oir se fearg a tha an lagh a g-oibreachadh. Oir far nach eil lagh, cha n-eil bristeadh lagha. Mar so ʼsann bho chreideamh a tha e, los, a reir nan gras, gum biodh an gealladh daingeann do ʼn t-sliochd uile; cha n-ann a mhain dhasan a tha dhe ʼn lagh, ach dhasan mar an ciadna, a tha de chreideamh Abrahaim, agus is esan ar n-athair-ne uile, (Mar tha e sgriobhte: Rinn mi thu na tʼ athair ioma cinnidh ), an lathair Dhe, anns an do chreid e, ʼsa tha beothachadh nam marbh, ʼsa gairm nan nichean nach eil, mar nan nichean a tha. Chreid esan ann an dochas an aghaidh dochais, gum biodh e ʼna athair ioma cinnidh, a reir ʼs mar a chaidh a radh ris: Mar so bithidh do shliochd. Agus cha robh e lag ʼna chreideamh, cha mhua sheall e air a chorp fhein a nis marbh, ged a bha e cheana ciad bliadhna ach gann, no air com marbh Sara. Ann an gealladh Dhe cha do thuislich e le an-earbsa, ach bha e air a neartachadh an creideamh, a toirt gloire do Dhia, Lan-fhiosrach gum beil esan comasach air ni sa bith a gheall e a choimhlionadh. Agus uime sin mheasadh e dha gu ceartas. A nis cha n-ann a mhain air a shonsan a chaidh a sgriobhadh, gun do mheasadh e dha gu ceartas: Ach air ar son-ne cuideachd, dha ʼn teid a mheas, ma se ʼs gun creid sinn annsan, a thog ar Tighearna Iosa Criosta bho na mairbh, A liubhradh seachad air son ar ciontan, ʼsa dhʼ eirich a rithist air son ar naomhachaidh. Air dhuinn a bhith uime sin air ar naomhachadh tromh chreideamh, tha sith againn ri Dia tromh ar Tighearna Iosa Criosta: ʼS troimhse le creideamh tha rathad againn thun nan grasan sin anns a bheil sinn a seasamh, agus a gabhail uaill á dochas gloir chlann Dhe. ʼS cha n-e so a mhain, ach tha sinn a gabhail uaill á trioblaidean, a tuigsinn gun oibrich trioblaidean faighidin, Us faighidin diachuinn, agus diachuinn dochas, Agus cha naraich dochas: a chionn gum beil carrantachd Dhe air a taomadh a mach ʼnar cridheachan leis an Spiorad Naomh, a tha air a thoirt dhuinn. Oir car-son, nuair bha sinn fhathast lag, dhʼ eug Criosta, a reir an ama, air son nam mi-dhiadhaidh? Oir is gann a dhʼ fhuiligeas neach bàs air son duine ionraic: ach theagamh gum biodh a mhisneach aig feareigin bàsachadh air son duine mhath. Ach tha Dia a cliuthachadh a charrantachd dhuinne; a chionn ʼs nuair a bha sinn ʼnar peacaich, a reir an ama. Gun dʼ fhuilig Criosta air ar son: is mor ma ta nas mua na sin, an deigh a nis a bhith air ar naomhachadh le fhuil, a bhios sinn tiaruinte bho fheirg troimh-san. Oir ma reiticheadh ri Dia sinn le bàs a Mhic, nuair bu naimhdean sinn, is mua gu mor an deigh an reiteachaidh, a bhios sinn air ar sabhaladh ʼna bheatha-san. ʼS cha n-e so a mhain: ach tha sinn dianamh uaill cuideachd ann an Dia tromh ar Tighearna Iosa Criosta, tromh ʼn dʼ fhuair sinn a nis reite. Uime sin mar thainig am peacadh a stigh do ʼn t-saoghal so tromh aon duine, ʼs leis a pheacadh am bàs; ʼs mar so ruith am bàs air daoine gu leir troimh-san, anns na pheacaich iad uile: Oir gus an lagh bha am peacadh san t-saoghal: ach cha robh am peacadh ri agairt, nuair nach robh an lagh ann. Ach righich am bàs bho Adhamh gu Maois orrasan cuideachd nach do pheacaich a reir coltas cionta Adhamh, a tha ʼna shamhla air-san a bha ri tighinn. Ach cha n-ionann a choire ʼs an tiodhlac. Oir ma bhasaich moran le coire a h-aon, is ro phailt na sin gu fad a thaomadh air moran grasan Dhe ʼsa thiodhlac tromh ghrasan aon duine Iosa Criosta. Agus cha n-ann mar tromh aon pheacadh, a tha an tiodhlac: oir bha breitheanas gu dearbh bho h-aon gu diteadh; ach grasan bho mhoran chiontan gu naomhachadh. Oir le cionta aon duine ma righich am bàs tromh ʼn aon; is ro mhua gu mor a righicheas iadsan, a gheobh mor-phailteas de ghrasan, de thiodhlac, agus de cheartas, ann am beatha tromh ʼn aon Iosa Criosta. Uime sin mar a bha cionta a h-aon ʼna aobhar ditidh do dhaoine uile, is amhuil a tha ceartas a h-aon gu naomhachadh beatha dhaoine uile. Oir mar a rinneadh moran ʼnam peacaich le as-umhlachd aon duine, mar sin cuideachd naomhaichear moran le umhlachd aon duine. A nis thaing an lagh a stigh gu miadachadh a chionta gu mor. Ach far na mhiadaich an cionta gu mor, bu ro mhua gu mor a mhiadaich grasan. Air chor ʼs mar a righich am peacadh gu bàs, is amhuil a righicheas grasan tromh cheartas gu beatha shiorruidh, tromh Iosa Criosta ar Tighearna. Ciod ma ta their sinn? An lean sinn sa pheacadh los grasan a leasachadh? Fad bho sin. Oir sinne a tha marbh do ʼn pheacadh, ciamar a chaitheas sinn ar beatha nas fhaide ann? Nach eil fhios agaibh gum beil sinn uile, a tha air ar baisteadh ann an Iosa Criosta, air ar baisteadh ʼna bhàs? Or leis a bhaisteadh tha sinn air ar tiodhlaiceadh maille ris gu bàs; los, mar dhʼ eirich Criosta bho na mairbh tromh ghloir ʼAthar, gun imich sinn mar an ciadna ann an nuadhachd beatha. Oir ma tha sinn air ar co-shuidheachadh ann an coltas a bhàis, is amhuil a bhios sinn ann an coltas ʼaiseirigh. Fiosrach air so, gum beil ar seann duine air a cheusadh maille ris, gu corp a pheacaidh a sgrios, agus nach dian sinn seirbhis do ʼn pheacadh nas fhaide. Oir tha esan, a tha marbh, air a shaoradh bho ʼn pheacadh. A nis ma tha sinn marbh maille ri Criosta, tha sinn a creidsinn gum bi sinn beo maille ri Criosta: Us fios againn, an deigh do Chriosta eirigh bho na mairbh, nach fhaigh e bàs tuille, cha bhi tighearnas aig a bhàs air tuille. Oir a thaobh ʼs gun do bhàsaich e do ʼn pheacadh, bhàsaich e aon uair: ach a thaobh ʼs gum beil e beo, ʼsann do Dhia tha e beo. Mar an ciadna measaibhse, gum beil sibh fhein marbh gu dearbh do ʼn pheacadh, ach beo do Dhia ann an Iosa Criosta ar Tighearna. Le sin na righicheadh am peacadh ʼnur coluinn bhàsmhoir, ann an rathad ʼs gun geill sibh dha h-ana-miannan. Cha mhua liubhras sibh ur buill mar innealan uilc do ʼn pheacadh: ach tairgibh sibh fhein do Dhia, mar dhaoine a tha beo bho na mairbh, us ur buill ʼnan airm a cheartais do Dhia. Oir cha bhi lamh-an-uachdar aig a pheacadh oirbh: oir cha n-eil sibh fo ʼn lagh, ach fo ghrasan. Ciod ma ta? Am peacaich sinn bho nach ann fo ʼn lagh, ach fo ghrasan a tha sinn? Na leigeadh Dia. Nach aithne dhuibh gur h-ann dhasan dha ʼm fiach sibh sibh fhein ʼnur seirbhisich gu umhlachadh dha, dhasan is seirbhisich sibh dha ʼm beil sibh umhailt, co dhiu ʼsann do ʼn pheacadh gu bàs, no do dhʼ umhlachd gu ceartas? Ach taing do Dhia gun do gheill sibhse, a bha ʼnur seirbhisich do ʼn pheacadh, bho ʼr cridhe do ʼn rian theagaisg sin, dha na liubhradh sibh. Rinneadh sibh ma ta, us sibh air ur saoradh bho ʼn pheacadh, ʼnur seirbhisich do cheartas. Tha mi labhairt mar dhuine as leth laigse ur feola: ceart mar liubhair sibh ur buill gu neo-ghloine sheirbhiseachadh, agus drochbheart gu drochbheart: mar sin a nis liubhraibh ur buill gu ceartas a sheirbhiseachadh gu naomhachd. Oir nuair bha sibh ʼnur seirbhisich do ʼn pheacadh, bha sibh saor bho cheartas. Ciod an toradh ma ta; bhʼ agaibh an uair sin sna nichean, as a bheil sibh a gabhail nàire nis? Oir se am bàs is crioch dhaibh. Ach a nis, air dhuibh a bhith air ur saoradh bho ʼn pheacadh, ʼs air ur dianamh ʼnur seirbhisich do Dhia, tha ur toradh agaibh gu naomhachd, ʼs ur deireadh a bheatha shiorruidh. Oir se tuarasdal a pheacaidh am bàs. Ach grasan De, a bheatha shiorruidh ann an Iosa Criosta ar Tighearna. Nach eil fhios agaibh, a bhraithrean, (oir tha mi labhairt ri feadhainn dha ʼn aithne an lagh) gum beil cumhachd aig an lagh thairis air duine fhad ʼs is beo e? Oir am boirionnach aig a bheil fear, tha i ceangailte ris an lagh fhad ʼs is beo a fear: ach ma gheobh a fear bàs, tha i fuasgailte bho lagh a fir. Uime sin, fhad ʼs is beo a fear, theirear ban-adhaltrach rithe, ma bhios i cuide ri fear eile: ach ma gheobh a fear bàs, tha i air a saoradh bho lagh a fir: air chor ʼs nach ban-adhaltrach i, ged a bhiodh i cuide ri fear eile. Uime sin, mo bhraithrean, tha sibhse mar an ciadna marbh do ʼn lagh tromh chorp Chriosta, los gum buin sibh do aon eile a dhʼ eirich a rithist bho na mairbh, ʼs gun toir sinn a mach toradh do Dhia. Oir nuair a bha sinn san fheoil, dhʼ oibrich ana-miannan nam peacannan, a bha tromh ʼn lagh, ʼnar buill, gu toradh a thoirt a mach gu bàs. Ach tha sinn a nis air ar fuasgladh bho lagh a bhàis, anns an robh sinn an sàs, los gun dian sinn seirbhis le urachd spioraid, ʼs cha n-ann le seanachd na litreach. Ciod ma ta a their sinn? Am peacadh an lagh? Fad bho sin. Ach cha bʼ aithne dhomh am peacadh ach tromh ʼn lagh: oir bha mi gun aithne air sannt, mur abradh an lagh: Na sanntaich. Ach am peacadh a gabhail fàth bho ʼn fhainte, dhʼ oibrich e unnamsa a h-uile sannt. Oir gun an lagh bha am peacadh marbh. Us chaith mise mo bheatha uaireigin as aonais an lagh. Ach nuair a thainig an fhainte, bheothaich am peacadh; Agus bhasaich mise; agus an fhainte a dhʼ orduicheadh gu beatha, fhuaradh dhomhsʼ i ʼna h-aobhar bàis. Oir am peacadh a gabhail fàth bho ʼn fhainte, mheall e mi, us mharbh e mi leatha. Air an aobhar sin tha an lagh gu deimhinn naomh, agus an fhainte naomh, agus ceart, agus math. An dʼ rinneadh ma ta sin a tha math ʼna bhas dhomhsa? Fad bho sin. Ach am peacadh, los gum faicear ʼna pheacadh e, dhʼ oibrich e tromh ʼn mhath am bàs dhomhsa; los gum fàs am peacadh tromh ʼn fhainte fos cionn tomhais peacach. Oir tha fios againn gum beil an lagh spioradail; ach tha mise feolmhor, air mo reic fo ʼn pheacadh. Oir an ni tha mi dianamh, cha n-eil mi ga thuigsinn. Oir am math is toigh leam, cha n-e tha mi dianamh: ach an t-olc is fuathach leam, se tha mi dianamh. Le sin ma tha mi dianamh an ni nach toigh leam, tha mi g-aontachadh leis an lagh, gum beil e ceart. A nis cha mhise ma ta nas fhaide a tha dianamh sin, ach am peacadh a tha tamh unnam. Oir is aithne dhomh nach eil am math a tamh unnam, se sin, na mʼ fheoil. Oir tha an toil gu math deas dhomh: ach math a chur an gniomh, cha n-eil mi faotuinn. Oir cha n-e am math is aill leam, a tha mi dianamh: ach se an t-olc nach math leam, a tha mi dianamh. A nis ma tha mi a dianamh an ni nach aill leam, cha mhise nas fhaide a tha ga dhianamh, ach am peacadh a tha tamh unnam. Leis a sin tha mi a faighinn lagha, nuair tha mhiann orm math a dhianamh, gum beil an t-olc a lathair agam. Oir tha mi gabhail tlachd á lagh Dhe a reir leth-a-stigh an duine: Ach tha mi faicinn lagh eile na mʼ bhuill a gleachd an aghaidh lagh mʼ inntinn, ʼs gam thoirt fo dhaorsa do lagh a pheacaidh a tha na mʼ bhuill. Is truagh an duine mi, co a shaoras mi bho chorp a bhàis so? Grasan De tromh Iosa Criosta ar Tighearna. Uime sin tha mise fhein a geilleadh do lagh Dhe leis an inntinn: ach do lagh a pheacaidh leis an fheoil. Uime sin cha n-eil a nis diteadh idir dhaibhse, a tha ann an Iosa Criosta, ʼs nach eil a g-imeachd a reir na feola. Oir shaor lagh spiorad na beatha ann an Iosa Criosta mise bho lagh a pheacaidh agus a bhàis. Oir an ni bu neo-chomasach do ʼn lagh, a thaobh gun robh e lag tromh ʼn fheoil, Dia a cur a Mhic fhein an riochd feola peacaich, agus de ʼn pheacadh dhit e am peacadh san fheoil, A los gum biodh naomhachd an lagha air a coimhlionadh unnainne, nach eil a g-imeachd a reir na feola, ach a reir an spioraid. Oir iadsan, a tha air reir na feola, tha an aire leagte air nichean na feola: ach iadsan, a tha air reir an spioraid, tha an aire leagte air nichean spioradail. Oir is bàs gliocas na feola: ach is beatha agus sith gliocas an spioraid. A chionn gum beil ghocas na feola ʼna namhaid do Dhia: oir cha n-eil e striochdte do lagh Dhe, ʼs cha mhua is urrainn da bhith. Iadsan ma ta a tha anns an fheoil cha n-urrainn daibh Dia a thoileachadh. Ach cha n-eil sibhse san fheoil, ach san spiorad, ma se ʼs gum beil Spiorad De a tamh unnaibh. A nis neach air bith aig nach eil Spiorad Chriosta, cha leis-san e. Agus ma tha Criosta unnaibh, tha ʼn corp gu dearbh marbh as leth a pheacaidh; ach tha an spiorad beo as leth naomhachd. ʼS ma tha Spiorad-san, a thog Iosa bho na mairbh, a tamh unnaibh: beothaichidh esan, a thog Iosa Criosta bho na mairbh, ur coluinnean bàsmhor-sa cuideachd, as leth a spioraid-san, a tha tamh unnaibh. Air an aobhar sin, a bhraithrean, cha n-eil sinn fo fhiachaibh do ʼn fheoil, gus ar caithe-beatha a bhith a reir na feola. Oir ma bhios ur caithe-beatha a reir na feola, gheobh sibh bàs: ach ma chlaoidheas sibh leis an spiorad gniomhran na feola, bithidh sibh beo. Oir a mhiad ʼsa tha air an stiuradh le Spiorad Dhe, is mic do Dhia iad. Oir cha do ghlac sibh spiorad na daorsa rithist le eagal, ach ghlac sibh spiorad uchd-mhacachd cloinne, leis an eigh sinn: Abba (Athair). Oir tha an Spiorad fhein a toirt teisteanais do ʼn spiorad againne, gur sinn mic Dhe. Agus ma ʼs mic, oighreachan cuideachd: oighreachan Dhe gu dearbh, us co-oighreachan Chriosta: ach ʼsann ma dhʼ fhuiligeas sinn maille ris, a theid ar glorachadh maille ris. Oir tha mi a measadh nach fhiach fulangasan na h-aimsir so an samhlachadh ris a ghloir ri tighinn, a thaisbeanar unnainn. Oir tha duil a chreutair a feitheamh ri taisbeanadh mic Dhe. Oir thugadh air a chreutair geilleadh do dhʼ fhaoineis, cha n-ann le dheoin, ach air a shonsa, a thug air geilleadh an dochas: A chionn ʼs gun saorar an creutair fhein bho sglamhachd na truailleachd, gu saorsa gloir chlann Dhe. Oir tha fios againn gum beil a h-uile creutair a g-osnaich ʼs an cradh mar ri saothair-chloinne gu ruig so. Agus cha n-e mhain esan, ach sinn fhein mar an ciadna, aig a bheil ciad-thoradh an spioraid; tha sinne cuideachd a g-osnaich unnainn fhein, a feitheamh ri uchd-mhacachd mic Dhe, saorsa ar coluinne. Oir tha sinn air ar sabhaladh le dochas. Ach an dochas a chithear, cha dhochas e: oir na tha duine a faicinn, cʼ uime tha dochas aige ris? Ach ma tha dochas againn ris an ni nach leir dhuinn, tha sinn le faighidin a feitheamh air a shon. Tha an Spiorad fhein mar an ciadna a cuideachadh ar laigse: oir cha n-aithne dhuinn, ciod air son a ghuidheadh sinn mar is còir: ach tha an Spiorad fhein a g-achanaich air ar son le ospagan nach gabh innse. Agus is aithne dhasan, a tha rannsachadh nan cridheachan, ciod a tha an Spiorad a sireàdh: a chionn gum beil e g-iarraidh air son nan naomh a reir Dhe. Agus tha fhios againn, gum beil a h-uile ni a co-oibreachadh gu leas dhaibh-san, a tha toirt gaoil do Dhia, dhaibh-san a ghairmeadh gu bhith ʼnan naoimh a reir a bheachdsa. Oir an fheadhainn a roimh-dhʼaithnich e, iad sin roimh-dhʼorduich e, gu bhith air an dealbhadh an coltas iomhaigh a Mhic, gus e bhith ʼna chiad-ghin am measg moran bhraithrean. ʼS an fheadhainn a roimh-dhʼorduich e, iad sin ghairm e; ʼs an fheadhainn a ghairm e, iad sin naomhaich e; ʼs an fheadhainn a naomhaich e, iad sin ghloraich e. Ciod a their sinn ma ta ris na nichean so? Ma tha Dia leinn, co bhios ʼnar n-aghaidh? Esan nach do chaomhainn a Mhac fhein, ach a liubhair seachad e air ar son uile, ciamar nach tug e dhuinn a h-uile ni maille ris? Co chuireas coire as leth daoine taghte Dhe? Dia a tha gan naomhachadh. Co e a dhiteas? Iosa Criosta, a fhuair bàs, seadh, a dhʼ eirich a rithist, a tha air deas laimh Dhe, a tha dianamh eadar-ghuidhe air ar son. Co uime sin a sgaras sinne bho ghaol Chriosta? An e trioblaid? no airc? no gorta? no lomnochd? no gabhadh? no geur-leanmhuinn? no an claidheamh? (Mar tha e sgriobhte: Air do shonsa thathas ga ʼr cur gu bàs fad an latha: thathas a sealltuinn oirnn mar chaoraich air son na casgairt.) Ach tha sinn a toirt buaidh anns na nichean sin uile, as a leth-san a thug gradh dhuinn. Oir tha mi cinnteach nach urrainn bàs no beatha, no ainglean, no prionnsachdan, no cumhachdan, no nichean a tha lathair, no nichean ri tighinn, no neart, No airde, no doimhne, no creutair sam bith eile sinne sgaradh bho ghradh Dhe, a tha ann an Iosa Criosta ar Tighearna. Tha mi labhairt na firinn ann an Criosta, ʼs cha bhriag, mo chogais a togail fianuis domh anns an Spiorad Naomh: Gum beil duilichinn mhor orm agus bron daonnan na mʼ chridhe. Oir dhuraiginn mi fhein a bhith na mʼ anathema bho Chriosta air son mo bhraithrean, mo dhaimhich a reir na feola, A tha ʼnan Isralaich, leis an leis uchd-mhacachd cloinne, agus a ghloir, agus an tiomnadh, agus toirt seachad an lagha, agus an umhlachd, agus na geallaidhnean; Is leo na h-aithrichean, agus bhuapa tha Criosta a reir na feola, a tha fos cionn gach ni, Dia a tha beannaichte a chaoidh. Amen. Cha n-e gun dʼ fhailnich facal De. Oir cha n-Isralaich iad uile, a tha bho Israel: Cha mhua a tha iadsan uile ʼnan cloinn, a tha de shiol Abrahaim: Ach ann an Isaac gairmear do shiol: Se sin, nach iad clann na feola, a tha ʼnan cloinn do Dhia: ach gur iad clann a ghealltanais, a mheasar mar shiol. Oir se so facal a ghealltanais: A reir an ama so thig mi; us bithidh mac aig Sara. Agus cha n-ise a mhain: ach Rebecca cuideachd, a ghin dithis comhla bho ʼr n-athair Isaac. Oir mun dʼ rugadh fhathast a chlann, no mun dʼ rinn iad math no olc (los gun seasadh run Dhe air reir an taghaidh), Cha n-ann as leth oibrichean, ach as a leth-san a ghairm, a chaidh a radh rithe: Ni am fear is sine seirbhis do ʼn fhear is oige, mar tha e sgriobhte: Thug mi gradh do Iacob, us fuath do Esau. Ciod a their sinn ma ta? Am beil anaceartas ann an Dia? Fad bho sin. Oir tha e g-radh ri Maois: Ni mi trocair airsan dha ʼm beil mi trocaireach; us fiachaidh mi iochd dhasan dha ʼn dian mi trocair. Mar sin cha n-ann bhuaithse leis an toil, no bhuaithsan a ruitheas, ach bho Dhia a tha fiachuinn trocaire. Oir tha ʼn Sgriobtur a g-radh ri Pharao: ʼSann as leth so fhein a thog mi suas thu los mo chumhachd a thaisbeanadh unnad, ʼs mʼ ainm a bhith air a luaidh air feadh an t-saoghail uile. Mar sin tha e fiachuinn trocair dhasan a ʼs aill leis, us esan a ʼs aill tha e cruadhachadh. Their thu ma ta rium: Car-son ma ta a tha e faighinn coire? Oir co a bhacas a thoil? O dhuine, co thusa gum freagradh tu Dia? An abair an ni dealbhte ris-san a dhealbh e: Car-son a rinn thu mar so mi? No as an aon mheall chreadha nach eil e an comas a chriadhadair aon saghach a dhianamh gu onair, agus saghach eile gu as-onair? Ciod ma tha Dia, an deigh dha cur suas gu ro fhaighidneach ri saghaichean feirge, uidheamaichte gu sgrios, deonach air a chorruich a nochdadh; ʼsa chumhachd a dhianamh aithnichte, Los saibhreas a ghloire fhiachuinn air saghaichean na trocaire, a dheasaich e gu gloir? Seadh gu dearbh sinne, a ghairm e cha n-e de na h-Iudhaich a mhain, ach de na cinnich cuideachd, Mar tha e g-radh ann an Osé: Riusan, nach bu phobull domh, their mi mo phobull; agus ribhse nach bʼ annsa leam, annsachd; us rithse nach dʼ fhuair trocair, ise a fhuair trocair. Us tachraidh, anns an aite far an deach a radh riu: Cha sibh mo phobull, an sin theirear riu mic an De bheo. Agus tha Isaias a g-eigheach mu Israel: Ged a bhitheadh aireamh chlann Israil mar ghainmhich na fairge, se fuigheall a bhios sabhailte. Oir criochnaichidh e fhacal ga ghiorrachadh ann an ceartas: a chionn ni an Tighearna facal goirid air talamh: ʼS mar a thuirt Isaias roimh laimh: Mur biodh Tighearna nam feachd air siol fhagail againn, dhianteadh sinn mar Shodom, us bhithemid coltach ri Gomorra. Ciod ma ta a their sinn? Gun do ghlac na cinnich, nach robh leantuinn ceartais, ceartas, seadh, an ceartas sin a tha bho chreideamh. Ach nach dʼ rainig Israel, le lagh a cheartais a leanail, air lagh a cheartais. Car-son? a chionn nach ann bho chreideamh, ach mar gum bʼ ann bho oibrichean a shir iad e: oir thuislich iad air a chloich-thuislidh. Mar tha e sgriobhte: Seall, cuiridh mi clach-thuislidh ann an Sion, us carraig sgainneil; agus co sa bith a chreideas ann, cha naraichear e. A bhraithrean, tha run mo chridhe gu dearbh, agus mʼ achanaich ri Dia air an son, iad a bhith sabhailte. Oir tha mi toirt teisteanais dhaibh, gum beil eud Dhe unnta, ach cha n-ann a reir eolais. Oir aineolach air ceartas De agus a sireadh an ceartais fhein a chur air bonn, cha do striochd iad iad fhein do cheartas De. Oir se Criosta crioch an lagha, gu ceartas do ʼn h-uile h-aon a chreideas. Oir sgriobh Maois, gum bi an duine, a ni an ceartas a tha bho ʼn lagh, beo leis. Ach mu ʼn cheartas a tha bho chreideamh, tha e labhairt mar so: Na abair ann do chridhe: Co theid suas gu neamh? se sin, gu Criosta thoirt a nuas. No co theid sios do ʼn aibheis? se sin, gu Criosta thoirt air ais bho na mairbh. Ach ciod a tha an sgriobtur a g-radh? Tha am facal teann ort, ann do bhial, agus ann do chridhe: se so facal a chreidimh, a tha sinn a searmonachadh. A chionn, ma dhʼ aidicheas tu le dʼ bhial an Tighearna Iosa, ʼs ma chreideas tu le dʼ chridhe gun do thog Dia e bho na mairbh, bithidh tu sabhailte. Oir leis a chridhe creidear gu ceartas: ach leis a bhial aidichear gu sabhaladh. Oir tha an Sgriobtur a g-radh: Co sa bith a chreideas annsan cha naraichear e. Oir cha n-eil eadar-dhealachadh eadar Iudhach us Greigeach: oir is ionann Tighearna nan uile, saibhir dhaibh-san uile a ghairmeas air. Oir gach neach a ghairmeas air ainm an Tighearna, bithidh e sabhailte. Ach ciamar a ghairmeas iad air-san anns nach do chreid iad? No ciamar a chreideas iad annsan mu nach cual iad? Us ciamar a chluinneas iad gun shearmonaiche? Agus ciamar a shearmonaicheas iad, mur teid an cur? mar tha e sgriobhte: Nach boidheach casan luchd-teagaisg soisgeul na sithe, luchd-teagaisg nichean matha! Ach cha n-eil iad uile umhailt do ʼn t-soisgeul. Oir tha Isaias a g-radh: A Thighearna, co chreid ga ʼr n-eisdeachd-ne? Uime sin tha creideamh bho eisdeachd, agus an eisdeachd tromh fhacal Chriosta. Ach tha mi g-radh: Nach cual iad? Chuala gu dearbh, chaidh am fuaim a mach air feadh an t-saoghail gu leir, ʼs am briathran gu iomall a chruinne-ché. Ach tha mi g-radh: An e nach bʼ aithne do Israel? Tha Maois an toiseach a cantuinn: Brosnaichidh mi gu eud sibh le feadhainn nach eil ʼnan cinneadh: us le cinneadh aimideach cuiridh mi fearg oirbh. Ach tha Isaias a gabhail danadais, ʼsa g-radh: Fhuaireadh mi leo-san nach robh gam shireadh: us nochd mi mi fhein gu follaiseach dhaibh-san nach robh farraid air mo shon. Ach tha e g-radh ri Israel: Fad an latha shìn mi mach mo lamhan do phobull nach eil a creidsinn, ʼsa tha cur am aghaidh. Uime sin tha mi g-radh: Na thilg Dia bhuaithe a phobull? Fad bho sin: Oir is Isralach mise fhein de shliochd Abrahaim, de threibh Bheniamin. Cha do thilg Dia bhuaithe a phobull, a roimh-dhʼaithnich e. Nach eil fhios agaibh ciod a tha an Sgriobtur a g-radh mu Elias, mar tha e gairm air Dia an aghaidh Israil? A Thighearna, mharbh iad tʼ fhaidhean, leag iad tʼ altairean; ʼs tha mise air mʼ fhagail am aonar, ʼs tha iad a g-iarraidh mo bheatha. Ach ciod a tha an fhreagairt dhiadhaidh a g-radh ris? Dhʼ fhag mi dhomh fhein seachd mile fear, nach do lub an glun do Bhaal. Mar sin cuideachd sa cheart àm so tha fuigheall air an sabhaladh a reir tagha nan gras. Agus ma ʼsann le gras, cha n-ann a nis le oibrichean: air-neo cha n-eil gras tuille ʼna ghras. Ciod ma ta? Na bha Israel a sireadh, cha dʼ rainig e air: ach rainig an taghadh air: agus dhalladh càch, Mar tha e sgriobhte: Thug Dia dhaibh spiorad neo-mhothachail, suilean los nach faic iad, us cluasan los nach cluinn gus an latha an diugh. Agus tha Dài g-radh: Biodh am bord ʼna ribe, ʼs ʼna ghoisne, ʼs ʼna cheap-tuislidh, ʼs ʼna dhiol-fiach dhaibh. Biodh sgleo air an suilean los nach faic iad; us crom-sa sios an druim daonnan. Tha mi ma ta a g-radh: Na thuislich iad mar so air sheol ʼs gun do thuit iad? Na leigeadh Dia. Ach le an coire-san thainig sabhaladh thun nan cinneach, gus iad a bhith eudmhor mar iadsan. A nis ma se an coire-san saibhreas an t-saoghail, agus an laghdachadh-sa beartas nan cinneach, cia mor na ʼs mua na sin an lanachd? Oir tha mi g-radh ribhse, a chinnich: Fhad ʼs is ostal nan cinneach mi, gun toir mi urram do ʼm dhriachd, Fiach am brosnaich mi air sheol sa bith luchd-mʼ fheola fhein gu eud, ʼs gun sabhail mi cuid dhiu. Oir ma se an call-sa reite an t-saoghail: ciod an gabhail a rithist, ach beatha bho na mairbh? Oir ma tha an ciad thoradh naomh, tha ʼm meall ann cuideachd; agus ma tha ʼm friamh naomh, na meoir cuideachd. Agus ma bhristeadh cuid de na meoir, ʼs ma shuidhicheadh thusa a bha na dʼ chrann-ola fiadhaich ʼnam measg ʼs gun dʼ rinneadh thu na dʼ chomh-pairteach de ʼn fhriamh agus de bhrigh na craoibh-ola: Na dian uaill an aghaidh nam miar. Ach ma tha thu gabhail uaille, cha tu a tha giulan an fhriamha, ach am friamh thusa. Their thu ma ta: Bhristeadh na meoir los gun suidhichteadh mise ʼnan aite. Ro mhath: ʼsann as leth am mi-chreidimh a bhristeadh air falbh iad. Ach ʼsann tromh chreideamh a tha thusa na dʼ sheasamh: na bi ard-inntinneach, ach fo fhiamh. Oir mur do chaomhainn Dia na meoir nadurra: gabh eagal nach caomhainn e theagamh thusa nas mua. Faic le sin mathas agus cruas De: dhaibhse gu dearbh a thuit cruas: ach dhutsa mathas De, ma se ʼs gum fan thu ann am mathas, air-neo sgathar thusa dheth cuideachd. Agus suidhichear iadsan cuideachd, mur fan iad ʼnam mi-chreideamh: oir tha Dia comasach air an suidheachadh a rithist. Oir ma ghearradh thusa as a chrann-ola fhiadhaich nadurra, ʼs an aghaidh naduir ma shuidhicheadh thu san deagh chrann-ola: cia mor is docha na sin a shuidhichear iadsan, a tha ʼnam meoir nadurra, ʼnan crann-ola fhein? Oir cha mhath leam, a bhraithrean, sibh a bhith aineolach air an run-dhiomhair so (air eagal sibh a bhith glic ʼnur beachd fhein), gun do thachair ann am pairt doille ann an Israel, gus an tigeadh lanachd nan cinneach a stigh, Agus mar sin bithidh Israel uile sabhailte, mar tha e sgriobhte: Thig á Sion esan a spionas ʼsa thionndaidheas air falbh ain-diadhachd bho Iacob. Agus se so mo chumhnanta riu, nuair a bheir mi air falbh am peacannan. A thaobh an t-Soisgeil gu dearbh is naimhdean iad as ur lethse: ach a thaobh an taghaidh is ro-ionmhuinn iad as leth nan aithrichean. Oir tha tiodhlaicean agus gairm Dhe gun aithreachas. Oir mar a bha sibhse uair nach do chreid sibh Dia, ach fhuair sibh a nis trocair troimh am mi-chreideamh-san: Is amhuil iadsan a nis, cha do chreid iad gum faigheadh sibhse trocair, gus iad fhein mar an ciadna a ruighinn air trocair. Oir dhruid Dia h-uile ni ann am mi-chreideamh, gus ʼiochd fhiachuinn do ʼn h-uile h-aon. O doimhne saibhreas gliocas, agus eolas De: nach do-thuigsinneach a bhreitheanasan, ʼs do-rannsaichte a rathaidean! Oir co dha ʼm bʼ aithne beachd an Tighearna? No co bʼ fhear-comhairle dha? No co thug dha an toiseach, us diolar dha? Oir ʼsann bhuaith-san, agus troimh-san, agus annsan a tha h-uile ni: dhasan gun robh gloir gu siorruidh. Amen. Guidheam oirbh uime sin, a bhraithrean, tromh iochd Dhe, gun tairg sibh ur coluinnean mar iobairt bheo, naoimh, thaitnich do Dhia, ur seirbhis reusonta. Na bithibh air ur cumadh ris an t-saoghal so, ach bithibh air ur n-ath-chumadh ann an urachd ur n-inntinn, los gun dearbh sibh ciod e toil mhath, agus thaitneach, agus choimhlion Dhe. Oir leis na grasan a thugadh dhomh, tha mi g-radh riusan uile, a tha ʼnur measg, gun iad a bhith nas glice na ʼs còir a bhith glic, ach a bhith glic ann am measarrachd; ʼsa reir mar a roinn Dia tomhas a chreidimh air gach aon. Oir mar a tha moran bhall againn ann an aon chorp, ach nach e an t-aon dhriachd a thʼ aig a h-uile ball: Mar an ciadna, ge lionar sinn, is aon chorp sinn ann an Criosta, agus is buill sinn gach aon da cheile; Ach is eugsamhuil na gibhtean a thʼ againn, a reir nan gras a thugadh dhuinn: ma ʼs faidhdearachd, biodh e air reir riaghailt a chreidimh, No frithealadh, ann am frithealadh, no esan a tha teagasg, ann an teagasg. Esan a tha brosnachadh ann am brosnachadh, esan a tha buileachadh ann an aon-fhillteachd, esan a tha riaghladh le mor-churam, esan a tha fiachuinn trocaire le suilbhireachd. Biodh gradh gun fhoill: a toirt grain do ʼn olc, a dluth-leanail ris a mhath; A toirt gaoil da cheile le carrantachd bhraithreil; ann an urram a toirt toisich do gach a cheile; Curamach, gun leisg; deothasach san spiorad; a seirbhiseachadh an Tighearna. Ri aoibhneas ann an dochas; faighidneach fo thrioblaid; dìan ri urnaigh; A cobhair air uireasuidh nan naomh; a cleachdadh aoidheachd. Beannaichibh ur luchd-geur-leanmhuinn: beannaichibh; agus na mollaichibh. Bithibh aighearach comhla riusan a tha ri aighear, agus a gal comhla riusan a tha gal; A dhʼ aon inntinn do gach a cheile; neo-dheidheil air nichean arda, ach a g-aontachadh leis na h-iriosail. Na bithibh glic ʼnur barail fhein; Na diolaibh olc air son uilc do neach sa bith; solairibh nichean matha, cha n-ann a mhain an lathair Dhe, ach an lathair dhaoine uile mar an ciadna. Ma ghabhas e dianamh, cho fad ʼsa dhʼ fhaodas sibh, biodh sith agaibh ri daoine uile; Na dianaibh diughaltas air ur son fhein, a chuideachda mo ruin, ach thugaibh aite do dhʼ fheirg: oir tha e sgriobhte: Is leamsa diughaltas; diolaidh mise, os an Tighearna. Ach ma bhios do namhaid air acras, thoir biadh dha; ma bhios pathadh air, thoir deoch dha: oir le so dhianamh carnaidh tu eibhlean teine air a cheann. Na faigheadh an t-olc buaidh ort, ach thoir buaidh air an olc leis a mhath. Biodh a h-uile anam umhailt do na cumhachdan is airde: oir cha n-eil cumhachd ach bho Dhia: ʼs na cumhachdan a thʼann, tha iad air an orduchadh le Dia. Air an aobhar sin esan a chuireas an aghaidh na cumhachd, tha e cur an aghaidh ordugh Dhe. Agus iadsan a chuireas ʼna h-aghaidh, tha iad a cosnadh ditidh dhaibh fhein. Oir cha n-eil prionnsachan ʼnan culaidh-eagail do dheagh ghniomh, ach do dhrochbheart. An aill leat ma ta a bhith gun eagal romh ʼn chumhachd? Dian am math; us gheobh thu moladh bhuaipe: Oir is seirbhiseach Dhe dhut i air son do mhath. Ach ma ni thu an t-olc, gabh eagal: oir cha n-eil i giulan a chlaidhimh gun aobhar. Oir is seirbhiseach Dhe i; ʼna diughladair feirge air-san, a ni olc. Uime sin feumaidh sibh bhith umhailt, cha n-ann a mhain air son feirge, ach air son cogais cuideachd. ʼSann air son so cuideachd a tha sibh a paidheadh cìse: oir is seirbhisich Dhe iad, ri seirbhis air son a cheart aobhair so. Thugaibh ma ta a dhlighe fhein do ʼn h-uile duine: cis dha ʼn dlighe cis; càin dha ʼn dlighe càin; eagal dha ʼn dlighe eagal; ʼonair dha ʼn dlighe onair. Na biodh fiachan aig neach sa bith oirbh, mur bi gun toir sibh gradh dha cheile: oir esan aig a bheil gaol dha choimhearsnach, choimhlion e an lagh. Oir: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige: Na sanntaich; no ma tha fainte sa bith eile ann, tha i air a toirt a stigh fo ʼn fhacal so: Bheir thu gaol dha dʼ choimhearsnach mar dhut fhein. Cha n-oibrich gaol coimhearsnaich olc. Mar sin se gaol coimhlionadh an lagha. ʼSa g-aithneachadh na h-aimsire: gur mithich dhuinn a nis eirigh á cadal. Oir tha ar sabhaladh a nis nas teinne, na nuair a chreid sinn. Dhʼ fhalbh an oidhche, tha an latha air tighinn faisg. Tilgemid ma ta dhinn oibrichean an dorchadais, agus cuireamaid oirnn armachd an t-soluis. Gluaisemid gu suairc mar san latha: cha n-ann an raoitearachd ʼs am misg, cha n-ann an cuiltearachd ʼs am baois, cha n-ann an comhstri ʼs am farmad: Ach cuiribh oirbh an Tighearna Iosa Criosta, agus na tugaibh a h-ailleas do ʼn choluinn ʼna h-ana-miannan. A nis gabhaibh ris an fhear a tha lag sa chreideamh, cha n-ann le deaspud mu bharalaichean. Oir tha fear a creidsinn gum faod e a h-uile ni ithe: ach am fear a tha lag, itheadh e luibhean. Na tugadh am fear a tha g-icheadh tàire dhasan nach eil a g-icheadh; ʼs am fear nach eil a g-icheadh, na tugadh e breth air-san a tha g-icheadh: oir ghabh Dia ris. Thusa, co thu a tha toirt breth air seirbhiseach fir eile? Dha mhaighistir fhein seasaidh no tuitidh e: ach seasaidh e: oir tha Dia comasach air a chumail ʼna sheasamh. Oir tha fear a toirt breth eadar latha agus latha: ʼs tha fear eile a toirt an aon bhreth air a h-uile latha; biodh gach duine dìan ʼna bheachd fhein. Am fear a tha gabhail suime de ʼn latha, tha e gabhail suime dheth do ʼn Tighearna: ʼs am fear a tha g-icheadh, tha e g-icheadh do ʼn Tighearna: oir tha e toirt taing do Dhia. ʼS am fear nach eil a g-icheadh, ʼsann do ʼn Tighearna nach eil e a g-icheadh, agus tha e toirt taing do Dhia. Cha n-eil duine againn beo dha fhein, ʼs cha n-eil duine a faighinn a bhàis dha fhein. Oir ma ʼs beo sinn, ʼsann do ʼn Tighearna a tha sinn beo; no ma ʼs bàs duinn, ʼsann do ʼn Tighearna is bàs duinn. Uime sin co-dhiu is beatha, no bàs duinn, is leis an Tighearna sinn. ʼSann air son so fhein a fhuair Criosta bàs ʼsa dhʼ eirich e a rithist, los a bhith ʼna Thighearna air mhairbh ʼs air bheo. Ach ciod h-uige a tha thusa a toirt breth air do bhrathair? No car-son a tha thusa sealltuinn sios air do bhrathair? Oir seasaidh sinn uile air bialaobh cathair-bhreitheanais Chriosta. Oir tha e sgriobhte: Mar is beo mise, os an Tighearna, lubaidh gach glun dhomhsa, agus aidichidh gach teanga do Dhia. Mar sin bheir a h-uile h-aon againn cunntas air a shon fhein do Dhia. A so suas ma ta na tugamaid breth, air a cheile, ach gum bu docha a bhreth so thoirt, nach cuir sibh ceap-tuislidh no sgainneal an rathad ur brathar. Oir is fiosrach agus lan-earbsach mi anns an Tighearna Iosa, nach eil ni air bith neoghlan deth fhein, ach tha e neoghlan dhasan, a tha ga shaoilsinn neoghlan. Ach ma ʼs cuis-dhuilichinn biadh do dʼ bhrathair, cha n-eil thu an sin a g-imeachda reir na carrantachd. Na cuir a dhith le dʼ bhiadh duine air son an dʼ fhuilig Criosta am bàs. Na biodh ma ta ar math fo dhroch iomradh. Oir cha bhiadh ʼs cha dheoch rioghachd Dhe, ach ceartas, agus sith, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh. Oir esan a tha dianamh seirbhis do Chriosta unnta so, tha e taitinn ri Dia agus measail aig daoine. Mar so leanamaid na nichean a tha gu sith; agus gleidhemid na nichean a bheir deagh shamhla do gach a cheile. Na cuir as do obair Dhe as leth bhiadh. Oir gu dearbh tha h-uile ni glan: ach is olc e do ʼn duine, a dhʼ icheas le sgainneal. Is math an ni gun fheoil icheadh, ʼs gun fhion ol, no ni eile a dhianamh a bheir oilbheum no sgainneal dha dʼ bhrathair, no a lagaicheas e. Am beil creideamh agad? Biodh e agad dhut fhein an lathair Dhe. Is beannaichte esan nach eil ga dhiteadh fhein san ni sin a tha e meas a bhith ceadaichte dha. Ach esan a bheir an aire, tha e air a dhiteadh, ma dhʼ icheas e: a chionn nach ann bho chreideamh. Oir is peacadh gach ni nach eil bho chreideamh. A nis is còir dhuinne, a tha nas treasa, anfhannachd na feadhnach a tha lag a ghiulan, ʼs cha n-e sinn fhein a thoileachadh. Toilicheadh gach aon agaibh a choimhearsnach gu mhath, a thaobh deagh shamhla. Oir cha do thoilich Criosta e fhein, ach mar tha e sgriobhte: Thuit masladh na feadhnach, a bha ga dʼ mhaslachadhsa, ormsa. Oir nichean sa bith a chaidh sgriobhadh, sgriobhadh iad gu sinne theagasg, los le faighidin ʼs le furtachd nan Sgriobtur, gum biodh dochas againn. A nis gun tugadh Dia na faighidin agus na furtachd dhuibh a bhith a dhʼ aon inntinn a thaobh a cheile a reir Iosa Criosta; Air chor ʼs gun toir sibh le aon inntinn ʼs le aon bhial gloir do Dhia, ʼs do Athair ar Tighearna Iosa Criosta. As leth sin gabhaibh ri cheile, ceart mar ghabh Iosa Criosta ribhse gu gloir Dhe. Oir tha mi g-radh gum bʼ e Iosa Criosta fear-frithealaidh an timchioll-ghearraidh air son firinn Dhe, gus na geallaidhnean do na h-aithrichean a dhaighneachadh. Ach gum beil aig na cinnich ri gloir a thoirt do Dhia as leth a throcaire, mar tha e sgriobhte: As leth so aidichidh mi dhut am measg nan cinneach, O Thighearna, agus seinnidh mi dha tʼ ainm. Agus tha e rithist a g-radh: Biodh aighear oirbh, a chinnich, maille ri phobull. ʼS a rithist: Molaibh an Tighearna, a chinnich uile; us miadaichibh a chliu, a phobuill gu leir. ʼS tha Isaias a rithist a g-radh: Bithidh friamh bho Iesse, us annsan, a dhʼ eireas suas a riaghladh nan cinneach, cuiridh na cinnich an dochas. A nis gun lion Dia an dochais sibh leis a h-uile sòlas agus sith ʼnur creideamh; gus sibh a bhith lan phailt ann an dochas, ʼs an cumhachd an Spioraid Naoimh. ʼS tha mise fhein, mo bhraithrean, cinnteach asaibh, gum beil sibh lan graidh, air ur lionadh leis a h-uile eolas, air sheol ʼs gur urrainn duibh a cheile a chomhairleachadh. Ach sgriobh mi h-ugaibh, a bhraithrean, nas dàine ann an seol, mar gum bʼ ann gus ur cur an cuimhne: as leth nan gras a bhuilich Dia orm, Gus mi bhith na mʼ fhear-frithealaidh aig Iosa Criosta measg nan cinneach: a naomhachadh soisgeul De, gus tairgse nan cinneach a bhith taitneach agus naomhaichte san Spiorad Naomh. Uime sin tha aobhar uaill agam ann an Iosa Criosta a thaobh Dhe. Oir cha dàna leam guth a radh mu na nichean nach dʼ rinn Criosta leamsa, chum umhlachd nan cinneach leis an fhacal ʼs le gniomhran: Le neart chomharraidhnean us mhiarailtean, le cumhachd an Spioraid Naoimh: air chor ʼs gun do chraobh-sgaoil mi Soisgeul Chriosta, bho Ierusalem mun cuairt gu ruig Illiricum. ʼS mar sin shearmonaich mi an soisgeul so, cha n-ann far an robh Criosta air ainmeachadh, eagal gun togainn air steidh fir eile, ach mar a tha e sgriobhte: Chi iadsan, ris nach do labhradh uime: us tuigidh iadsan, nach cuala. Se so an t-aobhar a chuir eis ro-mhor orm bho thighinn gu ʼr n-ionnsuidh, ʼsa bhac mi gu so. Ach a nis bho nach eil cion-fàth agam fuireach sna duchannan sin nas fhaide, ʼs mi ro fhada an geall bho chionn moran bhliadhnaichean air tighinn gu ʼr n-ionnsuidh, Nuair theannas mi ri mʼ thurus a ghabhail do ʼn Spainnt, tha mi an dochas gum faic mi sibh san dol seachad, agus gun stiuir sibh mi gu ruig sin, ma se ʼs gum bi mi ʼn toiseach air mealtuinn roinn dhe ʼr conaltradh. Ach tha mi nis a dol do Ierusalem a fhrithealadh do na naoimh. Oir dheonaich muinntir Mhacedonia ʼs Achaia roinn de chuideachadh a dhianamh ri bochdan nan naomh, a thʼ ann an Ierusalem. Oir bʼ e so an toil: agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na cinnich ʼnan comhpairtich de na nichean spioradail aca-san thigeadh orra frithealadh dhaibhse sna nichean aimsireil. Nuair ma ta a choimhlionas mi so, ʼsa liubras mi dhaibh an toradh so, triallaidh mi ur rathad-sa do ʼn Spainnt. ʼS tha fios agam, nuair thig mi h-ugaibh, gun tig mi ann am pailteas de bheannachdan soisgeul Chriosta. Guidheam oirbh ma ta, a bhraithrean, tromh ar Tighearna Iosa Criosta, ʼs tromh charrantachd an Spioraid Naoimh, gun cuidich sibh mi le ʼr n-urnaighean ri Dia air mo shon, Los gun saorar mi bho na h-ana-creidich a tha ann an Iudéa, ʼs gum bi tairgse mo sheirbhis taitneach do na naoimh ann an Ierusalem, ʼS gun tig mi h-ugaibh an aoibhneas le toil De, ʼs gum faigh mi cofhurtachd maille ribh. A nis gun robh Dia na sithe maille ribh uile. Amen. ʼS tha mi g-earbsa ribh ar peathar Phebe, a tha seirbhiseachadh na h-eaglais a tha an Cenchre; Gun gabh sibh rithe anns an Tighearna, mar a thigeadh do naoimh; ʼs gun cuidich sibh i ann an ni air bith sam bi feum aice oirbh: oir chuidich i fhein moran, agus mise fhein cuideachd. Cuiribh fàilt air Prisca ʼs air Acuila, mo luchd-comhnaidh ann an Iosa Criosta; (A chuir an amhaichean fhein an sàs air son mo bheatha-sa: ʼs cha mhise a mhain a tha toirt taing dhaibh, ach eaglaisean nan cinneach air fad cuideachd), ʼS air an eaglais a tha ʼnan tigh. Cuiribh fàilt air fear mo ghraidh Epenetus, ʼs gur e ciad thoradh Asia ann an Criosta. Cuiribh fàilt air Mairi, a shaothraich moran ʼnur measg. Cuiribh fàilt air Andronicus ʼs air Iunias, mo dhaimhich ʼs mo cho-phriosanaich; a tha ainmeil measg nan ostal, ʼsa bha romhamsa ann an Criosta. Cuiribh fàilt air Ampliatus, aʼs ro ionmhuinn leam anns an Tighearna. Cuiribh fàilt air Urbanus, ar fear-cobhair ann an Iosa Criosta, ʼs air Stachis mo ghraidh. Cuiribh fàilt air Apelles, a tha dearbhte ann an Criosta. Cuiribh fàilt orrasan, a tha de theaghlach Aristoboluis. Cuiribh fàilt air Herodion, mo dhaimheach. Cuiribh fàilt orrasan, a tha de theaghlach Narcissuis, a tha anns an Tighearna. Cuiribh fàilt air Triphéna, ʼs air Triphosa a tha ri saothair anns an Tighearna. Cuiribh fàilt air Persis, fear a mhor ghraidh, a ghabh moran saothair anns an Tighearna. Cuiribh fàilt air Rufus, taghte san Tighearna, ʼs air a mhathair, ʼs mo mhathair fhein. Cuiribh fàilt air Asincritus, Phlegon, Hermas, Patrobas, Hermes, ʼs air na braithrean, a tha maille riu. Cuiribh fàilt air Philologus, us Iulia, air Nereus agus a phiuthar, ʼs air Olimpias, agus air na naoimh uile, a tha maille riu. Cuiribh fàilt air a cheile le poig naoimh. Tha eaglaisean Chriosta uile cur bheannachdan gu ʼr n-ionnsuidh. A nis tha mi g-achanaich oirbh, a bhraithrean, sibh a chomharrachadh na feadhnach, a tha togail aimhreite ʼsa toirt sgainneil, a tha an aghaidh an teagaisg a dhʼ ionnsuich sibh, agus seachnaibh iad. Oir iadsan, a tha de ʼn t-seorsa so, cha n-eil iad a seirbhiseachadh Chriosta ar Tighearna, ach am bronna fhein; ʼs le cainnt mhilis agus shodalaich tha iad a mealladh cridheachan nan neochiontach. Ach tha ur n-umhlachdsa air a foillseachadh anns a h-uile h-aite. Uime sin tha toil-inntinn agam asaibh. Ach bu mhath leam sibh a bhith glic sa mhath, ʼs aon-fhillte san olc. ʼS gum brùth Dia na sithe Satan gu h-ealamh fo ʼur casan. Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh. Tha Timoti, mo cho-oibriche, a cur bheannachd gu ʼr n-ionnsuidh, agus Lucius, agus Iason, agus Sosipater, mo dhaimhich. Tha mise Tertius, a sgriobh an litir so, a cur bheannachd gu ʼr n-ionnsuidh anns an Tighearna. Tha Caius, aig a bheil mi na mʼ aoidh, a cur fàilt oirbh, mar tha an eaglais uile. Tha Erastus, iuntasair a bhaile, agus Cuartus, brathair, a cur bheannachd h-ugaibh. Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh uile. Amen. A nis dhasan, a ʼs urrainn ur daingneachadh a reir mo shoisgeil-sa ʼsa reir teagasg Iosa Criosta, a reir foillseachadh na mistire a bha am falach bho ʼn t-siorruchd, (Ach a rinneadh a nis soilleir bho sgriobtuirean nam faidhean a reir ordugh an De shiorruidh, gu umhlachd creidimh) aithnichte do ʼn h-uile cinneadh, Do Dhia, glic ʼna aonar, dhasan gun robh tromh Iosa Criosta onair agus gloir fad shaoghal nan saoghal. Amen. Pol a ghairmeadh gu bhith ʼna ostal Iosa Criosta le toil De, agus Sosthenes, brathair, Gu eaglais De a thʼ ann an Corint, gan ionnsuidh-san a tha air an naomhachadh ann an Iosa Criosta, air an gairm gu bhith ʼnan naoimh, maille riusan uile a tha gairm air ainm ar Tighearna Iosa Criosta, anns gach aite acasan agus againn, Grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. Tha mi daonnan a toirt taing do mo Dhia air ur son, as leth grasan De a thugadh dhuibh ann an Iosa Criosta: Air son gum beil sibh air ur dianamh saibhir ʼs gach ni annsan, anns a h-uile labhairt agus a h-uile eolas, Mar a tha teisteanas Chriosta air a dhaingneachadh unnaibh: Air chor ʼs nach eil ni a dhìth oirbh ann an grasan air bith, a feitheamh ri taisbeanadh ar Tighearna Iosa Criosta, A dhaingnicheas sibh mar an ciadna gus a chrioch gun lochd, ann an latha tighinn ar Tighearna Iosa Criosta. Tha Dia dileas, leis a bheil sibh air ur gairm gu comunn a Mhic, ar Tighearna Iosa Criosta. A nis tha mi guidhe oirbh, a bhraithrean, ann an ainm ar Tighearna Iosa Criosta, gun labhair sibh uile an t-aon ni ciadna, ʼs nach bi eas-aontachd ʼnur measg: ach gum bi sibh coimhlionta anns an aon bheachd agus anns an aon bhreth. Oir dhʼ innseadh dhomhsa mu ʼr deidhinn, mo bhraithrean, leo-san a tha de theaghlach Chloé, gum beil consachdh ʼnur measg. A nis tha mi g-radh so, gun abair gach aon agaibh: Is le Pol gu fior mise: agus is le Apollo mise: agus is le Cephas mise: agus is le Criosta mise. Am beil Criosta air a roinn? Na cheusadh Pol air ur son? No na bhaisteadh sibh an ainm Phoil? Tha mi toirt taing do Dhia nach do bhaist mi gin dhibh, ach Crispus us Caius: Eagal neach a radh gun do bhaisteadh na mʼ ainmse sibh. Bhaist mi mar an ciadna teaghlach Stephanais: a bharrachd air so cha n-aithne dhomh gun do bhaist mi aon ghin eile. Oir cha do chuir Criosta mi a bhaisteadh, ach a shearmonachadh an t-soisgeil: cha n-ann an gliocas cainnte, air eagal gun dianteadh crois Chriosta gun stàth. Oir dhaibh-san gu dearbh, a tha dol a dhìth, is aimideachd facal na croise: ach dhaibh-san a thiaruinnear, se sin dhuinne, is cumhachd Dhe e. Oir tha e sgriobhte: Sgriosaidh mi gliocas nan daoine glic, agus tuigse nan daoine tuigseach cuiridh mi air chul. Càit a bheil an duine glic? Càit a bheil an sgriobhach? Càit a bheil fear-deaspuid an t-saoghail so? Nach dʼ rinn Dia gliocas an t-saoghail so ʼna aimideachd? Oir a chionn, ann an gliocas De, nach bʼ aithne do ʼn t-saoghal Dia tromh ghliocas, dheonaich Dia le aimideachd an teagaisg na creidich a shabhaladh. Oir tha na h-Iudhaich a g-iarraidh chomharraidhnean, ʼs tha na Greigich a sireadh gliocais: Ach tha sinn a searmonachadh Chriosta a cheusadh: ʼna cheap-tuislidh gu dearbh do na h-Iudhaich, ach ʼna ghoraiche do na cinnich, Ach dhaibh-san a ghairmeadh, Iudhaich mar-aon agus Greigich, Criosta cumhachd Dhe agus gliocas Dhe: Chionn gu bheil an ni, a shaoilear ʼna amaideachd ann an Dia, nas glice na daoine; agus an ni, a shaoilear lag ann an Dia, nas treasa na daoine. Oir faicibh, a bhraithrean, ur gairm, cha n-eil moran glic a reir na feola, cha n-eil moran cumhachdach, cha n-eil moran uasal: Oir nichean gorach an t-saoghail so thagh Dia, gus na daoine glice a chur gu nàire; us nichean laga an t-saoghail thagh Dia, gus na nichean laidir a chur gu nàire; Us nichean diblidh an t-saoghail so, us nichean suarach thagh Dia, us nichean nach eil, gus na nichean a tha a thoirt gu neoni: Gus nach gabh feoil air bith uaill ʼna lathair. Ach ʼsann bhuaithe tha sibhse ann an Iosa Criosta, a rinneadh le Dia dhuinne ʼna ghliocas, ʼs ʼna cheartas, ʼs ʼna naomhachd, ʼs ʼna shaorsa; Ceart mar tha e sgriobhte: Esan a ghabhas uaill, gabhadh e uaill anns an Tighearna. Agus mise, a bhraithrean, nuair thainig mi gu ʼr n-ionnsuidh, cha bʼ ann an doimhneachd cainnte agus gliocais a thainig mi, a cur air shuilean dhuibh teisteanas Chriosta. Oir cha do ghabh mi orm ni a thuigsinn ʼnur measg ach Iosa Criosta, us esan air a cheusadh. Agus bha mi ʼnur measg ann an laigse, ʼs an eagal, ʼs am mor bhall-chrith; Agus cha robh mo sheanachas no mo shearmonachadh ann am briathran druighteach gliocas dhaoine, ach ann am foillseachadh spioraid agus cumhachd: Gus nach biodh ur creideamh ann an gliocas dhaoine, ach ann an cumhachd Dhe. Ach tha sinn a labhairt gliocais am measg dhaoine coimhlion: ach cha n-e gliocas an t-saoghail so, no prionnsachan an t-saoghail so, a chaidh gu neoni: Ach tha sinn a labhairt gliocas Dhe ann am mistire, a tha am falach, a shonraich Dia roimh na linntean gu gloir dhuinne, Nach bʼ aithne do h-aon de phrionnsachan an t-saoghail so: oir nam biodh aithne air bith aca air, cha bhiodh iad a chaoidh air ceusadh Tighearna na gloire. Ach mar tha e sgriobhte: Cha n-fhaca suil, cha chuala cluas, cha mhua chinn e an cridhe duine, na nichean a dhʼ uidheamaich Dia dhaibh-san, a tha toirt gaoil dha. Ach dhʼ fhoillsich Dia dhuinn iad le a Spiorad fhein: oir tha an Spiorad a rannsachadh a h-uile ni, seadh nichean domhain Dhe. Oir co measg dhaoine dha ʼn aithne nichean an duine, ach spiorad an duine a thʼ ann fhein? Air an t-seol chiadna cha n-aithne do dhuine sa bith, ach do Spiorad Dhe, nichean De. A nis fhuair sinne cha n-e spiorad an t-saoghail so, ach an Spiorad a tha bho Dhia, los gun aithnich sinn na nichean, a bhuilich Dia gu saor oirnn; Nichean cuideachd a tha sinn a labhairt, cha n-ann am briathran faghluimte gliocas dhaoine, ach ann an teagasg an Spioraid, a samhlachadh nichean spioradail ri nichean spioradail. Ach cha mhuthaich an duine feolmhor nichean Spiorad Dhe: oir is goraiche iad ʼna shuilean, ʼs cha n-urrainn dha an tuigsinn: a chionn ʼsann air mhodh spioradail a tha iad ri ʼm fiachuinn. Ach bheir an duine spioradail breth air a h-uile ni; ʼs cha toirear breth air fhein le duine air bith. Oir co dha ʼm bʼ aithne beachd an Tighearna, gus a sheoladh? Ach tha beachd Chriosta againn. Agus, a bhraithrean, cha bʼ urrainn domhsa labhairt ribh mar ri daoine spioradail, ach mar ri daoine feolmhor. Mar ri leanabanan ann an Criosta, Thug mi bainne dhuibh ri ol, cha n-e biadh: oir cha robh sibh fhathast comasach air: ʼs cha mhua tha sibh comasach air a nis fhein: oir tha sibh fhathast feolmhor. Oir nuair tha farmad agus consachadh ʼnur measg, nach ann feolmhor a tha sibh, ʼs gu ʼr giulan fhein a reir gnath dhaoine? Oir nuair tha fear a g-radh: Gu dearbh is le Pol mise: us fear eile: Is le Apollo mise, nach daoine sibh? Ciod is e ma ta Apollo? Agus ciod Pol? Seirbhisich dhasan anns na chreid sibh, ʼs mar thug an Tighearna do gach aon. Shuidhich mise, dhʼuisgich Apollo; ach se Dia a thug an cinneachadh. Le sin cha ni air bith esan a shuidhicheas, no esan a dhʼ uisgicheas, ach Dia, a tha toirt a chinneachduinn. A nis is aon esan a shuidhicheas, agus esan a dhʼ uisgicheas. ʼS gheobh gach aon a dhuais fhein a reir oibre fhein. Oir is sinne luchd-cuideachaidh Dhe: is sibhse treabhachas Dhe, is sibh aitreabh Dhe. A reir grasan Dhe, a thugadh dhomh, shuidhich mise mar ard-chlachair glic an steidh: ʼs tha fear eile a togail oirre. Ach thugadh a h-uile fear an aire ciamar a thogas e oirre. Oir steidh eile cha n-urrainn do dhuine air bith a shuidheachadh, ach an steidh a thʼ air a suidheachadh, si sin Iosa Criosta. A nis ma thogas duine air bith air an steidh so òr, airgiod, clachan-priseil, fiodh, fiar, connlach, Nithear follaiseach obair gach duine: oir innsidh latha an Tighearna i: a chionn gun nochdar ann an teine i; us fiachaidh an teine obair gach duine ciod a thʼ innte. Ma sheasas an obair a thog duine air bith, gheobh e duais. Ma loisgeas obair duine air bith, fuiligidh e call: ach sabhailear e fhein: ach mar gum bʼ ann le teine. Nach eil fhios agaibh gur sibh teampull De, ʼs gum beil Spiorad De a tamh unnaibh? Ach ma thruailleas duine air bith teampull De, sgriosaidh Dia e. Oir tha teampull De naomh, agus is sibhse e. Na mealladh duine air bith e fhein: ma tha duine air bith ʼnur measg a gabhail air fhein a bhith glic san t-saoghal so, fàsadh e gorach, gus e chinntinn glic. Oir tha gliocas an t-saoghail so ʼna ghoraiche aig Dia. Oir tha e sgriobhte: Glacaidh mi na daoine glice ʼnan seoltachd fhein, ʼSa rithist: Is aithne do Dhia smaointean nan daoine glice, gum beil iad faoin. Uime sin na gabhadh neach air bith uaill á daoine. Oir is leibhse a h-uile ni, co-dhiu se Pol, no Apollo, no Cephas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nichean a lathair, no nichean ri tighinn: oir is leibhse a h-uile ni: Ach is le Criosta sibhse: agus le Dia Criosta. Sealladh duine oirnn mar luchd-frithealaidh Chriosta, ʼs mar luchd-riarachaidh mhistirean Dhe. A nis thathas a sireadh ann an luchd-riarachaidh, gum faighear duine dileas. Ach is ro bheag an ni leamsa gun tugteadh breth orm leibhse, no le latha duine: ʼs cha mhua tha mi toirt breth orm fhein. Oir cha n-fhiosrach mi mu ni na mʼ aghaidh fhein: ach cha n-eil mi le sin air mo nochdadh ionraic: ach esan a tha toirt breth orm, se an Tighearna. Uime sin na tugaibh breth romh ʼn àm, gus an tig an Tighearna: bheir esan am fradharc nichean diomhair an dorchadais, mar-aon agus soilleirichidh e comhairlean chridheachan; ʼs an sin bithidh moladh aig gach neach bho Dhia. Ach thionndaidh mi, a bhraithrean, na nichean so gam ionnsuidh fhein agus; Apollo ann an samhla air ur sonsa; gus sibh a dhʼ ionnsachadh bhuainn, gun a h-aon a bhith air a sheideadh suas an aghaidh fir air son fir eile, fos cionn na tha sgriobhte: Oir co tha ga dʼ chomharrachadh-sa mach? No ciod a thʼ agad nach dʼ fhuair thu? Agus ma fhuair, ciod h-uige tha thu dianamh uaille mar nach bitheadh tu air faighinn? Tha sibh a nis lan-riaraichte, tha sibh a nis beairteach: tha sibh a righeachadh as ar n-aonais-ne: agus dhuraiginn gun righicheadh sibh, los gun righicheadh sinne maille ribh. Oir tha mi saoilsinn gun do chuir Dia sinne na h-ostail a mach mar dhiù an t-sluaigh, mar dhaoine orduichte gubàs: oir rinneadh culaidh-bhuirt dhinn do ʼn t-saoghal, ʼs do dhʼ ainglean, ʼs do dhaoine. Tha sinn n-ar n-amadain air son Chriosta, ach tha sibhse glic ann an Criosta; tha sinn lag, ach sibhse laidir; tha sibhse urramach, ach sinne gun urram. Gus a cheart uair so tha sinn araon acrach, agus paiteach, agus ruisgte, ʼs air ar pronnadh le buillean, ʼs gun dachaidh shuidhichte, Agus tha sinn ri saothair a g-obair le ʼr lamhan fhein; thathas ga ʼr molluchadh, us tha sinn a beannachadh; tha sinn fo gheur-leanmhuinn, us tha sinn ga ghiulan; Tha sinn a faighinn toibheum, us tha sinn a guidhe; mar shalachar an t-saoghail so rinneadh sinn, farrusg dhaoine uile gu ruig so. Cha n-ann gus ur narachadh, a tha mi sgriobhadh mar so, ach gus mo chlann ro ghaolach a chomhairleachadh. Oir ged a bhiodh deich mile fear-teagaisg agaibh ann an Criosta, cha n-eil moran aithrichean: oir ann an Iosa Criosta tromh ʼn t-soisgeul ghin mise sibh. Uime sin tha mi guidhe oirbh, sibh a bhith ʼnur luchd-leanmhuinn ormsa, mar tha mise air Criosta. Air son so chuir mi h-ugaibh Timoti, mo mhac ro ionmhuinn agus dileas anns an Tighearna; a bheir gu ʼr cuimhne mo dhoighean, a tha ann an Iosa Criosta, mar tha mi teagasg ʼs gach eaglais anns a h-uile aite. Tha cuid air at le prois mar nach bithinn a dol a thighinn gu ʼr n-ionnsuidh. Ach thig mi h-ugaibh gu goirid, ma se toil an Tighearna; agus bithidh fios agam cha n-ann air labhairt na feadhnach, a tha air an seideadh suas, ach air an cumhachd. Oir cha n-eil rioghachd Dhe ann an labhairt, ach ann an cumhachd. Ciod is aill leibh? An tig mi h-ugaibh le slait, no le carrantachd agus le spiorad na ciuineachd? Chualas gu dearbh gum beil striopachas ʼnur measg, agus striopachas nach eil a leithid am measg nam paganach fhein, gum biodh aig duine bean ʼathar. Us tha sibhse air ur seideadh suas; ʼs cha bʼ e bròn a ghabh sibh, los gun tugteadh am fear a rinn an gniomh so a mach as ur measg. Gu deimhinn, ged tha mise as an lathair an coluinn, ach anns an lathair san spiorad, thug mi cheana binn mar san lathair air an fhear, a rinn a leithid, An ainm an Tighearna Iosa Criosta, air dhuibhse agus mo spiorad-sa a bhith comhla maille ri cumhachd ar Tighearna Iosa, A leithid so de dhuine a liubhairt do shatan gu sgrios na feola, gus an spiorad a bhith sabhailte ann an latha ar Tighearna Iosa Criosta. Cha n-eil ur n-uaill math. Nach fhiosrach sibhgun goirtich beagan de thaois-ghoirt am meall uile? Glanaibh air falbh an t-seann thaois-ghoirt, gus sibh a bhith ʼnur n-iob ùr, ʼs gum beil sibh neo-ghoirtichte. Oir tha Criosta ar càisg air iobradh. Uime sin dianamaid cuilm, cha n-ann leis an t-seann thaois-ghoirt, no le taois-ghoirt a mhi-ruin ʼs an uilc, ach le aran neo-ghoirtichte na treibhdhireachd ʼs na firinn. Sgriobh mi gu ʼr n-ionnsuidh ann an litir: gun sibh a chumail cuideachda ri luchd-striopachais: Cha n-iad gu dearbh luchd-striopachais an t-saoghail so, no a luchd-sannta, no a luchd-foirneart, no a luchd-iodhol-aoraidh: air neo dhʼ fheumadh sibh dol as an t-saoghal so. Ach a nis sgriobh mi gu ʼr n-ionnsuidh: gun sibh a chumail cuideachda ri fear air bith, a tha fo ainm brathar, ma se ʼs gur fear-striopachais e, no fear sanntach, no fear iodhal-aoraidh, no fear-cainidh, no misgear, no foireigniche, cuide ri fear dhe ʼn t-seorsa na dianaibh urad us iche. Oir ciod mo ghnothach-sa ris an fheadhainn a tha mach, breth a thoirt orra? Nach ann air an fheadhainn, a tha stigh, a tha sibhse a toirt breth? Oir air an fheadhainn, a tha mach, bheir Dia breth. Thugaibh an droch fhear air falbh as ur measg fhein. Am beil a dhanadas aig duine agaibh, aig a bheil cuis lagha an aghaidh duine eile, dol fo bhreth air bialaobh nan daoine eucorach, ʼs cha n-ann air bialaobh nan naomh? Am beil sibh an aineolas gun toir na naoimh breth air an t-saoghal so? Agus ma bheirear breth air an t-saoghal leibhse, nach airidh sibh air breth a thoirt air na cuisean is neonaiche? Nach eil fhios agaibh gun toir sinn breth air ainglean? Nach mua na sin air nichean saoghalta? Air an aobhar sin ma tha cuisean agaibh mu nichean saoghalta, cuiribh an fheadhainn is suaraiche san eaglais ʼnam britheamhan orra. ʼSann gu ʼr nàire a tha mi g-radh so. An e nach eil duine glic air bith ʼnur measg, a ʼs urrainn breth a thoirt eadar a bhraithrean? Ach tha brathair a dol gu lagh ri brathair; agus sin air bialaobh nam mi-chreideach? A nis gu cinnteach tha coire ʼnur measg, nuair tha cuisean lagha agaibh ri cheile. Car-son nach docha leibh eucoir a ghiulan? Car-son nach docha leibh call fhulang? Ach tha sibh a dianamh croin us mealltaireachd; agus sin air braithrean. Am beil sibh an aineolas nach sealbhaich eucoraich rioghachd Dhe? Na rachaibh iomrall: cha shealbhaich luchd-striopachais, no luchd-iodhol-aoraidh, no luchd-adhaltrais, No luchd-druis, no daoine, a tha ri neo-ghloine mhi-nadurra, no meirlich, no daoine sanntach, no misgearan, no luchd-cainidh, no luchd-foimeirt, rioghachd Dhe. ʼS bha cuid dhibhse mar sin: ach tha sibh air ur nighe, ach tha sibh air ur naomhachadh, ach tha sibh air ur dianamh ionraic an ainm ar Tighearna Iosa Criosta, agus ann an Spiorad ar De-ne. Tha h-uile ni ceadaichte dhomh, ach cha n-eil a h-uile ni iomchuidh. Tha h-uile ni ceadaichte dhomh, ach cha chuirear mise fo chumhachd duine air bith. Biadh air son na bronn, ʼsa bhru air son a bhìdh: ach sgriosaidh Dia i sin agus e so; ach cha n-ann air son striopachais a tha choluinn, ach air son an Tighearna, agus an Tighearna air son na coluinne. A nis thog Dia suas an Tighearna, us togaidh e sinne suas cuideachd le chumhachd. Nach eil fhios agaibh gur iad ur cuirp buill Chriosta? An gabh mi ma ta buill Chriosta, ʼs an dian mi buill striopaich dhiu? Na leigeadh Dia. Nach eil fhios agaibh, gum beil esan, a tha ceangailte ri striopaich, ʼna aon chorp rithe? Oir bithidh iad (os esan) ʼnan dithis ann an aon fheoil. Ach esan a tha ceangailte ris an Tighearna, is aon spiorad ris e. Teichibh bho striopachas. Tha h-uile peacadh eile a ni duine air taobh-mach na, coluinne; ach am fear a ni striopachas, tha e peacachadh an aghaidh a choluinne fhein. Am beil sibh an aineolas gur iad ur buill teampull an Spioraid Naoimh, a tha unnaibh, a tha agaibh bho Dhia, ʼs cha leibh fhein sibh? Oir cheannaicheadh sibh le prìs mhoir. Gloraichibh, us giulainibh Dia ʼnur coluinn. A nis a thaobh nan nichean mu ʼn do sgriobh sibh h-ugam: Is math do dhuine gun bheantuinn do bhoirionnach: Ach eagal striopachais biodh a bhean fhein aig a h-uile fear, agus biodh a fear fhein aig a h-uile té. Thugadh am fear dha mhnaoi a dlighe; ʼs mar an ciadna a bhean dha fear. Cha n-eil cumhachd aig a mhnaoi air a coluinn fhein, ach aig an fhear. Agus mar an ciadna cha n-eil cumhachd aig an fhear air a choluinn fhein, ach aig a mhnaoi. Na diultaibh a cheile, mur h-ann le aonta a cheile car seal theagamh, los sibh fhein a thoirt do dhʼurnaigh; us tillibh a rithist ri cheile, air eagal satan ur buaireadh a thaobh ur mi-gheamnachd. Ach tha mi cantuinn so mar ni ceadaichte, ʼs cha n-ann mar fhainte. Oir bʼ aill leam sibhse uile a bhith mar tha mi fhein: ach tha a ghibht fhein aig gach duine bho Dhia: fear gu dearbh mar so, agus fear mar sin. Ach tha mi g-radh riu-san nach eil posda ʼs ri bantraichean: gur math dhaibh ma dhʼ fhanas iad mar sin, amhuil mar a tha mise. Ach mur cum iad iad fhein geamnaidh, posadh iad. Oir is fhearr posadh, na losgadh. Ach a thaobh na feadhnach a tha posda, tha an Tighearna, cha mhise, a g-àithneadh gun a bhean a dhealachadh ri fear: Agus ma dhealaicheas i, fuiricheadh i gun phosadh, no cordadh i ri ʼfear. Agus na cuireadh am fear air falbh a bhean. Ach a thaobh chàich, tha mise g-radh, cha n-e an Tighearna. Ma tha aig brathair air bith bean nach eil a creidsinn, ʼs i g-aontachadh tamh maille ris, na cuireadh e air falbh i. ʼS ma tha aig mnaoi sa bith fear nach eil a creidsinn, ʼs gun aontaich e tamh maille rithe, na cuireadh i air falbh a fear: Oir tha am fear neo-chreideach air a naomhachadh leis a mhnaoi chreidich, ʼs tha a bhean neo-chreideach air a naomhachadh leis an fhear chreideach: air-neo bhiodh ur clann neoghlan, ach a nis tha iad naomh. Ach ma dhʼ fhalbhas an neo-chreideach, falbhadh e: oir cha n-eil brathair no piuthar ri bhith fo sglamhachd sna càsan so: oir ghairm Dia sinn gu sith. Oir ciamar tha fios agadsa, a bhean, gun sabhail thu dʼ fhear? No, a dhuine, ciamar tha fios agadsa gun sabhail thu do bhean? Ach mar a roinn an Tighearna air gach neach, mar a ghairm Dia gach neach, a reir sin imicheadh e: ʼs mar sin tha mise teagasg anns na h-eaglaisean uile. Na ghairmeadh neach sa bith, ʼs e timchioll-ghearrte? na coisneadh e a bhith neo-thimchioll-ghearrte. Na ghairmeadh neach sa bith, ʼs e neo-thimchioll-ghearrte? na biodh e air a thimchioll-ghearradh. Oir is neoni an timchioll-ghearradh, agus is neoni an neo-thimchioll-ghearradh; ach cumail faintean Dhe. Fanadh gach duine anns a ghairm sin anns an do ghairmeadh e. An do ghairmeadh thu na dʼ thraill? na gabh suim dhe sin: ach ma ʼs urrainn dhut a bhith saor, gum bʼ e do raghainn e. Oir esan a ghairmeadh leis an Tighearna, ʼs e ʼna thraill, is saoranach an Tighearna e: mar an ciadna neach a ghairmeadh, ʼs e saor, se fear-muinntir Chriosta e. Cheannaicheadh le pris sibh, na bithibh ʼnur traillean aig daoine. A bhraithrean, fanadh a h-uile duine ann an Dia san staid anns na ghairmeadh e. A thaobh oighean cha n-eil fainte sa bith agam bho ʼn Tighearna: ach tha mi toirt comhairle seachad, mar dhuine a fhuair trocair bho ʼn Tighearna gu bhith firinneach. Tha mi saoilsinn ma ta gum beil so math air son feumalachd na h-uarach, gur math do dhuine a bhith mar so. Am beil thu ceangailte ri mnaoi? Na sir fuasgladh. Am beil thu fuasgailte bho mhnaoi? Na iarr bean. Ach ma ghabhas tu bean, cha pheacadh dhut e. Us ma phosas oigh, cha do pheacaich i: a dhʼ aindeoin sin bithidh trioblaid na feola aig an leithidean so. Ach tha mise gu ʼr caomhnadh. Tha mi g-radh so ma ta, a bhraithrean. Tha an uine goirid: se leanas bho so, biodh iadsan cuideachd aig am beil mnathan, mar nach biodh iad aca: Us iadsan a tha gal, mar nach biodh iad a gal; us iadsan a tha aighearach, mar nach biodh iad aighearach; agus iadsan a tha ceannach, mar nach biodh iad a sealbhachadh ni; Us iadsan a tha mealtuinn an t-saoghail so, mar nach biodh iad ga mhealtuinn: oir theid dealbh an t-saoghail so seachad. Ach is aill leam sibh a bhith gun iomaguin. Esan a tha gun mhnaoi, tha e curamach mu nichean an Tighearna, fiach an toilich e Dia. Ach esan aig a bheil bean, tha e iomaguineach mu nichean an t-saoghail, fiach an toilich e a bhean, ʼs tha e air a roinn. ʼS tha am boirionnach nach eil posda, agus an oigh, a smaoineachadh air nichean an Tighearna, gus i bhith naomh an coluinn ʼs an spiorad. Ach tha ise, a tha posda, a smaoineachadh air nichean an t-saoghail, fiach an toilich i a fear. Agus tha mi g-radh so gu buannachd dhuibhse: cha n-ann gus ur cur an ribe, ach air son an ni a tha dealbhach, ʼsa bheir cothrom dhuibh air freasdal do ʼn Tighearna gun obadh. Ach ma tha duine air bith a saoilsinn gu bheil e ʼna mhasladh dha a thaobh ʼoighe, gu bheil i thar aois, ʼs gum feum a chuis a bhith mar sin; dianadh e a thoil fhein; cha pheacadh dha, ma phosas i. Ach esan a chuir roimhe gu daingeann ʼna chridhe, gun eiginn sa bith air, ach e ʼna mhaighistir air a thoil fhein, ʼsa shuidhich so ʼna chridhe fhein a mhaighdean a ghleidheadh, tha e dianamh gu math. Mar sin am fear a tha toirt seachad a mhaighdein gu posadh, tha e dianamh gu math; ʼs am fear cuideachd nach eil ga toirt seachad, tha e dianamh nas fhearr. Tha boirionnach ceangailte leis an lagh fhad ʼsa tha a fear beo: ach ma gheobh a fear bàs, tha i fuasgailte; posadh i co is aill leatha: ach anns an Tighearna a mhain. Ach bithidh i nas beannaichte ma dhʼfhuiricheas i mar a tha i, a reir mo chomhairle-sa: agus tha mi am beachd gum beil Spiorad Dhe agam. A nis a thaobh nan nichean a thathas a g-iobradh do iodholan, tha fios againn gum beil eolas againn uile. Seididh faghlum suas; ach bheir a charrantachd deagh shamhla. Ach ma tha neach air bith am barail gur aithne dha ni sa bith, cha dʼ aithnich e fhathast mar bu chòir dha aithneachadh. Agus ma tha gaol aig duine air bith air Dia, tha esan air aithneachadh leis. Ach a thaobh bhiadhan a thathas a g-iobradh do iodholan, tha fios againn gur neoni iodhol anns an t-saoghal, ʼs nach eil Dia ann ach a h-aon. Oir ged a tha iad ann ris an abrar diathan, air neamh no air talamh (oir tha ioma dia, us ioma tighearn ann): Ach dhuinne cha n-eil ann ach aon Dia, an t-Athair, bho bheil a h-uile ni, agus sinne ann; agus aon Tighearna Iosa Criosta, bho bheil a h-uile ni, agus sinne troimh-san. Ach cha n-eil eolas aig a h-uile h-aon. Oir gu so fhein tha cuid le fiosrachadh air an iodhol a g-ithe na chaidh iobradh do iodhol; ʼs tha an cogais, bhon a tha i lag, air a truailleadh. Ach cha n-eil biadh ga ʼr dianamh taitneach do Dhia. Oir ged a dhʼitheas sinn, cha bhi sinn nas pailte; cha mhua, ged nach ith, a bhitheas sinn nas gainne. Ach gabhaibh toighe, air eagal theagamh gum bi ur cead so ʼna cheap-tuislidh dhaibh-san, a tha lag. Oir ma chi fear esan aig a bheil eolas ʼna shuidhe aig bord an teampull iodhoil, nach gabh a chogais, ʼs e lag, danadas gu icheadh nichean a dhʼiobradh do iodholan? Agus an teid le dʼ eolas-sa brathair lag a dhith air son an dʼ fhuilig Criosta am bàs? Agus mar so le peacachadh an aghaidh nam braithrean, agus le an cogais lag a lotadh, tha sibh a peacachadh an aghaidh Chriosta. Uime sin ma tha biadh a toirt sgainneil dha mʼ bhrathair, cha n-ith mi feoil am feasd, air eagal gun toir mi sgainneal dha mʼ bhrathair. Nach eil mise saor? Nach eil mi am ostal? Nach fhaca mi Iosa Criosta ar Tighearna? Nach sibhse mʼ obair anns an Tighearna? Mur eil mi am ostal do dhʼ fheadhainn eile, ach dhuibhse co-dhiu tha mi: oir is sibhse seul mʼ ostalachd anns an Tighearna. Se so mo dhion ʼnan lathair-san, a tha gam cheasnachadh. Nach eil e ʼnar comas ithe agus ol? Nach eil e ʼnar comas boirionnach piuthar a thoirt leinn mun cuairt, mar na h-ostail eile, agus braithrean an Tighearna, agus Cephas? No am mise a mhain, agus Barnabas, aig nach eil comas a leithid so dhianamh? Co idir a tha ri saighdearachd air a chostus fhein? Co a shuidhicheas fion-lios, ʼs nach ith dhe a mheas? Co a bheathaicheas treud, ʼs nach ith de bhainne na treuda? An ann a reir duine a tha mi cantuinn so? No nach eil an lagh fhein a g-radh nan nichean so mar an ciadna? Oir tha e sgriobhte ann an lagh Mhaois: Cha cheangail thu bial an daimh, a tha saltairt an arbhair. An e gum beil curam aig Dia de dhaimh? An ann ga rireamh air ar son-ne tha e g-radh so? Oir ʼsann air ar son-ne a sgriobhadh iad: chionn am fear a threobhas, is còir dha treobhadh ann an dochas; ʼs am fear a bhuaileas, ann an dochas toradh fhaighinn. Ma chuir sinn nichean spioradail dhuibhse, am mor an ni ma bhuaineas sinn ur nichean corporra? Ma tha feadhainn eile a g-agairt còir air roinn dhe ʼr cuid fhaighinn, nach mor is mua na sin ar còir-ne? Ach cha do chuir sinne an gniomh a chòir so: ach tha sinn a cur suas ris a h-uile ni, air eagal a bheag a dhʼ éis a chur air soisgeul Chriosta. Nach eil fhios agaibh gum beil iadsan, a tha ri seirbhis anns an ionad naomh, a g-iche de nichean an ionaid naoimh; ʼs iadsan a tha frithealadh do ʼn altair a faighinn de chuid na h-altrach? ʼSann mar so cuideachd a dhʼ orduich an Tighearna, gun tigeadh luchd-teagaisg an t-soisgeil beo air an t-soisgeul. Ach cha do chleachd mise a h-aon dhiu so. Cha mhua sgriobh mi so, los gun dianteadh mar so dhomh: oir is math dhomh am bàs fhaighinn, seach gun cuireadh neach air bith mo ghloir a dhith orm. Oir ged a theagaisgeas mi an soisgeul, cha ghloir dhomh e: oir is fheudar dhomh dhianamh: oir se mo thruaighe mise, mur teagaisg mi an soisgeul. Ma tha mi dianamh so gu deonach, tha duais agam: ach ma ʼsann a dhʼ aindeoin, tha an riarachadh so air earbsa rium. Ciod i an sin mo dhuais? Gun liubhair mi, ʼs mi teagasg an t-soisgeil, an soisgeul gun chostus, ʼs nach mi-bhuilich mi mo chumhachd san t-soisgeul. Oir ged bha mi saor a thaobh dhaoine uile, rinn mi seirbhiseach dhiom fhein dhaibh uile, gus am barrachd a chosnadh. Agus do na h-Iudhaich rinneadh mi mar Iudhach gus na h-Iudhaich a chosnadh. Dhaibh-san, a tha fo ʼn lagh, bha mi mar gum bithinn fo ʼn lagh (ged nach robh mi fhein fo ʼn lagh), gus an coisninn iadsan a tha fo ʼn lagh; dhaibh-san, a bha gun an lagh, bha mi mar gun an lagh (ged nach robh mi gun lagh Dhe, ach bha mi ann an lagh Chriosta), gus an coisninn iadsan a bha gun an lagh. Do na laig bha mi lag, gus na laig a chosnadh. Do dhaoine uile bha mi am h-uile ni, gu daoine uile shabhaladh. Agus tha mi dianamh gach ni air son an t-soisgeil, gus mi bhith na mʼ chomhphairtiche dheth. Nach eil fhios agaibh gum beil iadsan, a tha ruith reis, a ruith gu dearbh uile, ach se aon fhear a choisneas an geall? Ruithibhse ann an rathad ʼs gum buidhinn sibh. Agus tha gach aon, a tha stri air son laimh-an-uachdar, seachnach air a h-uile ni; agus iadsan gu dearbh gu crun truaillidh a chosnadh: ach sinne gu crun neo-thruaillidh. Tha mise ma ta a ruith, cha n-ann mar gum bʼ eadh air son ni nach cinnteach; tha mi gleachd, cha n-ann mar gum bʼ eadh a bualadh an athair: Ach tha mi ciosnachadh mo choluinne, ʼs ga smachdachadh, air eagal, ma dhʼ fhaoidte, an deigh dhomh searmonachadh do chàch, gun tilgear mi fhein air chul. Oir cha mhath leam, a bhraithrean, sibh a bhith aineolach, gun robh ar n-aithrichean uile fo ʼn nial, ʼs gun deach iad uile tromh ʼn mhuir, ʼS gun do bhaisteadh iad uile ann am Maois anns an nial, agus anns a mhuir; ʼS gun dʼ ith iad uile de ʼn aon bhiadh spioradail, ʼS gun dʼ ol iad uile an aon dheoch spioradail: (us dhʼ ol iad de ʼn chreig spioradail a bha gan leantuinn: agus bʼ i a chreag Criosta). Ach cha robh Dia ro thoilichte leis a chuid bu mhua dhiu: oir sgriosadh iad san fhàsach. A nis rinneadh iad so mar shamhla dhuinne, gus nach miannaich sinne nichean olc, mar a mhiannaich iadsan. ʼS na bithibh ʼnur luchd-iodhol-aoraidh, mar cuid dhiusan, a reir ʼs mar tha e sgriobhte: Shuidh an sluagh sios a dhʼ ithe agus a dhʼ ol, us dhʼ eirich iad a chluith. ʼS na dianamaid striopachas, mar a rinn cuid dhiu-san striopachas, agus thuit tri mile thar fhichead an aon latha. Agus na buairemid Criosta, mar a bhuair cuid dhiusan, agus bhàsaich iad leis na nathraichean. Na dianaibh monmhur cuideachd, mar a rinn cuid diusan monmhur, agus sgriosadh iad leis an sgriosadair. A nis thachair iad so uile dhaibhse mar shamhla: us tha iad air an sgriobhadh mar achasan dhuinne, air an tainig deireadh an t-saoghail. Uime sin am fear a tha ga shaoilsinn fhein ʼna sheasamh, thugadh e ʼn aire nach tuit e. Na glacadh buaireadh sibh ach a leithid ʼsa tha buailteach do ʼn duine: oir tha Dia dileas, nach leig leibh a bhith air ur buaireadh fos cionn ur neart, ach leis a bhuaireadh bheir e seol air dol as, los gur urrainn duibh a ghiulan. Uime sin, a mhuinntir mo ghraidh, teichibh bho sheirbhis iodholan. Tha mi labhairt mar ri daoine glice, thugaibh fhein breth air an ni a tha mi g-radh. Cailis nam beannachd, a tha sinn a beannachadh, nach i comanachadh fuil Chriosta? ʼS an t-aran, a tha sinn a bristeadh, nach e comanachadh corp an Tighearna a thʼ ann? Oir ge lionor, is aon aran, aon chorp, sinn uile, a tha gabhail de ʼn aon aran. Seallaibh Israel a reir na feola: nach co-phairtich ris an altair iadsan, a tha g-iche nan iobairt? Ciod dhe sin? A bheil mi g-radh gur ni air bith na tha air iobradh do iodholan? No gur ni air bith iodhol? Ach na nichean a tha na cinnich a g-iobradh, tha iad gan iobradh do dheomhain, agus cha n-ann do Dhia. Agus cha n-aill leam comunn a bhith agaibhse ri deomhain: cha n-urrainn duibh cailis an Tighearna ol, agus cailis dheomhan: Cha n-urrainn duihh a bhith ʼnur co-pairtich de bhord an Tighearna, ʼs de bhord dheomhan. Am beil sinn a brosnachadh an Tighearna gu eud? An treasa sinne na esan? Tha h-uile ni ceadaichte dhomh, ach cha n-eil a h-uile ni freagrach. Tha h-uile ni ceadaichte dhomh, ach cha toir a h-uile ni deagh leasan. Na sireadh duine air bith a bhuannachd fhein, ach buannachd an atharraich. Ni sam bith a thathas a reic sa mhargadh ithibh, gun cheisd fhaighneachd a thaobh cogais. Is leis an Tighearna an talamh, ʼsa lanachd. Ma bheir neach nach eil a creidsinn cuireadh dhuibh, us toil agaibh a dhol, ithibh de gach ni a chuirear air ur bialaobh, gun cheisd a chur a thaobh cogais. Ach ma their duine air bith: Chaidh so iobradh do iodholan: na ithibh dheth as leth an fhir a dhʼ innis, agus as leth cogais: Cha n-i do chogais fhein a tha mi g-radh, ach cogais an fhir eile. Oir ciod h-uige a tha mo shaorsa air a breth le cogais an atharraich? Oir ma tha mise a gabhail le buidheachas, car-son a thathas a labhairt gu h-olc orm air son ni mu bheil mi a toirt tainge? Air an aobhar sin co-dhiu dhʼ itheas sibh, no dhʼ olas sibh, no aon ni eile a ni sibh, dianaibh gach ni gu gloir Dhe. Bithibh gun ghiomh an lathair nan Iudhach, agus nan cinneach, agus eaglais Dhe: Mar tha mise fhein a toileachadh dhaoine uile anns gach ni, cha n-ann le bhith sireadh na tha gu buannachd dhomh fhein, ach do mhoran, gus iad a bhith sabhailte. Bithibhse ʼnur luchd-leanmhuinn ormsa, mar tha mise air Criosta. Tha mi nis gu ʼr moladh, a bhraithrean, a chionn gum beil sibh cuimhneach orm anns gach ni; ʼsa cumail mʼ orduighean mar a liubhair mi dhuibh iad. Ach is math leam brath a bhith agaibh, gur e ceann a h-uile duine Criosta: agus ceann a bhoirionnaich an duine: agus ceann Chriosta Dia. A h-uile fear a tha ri urnaigh no ri fàisneachd, us ceann-aodach air, tha e toirt maslaidh dha cheann. ʼSa h-uile boirionnach a tha ri urnaigh no ri faisneachd gun cheann-aodach, tha i toirt maslaidh dha ceann: oir is ionann ʼs ged a bhiodh i air a bearradh. Oir mur bi boirionnach comhdaichte, biodh i air a bearradh. Ach ma ʼs nàire do bhoirionnach a bhith air a bearradh, no air a maoladh, cuireadh i ceann-aodach oirre. Cha chòir do dhuine gu dearbh a cheann a chuibhrigeadh: a chionn gur e iomhaigh agus gloir Dhe e, ach si am boirionnach gloir an duine. Oir cha n-eil an duine bho ʼn bhoirionnach, ach am boirionnach bho ʼn duine. Oir cha do chruthaicheadh an duine air son a bhoirionnaich, ach am boirionnach air son an duine. Uime sin is còir do ʼn bhoirionnach cumhachd a bhith aice air a ceann as leth nan aingeal. Ach dhʼ aindeoin so cha n-eil an duine gun am boirionnach, no am boirionnach gun an duine anns an Tighearna. Oir mar a tha am boirionnach bho ʼn duine, is amhuil a tha an duine tromh ʼn bhoirionnach: ach tha h-uile ni bho Dhia. Thugaibh fhein breth: am beil e dealbhach do bhoirionnach urnaigh a dhianamh ri Dia gun cheann-aodach? Nach eil nadur fhein gu ʼr teagasg, gur cuis nàire e gu dearbh do dhuine e bhith giullachd ʼfhuilt: Ach gur gloir e do bhoirionnach, ma ghiullaicheas i ʼfalt: oir thugadh a gruag dhi mar cheann-uidheam? Ma tha fear air bith deas gu consachadh: cha n-eil a leithid de chleachdadh againue, no aig eaglais De. A nis tha mi g-àithneadh so; cha n-ann gu ʼr moladh, gum beil sibh a cruinneachadh, cha n-ann gus ur feobhas ach gus ur call. ʼSa chiad dol a mach, an àm dhuibh tional san eaglais, tha mi cluinntinn gum beil eas-aontas ʼnur measg, agus am pairt tha mi ga chreidsinn. Oir is fheudar do eiriceachd a bhith ann, gus iadsan, a tha dearbhte, a bhith air an dianamh follaiseach ʼnur measg. Air dhuibh ma ta tional an aon aite, cha n-ann a nis gu suipeir an Tighearna ithe. Oir tha gach aon a toirt leis roimh laimh a shuipreach fhein gus a h-ithe. Agus tha fear gu dearbh air acras; ʼs fear eil air mhisg. Ciod, nach eil tighean agaibh gus ithe us ol? No am beil sibh cur suarach eaglais Dhe, ʼsa cur gu nàire iadsan aig nach eil? Ciod a their mi ribh? Am mol mi sibh? A thaobh so cha mhol. Oir fhuair mi bho ʼn Tighearna na liubhair mi mar an ciadna dhuibhse, gun do ghlac an Tighearna Iosa, air a cheart oidhche san deach a bhrath, aran, ʼSa toirt taing, bhrist e, us thuirt e: Gabhaibh, agus ithibh: se so mo chorpsa, a theid a liubhairt air ur son: dianaibh so mar chuimhneachan ormsa. Mar an ciadna a chailis, an deigh na suipreach, a g-radh: Si a chailis so an tiomnadh nuadh ann am fhuilse: dianaibh so cho tric ʼsa dhʼ olas sibh mar chuimhneachan ormsa. Oir cho tric ʼsa dhʼ itheas sibh an t-aran so, ʼsa dhʼ olas sibh a chailis, taisbeanaidh sibh bàs an Tighearna gus an tig e. Air an aobhar sin co sa bith a dhʼ itheas an t-aran so, no dhʼ olas cailis an Tighearna gu mi-iomchuidh, bithidh e ciontach an corp ʼs am fuil an Tighearna. Ach dearbhadh duine e fhein; agus an sin itheadh e de ʼn aran so, us oladh e de ʼn chailis. Oir co sa bith a dhʼ icheas ʼsa dhʼ olas gu mi-iomchuidh, tha e g-ithe ʼsa g-ol ditidh dha fhein, le cion aire a thoirt do chorp an Tighearna. Mar sin tha moran lag us anfhann ʼnur measg, agus moran ʼnan cadal. Oir nan tugadh sinn breth oirnn fhein, cha rachadh breth a thoirt oirnn. Ach nuair a bheirear breth oirnn, tha sinn air ar smachdachadh leis an Tighearna, los nach ditear sinn comhla ris an t-saoghal so. Uime sin, mo bhraithrean, nuair a thionaileas sibh gus ithe, feithibh ri cheile. Ma tha fear air bith air acras, itheadh e aig an tigh, gus nach ann gu breitheanas a thig sibh cuideachd. Agus cuiridh mi chuid eile air rian nuair a thig mi. A nis, a bhraithrean, cha mhath leam sibh a bhith aineolach mu nichean spioradail. Is aithne dhuibh, nuair a bha sibh ʼnur cinnich, gun deach sibh gu iodholan balbha, mar a bhatar gu ʼr stiuradh. Uime sin tha mi toirt dhuibh ri thuigsinn, nach abair duine air bith, a tha labhairt le Spiorad Dhe, Anathema ri Iosa. Agus cha n-urrainn do dhuine an Tighearn Iosa a radh, ach leis an Spiorad Naomh. A nis tha caochla seorsa de ghrasan ann, ach an t-aon Spiorad: ʼS tha caochla seorsa de fhrithealadh ann, ach an t-aon Tighearna: ʼS tha caochla seorsa de ghniomhran ann, ach an t-aon Dia, a tha g-oibreachadh gach ni anns gach aon. Agus tha soilleireachadh an Spioraid air a thoirt do ʼn h-uile neach gu bhuannachd. Do h-aon gu dearbh tha facal a ghliocais air a thoirt leis an Spiorad; ʼs do fhear eile facal an eolais leis an Spiorad chiadna; ʼS do fhear eile creideamh leis an Spiorad chiadna; do fhear eile grasan leighis leis an aon Spiorad; Do fhear eile dianamh mhiarailtean, do fhear eile faidhdearachd, do fhear eile aithneachadh spiorad, do fhear eile ioma gné theanganan, do fhear eile eadar-theangachadh bhriathran. Ach se an t-aon Spiorad ciadna a tha dianamh nan nichean so uile, a roinn air gach aon a reir a thoil. Oir mar is aon a choluinn, agus ioma ball aice; agus an deigh sin is aon choluinn uile bhuill na coluinne, ged is lionor iad: is amhuil sin Criosta. Oir anns an aon Spiorad bhaisteadh sinn uile gu aon chorp, co-dhiu is Iudhaich no cinnich, co-dhiu is daoranaich no saoranaich sinn; agus anns an aon Spiorad thugadh dhuinn ri ol. Oir cha n-aon bhall a choluinn, ach ioma ball. Nan abradh a chas: Bho nach mi an lamh, cha n-eil mi de ʼn choluinn: nach eil i de ʼn choluinn a dhʼ aindeoin sin? ʼS nan abradh a chluas: Bho nach mi an t-suil, cha n-eil mi de ʼn choluinn: nach eil i de ʼn choluinn a dhʼ aindeoin sin? Nam biodh a choluinn uile ʼna suil, càit am biodh a chlaistinn? Nam biodh a choluinn uile ʼna claistinn, càit am biodh am fàileadh? Ach a nis shuidhich Dia na buill, a h-uile h-aon dhiu anns a choluinn mar a bʼ aill leis. Agus nam bʼ aon bhall iad uile, càit am biodh a choluinn? Ach a nis is ioma ball iad a rireadh, ach aon chorp. ʼS cha n-urrainn do ʼn t-suil a radh ris an laimh: Cha n-eil feum agam air do shaothair; no an ceann a rithist ris na casan: Cha n-eil feum agam oirbh. Ach an aite sin ʼsiad na buill de ʼn choluinn is laige gu mor a thaobh coltais, is mua feum; Agus na buill a tha sinn a meas is mi-urramaiche dhe ʼr coluinn, tha sinn a cuairteachadh leis a bharrachd mhor a dhʼ onair; agus iadsan is neo-eireachdaile dhinn, ʼsiad tha faighinn gu mor am barrachd eireachdais. Ach air ar buill dhealbhach cha n-eil ni dhe so a dhith: ach rian Dia a choluinn, a buileachadh am barrachd urraim far an robh e dhith, Gus nach biodh ar-amach anns a choluinn, ach gum freasdaladh na buill air a cheile. Agus ma tha aon bhall am pein, tha na buill uile am pein maille ris; no ma tha aon bhall sunndach, tha na buill uile an aoibhneas maille ris. A nis is sibhse corp Chriosta, agus buill de bhall. Agus gu fior shuidhich Dia teadhainn anns an eaglais, ostail an toiseach, san ath aite faidhean, san treas aite ollamhan, an deigh sin miarailtean, an sin grasan leighis, luchd-cobhair, uachdranachd, ioma gné theanganan, eadar-mhineachadh bhriathran. Am beil iad uile ʼnan ostail? am beil iad uile ʼnam faidhean? am beil iad uile ʼnan ollamhan? An dian iad uile miarailtean? am beil grasan leighis aca uile? an labhair iad uile le teanganan? an eadar-theangaich iad uile? Ach bithibh titheach air na gibhtean is fhearr. Agus tha mi dol a dhʼ fhiachuinn dhuibh slighe nas barraichte fhathast. Ged a labhruinn le teanganan dhaoine agus aingeal, gun a charrantachd a bhith agam, cha bhithinn ach mar phràis fhuaimnich, agus mar chiombal gliongach. Agus ged a bhiodh faisneachd agam, ʼs gum bʼ aithne dhomh a h-uile mistire, agus a h-uile eolas, ʼs ged a bhiodh a h-uile creideamh agam ionnus gun caraichinn na beanntan, ʼs nach biodh a charrantachd agam, is neoni mi. Agus ged a bhuilichinn mo chuid uile am biadh air na bochdan, ʼs ged a liubhrainn mo choluinn gus mo losgadh, ʼs nach biodh a charrantachd agam, cha n-eil buannachd ann domh. Tha charrantachd faighidneach, tha i caoimhneil: cha n-eil a charrantachd farmadach, cha n-eil giomh ʼna dianadas, cha n-at i le prois, Cha n-eil i deidheil air ard-inbhe, cha n-iarr i a buannachd fhein, cha n-eil i feargach, cha smaoinich i olc, Cha ghabh i toileachadh as an olc, ach gabhaidh i toileachadh as an fhirinn: Giulanaidh i a h-uile ni, creididh i a h-uile ni, earbaidh i as a h-uile ni, fuiligidh i a h-uile ni. Cha n-fhàilnich a charrantachd a chaoidh: ged a thig faisneachd gu neo-bhrigh, no ged a sguireas teanganan, no ged a theid eolas bho fheum. Oir tha eolas againn ann am pairt, agus tha faisneachd againn am pairt. Ach nuair a thig an ni a tha coimhlionta, cuirear an ni a tha am pairt air chul. Nuair a bha mi am leanabh, labhair mi mar leanabh, thuig mi mar leanabh, smaoinich mi mar leanabh. Ach nuair dhʼ fhas mi am dhuine, leig mi doighean leinibh dhiom. Tha sinn an drasda a faicinn tromh ghloine an seol doilleir: ach an sin aghaidh ri aghaidh. An drasda tha mi g-aithneachadh ann an roinn: ach an sin aithnidh mi, ceart mar a tha aithne orm. An drasda tha creideamh, dochas, carrantachd ann, na tri so: ach dhiu so si a charrantachd is mua. Leanaibh a charrantachd, bithibh titheach air gibhtean spioradail: ach gu h-araid air faisneachd. Oir esan a labhras ann an teangaidh, cha n-ann ri daoine a tha e bruidhinn, ach ri Dia: oir cha n-eil duine a g-eisdeachd ris. Oir is ruintean-diomhair a tha e labhairt leis an Spiorad. Ach esan a tha dianamh faisneachd, tha e labhairt ri daoine gus an teagasg, gus an comhairleachadh, gus am furtachadh. Esan a labhras ann an teangaidh, tha e dianamh a mhath fhein: ach esan a tha ri faisneachd, tha e dianamh math eaglais Dhe. Is math leam sibh uile labhairt le teanganan: ach sibh a dhianamh faisneachd se bu docha leam. Oir is mua esan a tha ri faisneachd, na esan a tha labhairt le teanganan: nas lugha na dhʼ eadar-theangaicheas e gu oileanachadh na h-eaglais. Ach a nis, a bhraithrean, ma thig mi h-ugaibh a labhairt le teanganan, ciod is fheairrde sibh mi, nas lugha na labhras mi ribh le taisbeanadh, no le eolas, no le faisneachd, no le teagasg? Nichean fhein gun anam aig a bheil fuaim, co-dhiu se phiob no chlarsach, mur atharraich iad am fuaimean, ciamar a dhʼ aithnear na tha iad a seinn air a phiob no air a chlarsaich? Oir ma bheir an trombaid seachad fuaim neo-chinnteach, co ni e fhein deas air son a chatha? Is amhuil cuideachd sibhse mur abair sibh leis an teangaidh briathran soilleir, ciamar a dhʼ aithnear ciod a thʼ air a labhairt? oir ʼsann ris an athar a bhios sibh a bruidhinn. Tha, mar is fior, cho liuthad seorsa theanganan anns an t-saoghal; agus cha n-eil a h-aon gun ghuth. Mur tuig mi ma ta seagh a ghutha, bithidh mi na mʼ choigreach dhasan ris a bheil mi labhairt; us esan tha labhairt rium ʼna choigreach dhomhsa. Is amhuil sin sibhse, bho na tha sibh eudmhor mu spioraid, iarraibh a bhith lan-phailt gu buannachd na h-eaglais. Agus uime sin guidheadh esan, a tha labhairt le teangaidh, gun eadar-theangaich e. Oir ma ni mi urnaigh le teangaidh, se mo spiorad a tha g-urnaigh, ʼs tha mo thuigse gun toradh. Ciod e ma ta? Ni mi urnaigh leis an spiorad, ni agus urnaigh leis an tuigse; seinnidh mi leis an spiorad, agus seinnidh mi cuideachd leis an tuigse. Air chaochla cor ma bheannaicheas tu leis an spiorad, ciamar their esan a tha an aite nan aineolach: Amen ri dʼ bheannachadh, ʼs nach aithne dha ciod a tha thu g-radh? Oir tha thusa gu dearbh a toirt taing gu math; ach cha n-eil sin gu buannachd fir eile. Tha mi toirt taing do mo Dhia gun labhair mi ur teanganan uile. Ach bʼ fhearr leam coig facail a labhairt san eaglais le mʼ thuigse, gu feadhainn eile a theagasg, na deich mile facal ann an teangaidh. A bhraithrean, na bithibh ʼnur cloinn an tuigse, ach ann an gò bithibh ʼnur cloinn: ach bithibh coimhlion an tuigse. Tha e sgriobhte san lagh: Ann an teanganan eile, ʼs am bilean eile labhraidh mi ris a phobull so: agus an deigh sin uile cha n-eisd iad rium, os an Tighearna. Uime sin tha teanganan ʼnan comharradh cha n-ann do chreidich, ach do mhi-chreidich: ach faisneachd cha n-ann do mhi-chreidich, ach do chreidich. Uime sin ma chruinnicheas an eaglais uile an aon aite, agus ma labhras iad uile le teanganan, ʼs gun tig daoine aineolach, no mi-chreideach a stigh, nach abair iad gum beil an caothach oirbh? Ach ma ni iad uile faisneachd, ʼs gun tig duine mi-chreideach no aineolach a stigh, tha e faighinn dearbhaidh bhuapa uile, ʼs air a bhreithneachadh leo uile: Soilleirichear nichean diomhair a chridhe; ʼs le sin a tuiteam sios air aghaidh, bheir e aoradh do Dhia, a g-aideachadh gum beil Dia a rireadh ʼnur measg. Ciod ma ta a thʼ ann, a bhraithrean? nuair a thig sibh comhla, tha salm, tha teagasg, tha taisbeanadh, tha teanga, tha eadar-theangachadh aig gach aon agaibh fos leth: biodh a h-uile ni diante gu deagh shamhladh. Ma labhras a h-aon sa bith le teangaidh, na biodh iad ach dithis no ʼn car is mua triuir, agus an deigh a cheile; agus eadar-theangaicheadh fear. Ach mur bi eadar-theangair ann, biodh e ʼna thosd san eaglais; ach labhradh e ris fhein ʼs ri Dia. Ach labhradh dithis no triuir de na faidhean, agus breithnicheadh càch. Ach ma thaisbeanar ni air bith do dhʼ fhear a tha ʼna shuidhe, biodh a chiad fhear ʼna thosd. Oir is urrainn duibh uile faidhdearachd a dhianamh lion fear us fear; los gun ionnsuich daoine uile, ʼs gum faigh iad uile cofhurtachd; Us tha spioraid nam faidhean umhailt do na faidhean fhein. Oir cha Dhia na h-aimhreite Dia, ach na sithe; mar tha mise cuideachd a teagasg ann an uile eaglaisean nan naomh. Biodh boirionnaich ʼnan tosd anns na h-eaglaisean: oir cha n-eil e ceadaichte dhaibh labhairt, ach a bhith umhailt mar tha an lagh fhein a cantuinn. Ma tha toil aca ni air bith ionnsachadh, faighnicheadh iad dhe ʼm fir aig an tigh. Oir is nàire do bhoirionnach labhairt san eaglais. No n-ann bhuaibhse thainig facal De? no n-ann gu ʼr n-ionnsuidhse a mhain a thainig e? Ma tha ʼcholtas air fear sam bith gur faidh, no gur duine spioradail e, tuigeadh e gur iad na nichean a tha mi sgriobhadh h-ugaibh faintean an Tighearna. Ach ma tha duine air bith aineolach, bithear aineolach air. Uime sin, a bhraithrean, bithibh titheach air faisneachd: ʼs na bacaibh labhairt le teanganan. Ach biodh a h-uile ni diante gu dealbhach ʼs le rian. A nis, a bhraithrean, cuiridh mi an ceill dhuibh an soisgeul a theagaisg mi dhuibh, us ris na ghabh sibh, us anns a bheil sibh a seasamh, Us leis a bheil sibh air ur sabhaladh, ma tha sibh a cumail an rian theagaisg a thug mi dhuibh, nas lugha na chreid sibh gu diomhain. Oir liubhair mi dhuibh an toiseach na fhuair mi fhein: gun dʼ fhuair Criosta bàs air son ar peacannan a reir nan Sgriobtur; Agus gun do thiodhlaiceadh e, ʼs gun dʼ eirich e rithist an treas latha a reir nan Sgriobtur; Agus gum facas e le Cephas, ʼs an deigh sin leis na h-aon-diag; An sin chunnacas e le corr us coig ciad brathair comhla; dhe ʼm beil moran maireann gu so, us chaidil cuid; An deigh sin chunnacas e le Seumas, an sin leis na h-ostail uile; Agus mu dheireadh uile chunnacas leamsa e, mar neach a rugadh an an-àm. Oir is mi is lugha dhe na h-ostail, nach fhiach ostal a chantuinn rium: a chionn gun dʼ rinn mi geur-leanmhuinn air eaglais De. Ach le grasan De is mi an ni is mi, ʼs cha robh a ghrasan gun bhuil unnam, ach dhʼ oibrich mi na bu mhuà air phailte na iad uile: cha mhise gu dearbh, ach grasan De maille rium: Ach co-dhiu is mise no iadsan: mar so tha sinn a searmonachadh, mar so chreid sibhse. A nis ma thathas a teagasg gun dʼ eirich Criosta bho na mairbh, ciamar a tha cuid ʼnur measg a g-radh, nach eil aiseirigh nam marbh ann? A nis mur eil aiseirigh nam marbh ann, cha dʼ eirich Criosta fhein a rithist. ʼS mur dʼ eirich Criosta rithist, is diomhain mar sin ar searmonachadh, is diomhain ur creideamh-sa cuideachd; Seadh, agus gheobhar sinn ʼnar fianuisean-breige air Dia: a chionn gun tug sinn fianuis an aghaidh Dhe gun do thog e Criosta, nach do thog e, mur eirich na mairbh a rithist. Oir mur eirich na mairbh a rithist, cha mhua dhʼ eirich Criosta rithist. Agus mur dʼ eirich Criosta rithist, is diomhain ur creideamh-sa: oir tha sibh fhathast ʼnur peacannan. Agus a reir sin chaidh iadsan, a chaidil ann an Criosta, a dhith. Ma ʼsann sa bheatha so a mhain a tha ar dochas ann an Criosta, is sinn is truaighe de dhaoine uile. Ach a nis dhʼ eirich Criosta bho na mairbh ʼna chiad thoradh na feadhnach a tha ʼnan cadal: Oir mar is ann tromh dhuine thainig am bàs, ʼsann tromh dhuine aiseirigh nam marbh cuideachd. Agus mar a tha iad uile bàsachadh an Adhamh, mar sin cuideachd beothaichear iad uile ann an Criosta. Ach a h-uile h-aon ʼna ordugh fhein: Criosta a chiad thoradh; an sin iadsan is le Criosta, a chreid ʼna thighinn. An sin a chrioch, nuair a liubhras e seachad an rioghachd do Dhia ʼs do ʼn Athair, nuair a bheir e gu neoni a h-uile uachdranachd, agus cumhachd, agus feart. Oir is còir da righeachadh, gus an cuir e naimhdean uile fo chasan. Ach se am bàs an namhaid mu dheireadh a sgriosar: oir chuir e h-uile ni fo chasan. Ach nuair tha e g-radh: Chuireadh a h-uile ni fodha; gun teagamh saor bhuaithe san, a chuir a h-uile ni fodha. Us nuair a chuirear a h-uile ni fodha, bithidh am Mac fhein fodha-san, a chuir a h-uile ni fodha, gu Dia a bhith ʼna h-uile ni anns a h-uile ni. Air neo ciod a ni iadsan a thʼ air am baisteadh air son nam marbh, mur eil na mairbh gu eirigh a rithist idir? ciod h-uige idir a thathas gam baisteadh air an son? Cʼ uime a tha sinn fhein cuideachd an cunnart gach uair? A h-uile latha, a bhraithrean, tha mi bàsachadh air son ur gloire, a tha agam ann an Iosa Criosta ar Tighearna. Ma ghleac mi (a labhairt mar dhuine) ri beistean ann an Ephesus, ciod an stà dhomh e, mur eil na mairbh gu eirigh a rithist? Ithemid us olamaid: oir am maireach gheobh sinn bàs. Na bithibh air ur mealladh: Truaillidh droch comhradh deagh bheusan. Duisgibh, a dhaoine cearta, ʼs na peacaichibh: oir aig cuid cha n-eil eolas De, tha mi cantuinn so gu ʼr nàire. Ach their cuideigin: Ciamar a tha na mairbh gu eirigh a rithist? no ciod a ghné coluinne san tig iad? A dhuine gun thoinisg, cha chinn na tha thu cur, mur bàsaich e an toiseach. Agus an ni a tha thu cur, cha n-e an corp a bhitheas ann a tha thu cur, ach lom ghrainne, mar de chruithneachd, no de sheorsaichean eile. Ach bheir Dia corp dha mar is aill leis, us do ʼn h-uile seorsa sil a chorp fhein. Cha n-aon fheoil a h-uile feoil: ach tha feoil aig daoine, feoil eile aig spreidh, feoil eile aig eoin, feoil eile aig iasg. Agus tha cuirp neamhaidh, us cuirp thalmhaidh ann: ach cha n-ionann gloir nan corp neamhaidh, agus gloir nan corp talmhaidh. Cha n-ionann gloir na greine, agus gloir na gealaiche, agus gloir nan reul. Agus tha atharrachadh eadar reul us reul an gloir: Is amhuil sin cuideachd aiseirigh nam marbh. Tha i air a cur an truailleachd, eiridh i ann an neo-thruailleachd. Tha i air a cur an as-onair, eiridh i an gloir. Tha i air a cur an laigse, eiridh i an cumhachd. Tha i air a cur ʼna coluinn thalmhaidh, eiridh i ʼna coluinn spioradail. Ma tha coluinn thalmhaidh ann, tha coluinn spioradail ann mar an ciadna, mar tha e sgriobhte: Rinneadh a chiad duine Adhamh ʼna anam beo, an t-Adhamh deireannach ʼna spiorad beothachail. Ach cha bʼe sin a tha spioradail a bha an toiseach, ach sin a tha corporra: agus a rithist sin a tha spioradail. Bha chiad duine bho ʼn talamh, talmhaidh: an ath dhuine bho neamh, neamhaidh. Mar an duine talmhaidh, is amhuil na daoine talmhaidh: ʼs mar an duine neamhaidh, is amhuil na daoine neamhaidh. Uime sin mar a ghiulain sinn iomhaigh an duine thalmhaidh, giulainemid cuideachd iomhaigh an duine neamhaidh. A nis tha mi g-radh so, a bhraithrean: nach urrainn do dhʼ fheoil ʼs do dhʼ fhuil rioghachd Dhe a shealbhachadh, ʼs cha mhua shealbhaicheas truailleachd neo-thruailleachd. Seall, tha mi labhairt ruin-dhiomhair ribh: Eiridh sinn gu dearbh uile rithist, ach cha mhuthar sinn uile. Ann am mionaid, am priobadh na sula, aig an trombaid dheireannaich (oir seinnidh an trombaid) eiridh na mairbh gu neo-thruaillidh, agus muthar sinne. Oir feumaidh an ni truaillidh so neo-thruailleachd a chur uime, ʼs an ni bàsmhor so neo-bhàsmhorachd a chur uime. ʼS nnair a chuireas an ni bàsmhor so neo bhàsmhorachd uime, an sin tachraidh am facal a tha sgriobhte: Shluigeadh am bàs suas leis a bhuaidh. O bhàis, càit a bheil do bhuaidh? O bhàis, càit a bheil do ghath? A nis se am peacadh gath a bhàis: agus neart a pheacaidh, an lagh. Ach taing do Dhia, a thug a bhuaidh dhuinne tromh ar Tighearna Iosa Criosta. Uime sin, mo bhraithrean gradhach, bithibh steidheil agus neo-luasganach, nas pailte daonnan an obair an Tighearna, a tuigsinn nach eil ur saothair diomhain anns an Tighearna. A nis a thaobh an tionail a thathas a dianamh air son nan naomh, dianaibhse cuideachd a reir ʼs mar dhʼ orduich mi do eaglaisean Ghalatia. Air a chiad latha de ʼn t-seachduin, cuireadh a h-uile h-aon agaibh seachad an tasgadh na lan-thaitneas ris fhein; air chor ʼs nach bi an tional ri dhianamh nuair a thig mise. Agus nuair a bhios mi maille ribh, feadhainn sa bith dhe ʼn dian sibh raghainn le litrichean, iad sin cuiridh mi a thoirt ur tiodhlaic air adhart gu Ierusalem. Agus ma bhios e iomchuidh gum falbhainnse, theid iad comhla rium. A nis thig mi gu ʼr n-ionnsuidh, nuair a ghabhas mi tromh Mhacedonia: oir gabhaidh mi tromh Mhacedonia. Agus fanaidh mi treis theagamh comhta ribh, no ma dhʼ fhaoidte ré a gheamhraidh: los gun dian sibh iul domh air an t-sligh taobh sa bith an teid mi. Oir cha n-aill leam ur faicinn san dol seachad a mhain: oir tha dochas agam fuireach treis a dhʼ uine maille ribh, ma leigeas an Tighearna leam. Ach fanaidh mi an Ephesus gu Caingis. Oir tha dorus mor agus follaiseach fosgailte dhomh, agus moran naimhdean. A nis ma thig Timoti, seallaibh nach bi e fo eagal maille ribh: oir tha e g-oibreachadh obair an Tighearna, mar tha mise. Uime sin na sealladh duine air bith sios air: ach thugaibh air aghaidh e an sith los gun tig e gam ionnsuidhse: oir tha duil agam ris maille ris na braithrean. A thaobh ar brathar Apollo, tha mi toirt dhuibh ri thuigsinn, gun do ghrios mi gu cruaidh air, e thighinn gu ʼr n-ionnsuidh comhla ris na braithrean; ʼs gu deimhinn cha robh e idir toileach air tighinn san àm so: ach thig e nuair a gheobh e cothrom. Dianaibh faire, seasaibh steidheil anns a chreideamh, oibrichibh gu fearail, agus bithibh sgairteil. Biodh ur n-uile ghniomhran diante ann an carrantachd. Guidheam oirbh, a bhraithrean, is aithne dhuibh tigh Stephanais, us Fhortunatuis, agus Achaicuis: ʼs gur iad ciad thoradh Achaia, ʼs gun tug iad iad fhein seachad gu freasdal air na naoimh, G um bi sibhse cuideachd umhailt dha ʼn leithidean so, ʼs do ʼn h-uile h-aon a tha ri obair ʼs ri saothair comhla ruinne. Agus tha aoibhneas orm an lathair Stephanais, us Fhortunatuis, ʼs Achaicuis, a chionn gun dʼ rinn iad suas an ni a bha dhith air ur taobhsa: Oir thug iad furtachd dha mʼ spiorad-sa, thug agus dha ʼr spiorad fhein. Cuiribh eolas ma ta air an leithidean sin. Tha eaglaisean Asia a cur bheannachd gu ʼr n-ionnsuidh. Tha Acuila us Priscilla a cur moran bheannachdan, anns an Tighearna, gu ʼr n-ionnsuidh maille ris an eaglais a tha ʼnan tigh, ʼs gur ann aca a tha mi fhein air aoidheachd. Tha na braithrean uile a cur bheannachdan h-ugaibh. Cuiribh fàilt air a cheile le poig naoimh. Tha mise Pol a cur mo bheannachd le mo laimh fhein. Neach air bith nach toir gaol dha ʼr Tighearna Iosa Criosta, biodh e ʼna anathema, Maran Atha. Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh. Gun robh mo charrantachd maille ribh uile ann an Iosa Criosta. Amen. Pol, ostal Iosa Criosta le toil De, agus Timoti, brathair, gu eaglais Dhe a tha an Corint, maille ris na naoimh uile, a tha ann an Achaia gu leir. Grasan gun robh dhuibhse agus sibh bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. Beannaichte gun robh Dia us Athair ar Tighearna Iosa Criosta, Athair nan trocair, agus Dia gach furtachd, A tha furtachadh oirnn ʼnar n-uile chàs; gus sinn a bhith comasach air furtachadh orrasan, a tha ann an gàbhadh sa bith, tromh ʼn bhrosnachadh leis a bheil sinn fhein air ar brosnachadh bho Dhia. Oir mar a tha fulangasan Chriosta pailt unnainne, mar sin tromh Chriosta is pailt ar furtachd cuideachd. A nis ma tha sinn an trioblaid, ʼsann gu sibhse a chur h-uige ʼsa shabhaladh, no ma tha sinn air ar furtachadh, ʼsann gu sibhse fhurtachadh, no ma tha sinn air ar brosnachadh, ʼsann gu sibhse a bhrosnachadh ʼsa shabhaladh, ni tha toirt seachad faighidin gu giulan leis na ceart fhulangasan a tha sinn fhein a fulang; Gus ar dochas a bhith daingeann as ur leth: us fios againn mar tha comh-phairt agaibh sna fulangasan, gum bi sin agaibh cuideachd san aoibhneas. Oir cha mhath leinn, a bhraithrean, sibh a bhith aineolach air an trioblaid a thainig oirnn an Asia, gun robh sinn air ar sarachadh thar tomhas agus fos cionn ar neart, ann an rathad ʼs gun robh sinn sgith dhe ʼr beatha. Ach bha binn a bhàis againn unnainn fhein, gus nach cuiremid earbsa asainn fhein, ach á Dia, a thogas na mairbh: A shaor sinn, ʼsa tha ga ʼr saoradh bho chunnartan cho mor; as a bheil sinn a g-earbsa gun saor e sinn fhathast, Le ur n-urnaigh-sa air ar son a bhith ga ʼr cuideachadh; air chor ʼs gun toirear buidheachas seachad le moran air ar son, as leth na gibht so a fhuaradh dhuinn le moran sluaigh. Oir si so ar gloir, teisteanas ar cogais, gur h-ann an aon-fhillteachd cridhe, ʼs an treibhdhireachd Dhe, cha n-ann an gliocas feolmhor, ach an grasan De, a bha ar comhradh anns an t-saoghal so: agus gu mor nas pailte dha ʼr taobhsa. Oir cha n-eil sinn a sgriobhadh nichean eile gu ʼr n-ionnsuidh, ach na leugh sibh agus a bʼ aithne dhuibh. Agus tha mi an dochas gun aithnich sibh gus a chrioch, Ceart mar dhʼ aithnich sibh sinn am pairt, gur sinne ur gloir, mar is sibhse ar gloir-ne, ann an latha ar Tighearna Iosa Criosta. Us anns an earbsa so bha toil agam tighinn gu ʼr n-ionnsuidh, los gum faigheadh sibh an ath ghras; ʼSa gabhail ur rathaid-sa do Mhacedonia; us tighinn a rithist bho Mhacedonia gu ʼr n-ionnsuidh, gun dian sibh iul dhomh na mʼ thurus do Iudéa. Nuair ma ta bha ʼm; beachd so agam, na chleachd mi luaineachas? No n-ann a reir na feola tha mi cur romham, na tha mi cur romham, air chor ʼs gum bi agam, Se, us Cha n-e? Ach tha Dia firinneach, oir anns an teagasg a thug sinn dhuibhse, cha n-eil Se, agus, Cha n-e. Oir Mac Dhe, Iosa Criosta, a chaidh shearmonachadh ʼnur measg leinne, leamsa, ʼs le Silbhanus, ʼs le Timoti, cha bʼ esan Se, us, Cha n-e, ach annsan bʼe Se. Oir annsan tha gealltanasan uile Dhe ʼnan Se: agus uime sin troimh-san ʼnan Amen do Dhia gus ar gloir-ne. A nis esan a tha ga ʼr neartachadh maille ribhse ann an Criosta, ʼsa dhʼung sinn, se Dia; Agus a sheul sinn cuideachd, ʼsa thug earlas an Spioraid dhuinn ʼnar cridheachan. Ach tha mi gairm Dhe ʼna fhianuis air mʼ anam, gur h-ann gus ur caomhnadh-sa, nach tainig mi tuille do Chorint: cha n-e gum beil sinn a gabhail uachdranachd air ur creideamh, ach gur sinn luchd-cuideachaidh ur sòlais: oir tha sibh steidheil sa chreideamh. Ach shuidhich mi so agam fhein, nach tiginn a rithist gu ʼr n-ionnsuidh am bròn. Oir ma ni mi sibhse brònach, co bheir sòlas dhomh fhein, mur toir esan a rinneadh brònach leam? Agus so fhein sgriobh mi h-ugaibh, air chor ʼs nuair a thig mi, nach bi bròn orm air muin bròin, as an leth-san dha ʼm bu chòir mo dhianamh subhach: ʼs mi earbsach asaibh uile, gum beil mo shòlas-sa ʼna shòlas dhuibh gu leir. Oir le moran arrabain us bristidh-cridhe, ʼs le ioma deur sgriobh mi h-ugaibh, cha n-ann gus ur dianamh dubhach, ach gu fios a bhith agaibh air ro-phailteas na carrantachd a thʼ agam dhaʼr taobh. Agus ma bha h-aon sa bith ʼna aobhar bròin, cha do chuir e bròn ormsa; ach ann an roinn, gus nach cuir mi eallach oirbh uile. Dhasan, a tha ʼna leithid so de dhuine, is leoir an t-achasan so, a thugadh dha le moran: Ionnus air an laimh eile gur e mathanas us furtachd a thoirt dha is ro iomchuidh dhuibh, eagal theagamh gun sluigear sios a leithid de dhuine le tuille ʼsa chòir de mhulad. Air an aobhar so tha mi guidhe oirbh, sibh ur carrantachd a neartachadh ga thaobh. ʼSann air son so cuideachd a sgriobh mi, los diachuinn a chur oirbh, a dhʼ fhios am beil sibh umhailt anns a h-uile ni. Agus an neach dha ʼn do mhath sibh ni air bith, mhath mise cuideachd: oir an ni a mhath mi, ma mhath mi ni air bith, ʼsann air ur sonsa a rinn mi e am pearsa Chriosta, Los nach meall satan sinn: oir cha n-eil sinn aineolach air a chuilbheartan. Agus nuair thainig mi gu Troas air son soisgeul Chriosta, ʼsa dhʼ fhosgladh dorus domh anns an Tighearna, Cha robh fois aig mo spiorad, a chionn nach dʼ fhuair mi Titus mo bhrathair: ach a gabhail slan leo, ghabh mi air mʼ adhart do Mhacedonia. Ach taing do Dhia, a tha daonnan a toirt buaidh dhuinn ann an Iosa Criosta, ʼsa fiachuinn cubhraidheachd ʼeolais anns gach àite leinne: Oir is deagh fhàile Chriosta sinn do Dhia, unntasan a shabhailear, agus unntasan a theid a dhith: Do ʼn darna cuid gu dearbh fàileadh a bhàis gu bàs, ach do ʼn chuid eile fàileadh na beatha gu beatha. Agus h-uige so co cho freagrach? Oir cha n-eil sinn, mar tha moran, a truailleadh facal De: ach le treibhdhireas, ach mar bho Dhia, an lathair Dhe tha sinn a labhairt ann an Criosta. Am beil sinn a tòiseachadh a rithist air sinn fhein a mholadh? no bheil feum againn (mar a thʼ aig cuid) air litrichean molaidh h-ugaibh no bhuaibh? Is sibhse an litir againne sgriobhte ʼnar cridheachan, a dhʼ aithnichear ʼsa leughar le daoine gu leir: ʼS gur ni soilleir, gur sibh litir Chriosta air a frithealadh leinne, ʼs air a sgriobhadh cha n-ann le dubh, ach le Spiorad an De bheo: cha n-ann air clar cloiche, ach air clar feolmhor a chridhe. Agus tha leithid so de earbsa againn tromh Chriosta ann an Dia: Cha n-e gum foghainn sinn gu ni sam bith a smaoineachadh bhuainn fhein, mar bhuainn fhein: ach tha ar foghnadh bho Dhia; A rinn sinn cuideachd ʼnar luchd-frithealaidh iomchuidh an tiomnaidh nuaidh, cha n-ann san litir, ach san Spiorad: oir marbhaidh an litir, ach bheir an Spiorad beatha. A nis ma bha frithealadh a bhàis, dealbhte le litrichean air clachan, glormhor; ann an rathad ʼs nach bʼ urrainn clann Israil sealltuinn air gnuis Mhaois le gloir ʼaghaidh a tha air teireachduinn: Ciamar nach mua na sin a bhios frithealadh an Spioraid glormhor? Oir ma bha frithealadh an ditidh glormhor, is mua na sin gu mor a bhios frithealadh a cheartais glormhor. Oir sin fhein a bha glormhor anns a chàs so, cha do ghloraicheadh e, an coimeas ris a ghloir bharraichte. Oir ma bha an ni a theirig glormhor, is fhada nas mua na sin gloir an ni, a tha gu mairsinn. Tha sinn ma ta, agus a leithid so de dhochas againn, a cleachdadh moran danadais: ʼS cha n-ionann us Maois a chuir sgailein air ʼaodann, gus nach sealladh clann Israil gu giar air aghaidh an ni tha air teireachduinn; Ach mhaolaicheadh an ceudan. Oir gus an latha an diugh fhein an àm leughadh an t-seann tiomnaidh, tha an sgailein ciadna fantuinn gun a thoirt air falbh (a chionn thig crioch air ann an Criosta): Ach, gus an latha an diugh fhein, nuair a leughar Maois, thà an sgailein air an cridhe. Ach, nuair a thionndaidhear iad ris an Tighearna, bheirear air falbh an sgailein. A nis is spiorad an Tighearna; agus far a bheil Spiorad an Tighearna, an sin tha saorsuinn. Ach sinne uile a g-amharc air gloir an Tighearna le aghaidh nochdte, tha sinn air ar n-atharrachadh gus an iomhaigh chiadna bho ghloir gu gloir, mar le Spiorad an Tighearna. Uime sin leis an fhrithealadh so a bhith againn a reir ʼs mar fhuair sinn trocair, cha n-eil sinn a fannachadh, Ach tha sinn leigeil dhinn nichean falaichte na mi-chiatachd, us cha n-eil sinn a g-imeachd am foill, no a truailleadh facal De, ach le cur na firinn an ceill ga ʼr moladh fhein do chogais a h-uile duine an lathair Dhe. Ach ma tha ar soisgeul-ne am falach, ʼsann orra-san, a tha dol a dhith, a tha e am falach: Anns an do dhall dia an t-saoghail so inntinnean nam mi-chreideach, gus nach dearrsadh orra solus soisgeil gloir Chriosta, agus is esan iomhaigh Dhe. Oir cha sinn fhein a tha sinn a searmonachadh, ach Iosa Criosta ar Tighearna; agus gur sinn ur seirbhisich-sa tromh Iosa. Oir Dia, a dhʼ orduich do ʼn t-solus soillseachadh as an dorchadas, dhealraich e ʼnar cridheachan, a thoirt solus eolais gloir Dhe, ann an aodann Iosa Criosta. Ach tha an ulaidh so againn ann an saghaichean creadha, gus an oirdheirceas a bhith bho chumhachd Dhe, ʼs cha n-ann bhuainne. Anns a h-uile ni tha sinn a fulang trioblaide, ach cha n-eil sinn an imcheist; tha sinn air ar teannachadh, ach cha n-eil sinn gun fhuasgladh; Tha sinn a fulang geur-leanmhuinn, ach cha n-eil sinn air ar treigsinn; tha sinn air ar tilgeadh sios, ach cha bhàs duinn: A sior-ghiulan mun cuairt ʼnar coluinn bàsachadh Iosa, gu beatha Iosa cuideachd a dhianamh follaiseach ʼnar coluinnean. Oir tha sinne a tha beo air ar liubhairt seachad an comhnuidh gu bàs air son Iosa; gu beatha Iosa fhiachuinn gu soilleir mar an ciadna ʼnar feoil bhasmhoir-ne. Mar sin tha am bàs a g-oibreachadh unnainne, ach a bheatha unnaibhse. Ach air do ʼn spiorad chiadna creidimh a bhith againn, mar tha e sgriobhte: Chreid mi, as leth sin labhair mi: tha sinne cuideachd a creidsinn, as leth sin tha sinn a labhairt: Le fios gun tog esan, a thog Iosa, sinne cuideachd maille ri Iosa, ʼs gun suidhich e sinn cuide ribhse. Oir tha h-uile ni air ur sonsa: los pailteas nan gras, le breth-buidheachais morain, a chinntinn pailt gu gloir Dhe. Air an aobhar sin cha n-eil sinn a failneachadh: oir ged a tha ar fear an leth-a-mach air a thruailleadh; dhʼ àindeoin sin tha fear an leth-a-stigh air ùrachadh bho latha gu latha. Oir tha sin, a tha dhuinn an drasda ʼna thrioblaid dhiomain agus aotruim, a dianamh suas unnainn cudthruim shiorruidh de ghloir, a tha fada mor thar tomhas, Unnainn nach eil a coimhead air na nichean a chithear, ach air na nichean nach fhaicear. Oir tha na nichean a chithear aimsireil: ach tha na nichean nach fhaicear siorruidh. Oir tha fios againn ma leagar tigh talmhaidh ar tuinidh an so, gum beil aitreabh againn bho Dhia, tigh siorruidh air neamh, nach dʼ rinneadh le lamhan. Oir ann an so tha sinn a g-osnaich, an geall air a bhith air ar n-eideadh leis an tigh a tha bho neamh: Ma se ʼs gum faighear sinn sgeadaichte, ʼs cha n-ann ruisgte. Oir tha sinne, a tha sa phaillinn so, a g-osnaich fo shac: a chionn nach math leinn a bhith air ar rusgadh, ach air ar n-eideadh air uachdar, gu sin a tha bàsmhor a bhith air a shlugadh suas leis a bheatha. A nis esan, a tha ga ʼr dianamh reidh air son so, se Dia e, a thug dhuinn earlas an Spioraid. Uime sin tha sinn daonnan misneachail, a tuigsinn gum beil sinn an cein bho ʼn Tighearna fhad ʼsa tha sinn sa choluinn so: (Oir tha sinn a triall tromh chreideamh, ʼs cha n-ann tromh shealladh soilleir) Ach tha sinn am misnich, agus tha deagh thoil againn a bhith air fogradh bho ʼn choluinn, ʼsa bhith lathair maille ris an Tighearna. Uime sin tha sinn a stri, co-dhiu ʼsann san lathair no as an lathair, ri thoileachadh. Oir feumar ar foillseachadh uile air bialaobh cathair-bhreitheanais Chriosta, gus am faigh a h-uile h-aon na tha dligheach do ʼn choluinn, a reir ʼs mar a rinn e, biodh e math no olc. A g-aithneachadh ma ta eagal an Tighearna, tha sinn a brosnachadh dhaoine; ach is follaiseach do Dhia sinn. Seadh, agus tha mi an dochas gum beil sinn follaiseach do na cogaisean agaibhse. Cha n-ann ga ʼr moladh fhein dhuibh a rithist a tha sinn, ach gu aobhar uaill a thoirt duibh as ar leth; gu freagairt a bhith agaibh do ʼn fheadhainn a tha gabhail uaill anns an aodann, ʼs cha n-ann sa chridhe. Oir ma tha sinn dol thar ar beachd, ʼsann do Dhia: no ma tha sinn stuama, ʼsann dhuibhse. Chionn tha carrantachd Chriosta ga ʼr cur h-uige: a measadh so, ma fhuair a h-aon bàs air son dhaoine uile, a reir sin bha iad uile marbh; Agus fhuair Criosta bàs air son dhaoine uile; gus nach biodh iadsan, a tha beo, nas fhaide beo dhaibh fhein, ach dhasan a bhàsaich air an son, ʼsa dhʼ eirich a rithist. Uime sin á so suas cha n-aithne dhuinn duine a reir na feola. Agus ged a bʼ aithne dhuinn Criosta a reir na feola, a nis cha n-aithne dhuinn e mar sin nas fhaide. Ma tha h-aon air bith ma ta ann an Criosta, is creutair ùr e, dhʼ fhalbh na seann nichean: seall, rinneadh a h-uile ni ùr. Ach tha h-uile ni bho Dhia, a reitich ris fhein sinn tromh Chriosta; ʼsa thug riarachadh na reite dhuinn. Oir bha Dia gu deimhinn ann an Criosta a reiteachadh an t-saoghail ris fhein, gun bhith cur an ciontan as an leth; agus bhuilich e oirnne facal na reite. Air son Chriosta ma ta tha sinn ʼnar teachdairean, Dia mar gum bʼ eadh a comhairleachadh tromhainn. An ainm Chriosta ma ta tha sinn a guidhe oirbh, dianaibh reite ri Dia. Oir rinn e esan, do nach bʼ aithne peacadh, ʼna pheacadh air ar son-ne, los gun dianteadh sinne ʼnar ceartas De annsan. Mar luchd-cuideachaidh ma ta tha sinn gu ʼr brosnachadh, nach gla sibh grasan De gu diomhain. Oir tha e g-radh: Ann an àm taitneach dhʼeisd mi riut, agus ann an latha an t-sabhalaidh chuidich mi thu. Seall a nis an t-àm taitneach, seall a nis latha an t-sabhalaidh. Gun a bhith toirt aobhar sgainneil do neach air bith, gus nach faighear coire dha ʼr frithealadh: Ach anns a h-uile ni fiachamaid sinn fhein mar luchd-frithealaidh Dhe, ann am mor fhaighidin, an trioblaidean, an uireasuidh, an airc, An sgiursaidhean, am priosanan, am buaireasan, an saothair, am faire, an traisg, Ann an geamnachd, an eolas, am fad-fhulangas, an caoimhneas, anns an Spiorad Naomh, an carrantachd gun fhoill, Ann am facal na firinne, an cumhachd Dhe: le airm a cheartais air an laimh dheis agus chli, Tromh onair agus as-onair, tromh dhroch iomradh agus dheagh iomradh; mar mhealltairean, ach firinneach; mar neo-aithnichte, ach aithnichte; Mar a dol bàs, ach, seall, tha sinn beo; air ar smachdachadh, ach gun ar marbhadh; Mar fo bhròn, ach daonnan aighearach; mar ann an uireasuidh, ach a dianamh moran beairteach: mar gun aiteal againn, ach a sealbhachadh a h-uile ni. Tha ar bial fosgailte dhuibh, O mhuinntir Chorint, tha ar cridhe air fàs farsuinn. Cha n-eil sibh air ur teannachadh unnainne: ach tha sibh air ur teannachadh ʼnur n-innibh fhein. Ach bhon is ionann duais dhuinn (tha mi labhairt mar ri mo chloinn): Fasaibhse cuideachd farsuinn. Na giulainibh a chuing marris na mi-chreidich. Oir ciod an companas a thʼ aig ceartas ri eucoir? ciod an comunn a thʼ aig solus ri dorchadas? Agus ciod an cordadh eadar Criosta us Belial? no ciod a chuid a thʼ aig creideach ri mi-chreideach? Agus ciod an t-aontachadh eadar teampull De agus iodholan? Oir is sibhse teampull an De bheo, mar tha Dia g-radh: Gabhaidh mi comhnuidh unnta, us imichidh mi ʼnam measg, agus bithidh mise na mʼ Dhia dhaibh, agus bithidh iadsan ʼnam pobull dhomhsa. Air an aobhar so falbhaibh a mach as am miadhon, agus dealaichibh riu, os an Tighearna, agus na beanaibh do ʼn ni shalach: Agus gabhaidh mise sibh; us bithdh mi na mʼ Athair dhuibh, agus bithidh sibhse ʼnur mic, ʼs ʼnur nigheanan dhomhsa, os an Tighearna uile-chumhachdach. Bhon a tha na gealltanasan so againn ma ta, a chuideachda mo ghraidh, glanamaid sinn fhein bho ʼn h-uile sailche feola agus spioraid, a coimhlionadh naomhachd ann an eagal De. Gabhaibh ruinne. Cha do dhochainn sinn duine air bith, cha do thruaill sinn duine air bith, cha do mheall sinn duine air bith. Cha n-ann gus ur diteadh a tha mi cantuinn so. Oir thuirt sinn a cheana, gum beil sibh ʼnar cridheachan, gu bàsachadh comhla, no gu bhith beo comhla. Is mor mʼ earbsa asaibh, is mor mʼ uaill asaibh, tha mi air mo lionadh le sòlas, tha mʼ aoibhneas ʼnar n-uile thrioblaid pailt thar tomhas. Oir nuair thainig sinn gu Macedonia, cha robh fois aig ar feoil, ach dhʼ fhuilig sinn a h-uile trioblaid: cath air an leth-a-mach, eagal air an leth-a-stigh. Ach Dia, a tha furtachadh orrasan a tha iriosal, dhʼ fhurtaich e oirnn le tighinn Thituis. ʼS cha n-ann le thighinn a mhain, ach leis an toil-inntinn cuideachd leis na thoilicheadh e unnaibhse, a g-innse dhuinn ur deidh, ur bròin, ur n-eud as mo lethse, ann an rathad ʼs gun robh mo shòlas na bu mhua. Oir ged a rinn mi brònach sibh le mo litir, cha n-eil aithreachas orm a nis: ged bha aithreachas orm, ʼs mi faicinn gun do chuir an litir sin mulad (ged bu tacan e) oirbh, A nis tha aoibhneas orm: cha n-ann gun dʼ rinneadh muladach sibh, ach gun dʼ rinneadh muladach sibh gu aithreachas. Oir rinneadh muladach sibh a reir Dhe, air sheol ʼs nach fuilig sibh dochann bhuainne ann an ni air bith. Oir cinnidh an cianalas, a tha a reir Dhe, gu aithreachas steidheil gu sabhaladh: ach cinnidh cianalas an t-saoghail gu bàs. Oir, seall, a cheart ni so a rinn muladach sibh a reir Dhe, nach mor an curam tha e g-oibreachadh unnaibh, seadh agus dion, agus doimheadas, agus fiamh, agus déidh, agus eud, agus aicheamhail: anns a h-uile ni dhʼ fhiach sibh sibh fhein neo-thruaillidh sa chuis. Uime sin ged a sgriobh mi h-ugaibh, cha n-ann air a shonsan a rinn an t-olc, no air a shonsan a dhʼ fhuilig e, ach a dhʼ fhiachuinn a churaim a thʼ againn dhibh. An lathair Dhe: mar sin fhuair sinn furtachd. Ach ʼn ar toil-inntinn, ghabh sinn an ro-bharrachd sòlais á aighear Thituis, a chionn gun robh a spiorad-san air fhurtachadh leibhse uile. Agus ma rinn mi uaill sam bith asaibh ris-san, cha nàire dhomh e: ach mar a labhair sinn a h-uile ni ribh ann am firinn, rinneadh mac an ciadna ʼna firinn ar n-uaill asaibh do Thitus. Agus tha innibh-san nas ro phailt dhuibhse, ʼs e cuimhneachadh ur n-umhlachd gu leir, ʼs mar a ghabh sibh ris le fiamh agus le ball-chrith. Tha mi gabhail toileachaidh gum beil earbsa agam asaibh anns a h-uile ni. Tha sinn a nis, a bhraithrean, a toirt fios dhuibh air grasan De, a thugadh seachad ann an eaglaisean Mhacedonia: Se sin, gun robh an aoibhneas pailt ann am mor dhiachuinn na trioblaide, ʼs gun robh an trom bhochduinn pailt gu beartas an aon-fhillteachd aca: Oir a reir an comais (tha mi toirt teisteanais dhaibh), us fos cionn an comais, bha iad deonach, A griosad oirnn le cruaidh achanaich an tiodhlaicean a ghabhail, agus roinn a bhith aca dhe ʼn fhrithealadh a thathas a dianamh do na naoimh. Agus cha n-ann mar bha duil againn, ach thug iad iad fhein an toiseach do ʼn Tighearna, an sin dhuinne le toil De, Ann an rathad ʼs gun dʼ iarr sinn air Titus, bhon is e a thòisich, gun criochnaicheadh e an tobhartas so ʼnur measg. Agus mar a tha sibh lan-phailt anns a h-uile ni, an creideamh, ʼs am facal, ʼs an eolas, agus anns a h-uile curam, ʼsa bharrachd air so ʼnur carrantachd dhuinne, mar sin gum bi sibh lan-phailt anns an tobhartas so cuideachd. Cha n-eil mi g-radh so mar a toirt orduigh: ach le deothas feadhnach eile a brosnachadh deagh thogradh ur carrantachd. Oir is aithne dhuibh grasan ar Tighearna Iosa Criosta, ged a bha e beairteach, gun dʼ fhas e bochd air ur sonsa, gus sibhse a bhith beairteach tromh bhochdainn-san. Agus air so tha mi toirt mo chomhairle: oir tha so gu buannachd dhuibhse, a thòisich cha n-e mhain air dianamh, ach air a bhith deonach cuideachd bho chionn bliadhna. A nis ma ta coimhlionaibh e ann an gniomh; air chor ʼs mar a tha ur n-inntinn dìan ann an togradh, gum bi i sin cuideachd ann an dianadas a reir ʼs mar a thʼ agaibh. Oir ma tha an toil adhartach, bithidh i taitneach a reir na thʼ aice, ʼs cha n-ann a reir an ni nach eil aice. Oir cha n-ann gu aotromachadh air feadhainn eile, agus lethtrom a chur oirbhse: ach a reir a cheile. San àm so dianadh am pailteas agaibhse suas an t-uireasuidh acasan, los gun dian am pailteas acasan suas an t-uireasuidh agaibhse, gus sibh a bhith a reir a cheile, mar tha e sgriobhte: Esan aig an robh moran, cha robh barrachd aige; us esan aig an robh beagan, cha robh gainne air. Ach taing do Dhia, a chuir an curam ciadna as ur lethse an cridhe Thituis, Oir ghabh e gu dearbh a chomhairle: ach le bhith na bu churamaiche chaidh e h-ugaibh le thoil fhein. Chuir sinn comhla ris cuideachd am brathair, a tha cliuiteach anns an t-soisgeul feadh nan eaglaisean gu leir: Us cha so uile, ach dhʼ orduicheadh e leis na h-eaglaisean ʼna chompanach ar turuis air son a mhathais so, a tha air a riarachadh leinne gu gloir an Tighearna, ʼs gus ar beachd suidhichte-ne: A seachnadh so, gus nach faigheadh duine air bith coire dhuinn as leth a phailteis, a tha air a riarachadh leinn. Oir tha sinn a beachdachadh roimh laimh air na tha math, cha n-ann a mhain an lathair Dhe, ach an lathair dhaoine cuideachd. Us chuir sinn cuide riu ar brathair, a dhearbh sinn gu tric a bhith dichiollach ann am moran nichean: ach a nis nas dichiollaiche air fad le a mhor earbsa asaibhse, Co-dhiu ʼsann as leth Thituis, a tha ʼna chompanach agamsa agus ʼna fhear-cuideachaidh gu ʼr taobhsa, no as leth ar braithrean, ostail nan eaglaisean, gloir Chriosta. Uime sin thugaibh lan-dhearbhadh air ur carrantachd, ʼs air an uaill againne asaibh, dhaibhse an lathair nan eaglaisean. Oir a thaobh an riarachaidh, a thathas a dianamh do na naoimh, is tur diomhain dhomhsa sgriobhadh gu ʼt n-ionnsuidh. Oir is aithne dhomh ur n-inntinn thograch; as leth a bheil mi gabhail uaill asaibh an lathair muinntir Mhacedonia. Gun robh Achaia deas an uiridh, agus gun do bhrosnuich ur n-eudsa moran. Ach chuir mi na braithrean, gus nach bi na tha sinn a cur bosd asainn mu ʼr deidhinn gun dianamh sa chàs so, ach (mar a thuirt mi) gum bi sibh deas: Air eagal, air do na Macedonaich us mise ruigheachd, ʼs ur faighinn neo-uidheamaichte, gum bi sinne (gun tighinn oirbhse) air ar narachadh sa ghnothach so. Uime sin mheas mi riatanach iarraidh air na braithrean dol h-ugaibh roimh laimh, ʼs am beannachd so, a ghealladh a cheana, a dhianamh deas mar bheannachd, ʼs cha n-ann le an-toil. Ach tha mi g-radh so: Gum bi esan, a tha gann sa chur, gann cuideachd sa bhuain; agus esan a chuireas am beannachdan, buainidh e ann am beannachdan mar an ciadna. Gach neach mar a shuidhich e ʼna chridhe fhein, cha n-ann le duilichinn, no air eiginn: Oir is toigh le Dia fear-buileachaidh suilbhir. Oir tha Dia comasach air a h-uile gras a bhuileachadh gu mor-phailt oirbh; air chor ʼs, le lan-fhoghnadh a bhith daonnan agaibh anns a h-uile ni, gum bi sibhse lan-phailt anns gach deagh ghniomh, Mar tha e sgriobhte: Sgap e, thug e do na bochdan: mairidh a cheartas gu linn nan linn. Us esan a tha buileachadh an t-sìl air an fhear-chuir, bheir e cuideachd aran gus ithe, agus leasaichidh e ur siol, agus miadaichidh e fàs us toradh ur ceartais: Los, air dhuibh bhith saibhir anns a h-uile ni, gun cinnich sibh gu mor anns a h-uile aon-fhillteachd, a tha cur an ceill tromhainn taingealachd clo Dhia. A thaobh gum beil riarachadh an driachd so, cha n-e mhain a fuasgladh air uireasuidh nan naomh, ach tha e lan phailt cuideachd ann an ioma buidheachas do ʼn Tighearna, A toirt, mar a dhearbhas an riarachadh so, gloire do Dhia ann an umhlachd ur n-aideachaidh do shoisgeul Chriosta, agus ann an aon-fhillteachd ur co-phairteachaidh riusan, agus ri daoine uile, Agus ʼnan urnaighean air ur son, ʼs iad an deidh oirbh as leth grasan sonraichte Dhe unnaibh. Buidheachas do Dhia air son na gibhte do-labhairt so. A nis tha mise fhein Pol a guidhe oirbh á uchd ciuineachd us stuamachd Chriosta, mise a tha san lathair diblidh ʼnur measg, ach as an lathair dana oirbh. Ach tha mi guidhe oirbh, gus nach fheum mi bhith dana san lathair leis a mhisnich sin, leis a bheileas gam shaoilsinn dana an aghaidh cuid de dhʼ fheadhainn, a tha coimhead oirnn mar gum bithemid a g-imeachd a reir na feola. Oir ged tha sinn a g-imeachd san fheoil, cha n-eil sinn a cogadh a reir na feola. Oir cha n-eil airm ar cogaidh feolmhor, ach cumhachdach fo Dhia gu leagadh dhaingnichean, a cur as do chomhairlean, ʼS do ʼn h-uile airde, a thogas e fhein suas an aghaidh eolas De, ʼsa toirt fo chuing a h-uile tuigse gu umhlachd do Chriosta, Agus glan-deas gu diughaltas a dhianamh air a h-uile as-umhlachd, nuair a choimhlionar ur n-umhlachd-sa. Faicibh na nichean a tha air reir coltais. Ma tha duine air bith a g-earbsa as fhein, gur le Criosta e, smaoinicheadh e air so ann fhein a rithist, ceart mar is le Criosta esan, gur leis sinne cuideachd. Agus, ged a ghabhainn roinn de bharrachd uaill as ar cumhachd, a thug an Tighearna dhuinn gu ʼr leas ʼs cha n-ann gu ʼr n-aimhleas, cha bu nàire leam. Ach gus nach saoilear gum beil mi, mar gum bʼ e, a cur eagail oirbh le litrichean: Oir tha a litrichean gu dearbh cudthromach agus laidir, their iad: ach tha a lathaireachd chorporra anfhann, agus a labhairt gun diù: Am fear a tha sa bharail so tuigeadh e so, gum bi sinn san lathair ann an gniomh, mar tha sinn as an lathair ann am facal le litrichean. Oir cha n-eil a dhanadas againn sinn fhein a choimeas no shamhlachadh ri cuid a dhʼ fheadhainn, a tha gam moladh fhein: ach tha sinn ga ʼr tomhas fhein ruinn fhein, ʼs ga ʼr samhlachadh fhein ruinn fhein. Ach cha dian sinn uaill fos cionn tomhais, ach a reir tomhas na riaghailte, leis na thomhais Dia dhuinn, tomhas cuideachd leis an ruigear sibhse. Oir cha n-eil sinn ga ʼr sineadh fhein fos cionn ar tomhais, mar nach bitheadh sinn gu ʼr ruighinn-sa: oir rainig sinn sibhse le soisgeul Chriosta: Gun a bhith gabhail uaille thar tomhas á dianadas feadhnach eile: ach ann an earbsa, le leasachadh ur creidimhse, a bhith a reir ar riaghailt air ar n-ardachadh gu pailt unnaibh, Seadh gus an soisgeul a shearmonachadh sna h-aiteachan a tha seachad oirbh, cha n-ann a dhianamh uaille á riaghailt fir eile anns na nichean a rinneadh deas dha ʼr laimh. Ach esan a tha dianamh uaille, dianadh e uaill anns an Tighearna. Oir cha n-e am fear, a tha ga mholadh fhein, a tha taitneach, ach esan a tha Dia moladh. Gun tugadh Dia dhuibh cur suas ri neoni bheag dhe mʼ aimideachd, ach giulanaibh leam: Oir tha mi eudmhor umaibh le eud Dhe. Oir chuir mi ceangal-posaidh oirbh ri aon fhear, gus ur tairgse mar oigh fhior-ghlain do Chriosta. Ach tha eagal orm, ceart mar a mheall an nathair Eubha le a ceilg, gun truaillear ur n-inntinn-sa, agus gun tuit sibh bho ʼn aon-fhillteachd a thʼ ann an Criosta. Oir ma shearmonaicheas am fear a thig Criosta eile, nach do shearmonaich sinne, no ma gheobh sibh spiorad eile nach dʼ fhuair sibh, no soisgeul eile nach do ghlac sibh, is ceart gum fuiligeadh sibh e. Ach tha mi ʼm barail nach dʼ rinn mi a bheag nas lugha na na h-ostail mhora. Oir ged a tha mi mi-dheiseil ann an cainnt, cha n-eil mi sin ann an eolas: ach anns a h-uile ni rinneadh sinn follaiseach dhuibhse. No an dʼ rinn mi coire, gam isleachadh fhein, gu sibhse ardachadh? chionn gun do theagaisg mi soisgeul De dhuibh a nasgaidh? Chreach mi eaglaisean eile, a gabhail duaise bhuapa gu frithealadh dhuibhse. ʼS nuair a bha mi ʼnur measgsa, ʼs mi an uireasuidh, cha robh mi na mʼ eallach air duine: oir rinn na braithrean, a thainig bho Mhacedonia suas na bha a dhith orm, us anns gach ni ghleidh mi mi fhein bho bhith na mʼ chudthrom oirbh, agus gleidhidh. Mar tha firinn Chriosta unnam, cha bhacar an uaill so leamsa ann an duchannan Achaia. Car-son? An e nach toigh leam sibh? Tha fios aig Dia. Ach na tha mi dianamh, ni mi, gu fàth na feadhnach a tha g-iarraidh cion-fàth a chasgadh, los gum faighear iad, anns an ni as a bheil iad a dianamh uaille, coltach ruinne. Oir tha ʼn leithidean sin de dhʼ ostail-bhreige ʼnan luchd-oibre cealgach, a gabhail orra fhein riochd ostail Chriosta. Agus cha n-ioghnadh: ʼs gum beil satan ga chur fhein an riochd aingeal soluis. Uime sin cha mhor e, gun gabh a sheirbhisich orra coltas luchd-frithealaidh a cheartais: ach bithidh an crioch a reir an oibrichean. Theiream a rithist (na saoileadh aon sa bith mi bhith aimideach, air-neo gabhaibh rium mar aimideach, los gun dian mise cuideachd beagan uaille): Na tha mi labhairt, cha n-eil mi ga labhairt a reir Dhe, ach mar gum bʼ eadh ann an aimideachd, a thaobh cuis na h-uaille so. Chionn tha moran dianamh uaille a reir na feola, ni agus mise cuideachd. Oir fuiligidh sibh amadain gu deonach, le sibh fhein a bhith glic. Oir giulainidh sibh ma bheir neach am braighdeanas sibh, ma dhʼ ichear suas sibh, ma ghabhar ur cuid, ma dhʼ ardaichear neach, ma bheir neach buille dhuibh san aodann. Tha mi labhairt a reir as-onair, mar gum bithemid lag sa chàs so. Far a bheil aon sa bith dana (tha mi labhairt gu h-amaideach) tha mise dana cuideachd: Is Eabhraich iad, is amhuil mise; às Isralaich iad, is amhuil mise; ʼsann de shliochd Abrahaim iad, is amhuil sin mise; Is luchd-frithealaidh Chriosta iad, (tha mi labhairt mar dhuine air bheag ceille) is mua na sin mise: ann am moran shaothraichean, nas tric am priosanan, an sgiursaidhean fos cionn tomhais, am bàsaibh gu minic. Dhʼ fhuilig mi bho na h-Iudhaich coig uairean dà-fhichead strachd, ach a h-aon. Tri chuairt sgiursadh mi le slatan, aon uair chlachadh mi, tri uairean bhristeadh an long orm, oidhche agus latha bha mi an doimhne na mara, Air turusan gu tric, an cunnartan aibhnichean, an cunnartan mheirleach, an cunnartan bho mo chinneadh fhein, an cunnartan bho na cinnich, an cunnartan sa bhaile, an cunnartan san fhasach, an cunnartan air muir, an cunnartan bho bhraithrean foilleil; An saothair ʼs an trioblaid, am moran faire, an acras ʼs am pathadh, an traisg gu tric, am fuachd ʼs an lomnochd; A bharrachd air na nichean so a tha an leth-mach, mʼ iomaguin lathail, curam nan eaglaisean uile. Co tha lag, gun mise a dhʼ fhas lag? Co tha faotuinn sgainneil, ʼs nach eil mise gam losgadh? Ma ʼs fheudar dhomh uaill a dhianamh; ni mi uaill a thaobh nan nichean a bhuineas dha mʼ laigse. Tha fios aig Dia ʼs aig Athair ar Tighearna Iosa Criosta, a tha beannaichte gu siorruidh, nach eil mi ri briagan. Aig Damascus chuir uachdran cinneadh righ Areta freiceadan air baile muinntir Dhamascuis, gus mo ghlacadh; Agus tromh uinneig leigeadh sios mi leis a bhalla ann an cliabh, ʼs mar sin thàr mi as a lamhan. Ma ʼs fheudar dhomh uaill a dhianamh (cha n-eil sin freagrach gu dearbh), thig mi nis gu seallaidhnean us taisbeanan an Tighearna. Is aithne dhomh duine ann an Criosta bho chionn cheithir bliadhnʼ-diag (co-dhiu ʼsann sa choluinn cha n-aithne dhomh, no as a choluinn cha n-aithne dhomh, aig Dia tha brath) a leithid so de dhuine ghlacadh suas gus an treas neamh. Agus is aithne dhomh a leithid so de dhuine (co-dhiu ʼsann sa choluinn no as a choluinn cha n-aithne dhomh, aig Dia tha brath), Gun do ghlacadh suas do phàrras e; ʼs gun cual e facail dhiomhair nach eil ceadaichte do dhuine innse. As a leithid so ni mi uaill: ach asam fhein cha dian mi uaill idir mur h-ann as mo laigsichean. Oir, ged a bhiodh toil agam uaill a dhianamh, cha bhi mi aimideach: oir their mi an fhirinn: ach tha mi cumail orm, eagal duine mo mheas fos cionn na tha e faicinn unnam, no cluinntinn bhuam. Agus eagal ro-mhiad nan taisbean mo thogail gu ardan, thugadh dhomh bior na mʼ fheoil, aingeal shatain gus mo bheumadh. Air son so ghuidh mi air an Tighearna tri uairean gum falbhadh e bhuam; Us thuirt e rium: Foghnaidh mo ghrasan dhut: oir nithear cumhachd coimhlion ann an laigse. Air an aobhar so ni mi uaill gu toileach na mʼ laigsichean, los cumhachd Chriosta a thamh unnam. As leth sin tha mi gabhail tlachd na mʼ laigsichean, ann an taire, ann an uireasuidh, ann an geur-leanmhuinn, ann an airc air son Chriosta: oir nuair tha mi anfhann, an sin tha mi cumhachdach. Dhʼ fhas mi aimideach, thug sibhse sin orm. Oir thigeadh dhomh a bhith air mo mholadh leibhse: ʼs nach bu lugha idir mi na iadsan, a tha fos cionn tomhais ʼnan ostail, ged is neoni mi: Leis a sin rinneadh comharraidhnean mʼ ostalachd soilleir oirbhse anns gach uile fhaighidin, ann an comharraidhnean, ʼs am miarailtean, agus am mor-fheartan. Oir ciod e a bhʼ agaibh na bu ghainne na na h-eaglaisean eile, mur e nach robh mi fhein na mʼ eallach oirbh? Mathaibh dhomh an cron so. Seall, so an treas uair a tha mi deas gu tighinn gu ʼr n-ionnsuidh; ʼs cha chuir mi truime oirbh. Oir cha n-e ur cuid a tha bhuam, ach sibh fhein. Oir cha n-iad a chlann dha ʼn còir storas a thasgadh dha ʼm parantan, ach na parantan dha ʼn cloinn. Oir le mʼ uile thoil caithidh mise, agus caithear mi air son ur n-anmannan: ged, a toirt barrachd gaoil duibh, bheirear nas lugha gaoil domh. Agus mar sin biodh: cha robh mi trom oirbh: ach le mi bhith seolta, ghlac mi sibh le foill. Na mheall mi sibh le aon dhiusan, a chuir mi gu ʼr n-ionnsuidh? Dhʼ iarr mi air Titus a dhol, agus chuir mi brathair comhla ris. An tug Titus an car asaibh? nach do ghluais sinn san spiorad chiadna? agus sna ceuman ciadna? Roimh so, am beil sibh saoilsinn gum beil sinn a gabhail ar leisgeil ribh? Tha sinn a labhairt an lathair Dhe ann an Criosta: ach, a mhuinntir mo ghraidh, an t-iomlan gu leas duibhse. Oir tha eagal orm, nuair thig mi nach fhaigh mi sibh theagamh mar bu mhath leam; ʼs gum faighear mi leibhse, mar nach bu mhath leibh: eagal ma dhʼ fhaoidte consachadh, farmad, gamhlas, aimhreit, culchainnt, cogarsaich, prois, upraidean a bhith ʼnur measg: A rithist air eagal, nuair a thig mi, gun umhlaich Dia mi ʼnur measg; ʼs gun caoidh mi moran dhiusan, a pheacaich roimh so, ʼs nach dʼ rinn peanas air son na neo-ghloine, ʼs an striopachais, ʼs na druise, a rinn iad. Seall, se so an treas uair a tha mi tighinn gu ʼr n-ionnsuidh. Am bial dithis no triuir fhianuisean seasaidh a h-uile facal. Dhʼ innis mi cheana, ʼs tha mi g-innse roimh laimh, mar a lathair, ach a nis as an lathair, dhaibhse uile a pheacaich roimh, ʼs do chàch uile, nach caomhainn mi, ma thig mi rithist. Am beil dearbhadh bhuaibh air a Chriosta sin, a tha labhairt unnamsa, nach eil anfhann unnaibhse, ach a tha cumhachdach unnaibh? Oir ged a cheusadh e tromh laigse, an deigh sin tha e beo tromh chumhachd Dhe. Oir tha sinne cuideachd lag annsan: ach bithidh sinn beo maille ris tromh chumhachd Dhe unnaibhse. Rannsuichibh sibh fhein, fiach a bheil sibh sa chreideamh: dearbhaibh sibh fhein. An e nach aithne dhuibh sibh fhein, gum beil Iosa Criosta unnaibh? mur do chuireadh theagamh air chul sibh. Ach tha duil agam gum bi fios agaibh nach do chuireadh air chul sinne. A nis tha sinn a guidhe air Dia gun sibh ni air olc a dhianamh, cha n-ann gus sinn fhein fhiachuinn dearbhte, ach gus sibhse na tha math a dhianamh: agus gum bi sinne mar air ar cur air chul. Oir cha n-urrainn duinn ni a dhianamh an aghaidh na firinn, ach air son na firinn, Oir tha sinn a gabhail toil-inntinn a chionn gum beil sinne lag, agus sibhse laidir. So cuideachd tha sinn a guidhe, sibhse a bhith coimhlionta. Uime sin tha mi a sgriobhadh nan nichean so as an lathair, air chor ʼs nach bi mi san lathair mua ʼs cruaidh, a reir na cumhachd, a thug an Tighearna dhomh, gu leas, ʼs cha n-ann gu aimhleas. Mar cheann sguir, a bhraithrean, bithibh aoibhneach, bithibh coimhlion, gabhaibh comhairle, bithibh a dhʼ aon inntinn, bitheadh sith agaibh; agus bithidh Dia na sith agus a ghraidh maille ribh. Cuiribh fàilt air a cheile le poig naoimh. Tha na naoimh uile a cur bheannachd h-ugaibh. Gun robh grasan ar Tighearna Iosa Criosta, agus carrantachd Dhe, agus co-chomunn an Spioraid Naoimh maille ribh uile. Amen. Pol ʼna ostal, cha n-ann bho dhaoine, ʼs cha mhua tromh dhuine, ach tromh Iosa Criosta, ʼs tromh Dhia an t-Athair, a thog bho na mairbh e, Agus na braithrean uile, a tha maille rium, gu eaglaisean Ghalatia. Grasan gun robh dhuibhse agus sith bho Dhia an t-Athair, ʼs bho ar Tighearna Iosa Criosta, A thug e fhein seachad air son ar peacannan, gus ar saoradh bho ʼn droch shaoghal a tha lathair, a reir toil De agus ar n-Athar, Dha bheil gloir fad shaoghal nan saoghal. Amen. Is iongantach leam gum beil sibh air ur n-iomain mar so cho grad bhuaithe-san, a ghairm sibh gu grasan Chriosta, gu soisgeul eile: Nach eil ʼna shoisgeul eile, ach gu bheil feadhainn ann, a tha gu ʼr cur troimh cheile, agus leis an aill soisgeul Chriosta fhiaradh. Ach ged a theagaisgeadh sinne, no aingeal bho fhlathanas, soisgeul eile, ach an soisgeul a theagaisg sinn dhuibh, biodh e ʼna anathema. Ceart mar a thuirt sinn roimh, tha mi nis ga chantuinn a rithist: Ma theagaisgeas duine air bith dhuibh soisgeul, ach sin ris na ghabh sibh, biodh e ʼna anathema. Oir an ann air daoine a tha mi nis a toirt chomhairle, no air Dia? No bheil mi sireadh daoine a thoileachadh? Nam bʼ e toil dhaoine bhithinn fhathast a dianamh, cha bu sheirbhiseach Chriosta mi. Oir tha mi cur air shuilean dhuibh, a bhraithrean, nach eil an soisgeul, a chaidh a theagasg leamsa, a reir duine: Cha mhua bʼ ann bho dhuine a fhuair no dhʼ ionnsuich mi e, ach le taisbeanadh Iosa Criosta. Oir chuala sibh mu mo chaithe-beatha roimh so an creideamh nan Iudhach: mar a bha mi dianamh geur-leanmhuinn thar tomhas air eaglais Dhe, agus ga sgrios, Agus dhʼ fhas mi nas dìana ann an creideamh nan Iudhach na moran dhe mo chomhaoisean na mʼ chinneadh fhein, agus nas ro-eudmhoir air phailte mu bhial-aithrisean mʼ aithrichean. Ach nuair a dheonaich esan, a dhealaich mi bho bhroinn mo mhathar, ʼsa ghairm mi le ghrasan, A Mhac fhein a shoilleireachadh unnam, los gun teagaisginn e am measg nan cinneach; gun dàil cha do sthriochd mi do dhʼ fheoil ʼs do dhʼ fhuil, Cha mhua chaidh mi do Ierusalem thun nan ostal a bha romham: ach chaidh mi gu Arabia; ʼsa rithist thill mi do Dhamascus: An sin an ceann thri bliadhna chaidh mi do Ierusalem gu Peadar fhaicinn, agus dhʼ fhuirich mi maille ris coig latha-diag: ʼS cha n-fhaca mi aon eile de na h-ostail, saor bho Sheumas brathair an Tighearna. A nis a thaobh nan nichean a tha mi sgriobhadh h-ugaibh, seall, an lathair Dhe, cha n-eil mi dianamh breige. An deigh sin thainig mi gu criochan Shiria agus Chilicia. Agus cha bʼ aithne do eaglaisean Iudéa, a bha ann an Criosta, mi ri mʼ fhaicinn: Ach a mhain bha iad air cluinntinn: Gum beil esan, a rinn geur-leanmhuinn oirnn a chianamh, a nis a teagasg a chreidimh, a bha e air uair a sgriosadh; Agus thug iad gloir do Dhia as mo leth. An sin an ceann cheithir bliadhnʼ-diag chaidh mi rithist suas do Ierusalem couihla ri Barnabas, a toirt Thituis cuideachd leam. Agus chaidh mi suas a reir taisbeanaidh: ʼs chuir mi mo chomhairle riu mu ʼn t-soisgeul; a tha mi searmonachadh am measg nan cinneach, ach a lethtaobh riusan air am bu mhua meas: eagal ma dhʼ fhaoidte gun ruithinn, no gun do ruith mi gu diomhain. ʼS cha mhua thugadh air Titus, a bha comhla rium, ʼs e ʼna chinneach, a bhith air a thimchioll-ghearradh: Ach air son bhraithrean meallta, a thugadh a stigh, ʼsa ghoid a stigh fos n-iosal gu beachdachadh air an t-saorsuinn, a thʼ againne ann an Iosa Criosta, fiach an tugadh iad fo dhaorsa sinn: Dha nach do gheill sinn le striochdadh fiu fad uair, gu firinn an t-soisgeil a dhʼ fhantuinn maille ribhse. Ach bhuatha-san, dhe ʼn robhas a saoilsinn rud-eigin (ciod a bha iad uaireigin, cha bhuin e dhomhsa: cha n-eil Dia dianamh leth-bhreth air pearsa duine), cha dʼ fhuair mise, bhuatha-san, dhe ʼn do shaoileadh rudeigin, a bheag air bith. Ach an aite sin nuair a chunnaic iad, gun dʼ earbadh riumsa soisgeul an neo-thimchioll-ghearraidh, ceart mar ri Peadar soisgeul an timchioll-ghearraidh: (Oir esan, a dhʼ oibrich le Peadar ann an ostalachd an timchioll-ghearraidh, dhʼ oibrich e leamsa cuideachd am measg nan cinneach); Agus nuair a thuig iad na grasan a thugadh dhomhsa, thug Seumas us Cephas us Eoin, a bhathas a meas ʼnan cinn-steidh, deas lamh a chomuinn dhomh agus do Bharnabas, gus sinne dhol thun nan cinneach, ach iadsan thun an timchioll-ghearraidh: Ach a mhain sinn a bhith cuimhneach air na bochdan, ni gu dearbh a bha mi fhein ro thitheach air a dhianamh. Ach nuair a thainig Cephas gu Antioch, chuir mi ʼna aghaidh as an aodann: a chionn gun robh e ri choireachadh. Oir mun tainig feadhainn àraidh bho Sheumas, bha e g-iche comhla ris na cinnich: ach an deigh dhaibh-san tighinn, chaidh e leth-taobh, agus dhealaich e riu, e gabhail fiamh rompasan, a bhuineadh do ʼn timchioll-ghearradh. ʼS dhʼ aontaich a chuid eile de na h-Iudhaich dha chlaonadh, cho fad ʼs gun robh Barnabas air a tharruinn leo thun a chlaonaidh chiadna. Ach nuair chunnaic mi nach robh iad a g-imeachd gu treibhdhireach a reir firinn an t-soisgeil, thuirt mi ri Cephas ʼnan lathair uile: Ma tha thusa, ʼs tu na dʼ Iudhach, a tighinn beo a reir caithe-beatha nan cinneach, ʼs cha n-ann mar na h-Iudhaich, car-son a tha thu toirt air na cinnich caithe-beatha nan Iudhach a leantuinn? Tha sinne thaobh naduir ʼnar n-Iudhaich, ʼs cha n-ann de na cinnich ʼnar peacaich. Ach a g-aithneachadh nach eil duine air a naomhachadh le oibrichean an lagha, ach le creideamh Iosa Criosta: tha sinne mar sin a creidsinn ann an Iosa Criosta, los gun naomhaichear sinn le creideamh Chriosta, ʼs cha n-ann le oibrichean an lagha: a chionn nach naomhaichear feoil air bith le oibrichean an lagha. Ach ma gheobhar sinne fhein, a tha sireadh a bhith air ar naomhachadh ann an Criosta, ʼnar peacaich an deigh sin, am beil Criosta le sin ʼna fhear-frithealaidh a pheacaidh? Fad bhuainne sin. Oir ma se ʼs gun tog mi rithist na nichean a leag mi, tha mi dianamh briagadair dhiom fhein. Oir tromh ʼn lagh tha mise marbh do ʼn lagh, gus mi bhith beo do Dhia: maille ri Criosta tha mi air mo thairngeadh ris a chrois. Agus tha mi beo, cha mhi nis; ach tha Criosta beo unnam. Oir gum beil mi nis beo san fheoil, tha mi beo an creideamh Mhic Dhe, a thug gradh dhomh, ʼsa liubhair e fhein seachad air mo shon. Cha n-eil mi tilgeadh bhuam grasan De. Oir ma tha ceartas tromh ʼn lagh, an sin bu dhiomhain bàs Chriosta. O mhuinntir Ghalatia gun chiall, co chuir buidseachd oirbh, nach striochd sibh do ʼn fhirinn, agus Iosa Criosta air fhiachuinn dhuibh mu choinneamh ur sul, air a cheusadh ʼnur measg? Is math leam so a mhain a thuigsinn bhuaibh: An ann bho oibrichean an lagha, no bho eisdeachd a chreidimh a fhuair sibh an Spiorad? Am beil sibh cho gorach, ʼs an deigh tòiseachadh leis an Spiorad, gun criochnaich sibh leis an fheoil? Na dhʼ fhuilig sibh nichean cho mor gu diomhain? ma se ʼs gur h-ann gu diomhain. Am beil esan ma ta, a tha toirt dhuibh an Spioraid, ʼsa dianamh mhiarailtean ʼnur measg, a dianamh so le oibrichean an lagha, no an ann le eisdeachd a chreidimh? Mar tha e sgriobhte: Chreid Abraham Dia, us mheasadh sin da gu ceartas. Tuigibh ma ta gur iadsan, a tha dhe ʼn chreideamh, is clann do dhʼ Abraham. Agus an Sgriobtur a faicinn roimh laimh gun naomhaicheadh Dia na cinnich le creideamh, thug e fios roimh laimh do dhʼ Abraham: Beannaichear na cinnich uile unnadsa. Uime sin bithidh iadsan, a tha dhe ʼn chreideamh, air am beannachadh maille ri Abraham, a chreid. Oir a mhiad ʼsa tha de dhʼ oibrichean an lagha, tha iad fo mhollachd. Oir tha e sgriobhte: Is mollaichte gach aon nach lean ris na nichean sin uile, a tha sgriobhte ann an leabhar an lagha, gus an dianamh. Ach nach naomhaichear an lathair Dhe duine air bith leis an lagh, is cuis shoilleir: a chionn gum beil an duine ceart beo tromh chreideamh. Ach cha n-ann bho chreideamh a tha an lagh, ach: Esan a ni iad sin, bithidh e beo unnta. Shaor Criosta sinn bho mhollachd an lagha le bhith ʼna mhollachd air ar son: oir tha e sgriobhte: Is mollaichte a h-uile h-aon a chrochar air crann: Los gun struthadh beannachd Abrahaim air na cinnich tromh Iosa Criosta, ʼs gum faigh sinne gealladh an Spioraid tromh chreideamh. A bhraithrean (mar dhuine tha mi ga radh), cha chuir aon sa bith tiomnadh daingnichte duine suarach, cha mhua chuireas e ris. Thugadh na gealltanasan do dhʼ Abraham agus dha shiol. Cha n-eil e g-radh: Dha shil, mar do mhoran, ach mar do h-aon: Agus dha dʼ shiol, se sin Criosta. A nis tha mi g-radh so, nach eil an lagh, a rinneadh an ceann ceithir chiad us deich bliadhna fichead, a bristeadh an tiomnaidh tha daingnichte le Dia, gus an gealltanas fhagail gun mhath. Oir ma ʼsann bho ʼn lagh a tha ʼn oighreachd, cha n-eil i a reir sin bho ʼn ghealltanas. Ach thug Dia i do dhʼ Abraham tromh ghealladh. Car-son ma ta an lagh? Thugadh e air son pheacannan gus an tigeadh an siol, dha ʼn tug e an gealladh, air orduchadh le ainglean an laimh eadar-mhiadhonair. A nis cha n-eil eadar-mhiadhonair air son aon: ach is aon Dia. An robh an lagh ma ta an aghaidh geallaidhnean Dhe? Fada bho sin. Oir nan tugteadh lagh seachad a bʼ urrainn beatha thoirt, gu deimhinn ʼsann bho ʼn lagh a bhiodh ceartas. Ach dhruid an Sgriobtur a h-uile ni fo ʼn pheacadh, los gum biodh an gealltanas tromh chreideamh Iosa Criosta air a thoirt do na creidich. Ach mun tainig creideamh, ghleidheadh sinn duinte fo ʼn lagh thun a chreidimh sin, a bha ri thaisbeanadh. Mar sin bʼ e an lagh ar ceann-iuil gu Criosta, los gum bi sinn air ar naomhachadh tromh chreideamh. Ach air tighinn do ʼn chreideamh, cha n-eil sinn nas fhaide fo cheann-iuil. Oir tha sibh uile ʼnur cloinn do Dhia tromh ʼn chreideamh, a tha ann an Iosa Criosta. Oir uibhir ʼsa bhaisteadh dhibh ann an Criosta, chuir sibh Criosta umaibh. Cha n-eil Iudhach no Greigeach: cha n-eil daor no saor: cha n-eil firionn no boirionn ann. Oir tha sibh uile ʼnur n-aon ann an Iosa Criosta. Agus ma ʼs le Criosta sibh, tha sibh le sin de shiol Abrahaim, ʼnur n-oighreachan a reir a ghealltanais. A nis tha mi g-radh: Fhad ʼsa tha an t-oighre ʼna leanabh, is ionann e agus seirbhiseach, ged is tighearna nan uile e; Ach tha e fo mhaighistirean, ʼs fo riaghladairean, gus an t-àm a shonraich ʼathair: Is amhuil sinne, nuair a bha sinn ʼnar cloinn, bha sinn a seirbhiseachadh fo dhùilean an t-saoghail. Ach nuair thainig coimhliontachd na h-aimsire, chuir Dia a Mhac diante bho bhoirionnach, diante fo ʼn lagh, Gus iadsan, a bha fo ʼn lagh, a shaoradh, los sinn a dhʼ fhaighinn uchd-mhacachd cloinne. Agus a chionn gur mic sibh, chuir Dia Spiorad a Mhic ʼnur cridheachan, a g-eigheach: Abba, Athair. Le sin cha sheirbhiseach e a nis, ach mac. Agus ma ʼs mac, is oighre cuideachd tromh Dhia. Ach san àm ud gu dearbh, agus sibh aineolach air Dia, rinn sibh seirbhis dhaibhse, nach eil a thaobh naduir ʼnan diathan. Ach a nis nuair is aithne dhuibh Dia, no nas docha nuair is aithne do Dhia sibh, ciamar a tha sibh a tilleadh a rithist ris na dùilean anfhann agus uireasach, a tha sibh as ùr an geall a sheirbhiseachadh? Tha sibh a cumail laithean, us mhiosan, us amannan, agus bhliadhnaichean. Tha eagal orm asaibh, gun do shaothraich mi ma dhʼ fhaoidte gu diomhain ʼnur measg. Bithibh mar tha mise, a chionn ʼs gum beil mise mar tha sibhse; tha mi guidhe oirbh; a bhraithrean: dolaidh sam bith cha dʼ rinn sibh ormsa. Agus is aithne dhuibh, gum bʼ ann an laigse na feola a shearmonaich mi dhuibh an soisgeul roimh so; agus ur buaireadh-sa na mʼ fheoil. Cha do chuir sibh suarach, ʼs cha do dhiult: ach ghabh sibh rium mar aingeal De, mar Iosa Criosta. Càite nis a bheil ur sonas? Oir tha mi toirt teisteanais oirbh, nan gabhadh e dianamh, gun spionadh sibh a mach ur suilean, ʼs gun tugadh sibh dhomhsa iad. An dʼ fhas mi ma ta na mʼ eas-caraid dhuibh le mi an fhirinn innse duibh? Tha iad eudmhor as ur leth ʼs cha n-ann gu math: ach se ur tearbadh a tha bhuapa, los sibhse bhith eudmhor as an leth fhein. Agus ann an cuis mhath bithibh daonnan eudmhor mu ni math, ʼs cha n-ann a mhain nuair tha mise san lathair ʼnur measg. Mo chlann bheag, air a bheil mi ri saothair a rithist, gus an dealbhar Criosta unnaibh. Ach bu mhath leam a bhith maille ribh sa cheart uair so, agus mo ghuth a chaochladh: a chionn gum beil mi ʼn ioma-chomhairle mu ʼr deidhinn. Innsibh dhomh, sibhse leis an aill a bhith fo ʼn lagh: nach do leugh sibh an lagh? Oir tha e sgriobhte, gun robh dithis mhac aig Abraham: a h-aon bho mhnaoi-mhuinntir, ʼsa h-aon bho mhnaoi-shaoir. Ach rugadh esan, a bha bho ʼn mhnaoi-mhuinntir, a reir na feola: ach esan, a bha bho ʼn mhnaoi-shaoir, tromh ghealladh: Iad so thuirteadh mar shamhla. Oir ʼsiad so an dà thiomnadh. A h-aon gu dearbh air beinn Shina a breith gu trailleachd: si sin Agar: Oir is monadh Sina, ann Arabia, aig a bheil cleamhnas ri Ierusalem, a tha nis ann, ʼsa tha fo dhaorsa le a cloinn. Ach tha ʼn Ierusalem, a tha shuas, saor, agus is ise ar mathair-ne. Oir tha e sgriobhte: Bi aighearach, thusa a tha eatorrach ʼs nach eil a breith; tog do ghuth agus glaodh, thusa nach eil ri saothair-chloinne: oir is Honor clann na té, a tha leatha fhein, fos a cionn-sa aig a bheil fear, A nis, a bhraithrean, is sinne, mar Isaac, clann a ghealltanais. Ach mar a rinn esan, à rugadh a reir na feola, geur-leanmhuinn san àm sin air-san, a bha air reir an spioraid: is amhuil a nis mar an ciadna. Ach ciod a tha ʼn Sgriobtur a g-radh? Tilg a mach a bhean-mhuinntir agus a mac: oir cha bhi mac na mna-muinntir ʼna oighre comhla ri mac na té saoire. Mar sin, a bhraithrean, cha sinne clann na mna-muinntir, ach na té saoire; leis an t-saorsuinn leis na shaor Criosta sitm. Seasaibh daingeann, ʼs na bithibh air ur cumail a rithist fo chuing na sglamhachd. Seall, tha mise Pol a g-innse dhuibh, ma bhios sibh air ur timchioll-ghearradh, nach dian Criosta a bheag de stà dhuibh. Agus tha mi dianamh fianuis a rithist do gach aon a tha ga thimchioll-ghearradh fhein, gum beil e mar fhiachaibh air an lagh uile a chumail. Rinneadh sibhse, a tha air ur naomhachadh anns an lagh, falamh de Chriosta; thuit sibh bho ghrasan. Oir tha sinne san spiorad a feitheamh tromh chreideamh ri dochas a cheartais. Oir ann an Iosa Criosta, cha leasaich timchioll-ghearradh, no neo-thimchioll-ghearradh a bheag, ach creideamh a dhʼ oibricheas tromh charrantachd. Ruith sibh gu math: co bhac sibh bho sthriochdadh do ʼn fhirinn? Cha n-eil a chomhairle so bhuaithe-san, a tha gu ʼr gairm. Goirtichidh beagan de thaois-ghoirt am meall uile. Tha mi g-earbsa asaibh san Tighearna nach atharraich sibh aiteal dhe ʼr beachd: ach thig breitheanas air-san, ge bith e, a tha cur bruaidlein oirbh. Ach, a bhraithrean, ma tha mise fhathast a teagasg an timchioll-ghearraidh, car-son tha mi fhathast a fulang geur-leanmhuinn? Tha sgainneal na croise a reir sin gun bhrigh. Bʼ fhearr leam gun robh iadsan, a tha gu ʼr cur troimh-cheile, air an sgathadh as. Oir ghairmeadh sibhse, a bhraithrean, gu saorsuinn; a mhain na dianaibh ur saorsuinn ʼna h-aobhar do ʼn fheoil, ach le carrantachd an spioraid freasdalaibh air a cheile. Oir tha an lagh uile air a choimhlionadh anns an aon fhacal so: Bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein. Ach ma bhios sibh a cagnadh sa g-ithe a cheile, thugaibh an aire nach cuir sibh as do gach a cheile. Ach tha mise g-radh: Imichibh a reir an spioraid, ʼs cha chuir sibh an gniomh ana-miannan na feola. Oir thaʼn fheoil a miannachadh an aghaidh an spioraid: ʼs an spiorad an aghaidh na feola: oir tha iad so an aghaidh a cheile, air sheol ʼs nach iad na nichean is math leibh, a tha sibh a dianamh. Ach ma tha sibh air ur stiuradh leis an spiorad, cha n-eil sibh fo ʼn lagh. A nis tha oibrichean na feola soilleir; agus is iad striopachas, neo-ghloine, mi-stuaim, druis, Iodhol-aoradh, buidseachd, gamhlas, consachadh, comhstri, fearg, trod, aimhreit, eiriceachd, Farmad, murt, misg, geocaireachd, agus an leithidean sin: mu bheil mi g-innse dhuibh, mar a dhʼ innis mi dhuibh a cheana, nach sealbhaich iadsan, a ni an leithidean sin, rioghachd Dhe. Ach se toradh an spioraid carrantachd, aoibhneas, sith, faighidin, caoimhneas, mathas, fad-fhulangas, Ciuineachd, creideamh, stuamachd, measarrachd, geamnachd. An aghaidh an leithidean sin cha n-eil lagh. Agus iadsan, is le Criosta, cheus iad am feoil le giomhan ʼs le h-ana-miannan. Ma ʼsann san spiorad a tha sinn beo, imichemid mar an ciadna anns an spiorad. Na bithemid deidheil air faoin ghloir, a buaireadh a cheile, a gabhail farmaid ri cheile. Agus, a bhraithrean, ma ghlacar duine ann an coire air bith, sibhse, a tha spioradail, teagaisgibh a leithid ann an spiorad na ciuineachd, a sealltuinn riut fhein, eagal gum bi thu fhein cuideachd air do bhuaireadh. Giulainibh eallaichean a cheile, agus mar sin coimhlionaidh sibh lagh Chriosta. Oir ma shaoileas duine gur rudeigin e fhein, ʼs gun ann ach neoni, tha e ga mhealladh fhein. Ach dearbhadh gach aon ʼobair fhein, agus mar sin bithidh uaill aige ann fhein a mhain, ʼs cha n-ann an neach eile. Oir giulainidh gach aon eallach fhein. Agus roinneadh esan, a thathas a teagasg san fhacal, ris-san a tha ga theagasg, anns a h-uile ni math. Na bithibh air ur mealladh: cha dianar fanaid air Dia. Oir na dearbh nichean a chuireas duine, ʼsiad a bhuaineas e. Oir am fear a chuireas ʼna fheoil, bho ʼn fheoil buainidh e truailleachd: ach am fear a chuireas san spiorad, bho ʼn spiorad buainidh e a bheatha shiorruidh. Agus na failnichemid ann am math dhianamh: oir, mur failnich, buainidh sinn ʼna thrath. Uime sin fhad ʼsa tha uine againn dianamaid math do dhaoine uile, ach gu sonraichte dhaibh-san, a tha de theaghlach a chreidimh. Faicibh ciod an litir a sgriobh mi h-ugaibh le mʼ laimh fhein. Oir a mhiad ʼsa tha sireadh toileachadh a thoirt san fheoil, tha iad a toirt oirbh a bhith air ur timchioll-ghearradh, a mhain gus nach fuilig iad geur-leanmhuinn air son crois Chriosta. Oir cha n-eil iadsan fhein, a tha air an timchioll-ghearradh, a cumail an lagha: ach is aill leo sibhse a bhith air ur timchioll-ghearradh, gus iad a dhianamh uaille as ur feoil. Ach fad bhuamsa uaill a dhianamh á ni air bith, ach á crois ar Tighearna Iosa Criosta, leis na cheusadh an saoghal dhomhsa, agus mise dha ʼn t-saoghal. Oir ann an Iosa Criosta cha n-eil leas air bith anns an timchioll-ghearradh, no anns an neo-thimchioll-ghearradh, ach ann an creutair ùr. Agus co sa bith a leanas an riaghailt so, sith dhaibh agus trocair, ʼs do Israel Dhe. A so suas na cuireadh duine sa bith dragh orm: oir tha mi giulan athailtean an Tighearna Iosa na mʼ chorp. Gun robh grasan ar Tighearna Iosa Criosta maille ri ʼr spiorad, a bhraithrean. Amen. Pol, ostal Iosa Criosta tromh thoil Dhe, do na naoimh uile a tha an Ephesus, ʼs do na creidich ann an Iosa Criosta. Grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. Beannaichte gun robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Criosta, a bheannaich sinn le uile bheannachdan spioradail sna h-ardaibh ann an Criosta, Amhuil mar a thagh e sinn annsan roimh chruthachadh an t-saoghail, gus sinn a bhith naomh ʼs gun smal ʼna lathair ann an carrantachd. A roimh-dhʼorduich sinne gu uchd-mhacachd cloinne dha fhein, tromh Iosa Criosta a reir beachd a thoil fhein, Gu moladh gloir a ghrasan, leis an dʼ rinn e sinn taitneach ʼna Mhac gaolach, Anns a bheil saoradh againn tromh fhuil, mathanas pheacannan, a reir saibhreas a ghrasan, A tha lan-phailt unnainne anns a h-uile gliocas agus tuigse; Gu run-diomhair a thoil a nochdadh dhuinn a reir a thoile math fhein, a runaich e annsan, Ann an riarachadh lanachd na h-aimsire, gu ath-nuadhachadh a h-uile ni, a tha air neamh agus air talamh, ann an Criosta agus annsan a mhain: Anns na ghairmeadh sinne cuideachd le crannchur, us sinn roimh-orduichte a reir a bheachd-san, a tha g-oibreachadh a h-uile ni a reir comhairle a thoil; Chum gum bi sinn gu moladh a ghloir, sinne a chuir a cheana ar dochas ann an Criosta: Anns a bheil sibhse cuideachd, an deigh dhuibh facal na firinn a chluinntinn (soisgeul ur sabhalaidh), agus sibh a creidsinn ann, air ur comharrachadh le Spiorad naomh a ghealltanais, Agus is esan earlas ar n-oighreachd, gu saorsuinn a chosnadh, gu moladh a ghloir. Uime sin mise cuideachd, ʼs mi cluinntinn mu ʼr creideamh, a tha san Tighearna Iosa, agus mu ʼr gaol do na naoimh uile, Tha mi gun lasachadh a toirt taing air ur son, gu ʼr cuimhneachadh na mʼurnaighean; Gu Dia ar Tighearna Iosa Criosta, Athair na glorach, spiorad a ghliocais agus an taisbeanaidh a thoirt dhuibh, gu eolas air fhein: Air chor ʼs, le suilean ur cridheachan a bhith air an soilleireachadh, gun aithnich sibh ciod e dochas a ghairm-san, us ciod e saibhreas gloir oighreachd-san sna naoimh, Us ciod i moralachd ro bharraichte a chumhachd dha ʼr taobh-ne, a tha creidsinn a reir oibreachadh neart a chumhachd, A dhʼ oibrich e ann an Criosta, ga thogail bho na mairbh, ʼs ga chur ʼna shuidhe air a laimh dheis anns na h-ardaibh, Fos cionn gach uile phrionnsachd, us chumhachd, us fhearta, agus uachdranachd, ʼsa h-uile ainm, a dhʼ ainmichear cha n-ann san t-saoghal so mhain, ach cuideachd san t-saoghal ri tighinn. Us chuir e h-uile ni fo chasan; agus rinn e ʼna cheann e air an eaglais uile, ʼS gur i a chorp-san agus ʼiomlanachd-san a tha lionadh nan uile anns gach uile. Agus sibhse nuair bha sibh marbh ʼnur ciontan ʼs nur peacannan, Anns an dʼ imich sibh roimh so, a reir abhuist an t-saoghail so, a reir prionns cumhachd an athair so, an spiorad a tha nis a g-oibreachadh ann an cloinn a mhi-chreidimh, Anns an robh sinn uile mar an ciadna aon uair a caithe ar beatha ann am miannan ar feola, a dianamh toil na feola agus a smaointean, agus a bha sinn a thaobh naduir ʼnar cloinn feirge, mar bha càch: Ach Dia (a tha saibhir an trocair) le ro mhiad a charrantachd, leis na ghradhaich e sinn, Agus nuair a bha sinn marbh ann am peacannan, bheothaich e sinn ann an Criosta (ʼs gur ann le ghrasan-sa a tha sibh sabhailte), Agus thog e suas sinn maille ris, agus thug e oirnn suidhe comhla ris anns na h-ardaibh ann an Iosa Criosta; A dhʼ fhiachuinn do linntean ri tighinn saibhreas lan-phailt a ghrasan ʼna fhialachd dhuinne ann an Iosa Criosta. Oir le grasan tha sibh sabhailte tromh chreideamh, agus so cha n-ann bhuaibh fhein: oir is gibht Dhe e, Cha n-ann bho oibrichean, gus nach dian neach air bith uaill. Oir is sinne obair a laimh, air ar cruthachadh ann an Iosa Criosta anns na deagh ghniomhan, a dhʼuidheamaich Dia gus sinn a dhʼ imeachd unnta. Air an aobhar sin cuimhnichibh gun robh sibh aon uair ʼnur cinnich anns an fheoil, ʼs gun canteadh ribh an neo-thimchioll-ghearradh le sin ris an abrar timchioll-ghearradh san fheoil diante le lamhan: Chionn gun robh sibh an uair sin as aogais Chriosta, ʼnur coigrich do chomunn Israil, aineolach air an tiomnadh, gun dochas ris a ghealltanas, ʼs gun Dia anns an t-saoghal so. Ach a nis ann an Iosa Criosta tha sibhse, a bha aon uair an cein, air ur toirt faisg le fuil Chriosta. Oir se esan ar sith, a rinn an dithis ʼnan aon, a bristeadh sios balla-mhiadhoin an dealachaidh, an naimhdeas ʼna fheoil fhein: A cur air chul lagh nan orduighean le reachdan, gus an dithis a dhianamh ʼnan aon duine ùr ann fhein, a dianamh sithe, Agus an dithis a reiteachadh ri Dia ann an aon chorp leis a chrois, a sgriosadh an naimhdeis ann fhein. ʼSa tighinn shoisgeulaich e sith dhuibhse a bha fad as; agus sith dhaibh-san a bha ʼm faisg: Oir troimh-san tha rathad againn le cheile ann an aon Spiorad thun an Athar. A nis ma ta cha n-eil sibh nas fhaide ʼnur n-aoidhean ʼs ʼnur coigrich, ach tha sibh an co-chomunn nan naomh, ʼs ʼnur teaghlach aig Dia, Togte air steidh nan ostal ʼs nam faidhean, Iosa Criosta fhein ʼna chloich-chinn na h-oisne: Anns a bheil an t-aitreabh uile, ceangailte ri cheile, a g-eirigh suas ʼna theampull naomh san Tighearna, Anns a bheil sibhse cuideachd togte gu bhith ʼnur n-aros-comhnuidh do Dhia anns an Spiorad. As leth so, tha mise, Pol, na mʼ phriosanach Iosa Criosta, air ur sonsa, a chinnich, Ma se ʼs gun cuala sibh fhathast mu riarachadh grasan Dhe, a thugadh dhomhsa air ur sonsa: Chionn gun dʼ rinneadh aithnichte dhomhsa a mhistire le taisbeanadh, mar a sgriobh mi mar-tha am beagan bhriathran, Mar a dhʼ fhaodas sibh, le leughadh, mʼ eolas ann am mistire Chriosta a thuigsinn, Mistire, ann an linntean eile, a bha ʼm falach air clann-dhaoine, ach a thaisbeanadh a nis dha ʼostail naomh, ʼs dha fhaidhean anns an Spiorad, Gum biodh na cinnich ʼnan co-oighreachan, ʼnan aon chorp, ʼs ʼnan luchd-comhpairt ʼna ghealladh-san ann an Iosa Criosta tromh ʼn t-soisgeul, Dhe ʼn dʼ rinneadh mise na mʼ fhear-frithealaidh a reir tobhartas grasan Dhe, a thugadh dhomhsa a reir oibreachadh a chumhachd. Dhomhsa, an t-aon is lugha de na naoimh uile, thugadh na grasan so gu ionmhas do-rannsuichte Chriosta a shoisgeulachadh am measg nan cinneach, ʼSa dhianamh soilleir do dhaoine uile ciod e riarachadh na mistire, a bha ʼm falach bho ʼn t-siorruchd ann an Dia, a chruthaich a h-uile ni; Gu gliocas iom-fhillteach Dhe a nochdadh tromh ʼn eaglais do phrionnsachan, ʼs do chumhachdan anns na h-ardaibh, A reir a bheachd shiorruidh, a chuir e an gniomh ann an Iosa Criosta ar Tighearna, Anns a bheil danadas us rathad againn le misnich ga ionnsuidh tromh chreideamh-san. Uime sin tha mi g-achanaich, nach toir sibh thairis as leth mo thrioblaidean air ur son: ni is e ur gloir. Air son so tha mi lubadh mo ghluin do Athair ar Tighearna Iosa Criosta, Bho bheil a h-uile athaireachd air neamh ʼs air talamh air an ainmeachadh, Gum builicheadh e oirbh a reir saibhreas a ghloir, sibh a bhith air ur neartachadh le cumhachd tromh a Spiorad-san a thaobh duine an leth-a-stigh, Gu Criosta a ghabhail comhnuidh tromh chreideamh ʼnur cridheachan, los le bhith air ur friamhachadh ʼs air ur steidheachadh an carrantachd, Gur urrainn duibh a thuigsinn maille ris na naoimh uile, ciod e liad, us fad, us airde, us doimhne: Agus carrantachd Chriosta aithneachadh cuideachd, a tha dol fos cionn a h-uile eolais, gus sibh a bhith air ur lionadh le uile lanachd Dhe. A nis dhasan, a tha comasach air gach ni dhianamh nas pailte gu mor na tha sinn a sireadh no tuigsinn, a reir na cumhachd, a tha g-oibreachadh unnainn, Dhasan gun robh gloir san eaglais, agus ann an Iosa Criosta anns gach linn fad shaoghal nan saoghal. Amen. Air an aobhar sin tha mise, priosanach an Tighearna, a g-achanaich oirbh, sibh a ghluasad an seol freagrach do ʼn ghairm leis na ghairmeadh sibh, Leis a h-uile irioslachd agus ciuineachd, le faighidin, a cur suas ri gach a cheile an carrantachd, A gleidheadh gu curamach aonachd an Spioraid ann an ceangal na sithe. Aon chorp, agus aon Spiorad, ceart mar ghairmeadh sibh ann an aon dochas ur gairme. Aon Tighearna, aon chreideamh, aon bhaisteadh. Aon Dia agus Athair nan uile, a tha fos cionn nan uile, us feadh gach uile, agus unnainn uile. Ach do ʼn h-uile h-aon againn thugadh grasan, a reir tomhas tobhartas Chriosta. Air an aobhar so tha e g-radh: A dol suas do na h-ardaibh, thug e braighdeanas an daorsa: thug e gibhtean do dhaoine. A nis gun deach e suas, ciod eile e, ach gun deach e sios an toiseach gu ionaidean iochdrach an talmhuinn? Esan a chaidh sios, se cuideachd a chaidh suas fos cionn nan neamh uile, gus a h-uile ni a lionadh. Agus thug e cuid gu dearbh ʼnan ostail, us cuid ʼnam faidhean, ach cuid eile ʼnan soisgeulaich, agus cuid eile ʼnam buachaillean ʼs ʼnan ollamhan, Gus na naoimh a dhianamh coimhlionta gu obair an fhrithealaidh, gu corp Chriosta thogail suas: Gus an coinnich sinn uile ann an aonachd creidimh agus eolas Mhic Dhe, gu duine coimhlionta, gu tomhas aois lanachd Chriosta; Gus nach bi sinn a nis tuille ʼnar cloinn air ar luasgadh a null ʼsa nall, ʼs air ar n-iomain mu ʼn cuairt leis a h-uile gaoith teagaisg le droch-bheart dhaoine, le seoltachd chealgaich a gabhail fàth gu mealladh. Ach a cur firinn an gniomh ann an carrantachd, gum fàs sinn suas anns a h-uile ni annsan, agus is e an ceann, Criosta: Bho bheil an corp uile air a thàthadh, ʼs air a cheangal ri cheile, leis a bheil a h-uile alt a cuideachadh, a reir na h-oibre ann an tomhas gach buill, a faighinn leasachadh cuirp gus a thogail fhein suas ann an carrantachd. So ma ta tha mi g-radh ʼsa togail fianuis air san Tighearna, nach imich sibh á so suas mar na cinnich, a tha g-imeachd a reir faoineas an inntinn fhein, Aig am beil an tuigse air a dalladh le tiugh-dhorchadas, iad ʼnan coigrich do bheatha Dhe leis an aineolas a thʼ unnta, a thaobh doille an cridhe. Muinntir, le dol gu an-dochas, a liubhair iad fhein do dhruis, do dhʼ oibreachadh a h-uile sailche, do shannt. Ach cha n-ann mar sin a dhʼfhaghluim sibhse Criosta; Ma se ʼs gun dʼ eisd sibh ris, ʼs gum beil sibh air ur teagasg ann, mar a tha an fhirinn ann an Iosa, Sibh a chur dhibh an t-seann duine, a tha, a reir ur ciad chaithe-beatha, air a thruailleadh le dheidh air mearachd. Agus bithibh air ur n-urachadh ann an spiorad ur n-inntinn, Us cuiribh oirbh an duine ùr, a tha air a chruthachadh a reir Dhe ann an ceartas, agus ann an naomhachd na firinne. Uime sin a leigeil dhibh bhriagan, labhraibh an fhirinn a h-uile h-aon ri choimhearsnach, oir is buill sinn dha cheile. Gabhaibh fearg, ʼs na peacaichibh: na laidheadh a ghrian air ur feirg. Na tugaibh aite do ʼn aibhistear: Am fear a ghoid, na goideadh e tuilleadh: ach an aite sin dianadh e obair, a saothrachadh le lamhan na tha math, gus am bi aige gu buileachadh air-san, a tha ann an uireasuidh. Na tigeadh droch cainnt idir a mach as ur bial: ach na tha math gu leasachadh creidimh, chum grasan a thoirt do ʼn luchd-eisdeachd. Na cuiribh bròn air Spiorad Naomh Dhe, anns an deach ur seuladh thun latha an t-sabhalaidh. Biodh a h-uile seirbhe, agus fearg, agus corruich, agus gleadhraich, agus blais-bheum air am fuadach fada bhuaibh maille ris a h-uile gamhlas. Agus bithibh caoimhneil iochdor ri cheile, a mathadh do gach a cheile, mar a mhath Dia dhuibh fhein ann an Criosta. Bithibhse ma ta ʼnur luchd-leanmhuinn air Dia, mar chloinn ro ghaolach; Agus imichibh ann an gradh, mar thug Criosta gradh dhuinn, ʼsa liubhair e e fhein seachad air ar son ʼna thobhartas ʼs ʼna iobairt do Dhia mar fhàile cubhraidh. Ach na biodh striopachas, no neo-ghloine air bith, no sannt urad us air an ainmeachadh ʼnur measg, mar a thigeadh do naoimh: No drabasdachd, no cainnt ghorach, no sglamhruinn, anns nach eil feum sa bith; ach an aite sin a toirt buidheachais. Oir biodh fios agaibh air so, us tuigibh, nach eil aig fear-striopachais sa bith, no fear neoghlan, no fear sanntach (ni is e iodhol-aoradh), oighreachd ann an rioghachd Chriosta agus Dhe. Na mealladh aon air bith sibh le cainnt fhaoin: oir as leth so tha fearg Dhe a tighinn air cloinn a mhi-chreidimh. Na bithibhse ma ta ʼnur comh-phairtich riu. Oir bha sibh uair ʼnur dorchadas, ach a nis ʼnur solus anns an Tighearna. Leanaibh ma ta ceuman clann an t-soluis: Oir tha toradh an t-soluis anns a h-uile mathas, agus ceartas, agus firinn: A dearbhadh ciod a tha lan-thaitneach do Dhia; ʼS na biodh comunn sa bith agaibh ri oibrichean neo-thorach an dorchadais: ach an aite sin cronaichibh iad. Oir na nichean a thʼ air an dianamh leo an uaigneas, is nàr urad ʼs an luaidh. Ach na nichean uile a tha ri ʼn cronachadh, nithear follaiseach iad leis an t-solus: oir gach ni, a ni soilleir, is solus e. Air son sin tha e g-radh: Eirich thusa, a tha na dʼ chadal, us duisg bho na mairbh, agus soilleirichidh Criosta thu. Uime sin, a bhraithrean, seallaibh ciamar a dhʼ imicheas sibh gu faicilleach: cha n-ann mar dhaoine neo-ghlic, Ach mar dhaoine glic, a g-ath-cheannach na h-aimsire: a chionn gum beil na laithean olc. Air an aobhar sin na bithibh neo-ghlic, ach a tuigsinn ciod e toil De. ʼS na bithibh air mhisg le fion, anns a bheil roic: ach bithibh air ur lionadh leis an Spiorad Naomh, A labhairt eadaraibh fhein ann an sailm, ʼsan laoidhean, ʼs an dàin spioradail, a seinn, ʼsa dianamh ciuil do ʼn Tighearna ʼnur cridheachan, Daonnan a toirt taing air son a h-uile ni do Dhia ʼs do ʼn Athair, an ainm ar Tighearna Iosa Criosta. A geilleachduinn da cheile ann an eagal Chriosta. Biodh mnathan umhailt dha ʼm fir, mar do ʼn Tighearna: A chionn gur e am fear ceann na mna, mar is e Criosta ceann na h-eaglais: is esan slanair a chuirp. Uime sin mar tha ʼn eaglais umhailt do Chriosta, ceart mar sin biodh na mnathan umhailt dha ʼm fir anns a h-uile ni. A dhaoine, thugaibh gaol dha ʼr mnathan, mar thug Criosta gaol do ʼn eaglais, agus a liubhair e e fhein air a son, Gus e ga naomhachadh, ga glanadh le ionnlad an uisge ann am facal na beatha, Gus a tairgse dha fhein ʼna h-eaglais ghlormhoir, gun smal, gun phreasadh, no aiteal dhe ʼn leithid, ach gum biodh i naomh agus gun ghiomh. Ceart mar sin is còir do dhaoine gaol a thoirt dha ʼm mnathan mar dha ʼn coluinn fhein. Esan a tha toirt gaoil dha mhnaoi, tha e toirt gaoil dha fhein. Oir cha tug duine riamh fuath dha fheoil fhein, ach tha e ga h-altrum ʼs ga h-eiridneachadh, ceart mar tha Criosta dianamh ris an eaglais: A chionn gur sinn buill a choluinn-sa, dhe fheoil, agus dhe chnaimhean. As leth so fagaidh duine ʼathair agus a mhathair, us dluthaichidh e ri mhnaoi, agus bithidh an dithis ʼnan aon fheoil. Is sacramaid mhor so, ach tha mi labhairt ann an Criosta agus anns an eaglais. Ach co-dhiu thugadh gach aon agaibhse fos leth gaol dha mhnaoi ceart mar dha fhein: ʼs biodh fiamh a fir air a mhnaoi. A chlann, bithibh umhailt dha ʼr parantan san Tighearna: oir tha so ceart. Thoir onair dha tʼ athair dha dʼ mhathair: si so a chiad fhainte le gealladh: Los gun soirbhich leat, agus gum bi fad laithean agad air talamh. Agus sibhse, aithrichean, na brosnaichibh ur clann gu feirg: ach togaibh suas iad ann an oilein ʼs ann an smachd an Tighearna. A sheirbhisich, bithibh umhailt dha ʼr maighistirean a reir na feola le athadh agus ball-chrith, ann an treibhdhireas ur cridhe, mar do Chriosta: Cha n-ann ʼnur seirbhisich-sula, mar a toileachadh dhaoine, ach mar sheirbhisich Chriosta, a dianamh toil De bho ʼn chridhe, Le deagh thoil ri seirbhis mar do ʼn Tighearna, ʼs cha n-ann do dhaoine: A tuigsinn gum faigh gach aon a cheart mhath a ni e, ge bith e, bho ʼn Tighearna, co-dhiu is saoranach no daoranach e. Ach sibhse, a mhaigtistirean, dianaibh na nichean ciadna dhaibh-san, a seachnadh maoitheadh: a tuigsinn gum beil an Tighearna aca-san agus agaibhse ann am flathanas; ʼs nach eil eisimeil aige ri pearsa dhaoine. A thaobh na cuid eile, a bhraithrean, bithibh air ur neartachadh san Tighearna, agus ann am feart a chumhachd. Cuiribh oirbh armachd Dhe, air chor ʼs gur urrainn duibh seasamh an aghaidh ribeachan an deomhain: Oir cha n-ann an aghaidh feola agus fala a tha ar gleachd, ach an aghaidh phrionnsachan us chumhachdan, an aghaidh riaghladairean saoghal an dorchadais so, an aghaidh spioraid an uilc sna h-ard-ionadan. Air an aobhar sin glacaibh armachd Dhe ann an rathad ʼs gur urrainn duibh seasamh anns an droch latha, agus seasamh gu coimhlionta anns gach ni. Seasaibh ma ta le ʼr leasraidh crioslaichte le firinn, agus uchd-eideadh a cheartais oirbh, ʼS mar chaiseirt deisealachd soisgeul na sithe, Anns a h-uile ni a gabhail sgiath a chreidimh, leis am faod sibh uile ghathan teinteach an fhir is miosa a mhuchadh; Agus gabhaibh h-ugaibh clogaid an t-sabhalaidh, us claidheamh an Spioraid (se sin facal De). Leis a h-uile urnaigh agus achanaich a guidhe san spiorad gach àm, ʼs as leth sin a caithris leis a h-uile durachd agus aslachadh air son nan naomh uile, Agus air mo shonsa, gun toirear labhairt dhomh gus mo bhial fhosgladh gu misneachail, los mistire an t-soisgeil a dhianamh aithnichte, ʼS mi am theachdair air a shon ann an cuibhreach, los mi bhith misneachail ann, gu labhairt mar is còir dhomh. Ach gu brath a bhith agaibh mu nichean dha mʼ thaobhsa, us ciod ris a bheil mi: cuiridh Tichicus, mo bhrathair ro ghaolach, agus fear-frithealaidh dileas anns an Tighearna, air shuilean dhuibh gach ni; A chuir mi h-ugaibh a dhʼ aon mhathas, gu fios a bhith agaibh air na tha tachairt dha ʼr taobh-ne, agus gus am furtaich e air ur cridheachan. Gun robh sith do na braithrean agus carrantachd le creideamh bho Dhia an t-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. Grasan gun robh dhaibh-san uile, a tha toirt gaoil dha ʼr Tighearna Iosa Criosta ann an neo-thruailleachd. Amen. Pol us Timoti, seirbhisich Iosa Criosta, do na naoimh uile ann an Iosa Criosta, a thʼ ann am Philippi, maille ris na h-easbuigean ʼs na deaconan. Grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. Tha mi toirt taing do mʼ Dhia a h-uile uair a chuimhnicheas mi oirbh, Daonnan na mʼ urnaighean uile a guidhe air ur son gu leir le aoibhneas, Air son ur co-chomuinn ann an soisgeul Chriosta bho ʼn chiad latha gus a nis: A g-earbsa so fhein, gun dian esan, a thòisich an deagh obair, a coimhlionadh gu latha Iosa Criosta: Mar a tha e ceart dhomhsa so a smaoineachadh mu ʼr deidhinn uile, ʼs gum beil sibh agam na mʼ chridhe, ʼs na mʼ chuibhrichean, ʼs ann an dion, ʼs an daingneachadh an t-soisgeil, gum beil sibh uile ʼnur luchd comhphairt na mʼ shòlas: Oir se Dia mʼ fhianuis air cho mor ʼsa tha mo dheidh oirbh uile ann an innibh Iosa Criosta. Agus se so tha mi guidhe, gum miadaich ur carrantachd nas mua ʼs nas mua ann an eolas, agus anns a h-uile tuigse, Gus an raghnaich sibh na nichean is fhearr; los gum bi sibh treibhdhireach ʼs gun choire gu latha Iosa Criosta, Air ur lionadh le toradh a cheartais tromh Iosa Criosta gu gloir ʼs gu moladh Dhe. A nis, a bhraithre, is math leam fios a bhith agaibh, gum beil na tha tachairt dhomhsa a tighinn a thaobh coltais gu leasachadh an t-soisgeil; Air chor ʼs gum beil mo cheanglaichean ann an Criosta follaiseach sa chùirt uile, agus anns gach aite eile; ʼS gum beil moran de na braithrean san Tighearna a gabhail misnich, bho mo cheanglaichean-sa, gu facal De a labhairt le barrachd danadais gun ghioraig. Tha cuid gu dearbh tromh fharmad agus chomh-stri; agus cuid eile le toil mhath a searmonachadh Chriosta; Cuid bho charrantachd, us fios aca gun deachaidh mo chur air son dion an t-soisgeil: Ach tha cuid bho chonas a searmonachadh Chriosta gu neo-threibhdhireach, ann am beachd leasachadh craidh a chur ri mo chuibhrichean. Ach dé an omhail? Fhad ʼsa thathas air a h-uile cor, biodh e le fàth no le firinn, a toirt eolais air Criosta; as leth so tha mi aoibhneach, seadh, us bithidh mi aoibhneach. Oir is aithne dhomh gun tionndaidh so gu mʼ shabhaladh tromh ur n-urnaighse, agus tromh chuideachadh Spiorad Iosa Criosta, A reir mo dhuil-sa agus mo dhochais, nach naraichear air aona chor mi: ach leis a h-uile earbsa a nis, mar riamh, gun ardaichear Criosta na mʼ chorpsa, co-dhiu ʼsann tromh mo bheatha no tromh mo bhàs. Oir dhomhsʼ a bhith beo se Criosta, ʼsa bhith marbh buannachd. Agus ma se ʼs gun toir a bhith beo san fheoil toradh mo shaothrach domh, ciod a raghnaicheas mi, cha n-aithne dhomh. Ach tha mi air mo theannachadh eadar an dà chuid: an deidh a thʼ agam a bhith air mʼ fhuasgladh, ʼsa bhith maille ri Criosta, se gu fad moran is fhearr: Ach se fuireach san fheoil, a tha riatanach air ur sonsa. ʼS le mʼ earbsa a bhith mar so, tha brath agam gum fan ʼs gum fuirich mi fada maille ribh uile, gus ur leas, ʼs gu solas a chreidimh, Gus ur n-aighear a bhith nas pailte ann an Iosa Criosta air mo shonsa, le mi thighinn uair eile gu ʼr n-ionnsuidh. A mhain biodh ur caithe-beatha freagrach do shoisgeul Chriosta; air chorʼs co-dhiu thig mi ʼsa chi mi sibh, no as an lathair gun cluinn mi mu ʼr deidhinn, gum beil sibh a seasamh gu daingeann ann an aon spiorad, a dhʼ aon inntinn a co-oibreachadh air son creideamh an t-soisgeil; Agus na gabhaibh a bheag a dhʼ eagal roimh naimhdean: ni a tha ʼna aobhar ditidh dhaibhse, ach dhuibhse ʼna aobhar sabhalaidh, agus so bho Dhia: Oir thugadh dhuibhse air son Chriosta, cha n-e a mhain gun creid sibh ann, ach cuideachd gum fuilig sibh as a leth: An cath ciadna agaibh, a chunnaic sibh unnamsa, ʼsa tha sibh a nis air cluinntinn mu thimchioll. Uime sin ma tha dad a dhʼ fhurtachd ann an Criosta, ma tha dad de chobhair carrantachd, ma tha dad de chomunn an spioraid, ma tha dad de dhʼ innibh truais: Lionaibh suas mʼ aighear le sibh a bhith a dhʼ aon inntinn, an aon charrantachd agaibh, an t-aon bheachd, an t-aon aigne; Gun ni dhianamh tromh chomhstri no fhaoin ghloir: ach ann an irioslachd gach aon a meas chàich nas fhearr na e fhein; Gach aon a sealltuinn, cha n-ann air na nichean is leis fhein, ach is le daoine eile. Oir biodh am beachd so unnaibh, a bha cuideachd ann an Iosa Criosta: Esan, ʼs e an cruth Dhe, nach do shaoil e ʼna reubainn a bhith co-ionann ri Dia: Ach rinn e e fhein ʼna neoni, a gabhail riochd seirbhisich, diante an coltas dhaoine, ʼs air fhaighinn ann an cruth mar dhuine. Dhʼ islich e e fhein a striochdadh gu h-iriosal gu bàs, seadh gu bàs na croise. Agus air son so thog Dia suas e, ʼs thug e dha ainm, a tha fos cionn a h-uile ainm, ʼS gun lub ann an ainm Iosa a h-uile glun dhiusan, a tha air neamh, air talamh, ʼs fo ʼn talamh, Agus gun aidich a h-uile teanga, gum beil an Tighearna Iosa Criosta ann an gloir Dhe an t-Athair. Uime sin, a mhuinntir mo mhor ghraidh (mar a bha sibh umhailt riamh), cha n-ann a mhain ʼs mi san lathair, ach moran nas mua nis ʼs mi as an lathair, oibrichibh ur sabhaladh le fiamh ʼs le ball-chrith. Oir se Dia, a tha g-oibreachadh unnaibh an toil mar-aon ʼs an gniomh, a reir a dheagh thoil fhein. Dianaibh ma ta a h-uile ni gun ghearan ʼs gun ag: Los gum bi sibh neo-chiontach, ʼs ʼnur cloinn aon-fhillte do Dhia, gun chron am miadhon sluaigh, a tha coirbte agus fiar, sibhse a tha soillseachadh ʼnam measg mar sholus an t-saoghail, A gleidheadh facal na beatha gu mo ghloir-sa ann an latha Chriosta, a chionn nach do ruith mi gun fheum, ʼs nach dʼ oibrich mi gun fheum, Seadh agus ma dhʼ iobrar mi air iobairt us seirbhis ur creidimh-sa, bithidh aoibhneas orm, us ni mi co-aighear maille ribh uile. Agus air son an ni chiadna biodh aoibhneas oirbhse cuideachd, ʼs dianaibh aighear comhla riumsa. Agus tha mi an dochas anns an Tighearna Iosa, gun cuir mi Timoti gu h-aithghearr gu ʼr n-ionnsuidh; los gum bi mise cuideachd ann an deagh ghean, nuair gheobh mi fios ciod is cor dhuibhse. Oir cha n-eil duine agam cho aon-inntinneach, aig a bheil ro-churam dhibhse le fior ghradh. Oir tha iad uile g-iarraidh nan nichean is leo fhein, cha n-iad nan nichean is le Iosa Criosta. Agus tuigibh dearbhadh air, chionn, mar mhac dha ʼathair, rinn esan seirbhis maille riumsa san t-soisgeul. Tha mi an dochas ma ta esan a chur gu ʼr n-ionnsuidh, cho luath ʼsa chi mi ciod a dhʼ eirgheas dhomh. ʼS tha mi g-earbsa anns an Tighearna, gun tig mi fhein gu h-athghoirid gu ʼr n-ionnsuidh. Ach chunnaic mi iomchuidh Epaphroditus, mo bhrathair, mo cho-oibriche, ʼs mo cho-shaighdear, agus ur n-ostal-sa, agus fear-frithealaidh mʼ uireasuidh, a chur gu ʼr n-ionnsuidh: Oir gu dearbh bha e fad an deidh oirbh uile; ʼs bha duilichinn air, a chionn gun cuala sibh gun robh e tinn. Oir gu fior bha e tinn ʼs ri uchd a bhàis: ach rinn Dia iochd ris: ʼs cha n-ann ris-san a mhain, ach riumsa cuideachd, eagal bròn air muin bròin a thighinn orm. As leth so chuir mi air adhart e na bu luaithe, gu aighear a bhith oirbh ri fhaicinn a rithist, ʼs gus mise bhith gun mhulad. Gabhaibh ris ma ta leis a h-uile aighear anns an Tighearna, ʼs biodh a leithid ann an urram agaibh: A thaobh gur h-ann as leth obair Chriosta a thainig e gu uchd a bhàis, a toirt seachad a bheatha, los na bha dhith air ur dleasnas domhsʼ a choimhlionadh. A thaobh na cuid eile, a bhraithrean, biodh aoibhneas oirbh san Tighearna. Cha dhragh leamsa gu dearbh na nichean ciadna a sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh, ach is riatanach dhuibhse e. Bithibh air ur faicill bho choin, bithibh air ur faicill bho dhroch luchd-oibre, bithibh air ur faicill bho ʼn chomh-ghearradh. Oir is sinne an timchioll-ghearradh, a tha seirbhiseachadh Dhe san spiorad, ʼs aig a bheil ar n-uaill á Iosa Criosta, ʼs nach eil a cur buin as an fheoil, Ged a dhʼ fhaodainn-sa gu dearbh bun a chur as an fheoil. Ma tha duine air bith eile a saoilsinn gum faod e earbsa bhith aige as an fheoil, is mua na sin mise, ʼS mi air mo thimchioll-ghearrradh air an ochdamh latha, ʼs mi de shliochd Israil, de threibh Bheniamin, Eabhrach de na h-Eabhraich, a reir an lagha am Phairiseach, A thaobh eud a dianamh geur-leanmhuinn air eaglais Dhe; a reir a cheartais, a tha san lagh, mo ghiulan gun achasan: Ach na bha gu buannachd dhomh, sheall mi orra mar chall air son Chriosta. A thuilleadh air sin tha mi meas a h-uile ni ʼna chall air son eolas barraichte Iosa Criosta mo Thighearna; as a lethse dhʼ fhuilig mi call a h-uile ni, ʼs tha mi gam mheas mar shalachar, gus mi Criosta a bhuannachd, ʼS gum faighear mi ann-san cha n-ann le mo cheartas fhein, a tha bho ʼn lagh, ach leis a cheartas sin a tha bho chreideamh Iosa Criosta: an ceartas sin a tha bho Dhia ann an creideamh, Gu aithne a bhith agam air, ʼs air cumhachd ʼaiseirigh, ʼs air comhphairt ʼna fhulangas, air mo dhianamh na mʼ mhac-samhuilt a bhàis: Fiach an teid agam a dhʼ aon chor air ruighinn air an aiseirigh, a tha bho na mairbh: Cha n-e gun deach agam air fhathast, no gum beil mi cheana coimhlion: ach tha mi leanailt, fiach, air sheol sa bith, an glac mi sin leis am beil mi air mo ghlacadh le Iosa Criosta. A bhraithrean, cha n-eil mi meas gun do ghlac mi. Ach aon rud: a diochuimhneachadh gu dearbh na tha am dheigh, gam shineadh fhein dhʼ ionnsuidh nan nichean a tha romham, Tha mi greasad thun a chuspair, gu duais gairm neamhaidh Dhe ann an Iosa Criosta. Uibhir ʼsa tha coimhlionta dhinn ma ta, bithemid san aigne so; ʼs ma tha chaochla rùin agaibh, foillsichidh Dia dhuibh so cuideachd. Ach co-dhiu bhon a thainig sinn gu bhith a dhʼ aon inntinn, fanamaid san riaghailt chiadna. Bithibh ʼnur luchd-leanmhuinn ormsa, a bhraithrean, agus gabhaibh beachd orrasan, a tha g-imeachd ceart mar a tha samhuilt agaibh bhuainn. Oir tha moran a g-imeachd, muʼn dʼ innis mi tric dhuibh (agus a gal tha mi nis ga innse), ʼnan naimhdean do chrois Chriosta: Dha ʼn deireadh sgrios: dha ʼn Dia am bru: agus dha ʼn uaill an nàire, a tha leagail am beachd air nichean talmhaidh. Ach tha ar comhradh-ne ann am flathanas; as a bheil duil againn ris an t-Slanair, ar Tighearna Iosa Criosta, A dhʼ ath-dhealbhas ar corp diblidh, air a chumadh ri corp a ghloir-san, a reir an oibreachaidh leis an urrainn da gach uile ni a chur fo smachd dha fhein. Uime sin, a bhraithrean ro ghaolach ʼs dha bheil mo mhor speis, mo shòlas agus mo chrùn; fanaibh mar so steidheil san Tighearna, a chuideachda mo ruin. Tha mi guidhe air Ebhodia, ʼs tha mi griosad air Sintiche, iad a bhith a dhʼ aon bheachd san Tighearna. Us tha mi g-achanaich ortsa cuideachd, a chompanaich threibhdhirich, na boirionnaich sin a chuideachadh, a dhʼ oibrich anns an t-soisgeul comhla riumsa, maille ri Clement agus mo luchd-cuideachaidh eile, aig am beil an ainmean an leabhar na beatha. Bithibh aoibhneach san Tighearna daonnan: a rithist tha mi g-radh: Bithibh aoibhneach. Biodh ur stuamachd follaiseach do dhaoine uile: tha an Tighearna faisg. Na biodh iomaguin oirbh: ach anns a h-uile ni le urnaigh ʼs le achanaich maille ri buidheachas, biodh ur n-iarratasan aithnichte do Dhia. Agus gun gleidh sith Dhe, a tha dol fos cionn a h-uile tuigse, ur cridhe ʼs ur n-inntinn ann an Iosa Criosta. Mar thuilleadh, a bhraithrean, ge bʼ iad nichean a tha fior, ge bʼ iad nichean a tha geamnaidh, ge bʼ iad nichean a tha ceart, ge bʼ iad nichean a tha naomh, ge bʼ iad nichean a tha gaolach, ge bʼiad nichean a tha cliuiteach, ma tha subhailc ann, ma tha moladh air oilean, orra sin smaoinichibh. Na nichean a dhʼ fhaghluim sibh, ʼsa ghabh sibh, ʼsa chuala sibh, ʼsa chunnaic sibh unnamsa, dianaibh iad; agus bithidh Dia na sithe maille ribh. A nis tha mi gabhail mor aoibhneis san Tighearna, a chionn mu dheireadh thall gun do bhlathaich ur deagh thoil riumsa as ùr, ceart mar a bha i roimh: ach bha e ana-cothromach dhuibh. Cha n-ann mar air son uireasuidh a tha mi labhairt: oir dhʼ ionnsuich mi bhith toilichte le ciod air bith staid sam bi mi. Is aithne dhomh cur suas ris an dà chuid, gainne agus pailteas: (chleachdadh mi ris a h-uile h-aite ʼs ris a h-uile ni) a bhith sasaichte mar aon ʼsa bhith air acras, pailteas a mhealtuinn mar-aon agus uireasuidh fhulang. ʼS urrainn domh a h-uile ni dhianamh annsan, a tha gam neartachadh. An deigh sin uile is math a rinn sibh, mo chuideachadh na mʼ thrioblaid. Agus tha fios agaibhse cuideachd, a mhuinntir Philippi, nuair a dhʼ fhag mi Macedonia, ann an tùs an t-soisgeil, nach do chuidich eaglais air bith leam a thaobh toirt agus gabhail, ach sibhse a mhain: Oir aon uair agus uair eile, chuir sibh do Thessalonica na bha gu mʼ fheum. Cha n-e gum beil mi g-iarraidh an tiodhlaic, ach se tha bhuam an toradh lan-phailt air ur taobhsa. Ach tha h-uile ni agam, ʼs tha mo leor mhor agam: tha mi lan, ʼs mi air faighinn bho Epaphroditus nan nichean a chuir sibh h-ugam, fàile cubhraidh, iobairt bhlasda, thaitneach do Dhia. Ach gum bʼ e mo Dhia a ni suas dhuibh ur n-uile iarratas a reir a bheartais ann an gloir ann an Iosa Criosta. A nis do Dhia ʼs ar n-Athair gun robh gloir fad shaoghal nan saoghal. Amen. Cuiribh fàilt air a h-uile naomh ann an Iosa Criosta. Tha na braithrean a tha maille riumsa a cur fàilte oirbh. Tha na naoimh uile a cur fàilte oirbh, fos leth iadsan a tha de theaghlach Chésair. Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ri ʼr spiorad. Amen. Pol, ostal Iosa Criosta tromh thoil Dhe, agus Timoti, brathair, Do na naoimh ʼs do na braithrean dileas ann an Iosa Criosta, a thʼ ann an Colosse. Grasan agus sith dhuibh bho Dhia, ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. Tha sinn a toirt taing do Dhia, agus Athair ar Tighearna Iosa Criosta, a g-urnaigh daonnan air ur son: A cluinntinn mu ʼr creideamh ann an Iosa Criosta, agus mu ʼn ghaol a thʼ agaibh air na naoimh uile, Air son an dochais a tha feitheamh oirbh ann am flathanas, mu ʼn cuala sibh bho fhacal na firinne san t-soisgeul, A rainig sibhse, mar a tha e san t-saoghal gu leir, ʼsa tha cinneachadh agus a miadachadh, ceart mar unnaibhse, bho ʼn latha a chuala ʼsa thuig sibh grasan Dhe ann am firinn, Mar a dhʼ ionnsuich sibh bho Epaphras, ar co-sheirbhiseach ro ghradhach, a tha dhuibhse ʼna fhear-frithealaidh dileas Iosa Criosta, A rinn follaiseach dhuinne cuideachd ur deagh thoil san spiorad: Uime sin, bho ʼn latha a chuala sinn so, cha n-eil sinn a lasachadh a g-urnaigh air ur son, agus a g-iarraidh sibh a bhith air ur lionadh le eolas air a thoil, anns a h-uile gliocas agus tuigse spioradail: Gu sibh a dhʼ imeachd gu h-airidh air Dia, ga thoileachadh anns gach ni: torach anns a h-uile deagh ghniomh, ʼsa tighinn air ur n-adhart ann an eolas De: Air ur furtachadh leis a h-uile càileachd, a reir cumhachd a ghloir, leis a h-uile faighidin agus fad-fhulangas lo sòlas: A toirt taing do Dhia an t-Athair, a rinn sinn toillteanach air roinn a bhith againn ann an crannchur nan naomh ann an solus: A spion sinn bho chumhachd an dorchadais, ʼsa dhʼ aisig sinn gu rioghachd a Mhic ionmhuinn fhein, Anns a bheil saorsa againn tromh fhuil, mathanas pheacannan; Agus is iomhaigh Dhe neo-fhaicinnich e, ciad-ghin a h-uile creutair: Oir annsan chruthaicheadh a h-uile ni air neamh agus air talamh, faicinneach agus neo-fhaicinneach, co-dhiu is cathraichean iad, no uachdranachdan, no prionnsachdan, no cumhachdan: chruthaicheadh a h-uile ni leis agus ann; Agus romh ʼn h-uile tha esan, us leis-san tha gach ni air an cumail suas. Agus is esan ceann corp na h-eaglaise, ʼs gur e an toiseach, a chiad-ghin bho na mairbh: gus an ard-uachdranachd a bhith aige anns a h-uile ni. A chionn gun do lan-thaitinn e ris an Athair, a h-uile lanachd a thamh ann, Us troimh-san gach ni a thoirt gu reit ris fhein, a dianamh sithe, tromh fhuil a chroise, a thaobh na tha air talamh mar-aon agus na tha air neamh. Agus sibhse, a bha uair ʼnur coigrich, ʼs ʼnur naimhdean a thaobh inntinn ann an droch oibrichean: Ach a nis rinn e sibh reidh ris ʼna chorp feolmhor tromh a bhàs, gus ur tairgse naomh, agus gun smal, agus neo-chiontach ʼna lathair: Ma se ʼs gum fan sibh anns a chreideamh gu suidhichte, ʼs gu steidheil, ʼs gun charachadh bho dhochas an t-soisgeil a chuala sibh, a tha air a shearmonachadh do ʼn h-uile creutair a tha fo neamh, dha ʼn dʼ rinneadh mise Pol na mʼ fhear-frithealaidh; ʼS a tha nis aoibhneach na mʼ fhulangas air ur son, a dianamh suas na bha dhʼ easbhuidh air fulangas Chriosta na mʼ fheoil air son a chuirp-sa, se sin an eaglais: Dha ʼn dʼ rinneadh mise am fhear-frithealaidh a reir riarachadh Dhe, a thugadh dhomh dha ʼr taobhsa, gus mi facal De a choimhlionadh: A mhistire a bha falaichte bho linntean ʼs bho ghinealachdan, ach a tha nis air a follaiseachadh dha ʼnaoimh, Dha ʼn do dheonaich Dia saibhreas gloir na mistire so fhiachuinn am measg nan cinneach, se sin Criosta, unnaibhse dochas na gloire, Esan tha sinn a searmonachadh, a comhairleachadh gach duine, agus a teagasg gach duine leis a h-uile gliocas, gus sinn a h-uile duine fhiachuinn coimhlion ann an Iosa Criosta; ʼSann ri so a tha mi saothrachadh, a stri air reir oibre-san, a tha e g-oibreachadh unnam le cumhachd. Oir is math leam fios a bhith agaibh ciod e an curam a tha mi gabhail dhibh, gus dhiusan a thʼ ann an Laodicéa, ʼs dhe gach aon nach fhaca mo ghnuis san fheoil, Gus an cridheachan a bhith air am furtachadh, ʼs iad air an teagasg ann an carrantachd, agus anns a h-uile saibhreas lanachd tuigse, gu ruighinn air eolas mistire Dhe, an t-Athair, agus Iosa Criosta, Anns a bheil uile ionmhas gliocais agus eolais am falach. A nis tha mi g-radh so, gus nach meall duine air bith sibh le fileantachd cainnte. Oir ged tha mi as an lathair sa choluinn, tha mi maille ribh san spiorad: a gabhail toil-inntinn, ʼsa faicinn ur riaghailte agus steidhealachd ur creidimh, a tha ann an Iosa Criosta. Uime sin mar a ghlac sibh an Tighearna Iosa Criosta, gluaisibh ann, Air ur friamhachadh ʼs air ur togail suas annsan, ʼs air ur daingneachadh an creideamh, ceart mar a dhʼ ionnsuich sibh, a toirt buidheachais dha gu pailt. Seallaibh nach meall duine air bith sibh le teallsanachd ʼs le cealgaireachd fhaoin, a reir bial-aithris dhaoine, a reir ciad ghnath an t-saoghail, ʼs cha n-ann a reir Chriosta: Oir annsan tha uile lanachd na diadhachd a tamh gu corporra: Us tha sibh air ur lionadh leis-san, a tha ʼna cheann air a h-uile prionnsachd agus cumhachd: Anns a bheil sibhse cuideachd timchioll-ghearrte le timchioll-ghearradh, nach dʼ rinneadh le lamhan, a spuilleadh corp na feola, ach le timchioll-ghearradh Chriosta; Agus sibh air ur tiodhlaiceadh maille ris sa bhaisteadh, agus annsan dhʼ eirich sibh a rithist tromh chreideamh dianadas Dhe, a thog bho na mairbh e. Us sibhse, nuair bha sibh marbh ʼnur peacannan, agus ann an neo-thimchioll-ghearradh ur feola, bheothaich e maille ris, a mathadh dhuibh gach uile lochd; A dubhadh as lamh-sgriobhaidh na binn a bha ʼnar n-aghaidh, ʼsa bha cronail duinn, agus thug e as an rathad i, ga fasdadh ris a chrois; ʼSa creachadh phrionnsachdan agus chumhachdan, thug e leis iad gu h-earbsach, a buadhachadh orra gu follaiseach ann fhein. Na tugadh neach air bith ma ta breth oirbh a thaobh bìdh no dibhe, no thaobh latha feille, no gealaich ùire, no sabaid: A tha ʼnam faileas air nichean ri tighinn: ach is le Criosta an corp. Na mealladh duine air bith sibh, le deidh air irioslachd, ʼs air creideamh ainglean, a g-imeachd ann an nichean nach fhac e, a gabhail proise faoin á tuigse fheola fhein, ʼS gun leantuinn ris a cheann, bho bheil a choluinn uile le h-uilt ʼs le ʼfeithean air a riarachadh, ʼs air a daingneachadh, a fàs gu cinneachadh Dhe. Uime sin ma tha sibh marbh maille ri Criosta do chiad oileanachadh an t-saoghail so, car-son a tha sibh fhathast gu ʼr rian mar dhaoine a tha beo san t-saoghal? Na beanaibh, na blaisibh, na laimhsichibh: ʼS gur nichean gu sgrios iad uile le urad ʼs an cleachdadh, a reir orduighean agus teagasgan dhaoine: Nichean gu dearbh air a bheil coltas gliocais ann an saobh-chrabhadh, ʼs ann an irioslachd, ʼs gun chaomhnadh air a choluinn, ʼs gun dad de dhʼ urram ri sasachadh na feola. Uime sin ma dhʼ eirich sibh maille ri Criosta, iarraibh na nichean a tha shuas, far a bheil Criosta ʼna shuidhe air deas laimh Dhe; Biodh ur n-aire air na nichean a tha shuas, cha n-ann air na nichean a tha air talamh. Oir tha sibh marbh, ʼs tha ur beatha air a falach maille ri Criosta ann an Dia. Nuair a chithear Criosta, ur beatha, an sin chithear sibhse maille ris ann an gloir. Claoidhibh mata ur buill a tha air talamh: striopachas, neo-ghloine, mi-gheamnachd, ana-miannan, us sannt, ni is iodhol-aoradh: As an leth so tha fearg Dhe a tighinn air cloinn a mhi-chreidimh; Agus anns an do ghluais sibhse air uair, nuair chaith sibh ur beatha unnta. Ach a nis cuiribh air chul a h-uile ni: fearg, anntlachd, gò, blaisbheum, cainnt dhrabasda a mach as ur bial. Na dianaibh briag dha cheile, a cur dhibh an t-seann duine le ghniomhran, ʼSa cur oirbh an duine ùir, esan a thʼ air ath-nuadhachadh ann an eolas, a reir iomhaigh an Ti, a chruthaich e: Far nach eil cinneach no Iudhach, timchioll-ghearradh no neo-thimchioll-ghearradh, borb-fhear no Sithianach, daoranach no saoranach: ach se Criosta a h-uile ni, agus anns a h-uile ni. Cuiribhse ma ta oirbh, mar dhaoine taghte Dhe, naomh, agus ionmhuinn, innibh na trocaire, caoimhneas, irioslachd, stuamachd, faighidin: A cur suas ri cheile, ʼsa mathadh dha cheile, ma tha aobhar gearain aig neach an aghaidh neach: mar thug an Tighearna mathanas duibh fhein, thugaibhse mathanas mar an ciadna. Ach fos an cionn so uile biodh a charrantachd agaibh, ʼs gur i bann na coimhliontachd, Agus dianadh sith Chriosta aoibhneas ʼnur cridheachan, anns a bheil sibh air ar gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil. Gabhadh facal Chriosta comhnuidh unnaibh gu pailt anns a h-uile gliocas, a teagasg ʼsa g-earalachadh a cheile le sailm, le laoidhean, agus le dàin spioradail, a seinn do Dhia gu grasmhor ʼnur cridheachan. Agus ciod air bith a ni sibh ann am facal, no ʼn gniomh, dianaibh gach ni ann an ainm an Tighearna Iosa Criosta, a toirt taing do Dhia ʼs do ʼn Athair troimh-san. A mhnathan, bithibh umhailt dha ʼr fir, mar is còir, anns an Tighearna. Fheara, thugaibh gaol dha ʼr mnathan, ʼs na bithibh coimheach riu. A chlann, bithibh umhailt dha ʼr parantan anns gach ni: oir tha so taitneach do ʼn Tighearna. Aithriche, na brosnaichibh ur clann gu feirg, eagal gun caill iad am misneach. A sheirbhisich, bithibh umhailt anns a h-uile ni dha ʼr maighistirean a reir na feola, cha n-ann le seirbhis-shula, mar a toileachadh dhaoine, ach le aon-fhillteachd cridhe, ann an eagal De. Ciod air bith ni ris am bi sibh, dianaibh e bho ʼr cridhe, mar do Dhia, ʼs cha n-ann do dhaoine: Le fios a bhith agaibh gum faigh sibh bho ʼn Tighearna duais na h-oighreachd. Do ʼn Tighearna Criosta dianaibhse seirbhis. Oir esan a ni cron, an ni sin a rinn e gu h-olc, gheobh e ga chionn: ʼs cha n-eil Dia gabhail ri pearsa seach pearsa. A mhaighistirean, thugaibh dha ʼr seirbhisich na tha ceart agus freagrach, a tuigsinn gum beil maighistir agaibh fhein air neamh. Bithibh dian ann an urnaigh, a dianamh faire innte le taingealachd: A g-urnaigh air ar son-ne cuideachd, los gum fosgail Dia dorus cainnte dhuinn, gu mistire Chriosta labhairt (air son a bheil mise ann an cuibhrichean), Gus an soilleirich mi i anns an t-seol, san tigeadh dhomh labhairt. Imichibh le gliocas a thaobh na feadhnach a tha muigh, a deagh-bhuileachadh na h-aimsir. Biodh ur comhradh daonnan ciatach, blasda le salunn, los gun tuig sibh ciamar is còir dhuibh a h-uile duine a fhreagairt. Air a h-uile ni dha ʼm thaobhsa, bheir Tichicus, ar brathair ro ghradhach, us fear-frithealaidh dileas, agus co-sheirbhiseach anns an Tighearna, brath dhuibh, A chuir mi gu ʼr n-ionnsuidh a dhʼ aon ghnothach gu fios a bhith aige air na tha tachairt agaibhse, ʼs gu furtachd a thoirt dha ʼr cridheachan, Maille ri Onesimus, brathair ro ghradhach agus dileas, fear dhibh fhein. Air gach ni, a thathas a dianamh an so, bheir iad brath dhuibh. Tha Aristarchus, mo cho-phriosanach, a cur bheannachd h-ugaibh, us Marcus mac brathair-mathar Bharnabais, muʼn dʼ fhuair sibh faintean: ma thig e h-ugaibh, gabhaibh ris: Agus Iesus, ris an canar Iustus, a tha dhe ʼn timchioll-ghearradh; ʼs iadsan a mhain mo luchd-cuideachaidh a thaobh rioghachd Dhe, ʼsa bha ʼnan sòlas domh. Tha Epaphras a cur bheannachd h-ugaibh, fear dhibh fhein, seirbhiseach Iosa Criosta, a tha daonnan curamach as ur leth ʼna urnaighean, gun seas sibh coimhlionta, agus iomlan ann an uile thoil De. Oir tha mi toirt teisteanais air, gum beil e gabhail morain de shaothair ribh, agus riusan a tha ann an Laodicéa, agus riusan ann an Hierapolis. Tha Luc, an leigh ro ghaolach, a cur bheannachd h-ugaibh, us Demas. Cuiribh fàilt air na braithrean a tha an Laodicéa, ʼs air Nimphas, ʼs air an eaglais, a tha ʼna thigh. ʼS nuair a leughar an litir so leibh, faicibh gun leughar i cuideachd ann an eaglais muinntir Laodicéa; ʼs gun leugh sibhse litir muinntir Laodicéa. ʼS abraibh ri Archippus: Thoir an aire do ʼn fhrithealadh, a fhuair thu san Tighearna, gun coimhlion thu e. Beannachd Phoil le mo laimh fhein. Bithibh cuimhneach air mo cheanglaichean, Grasan gun robh maille ribh. Amen. Pol, agus Silbhanus, agus Timoti, do eaglais muinntir Thessalonica ann an Dia an t-Athair, agus anns an Tighearna Iosa Criosta. Grasan gun robh dhuibh agus sith. Tha sinn toirt taing do Dhia daonnan air ur son uile, a cleachdadh cuimhne a dhianamh oirbh ʼnar n-urnaighean gun lasachadh, ʼSa cuimhneachadh air obair ur creidimh, ʼs ur saothair, ʼs ur carrantachd, agus seasmhachd nr dochais ʼnar Tighearna Iosa Criosta, an lathair Dhe agus ar n-Athar: Agus fios againn, a bhraithrean ionmhuinn le Dia, air ur taghadh: Oir cha n-ann am facal a mhain a bha ar soisgeul dhuibh, ach ann an cumhachd, ʼs anns an Spiorad Naomh, am mor lanachd, mar tha fios agaibh ciod e na daoine a bha unnainn ʼnur measg air ur son. Agus rinneadh sibh ʼnur luchd-leanmhuinn oirnn, ʼs air an Tighearna, a glacadh an fhacail ann am moran trioblaide, le sòlas an Spioraid Naoimh: Air chor ʼs gun robh sibh ʼnur sampuill do na creidich uile ann am Macedonia, ʼs ann an Achaia. Oir bhuaibhse sgaoil facal an Tighearna mach, cha n-ann a mhain ann am Macedonia, ʼs ann an Achaia, ach chraobh-sgaoil ur creideamh, a tha ann an Dia, anns gach aite, air chor ʼs nach ruig sinn a leas ni a ghradh. Oir tha iad fhein a g-innse mu ʼr deidhinn, ciod a ghné dhol-a-stigh a bhʼ againn gu ʼr n-ionnsuidh, ʼs mar a thionndaidh sibh bho iodholan gu Dia, gus an Dia beo firinneach a sheirbhiseachadh, Agus gu duil a bhith agaibh ri Mhac bho fhlathanas (a thog e bho na mairbh), Iosa, a shaor sinn bho ʼn fheirg ri tighinn. Oir is eol duibh fhein, a bhraithrean, nach bu diomhain ar dol-a-stigh gu ʼr n-ionnsuidh: Ach air dhuinn fulang roimh sin, ʼsa bhith air ar laimhseachadh gu taireil (mar tha brath agaibh) aig Philippi, bha misneach againn ʼnar Dia gu soisgeul Dhe a labhairt ribh le moran curaim. Oir cha robh ar comhairle mearachdach, no neoghlan, no meallta: Ach mar a thaitinn sinn ri Dia an rathad ʼs gun deach an soisgeul earbsadh ruinn: mar sin tha sinn a labhairt, cha n-ann mar a toileachadh dhaoine, ach Dhe, a tha dearbhadh ar cridheachan. Oir cha do chleachd sinn uair air bith cainnt bhrosgulach, mar tha fios agaibh: ʼs cha do ghabh sinn cothrom air sannt, tha Dia ʼna fhianuis: Cha mhua dhʼ iarr sinn gloir bho dhaoine, bhuaibhse, no bho fheadhainn eile, Ged a dhʼ fhaodadh sinn a bhith ʼnar n-eallach oirbh, mar ostail Chriosta: ʼsann a bha sinn mar chloinn bhig ʼnur miadhon, mar bhanaltruim a g-eiridneadh a cloinne: Cho deidheil bha sinn oirbh, ʼs gun tugadh sinn dhuibh gu toilichte, cha n-e mhain soisgeul De, ach ar n-anman fhein cuideachd: oir bu ro ionmhuinn sibh leinn. Oir tha cuimhne agaibh, a bhraithrean, air ar saothair, ʼs air ar sgios, a g-obair a dhʼ oidhche ʼsa latha, air eagal a bhith cur eallaich air aon agaibh, theagaisg sinn ʼnur measg soisgeul De. Tha sibh fhein ʼnur fianuisean, agus Dia cuideachd, air cho naomh, ʼs cho ceart, ʼs cho neochiontach, ʼsa bha sinn dhuibhse, a chreid: ʼS gur aithne dhuibh, ciamar, a g-achanaich ʼsa furtachadh air gach aon agaibh (mar athair air a chloinn), Rinn sinn fianuis dhuibh sibh a ghluasad gu h-airidh air Dia, a ghairm sibh gu rioghachd fhein, agus gu ghloir. Uime sin tha sinn toirt taing do Dhia gun lasachadh, a chionn, nuair a ghlac sibh facal eisdeachd Dhe bhuainne, gun do ghlac sibh e, cha n-ann mar fhacal dhaoine, ach (mar a tha e gu fior) mar fhacal De, a tha g-oibreachadh unnaibhse, a chreid. Oir rinneadh sibhse, a bhraithrean, ʼnur luchd-leanmhuinn air eaglaisean Dhe, a tha an Iudéa ann an Iosa Criosta: oir dhʼ fhuilig sibhse bho ʼr luchd-ducha na ceart nichean, a dhʼ fhuilig iadsan bho na h-Iudhaich, A mharbh an Tighearna Iosa, araon ʼs na faidhean, ʼsa rinn geur-leanmhuinn oirnne, ʼs nach eil taitneach le Dia, ʼsa tha ʼnan naimhdean do dhaoine uile, A bacail dhuinne labhairt ris na cinnich, gus iad a bhith sabhailte, gus am peacannan a shior-lionadh suas: oir thainig fearg Dhe orra gus a chrioch. Ach air dhuinn, a bhraithrean, a bhith air ar dealachadh bhuaibh car beagan uine, am pearsa, cha n-ann an cridhe, rinn sinn an corr cabhaig le mor dheidh gus ur n-aodann fhaicinn: Oir bha toil againn tighinn gu ʼr n-ionnsuidh: bha sin agamsa, Pol, gu dearbh, uair us uair: ach bhac Satan sinn. Oir ciod e ar dochas, no ar sòlas, no crùn ar gloire? Nach e sibhse an lathair ar Tighearna Iosa Criosta aig a thighinn? Oir is sibhse ar gloir, agus ar sòlas. As leth sin, gun fhaighidin na bʼ fhaide a bhith againn, chunnaic sinn iomchuidh fuireach an Athéne leinn fhein; Agus chuir sinn h-ugaibh Timoti, ar brathair, us fear-frithealaidh Dhe ann an soisgeul Chriosta, gus ur neartachadh, agus ur brosnachadh a thaobh ur creidimh; Gus nach bi neach air bith air a ghluasad anns na trioblaidean so: oir is aithne dhuibh fhein gur ann h-uige so a dhʼ orduicheadh sinne. Oir nuair bha sinn fhathast maille ribh, dhʼ innis sinn dhuibh roimh laimh gum fuiligeadh sinn trioblaidean, ceart mar a thachair, ʼs mar a tha fios agaibh. Uime sin, ʼs mi gun chomas cumail orm fhein na bʼ fhaide, chuir mi a dhʼ fhaighinn brath mu ʼr creideamh: eagal ma dhʼ fhaoidte gun do bhuair am buaireadair sibh, ʼs gum biodh ar saothair-ne gun fheum. Ach a nis nuair thainig Timoti bhuaibhse h-ugainn, ʼsa dhʼ innis e dhuinn ur creideamh, ʼs ur carrantachd, ʼs gum beil deagh chuimhne agaibh oirnn daonnan, us sibh an deidh air ar faicinn, mar tha sinne cuideachd air ur faicinn-sa: As leth sin, a bhraithrean, fhuair sinn furtachd unnaibh sa h-uile càs, agus trioblaid san robh sinn a thaobh ur creidimhse: Oir is beatha dhuinne nis, ma ʼs daingeann san Tighearna sibhse. Oir ciod am buidheachas is urrainn duinn a thairgse do Dhia air ur son leis an aoibhneas sin uile, leis a bheil sinn sòlasach as ur lethse an lathair ar De, A dhʼ oidhche ʼsa latha a g-urnaigh gu ro dhurachdach gum faicemid ur gnuis, ʼs gun dianamaid suas na tha dhith air ur creideamh? A nis gum bʼ e Dia fhein us ar n-Athair-ne, agus ar Tighearna Iosa Criosta, a stiuireas ar rathad gu ʼr n-ionnsuidh. ʼS gun dian an Tighearna lionor sibh, ʼs gum miadaich e sibh gu pailt ann an carrantachd dha cheile, ʼs do dhaoine uile, mar a tha sinn dhuibhse, Gus ur cridheachan a neartachadh gun ghiomh ann an naomhachd, an lathair Dhe agus ar n-Athar, aig tighinn ar Tighearna Iosa Criosta maille ri ʼnaoimh uile. Amen. A bharrachd air so ma ta, a bhraithrean, tha sinn a g-iarraidh ʼsa g-achanaich oirbh anns an Tighearna Iosa, mar a fhuair sibh bhuainne ciamar is còir dhuibh gluasad, agus Dia thoileachadh, gun gluais sibh mar sin, los am barrachd buannachd a bhith agaibh. Oir is aithne dhuibh ciod na reachdan a thug mi dhuibh tromh ʼn Tighearna Iosa. Oir se so toil De, ur naomhachadh-sa: gun seachainn sibh striopachas, Gum bi fios aig gach aon agaibh, a shaghach a ghleidheadh ann an naomhachd, ʼs ann an onair: Cha n-ann an togradh na druise, mar na cinnich, a tha aineolach air Dia; ʼS gun duine air bith a dhianamh eucoir, no mealltaireachd, air a bhrathair ann an gnothach: oir is diughaltair an Tighearna orra sin uile, mar a dhʼ innis sinn dhuibh roimh so, ʼsa thug sinn fianuis: Oir cha do ghairm Dia sinn gu neo-ghloine, ach gu naomhachd. Air an aobhar sin esan a tha cur suarach nan nichean so, cha n-e duine, a tha e cur suarach, ach Dia, a thug cuideachd a Spiorad Naomh dhuinn. Ach a thaobh na carrantachd braithreil, cha ruig sinn a leas sgriobhadh h-ugaibh: oir dhʼ ionnsuich sibh fhein bho Dhia gaol a thoirt dha cheile. Oir gu dearbh tha sibh a dianamh sin do na braithrean uile, a tha ann am Macedonia air fad. Ach tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithrean, sibh tuilleadh fhathast a dhianamh, ʼS gun dian sibh dichioll gu bhith ann am fois, ʼs gun dian sibh ur gnothach fhein, ʼs gun oibrich sibh le ʼr lamhan fhein, mar a chuir sinn mu ʼr coinneamh; ʼs gun gluais sibh gun chron gan taobh-san a tha muigh; ʼs nach gabh sibh deidh air cuid neach air bith. Us cha mhath leinn sibh a bhith aineolach, a bhraithrean, mu ʼn fheadhainn a tha ʼnan cadal, gus nach bi mulad oirbh, cleas na feadhnach eile aig nach eil dochas. Oir ma tha sinn a creidsinn, gun dʼ fhuair Iosa bàs, ʼs gun dʼ eirich e rithist, is amhuil cuideachd a bheir Dia iadsan, a chaidil tromh Iosa, maille ris. Oir tha sinn a g-radh so ribh ann am facal an Tighearna, nach bi sinne, a tha beo, a bhitheas maireann gu tighinn an Tighearna, rompasan a chaidil. Oir thig an Tighearna fhein a nuas à flathanas le ordugh, ʼs le guth an ard-aingil, ʼs le trombaid Dhe; agus eiridh an toiseach na mairbh, a tha ann an Criosta. An sin togar sinne, a bhios beo, a dhʼ fhagadh, suas comhla riu gus na neoil an coinneamh Chriosta anns an athar, ʼs mar sin bithidh sinn an comhnuidh maille ris an Tighearna. Leis a sin thugaibh furtachd dha cheile leis na briathran so. Ach mu na timean ʼs na mionaidean, a bhraithrean, cha n-eil feum agaibh mi sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh. Oir is math is aithne dhuibh fhein, gur ann mar mheirleach san oidhche a thig latha an Tighearna. Oir nuair a their iad: Sith agus tiaruinteachd, an sin thig grad sgrios orra, mar shaothair oirre-sa, a tha leth-tromach, ʼs cha bhi dol as aca. Ach cha n-eil sibhse, a bhraithrean, ann an dorchadas, air chor ʼs gun glac an latha sin sibh mar mheirleach: Oir is clann an t-soluis sibhse uile, agus clann an latha; cha n-ann dhe ʼn oidhche, no dhe ʼn dorchadas sinn. Leis a sin na caidlemid mar chàch, ach dianamaid caithris, us bithemid measarra. Oir iadsan a chaidleas, ʼsann san oidhche a tha iad a cadal; us iadsan a tha air mhisg, ʼsann san oidhche a tha iad air mhisg. Ach sinne a tha dhe ʼn latha, bithemid stuama, a cur oirnn uchd-eideadh a chreidimh ʼs na carrantachd, agus clogaid dochas an t-sabhalaidh: Oir cha dʼ orduich Dia feinn gu feirg, ach gu sabhaladh a chosnadh tromh ar Tighearna Iosa Criosta, A fhuair bàs air ar son, a los, co-dhiu bhios sinn ri caithris, no ʼnar cadal, gum bi sinn beo maille ris. Air an aobhar sin furtaichibh air a cheile; us thugaibh deagh shamhla dha cheile, mar a tha sibh a dianamh. ʼS tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithre, meas a bhith agaibh orrasan, a tha ri saothair ʼnur measg, agus a tha thairis oirbh anns an Tighearna, agus gu ʼr comhairleachadh, Los gum bi am barrachd meas agaibh orra ann an carrantachd air sgath an oibre: biodh sith agaibh riu. Agus tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithrean, cronaichibh luchd-buaireis, thugaibh misneach do ʼn lag-inntinneach, dianaibh taic ris an anfhann, bithibh faighidneach ri daoine uile. Fiachaibh nach diol neach olc an aghaidh an uilc do dhuine air bith: ach daonnan cleachdaibh an ni tha math dha cheile, ʼs do dhaoine uile. Bithibh aoibhneach an comhnuidh. Bithibh ri urnaigh gun lasachadh. Thugaibh taing anns gach ni: oir se so toil De ann an Iosa Criosta dha ʼr taobh uile. Na mùchaibh an Spiorad. Na dianaibh diù de dhʼ fhaisneachd. Cnuasaichibh a h-uile ni: glacaibh an ni tha math. Gleidhibh sibh fhein bho ʼn h-uile seorsa de dhʼ olc; ʼS gum bʼ e Dia na sithe a naomhaicheas sibh tromh gach ni, gus ur spiorad gu h-iomlan, ʼs ur n-anam, agus ur coluinn, a bhith air an gleidheadh gun smal gu tighinn ar Tighearna Iosa Criosta. Tha esan a ghairm sibh dileas; agus ni e sin mar an ciadna. A bhraithrean, guidhibh air ar son-ne. Cuiribh fàilt air na braithrean uile le poig naoimh. Tha mi guidhe oirbh tromh ʼn Tighearna, gun leughar an litir so do na braithrean naomh uile. Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh. Amen. Pol, agus Silbhanus, agus Timoti, do eaglais muinntir Thessalonica ann an Dia ar n-Athair, agus san Tighearna Iosa Criosta. Grasan gun robh dhuibh, agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. Tha mar fhiachan oirnn, a bhraithrean, taing a thoirt do Dhia daonnan air ur son, mar a tha iomchuidh, a chionn gum beil ur creideamh a cinntinn gu h-anabarrach, ʼs gum beil carrantachd lan-phailt aig gach aon agaibh dha cheile: Air chor ʼs gum beil sinn fhein a gabhail uaill asaibh ann an eaglaisean Dhe, as leth ur faighidin, agus ur creidimh, agus ur geur-leanmhuinnean uile, agus ur cruaidh-chàsan, a tha sibh a fulang, Mar shamplair air ceart-bhreitheanas De, los gum measar gur airidh sibh air rioghachd Dhe, air son a bheil sibh a fulang: Oir tha e ceart do Dhia diughaltas a dhianamh orrasan, a tha gu ʼr leireadh: Us fois a thoirt dhuibhse, a tha air ur leireadh, maille ruinne aig foillseachadh an Tighearna Iosa bho neamh maille ri ainglean a chumhachd, Ann an lasair theine, a ni diughaltas orrasan, dha nach aithne Dia, ʼs nach eil umhailt do shoisgeul ar Tighearna Iosa Criosta: A dhʼ fhuiligeas pian shiorruidh ann an leir-sgrios bho ghnuis an Tighearna, ʼs bho ghloir a chumhachd. Nuair thig e gu bhith air a ghlorachadh ʼna naoimh, ʼsa bhith ʼna aobhar ioghnaidh unntasan uile a chreid, a chionn gun deach ar teisteanas-ne a chreidsinn leibhse mu ʼn latha ud. A thaobh sin cuideachd tha sinn a g-urnaigh daonnan air ur son, gun deonaich ar Dia-ne sibhse dhianamh toillteanach air a ghairm, ʼs gun coimhlion e uile thoil a mhathais, agus obair a chreidimh ann an cumhachd, Gu ainm ar Tighearna Iosa Criosta a bhith air a ghlorachadh unnaibh, agus sibhse annsan, a reir grasan ar Dia-ne, agus an Tighearna Iosa Criosta. Agus tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithrean, as leth tighinn ar Tighearna Iosa Criosta, agus ar co-chruinneachaidh ga ionnsuidh, Gun sibh a bhith gu h-ealamh air ur gluasad bho ʼr beachd, no fo gheilt, biodh e le spiorad, no biodh e le facal, no le litir mar air a cur bhuainne, mar gum biodh latha an Tighearna aig laimh. Na mealladh neach air bith sibh an doigh sa bith: oir mur tig bristeadh-a-mach an toiseach, ʼs mur nochdar duine a pheacaidh, mac an sgriosa, A tha cath an aghaidh ʼs ga ardachadh fhein fos cionn a h-uile ni, ris an canar Dia, no dha ʼn toirear aoradh, air chor ʼs gun suidh e ann an teampull Dhe, ga fhiachuinn fhein mar gum bu Dia e. Nach eil cuimhne agaibh gun dʼ innis mi so dhuibh, nuair bha mi maille ribh? ʼS tha fios agaibh a nis ciod a tha bacail e bhith air a thaisbeanadh ʼna àm fhein. Oir tha mistire an uilc a g-oibreachadh a cheana: ach a mhain gun cum esan a tha cumail, gus an toirear as an rathad e. Agus an sin nochdar an droch-aon, a mharbhas an Tighearna Iosa le spiorad a bheoil, agus le dearrsadh a thighinn sgriosaidh e e, Aig a bheil a thighinn a reir oibreachadh shatain, anns a h-uile cumhachd, agus ann an comharran, agus am feartan-breige, Us anns a h-uile claonadh de dhrochbheart dhaibh-san, a tha dol a dhith: a chionn nach do ghabh iad gaol air an fhirinn, gus iad a bhith sabhailte. Air son so cuiridh Dia ga ʼn ionnsuidh oibrichean a mhearrachd, gus iad a bhriag a chreidsinn, Gus iadsan uile a bhith air an diteadh, nach do chreid an fhirinn, ach a dhʼ aontaich do ʼn eucoir. Ach is còir dhuinne daonnan taing a thoirt do Dhia air ur sonsa, a bhraithrean ionmhuinn le Dia, a chionn gun do thagh Dia sibh ʼnur ciad thoradh gu sabhaladh ann an naomhachadh an spioraid, ʼs ann an creideamh na firinn: A dhʼ ionnsuidh na ghairm e sibh leis an t-soisgeul againne, gu ruighinn air gloir ar Tighearna Iosa Criosta. Uime sin, abhraithrean, seasaibh gu daingeann; agus cumaibh na bial-aithrisean, a dhʼ ionnsuich sibh, co-dhiu ʼsann leis an teagasg, no leis an litir againne. A nis gum bʼ e an Tighearna Iosa Criosta, agus Dia ʼs ar n-Athair, a ghradhaich sinn, ʼsa thug sòlas bith-bhuan dhuinn, agus deagh dhochas ann an gras, A bhrosnaicheas ur cridheachan, ʼsa dhaingnicheas sibh, anns a h-uile gniomh, agus facal math. A bharrachd air so, guidhibh air ar son-ne, a bhraithrean, gu facal De a ruith, ʼsa bhith air a ghlorachadh, amhuil mar a tha e ʼnur measgsa, Gus sinne bhith air ar saoradh bho dhaoine draghail agus olca: oir cha n-eil creideamh aig daoine uile. Ach tha Dia dileas, a dhaingnicheas, agus a dhionas sibh bho olc. ʼS tha sinn a g-earbsa asaibh anns an Tighearna, gum beil sibh a dianamh nan nichean a dhʼ àithn sinn oirbh, agus gun dian. ʼS gun stiuir an Tighearna ur cridhe an carrantachd Dhe, ʼs am faighidin Chriosta. Agus tha sinn a sparradh oirbh, a bhraithrean, an ainm ar Tighearna Iosa Criosta, gun dealaich sibh ris a h-uile brathair, a tha gabhail roimhe gu mi-riaghailteach, agus nach ann a reir a bhial-aithris, a fhuair iad bhuainne. Oir is aithne dhuibh fhein ciamar is còir dhuibh sinne a leanailt: oir cha robh sinn mi-riaghailteach ʼnur measg: Cha mhua dhʼ ith sinn aran duine air bith a nasgaidh, ach le obair ʼs le sgios chuir sinn ri saothair, a dhʼ oidhche ʼsa latha, eagal costus a chur air duine agaibh. Cha n-e nach robh comas againn, ach gus sinn fhein a thoirt ʼnar samhla dhuibhse, los ar leantuinn. Oir nuair a bha sinn maille ribh, sparr sinn so oirbh, mur math le duine oibreachadh, na itheadh e. Oir chuala sinn gum beil cuid ʼnur measg, a tha mi-riaghailteach ʼnan dol-a-mach, gun a bhith ri obair sa bith, ach a buntuinn gu neònach ri gnothaichean dhaoine eile. A nis tha sinn a sparradh air a leithid de dhʼ fheadhainn, ʼsa griosad orra tromh ʼn Tighearna Iosa Criosta, iad a chur ri obair le sith, ʼs an aran fhein ithe. Ach sibhse, a bhraithrean, na gabhaibh sgios de mhath a dhianamh. Agus ma tha duine sa bith ann, nach eil umhailt dha ʼr facal-ne san litir so, comharraichibh an duine sin, ʼs na cumaibh cuideachda ris, los gum bi e air a narachadh: A dhʼ aindeoin sin na measaibh e mar namhaid, ach comhairlichibh e mar bhrathair. A nis gum bʼ e Tighearna na sithe e fhein, a bheir sith bhith-bhuan dhuibh anns gach aite. Gum bʼ e an Tighearna a bhios maille ribh uile. Beannachd Phoil le mo laimh fhein: se sin an seul anns a h-uile litir; so mar tha mi sgriobhadh. Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh uile. Amen. Pol, ostal Iosa Criosta, a reir fainte Dhe ar Slanair, agus Iosa Criosta ar dochas, Gu Timoti, a mhac gradhach sa chreideamh. Grasan, trocair, agus sith bho Dhia an t-Athair, ʼs bho Iosa Criosta ar Tighearna. Mar a dhʼ iarr mi ort fuireach an Ephesus, nuair a chaidh mi do Mhacedonia, los gun sparradh tu air cuid de dhʼ fheadhainn, gun iad a bhith teagasg air chaochla doigh, ʼS gun iad a bhith toirt feairt air sgialachdan, ʼs air sloinntearachd gun cheann: nichean is dòcha ceisdean a thogail, na oileanachadh diadhaidh, a tha sa chreideamh. A nis se is crioch do ʼn fhainte carrantachd bho chridhe glan, ʼs bho dheagh chogais, agus bho chreideamh gun fhoill. Bho bheil cuid air dol air seachran, ʼs air tionndadh a leth-taobh gu faoin-labhairt, A sireadh gu bhith ʼnan luchd-teagaisg an lagha, gun a bhith tuigsinn ciod a tha iad a g-radh, no ciod a tha iad a cur an ceill. Ach is aithne dhuinne gum beil an lagh math, ma tha neach a toirt deagh bhuil as: A tuigsinn so, nach deach anlagh athoirt seachad air son an duine cheart, ach air son dhaoine eucorach agus as-umhailt, air son dhaoine mi-dhiadhaidh agus peacach, air son dhaoine aingidh us neoghlan, air son mhurtairean aithrichean, us mhurtairean mhathraichean, agus mhurtairean eile, Air son luchd-diolanais, air son feadhnach a tha gan truailleadh fhein ri firionnaich, air son luchd-goid dhaoine, air son bhriagadairean, air son luchd-mhionnan-eithich, ʼs air son gach ni eile, a tha an aghaidh teagaisg fhallain, A tha a reir soisgeul gloir an De bheannaichte, a chaidh earbsa riumsa. Tha mi toirt taing dha-san a neartaich mi, seadh do Iosa Criosta ar Tighearna, a chionn gun do mheas e mi dileas le mo chur san fhrithealadh so: A bha roimh so am fhear blaisbheum, geur-leanmhuinn, agus taireil: ach rainig mi air trocair Dhe: a chionn gun dʼ rinn mi so gu h-aineolach ann am mi-chreideamh. A nis chinn grasan an Tighearna gu ro-phailt leis a chreideamh ʼsa ghradh, a tha ann an Iosa Criosta. Is facal firinneach so, is fhiach a chreidsinn le uile dhaoine: gun tainig Iosa Criosta thuu an t-saoghail so gu peacaich a shabhaladh, agus is mise an ceann-feadhna: Ach ʼsann air son so a rainig mi air trocair, gu Iosa Criosta a dhʼ fhiachuinn a h-uile faighidin unnamsa an toiseach, los soilleireachadh a thoirt dhaibh a chreideas ann gu beatha shiorruidh. A nis do righ nan linn, neo-bhàsmhor, neo-fhaicinneach, an t-aon Dia, gun robh onair agus gloir a chaoidh nan caoidh. Amen. An fhainte so tha mi g-earalachadh ort, a Thimoti, a mhic, a reir nam faisneachd roimh so as do leth, gun cath thu unnta deagh chath, Le creideamh a bhith agad, agus deagh chogais, a thilg cuid bhuapa ann an rathad ʼs gun dʼ eirich dhaibh long-bhristeadh a thaobh creidimh: Dhiu sin tha Hemenéus, us Alastair, iadsan liubhair mise do shatan, gus iad a dhʼ ionnsachadh gun a bhith ri blaisbheum. Tha mi g-achanaich romh gach ni, gun rachadh achanaichean, urnaighean, eadar-ghuidhe, agus breith-buidheachas a thairg so suas air son dhaoine uile, Air son righrean, us iadsan uile a tha an ard-inbhe, air chor ʼs gun caith sinn ar beatha le samhchair, ʼs le sith, anns a h-uile diadhachd agus geamnachd: Oir tha so math agus taitneach an lathair Dhe ar Slanair, Aig a bheil toil daoine uile a bhith sabhailte, ʼsa thighinn gu eolas air an fhirinn. Oir tha aon Dia ann, agus aon eadar-mhiadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Criosta, A thug e fhein seachad ʼna eirig air son dhaoine uile, ʼna theisteanas ann an àm iomchuidh: H-uige so tha mise air mʼ orduchadh na mʼ shearmonaiche, ʼs na mʼ ostal (tha mi labhairt na firinn, ʼs cha bhriag), fear-teagaisg nan cinneach an creideamh, ʼs am firinn. ʼS aill leam ma ta daoine a dhianamh urnaigh ʼs gach aite, a togail suas lamhan glana gun ghamhlas, gun chonsachadh. Na boirionnaich mar an ciadna, ann an uidheam dhealbhaich, gan sgeadachadh fhein le modhalachd, ʼs le stuaime, cha n-ann le falt ʼna dhuail, no le òr, no le leugan, no le eideadh luachor: Ach, mar a thig do bhoirionnaich, a cleachdadh diadhachd, le deagh oibrichean. Ionnsuicheadh am boirionnach ann an tosdachd leis a h-uile umhailteas. Cha n-eil mi leigeil le boirionnach a bhith teagasg, no uachdranachd a ghabhail air an duine, ach a bhith ʼna tosd. Oir chruthaicheadh Adhamh an toiseach, ʼs an sin Eubha. Agus cha n-e Adhamh a mhealladh: ach si am boirionnach, ʼs i air a mealladh, a bha sa choire. A dhʼ aindeoin sin sabhalar i tromh bhreith cloinne, ma bhuan-leanas i ri creideamh, ʼs ri gradh, ʼs ri naomhachd le stuaime. Is facal firinneach so: Ma tha deidh aig duine sa bith air driachd easbuig, tha a dheidh air obair mhath. Is còir do easbuig ma ta a bhith gun ghiomh, ʼna fhear aona mhna, measarra, glic, deagh bheusach, geamnaidh, fialaidh, ʼna fhear-teagaisg, Gun a bhith ʼna phoitear-fiona, no ʼna fhear-bhuillean, ach modhail, neo-chonspaideach, gun sannt, ach, ʼNa fhear a riaghlas gu math a thigh fhein, a cumail a chloinne fo smachd leis a h-uile geamnachd. Achmur aithnedo dhuine a thigh fhein a rian, ciamar a bheir e an aire air eaglais Dhe? Cha n-ann ʼna ùr-chreideach: air eagal, a g-at le prois, gun tuit e fo bhreitheanas an aibhistir. Cha n-fhuilear dha cuideachd deagh theisteanas a bhith aige bho ʼn fheadhainn a tha muigh, air eagal gun tuit e fo thaire, ʼs an ribe an deomhain. Biodh na deaconan mar an ciadna geamnaidh, gun teanga dhubailte, gun a bhith titheach air moran fiona, no gionach gu buannachd shalaich: A cumail mistire a chreidimh an cogais ghlain. Agus biodh iad sin cuideachd air an dearbhadh an toiseach; ʼs an sin frithealadh iad, gun aon choire fuaighte riu. Mar an ciadna biodh na boirionnaich banail, cha n-ann ri cul-chàineadh, ach stuama, dileas anns a h-uile ni. Biodh na deaconan ʼnam fir aona mhna: a riaghladh gu math an cloinne, ʼs an tighean fhein. Oir iadsan a fhritheil gu math, coisnidh iad dhaibh fhein deagh inbhe, agus mor earbsa anns a chreideamh, a tha ann an Iosa Criosta. Tha mi sgriobhadh so h-ugad ann an dochas tighinn ga dʼ choimhead gu h-aithghearr. Ach ma dhʼ fhanas mi fada, gu fios a bhith agad ciamar is còir dhut thu fhein a ghiulan ann an tigh an De bheo, se sin eaglais an De bheo, steidh agus carragh na firinne. Agus gu beachd is mor mistire na diadhachd, a thaisbeanadh san fheoil, a naomhaicheadh san spiorad, a nochdadh do ainglean, a theagaisgeadh do na cinnich, a chreideadh san t-saoghal, a thogadh gu gloir. A nis tha an Spiorad a g-innse gu soilleir, gum brist cuid a mach bho ʼn chreideamh anns na h-amannan deirionnach, a toirt feairt air spioraid na mearachd agus air teagasgan dheomhan, A labhairt bhriag ann an ceilg, ʼs aig a bheil an cogais mar loisgte le iaruinn teth, A bacail posadh, ʼsa g-orduchadh fuireach bho bhiadhan, a chruthaich Dia gus an gabhail le buidheachas leis na creidich, us leo-san dha ʼn aithne an fhirinn. Oir tha h-uile ni, a chruthaich Dia, math, ʼs cha n-eil ni ri sheachnadh a ghabhar le buidheachas: Oir tha e air a bheannachadh le facal De ʼs le urnaigh. Le cur nan nichean so air shuilean do na braithrean, bithidh tu ad dheagh fhear-muinntir Iosa Criosta, air tʼ àrach le briathran a chreidimh, ʼs leis an deagh theagasg a bhuannaich thu. Ach seachainn uirsgialan gorach sheann mhnathan: agus cleachd thu fhein ri diadhachd. Oir is beag am feum ann an saothair chorporra: ach tha crabhadh feumail air son a h-uile ni, agus tha gealladh aige air a bheatha tha nis ann, ʼs air a bheatha ri tighinn. Is facal firinneach so, a ʼs fhiach gu tur gabhail ris. Air son so ma ta tha sinn ri saothair, ʼs thathas ga ʼr càineadh, a chionn gum beil ar dochas anns an Dia bheo, Slanair dhaoine gu leir, ʼs nan creideach gu h-àraid. Aithn na nichean so, agus teagaisg iad. Na sealladh duine air bith sios air tʼ oige: ach bi ad shamplair do na creidich am facal, an comhradh, an carrantachd, an creideamh, an geamnachd. Gus an tig mise, thoirtʼ aire do leughadh, do chomhairleachadh, ʼs do theagasg. Na dian dearmad air na grasan a tha unnad, a thugadh dhut tromh fhaisneachd, maille ri leagadh lamhan na sagartachd. Cnuasaich na nichean so, leag tʼ uile inntinn orra, los gum bi do leas soilleir do dhaoine uile. Thoir an aire ort fhein ʼs air teagasg: bi durachdach unnta. Oir le so dhianamh, sabhalaidh tu thu fhein araon agus iadsan, a dhʼ eisdeas riut. Na cronaich gu garg duine aosda, ach grios air mar athair: air daoine oga, mar bhraithrean: Air seann mhnathan, mar mhathraichean: air boirionnaich oga, mar pheathraichean leis a h-uile geamnachd: Thoir onair do bhantraichean, a tha ʼnain bantraichean a rireamh. Ach ma tha clann no oghachan aig bantraich air bith, ionnsuicheadh i an toiseach a tigh fhein a riaghladh, agus a dleasnas a dhianamh ri ʼparantan: oir tha so taitneach an lathair Dhe. Ach ise a tha ʼna bantraich a rireamh, ʼs air a fagail leatha fhein, biodh a h-earbsa ann an Dia, us thugadh i i fhein, a dhʼ oidhche ʼsa latha, do dhʼ urnaigh ʼs do dhʼ achanaich: Oir tha ise, a tha tighinn beo an ailghios, marbh ged a tha i beo. Agus cuir so mu ʼn coinneamh, gus iad a bhith gun choire. Ach ma tha duine air bith ann, nach eil a gabhail curaim dhe mhuinntir fhein, dhiusan gu h-araid a tha ʼna thigh, dhʼ aicheadh e an creideamh, agus tha e na ʼs miosa na ana-creideach. Biodh bantrach air a taghadh, nach eil na ʼs lugha na tri fichead bliadhna a dhʼ aois, a bha ʼna mnaoi aon duine, Us teisteanas deagh oibrichean aice, ma thog i a clann gu math, ma ghnathaich i aoidheachd, ma nigh i casan nan naomh, ma fhreasdail i orrasan a tha fo thrioblaid, ma rinn i a h-uile deagh obair le dichioll. Ach seachuinn bantraichean mua ʼs og: oir nuair dhʼ fhasas iad mear an Criosta, is toigh leo posadh, ʼS iad fo dhiteadh, a chionn gun tug iad gu neo-bhrigh an ciad chreideamh. Us comhla ri sin, le bhith diomhain, ionnsaichidh iad dol mun cuairt bho thigh gu tigh: us cha n-e mhain diomhain a tha iad, ach bialach cuideachd, us feorachail, a bruidhinn air nichean nach còir dhaibh. Is math leam ma ta gum pos na bantraichean oga, gum beir iad clann, gum bi iad ʼnam bana-mhaighistirean theaghlaichean, gun aobhar a thoirt do ʼn namhaid air olc a labhairt. Oir thionndaidh cuid air falbh a cheana an deigh shatain. Ma tha bantraichean aig creideach air bith, freasdaileadh e orra, ʼs na biodh an cudthrom air an eaglais; gus am bi ann na dhʼ fhoghnas dhaibh-san, a tha ʼnam bantraichean a rireamh. Biodh na sagairt, a tha riaghladh gu math, air am meas toillteanach air onair dhubailte: gu h-araid iadsan, a tha ri saothair san fhacal, ʼs anns an teagasg. Oir tha an Sgriobtur a g-radh: Na ceangail bial an daimh, a tha saltairt an arbhair; agus: Is airidh an cosnach air a dhuais. An aghaidh sagairt na gabh casaid, ach le dithis, no le triuir fhianuisean. Iadsan a pheacaicheas cronaich ʼnan lathair uile, gu eagal a chur air càch. Tha mi guidhe ort an lathair Dhe, us Iosa Criosta, ʼs nan ainglean taghte, gun cum thu na nichean so gun eisimeil, gun ni dhianamh le claonadh a null no nall. Na leag lamhan air chabhaig air duine sam bith, ʼs na biodh comhphairt agad am peacannan dhaoine eile. Gleidh thu fhein geamnaidh. Na lean na ʼs fhaide air uisge ol, ach cleachd beagan fiona air son do stamaig, us tʼ easlaintean tric. Tha peacannan cuid de dhaoine follaiseach, a gabhail rompa gu breitheanas: us cuid eile, ʼsann tha iad gan leantuinn. Mar an ciadna tha oibrichean matha follaiseach; agus iadsan, a tha air chaochla seoil, cha ghabh an cleith. Feadhainn air bith a tha ʼnan seirbhisich fo chuing, measadh iad gur airidh am maighistirean air a h-uile urram, aireagal ainm an Tighearna ʼsa theagasg a dhʼ fhaighinn toibheum. Ach iadsan aig a bheil maighistirean creideach, na sealladh iad sios orra, a chionn ʼs gur braithrean iad: ach dianadh iad seirbhis dhaibh a raghainn, a chionn iad a bhith ʼnan creidich agus gradhaichte, agus roinn aca dhe ʼn tiodhlac. Teagaisg so, agus comhairlich. Ma tha gin sa bith a teagasg a chaochla, ʼs nach eil a g-aontachadh do fhacail fhallain ar Tighearna Iosa Criosta, ʼs do ʼn teagasg sin a tha a reir diadhachd, Tha e uaibhreach, gun aithne air ni sa bith, ach ʼna bhreislich a thaobh cheisdean, us chonsachaidh mu bhriathran: bho ʼn eirich farmad, deaspud, blaisbheum, agus droch amharusan, Carraidean dh aoin e air an truailleadh ʼnan inntinn, air a bheil an fhirinn a dhith, a saoilsinn gur buannachd diadhachd. Ach is buannachd mhor diadhachd maille ri toil-inntinn. Oir cha tug sinn dad leinn thun an t-saoghail so; agus is cinnteach nach toir sinn dad as. Ach le biadh a bhith againn, us aodach gus ar n-eideadh, bithemid toilichte leo. Oir tuitidh an fheadhainn, a tha ʼn geall air a bhith beairteach, am buaireadh, ʼs an ribe an deomhain, ʼs an iomadh miann gun mhath agus cronail, a tha cur dhaoine fodha gu sgrios ʼs gu diteadh. Oir se deidh air airgiod friamh a h-uile uilc; a sanntachadh so, chaidh cuid air seachran bho ʼn chreideamh, agus ribeadh iad ann an iomadh doruinn. Ach thusa, O dhuine le Dia, teich bhuatha so: agus lean ceartas, creideamh, carrantachd, faighidin, ciuineachd. Cath deagh chath a chreidimh; dian greim air a bheatha shiorruidh, dhʼ ionnsuidh na ghairmeadh thu, ʼs na dhʼ aidicheadh leat deagh aideachadh an lathair moran fhianuisean. Tha mi cur mu dʼ choinneamh an lathair Dhe, a tha beothachadh a h-uile ni, ʼs an lathair Iosa Criosta, a thug teisteanas fo Phontius Pilat, deagh aideachadh, Gun cum thu an fhainte gun smal, gun choire gu tighinn ar Tighearna Iosa Criosta, A nochdas esan ʼna amannan fhein, a tha beannaichte agus ʼna aonar cumhachdach, Righ nan righrean, agus Tighearna nan tighearnan: A tha ʼna aonar neo-bhàsmhor, ʼsa tha tamh ann an solus air nach gabh ruighinn: nach fhaca duine riamh, ʼs nach urrainn do dhuine fhaicinn: dhasan gun robh onair, agus rioghachd shiorruidh. Amen. Orduich do dhaoine beairteach an t-saoghail so, gun iad a bhith ard-aigneach, no earbsa a chur á beartas neo-chinnteach, ach as an Dia bheo (a tha buileachadh oirnn gach ni gu pailt gus am mealtuinn), Math a dhianamh, a bhith beairteach an deagh oibrichean, deas gu toirt seachad, ʼs gu càch a chobhair, Maoin a chur suas dhaibh fhein, bun math mu choinneamh an ama ri tighinn, los gun dian iad greim air an fhior bheatha. O Thimoti, gleidh sin a chaidh earbsa riut, a seachnadh ùr-shuidheachadh ain-diadhaidh bhriathran, us comhstri mu eolas, a thʼ air ainmeachadh mar so gu briagach, Chaidh cuid, le creideas a thoirt da, am mearachd a thaobh creidimh. Grasan gun robh maille riut. Amen. Pol, ostal Iosa Criosta le toil Dhe, a reir gealltanas na beatha, a thʼ ann an Iosa Criosta, Gu Timoti, mac mo mhor ghraidh, grasan, iochd, agus sith gun robh dhut bho Dhia an t-Athair, ʼs bho Iosa Criosta ar Tighearna. Tha mi toirt taing do Dhia, dha ʼm beil mi ri seirbhis bho mʼ aithrichean le cogais ghlain, gum beil mi gun lasachadh, a dhʼ oidhche ʼsa latha, a toirt cuimhne ort na mʼ urnaighean: ʼS mi an geall air tʼ fhaicinn, ʼs cuimhne agam air do dheoir, los gun lionar mi le sòlas, A toirt gu mʼ chuimhne a chreidimh neo-fhoilleil sin a tha unnad, a thuinich an toiseach na dʼ shean-mhathair Lois, agus na dʼ mhathair Eunice, agus, is cinnteach mi, a tha unnad fhein cuideachd. Air an aobhar sin, se mo chomhairle dhut, gum beothaich thu suas grasan De, a tha unnad le leagail mo lamhan-sa. Oir cha tug Dia dhuinn spiorad an eagail, ach na cumhachd, agus a ghraidh, agus na measarrachd. Na gabh nàire ma ta á teisteanas ar Tighearna, no asamsa, a phriosanach: ach saothraich comhla riumsa air son an t-soisgeil, a reir cumhachd Dhe, A shaor sinn, agus a ghairm sinn le ghairm naoimh, cha n-ann a reir ar n-oibrichean, ach a reir a bheachd fhein, ʼsa ghrasan a thugadh dhuinn ann an Iosa Criosta roimh thimean an t-saoghail. Ach a tha nis follaiseach le nochdadh ar Slanair, Iosa Criosta, a chur as do ʼn bhàs, ʼsa thug beatha agus neo-thruailleachd gu soilleireachd leis an t-soisgeul, Anns a bheil mise air mʼ orduchadh na mʼ shearmonaiche, agus na mʼ ostal, agus na mʼ fhear-teagaisg nan cinneach. As leth so cuideachd tha mise fulang nan nichean so, ach cha n-eil nàire orm. Oir is aithne dhomh co dha thug mi creideas, agus is cinnteach mi, gur urrainn da mo thasgaidh a ghleidheadh gus an latha sin. Biodh suidheachadh nam facal fallain agad, a chuala tu bhuamsa ann an creideamh, agus anns a ghradh, a tha ann an Iosa Criosta. Gleidh an deagh thasgaidh tromh ʼn Spiorad Naomh, a tha tamh unnainn. Tha fios agad air so, gun do thionndaidh iadsan uile a tha an Asia air falbh bhuamsa; dhiusan tha Phigellus agus Hermogenes. Gun dian an Tighearna trocair fhiachuinn do thigh Onesiphoruis, a chionn gun dʼ fhurtaich e ormsa gu tric, ʼs nach do ghabh e nàire as mo shlabhruidh: Oir nuair thainig e do ʼn Roimh, shir e air mo shon le dichioll, agus fhuair e mi. Gun deonaich an Tighearna dha gun ruig e air trocair bho ʼn Tighearna san latha sin. Agus is ro mhath tha fhios agad fhein a liuthad ni, anns na fhreasdail e ormsa ann an Ephesus. Bi-sa mata, a mhic, laidir anns na grasan, a thʼ ann an Iosa Criosta; Agus na nichean a chual thu bhuamsa an lathair moran fhianuisean, iad sin earb ri daoine dileas, a bhios freagrach gu daoine eile a theagasg mar an ciadna. Oibrich mar dheagh shaighdear Iosa Criosta. Cha n-eil duine air bith, ʼs e ʼna shaighdcar aig Dia, ga chur fhein an luib ghnothaichean saoghalta: los gun toilich e esan ris an dʼ rinn e fasdadh. Oir cha teid esan, a tha stri air son laimh-an-uachdar, a chrunadh, mur gleachd e gu laghail. Se an tuathanach, a tha ris an obair, is còir an toiseach faighinn de ʼn toradh. Tuig na tha mi g-radh: oir bheir an Tighearna dhut tuigse anns gach ni. Cuimhnich gun dʼ eirich an Tighearna Iosa Criosta bho na mairbh, a tha de shiol Dhài a reir mo shoisgeil-sa, Bis a bheil mi saothrachadh gu ruig ceanglaichean, mar fhear dhroch-ghniomh: ach cha n-eil facal De ceangailte. Uime sin tha mi cur suas leis gach ni air son nan daoine taghte, los gun ruig iadsan cuideachd air an t-sabhaladh, a thʼ ann an Iosa Criosta, maille ri gloir air neamh. Is facal firinneach so: Ma gheobh sinn bàs maille ris, bithidh sinn beo maille ris mar an ciadna: Ma dhʼ fhuiligeas sinn, righichidh sinn comhla ris: ma dhʼ aicheadhas sinn e, aicheadhaidh esan sinne mar an ciadna: Mur creid sinn, thaesan a fantuinn dileas, cha n-urrainn da e fhein aicheadh. Cuir na nichean so ʼnan cuimhne, a toirt fianuis orra an lathair an Tighearna. Na dian consachadh an cainnt: oir cha n-eil feum idir ann, ach gus an luchd-eisdeachd a chur tuathal. Thoir deagh aire gun giulan thu thu fhein taitneach do Dhia, na dʼ fhear oibre nach ruig a leas nàire ghabhail, a cur an ceill facal na firinne mar is còir: Ach seachuinn seanachas faoin agus truaillidh: oir tha sin ʼna bhrosnachadh mor gu mi-dhiadhachd: Oir tha an cainnt a sgaoileadh mar a chneidh: dhiu sin tha Himenéus us Philetus, A thuit air falbh bho ʼn fhirinn, a cantuinn gun deach an aiseirigh seachad a cheana, agus a chuir cuid de dhaoine bharr am buinn a thaobh a chreidimh. Ach tha steidh chinnteach Dhe a seasamh, leis an t-seul so a bhith aice: Is aithne do Dhia a mhuinntir fhein; agus a h-uile fear, a tha gairm air ainm an Tighearna, seachnadh e an t-olc. Ach ann an tigh mor tha saghaichean, cha n-ann a mhain a dhʼ òr, ʼsa dhʼ airgiod, ach de dhʼ fhiodh cuideachd, ʼs de chriadh; ach cuid gu dearbh gu urram, agus cuid gu as-urram. Ma ghlanas ma ta fear e fhein bho na nichean so, bithidh e ʼna shaghach naomhaichte gu urram, agus tarbhach do ʼn Tighearna, deas air son gach deagh ghniomh. Ach teich thusa bho ana-miannan na h-oige: ʼs lean ceartas, dochas, creideamh, carrantachd, agus sith riusan, a tha gairm air an Tighearna le cridhe glan. Agus seachuinn ceisdean faoinʼs gun fhaghlum, us fios agad gun tog iad consachadh. Ach cha chòir do fhear-muinntir an Tighearna a bhith ri comhstri, ach a bhith ciuin ri uile dhaoine, titheach air teagasg, faighidneach, A toirt comhairle le caomhalachd air an fheadhainn, a tha cur an aghaidh na firinne: gun fhios nach toir Dia iad gu aithreachas, gus an fhirinn aithneachadh, ʼS gus iad fhein fhuasgladh bho ribe an deomhain, aig a bheil iad an sàs ʼnam priosanaich mar is aill leis. Biodh fios agad air so cuideachd, gun tig anns na laithean deirionnach amannan cunnartach. Bithidh daoine gaolach orra fhein, sanntach, uaibhreach, ardanach, blaisbheumach, as-umhailt do pharantan, mi-thaingeil, olc, Gun ghaol, gun shith, culchainnteach, mi-gheamnaidh, an-iochdor, gun chaoimhneas, Brathadairean, diorrasach, morchuiseach, nas miannaiche air sogh na air Dia; Air a bheil gu dearbh gné choltas na diadhachd, ach ar g-aicheadh a cumhachd. A nis seachuinn iad sin. Oir ʼsann dhiu iadsan, a dhʼ ialaidheas a stigh do thighean, ʼsa bheir am braighdeanas boirionnaich gun diù, lan pheacannan, air an stiuradh le ioma seorsa thograichean; Daonnan a g-ionnsachadh, gun idir a ruighinn air eolas air an fhirinn. A nis ceart mar a chuir Iannes us Mambres an aghaidh Mhaois: is amhuil a tha iad so a cur an aghaidh na firinne, daoine truaillidh ʼnan inntinn, am mearachd a thaobh creidimh, Ach cha teid iad nas fhaide air an adhart: oir nithear an aimideachd soilleir do dhaoine uile, mar a rinneadh an aimideachd aca-san. Ach fhuair thusa lan-eolas air an teagasg, a chaithe-beatha, a bheachd, a chreideamh, an fhad-fhulangas, a ghradh, an fhaighidin agamsa, Mo gheur-leanmhuinn, mo thrioblaidean; a leithid ʼsa dhʼ eirich dhomh an Antioch, an Iconium, ʼs an Listra; ciod iad na geur-leanmhuinnean a dhʼ fhuilig mi, us asda uile spion an Tighearna mi. Agus iadsan uile, leis an toil am beatha a chaitheamh gu diadhaidh ann an Iosa Criosta, fuiligidh iad geur-leanmhuinn. Ach fàsaidh droch dhaoine agus mealltairean nas miosa ʼs nas miosa, a dol air seachran, ʼsa cur air seachran. Ach lean thusa ris na nichean a dhʼ ionnsuich thu, ʼsa dhʼ earbadh riut: ʼs fios agad co bhuaithe a dhʼ ionnsuich thu iad: Agus gum bʼ aithne dhut bho tʼ oige na Sgriobtuirean naomh, a ʼs urrainn do theagasg gu sabhaladh, leis a chreideamh a thʼ ann an Iosa Criosta. Tha h-uile sgriobtur, a thʼ air a dheachdadh le Dia, feumail gu teagasg, gu cronachadh, gu smanhdachadh, gu oileanachadh ann an ceartas: Los an duine aig Dia a bhith coimhlionta, ionnsuichte mu choinneamh gach deagh oibre. Tha mi sparradh ort an lathair Dhe agus Iosa Criosta, a tha gu breth a thoirt air bheo ʼs air mhairbh aig a thighinn, agus ʼna rioghachd: Searmonaich am facal, bi dian an cothrom, ʼs an ana-cothrom: cronaich, earalaich, maoith leis a h-uile faighidin agus teagasg. Oir thig an t-àm anns nach fuilig iad teagasg fallain, ach a reir am miann gun cam iad suas dhaibh fhein luchd-teagaisg le cluasan tachasach, Agus tionndaidh iad gu dearbh an cluasan bho ʼn fhirinn, ach tionndaidhear iad gu faoin-sgialachdan. Ach bi-sa furachail, ri saothair anns gach cuis, dian gniomh soisgeulaiche, coimhlion do dhriachd. Bi stuama. Oir tha mise deas a nis gu bhith air mʼ iobradh, ʼs tha àm mʼ fhuasgladh bho ʼn choluinn aig laimh. Chath mi deagh chath, chriochnaich mi mo chuairt, ghleidh mi an creideamh. Air chul so tha crùn a cheartais a feitheamh orm, a bheir an Tighearna, am britheamh ceart, dhomh air an latha sin: ʼs cha n-ann dhomh-sa mhain, ach dhaibh-san cuideachd, leis an toil a thighinn. Dian cabhag gu tighinn h-ugam gun dail. Oir threig Demas mi, le ro-thoil a bhith aige do ʼn t-saoghal so, ʼs thug e Thessalonica air; Chaidh Crescens do Ghalatia, Titus do Dhalmatia. Tha Lucas ʼna aonar maille rium. Gabh Marcus, us thoir leat e: oir tha e gu feum dhomhsa san fhrithealadh. Ach chuir mi Tichicus do Ephesus. An cleoc, a dhʼ fhag mi aig Troas maille ri Carpus, thoir leat nuair a thig thu, agus na leabhraichean, ach fos leth na craicinnean-sgriobhaidh. Rinn Alastair, an ceard-copair, moran de dhʼ olc ormsa: paidhidh an Tighearna e a reir oibrichean: Agus seachuinn thusa e; oir is mor a chuir e an aghaidh ar briathran-ne. Aig mo chiad cheasnachadh cha do sheas duine leam, ach threig iad uile mi: na cuirear as an leth e. Ach sheas an Tighearna ri mʼ thaobh, agus neartaich e mi, los gun coimhlionar an teagasg leam, agus gun cluinn na cinnich uile e; agus theasraigeadh mi á bial an leomhain. Shaor an Tighearna mi bho ʼn h-uile droch obair, agus gleidhidh e mi gus a rioghachd fhein air neamh, dhasan gun robh gloir ri linn nan linn. Amen. Cuir fàilt air Prisca, ʼs air Acuila, agus air teaghlach Onesiphoruis. Dhʼ fhuirich Erastus aig Corint. Us dhʼ fhag mi Trophimus gu tinn aig Miletus. Greas gu tighinn romh ʼn gheamhradh. Tha Ebulus, us Pudens, us Linus, us Claudia, agus na braithrean gu leir a cur bheannachdan ga tʼ ionnsuidh. Gun robh an Tighearna Iosa Criosta maille ri do spiorad. Grasan gun robh maille ribh. Amen. Pol, seirbhiseach Dhe, us ostal Iosa Criosta, a reir creideamh dhaoine taghte le Dia, ʼs aideachadh na firinne, a tha a reir diadhachd: Gu dochas na beatha siorruidh, a gheall Dia, nach dian briag, roimh thimean an t-saoghail: Ach a shoilleirich ʼna amannan fhein fhacal fhein leis an teagasg, a dhʼ earbadh riumsa a reir fainte Dhe ar Slanair: Gu Titus mo mhac gradhach a reir a chreidimh choitchionn, grasan agus sith dhut bho Dhia an t-Athair, ʼs bho Iosa Criosta ar Slanair. Air son so dhʼ fhag mi ann an Crete thu, gus thu chur air doigh na tha a dhʼ easbhuidh, ʼs gu sagairt orduchadh anns a h-uile baile, mar a dhʼ orduich mise thusa. Ma tha h-aon sa bith gun choire, fear aona mhna, ʼsa chlann creideach, gun raoitearachd a bhith ga cur as a leth, no as-umhlachd: Oir is còir gum bi easbuig gun choire, mar stiubhart Dhe: gun a bhith ardanach, gun a bhith air a thoirt do dhʼ fheirg no do dhʼ fhion, no ʼna fhear-bualaidh, gun a bhith sanntach air buannachd shalaich: Ach a cleachdadh aoidheachd, caoimhneil, stuama, ceart, naomh, geamnaidh, A gabhail ris an fhacal fhirinneach sin, a tha a reir teagaisg, gus e bhith comasach air comhairle a thoirt ann an teagasg fallain, ʼs air comhdach orrasan a tha cur ʼna aghaidh. Oir tha iad lionor a tha as-umhailt, ʼnan luchd faoin-chainnte, agus ʼnam mealltairean: gu h-àraidh iadsan, a tha de ʼn timchioll-ghearradh; A dhʼ fheumar cur ʼnan tosd; a tha tilgeadh thighean iomlan bun os cionn, a teagasg nichean nach còir air son buannachd mosaiche. Thuirt fear dhiu fhein, faidh dhiu: Tha na Cretich an comhnuidh briagach, ʼnan droch bheistean, ʼnam bronnaichean leisg. Tha an teisteanas so fior. As leth so cronaich gu giar iad, gus iad a bhith fallain sa chreideamh, Gun iad a bhith a toirt feairt air sgialachdan Iudhach, ʼs air faintean dhaoine, a tha gan tionndadh fhein bho ʼn fhirinn. Tha h-uile ni glan dhaibh-san a tha glan: ach dhaibh-san, a tha salach us mi-chreideach, cha n-eil nì glan, ach tha an inntinn mar-aon ʼs an cogais truaillidh. Tha iad a gabhail orra fhein gur aithne dhaibh Dia, ach ʼnan dianadas tha iad ga aicheadh, le iad a bhith graineil, ʼs mi-chreideach, agus fuathach air a h-uile deagh obair. Ach labhair thusa na nichean a tha freagrach do theagasg fallain: Gum bi daoine aosda measarra, geamnaidh, glic, fallain an creideamh, an gradh, am faighidin: Boirionnaich aosda mar an ciadna ann an earradh naomh, gun a bhith ri casaidean briagach, gun a bhith cleachdadh moran fiona, a teagasg gu math, Los gun ionnsuich iad do na boirionnaich oga a bhith ciallach, gun toir iad gaol dha ʼm fearaibh, gaol dha ʼn cloinn, A bhith turail, geamnaidh, measarra, a gabhail curaim dhe ʼn tigh, suairc, umhailt dha ʼm fearaibh, gus nach fhaigh facal De toibheum: San doigh chiadna thoir comhairle air daoine oga, iad a bhith measarra. Anns gach ni fiach thu fhein na dʼ shamplair dheagh oibrichean, ann an teagasg, an treibhdhireachd, an stoldachd, Cainnt fhallain, neo-choireach; los sgàth a chur air-san, a tha air chaochla beachd, nuair nach eil e ʼna choinas ni air olc a radh mu ʼr deidhinn: Comhairlich seirbhisich a bhith umhailt dha ʼm maighistirean, anns a h-uile ni gan toileachadh, gun bhruidhinn air ais, Gun mhealltaireachd, ach gam fiachuinn fhein anns gach ni fior-dhileas, gus iad a bhith anns gach cuis ʼnan urram do theagasg Dhe ar Slanair. Oir nochdadh grasan De ar Slanair do dhaoine uile, Ga ʼr teagasg sinn a thighinn beo san t-saoghal so gu measarra, ʼs gu ceart, ʼs gu diadhaidh, a cur cuil ri mi-dhiadhachd, agus ri miannan saoghalta, Le duil ris an dochas bheannaichte, agus ri tighinn gloir an De mhoir, agus ar Slanair Iosa Criosta, A thug e fhein seachad air ar son, los gun saoradh e sinn bho ʼn h-uile olc, ʼs gun glanadh e dha fhein pobull taitneach, luchd-leanmhuinn dheagh oibrichean. Labhair, us earalaich, us cronaich na nichean so, leis a h-uile ughdaras. Na sealladh duine air bith sios ort. Comhairlich dhaibh a bhith umhailt do dhʼ uachdrain ʼs do chumhachdan, iad a fhreagairt gu h-ealamh, iad a bhith deas gus a h-uile deagh obair, Gun olc a labhairt air duine air bith, gun a bhith conasach, ach caomh, a fiachuinn a h-uile caoimhneis ri daoine uile. Oir bha sinn fhein air uair mi-thoinisgeach, mi-chreideach, seachranach, ʼnar traillean do iomadh miann agus ailleas, a tighinn beo an goimh ʼs am farmad, airidh air fuath, ʼsa toirt fuatha dha cheile. Ach nuair a nochdadh mathas us caoimhneas De ar Slanair; Cha n-ann as leth oibrichean ceartais, a rinn sinne, ach a reir a throcaire fhein shabhail e sinn, le glanadh na h-ath-bhreith, agus le ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh, A thaom e oirnn gu pailt, tromh Iosa Criosta ar Slanair; Los gum bi sinn, us sinn air ar naomhachadh le ghrasan-sa, ʼnar n-oighreachan a reir dochas na beatha siorruidh. Is facal firinneach so; agus is math leam thu na nichean so a chomhdach, gus iadsan, a tha creidsinn ann an Dia, a bhith adhartach gu bhith barraichte ann an deagh oibrichean. Tha na nichean so math, agus tarbhach do dhaoine. Ach seachuinn ceisdean aimideach, us sloinntearachd, us consachadh, us stri mu ʼn lagh: oir is nichean gun tairbhe agus faoin iad. Seachuinn fear, a tha ʼna eiriceach, an deigh a chiad ʼs an ath chronachaidh: A tuigsinn gum beil a leithid so de dhuine air aimhreidh, ʼsa peacachadh, bhon a tha e air a dhiteadh le bhreth fhein. Nuair a chuireas mi h-ugad Artemus, no Tichicus, dian cabhag gu tighinn gam ionnsuidh do Nicopolis: oir chuir mi romham an geamhradh a chaitheamh an sin. Cuir Senas am fear-lagha, agus Apollo air an adhart gu curamach, gus nach bi ni a dhith orra. Agus ionnsuicheadh na fir againne cuideachd a bhith adhartach ri deagh oibrichean gus am feum riatanach, gus nach bi iad gun toradh. Tha iadsan uile, a tha maille rium, a cur bheannachdan ad ionnsuidh: cuir fàilt orrasan uile, aig a bheil gaol oirnn anns a chreideamh. Grasan De gun robh maille ribh uile. Amen. Pol, priosanach Iosa Criosta, us Timoti, brathair, gu Philemon gradhach agus ar co-oibriche, ʼS gu Appia ar piuthar ro ionmhuinn, ʼs gu Archippus ar co-shaighdear, agus gus an eaglais, a tha na dʼ thigh. Grasan gun robh dhuibh, us sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta. Tha mi toirt tainge dha mo Dhia, a toirt cuimhne ort daonnan na mʼ urnaighean, ʼS mi cluinntinn mu dʼ charrantachd, ʼs mu ʼn chreideamh a thʼ agad anns an Tighearna Iosa, ʼsa thaobh nan naomh uile, Gu comh-phairteachadh do chreidimh a dhianamh soilleir le aideachadh gach deagh ghniomh, a thʼ unnaibh ann an Iosa Criosta. Oir bu mhor mo thoil-inntinn ʼs mo shòlas as do charrantachd: a chionn gun robh innidh nan naomh air am furtachadh leatsa, a bhrathair. As leth sin ʼs mi am mor earbsa, ann an Iosa Criosta, an ni a tha iomchuidh àithneadh ort: ʼSann is docha leam guidhe ort as leth na carrantachd, bhon a tha thu aosda mar Phol, a tha nis cuideachd am phriosanach air son Iosa Criosta: Tha mi guidhe ort air son mo mhic Onesimus, a ghineadh dhomh na mʼ shlabhruidhean, A bha air uair neo-tharbhach dhut, ach a tha nis tarbhach dhomhsa mar-aon us dhutsa, A chuir mi air ais ad ionnsuidh. Agus gabh-sa ris, mar ri mʼ innibh-sa: Bʼ aill leam a chumail maille rium fhein, gu frithealadh dhomh na dʼ aite fhein na mʼ chuibhrichean air son an t-soisgeil: Ach gun do chomhairle cha bu mhath leam ni a dhianamh, gus do dheagh ghniomh a bhith, cha n-ann air eiginn mar gum bʼ eadh, ach le do thoil. Oir ma dhʼ fhaoidte gur h-ann air son so a dhealaich e riut car tamuill, gus thu ga fhaighinn a rithist a chaoidh tuille, Cha n-ann a nis mar sheirbhiseach, ach, an aite seirbhisich, ʼna bhrathair ro ghradhach, gu h-àraid leamsa: ach nach mor nas mua na sin leatsa, araon anns an fheoil agus anns an Tighearna? Uime sin ma mheasas tu mise mar chompanach, gabh ris-san, mar rium fhein: Agus ma rinn e call sa bith ort, no ma tha e fo fhiachan dhut, cuir sin sios am aghaidhse. Sgriobh mise, Pol, so le mʼ laimh fhein: paidhidh mise e, gun a radh riut gu bheil thu fhein agam mar fhiachan ort: Tha, a bhrathair. Gum meal mi thu san Tighearna: Furtaich air mʼ innibh anns an Tighearna. A g-earbsa as tʼ umhailteas sgriobh mi ga dʼ ionnsuidh, le fios cuideachd gun dian thu tuille na tha mi g-radh. Agus comhla ri so, dian deas cuideachd cairtealan dhomhsa: oir tha mi g-earbsa tromh ur n-urnaighean gun toirear dhuibh mi. Tha Epaphras mo cho-phriosanach ann an Iosa Criosta a cur bheannachd h-ugad, Us Marcus, Aristarchus, Demas, agus Lucas, mo luchd-co-oibre. Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ri ʼr Spiorad. Amen. Dia, a labhair air iomadh àm, ʼs air iomadh seol, bho shean ris na h-aithrichean leis na faidhean: Mu dheireadh uile labhair e ruinne anns na laithean so le Mhac, a dhʼ orduich e ʼna oighre air a h-uile ni, ʼs leis an dʼ rinn e an saoghal cuideachd: Agus bhon is e dearrsadh a ghloir us dealbh a shusbuinn, ʼs e cumail suas gach ni le facal a chumhachd, a glanadh air falbh pheacannan, a tha ʼna shuidhe air laimh dheis na moralachd anns na h-ardaibh: ʼSe air a dhianamh cho fad nas fhearr na na h-ainglean ʼsa tha an t-ainm, a shealbhaich e mar oighre, nas urramaiche na iadsan. Oir co de na h-ainglean ris an tuirt e uair air bith: Is tu mo Mhac, an diugh ghin mi thu? ʼSa rithist: Bithidh mi dha na mʼ Athair, us bithidh esan domhsa ʼna Mhac? ʼSa rithist nuair tha e toirt a chiadghin thun an t-saoghail, tha e g-radh: Agus thugadh ainglean De uile aoradh dha. Agus ris na h-ainglean gu dearbh tha e g-radh: Esan a tha dianamh ʼainglean ʼnan spioraid, agus a sheirbhisich ʼnan lasair theine. Ach ri Mhac: Tha do chathair, a Dhia, gu linn nan linn; slat a cheartais, si slat-rioghail do rioghachd-sa. Thug thu gaol do ʼn cheartas, agus fuath do ʼn eucoir: air son sin dhʼ ung Dia do Dhia thu le ola an t-sòlais fos cionn do luchd-chomhphairt. Agus: San toiseach steidhich thusa, a Thighearna, an talamh; agus na neamhan ʼsiad obair do lamh. Teirigidh iadsan, ach mairidh thusa; agus fàsaidh iad uile sean mar eideadh: ʼS mar thrusgan atharraichidh tu iad, agus bithidh iad air an atharrachadh: ach tha thusa mar, a bha, agus do bhliadhnaichean cha teirig. Ach co de na h-ainglean ris an tuirt e uair air bith: Suidh thusa air mo laimh dheis, gus an dian mi do naimhdean ʼnan stol do chas? Nach spioraid-fhrithealaidh iad uile, air an cur a fhrithealadh dhaibh-san, a ghlacas oighreachd an t-sabhalaidh? As leth sin is còir dhuinn na nichean a chuala sinn a chumail le barrachd dichill, air eagal ma dhʼ fhaoidte gun leig sinn ruith leo. Oir ma rinneadh am facal, a chaidh a labhairtle ainglean, steidheil, ʼs ma fhuair a h-uile coire agus as-umhlachd a cheart dhuais, a thoill iad, Ciamar a bhios dol as againn, ma ni sinn dearmad air sabhaladh cho mor? a chaidh innse an toiseach leis an Tighearna, ʼsa chaidh dhaingneachadh dhuinn leo-san a chuala e, Dia fhein a togail fianuis dhaibh le comharraidhnean, ʼs le beartan iongantach, ʼs le ioma miarailt, agus le riarachadh grasan an Spioraid Naoimh a reir a thoil fhein. Oir cha do chuir Dia an saoghal a tha ri tighinn, air a bheil sinn a labhairt, fo smachd nan aingeal. Ach an aite araid thug fear teisteanas, a g-radh: Ciod e an duine, gum beil thu cuimhneach air, no mac an duine, gum beil thu sealltuinn air? Rinn thu e beagan nas isle na na h-ainglean, chrun thu e le gloir agus le onair: agus shuidhich thu e thairis air oibrichean do lamh. Chuir thu a h-uile ni fo chasan. Oir le cur gach ni fo a smachd, cha dʼ fhag e ni gun a chur fodha. Ach fhathast cha n-eil sinn a faicinn gach ni fo a smachd. Ach tha sinn a faicinn Iosa, a rinneadh beagan nas isle na na h-ainglean, as leth fulangas a bhàis air a chrunadh le gloir ʼs le onair: los le grasan De gum blaiseadh e air a bhàs air son nan uile. Oir thigeadh dhasan, air son am beil nichean uile, us troimh am beil nichean uile, ʼsa thug moran cloinne gu gloir, gun dianteadh ughdair an t-sabhalaidh coimhlionta le a phàis. Oir esan a tha naomhachadh, us iadsan a tha air an naomhachadh, ʼsann bho a h-aon iad uile. Air an aobhar sin cha nàr leis braithrean a chantuinn riu, a g-radh: Innsidh mi tʼ ainm dha mʼ bhraithrean: am miadhon na h-eaglaise molaidh mi thu. ʼSa rithist: Cuiridh mi mo dhochas ann. ʼSa rithist: Faic mise, ʼs mo chlann, a thug Dia dhomh. A bhrigh ma ta gum beil a chlann a comh-phairteachadh de dhʼ fheoil ʼs de dhʼ fhuil, is amhuil sin a ghabh e fhein comh-roinn sna nichean ciadna: los le bhàs gun sgriosadh e esan aig an robh cumhachd a bhàis, se sin an deomhan; Agus gun saoradh e iadsan, a bha le eagal a bhàis, ré am beatha gu leir, buailteach do dhaorsa. Oir cha dʼ rinn e idir greim air na h-ainglean, ach rinn e greim air siol Abrahaim. Bho sin bu choir dha anns gach ni a bhith diante coltach ri bhraithrean, gus e bhith ʼna ard-shagart iochdor, agus dileas a thaobh Dhe, los reite a dhianamh air son ciontan an t-sluaigh. Oir le feart fhulangais fhein ʼsa bhuairidh, tha e comasach air iadsan, a tha fo bhuaireadh, a chomhnadh. Air an aobhar sin, a bhraithrean naomha, aig am beil comh-phairt anns a ghairm fhlathasaich, gabhaibh beachd air ostal ʼs ard-shagart ar n-aideachaidh, Iosa: A tha dileas dhasan a rinn e, mar a bha Maois fhein ʼna thigh uile. Oir mheasadh e so ʼna airidh air tuille gloire na Maois, a reir ʼs mar is fhiach esan, a thog an tigh, barrachd onaire na an tigh fhein. Oir tha h-uile tigh air a thogail le fear no fear: ach esan a chruthaich a h-uile ni, se Dia. Agus bha Maois gu dearbh dileas ʼna thigh uile mar sheirbhiseach, gu teisteanas a thoirt air na bha ri ʼn labhairt: Ach bha Criosta mar mhac ʼna thigh fhein: agus is sinne an tigh sin, ma chumas sinn gu teann earbsa agus gloir an dochais gus a chrioch. Uime sin mar tha an Spiorad Naomh a g-radh: An diugh ma chluinneas sibh a ghuth, Na cruadhaichibh ur cridheachan mar anns an fheargachadh, ann an latha a bhuairidh san fhasach, Far na bhuair ur n-aithrichean mi: dhearbh us chunnaic iad mo ghniomhan. Fad dafhichead bliadhna: as leth sin bha diumb agam ris a ghinealach so, us thuirt mi: Tha iad daonnan air seachran ʼnan cridhe. Agus mo rathnidean-sa cha bʼ aithne dhaibh, Mar a mhionnaich mi na mʼ fheirg: Ma theid iad a stigh dha mʼ fhois. Seallaibh, a bhraithrean, air eagal ma dhʼ fhaoidte gum bi droch cridhe a mhi-chreidimh ann am fear no fear agaibh, gus an Dia beo a threigsinn: Ach brosnaichibh gach a cheile a h-uile latha, fhad ʼsa theirear An diugh ris, gus nach cruadhaichear gin dhibh le mealltaireachd a pheacaidh. Oir rinneadh comh-phairtiche Chriosta dhinn: ach ʼsann, ma se ʼs gun gleidh sinn toiseach a shusbuinn gu daingeann gus a chrioch. Am feadh a theirear: An diugh ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridheachan, amhuil mar san fheargachadh sin. Oir chuir cuid a chuala fearg air; ach cha dʼ rinn iad uile so, a thainig a mach as an Eiphit le Maois. Ach co ris a bha dhiumb fad dàfhichead bliadhna? Nach ann riusan a pheacaich, ʼs dha na laidh an closaichean san fhasach? Agus co dha ʼn do mhionnaich e nach rachadh iad a stigh gu fhois, ach dhaibh-san a bha mi-chreideach? ʼS tha sinn a faicinn, nach bʼ urrainn daibh dol a stigh, as leth am mi-chreidimh. Bithemid fo fhiamh ma ta, air eagal, le gealltanas dol a stigh gu fhois a threigsinn, gun saoilear gum biodh a h-aon air bith agaibh a dhʼ easbhuidh. Oir chaidh a shoisgeulachadh dhuinne, ceart mar dhaibh-san: cha dʼ rinn am facal a chualas stà dhaibh-san, a bhrigh nach robh e air a mheasgachadh le creideamh leo-san a chuala e, Ach theid sinn a chreid a stigh gu fois; mar a thuirt e: Mar a mhionnaich mi na mʼ fheirg: Ma theid iad a stigh dha mʼ fhois; agus so gu dearbh nuair a bha oibrichean cruthachudh an t-saoghail air an criochnachadh. Oir an aite araid labhair e mar so mu ʼn t-seachdamh latha: Agus ghabh Dia tamh air an t-seachdamh latha bho ʼoibrichean uile. Us anns an aite so rithist: Ma theid iad a stigh dha mʼ fhois. A faicinn ma ta gum beil cuid ri dol a stigh innte, ʼs nach deach iadsan, dha ʼn do theagaisgeadh i an toiseach, a stigh innte le cion creidimh: A rithist tha e comharrachadh a mach latha araid, ʼs e cantuinn ann an Dài, An diugh, an deigh uine cho fada mar a dhʼ innseadh a cheana: An diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridheachan. Oir nam biodh Iosue air fois a thoirt dhaibh, cha labhradh e idir an deigh sin mu latha eile. Le sin tha la, tha foise a feitheamh air pobull De. Oir esan a chaidh a stigh gu fhois, ghabh e tamh bho ʼoibrichean, ceart mar a ghabh Dia bho oibrichean fhein. Greasamaid oirnn ma ta gu dol a stigh do ʼn fhois sin: air eagal gun tuit neach air bith ann an samhladh a mhi-chreidimh chiadna. Oir tha facal De beo us feartach, ʼs nas druidhtiche na claidheamh dà fhaobharach air bith, ʼsa ruighinn gu sgaradh an anma ʼs an spioraid, nan alt cuideachd ʼs an smeara, agus a leirsinn smaointean us run a chridhe. Agus cha mhua tha creutair sa bith am falach air a shealladh: ach tha h-uile ni lom us nochd fo shuilean an tì air a bheil sinn a labhairt. Uime sin, bho na tha ard-shagart mor againn, a chaidh a stigh do fhlathanas, Iosa Mac Dhe, cumamaid gu daingeann ar n-aideachadh. Oir cha n-eil ard-shagart againn, dha nach urrainn truas a ghabhail ri ar laigsichean: ach a h-aon a bhuaireadh anns gach ni coltach ruinn fhein, saor bho pheacadh. Gabhamaid ma ta le earbsa gu cathair nan gras, los gun ruig sinn air trocair, ʼs gum faigh sinn grasan gu comhnadh trathail. Oir tha h-uile ard-shagart air a thoirt á measg dhaoine, agus air orduchadh air son dhaoine anns na nichean a tha a thaobh Dhe, gu tobhartasan agus iobairtean a thairgse suas air son pheacannan: Aʼs urrainn truas a ghabhail riusan a tha aineolach agus air seachran: a chionn gum beil e fhein cuideachd air a chuairteachadh le laigse: Agus le sin is còir dha, ceart mar air son a phobuill, amhuil cuideachd air a shon fhein tairgseadh suas air son pheacannan. Cha mhua tha duine air bith a gabhail na h-onaire so dha fhein, ach esan a tha air a ghairm le Dia, mar a bha Aaron. Mar sin cuideachd cha do ghloraich Criosta e fhein gu bhith air a dhianamh ʼna ard-shagart, ach esan a thuirt ris: Is tu mo Mhac, an diugh ghin mi thu. Mar a tha e g-radh cuideachd an aite eile: Tha thu na dʼ shagart gu brath a reir ordugh Mhelchisedeic. Neach ann an laithean a fheola, a cur suas urnaighean agus achanaich le cruaidh ghaoir, ʼs le deoir ris-san, a bha comasach air a thearnadh bho ʼn bhàs, fhuair e eisdeachd as leth a mhor mhodh. Agus bhon a bʼ e ga rireamh Mac Dhe, dhʼ fhaghluim e umhlachd bho na nichean a dhʼ fhuilig e; ʼS an deigh dha criochnachadh, bha e ʼna aobhar sabhalaidh shiorruidh dhaibh-san uile, a tha umhailt dha, Air a ghairm le Dia ʼna ard-shagart a reir ordugh Mhelchisedeic. Mu bheil moran againn ri radh, agus tha e duilich ri innse ann an cainnt a thuigear: a chionn ʼ s gun dʼ fhas sibh lag gu eisdeachd. Oir ged bu chòir dhuibh a bhith a thaobh an ama ʼnur maighistirean, ʼsann tha feum agaibh air ur teagasg a rithist, ciod iad ciad phongan facail Dhe; ʼs gun dʼ fhàs sibh ʼnur sluagh aig a bheil feum air bainne, ʼs cha n-ann air biadh laidir. Oir tha, a h-uile h-aon a tha gabhail bainne, aineolach air facal a cheartais: oir is naoidhean e. Ach tha biadh laidir air son dhaoine coimhlionta, aig a bheil an ceudan, le neart cleachdaidh, ionnsuichte ri math us olc a dhealachadh bho cheile. Air an aobhar sin a leigeil seachad ciad-thoiseach teagasg Chriosta, gabhamaid air ar n-adhart gu nichean nas coimhlionta, gun a bhith a rithist a leagadh steidh an aithreachais bho oibrichean marbha, agus creidimh a thaobh Dhe, Teagasg nam baisteadh, us leagadh lamhan, ʼs aiseirigh nam marbh, agus a bhreitheanais shiorruidh. Agus ni sinn so, ma leigeas Dia sin leinn. Oir is ni nach gabh dianamh, iadsan, a chaidh aon uair a shoilleireachadh, ʼsa bhlais a ghibht fhlathasach, ʼsa ghlac an Spiorad Naomh, ʼSa bhlais cuideachd facal math Dhe, agus feartan an t-saoghail ri tighinn, ʼSa thuit air falbh, ùrachadh a rithist gu aithreachas, iad a ceusadh dhaibh fhein a rithist Mhic Dhe, ʼsa dianamh ball-fanaid dheth. Oir an talamh a shughas na frasan lionor, a tha tighinn air, ʼsa bheir a mach luibhean iomchuidh dhaibh-san, a tha ga aiteachadh, gheobh e beannachd bho Dhia: Ach sin a bheir a mach dreigheann us sgitheach, tha e daobhaidh, ʼs gle theann air mollachd; dha ʼn deireadh a losgadh. Ach, a mhuinntir mo mhor ghraidh, tha sinn earbsach á nichean nas fhearr bhuaibhse, agus nas tinne air sabhaladh, ged tha sinn a labhairt mar so. Oir cha n-eil Dia mi-cheart, an rathad ʼs gun leig e an diochuimhne ur dianadas, ʼs an gaol a dhʼ fhiach sibh ʼna ainm, sibhse a fhritheil, ʼsa tha frithealadh do na naoimh. Agus se ar toil, gum fiach gach aon agaibh an eud ciadna gu coimhlionadh an dochais thun na criche; Gus nach fhàs sibh leisg, ach ʼnur luchd-leanmhuinn orrasan, a bhitheas le creideamh ʼs le faighidin ʼnan oighreachan air na gealltanasan. Oir Dia, a toirt a ghealltanais do. Abraham, bho nach robh a h-aon sam bith aige bu mhua, air am mionnaicheadh e, mhionnaich e air fhein, A g-radh: A beannachadh mur beannaich mi thu, ʼsa lionsgaradh mur lionsgair mi thu. Agus mar sin, le feitheamh gu faighidneach, choisinn e an gealltanas. Oir ʼsann air fear nas mua na iad fhein a bheir daoine mionnan; agus mar dhaingneachadh, se mionn crioch gach deaspuid aca. Uime sin Dia, an geall air neo-chaochlaideachd a bheachd fhiachuinn na bu lan-phailte do oighreachan a ghealltanais, mhionnaich e: A los, tromh dhà ni neo-chaochlaideach, leis nach urrainn gun dian Dia briag, gum bi an fhurtachd is treasa againne, a tha ruith fo dhion gu greim a dhianamh air an dochas a chuireadh romhainn, A thʼ againn mar acair an anma, cinnteach agus daingeann, ʼsa tha gabhail gu taobh stigh an sgàilein, Far an deach Iosa an roimh-theachdair a stigh air ar son, a rinneadh ʼna ard-shagart gu siorruidh a reir ordugh Mhelchisedeic, A nis bʼ e Melchisedec so, righ Shaleim, sagart Dhe, an Tì is airde, a choinnich Abraham, ʼs e tilleadh bho àr nan righrean, agus a bheannaich e; Dha ʼn do roinn Abraham deicheamh de gach ni: is esan an toiseach gu dearbh le eadar-theangachadh righ a cheartais, ʼsa rithist righ Shaleim, se sin, righ na sithe, Gun athair, gun mhathair, gun shinnsearachd, gun thùs laithean, ʼs gun dheireadh saoghail, ach coltach ri Mac Dhe mairidh e ʼna shagart a chaoidh. Beachdaichibh a nis air cho mor ʼsa tha an duine so, dha ʼn tug Abraham fhein, an t-ard-athair, deicheamh de na nichean a bʼaraide. A nis gu dearbh tha, aig a chuid sin de mhic Lebhi a tha faighinn na sagartachd, àithne deicheamh a thogail bho ʼn phobull a reir an lagha, se sin, bho ʼm braithrean fhein, ged a thainig iadsan cuideachd á leasraidh Abrahaim. Ach esan, nach eil air a shloinneadh ʼnam measg-san, thog e deicheamh bho Abraham, agus bheannaich e esan aig an robh na gealltanasan. Agus gun ag air bith beannaichear na tha nas lugha le sin a tha nas fhearr. Agus an so gu dearbh tha daoine bàsmhor a faighinn dheicheamh: ach an sid tha fianuis aige, gum beil e beo. Agus (mar a dhʼ fhaodar a radh) Lebhi fhein a fhuair an deicheamh, thogadh deicheamh bhuaithe ann an Abraham: Oir bha e fhathast an leasraidh ʼathar, nuair a choinnich Melchisedec e. Ma bha coimhliontachd ma ta ri faighinn leis an t-sagartachd lebhiteach (oir ʼsann foipe a fhuair am pobull an lagh), ciod am feum tuilleadh air sagart eile eirigh a reir ordugh Mhelchisedeic, ʼs nach biodh air a ghairm a reir ordugh Aaroin? Oir air do ʼn t-sagartachd a bhith air a h-atharrachadh, is fheudar gun atharraichear cuideachd an lagh. Oir esan, mu bheil iad so air an labhairt, ʼsann de threibh eile e, dhe nach do fhritheil gin aig an altair: Oir tha e soilleir gur h-ann bho Iuda, a thainig ar Tighearna, treibh air nach tug Maois dad a dhʼ iomradh mu shagairt. Agus tha e nas soilleire fhathast: ma dhʼ eireas sagart eile a reir coltas Mhelchisedeic, Nach dʼ rinneadh a reir lagh fainte feolmhoire, ach a reir cumhachd beatha mairionnaich: Oir tha e toirt teisteanais: Gum beil thu na dʼ shagart gu brath a reir ordugh Mhelchisedeic. Thathas gu dearbh a cur na ciad fhainte air chul, as leth a laigse agus a neo-thairbhe: Oir cha tug an lagh ni air bith gu coimhliontachd: ach thug e a dhʼ ionnsuidh dochais nas fhearr, leis an tarruinn sinn teann air Dia. Agus a mhiad ʼs nach eil e gun mhionn (oir gu dearbh rinneadh càch ʼnan sagairt gun mhionn: Ach e so le mionn leis-san, a thuirt ris: Mhionnaich an Tighearna, ʼs cha ghabh e aithreachas: tha thu na dʼ shagart gu brath;) Air cheart urad rinneadh Iosa ʼna urras air tiomnadh nas fhearr. Agus de chàch gu dearbh rinneadh moran shagart, a bhrigh nach do leigeadh leo leis a bhàs a bhith buan: Ach aige-san, leis gum mair e a chaoidh, tha sagartachd shiorruidh. Le sin tha e ʼna chomas daonnan iadsan a shabhaladh, a thig gu Dia leis, ʼs e beo an comhnuidh gu eadar-ghuidh a dhianamh air ar son. Oir bha e riatanach gum biodh a leithid so againn de dhʼ ard-shagart, naomh, neochiontach, neo-thruaillidh, tearbte bho pheacaich, agus diante nas airde na na neamhan: Nach ruig a leas a h-uile latha (mar shagairt eile), iobairtean a thairgse suas an toiseach air son a pheacannan fhein, a rithist air son peacannan a phobuill: oir rinn e so aon uair, le e fhein a thairgse suas. Oir tha an lagh a dianamh shagart de dhaoine, a tha buailteach do laigse: ach rinn facal a mhionna, a tha an deigh an lagha, am Mac coimhlionta gu siorruidh. A nis se so suim nan nichean air na labhair sinn: Tha ard-shagart mar so againn, a tha ʼna shuidhe air deas laimh cathair na moralachd ann am flathanas, Fear-freasdail nan Ionad Naomh, agus na fior-phaillinn a shuidhich an Tighearna, ʼs cha duine. Oir tha h-uile ard-shagart air orduchadh gu tobhartasan us iobairtean a thairgse suas: bho sin is fheudar ni-eigin a bhith aige-san cuideachd gus a thairgse suas. Nam biodh e ma ta air talamh, cha bhiodh e ʼna shagart: bhon a bhiodh feadhainn eile ann gu tobhartasan a thairgse suas a reir an lagha, A tha seirbhiseachadh a reir samhuilt ʼsa reir faileas nan nichean neamhaidh: Mar a chaidh fhreagairt do Mhaois nuair bha e criochnachadh na paillinn: Faic (os esan) gun dian thu a h-uile ni ris an t-samhuilt, a dhʼ fhiachadh dhut air a bheinn. Ach a nis fhuair e ministreileachd nas fhearr, leis gum beil e ʼna eadar-mhiadhonair cuideachd air tiomnadh nas fhearr, a chaidh a steidheachadh air gealltanasan nas fhearr. Oir nam biodh a chiad aon sin gun ghiomh, cha nʼ iarrteadh aite gu dearbh do ʼn ath aon. Oir a faighinn croin daibh, tha e g-radh: Seall, thig na laithean, os an Tighearna: agus coimhlionaidh mi ri tigh Israil, ʼs ri tigh Iuda tiomnadh nuadh, Cha n-ann a reir an tiomnaidh a rinn mi dha ʼn aithrichean, air an latha a rug mi air laimh orra, gus an toirt a mach á talamh na h-Eiphit: a chionn nach do lean iadsan ri mʼ thiomnadh; ʼs cha robh omhail agam dhaibh, os an Tighearna: Chionn se so an tiomnadh a ni mi do thigh Israil, an deigh nan laithean sin, os an Tighearna: Cuiridh mi mo laghan ʼnan inntinn, us sgriobhaidh mi iad air an crìdhe; agus bithidh mise na mʼ Dhia dhaibh, agus bithidh iadsan ʼnam pobull dhomhsa; Agus cha theagaisg gach aon a choimhearsnach, ʼs gach aon a bhrathair, a g-radh: Biodh eolas agad air an Tighearna: chionn bithidh eolas aca uile ormsa bho ʼn aon is lugha dhiu gus an t-aon is mua: Chionn bithidh mi trocaireach ri ʼn drochbheartan, ʼs am peacannan cha chuimhnich mi tuille. A nis le aon ùr a radh, rinn e a chiad aon sean. A nis an ni tha dol á cleachdadh agus a fàs sean, tha e teann air teireachduinn. A nis bha a rireadh aig a chiad aon reachdan aoraidh, agus Ionad-naomh saoghalta. Oir rinneadh paillion an toiseach, anns an robh na coinnleirean, ʼsam bord, agus na builionnan tairgse, ris an abrar Naomh. ʼS air cul an ath chuirtein bha a phaillion, ris an abrar an t-Ionad is ro-Naomh, Far an robh tuiseir òir, agus àirc an tiomnaidh air a comhdachadh uile gu leir mun cuairt le òr, anns an robh poit òir agus am manna innte, agus slat Aaroin a thainig fo bhlath, agus clair an tiomnaidh; Agus thairis oirre bha cherubim na gloire, a dianamh sgàile do chathair-na-trocaire, air nach ruigear a leas labhairt an drasda gu mion. A nis air do na nichean so a bhith an ordugh mar so, chaidh na sagairt gu dearbh a stigh daonnan do ʼn chiad phaillinn, gu driachd nan iobairt a choimhlionadh. Ach do ʼn ath phaillinn an t-ard-shagart ʼna aonar aon uair sa bhliadhna, cha n-ann gun fhuil, gus a tairgse air son ʼaineolais fhein agus aineolas a phobuill: An Spiorad Naomh a ciallachadh le so, nach robh an rathad thun an Ionaid-naoimh air a dhianamh fhathast soilleir, fhad ʼsa bhiodh a chiad phaillion air a bonn: Ni tha ʼna shamhla air an àm tha nis a lathair: anns am beil tiodhlaicean us iobairtean ga ʼn tairgse suas, nach urrainn a chogais-san, a tha ga ʼn tairgse, a dhianamh coimhlionta, ʼs nach eil ach ʼnam biadhan ʼs ʼnan deochan, Agus caochla ionnlaidean, us leasachadh na feola, a chuireadh orra gu àm a cheartachaidh. Ach air tighinn do Chriosta, ard-shagart nan nichean matha ri tighinn, tromh phaillinn nas mua agus nas coimhlionta, nach dʼ rinneadh le lamhan, se sin, nach eil de ʼn chruthachadh so, Cha mhua ʼsann le fuil ghobhar no laogh, ach le fhuil fhein, a chaidh e aon uair a stigh do ʼn Ionad-naomh, air dha saoradh siorruidh a chosnadh. Oir ma tha fuil ghobhar us dhamh, agus crathadh luath aighe a naomhachadh sluaigh a tha salach, gu glanadh na feola: Nach mor nas mua ni fuil Chriosta, a thairg e fhein gun smal tromh ʼn Spiorad Naomh do Dhia, ar cogais a ghlanadh bho oibrichean marbha, gu seirbhis a dhianamh do ʼn Dia bheo! Agus le sin is eadar-mhiadhonair an tiomnaidh nuaidh e, los le brigh a bhàis gu saoradh bho na ciontan sin a bha fo ʼn chiad thiomnadh, gum faigheadh iadsan, a tha air an gairm, gealladh na h-oighreachd siorruidh. Oir far a bheil tiomnadh, is fheudar bàs an tiomnadair a bhith ann: Oir ʼsann an deigh am bàis a tha tiomnadh dhaoine daingeann: air sheol eile tha e gun fheum fhad ʼs is beo an tiomnadair. A reir sin cha robh a chiad aon air a choisrigeadh gun fhuil. Oir air do Mhaois a h-uile fainte de ʼn lagh a leughadh do ʼn t-sluagh uile, ghabh e fuil laogh, us ghobhar comhla ri uisge, us cloimh sgarlaid, agus hisop, agus chrath e air an leabhar fhein, agus air an t-sluagh gu leir, A g-radh: Si so fuil an tiomnaidh, a dhʼ orduich Dia dhuibh. Mar an ciadna chrath e an fhuil cuideachd air a phaillinn, ʼs air saghaichean an fhrithealaidh gu leir. Agus a reir an lagha, is beag nach ann le fuil a tha h-uile ni air a ghlanadh; agus gun dortadh fala cha n-eil fuasgladh. Uime sin feumaidh samplairean nichean neamhaidh a bhith air an glanadh leo sin: ach nichean neamhaidh fhein le iobairtean nas fhearr na iad sin. Oir cha n-ann do Ionad-naomh diante le lamhan, a chaidh Iosa stigh, samplair air an fhior Ionad-naomh: ach do neamh fhein, los gun seas e nis an lathair Dhe air ar son-ne: Cha mhua ʼsann gus e e fhein a thairgse gu tric, mar a tha an t-ard-shagart a dol a stigh gach bliadhna do ʼn Ionad-naomh le fuil nach leis fhein: Air chaochla càs dhʼ fheumadh e bhith air fulang gu tric bho thùs an t-saoghail: ach a nis an deireadh linntean nochd e e fhein aon uair, gus am peacadh a sgrios le e fhein iobradh. Agus ceart mar a tha e air orduchadh, gum faigh daoine bàs aon uair, ʼs an deigh sin am breitheanas: Mar sin cuideachd chaidh Criosta thairgse suas aon uair gu peacannan morain a ghlanadh air falbh: an ath uair gun pheacannan fiachaidh e e fhein dhaibh-san, a tha an duil ris, gu sabhaladh. Oir leis an lagh a bhith ʼna fhaileas nan nichean math ri tighinn, ʼs cha n-ann ʼna fhior-choltas nan nichean fhein; oir na ceart iobairtean sin a thathas a cur suas gun tamh a h-uile bliadhna, cha n-urrainn daibh am feasd iadsan, a tha tighinn ga ʼn ionnsuidh, a dhianamh coimhlion: Oir sa chàs sin rachadh sgur dhe bhith ga ʼn tairgse, a chionn nach biodh aig an luchd-aoraidh, a chaidh aon uair a ghlanadh, agartas peacaidh tuille: Ach unntasan thathas a toirt cuimhne air am peacannan a h-uile bliadhna: Oir cha n-urrainn e bhith gun tugteadh am peacadh air falbh le fuil dhamh us ghobhar. Le sin tha e g-radh, ʼs e tighinn thun an t-saoghail: Iobairt agus tobhartas cha bʼ aill leat: ach dheasaich thu coluinn dhomh; Iobairtean-uile-loisgte air son peacaidh cha do thaitinn riut. An sin thuirt mi: Faic tha mi tighinn: an ceann an leabhair tha e sgriobhte umam: gun dianainn do thoil, a Dhia. Le cantuinn roimh: Iobairtean, us tobhartasan, us tairgseachan uile-loisgte air son a pheacaidh, cha bʼ aill leat, cha mhua tha iad taitneach leat a thairgear a reir an lagha, An sin thuirt mi: Faic tha mi tighinn gus do thoil a dhianamh, a Dhia: a chiad chuid tha e toirt air falbh, gus a chuid a leanas a shuidheachadh. Leis an toil so tha sinn air ar naomhachadh tromh iobradh corp Iosa Criosta aon uair. ʼS gu dearbh tha h-uile sagart ʼna sheasamh gach latha a frithealadh, ʼs tric a tairgse nan iobairtean ciadna, nach urrainn am feasd peacannan a thoirt air falbh: Ach tha e so, le aon iobairt a thairgse suas air son pheacannan, ʼna shuidhe gu dilinn air deas laimh Dhe, A so suas a feitheamh gus an dianar a naimhdean ʼnan stol-chas dha. Oir le aon iobairt rinn e coimhlionta am feasd iadsan, a tha air an naomhachadh. Agus tha an Spiorad Naomh cuideachd a toirt teisteanais dhuinn air so. Oir an deigh dha radh: Se so an tiomnadh a ni mi dhaibh an deigh nan laithean sin, os an Tighearna, cuiridh mi mo laghan ʼnan cridheachan, agus air an inntinnean sgriobhaidh mi iad: Agus am peacannan ʼs an ciontan cha chuimhnich mi nas fhaide. A nis far am beil fuasgladh bhuapa sin, cha n-eil iobairt tuilleadh air son a pheacaidh. Uime sin, a bhraithrean, le earbsa a bhith againn ri dol a stigh do ʼn Ionad-naomh tromh fhuil Chriosta, Slighe ùr agus bheo, a choisrig e dhuinn tromh ʼn chuirtein, se sin ri radh, fheoil fhein, Agus ard-shagart fos cionn tigh Dhe: Thigemid faisg le cridhe firinneach ann an lanachd creidimh le ar cridheachan nighte bho dhroch chogais, ʼs ar coluinnean air an ionnlad le uisge glan, Gleidhemid gu daingeann aideachadh ar dochais nach gabh fiaradh (oir tha esan dileas a gheall), Us leagamaid ar n-aire air a cheile, gu brosnachadh gu carrantachd, ʼs gu deagh oibrichean: Gun a bhith treigsinn ar co-thionail, mar is abhuist do chuid, ach a furtachadh air a cheile, agus sin nas mua a reir ʼs mar a chi sibh an latha teannadh oirbh. Oir ma pheacaicheas sinn ga ʼr deoin, an deigh eolas fhaighinn air an fhirinn, cha n-eil iobairt tuilleadh air a fagail air son pheacannan, Ach duil eagalach ri breitheanas, agus teine eud-mhor a loisgeas na naimhdean. Am fear a tha bristeadh air lagh Mhaois, thathas ga chur gu bàs gun iochd, air facal dithis no triuir fhianuisean: Nach mor nas mua na sin, a shaoileas sibh, a thoilieas esan pian nas truime, a shaltair fo chasan Mac Dhe, ʼsa mheas neoghlan fuil an tiomnaidh, leis an do naomhaicheadh e, ʼsa thug taire do Spiorad nan gras? Oir is aithne dhuinn esan a thuirt: Buinidh diughaltas dhomhsa, agus diolaidh mise. ʼSa rithist: Bheir an Tighearna breth air a phobull. Is eagalach an ni tuiteam ann an lamhan an De bheo. Ach cuimhnichibh na laithean a bha, anns an dʼ fhuilig sibh an deigh ur soilleireachadh cath mor thrioblaidean; Agus gu dearbh air an darna laimh rinneadh sibh ʼnur sealladh le taire, ʼs le trioblaidean; ʼs air an laimh eile ʼnur companaich dhaibh-san, a bha tighinn beo san doigh chiadna. Oir ghabh sibh truas riusan a bha an ceanglaichean, us chuir sibh suas le aoibhneas ri spuilleadh ur cuid, a tuigsinn gum beil maoin nas fhearr, ʼsa mhaireas agaibh. Na caillibh ma ta ur dochas, aig a bheil duais mhor. Oir tha faighidin riatanach dhuibh, los, le toil De dhianamh, gun ruig sibh air a ghealltanas. Oir fhathast uine ro bheag, agus thig esan, a tha ri tighinn, agus cha dian e moille. Ach tha mo dhuine ceart-sa tighinn beo tromh chreideamh: ach ma tharruinneas e e fhein air ais, cha taitinn e rimʼ anam. Ach cha sinne clann a chul-shleamhnaichidh gu sgrios, ach a chreidimh gu sabhaladh an anma. A nis se creideamh bun nan nichean ris a bheil dochas, dearbhadh nan nichean nach fhaicear. Oir ʼsann le so a fhuair na sinnsirean teisteanas. Le creideamh tha sinn a tuigsinn, gun do chruthaicheadh an saoghal le facal De; los bho nichean nach fhaicear gun dianteadh nichean a chitear. Le creideamh thairg Ahel suas iobairt do Dhia na bʼ urramaiche na thairg Cain, leis an dʼ fhuair e teisteanas gum bu duine ceart e, le Dia a thoirt teisteanais dha thobhartasan; agus le sin, ʼs e marbh, tha e labhairt fhathast. Le creideamh dhʼ atharraicheadh Henoch, gus nach faiceadh e bàs, ʼs cha dʼ fhuaradh e: a chionn gun dʼ atharraich Dia e: oir roimh ʼatharrachadh bha teisteanas aige, gun do thoilich e Dia. A nis gun chreideamh cha n-urrainnear Dia thoileachadh. Oir am fear a thig gu Dia, feumaidh e creidsinn gum beil Dia ann, ʼs gun toir e duais dhaibh-san, a tha an geall air fhein. Le creideamh Noé, a faighinn rabhaidh mu nichean nach robh fhathast ri ʼm faicinn, ʼsa gabhail eagail, rinn e an àirc gu theaghlach a thearnadh, leis na dhit e an saoghal; us rinneadh ʼna oighre e air a cheartas, a tha tromh chreideamh. Le creideamh bha esan, ris an abrar Abraham, umhailt gu falbh do aite, a bha e dol a dhʼ fhaighinn mar oighreachd; us dhʼ fhalbh e gun fhios càite an robh e dol. Le creideamh thuinich e ann an talamh a ghealltanais, mar ann an duthaich choigrich, a tamham bothain maille ri Isaac us Iacob, co-oighreachan a gheallaidh chiadna. Oir bha suil aige ri baile aig a bheil steidhean: air a bheil Dia ʼna dhealbhadair ʼs ʼna fhear-togail. Le creideamh fhuair Sara fhein, ʼs i neo-thorrach, comas gu sliochd a bhith aice ged a bha i thar aois chloinne: chionn gun do chreid i gun robh esan, a bha air gealltuinn, firinneach. As leth sin chinnich bho h-aon (agus esan ionann us marbh) mar reultan an athair an lionmhorachd, ʼs mar ghaineamh traigh na mara gun aireamh. Fhuair iad sin uile bàs ann an creideamh, gun ruighinn air na gealltanasan, ach gam faicinn fad as, ʼs gam fàilteachadh, ʼsa g-aideachadh gur luchd-cuairt agus coigrich iad air talamh. Oir tha iadsan, a tha labhairt nan nichean so, a ciallachadh gum beil iad a sireadh ducha. ʼS gu dearbh nam biodh iad air cuimhneachadh air an aite as an tainig iad, gun teagamh bha uine aca gu tilleadh. Ach a nis tha iad a rùnachadh ducha nas fhearr, se sin, duthaich air neamh. Leis a sin cha nàire le Dia an Dia-san a radh ris: oir dhʼ uidheamaich e baile dhaibh. Le creideamh, nuair chuireadh diachuinn air Abraham, thairg e suas Isaac, us esan, a fhuair na geallaidhnean, bha e gu aonghin mic a thairgse suas: Ris an deach a radh: Ann an Isaac gairmear do shiol: A smaoineachadh gum beil Dia comasach air togail, seadh fhein, bho na mairbh: bho ʼn dʼ fhuair e e cuideachd mar shamhladh. Le creideamh cuideachd mu nichean ri tighinn, bheannaich Isaac Iacob agus Esau. Le creideamh, ʼs e aig a bhàs, bheannaich Iacob gach fear de mhic Ioseiph, agus thug e aoradh do cheann a shlaite. Le creideamh labhair Ioseph, ʼs e faighinn a bhàis, mu dhol a mach clann Israil, agus thug e ordugh mu chnaimhean. Le creideamh chaidh Maois, nuair a rugadh e, a chleith tri miosan le pharantan, a chionn gum fac iad e ʼna leanabh briagh; ʼs cha do ghabh iad geilt roimh achd an righ. Le creideamh dhʼ aicheadh Maois, nuair dhʼ fhas e mor, gum bʼ e mac nighean Pharao, A gabhail mar raghainn a bhith fo anshocair comhla ri pobull De, seach toileachadh a pheacaidh a bhith aige car tamuill, A meas masladh Chriosta ʼna bheartas nas mua na ionmhas nan Eiphiteach: oir bha suil aige ris an duais. Le creideamh dhʼ fhag e an Eiphit gun eagal romh chorruich an righ: oir dhʼ fhuilig e mar gum bu leir dha esan nach fhaicear. Le creideamh chum e a chàisg, agus dortadh fala; gus nach beanadh esan, a sgrios na ciadghin, dhaibh-san. Le creideamh chaidh iad tromh ʼn mhuir ruaidh, mar air talamh tioram: agus shlugadh sios na h-Eiphitich, a thug ionnsuidh air an leanail. Le creideamh thuit ballachan Iericho le an cuairteachadh seachd latha. Le creideamh cha deach Rahab an striopach a sgrios maille ris na h-ana-creidich, bho na ghabh i ris an luchd-choimhid le sith. Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir teirigidh uine domh a toirt iomraidh air Gedeon, Barac, Samson, Iephte, Dài, Samuel, agus air na faidhean: A bhuadhaich air rioghachdan le creideamh, a rinn ceartas, a choisinn geallaidhnean, a dhuin beoil leomhan, A mhùch aintheas teine, a chaidh as bho fhaobhar a chlaidhimh, a chinn laidir bho laigse, a dhʼ fhas treun an cath, a chuir armailtean nan coigreach an ruaig; Fhuair mnathan am mairbh air an toirt beo rithist. Ach riaslaicheadh feadhainn eile gun saorsuinn a ghabhail, gus iad a ruighinn air aiseirigh nas fhearr. Chaidh feadhainn fhiachuinn le fanaid, ʼs le sgiursadh, ʼsa bharrachd air sin le ceanglaichean agus le priosanan; Bhathas gan clachadh, gan gearradh troimh, gam buaireadh, gan cur gu bàs leis a chlaidheamh, chaidh iad mun cuairt ann an craicinnean chaorach, an craicinnean ghobhar, ann an uireasuidh, an anradh, an cradh: Bu daoine iad air nach bʼ airidh an saoghal; iad air allaban feadh fhasach, bheanntan, shloc, agus uamhannan an talmhuinn. Agus ged a dhearbhadh iad so uile le teisteanas creidimh, cha do ghiac iad an gealltanas: Dia a solaradh ni-eigin nas fhearr dhuinn, air chor ʼs nach biodh iad coimhlion as ar n-aonais. Agus le sin bho na tha nial cho mor de dhʼ fhianuisean air ar cul, le cur dhinn a h-uile cudthruim agus peacaidh a tha ʼnar lorg, ruithemid le faighidin thun a chatha, a chuireadh romhainn: A coimhead air Iosa, ughdair us fear-criochnachaidh a chreidimh, a dhʼ fhuilig a cheusadh air sgàth an t-sòlais a chuireadh roimhe, a dianamh diù de mhasladh, ʼsa tha nis ʼna shuidhe air deas laimh cathair Dhe. Oir meòraichibh gu dichiollach air-san, a dhʼ fhuilig a leithid so de dhiachuinn bho pheacaich ʼna aghaidh fhein; chum nach gabh sibhse sgios, a fannachadh ʼnur n-inntinn. Oir cha do chath sibh fhathast gu fuil, a stri an aghaidh a pheacaidh: Oir leig sibh an diochuimhne an toil-inntinn, a tha labhairt ribh mar ri cloinn, a g-radh: A mhic, na leig á faire oilean an Tighearna; ʼs na gabh sgios nuair a chronaichear thu leis. Oir an neach is toigh leis an Tighearna, smachdaichidh e e: agus sgiursaidh e a h-uile mac ris an gabh e. Seasaibh buan fo smachdachadh. Tha Dia buntuinn ribh mar ri mic: oir co am mac nach cronaich an t-athair? Ach ma tha sibhse gun smachdachadh, dheth bheil roinn aig a h-uile duine, is clann dhiolain sibh, ʼs cha mhic. A bharrachd air sin bha aithrichean againn a thaobh na feola mar luchd-ionnsachaidh, ʼs thug sinn athadh dhaibh: nach mor nas mua na sin tha againn ri bhith umhail do Athair nan spiorad, ʼsa bhith beo? Agus gu dearbh theagaisg iadsan sinn car beagan laithean a reir an toil fhein: ach esan gus ur buannachd, los sinn a dhʼ fhaighinn a naomhachd. Tha h-uile smachdachadh an drasda gu dearbh cha n-ann ʼna chuis aighir, ach ʼna chuis bhròin: ach an deigh so bheir e dhaibh-san, a bhios air am fiachuinn leis, toradh ro shitheil a cheartais. Uime sin togaibh suas na lamhan a thʼ air failneachadh, ʼs na gluinean laga, Us dianaibh ceuman direach le ʼr casan; los nach teid a h-aon air bith as an rathad le crubaiche, ach an aite sin gum bi e air a leigheas. Leanaibh sith ri daoine uile, us naomhachd, oir as a h-aonais cha n-fhaic duine sa bith Dia: A beachdachadh gu dichiollach, nach bi duine air bith an deigh laimh air grasan Dhe; air eagal friamh air bith de sheirbhe a dhʼ fhas suas gu éis a chur, ʼs gum bi moran air an truailleadh leatha; Air eagal fear-striopachais air bith a bhith ann, no duine neo-choisrigte, mar Esau, a reic air son aon thrath bìdh còir a chiad-bhreith: ʼS biodh fios agaibh, nuair, an deigh sin, a bʼ aill leis a bhith ʼna oighre air a bheannachd, gun do dhiultadh e: oir cha dʼ fhuair ʼaithreachas eisdeachd, ged a shir e le deoir e. Oir cha tainig sibh gu beinn dha ʼm faoidteadh beantuinn, ʼs gu teine loisgeach, gu cuairt-ghaoith, gu dorchadas, ʼs gu doininn, ʼS gu fuaim trombaide, agus gu guth fhacal, a thug air an fheadhainn a chuala an leisgeul a ghabhail, nach labhairteadh am facal riu-san. Oir chabʼ urrainn daibh an ni a labhradh a ghiulan: Us ma bheanas ainmhidh doʼ n bheinn, clachar e. Agus le cho fuathasach ʼsa bha na chunnacas, thuirt Maois: Tha mi fo eagal ʼs air chrith. Ach tha sibh air tighinn gu sliabh Shioin, ʼs gu baile an De bheo, Ierusalem neamhaidh, ʼs gu cuideachda ioma mile aingeal, ʼS gu eaglais nan ciad-ghin, a tha sgriobhte air neamh, ʼs gu Dia britheamh nan uile, ʼs gu spioraid nan naomh air an dianamh coimhlionta, ʼS gu Iosa Criosta eadar-mhiadhonair an tiomnaidh nuaidh, agus gu crathadh fala, a tha labhairt nas fhearr na fuil Abeil. Faicibh nach diult sibh esan a tha labhairt. Oir mur do thàr iadsan as, a dhiult esan a labhair air talamh, ʼs mor nas lugha na sin a thàras sinne as, a tha tionndadh bhuaithe-san, a tha labhairt ruinn bho fhlathanas. Bʼ e ghuth-san a chrath an talamh an trà sin: ach a tha nis a gealltuinn, a g-radh: Aon uair fhathast; us gluaisidh mi cha n-e mhain an talamh, ach neamh cuideachd. ʼS le Aon uair fhathast a chantuinn, tha e ciallachadh na nichean gluasadach atharrachadh mar nichean diante, los gun seas buan na nichean neo-ghluasadach. Uime sin le rioghachd neo-ghluasadach fhaighinn, tha grasan againn: dianamaid seirbhis leo, a toileachadh Dhe le fiamh, agus le athadh. Oir is teine caithteach ar Dia-ne. Fanadh carrantachd bhraithreil unnaibh. ʼS na diochuimhnichibh aoidheachd: oir, gun fhios daibh, rinn cuid leatha so fialachd ri ainglean. Cuimhnichibh iadsan, a tha an cuibhrichean, mar gum biodh sibh fhein an cuibhrichean maille riu; agus iadsan a tha an airc, mar a tha sibh fhein sa choluinn. Tha am posadh urramach anns gach uile, agus an leaba neo-thruaillidh. Oir air luchd striopachais agus adhaltrais bheir Dia breth. Biodh ur beusan gun sannt, bithibh toilichte leis na thʼ agaibh: oir thuirt esan: Cha n-fhag mi thu, agus cha treig. Air chor ʼs gum faod sinn a radh gu misneachail: Se an Tighearna mʼ fhear-cuideachaidh: cha ghabh mi eagal á ciod a ni duine orm. Cuimhnichibh ur luchd-eaglais, a labhair facal De ribh: leanaibh an creideamh, a beachdachadh air crich an caithe-beatha. Iosa Criosta tha an dé, agus an diugh, tha agus gu siorruidh. Na bithibh air ur tarruinn air falbh le teagasgan coimheach ʼs de chaochla seorsa. Oir se is fhearr an cridhe neartachadh le grasan, agus cha n-ann le biadhan, nach dʼ rinn tairbhe dhaibhsʼ a bha gan cleachdadh. Tha altair againn, dhe nach eil comas aca-san icheadh, a tha an seirbhis na paillinn. Oir tha cuirp nan ainmhidhean sin, aig a bheil am fuil air a toirt a stigh do ʼn Ionad-naomh leis an ard-shagart as leth peacaidh, air an losgadh taobh-mach a champa. Air an aobhar sin Iosa mar an ciadna, gus am pobull a naomhachadh le fhuil fhein, dhʼ fhuilig e air taobh-mach a gheata. Rachamaid a mach ma ta ga ionnsuidh gu taobh-mach a champa, a giulan a mhaslaidh-san. Oir cha n-eil baile buan againn an so, ach tha sinn a sireadh aon a tha ri tighinn. Troimh-san ma ta tairgemid daonnan suas do Dhia iobairt mholaidh, se sin, toradh bhilean a tha g-aideachadh ʼainme. Ach na diochuimhnichibh math a dhianamh, us buileachadh air a cheile: oir le iobairtean mar so coisnear deagh thoil Dhe. Bithibh umhailt dha ʼr pearsachan-eaglais, us bithibh striochdte dhaibh. Oir tha iadsan ri faire mar dhaoine aig a bheil cunntas ri thoirt air ur n-anmannan, los gun dian iad so le sòlas, ʼs cha n-ann le bròn: oir cha n-eil so freagrach dhuibh. Guidhibh air ar son-ne: oir tha sinn a g-earbsa gum beil deagh chogais againn, us sinn an rùn sinn fhein a ghiulan gu math anns a h-uile ni. Agus tha mi guidhe nas mua oirbh so a dhianamh, los gun toirear air ais mi h-ugaibh nas luaithe. ʼS gum bʼ e Dia na sithe, a thog bho na mairbh a rithist buachaill mor nan caorach, ar Tighearna Iosa Criosta, ann am fuil an tiomnaidh shiorruidh, A dhʼ uidheamaicheas sibh gus a h-uile math, los gun dian sibh a thoil: e fhein a g-oibreachadh unnaibh na tha taitneach ʼna lathair tromh Iosa Criosta, dha bheil gloir fad linn nan linn, Amen. Agus tha mi guidhe oirbh, a bhraithrean, gun cuir sibh suas leis an fhacal shòlasach so. Oir sgriobh mi h-ugaibh am beagan bhriathran. Biodh fios agaibh gum beil ar brathair, Timoti, air faighinn saorsuinn: comhla ris-san (ma thig e gu h-aithghearr) chi mi sibh. Cuiribh fàilt air ur pearsachan-eaglais uile, ʼs air na naoimh uile. Tha na braithrean bho ʼn Eadailt a cur bheannachdan gu ʼr n-ionnsuidh. Grasan gun robh maille ribh uile. Amen. Seumas, seirbhiseach Dhe agus ar Tighearna Iosa Criosta, do ʼn dà threibh dhiag a tha air an sgapadh, fàilte. Mo bhraithrean, seallaibh air ʼna aobhar a h-uile sòlais, nuair a thuiteas sibh ann an ioma buaireadh: Le fios gun oibrich diachuinn ur creidimh faighidin. Us aig faighidin tha obair choimhlionta, gus sibhse a bhith coimhlionta agus diongmhalta, gun fhàillinn an ni air bith. Ach ma tha gliocas a dhith air neach air bith, iarradh e air Dia, a tha ga thoirt gu pailt do dhaoine uile, gun achasan; us bheirear dha e. Ach iarradh e le creideamh gun ag air bith: oir tha esan a tha an teagamh coltach ri tonn na mara, a tha air a ghluasad, ʼs air a luasgadh mun cuairt leis a ghaoith. Uime sin na saoileadh an duine sin, gum faigh e ni bho Tighearna. Tha fear na h-inntinne dubailte neo-steidheil ʼna rathaidean uile. Ach dianadh brathair, a tha iosal ʼna staid, uaill ʼna ardachadh: Ach an duine saibhir ʼna isleachadh: oir mar bhlath an fheoir theid e seachad: Oir dhʼ eirich a ghrian ʼna dian-theas, us shearg am fiar, us thuit a bhlath, agus chaochail dreach a mhaise: is amhuil a sheargas an duine saibhir ʼna rathaidean. Is beannaichte an duine a ghiulaineas ri buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheobh e crùn na beatha, a gheall Dia dhaibh-san a bheir gaol dha. Na abradh duine air bith, nuair a tha e air a bhuaireadh, gur h-ann le Dia a tha e air a bhuaireadh: oir cha n-eil Dia ʼna bhuaireadair gu olc; ʼs cha n-eil e buaireadh duine air bith. Ach tha h-uile duine air a bhuaireadh le ana-mhiann fhein, le e bhith air a tharruinn ʼs air a thaladh leis. An sin nuair a ghinear an t-ana-miann, beiridh e am peacadh: ach nuair a choimhlionar am peacadh, ginidh e am bàs. Na bithibh ma ta air ur mealladh, mo bhraithrean ro ghradhach. Tha h-uile gibht is fhearr, ʼsa h-uile gibht choimhlion bho na h-ardaibh, a tighinn bho Athair na soillse, air nach tig muthadh, no faileas caochlaidh. Oir le thoil fhein ghin e sinn le facal na firinne, gus sinn a bhith ʼnar gné thoiseach a chreutair. Is aithne dhuibh, mo bhraithrean ro ghradhach. Us biodh a h-uile duine ealamh gu eisdeachd: ach mall gu labhairt, us mall gu feirg. Oir cha n-eil fearg duine a g-oibreachadh ceartas De. Uime sin a tilgeil air chùl a h-uile neo-ghloine, us anabarr gò, gabhaibh le ciuine ris an fhacal a tha suidhichte unnaibh, a tha comasach air ur n-anmannan a shabhaladh. Ach bithibh ʼnur luchd-dianamh an fhacail, ʼs cha n-ann ʼnur luchd-eisdeachd a mhain, gu ʼr mealladh fhein. Oir ma tha duine ʼna fhear-eisdeachd an fhacail, ʼs cha n-ann ʼna fhear-dianamh, samhluichear e ri fear a sealltuinn air a ghnuis nadurra ann an sgathan: Oir ghabh e beachd air fhein, us dhʼ fhalbh e, agus ghrad-dhiochuimhnich e ciod an seorsa duine a bhʼ ann fhein. Ach am fear a ghabh fior bheachd air lagh coimhlion na saorsa, ʼsa bhuanaich ann, gun e bhith ʼna fhear-eisdeachd diochuimhneach, ach ʼna fhear-dianamh na h-oibre, bithidh e sobeannaichte ʼna ghniomh. Ach ma tha neach air bith an duil gum beil e fhein ʼna dhuine diadhaidh, gun strian a chur ri theangaidh, ach a mealladh a chridhe fhein, is faoin creideamh an duine sin. An crabhadh glan us neo-thruaillidh an lathair Dhe, agus an Athar, se so: Dol a shealltuinn air dilleachdain, ʼs air bantraichean ʼnan trioblaid, us duine ga chumail fhein gun smal bho ʼn t-saoghal so. Mo bhraithrean, na biodh creideamh Iosa Criosta Tighearna na glorach agaibh maille ri eisimeil ri daoine. Oir ma thig fear air a bheil fàinne òir agus aodach riomhach a stigh ʼnur co-thional, ʼs mar an ciadna gun tig duine bochd a stigh an earradh suarach, Agus gun toir sibh aire dhasan, a tha an eideadh riomhach, agus gun abair sibh ris: Suidh thusʼ an so gu math; ach gun abair sibh ris an duine bhochd: Seas thusʼ an sid, no suidh fo stol mo chas: Nach eil sibh a toirt breth unnaibh fhein, agus gu ʼr dianamh nur britheamhan air smaointean anacearta? Eisdibh, mo bhraithrean ro ghradhach, nach do thagh Dia bochdan an t-saoghail so gu bhith beairteach an creideamh, ʼs ʼnan oighreachan air an rioghachd, a gheall Dia dhaibh-san a bheir gaol da? Ach thug sibhse taire do ʼn duine bhochd. Nach eil na daoine beairteach gu ʼr sarachadh le ainneart, ʼs nach eil iad gu ʼr tarruinn gu caithrichean breitheanais? Nach eil iad a toirt toibheum do ʼn ainm mhath, a ghairmeadh oirbh? Ma tha sibh coimhlionadh ma ta an lagha rioghail a reir nan Sgriobtur: Bheir thu gaol dha dʼ choimhearsnach mar dhut fhein, is math a tha sibh a dianamh: Ach ma tha sibh a dianamh leth-bhreth air daoine, tha sibh a peacachadh, le bhith air ur diteadh leis an lagh mar pheacaich: Oir co air bith a chumas an lagh uile, ach gun tuislich e ann an aon phuing, tha e ciontach an aghaidh an lagh uile. Oir esan a thuirt: Na dian adhaltras, thuirt e cuideachd: Na dian marbhadh. A nis mur dian thu adhaltras, ach gun dian thu marbhadh, tha thu na dʼ fhear-bristeadh an lagha. Mar so labhraibh, agus mar so dianaibh, mar dhaoine air am beil breth ri thoirt le lagh na saorsa. Oir tha breitheanas gun trocair dhasan, nach dʼ rinn trocair: ʼs tha trocair ga h-ardachadh fhein fos cionn breitheanais. Ciod an stà a ni e, mo bhraithrean, ma their neach gum beil creideamh aige, ach e gun oibrichean? An urrainn creideamh a shabhaladh? Agus ma tha brathair no piuthar ruisgte, ʼs gun bhiadh lathail, ʼS gun abair a h-aon agaibhse riu: Falbhaibh an sith, bithibh air ur garadh ʼs air ur sàsuchadh: ʼs nach toir sibh dhaibh na tha feumail do ʼn choluinn, ciod am feum a ni e? Is amhuil sin creideamh, mur eil oibrichean aige, tha e marbh ann fhein. Ach their cuid: Tha creideamh agadsa, agus tha oibrichean agamsa: fiach dhomh do chreideamh gun oibrichean; us fiachaidh mise dhutsa mo chreideamh le oibrichean. Tha thusa creidsinn gum beil aon Dia ann: Is math a tha thu a dianamh: tha na deomhain a creidsinn, agus a crith. Ach am math leat fios a bhith agad, O dhuine fhaoin, gum beil creideamh marbh gun oibrichean? Ar n-athair Abraham nach bʼ ann le oibrichean a naomhaicheadh e, a tairgse suas Isaic, a mhac, air an altair? Am beil thu faicinn gun do chomh-oibrich creideamh le ʼoibrichean; ʼs le oibrichean rinneadh creideamh coimhlionta? Us choimhlionadh an sgriobtur, a g-radh: Chreid Abraham Dia; us mheasadh dha e gu ceartas, agus thuirteadh caraid Dhe ris. Nach eil sibh a faicinn gur ann le oibrichean a tha duine air a naomhachadh, agus nach ann le creideamh a mhain? Mar an ciadna Rahab an striopach, nach ann le oibrichean a naomhaicheadh i, a gabhail ris na teachdairean, ʼs gan cur air falbh rathad eile? Oir mar a tha a choluinn marbh gun an spiorad, is amhuil a tha creideamh marbh gun oibrichean. Na bithibh, mo bhraithrean, ʼnur moran mhaighistirean, le fios gum faigh sibh breitheanas nas mua. Oir tha sinn uile ciontach an iomadh nì. Mur eil duine ciontach ann am facal, tha e ʼna dhuine coimhlionta; tha e comasach air strian a chur ri chorp uile. Oir fiach tha sinn a cur chabstairean am bial nan each, gus iad a bhith umhailt dhuinn, us tionndaidh sinn mun cuairt an corp uile. Seall longan, ged is mor iad, agus air an greasad le gaoithean laidir, a dhʼ aindeoin sin bheirear mun cuairt iad le stiuir bhig, taobh air bith a dhʼ iarras beum an stiuradair. Mar sin is ball beag gu dearbh an teanga, us ni i raiteachas mor. Seall nach crion an teine, ʼs nach mor a choille a lasas e! Agus is teine an teanga, saoghal de dhʼ olc. Tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, a truailleadh na coluinne uile, ʼsa lasadh cuairt ar beatha, ʼs i fhein laiste bho iutharna. Tha h-uile gné ainmhidhean, us ian, us nathraichean, ʼs de sheorsa eile, air an dianamh soitheamh, ʼs cheannsaicheadh iad le nadur an duine: Ach cha n-eil duine idir a ʼs urrainn an teanga cheannsachadh; is olc luasganach i, lan de phuinsean marbhtach. Leatha tha sinn a beannachadh Dhe agus an Athar; us leatha tha sinn a mollachadh dhaoine, a tha air an dianamh ri iomhaigh Dhe. As an aon bhial tha beannachadh agus mollachadh a tighinn. Mo bhraithrean, cha chòir do na nichean so bhith mar so. An cuir tobar a mach as an aon suil uisge milis, agus uisge searbh? An urrainn do chraoibh-fhige dearcan-fiona thoirt a mach, mo bhraithrean, no do ʼn fhionain fioguisean? Cha mhua is urrainn do shàile uisge milis a thoirt bhuaithe. Co tha ʼna dhuine glic ʼs air fhaghlum ʼnur measg? Fiachadh e le deagh ghiulan ʼobair fhein ann an ciuine a ghliocais. Ach ma tha eud searbh agaibh, us conas ʼnur cridheachan, na dianaibh uaill, ʼs na bithibh ʼnur briagadairean an aghaidh na firinne: Oir cha so gliocas, a tha tighinn bho na h-ardaibh, ach gliocas talmhaidh, colaidh, diabhluidh. Oir far a bheil farmad us consachadh, an sin tha iomluas, agus a h-uile droch ghniomh. Ach an gliocas a tha bho na h-ardaibh, an toiseach gu dearbh tha e geamnaidh, an sin sitheil, stuama, furasd a chomhairleachadh, aontachail do mhath, lan de dhʼ iochd ʼs de dheagh thoradh, gun a bhith toirt breth, gun cheilg. Us tha toradh a cheartais air a chur ann an sith do luchd-dianamh na sithe. Co as a tha cogaidhean us comhstrithean ʼnur measg? Nach ann bho so? bho ʼr n-ana-miannan, a tha cogadh ʼnur buill? Tha sibh a sanntachadh, ʼs cha n-eil dad agaibh; tha sibh ri murt ʼs lan farmaid, ʼs cha n-eil dol agaibh air faighinn; tha sibh ri consachadh ʼs ri cogadh, agus cha n-eil a bheag agaibh, a chionn nach eil sibh a g-iarraidh. Tha sibh a g-iarraidh, ʼs cha n-eil sibh a faighinn, a thaobh gum beil sibh a g-iarraidh gu h-olc; los a bhuileachadh air ur n-ana-miannan. Adhaltraiche, nach fhios dhuibh gum beil cairdeas an t-saoghail so ʼna namhaid do Dhia? Uime sin co air bith leis an toil a bhith ʼna charaid do ʼn t-saoghal so, tha e ʼna namhaid do Dhia. No bheil sibh a saoilsinn guin beil an Sgriobtur a g-radh gu diomhain: Gu eud tha an spiorad, a tha tamh unnaibh, a sanntachadh? Ach tha e toirt seachad ghrasan nas mua. As leth sin tha e g-radh: Tha Dia cur an aghaidh nan uaibhreach, ʼsa toirt ghrasan do na h-iriosail. Uime sin bithibh umhailt do Dhia, us cuiribh an aghaidh an deomhain, agus teichidh e bhuaibh. Dluthaichibh ri Dia, us dluthaichidh e ribh. Nighibh ur lamhan, a pheacaich; agus glanaibh ur cridheachan, a luchd-na-h-inntinne dubailte. Leigibh air bròn, ʼs air caoidh, ʼs air gal; biodh ur gàire air a thionndadh gu tùrsa, agus ur n-aighear gu mulad. Islichibh sibh fhein an lathair an Tighearna, agus ardaichidh e sibh. Na bithibh ri culchainnt air a cheile, a bhraithrean. Esan a tha cul-chaineadh a bhrathar, no a tha toirt breth air a bhrathair, tha e diomoladh an lagha, ʼsa toirt breth air an lagh. Ach ma tha thu toirt breth air an lagh, cha fhear-cumail an lagha thu, ach ad bhritheamh. Is aon fhear-dianamh lagha agus britheamh a thʼ ann, a ʼs urrainn sgriosadh, agus saoradh. Ach co thusa, a tha toirt breth air do choimhearsnach? Seallaibh a nis, sibhse a tha g-radh: An diugh, no am maireach, theid sinn gu leithid so de bhaile, us caithidh sinn bliadhna an sin, us ni sinn marsantachd, ni agus buannachd: Sibhse dha nach leir ciod a thachras am maireach. Oir ciod e ur beatha? Is toit i a chithear car tiota, ʼs an deigh sin a mheathas as: as leth sin thigeadh dhuibh a radh: Ma se toil an Tighearna e. Agus: Ma bhios sinn beo, ni sinn sid, no so. Ach a nis tha sibh a gabhail tlachd as ur n-uaibhreachas. Tha h-uile leithid so de thlachd cronail. Dhasan ma ta, dha ʼn aithne math a dhianamh, ʼs nach dian e, tha e ʼna pheacadh dha. Togaibh oirbh a nis, a dhaoine beairteach, guilibh, a donnalaich romh na truaighean a thig oirbh. Tha ur beartas air lobhadh; us dhʼ icheadh ur n-aodach leis na laomuinn. Tha ur n-òr ʼs ur n-airgiod air meirgeadh; us bithidh am meirg ʼna teisteanas ʼnur n-aghaidh, agus cnamhaidh i ur feoil mar theine. Charn sibh suas dhuibh fhein fearg an aghaidh nan laithean deirionnach. Seall, tha tuarasdal an luchd-oibre, a bhuain ur n-achaidhean, a chumadh bhuapa leibhse le foill, a g-eigheach; agus chaidh an eigh a stigh an cluasan Tighearna na sàbaid. Rinn sibh cuilm air talamh, us ann an ròic dhʼ araich sibh ur cridhe chionn latha a chasgraidh. Dhit sibh us mharbh sibh an duine ionraic, ʼs cha do chuir e ʼnur n-aghaidh. Bithibh faighidneach ma ta, a bhraithrean, gu tighinn an Tighearna. Seall, feithidh an tuathanach ri toradh priseil an talmhuinn, a cur suas gu faighidneach gus am faigh e an t-uisge luathrach agus deirionnach. Bithibhse uime sin faighidneach, us daingnichibh ur cridheachan: oir tha tighinn an Tighearna faisg. Na dianadh a h-aon agaibh, a bhraithrean, gearan air an aon eile, gus nach toirear breth oirbh. Seall, tha am britheamh ʼna sheasamh aig an dorus. Gabhaibh, a bhraithrean, mar shamhladh air olc fhulang, air saothair agus faighidin, na faidhean, a labhair ribh an ainm an Tighearna. Seall, tha sinn gam meas-san beannaichte a dhʼ fhuilig. Chuala sibh mu fhaighidin Ioib, us chunnaic sibh crioch an Tighearna, ʼs gu bheil an Tighearna iochdor us truacanta. Ach fos cionn a h-uile ni, mo bhraithrean, na mionnaichibh, co-dhiu ʼsann air neamh, no air talamh, no mionn sa bith eile. Ach biodh ur briathran: Se, se; Cha n-e, cha n-e; gus nach tuit sibh fo bhreitheanas. Am beil a h-aon agaibh fo mhulad? Dianadh e urnaigh; am beil toil-inntinn air? seinneadh e laoidh. Am beil duine air bith tinn ʼnur measg? Thugadh e stigh sagairt na h-eaglaise, ʼs dianadh iad urnaigh fos a chionn, ga ungadh le ola an ainm an Tighearna: Agus sabhalaidh urnaigh a chreidimh an duine tinn, us togaidh an Tighearna suas e; ʼs ma bhios e ann am peacannan, bithidh iad mathte dha. Aidichibh uime sin ur peacannan dha cheile, agus guidhibh air son a cheile, los gum bi sibh sabhailte: oir is mor is fhiach buan-urnaigh an duine ionraice. Bu duine Elias buailteach do fhulangas mar sinne; agus le urnaigh ghuidh e, nach sileadh uisge air an talamh, ʼs fad thri bliadhna agus shia miosan cha do shil e. Us rinn e urnaigh a rithist; ʼs thug an t-athar bhuaithe uisge, agus thug an talamh bhuaithe a thoradh. Mo bhraithrean, ma theid neach agaibh air seachran bho ʼn fhirinn, ʼs ma bheir duine air tionndadh, Is còir fios a bhith aige, gun sabhail esan, a tha ʼna aobhar tionndadh a pheacaich bho iomrall a shlighe, ʼanam bho ʼn bhàs, ʼs gum falaich e moran pheacannan. Peadar, ostal Iosa Criosta, thun nan coigreach taghte, a tha sgapte feadh Phontuis, Ghalatia, Chapadocia, Asia, agus Bhithinia, A reir roimh-eòlas De an t-Athair, gu naomhachd an Spioraid, gu umhlachd us crathadh fuil Iosa Criosta. Gun robh grasan agus sith air am miadachadh dhuibh. Beannaichte gun robh Dia us Athair ar Tighearna Iosa Criosta, a dhʼ ath-ghin sinn gu dochas laidir, a reir a mhor-throcaire fhein, le aiseirigh Iosa Criosta bho na mairbh, Gu oighreachd neo-thruaillidh, gun smal, nach searg, a feitheamh oirbh ann am flathanas, A tha le cumhachd Dhe air ur gleidheadh tromh chreideamh gu sabhaladh, a tha deas gu bhith air a shoillseachadh sna h-amannan deirionnach. Anns an dian sibh mor-aighear, ged is fheudar dhuibh a nis a bhith fo bhròn car seal le iomadh buaireadh, Gus am faighear dearbhadh ur creidimh nas priseile gu mor na òr (a tha airʼa dhearbhadh le teine) gu moladh, ʼs gu onair, ʼs gu gloir aig taisbeanadh Iosa Criosta; Dha bheil sibh a toirt gaoil, ged nach fhaca sibh e; anns a bheil sibh nis a creidsinn, ged nach eil sibh ga fhaicinn: us le bhith creidsinn ni sibh mor-aighear le sòlas nach gabh innse, agus glormhor: A faighinn crioch ur creidimh, se sin, sabhaladh ur n-anmannan. Mu dheidhinn an t-sabhalaidh so, dhʼ iarr us rannsuich gu durachdach na faidhean, a rinn faisneachd mu na grasan a bha gu tighinn oirbhse; A rannsachadh cuin, no ciod an seorsa ama, a bha Spiorad Chriosta a ciallachadh unnta, ʼsa g-innse roimh laimh nam fulangasan sin a thʼ ann an Criosta, ʼs na gloire a thigeadh ʼnan lorg: Dhaibh-san a chaidh thaisbeanadh nach ann dhaibh fhein ach dhuibhse, a fhritheil iad na nichean sin, a tha nis air an innse dhuibh leo-san, a theagaisg dhuibh an soisgeul, air do ʼn Spiorad Naomh a bhith air a chur a nuas á flathanas, air an toigh leis no h-ainglean a bhith g-amharc. Leis a sin air do leasraidh ur n-inntinn a bhith crioslaichte agaibh, agus sibh measarra, biodh dochas coimhlionta agaibh as na grasan a thʼ air an tairgse dhuibh aig taisbeanadh Iosa Criosta, Mar chloinn na h-umhlachd, gun a bhith air ur cumadh ri tograichean ur n-aineolais roimh so: Ach a reir-san, a ghairm sibh, a tha Naomh: bithibhse mar an ciadna naomh ʼnur caithe-beatha gu leir: A chionn tha e sgriobhte: Bithidh sibhse naomh, oir tha mise naomh. Us ma ghairmeas sibh air an Athair, esan a bheir breth gun taobh ri neach seach neach a reir obair gach duine, caithibh ur beatha le fiamh fad laithean ur tuinidh an so: A tuigsinn nach deach ur saoradh le nichean truaillidh, mar tha òr no airgiod, bho chaithe-beatha faoin beul-aithris ur n-aithrichean, Ach le fuil phriseil Chriosta, mar uan gun smal ʼs gun truailleadh: Roimh-aithnichte gu dearbh romh chruthachadh an t-saoghail, ach air a thaisbeanadh sna h-amannan deirionnach air ur sonsa, A tha troimh-san a creidsinn ann an Dia, a thog e bho na mairbh, ʼsa thug gloir dha, gus ur creideamh agus ur dochas a bhith ann an Dia: A glanadh ur n-anmannan le umhlachd na carrantachd, le gaol braithreil, bho chridhe aon-fhillte thugaibh gradh dha cheile gu deothasach: Le sibh a bhith air ur n-ath-bhreith, cha n-ann bho shiol truaillidh, ach neo-thruaillidh, tromh fhacal an De bheo, a mhaireas a chaoidh: Oir tha h-uile feoil mar fhiar, agus a gloir uile mar bhlath an fheoir; shearg am fiar, us thuit a bhlath. Ach mairidh facal an Tighearna gu bràth: agus se so am facal a chaidh a shoisgeulachadh dhuibh. Uime sin a cur air chul a h-uile gò, ʼsa h-uile foille, us ceilge, us farmaid, ʼsa h-uile culchainnte, Mar naoidheanan air an ùr-bhreith, iarraibh bainne reusonta gun cheilg; los gum fàs sibh leis gu sabhaladh: Ma se ʼs gun do bhlais sibh gum beil an Tighearna milis. Agus sibh a tighinn ga ionnsuidhse, mar gu cloich bheo, a dhiultadh gu dearbh le daoine, ach air a taghadh agus ann an urram le Dia: Bithibhse cuideachd, mar bheo-chlachan air an togail suas, ʼnur tigh spioradail, ʼnur sagartachd naoimh gu tairgse suas iobairtean spioradail, taitneach do Dhia tromh Iosa Criosta: As leth so tha e ri fhaighinn san Sgriobtur: Seall, suidhichidh mi ann an Sion priomh chlach-oisne, thaghte, phriseil: agus an neach a chreideas innte, cha bhi e air a narachadh. Dhuibhse ma ta, a tha creidsinn, tha i ʼna h-urram: ach dhaibh-san nach eil a creidsinn, a chlach a dhiult na clachairean, rinneadh i so ʼna ceann na h-oisne; Agus ʼna cloich-thuislidh, ʼs ʼna carraig sgainneil dhaibh-san, a thuislicheas air an fhacal, ʼs nach creid annsan sna shuidhicheadh iad. Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rioghail, cinneadh naomh, pobull ceannaichte; los gun dian sibh follaiseach na buadhan aige-san, a ghairm sibh à dorchadas gu sholus miarailteach fhein: Sibhse nach robh air uair ʼnur pobull, ach a tha nis; ʼnur pobull De: sibhse nach dʼ rainig air trocair, ach a nis a rainig air trocair. A mhuinntir mo ghraidh, tha mi guidhe oirbh mar choigrich ʼs mar luchd-cuairt, sibh gu ʼr cumail fhein bho ana-miannan na feola, a tha cogadh an aghaidh an anma, Le deagh ghiulan a bhith agaibh am measg nan cinneach; los, an aite olc a labhairt ʼnur n-aghaidh mar luchd-drochbheart, gun toir iad, le beachdachadh air ur deagh ghniomhran, gloir do Dhia air latha na sealltuinn. Bithibh uime sin umhailte do ʼn h-uile creutair daonda air sgàth Dhe, co-dhiu ʼsann do ʼn righ, mar do ʼn neach is urramaiche, No do dhʼ uachdrain, mar do dhaoine air an cur leis-san gu diughladh air na droch dhaoine, ʼs gu moladh nan daoine matha: Oir se so toil Dhe, gun cuir sibh samhach, le math a dhianamh, aineolas dhaoine aimideach: Mar dhaoine saor, gun a bhith dianamh dhe ʼr saorsa cleochd do dhrochmheinn, ach mar sheirbhisich Dhe. Thugaibh urram do dhaoine uile, gaol do na braithrean, fiamh do Dhia, onair do ʼn righ. A sheirbhisich, bithibh umhailte dha ʼr maighistirean leis a h-uile athadh, cha n-ann a mhain dhaibh-san, a tha math agus caoin, ach dhaibh-san a tha iargalta cuideachd. Oir ʼs fhiach so taing, ma chuireas neach air son cogais as leth Dhe suas ri anshocair, a fulang neo-chiontach. Oir ciod an t-aobhar uaille, ma ʼsann ʼnur peacaich, ʼsa thaobh sin air ur bualadh, a tha sibh a fulang? Ach ma ʼsann a dianamh math a tha sibh a fulang gu faighidneach, is airidh so air taing an lathair Dhe. Oir ʼsann gu so a chaidh ur gairm: a chionn gun dʼ fhuilig Criosta air ar son, a fagail samhla agaibh, gus sibh a cheuman a leanail: Esan nach dʼ rinn peacadh, ʼs cha mhua fhuaradh foill ʼna bhial. Nuair a chàineadh e, nach do chàin; nuair a dhʼ fhuilig e, nach do mhaoith: ach liubhair e e fhein seachad dhasan a thug breth eucorach air; A ghiulain ʼna choluinn fhein ar peacannan air a chrann; los, le bhith marbh do ʼn pheacadh, gum bi sinn beo do cheartas: le sgiursadh-san shlanuicheadh sibh. Oir mar chaoraich bha sibh a dol air seachran, ach tha sibh a nis air tionndadh ri buachaill agus easbuig ur n-anmannan. Mar an ciadna biodh mnathan umhailt dha ʼm fearaibh; los, ma tha feadhainn nach eil a creidsinn an fhacail, gum biodh iad as aonais an fhacail air an cosnadh le caithe-beatha nam ban, Le iad a bhith beachdachadh air ur giulan beusach le fiamh. Biodh an sgeadachadh cha n-ann air an taobh-mach le dualadh an fhuilt aca, no le cur suas òir no riomhachas eididh: Ach duine diomhair a chridhe, ann an neo-thruailleachd spioraid shamhaich, chiuin, a tha beairteach an lathair Dhe. Oir ʼsann mar so a sgeadaich roimh so boirionnaich naomh iad fhein, a bha g-earbsa á Dia, us iad striochdte dha ʼm fearaibh fhein. Mar bha Sara umhailt do dhʼ Abraham a cantuinn tighearna ris; dha bheil sibhse ʼnur nigheanan, a tha dianamh gu math, ʼs aig nach eil sion de ghioraig romh thuairgneadh. Sibhse cuideachd, fheara, a tha tamh maille riu a reir eolais, thugaibh onair do ʼn mhnaoi, mar do ʼn t-saghach is laige, ʼs mar do cho-oighreachan air grasan na beatha; gus nach bacar ur n-urnaighean. A dhʼ aon fhacal, bithibh uile a dhʼ aon inntinn, truacanta ri cheile, gaolach air na braithrean, iochdor, stuama, iriosal: Gun olc a dhianamh air son uilc, no càineadh an aghaidh càinidh, ach, a cheart eile, beannachadh: oir ʼsann gu so a tha sibh air ur gairm, gu beannachd a shealbhachadh mar oighreachd. Oir esan leis an toil beatha ghradhachadh, us laithean math fhaicinn, caisgeadh e a theanga bho olc, ʼsa bhilean nach labhair iad foill; Seachnadh e an t-olc, us dianadh e math; sireadh e sith, agus leanadh e i: A chionn gum beil suilean an Tighearna air na daoine cearta, ʼsa chluasan ri ʼn urnaighean: ach tha gnuis an Tighearna air an fheadhainn a tha ri olc. Us co a ʼs urrainn ur dochann, ma tha sibh titheach air nì math? Ach ma dhʼ fhuiligeas sibh nì air son a cheartais, is beannaichte sibh. Agus na biodh sgàth oirbh romh an eagal-san, ʼs na bithibh fo bhruaillean. Ach naomhaichibh an Tighearna Criosta ʼnur cridheachan, deas an comhnuidh gu gach aon a thoileachadh, a dhʼ iarras reuson air an dochas a thʼ unnaibh: Ach le stuamachd ʼs le fiamh, le deagh chogais a bhith agaibh: air chor ʼs, an aite dhaibh a bhith labhairt oirbh air olc, gun gabh iadsan nàire, a tha diteadh gu briagach ur deagh chomhraidh ann an Criosta. Oir is fhearr fulang (ma se sin toil Dhe) a dianamh math, no a dianamh an uilc. A chionn gun dʼ fhuilig Criosta am bàs aon uair air son ar peacannan, an neo-chiontach air son nan ciontach, gus sinn a thairgse do Dhia, ʼs e air a chur gu bàs gu dearbh san fheoil, ach air a bheothachadh san spiorad. Anns an tainig e, us anns na shearmonaich e cuideachd do na spioraid a bha am priosan: A bha air uair mi-chreideach, nuair bha iad a feitheamh ri faighidin Dhe an laithean Noé, nuair bha an àirc ga dianamh; anns an robh beagan, se sin, ochd anmannan air an tiarnadh tromh uisge. ʼS ri dearbh choltas so tha am baisteadh a nis gu ʼr sabhaladh-sa: cha n-ann le toirt air falbh sailche na feola, ach le dearrsachadh deagh chogais an lathair Dhe tromh aiseirigh Iosa Criosta, A tha air deas laimh Dhe, a slugadh sios a bhàis, gus sinn a bhith ʼnar n-oighreachan air a bheatha shiorruidh; ʼs air dha dol suas gu neamh, chuireadh na h-ainglean, ʼs na cumhachdan, ʼs na feartan, fo smachd dha. Bhon a dhʼ fhuilig Criosta ma ta san fheoil, bithibhse cuideachd armaichte leis an smaoineachadh chiadna: oir esan a dhʼ fhuilig san fheoil, sguir e de pheacannan; Los gum bi e nis a chuid eile dhe a latha beo san fheoil, cha n-ann a reir toil dhaoine, ach a reir toil De. Oir is leor an uine chaidh seachad gu coimhlionadh toil nan cinneach dhaibh-san, a ghluais an roic, an druis, an anabarr fiona, an raoitearachd, an cuilmean, ʼs an iodhol-aoradh neo-laghail. Bho sin tha iad ga shaoilsinn ʼna iongantas, nach eil sibhse a ruith comhla riu thun an uamhais chiadna de roic, a labhairt air olc oirbhse: A bheir cunntas dhasan, a tha deas gu breth a thoirt air bheo ʼs air mhairbh. Oir sann air son so fhein a chaidh an soisgeul a shearmonachadh do na mairbh; gu breth a thoirt orra gu dearbh a reir dhaoine san fheoil, ach a bhith beo a reir Dhe san Spiorad. Tha crioch gach ni aig laimh. Bithibh glic ma ta, us dianaibh caithris ri urnaighean. Ach romh ʼn h-uile ni biodh carrantachd bhuan agaibh do gach a cheile: oir tha charrantachd a falach moran pheacannan: A cleachdadh aoidheachd ri gach a cheile gun ghearan: A reir ʼs mar a fhuair gach aon grasan, gan riarachadh air a cheile, mar dheagh luchd-buileachaidh grasan lionor Dhe. Ma labhras duine, labhradh e mar bhriathran Dhe; ma tha duine ri frithealadh, biodh e ris mar leis a chumhachd, a tha Dia buileachadh air; los Dia a dhʼ fhaighinn onair anns a h-uile ni tromh Iosa Criosta, dha bheil gloir agus rioghachd ri linn nan linn. Amen. A mhuinntir mo ghraidh, na gabhaibh ioghnadh as an teas loisgeach a tha gus ur dearbhadh, mar gum bu rud ùr a dhʼ eireadh dhuibh: Ach leis gum beil roinn agaibh am fulangas Chriosta, bithibh aoibhinn, chionn, nuair a thaisbeanar a ghloir, gun dian sibh aoibhneas le mor aighear. Ma nithear taire oirbh air son ainm Chriosta, bithidh sibh beannaichte: oir sin a tha gu onair, gu gloir, ʼs gu cumhachd Dhe, agus esan is Spiorad da, ni e tamh oirbh. Ach na fuiligeadh a h-aon agaibh mar mhurtair, no mar mheirleach, no mar fhear-càinidh, no mar sanntach air cuid chàich. Ach ma ʼsann mar chriostaidh, na biodh nàire air: ach thugadh e gloir do Dhia san ainm sin. Oir tha an t-àm ann gun tòisich breitheanas aig tigh Dhe. Us ma ʼsann againn an toiseach, ciod a chrioch a bhios aca-san, nach eil a creidsinn soisgeul Dhe? Agus ma ʼs gann a thiarnar an duine ionraic, càit am fiach an duine mi-dhiadhaidh ʼs am peacach iad fhein? Le sin iadsan, a tha fulang a reir toil De, earbadh iad an anmannan ann an deagh ghniomhran ris a Chruthadair dhileas. Tha mi guidhe ma ta air na seanairean ʼnur measg, ʼs mi fhein cuideachd am sheanair, ʼs am fhianuis air fulangasan Chriosta, agus am fhear-comhphairt de ʼn ghloir sin a tha ri foillseachadh anns an àm ri tighinn: Beathaichibh treud Dhe a tha ʼnur measg, a gabhail curaim dhi, cha n-ann a dhʼ aindeoin, ach gu deonach a reir Dhe; cha n-ann air son buannachd salaich, ach le ʼr deoin; Cha mhua ʼsann le ain-tighearnas air a chleir, ach ʼnur luchd-sampuill do ʼn treud bho ʼn chridhe. Us nuair dhʼ fhoillsichear prionns nam buachaillean, gheobh sibh crùn na glorach nach searg. Mar an ciadna bithibh, a dhaoine oga, umhailte do na seanairean. Us fiachaibh uile umhlachd do gach a cheile: oir tha Dia a cur an aghaidh nan uaibhreach, ʼsa toirt ghrasan do na daoine iriosal. Bithibhse ma ta iriosal fo laimh chumhachdaich Dhe, los gun ardaich e sibh an àm na sealltuinn: A tilgeadh ur n-uile churaim air, oir tha curam aige dhibh. Bithibh measarra, agus dianaibh faire: a chionn gum beil ur namhaid an deomhan a dol mun cuairt mar leomhan beucach a sireadh co a shluigeas e: Cuiribhse ʼna aghaidh, laidir sa chreideamh: le fios gum beil ur braithrean, a tha san t-saoghal, fo ʼn diachuinn chiadna. Ach Dia nan uile ghras, a ghairm sinn gu ghloir shiorruidh ann an Iosa Criosta, an deigh dhuibh beagan fhulang, ni e fhein coimhlion, laidir, agus steidheil sibh. Dhasan gun robh gloir us rioghachd fad shaoghal nan saoghal. Amen. Le Silbhanus, brathair dileas dhuibhse, mar tha mi an duil, sgriobh mi ann am beagan bhriathran: a guidhe, sa toirt teisteanais, gur iad so fior ghrasan Dhe air a bheil sibh ʼnur seasamh. Tha an eaglais a thʼ ann am Babilon, a thaghadh maille ribh, a cur bheanuachd gu ʼr n-ionnsuidh, agus cuideachd Marcus mo mhac. Cuiribh fàilt air a cheile le poig naoimh. Grasan gun robh dhuibh uile, a tha ann an Iosa Criosta. Amen. Simon Peadar, seirbhiseach agus ostal Iosa Criosta, dhaibh-san, a fhuair co-ionann creideamh ruinne ann an ceartas ar De, agus ar Slanair Iosa Criosta. Gun robh grasan us sith air an coimhlionadh dhuibh ann an eolas De agus Iosa Criosta ar Tighearna: Mar tha uile nichean a chumhachd, a thaobh beatha agus crabhachd, air am buileachadh oirnn tromh eolas air-san, a ghairrn sinn le ghloir fhein ʼs le chumhachd, Troimh an tug e dhuinn gealltanasan ro-mhor agus priseil, gus sibh a bhith leo sin ʼnur comh-phairtich de ʼn nadur dhiadhaidh: a teicheadh bho thruailleachd nan ana-miannan sin a tha san t-saoghal. Us sibhse, le gabhail a h-uile curaim, cleachdaibh ʼnur creideamh neart, agus ʼnur neart eolas, ʼS ann an eolas measarrachd, ʼs ann am measarrachd faighidin, ʼs am faighidin diadhalachd, Us ann an diadhalachd gaol nam braithrean, ʼs an gaol nam braithrean carrantachd. Oir ma bhios iad so marribh agus pailt agaibh, cha n-fhag iad sibh falamh, no gun toradh ann an eolas ar Tighearna Iosa Criosta. Oir esan aig nach eil iad so mar chleachdadh, tha e dall, agus a smiarachadh, a diochuimhneachadh gun do ghlanadh e bho sheann pheacannan. Uime sin, a bhraithrean, oibrichibh le barrachd dichill, gus an dian sibh cinnteach le deagh ghniomhran ur gairm agus ur taghadh: oir le dianamh nan nichean so cha pheacaich sibh idir. Oir mar so bheirear dhuibh gu pailt rathad air dol a stigh do rioghachd shiorruidh ar Tighearna agus ar Slanair Iosa Criosta. Air an aobhar sin leigidh mi air na nichean so a chur an cuimhne dhuibh daonnan: ged gu dearbh is aithne dhuibh iad, ʼs ged a tha sibh daingnichte sa cheart fhirinn so. Oir tha mi ga shaoilsinn iomchuidh fhad, ʼsa bhios mi anns a phaillinn so, ur beothachadh le ʼr cur an cuimhne: ʼS mi cinnteach gum beil àm cur dhiom na paillinn so aig laimh, a reir ʼs mar a shoilleirich an Tighearna Iosa Criosta dhomh. Ach ni mi dichioll gum bi agaibh gu tric an deigh mo bhàis, leis an cuimhnich sibh na nichean so. Oir cha bʼ ann le bhith leantuinn faoin-sgialachdan air an dealbh gu h-innleachdach, a shoilleirich sinn dhuibh cumhachd us lathaireachd ar Tighearna Iosa Criosta, ach le bhith ʼnar fianuisean-sula air a mhoralachd. Oir fhuair e bho Dhia an t-Athair onair us gloir, an guth so a tighinn a nuas ga ionnsuidh bho ʼn ghloir oirdheirc: Se so mo Mhac gaolach, agus is mor mo thlachd dheth; eisdibh ris. Agus chuala sinn an guth so a tighinn a nuas bho neamh, nuair a bha sinn comhla ris air a bheinn naoimh. ʼS tha facal faisneachd nas treasa againn; agus is math a ni sibh le aire thoirt da, mar do sholus a dearrsadh ann an ionad dorcha, gus an soillsich a chamhanach, ʼs gun eirich reul na maidne ʼnur cridheachan: A tuigsinn so an toiseach, nach dianar faisneachd air bith de ʼn Sgriobtur le fein-mhineachadh. Oir cha tainig faisneachd uair air bith le toil duine: ach labhair daoine naomh Dhe le gluasad an Spioraid Naoimh. Ach bha faidhean-breige measg an t-sluaigh, ceart mar a bhios ʼnur measg fhein luchd-teagaisg bhriag, a bheir a stigh aidmheilean millteach, ʼsa dhʼ aicheadhas an Tighearna, a cheannaich iad, a tarruinn grad-sgriosa orra fhein. Us leanaidh moran an raoitearachd, leis an labhrar gu h-olc mu shlighe na firinne: Agus le sannt ni iad marsantachd dhibh le briathran meallta: air am beil breitheanas an tòir a nis bho chionn fhada, agus an diteadh cha n-eil ʼna shuain. Oir mar nach do chaomhainn Dia na h-ainglean a pheacaich, ach liubhair e seachad iad, air an tarruinn sios le ceanglaichean ifrinn do dhʼ iutharna, gus an cradh, gan gleidheadh gu breitheanas; ʼS nach do chaomhainn e an seann saoghal, ach thiaruinn e Noé, an t-ochdamh pearsa, searmonaiche a cheartais, a toirt na tuil air saoghal nan daoine mi-dhiadhaidh; ʼSa tionndadh gu luaithre bailtean nan Sodomach ʼs nan Gomorrach, dhit e iad gu sgrios: a dianamh ball-sampuill dhiu dhaibh-san, a dhianadh gu h-olc bho sin sios; Us shaor e Lot ionraic, a bha air a sharachadh le ana-ceartas, ʼs le caithe-beatha drabasta dhroch dhaoine: Oir bha e ionraic am faicinn ʼs an cluinntinn: a tamh am measg dhaoine, a bha bho latha gu latha a cradh anma ionraic-san le ʼn droch oibrichean. Is aithne do ʼn Tighearna daoine diadhaidh a shaoradh bho bhuaireadh: ach daoine eucorach a ghleidheadh gu latha bhreitheanais, gus am pianadh: Us gu h-araid iadsan a leanas an fheoil ann an ana-miannan neoghlan, ʼsa sheallas sios air uachdranachd, iad ladorna, fein-thoileach, leis nach eagal eiriceachdan blaisbheumach a thoirt a stigh: Nuair nach toir na h-ainglean, aig a bheil neart agus cumhachd nas mua, breth thoibheumach ʼnan aghaidh fhein. Ach iad so, cleas ainmhidhean gun tùr, buailteach a thaobh naduir gu dol an ribe ʼs gu sgrios, a toirt toibheum do nichean nach aithne dhaibh, theid iad a dhith ʼnan truailleachd fhein, A faighinn duais an ana-ceartais, a meas ʼna thoileachadh sogh latha: iad ʼnan smal ʼs ʼnan sailche, a snamh ann an anabarr de shoighneas, a raoitearachd ʼnan cuilmean maille ribh, Aig am beil suilean lan adhaltrais, us peacaidh gun sgur, a mealladh anmannan neo-steidheil, aig am beil an cridhe cleachdte ri sannt, clann nam molluchd; A fagail an rathaid dhirich, chaidh iad air seachran, a leanail slighe Bhalaim Bhosoir, a thug gaol do dhuais na h-eucorach: Ach fhuair e casg a chur air a chaothach: oir am beathach balbh cleachdte ris a chuing, a labhairt le guth duine, chuir e stad air aimideachd an fhaidh. Is tobraichean gun uisge iad sin, agus neoil air an iomain le cuairt-ghaoith, air a bheil ceo an dorchadais a feitheamh. Oir a labhairt cainnte proiseil faoin, tha iad le deidh air raoitearachd fheolmhoir gam mealladh-san, a theich car tamuill bhuapa-san, a tha caithe am beatha am mearachd; A gealltuinn saorsa dhaibh, nuair a tha iad fhein ʼnan traillean do thruailleachd: oir tha duine ʼna thraill dhasan a bheir buaidh air. Oir an deigh dhaibh teicheadh bho thruailleachd an t-saoghail tromh eolas air ar Tighearna ʼs air ar Slanair Iosa Criosta, ma theid iad ʼna luib a rithist, agus gum buadhaichear orra, is miosa dhaibh an staid dheirionnach na an ciad staid. Oir bʼ fhearr dhaibh a bhith gun eolas aca air rathad a cheartais, na, an deigh eolas fhaighinn air, tilleadh air an ais bho ʼn fhainte naoimh sin, a chaidh a liubhairt dhaibh: Oir dhʼ eirich dhaibh mar san t-seanfhacal fhirinneach so: Thill an cu gus a sgeith fhein; agus: A mhuc a nigheadh, gus a luidreadh fhein san eabar. Seall, a mhuinntir mo mhor ghaoil, si so an ath litir a tha mi sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh, unnta le cheile tha mi, mar gum bʼ eadh le comhairle, a beothachadh suas ur n-inntinnean treibhdhireach: Gus sibh a bhith cuimhneachail air na facail sin, a dhʼ innis mi dhuibh roimh bho na faidhean naomh, ʼs air ur n-ostail, ʼs air faintean an Tighearna ʼs an t-Slanair: A tuigsinn so an toiseach gun tig anns na lài deirionnach sgeigearan meallta, a g-imeachd a reir an ana-miannan fhein, A g-radh: Càite a bheil a ghealltanas, no a thighinn? oir bho ʼn àm a chaidil na h-aithrichean, tha h-uile ni a leantuinn air an aon sheol bho thoiseach a chruthachaidh. Oir tha iad aineolach air so gan deoin, gun robh na flathais air thoiseach, ʼs an talamh as an uisge, us tromh uisge a buanachadh as leth facal Dhe: Leis an deachaidh as do ʼn t-saoghal, a bha ann san uair sin, leis an tuil a thighinn thairis air. Ach tha na neamhan a tha nis ann, ʼs an talamh, air an tasgadh suas leis an fhacal chiadna, air an gleidheadh gu teine mu choinneamh latha bhreitheanais us sgrios dhaoine mi-dhiadhaidh. Ach na biodh an t-aon ni so an cleith oirbh, a chuideachda mo rùin, gur ionann aon latha aig an Tighearna agus mile bliadhna, ʼs gur ionann mile bliadhna agus aon latha. Cha n-eil an Tighearna a cur dàil ʼna ghealladh, mar a tha cuid an dùil, ach tha e cur suas gu faighidneach ribh, gun toil aige neach air bith a bhith caillte, ach gun tilleadh a h-uile h-aon gu aithreachas. Ach thig latha an Tighearna mar mheirleach: air an teid na neamhan seachad le dian neart, agus leaghaidh na dùilean le teas, us loisgear an talamh ʼs na h-oibrichean a thʼ ann. Leis gum beil na nichean so uile ma ta ri ʼn leaghadh air falbh, ciod an seorsa sluaigh bu chòir dhuibhse a bhith, ann an caithe-beatha naomh ʼs ann an diadhachd, A coimhead air son, ʼsa greasad an coinneamh tighinn latha an Tighearna, leis an teid na neamhan ʼnan teine a leaghadh air falbh, agus leis an caith na dùilean as le aintheas teine? Ach tha sinn a coimhead air son neamhan ùra, ʼs air son talmhuinn ùir a reir a ghealltanais-san, anns a bheil ceartas a tuineachadh. Uime sin, a chuideachda mo mhor ghraidh, aig a bheil dùil ris na nichean so, bithibh a stri gum faighear sibh gun truailleadh, ʼs gun smal dhasan ann an sìth. Agus measaibh ʼna shabhaladh fad-fhulangas ar Slanair: mar a sgriobh ar brathair ro ghradhach, Pol fhein, gu ʼr n-ionnsuidh a reir a ghliocais a thugadh dha, Mar a chithear ʼna litrichean uile, ʼs e labhairt unnta air na nichean so, anns a bheil cuid de nichean duilich ri ʼn tuigsinn, a tha daoine neo-fhaghluimte us neo-steidheil a fiaradh, mar na sgriobtuirean eile, gus an leir-sgrios fhein. Sibhse ma ta, a bhraithre, aig a bheil fios orra so roimh laimh, thugaibh an aire nach tuit sibh bho ʼr steidhealachd, le sibh a bhith air ur tarruinn as an rathad le iomrall dhaoine neo-ghlic. Ach fàsaibh ann an grasan, ʼs ann an eolas ar Tighearna agus ar Slanair Iosa Criosta. Dhasan gun robh gloir a nis ʼs gu latha na siorruchd. Amen. An ni bhʼ ann bho thoiseach, a chuala sinn, a chunnaic sinn le ʼr suilean, air an dʼ amhairc sinn, ʼsa laimhsich ar lamhan mu fhacal na beatha: Oir dhʼ fhoillsicheadh a bheatha, us chunnaic sinn, us tha sinn a togail fianuis, ʼsa g-innse dhuibh na beatha siorruidh, a bha maille ris an Athair, ʼsa nochdadh dhuinne: Na chunnaic agus na chuala sinn tha sinn a g-innse dhuibh, gu co-chomunn a bhith agaibh ruinne, us gus am bi ar co-chomunne ris an Athair, us ri Mhac Iosa Criosta. Agus tha sinn a sgriobhadh nan nichean so gu ʼr n-ionnsuidh, gu sòlas a bhith agaibh, ʼs gum bi ur sòlas lan. Agus se so an teachdaireachd a chuala sinn bhuaithe, ʼsa tha sinn a g-innse dhuibhse: Gur solus Dia, agus nach eil dorchadas sa bith ann. Ma their sinn gum beil co-chomunn againn ris, us sinn a g-imeachd an dorchadas, tha sinn briagach, ʼs cha n-eil sinn a dianamh na firinne. Ach ma tha sinn a g-imeachd san t-solus, mar a tha esan san t-solus, tha co-chomunn againn ri cheile, us glanaidh fuil Iosa Criosta, a Mhac-san, sinn bho ʼn h-uile peacadh. Ma their sinn nach eil peacadh againn, tha sinn ga ʼr mealladh fhein, ʼs cha n-eil an fhirinn unnainn. Ma dhʼ aidicheas sinn ar peacannan, tha esan dileas us ceart gus ar peacannan a mhathadh dhuinn, agus ar glanadh bho ʼn h-uile eucoir. Ma their sinn nach do pheacaich sinn, tha sinn ga dhianamh-san briagach, ʼs cha n-eil fhacal unnainn. Mo chlann bheag, tha mi sgriobhadh so gu ʼr n-ionnsuidh, los nach peacaich sibh. Ach ma so ʼs gum peacaich neach, tha fear-reite againn maille ris an Athair, Iosa Criosta ionraic: Agus is esan an iobairt-reite air son ar peacannan: ʼs cha n-ann air son nam peacannan againne a mhain, ach mar an ciadna air son peacannan an t-saoghail uile. Agus tha fios againn gur h-aithne dhuinn e air so, ma chumas sinn fhaintean. Esan a their gur aithne dha e, ʼs nach eil a cumail fhaintean, is briagadair e, ʼs cha n-eil an fhirinn ann. Ach esan a chumas fhacal, annsan gu firinneach tha carrantachd Dhe air a coimhlionadh; us air so is aithne dhuinn gum beil sinn annsan. Is còir dhasan, a their gum beil e tamh ann, imeachd, ceart mar a dhʼimich esan. A mhuinntir ro ionmhuinn, cha n-eil mi sgriobhadh h-ugaibh fainte ùire ach seann fhainte, a bhʼ agaibh bho thoiseach: se an t-seann fhainte am facal a chuala sibh. A rithist tha mi sgriobhadh fainte ùire h-ugaibh, ni tha fior annsan araon agus unnaibhse: a chionn gun do shiubhail an dorchadas, ʼs gum beil am fior-sholus an nis a soillseachadh. Esan a their gum beil e san t-solus, ʼsa tha toirt fuatha dha bhrathair, tha e fhathast san dorchadas. Esan a bheir gaol dha bhrathair, tha e fantuinn anna an t-solus, ʼs cha n-eil sgainneal ann. Ach esan a bheir fuath dha bhrathair, tha e ann an dorchadas, ʼsa g-imeachd an dorchadas, ʼs cha n-eil fhios aige cean a tha e dol: a chionn gun do dhall an dorchadas a shuilean. Tha mi sgriobhadh h-ugaibh, a chlann bheag, a chionn gum beil ur peacannan air am mathadh dhuibh as leth ainm-san. Tha mi sgriobhadh h-ugaibh, aithrichean, a chionn gum bʼ aithne dhuibh esan a tha bho thoiseach. Tha mi sgriobhadh h-ugaibh, a dhaoine oga, a chionn gun tug sibh buaidh air an droch-fhear. Tha mi sgriobhadh h-ugaibh, a leanabain, a chionn gum bʼ aithne dhuibh an t-Athair. Tha mi sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh, a dhaoine oga, a chionn gum beil sibh laidir, agus gum beil facal De a fantuinn unnaibh, ʼs gun tug sibh buaidh air an droch-fhear. Na tugaibh speis do ʼn t-saoghal, no do na nichean a tha anns an t-saoghal. Ma tha neach a toirt speise do ʼn t-saoghal, cha n-eil carrantachd an Athar ann: Oir gach ni a tha san t-saoghal, ʼsiad ana-miannan na feola, us ana-miannan nan sul, agus uabhar na beatha: nichean nach eil bho ʼn Athair, ach bho ʼn t-saoghal. Agus siubhlaidh an saoghal, agus ʼana-miannan: ach esan a ni toil Dhe, mairidh e gu bràth. A chlann bheag, si an uair mu dheireadh i: ʼs mar a chuala sibh gum beil an t-anacriost a tighinn: agus sa cheart uair tha iomadh anacriost ann; bho so is leir dhuinn gur i an uair mu dheireadh i. Bhrist iad a mach bhuainn, ach cha bʼ ann dhinn iad: oir nam bʼ ann dhinn iad, bhiodh iad gun teagamh air fuireach maille rinn: ach gus an dianteadh follaiseach nach ann dhinn a tha iad uile. Ach tha an t-ungadh agaibh bho ʼn Ti naomh, agus is aithne dhuibh a h-uile ni. Cha do sgriobh mi h-ugaibh mar do dhaoine aineolach air an fhirinn, ach mar do dhaoine dha ʼn aithne i: ʼs dha ʼn aithne, nach eil briag air bith bho ʼn fhirinn. Co tha briagach, ach esan a dhʼ aicheadhas gur e Iosa an Criosta? Se esan an t-anacriost, a tha g-aicheadh an Athar agus a Mhic. Ge bʼ e neach a dhʼ aicheadhas am Mac, cha n-eil an t-Athair aige, esan a dhʼ aidicheas am Mac, tha an t-Athair aige cuideachd: Sibhse, fanadh unnaibh na chuala sibh bho thoiseach: Ma dhʼ fhanas unnaibh na chuala sibh bho thoiseach, fanaidh sibh mar-aon anns a Mhac us anns an Athair. Agus se so an gealladh, a gheall esan dhuinn, a bheatha shiorruidh. Sgriobh mi iad so h-ugaibh mu dheidhinn na feadhnach a tha gu ʼr mealladh. As ur lethse, fanadh unnaibh an t-ungadh sin a fhuair sibh bhuaithe. Us cha ruig sibh a leas ur teagasg le duine air bith: ach mar a tha ungadh-san a teagasg a h-uile ni dhuibh, is firinn e, ʼs cha bhriag. Us mar a theagaisg e sibh, fanaibh ann. Agus a nis, a chlann bheag, fanaibh ann: air chor ʼs nuair a nochdas e e fhein, gum bi dochas againn, ʼs nach cuirear gu nàire sinn leis aig a thighinn. Ma tha brath agaibh gum beil esan ceart, biodh brath agaibh cuideachd, gum beil a h-uile h-aon a ni ceartas air a bhreith bhuaithe. Seallaibh ciod e an seorsa carrantachd a dhʼ fhiach an t-Athair dhuinn, gun gairmteadh sinn, ʼs gum bithemid ʼnar mic do Dhia. Uime sin cha n-aithne do ʼn t-saoghal sinn: a chionn nach bʼ aithne dha esan. A mhuinntir mo mhor ghraidh, is sinn a nis mic Dhe; ʼs cha dʼ fhiachadh fhathast ciod a bhios sinn. Tha fios againn, nuair a nochdas esan e fhein, gum bi sinn coltach ris: a chionn gum faic sinn e mar a tha e. Agus a h-uile h-aon aig a bheil an dochas so ann, tha e ga naomhachadh fhein, amhuil mar a tha esan naomh. A h-uile h-aon a ni peacadh, tha e dianamh eucoire: agus is eucoir am peacadh. Agus tha fios agaibh gun do nochd e e fhein gus ar peacannan a thoirt air falbh; agus annsan cha n-eil peacadh. Gach aon a dhʼ fhanas annsan, cha pheacaich e; ʼs gach aon a pheacaicheas, cha n-fhac e e, cha mhua bʼ aithne dha e. A chlann bheag, na mealladh duine air bith sibh. Esan a ni ceartas, tha e ceart, amhuil mar a tha esan ceart. Esan a ni peacadh, ʼsann bho ʼn deomhan a tha e: oir tha an deomhan a peacachadh bho thùs. ʼSann air son so a nochdadh Mac Dhe, gu oibrichean an deomhain a sgrios. Ge bʼ e a thʼ air a bhreith bho Dhia, cha dian e peacadh: a chionn gum beil a shiol a fantuinn ann; ʼs cha n-urrainn da peacachadh, a chionn gum beil e air a bhreith bho Dhia. Bho so tha clann Dhe, agus clann an deomhain follaiseach. Ge e nach eil ceart, cha le Dia e, cha mhua is leis esan aig nach eil gaol dha bhrathair: Oir se so an sgial a chuala sibh bho thoiseach, gun toir sibh gaol dha cheile. Cha n-ann mar Chain, a bha bho ʼn droch-fhear, ʼsa mharbh a bhrathair. Agus car-son a mharbh e e? A chionn gun robh oibrichean fhein olc: us oibrichean a bhrathar ceart. Na gabhaibh iongantas, a bhraithrean, ged a bheir an saoghal fuath dhuibh. Tha fhios againn gun do dhʼ aisigeadh sinn bho bhàs gu beatha, a chionn gum beil gaol againn air na braithrean. Tha esan aig nach eil gaol, a fantuinn ann am bàs: Neach air bith a tha toirt fuatha dha bhrathair, is murtair e. Agus is aithne dhuibh nach eil a bheatha shiorruidh aig murtair air bith a tamh ann fhein. Le so is aithne dhuinn carrantachd Dhe, a chionn gun do leig e sios a bheatha air ar son: agus is coir dhuinn ar beatha leigeil sios air son nam braithrean. Am fear aig a bheil maoin an t-saoghail so, agus a chi a bhrathair ann an uireasuidh, agus a dhuineas ʼinnidh ʼna aghaidh: ciamar a tha carrantachd Dhe a tamh ann? Mo chlann bheag, na tugamaid gaol ann am facal, no leis an teangaidh, ach ann an gniomh ʼs am firinn. Bho so tha fhios againn gur ann bho ʼn fhirinn a tha sinn; agus ʼna lathair-san ni sinn cinnteach ar cridheachan. Oir ma tha ar cridhe ga ʼr cronachadh: is mua Dia na ar cridhe, agus is aithne dha a h-uile ni. A mhuinntir mo mhor ghraidh, mur eil ar cridhe ga ʼr cronachadh, tha earbsa againn a thaobh Dhe; Us ge bʼ e ni a dhʼ iarras sinn, gheobh sinn e bhuaithe: a chionn gum beil ʼsinn a cumail fhaintean, agus a dianamh nan nichean sin a tha taitneach ʼna lathair. Agus se so fhainte: Gun creid sinn ann an ainm a Mhic Iosa Criosta; agus gun gradhaich sinn a cheile, mar a dhʼ àithn e oirnn. Agus tha am fear, a chumas fhaintean, a tamh ann, agus esan annsan; agus le so tha sinn a g-aithneachadh gum beil e a tamh unnainn, bho ʼn Spiorad a thug e dhuinn. A chuideachda mo mhor ghaoil, na creidibh a h-uile spiorad, ach fiachaibh na spioraid, an ann bho Dhia a tha iad: a chionn gum beil ioma faidh-breige air dol a mach air feadh an t-saoghail. Le so aithnichear spiorad Dhe: a h-uile spiorad a dhʼ aidicheas gun tainig Iosa Criosta san fheoil, ʼsann bho Dhia a tha e: ʼSa h-uile spiorad a sgaras Iosa, cha n-ann bho Dhia a tha e, agus se so an t-anacriost, mu ʼn cuala sibh gun robh e ri tighinn, agus tha e cheana anns an t-saoghal. Tha sibhse bho Dhia, a chlann bheag, us thug sibh buaidh air: a chionn gur mua esan a tha unnaibhse, na esan a tha san t-saoghal. Tha iadsan dhe ʼn t-saoghal: ʼs le sin tha an labhairt de ʼn t-saoghal, ʼs tha an saoghal a toirt cluaise dhaibh. Tha sinne bho Dhia. Esan, dha ʼn aithne Dia, eisdidh e ruinn; an neach nach eil bho Dhia, cha n-eisd e ruinn: le so aithnichidh sinn spiorad na firinn, agus spiorad na mearachd. A chuideachda ro ghaolach, thugamaid gradh dha cheile: oir tha a charrantachd bho Dhia. ʼS gach aon a ghradhaicheas, tha e air a bhreith bho Dhia, agus is aithne dha Dia. An neach nach gradhaich, cha n-aithne dha Dia: oir is carrantachd Dia. Le so dhʼ fhiachadh carrantachd Dhe dhuinn, a chionn gun do chuir Dia aonghin Mic thun an t-saoghail, gus sinn a bhith beo troimh-san. An so tha carrantachd: cha n-e gun tug sinn gaol do Dhia, ach a chionn gun tug esan gaol dhuinne an toiseach, ʼs gun do chuir e a Mhac ʼna reite air son ar peacannan. A mhuinntir mo mhor ghraidh, ma thug Dia gaol mar so dhuinne, is còir dhuinne gaol a thoirt dha cheile. Cha n-fhaca duine Dia riamh. Ma bheir sinn gaol dha cheile, tha Dia a comhnuidh unnainn, agus tha a charrantachd-san air a coimhlionadh unnainn. Le so is aithne dhuinn gum beil sinn a comhnuidh ann, us esan unnainn: a chionn gun tug e dhuinn dhe a spiorad. Agus chunnaic sinn, agus tha sinn a toirt teisteanais, gun do chuir an t-Athair a Mhac mar Shlanair an t-saoghail. Co air bith a dhʼ aidicheas gur e Iosa Mac Dhe, tha Dia a gabhail comhnuidh ann, agus esan ann an Dia. Us dhʼ aithnich sinn, us chreid sinn a charrantachd a thʼ aig Dia dhuinn. Is carrantachd Dia; agus an neach a dhʼ fhanas ann an carrantachd, tha e fantuinn ann an Dia, us Dia annsan. Le so tha carrantachd Dhe air a coimhlionadh dhuinn, gu earbsa a bhith againn lathʼ a bhreitheanais: oir mar a tha esan, tha sinne cuideachd anns an t-saoghal so. Cha n-eil eagal ann an carrantachd: ach tilgidh carrantachd choimhlionta a mach eagal: a chionn gum beil pian san eagal: agus cha n-eil esan, a tha gabhail eagail, coimhlionta ann an carrantachd. Thugamaid ma ta gaol do Dhia, a chionn gun tug Dia gaol dhuinn an toiseach. Ma their duine air bith, tha gaol agam air Dia, us fuath aige dha bhrathair, tha e briagach. Oir esan nach eil a toirt gaoil dha bhrathair, a tha e faicinn, ciamar is urrainn da gaol a thoirt do Dhia, nach eil e faicinn? Agus tha ʼn fhainte so againn bho Dhia: Esan a bheir gaol do Dhia, thugadh e gaol dha bhrathair cuideachd. Tha gach aon, a chreideas gur e Iosa an Criosta, air a bhreith bho Dhia. Us tha gach aon, a bheir gaol dhasan a ghin, a toirt gaoil cuideachd dhasan a thʼ air a bhreith bhuaithe. Le so tha fios againn gum beil gaol againn air cloinn Dhe, sinn a bhith toirt gaoil do Dhia, ʼsa cumail fhaintean. Oir se so carrantachd Dhe, sinn a chumail fhaintean: ʼs cha n-eil fhaintean-sa trom. Oir a h-uile ni a rugadh bho Dhia, bheir e buaidh air an t-saoghal: agus si so a bhuaidh a bheir buaidh air an t-saoghal, ar creideamh. Co esan a bheir buaidh air an t-saoghal, ach esan a tha creidsinn, gur e Iosa Mac Dhe? Se so esan a thainig tromh uisge, ʼs tromh fhuil, Iosa Criosta: cha n-ann a mhain tromh uisge, ach tromh uisge, ʼs tromh fhuil. Agus se an Spiorad a tha toirt teisteanais gur e Criosta an fhirinn. Agus tha triuir a tha toirt teisteanais air neamh: an t-Athair, am Facal, agus an Spiorad Naomh: agus is aon an triuir sin. Agus tha triuir a tha toirt teisteanais air talamh: An spiorad, agus an t-uisge, agus an fhuil: agus is aon an triuir sin. Ma ghabhas sinn teisteanas dhaoine, se teisteanas Dhe is mua: oir se so teisteanas Dhe, a tha nas mua, a chionn gun tug e teisteanas air a Mhac. Esan a chreideas ann am Mac Dhe, tha teisteanas Dhe aige ann fhein. An neach nach creid am Mac, tha e dianamh briagadair dheth: a chionn nach eil e creidsinn an teisteanais a thug Dia air a Mhac. Agus se so an teisteanas, gun tug Dia dhuinn a bheatha shiorruidh. Agus tha a bheatha so ʼna Mhac-san. Esan aig a bheil am Mac, tha beatha aige: esan aig nach eil am Mac, cha n-eil beatha aige. Tha mi sgriobhadh so gu ʼr n-ionnsuidh, los gun aithnich sibh gum beil a bheatha shiorruidh agaibhse, a tha creidsinn ann an ainm Mhic Dhe. Agus se so an dochas a thʼ againn ga thaobh: Ciod sa bith a dhʼ iarras sinn air a reir a thoile, gun eisd e ruinn. Agus tha fios againn gun eisd e ruinn ciod sa bith a dhʼ iarras sinn: tha fios againn gum beil sinn a faighinn nan iarratas, a tha sinn a g-iarraidh air. Am fear aig a bheil fios gun dʼ rinn a bhrathair peacadh, nach eil gu bàs, iarradh e, us bheirear beatha dhasan nach dʼ rinn peacadh gu bàs. Tha peacadh ann gu bàs: air a shon-san cha n-eil mi g-radh gun guidh neach air bith. Is peacadh a h-uile eucoir; agus tha peacadh ann gu bàs. Tha fios againn nach peacaich neach sa bith a thʼ air a bhreith bho Dhia: ach tha gineamhuinn De ga ghleidheadh, ʼs cha bhean an droch-fhear dha. Tha fios againn gu bheil sinne bho Dhia; ʼs gu bheil an saoghal gu leir leagte ris an olc. Us tha fhios againn gun tainig Mac Dhe, agus gun tug e tuigse dhuinn, los gum bi eolas againn air an fhior Dhia, ʼs gum bi sinn ann a fhior Mhac-san. Se so am fior Dhia, agus a bheatha shiorruidh. A chlann bheag, cumaibh sibh fhein bho iodholan. Amen. An t-Aosda thun na baintighearna Electa, us thun a cloinne, is ionmhuinn leamsa anns an fhirinn, agus cha leamsa a mhain, ach leo-san uile dha ʼm bʼ aithne an fhirinn, As leth na firinn, a tha tamh unnainne, agus a bhios maille ruinn a chaoidh. Grasan, iochd, agus sith gun robh maille ribh bho Dhia an t-Athair, ʼs bho Iosa Criosta, Mac an Athar, ann am firinn ʼs an carrantachd. Bha mi ro thoilichte, gun dʼ fhuair mi dhe dʼ chloinn a g-imeachd am firinn, a reir ʼs mar fhuair sinn fainte bho ʼn Athair. Agus a nis tha mi guidhe ort, a bhaintighearna, cha n-ann mar gum bʼ eadh a sgriobhadh fainte ùire ga dʼ ionnsuidh, ach na fainte a bhʼ againn bho thoiseach, gun tugamaid gaol dha cheile. Agus se so a charrantachd, gun imich sinn a reir fhaintean-sa. Oir si so an fhainte, los, mar a chuala sibh bho thoiseach, sibh a dhʼ imeachd innte. Oir tha moran mhealltairean air dol a mach air feadh an t-saoghail, nach eil a g-aideach gun tainig Iosa Criosta san fheoil: is mealltair am fear sin agus anacriost. Thugaibh an aire oirbh fhein nach caill sibh na dhʼ oibrich sibh, ach gum faigh sibh lan dhuais. Co air bith a bhristeas a mach, ʼs nach fan ann an teagasg Chriosta, cha n-eil Dia aige: an neach a dhʼ fhanas san teagasg, aige-san tha an t-Athair mar-aon agus am Mac. Ma thig neach air bith gu ʼr n-ionnsuidh, gun an teagasg so thoirt leis, na gabhaibh a stigh e do ʼn tigh, ʼs na abraibh ris, Fàilt ort. Oir an neach a their ris, Fàilt ort, tha e comh-phairteachadh ʼna dhroch oibrichean. Ged tha moran tuille agam ri sgriobhadh h-ugaibh, cha bʼ aill leam le paipeir ʼs le dubh: oir tha dùil agam a bhith maille ribh, us labhairt aghaidh ri aghaidh, gus ur sòlas a bhith làn. Tha clann do pheathar Electa a cur bheannachd ga dʼ ionnsuidh. An t-aosda do fhear mo mhor ghaoil, Gaius, is toigh leamsa ann am firinn. Fhir ro ghradhaichte se mʼ urnaigh a thaobh a h-uile ni, gun soirbhich leat, ʼs gum bi thu gu math, mar a tha tʼ anam a dianamh gu ciatach. Bha mi ro thoilichte, nuair a thainig na braithrean, ʼsa thug iad teisteanas air an fhirinn a tha unnad, a reir ʼs mar a tha thu g-imeachd am firinn. Toil-inntinn nas mua na so cha n-eil agam, mi chluinntinn gum beil mo chlann a g-imeachd am firinn. Fhir ro ghradhaichte, tha thu dileas anns gach saothair, a tha thu gabhail air son nam braithrean, ʼs air son nan coigreach mar an ciadna, A thug teisteanas air do charrantachd an lathair na h-eaglais: dha ʼn dian thu gu math le ʼn toirt air an adhart ʼnan slighe ann an seol airidh air Dia. A chionn gur ann as leth ainm-san a dhʼ fhalbh iad, gun ni a ghabhail bho na cinnich. Is còir dhuinne ma ta gabhail ri ʼn leithidean sin, gus sinn a bhith ʼnar comh-oibrichean na firinne. Bhithinn air sgriobhadh ma dhʼ fhaoidte dhʼ ionnsuidh na h-eaglais: ach cha n-eil esan, leis an toil a bhith ʼna cheannas orra, Diotrephes, a gabhail ruinne. Air an aobhar sin ma thig mi, ni mi follaiseach na gniomhan a tha e dianamh, a glagaireachd ʼnar n-aghaidh-ne le cainnt dhroch-mheinnich; ʼs mar nach foghnadh so leis, cha n-eil e fhein a gabhail ris na braithrean, ʼs tha e gam bacail-san a tha gabhail riu, agus gan tilgeadh a mach as an eaglais. Fhir mo mhor ghraidh, na lean an ni a tha olc, ach an ni a tha math. Esan a tha ri math, tha e bho Dhia: esan a tha ris an olc, cha n-fhaca e Dia. Thugadh teisteanas do Dhemetrius le daoine uile, ʼs leis an fhirinn fhein, agus tha sinne cuideachd a toirt teisteanais: agus tha fios agad gum beil ar teisteanas fior. Bha ioma ni agam ri sgriobhadh ad ionnsuidh: ach cha bʼ aill leam le dubh ʼs le peann sgriobhadh ad ionnsuidh. Ach tha duil agam tʼ fhaicinn gu h-aithghearr, us labhraidh sinn bial ri bial. Sith dhut. Tha ar cairdean a cur bheannachd h-ugad. Cuir fàilt air na cairdean fos leth. Iuda, seirbhiseach Iosa Criosta, us brathair Sheumais, gan ionnsuidh-san, a tha gradhaichte ann an Dia an t-Athair, ʼs air an gleidheadh ann an Iosa Criosta, ʼs air an gairm. Gun robh iochd, us sith, agus carrantachd air an coimhlionadh dhuibh. A mhuinntir mo mhor ghraidh, ʼs mi gabhail a h-uile curaim gu sgriobhadh h-ugaibh mu ʼr sabhaladh coichionta, bʼ fheudar dhomh sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh: a guidhe oirbh, sibh a chath gu treubhach air son a chreidimh a liubhradh aon uair do na naoimh. Oir ghoid daoine araid a stigh fos n-iosal (mu ʼn do sgriobhadh bho chian thun a bhreitheanais so) daoine mi-dhiadhaidh, a tionndadh grasan ar De-ne gu soghalachd, ʼsa g-aicheadh an aon riaghladair, agus ar Tighearna Iosa Criosta. Tha mhiann orm ma ta ur cur air ur faicill, sibhse dha ʼm bʼ aithne cheana a h-uile ni, air do Iesus am pobull a shaoradh á talamh na h-Eiphit, gun do sgrios e an deigh sin iadsan nach do chreid: Us na h-ainglean nach do ghleidh an ciad-inbhe, ach a dhʼ fhag an aros-tamha, chum e le slabhruidhean siorruidh fo dhorchadas gu breitheanas an latha mhoir. Mar rinneadh Sodom us Gomorra, ʼs na bailtean ʼsa choimhearsnachd, a thug iad fhein thairis air a mhodh chiadna do striopachas, ʼs do leanail feola eile, ʼnam ball-sampuill, air an cràdh le teine siorruidh: Air an alt chiadna tha na daoine sin a truailleadh na feola, ʼsa dianamh diù do dhʼ uachdranachd, ʼsa toirt toibheum do mhoralachd. Nuair a bha Micheil an t-ard-aingeal a deaspud ris an deomhan, ʼsa consachadh mu chorp Mhaois, cha robh a dhanadas aige breth thaireil a thoirt ʼna aghaidh, ach thuirt e: Cronaicheadh an Tighearna thu. Ach tha na daoine sin a labhairt gu toibheumach air na nichean nach aithne dhaibh: agus ciod sa bith nichean is aithne dhaibh a bhrigh an naduir, cleas ainmhidhean balbha, leo sin tha iad air an truailleadh. Mo thruaighe iad, oir ghabh iad air slighe Chain, ʼsa leanail mearachd Bhalaaim bhruchd iad a mach air son duaise, ʼs mar an ceannairc Choire chaidh iad a dhith. Tha iad ʼnan smal ʼnam feisdean, a g-ithe chuilmean comhla gun sgàth, a gabhail an satha; is neoil gun uisge iad, a tha air an iomain mun cuairt le gaoithean, is craobhan faghair iad gun mheas, dà uair marbh, spionte as am friamhaichean, Is tonnan onfhach a chuain iad, a copadh suas an nàire fhein mar chobhar: reultan seachranach, air a bheil stoirm an dorchadais shiorruidh a feitheamh. A nis rinn Enoch, an seachdamh glun bho Adhamh, faisneachd umpa so, a g-radh: Faic, tha an Tighearna a tighinn le miltean dhe ʼnaoimh A dhianamh breitheanais air daoine uile, ʼsa thoirt achasain do dhaoine mi-dhiadhaidh gu leir air son an oibrichean mi-dhiadhaidh air fad, leis an dʼ rinn iad gu mi-dhiadhaidh, ʼs air son a h-uile cruaidh chainnte, a labhair peacaich mhi-dhiadhaidh an aghaidh Dhe. Tha iad sin ʼnan luchd-monmhuir gearanach, a g-imeachd a reir am miann fhein, ʼs tha am bial a labhairt nichean uaibhreach, brosgulach ri pearsachan air sgàth buannachd. Ach bithibhse, a luchd mo mhor ghraidh, cuimhneach air na facail a chaidh a radh ribh roimh le ostail ar Tighearna Iosa Criosta, A thuirt ribh gun tigeadh sna h-amannan deirionnach sgeigearan, a g-imeachd a reir am miann fhein ann am mi-dhiadhachd. ʼSiad sin iadsan, a tha gan tearbadh fhein, daoine colaidh, aig nach eil an Spiorad. Ach sibhse, a mhuinntir mo mhor ghraidh, gu ʼr togail fhein suas air steidh ur creidimh ro naomh, a g-urnaigh san Spiorad Naomh, Cumaibh sibh fhein ann an gaol Dhe, a feitheamh ri trocair ar Tighearna Iosa Criosta gu beatha shiorruidh. Agus cronaichibh a rireadh iadsan air an tugadh breth: Ach sabhalaibh cuid, gan spionadh as an teine. Agus do chuid eile fiachaibh iochd le fiamh: a fuathachadh an trusgain shalaich a tha feolmhor. A nis dhasan, a ʼs urrainn ur gleidheadh gun pheacadh, ʼs ur suidheachadh gun smal ʼs gu ro shòlasach an lathair a ghloire, aig tighinn ar Tighearna Iosa Criosta, Do ʼn aon Dia ar Slanair, tromh Iosa Criosta ar Tighearna, gun robh gloir us moralachd, rioghachd us cumhachd roimh gach linn, agus a nis, agus fad uile linntean nan linn. Amen. Taisbeanadh Iosa Criosta, a thug Dia dha a shoilleireachadh dha sheirbhisich nan nichean, a dhʼ fheumas tachairt gu h-aithghearr: ʼsa dhʼ fhiach e, le aingeal fhein a chur gu sheirbhiseach Eoin, A thug teisteanas air facal Dhe, agus teisteanas Iosa Criosta, gach ni a chunnaic e. Is beannaichte esan a leughas, ʼsa dhʼ eisdeas ri facail na faisneachd so, ʼsa chumas na nichean sin, a tha sgriobhte innte: oir tha an t-àm dluth. Eoin thun nan seachd eaglaisean a thʼ ann an Asia. Grasan gun robh dhuibhse agus sith bhuaithe-san, a tha, ʼsa bha, ʼsa tha ri tighinn; agus bho na seachd spioraid, a tha air bialaobh a chathrach; Agus bho Iosa Criosta, an fhianuis dhileas, ciadghin nam marbh, agus prionns righrean an talmhuinn, a thug gaol duinn, ʼsa ghlan sinn bho ʼr peacannan ʼna fhuil fhein, ʼSa rinn sinn ʼnar rioghachd agus ʼnar sagairt do Dhia agus dha ʼAthair: dha-san gun robh gloir us rioghachd fad shaoghal nan saoghal. Amen. Faic, tha e tighinn leis na neoil, agus chi a h-uile suil e, us iadsan cuideachd a lot e. Agus guilidh treibhean an talmhuinn uile air an son fhein as a leth: Mar sin biodh. Amen. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach ʼs an deireadh, os an Tighearna Dia: an t-Uile-chumhachdach, a tha, ʼsa bha, ʼsa tha ri tighinn. Bha mise, Eoin, ur brathair, ʼs ur companach ann an trioblaid, agus ann an rioghachd, ʼs ann am faighidin Iosa Criosta, ann an eilein ris an abrar Patmos, air son facal De, agus air son teisteanas Iosa. Bha mi anns an spiorad air latha an Tighearna, us chuala mi air mo chulaobh guth mor mar de thrombaid, A g-radh: Na tha thu faicinn sgriobh ann an leabhar; agus cuir thun nan seachd eaglaisean, a tha ann an Asia, gu Ephesus, agus gu Smirna, agus gu Pergamus, agus gu Thiatira, agus gu Sardis, agus gu Philadelphia, agus gu Laodicéa. Agus thionndaidh mi gus an guth fhaicinn, a bha labhairt rium: ʼs air tionndadh dhomh, chunnaic mi seachd coinnleirean òir; Agus am miadhon nan seachd coinnleirean òir a h-aon coltach ri Mac an duine, air eideadh le culaidh sios gu chasan, agus crioslaichte mu chiochan le crios òir; ʼS bha cheann agus fhalt soilleir, mar chloimh ghil, agus mar shneachda; ʼs bha shuilean mar lasair theine; ʼS bha chasan coltach ri prais ghlain, mar ann an àmhuinn laiste; agus bha ghuth mar fhuaim moran uisgeachan; Agus bha aige ʼna laimh dheis seachd reultan; agus a mach as a bhial thainig claidheamh giar dà-fhaobharach; agus bha aodann mar a ghrian a dearrsadh ʼna neart. ʼS nuair a chunnaic mi e, thuit mi aig a chasan, mar gum bʼ ann marbh. Us chuir e a lamh dheas orm, a g-radh: Na gabh eagal: Is mise a chiad aon agus an t-aon deirionnach, ʼS tha mi beo, agus bha mi marbh, us faic is beo mi a chaoidh nan caoidhean, agus tha iuchraichean a bhàis agus iutharna agam. Sgriobh ma ta na nichean a chunnaic thu, ʼsa tha ann, ʼsa dhʼ fheumas a bhith diante an deigh so. Run-diomhair nan seachd reultan, a chunnaic thu na mʼ laimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir: na seachd reultan, ʼsiad ainglean nan seachd eaglaisean; agus na seachd coinnleirean, ʼsiad na seachd eaglaisean. Sgriobh gu aingeal eaglais Ephesuis: So na nichean, a tha esan, a tha cumail nan seachd reultan ʼna laimh dheis, a tha g-imeachd am miadhon nan seachd coinnleirean òir, a g-radh: Is aithne dhomh tʼ oibrichean, ʼs do shaothair, agus dʼ fhaighidin, agus nach urrainn dhut cur suas riusan a tha olc; agus chuir thu diachuinn orrasan, a tha g-radh gur ostail iad, ʼs nach eadh; agus fhuair thu briagach iad. Agus tha faighidin agad, ʼs dhʼ fhuilig thu as leth mʼ ainmse, ʼs cha do mheath thu. Ach tha agam ad aghaidh, gun do threig thu do chiad charrantachd. Cuimhnich ma ta co as a thuit thu; us gabh aithreachas, us dian do chiad oibrichean: mur dian, thig mi ort, agus atharraichidh mi do choinnleir as ʼaite, mur gabh thu aithreachas. Ach tha so agad, gum beil fuath agad air dianadasan nan Nicolaiteach, a tha fuathach leamsa cuideachd. Esan aig am beil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean: Dhasan a bhuadhaicheas bheir mi ri icheadh de chraoibh na beatha, a tha ann am pàrras mo Dhia. Agus gu aingeal eaglais Smirna sgriobh: So na nichean a tha a chiad aon, ʼs an t-aon deirionnach, a bha marbh, ʼsa tha beo, a g-radh: Is aithne dhomh do thrioblaid agus do bhochduinn, ach tha thu beairteach; us tha thu faighinn toibheum bhuapa-san, a tha g-radh gur Iudhaich iad fhein, ʼs nach eadh, ach is iad sinagog shatain. Na gabh eagal á ni dhiu sin a tha thu gu fulang. Fiach, tilgidh an deomhan cuid dhibh am priosan, gu diachuinn a chur oirbh; us bithidh sibh ann an càs deich latha. Bi-sa dileas gu bàs, agus bheir mi dhut, crùn na beatha. Am fear aige a bheil cluasan, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean: Am fear a bheir buaidh, cha dhochainnear leis an ath bhàs. Agus gu aingeal eaglais Phergamuis sgriobh: ʼSiad so tha esan, aig a bheil an claidheamh giar dà fhaobharach a g-radh: Is aithne dhomh càite a bheil thu fuireach, far a bheil suidheachan shatain; agus tha thu cumail mʼ ainme, ʼs cha dʼ aicheadh thu mo chreideamh. Agus sin sna ceart laithean anns an robh Antipas ʼna fhianuis dhilis dhomh, a mharbhadh ʼnur measg, far a bheil satan a tamh. Ach tha beagan agam ad aghaidh: a chionn gum beil feadhainn agad an sin a tha cumail teagasg Bhalaaim, a dhʼ ionnsuich do Bhalac ceap-tuislidh a chur romh chlann Israil, iad a dhʼ icheadh, agus striopachas a dhianamh: Agus tha agad mar an ciadna iadsan, a tha cumail teagasg nan Nicolaiteach. Mar an ciadna dian peanas: ʼs mur dian, thig mi ort gu h-ealamh, agus cathaidh mi ʼnan aghaidh le claidheamh mo bheoil. Esan aig am beil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean: Do ʼn fhear a bhuadhaicheas bheir mi manna diomhair, us bheir mi dha clach gheal, ʼs air a chloich ainm ùr sgriobhte, nach aithne do neach sa bith, ach dhasan a gheobh i. Agus gu aingeal eaglais Thiatira sgriobh: ʼSiad so a tha Mac Dhe a g-rach, aig a bheil suilean mar lasair theine, ʼsa chasan coltach ri pràis fhior-ghlain: Is aithne dhomh tʼ oibrichean, agus do chreideamh, agus do charrantachd, agus do fhrithealadh, agus tʼ fhaighidin, agus do ghniomhran deirionnach, a tha nas pailte na do chiad ghniomhran. Ach tha beagan agam ad aghaidh: gum beil thu leigeil leis a bhoirionnach Iesabel, a tha g-radh gur ban-fhaidh i fhein, mo sheirbhisich a theagasg, sa mhealladh gu striopachas a dhianamh, ʼs gu nichean a dhʼ iobradh do iodholan iche. Us thug mi ùine dhi gu peanas a dhianamh; us cha mhath leatha aithreachas a ghabhail as a striopachas. Faic, tilgidh mi ann an leabaidh i; agus bithidh iadsan, a tha dianamh striopachais rithe, an trioblaid ro-mhor, mur gabh iad aithreachas as an gniomhran. Agus marbhaidh mi a clann gu bàs, us bithidh fios aig na h-eaglaisean uile gur mise fear-rannsachaidh nan airnean ʼs nan cridheachan: us bheir mi do gach neach agaibh a reir ur n-oibrichean. Ach tha mi g-radh ribhse, ʼS ri càch uile a tha an Thiatira: Co sam bith, aig nach eil an teagasg so, ʼs dha nach bʼ aithne doimhneachd shatain, mar their iad, nach cuir mi tuilleadh eallaich oirbh: Ach sin a thʼ agaibh cumaibh gu teann gus an tig mi. Us dhasan, a bheir buaidh, ʼsa chumas mʼ oibrichean thun na crìche, bheir mi cumhachd thairis air na cinnich, Agus riaghlaidh e iad le slait iarruinn, agus mar shaghach criadhadair bristear iad, Ceart ʼs mar a fhuair mise bho mʼ Athair; us bheir mi reul na maidne dha. Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean. Agus gu eaglais aingeal Shardis sgriobh: ʼSiad so tha esan a g-radh aig a bheil seachd spioraid Dhe, ʼs na seachd reultan: Is aithne dhomh tʼ oibrichean, gum beil an t-ainm agad a bhith beo, ʼs tha thu marbh. Bi ri faire, agus neartaich a chuid eile, a tha an coinneamh bàsachadh. Oir cha n-eil mi faighinn tʼ oibrichean lan an lathair mo Dhia. Biodh e ma ta na dʼ chridhe ciod an doigh air an dʼ fhuair ʼs an cuala tu, agus gleidh, us gabh aithreachas. Uime sin mur dian thu faire, thig mi ort mar mheirleach, ʼs cha bhi fios agad ciod an uair air an tig mi ort. Ach tha beagan ainmeannan agad an Sardis, nach do thruaill an trusgan; agus imichidh iad maille riumsa an geal-eideadh: oir is airidh iad air. An neach a bheir buaidh, theid eideadh mar so ann an trusgan geal, ʼs cha dhubh mi ainm á leabhar na beatha, us aidichidh mi ʼainm an lathair mʼ Athar, agus an lathair ʼainglean. Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean. Agus gu aingeal eaglais Philadelphia sgriobh: ʼSiad so tha esan a g-radh, a tha Naomh agus Fior, aig a bheil iuchair Dhài: a dhʼ fhosglas gun duine a dhuineas: a dhuineas gun duine a dhʼ fhosglas: Is aithne dhomh tʼ oibrichean. Faic, thug mi dorus fosgailte dhut romhad, nach urrainn do dhuine air bith a dhunadh: a chionn tha beagan neart agad, us ghleidh thu mʼ fhacal, ʼs cha dʼ aicheadh thu mʼ ainm. Seall, bheir mise h-ugad de shinagog shatain, a tha g-radh gur Iudhaich iad, ʼs nach eadh, ach a tha briagach: faic, bheir mi orra tighinn, agus aoradh a dhianamh aig do chasan; agus aithnichidh iad gun tug mise gaol dhut. A chionn gun do chum thu facal mʼ fhaighidin, cumaidh mise thusa cuideachd bho uair a bhuairidh, a tha gu tighinn air an t-saoghal uile, mar dhiachuinn orrasan a tha tamh air an talamh. Faic, tha mi tighinn gu h-aithghearr: gleidh gu teann na thʼ agad, gus nach faigh duine air bith do chrùn. An neach a bheir buaidh, ni mi post dheth ann an teampull mo Dhia, ʼs cha teid e mach tuilleadh; agus sgriobhaidh mi ainm mo Dhia air, us ainm baile mo Dhia, Ierusalem nuadh, a tha tighinn a nuas á flathanas bho mo Dhia, agus mʼ ainm naomh fhein. Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean. Agus gu aingeal eaglais Laodicéa sgriobh: Is iad so tha Amen a g-radh, an fhianuis dhileas agus fhirinneach, esan is toiseach creutair Dhe: Is aithne dhomh tʼ oibrichean: nach eil thu fuar, ʼs nach eil thu teth: bʼ fhearr gun robh thu fuar no teth! Ach a chionn gum beil thu meogh-bhlath, gun a bhith fuar no teth, teannaidh mi ri dʼ sgeith a mach as mo bhial. A chionn gum beil thu g-radh: Tha mi beairteach, ʼs air mo dhianamh saibhir, ʼs gun fheum agam air ni; ʼs tu gun fhios gum beil thu mi-shealbhach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus ruisgte. Se mo chomhairle dhut, thu a cheannach bhuamsa òir air a dhearbhadh san teine, los gum fàs thu beairteach, ʼs gum bi thu air tʼ eideadh an aodach geal, ʼs nach bi nàire do lomnochd ri faicinn, agus ung do shuilean le sàbh-shul, los gum faic thu. Iadsan is toigh leam, tha mi cronachadh ʼsa smachdachadh. Bi eudmhor ma ta, agus gabh aithreachas. Seall, tha mi am sheasamh aig an dorus ʼsa bualadh: ma dhʼ eisdeas neach air bith ri mʼ ghuth, ʼs gum fosgail e an dorus dhomh, thig mi stigh ga ionnsuidh, agus ithidh mi maille ris, us esan maille riumsa. Dhasan, a bheir buaidh, bheir mi comas suidhe maille rium air mo chathair: amhuil mar a thug mise buaidh, ʼsa shuidh mi maille ri mʼ Athair air a chathair-san. Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean. An deigh nan nichean so sheall mi: agus fiach dorus fosgailt am flathanas, agus thuirt a chiad ghuth, a chuala mi mar de thrombaid a labhairt rium, a g-radh: Thig suas an so, us fiachaidh mi dhut na nichean a dhʼ fheumas tachairt an deigh so. Agus san uair bha mi san spiorad; agus, seall, bha cathair air a suidheachadh am flathanas, ʼs air a chathair aon ʼna shuidhe. Agus bha esan, a bha ʼna shuidhe, ri fhaicinn coltach ri leug iaspair agus shardoin; agus bha bogha-frois mun cuairt do ʼn chathair, coltach ri emerald ri fhaicinn. ʼS mun cuairt do ʼn chathair bha ceithir-thar-fhichead shuidheachan; agus air na suidheachain ceithir-thar-fhichead sheanairean ʼnan suidhe, sgeadaichte an culaidhean geala, ʼs air an cinn cruintean òir. Agus bho ʼn chathair chaidh a mach dealanaich, agus guthan, agus tairneanaich; agus bha seachd lochrain laiste air bialaobh na cathrach, ʼsiad sin seachd spioraid Dhe. Agus an sealladh na cathrach bha, mar gum bʼ eadh, muir de ghloine coltach ri criostal; agus ann am miadhon na cathrach, ʼs mun cuairt do ʼn chathair bha ceithir beothaichean lan shul rompa ʼs ʼnan deigh. Agus bha chiad bheothach coltach ri leomhan, ʼs an ath bheothach coltach ri laogh, ʼs aig an treas beothach bha ʼaodann mar aodann duine, ʼs bha an ceathramh beothach coltach ri iolair air iteig. Agus aig gach aon de na ceithir beothaichean bha sia sgiathan: ach mun cuairt agus a stigh tha iad lan shul; agus a latha ʼsa dhʼ oidhche cha do lasaich iad, a g-radh: Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, ʼsa tha, ʼsa tha ri tighinn. Agus nuair a thug na beothaichean sin gloir, us onair, agus beannachd dhasan a tha ʼna shuidhe air a chathair, a tha beo gu saoghal nan saoghal, Shleuchd na ceithir-thar-fhichead sheanairean air a bhialaobh-san, a tha ʼna shuidhe air a chathair, agus thug iad aoradh dhasan, a tha beo gu saoghal nan saoghal, agus leag iad an crùintean air bialaobh na cathrach, a g-radh: Is airidh thu, a Thighearna ar Dia, air gloir, us onair, agus cumhachd fhaotuinn: a chionn gur tu a chruthaich a h-uile ni, agus gur h-ann as leth do thoil-sa a bha iad ann, ʼsa chruthaicheadh iad. Agus chunnaic mi ʼna laimh dheis-san, a shuidh air a chathair, leabhar air a sgriobhadh a mach ʼsa stigh, ʼs air a sheuladh le seachd seulan. Agus chunnaic mi aingeal treun a g-eigheach le guth ard: Co is airidh air an leabhar fhosgladh, agus air a sheulan fhuasgladh? Agus cha bʼ urrainn do dhʼ aon sa bith air neamh, no air talamh, no fo ʼn talamh an leabhar fhosgladh, no sealltuinn air. Us rinn mi moran guil: a chionn nach robh a h-aon ri fhaighinn, a bʼ airidh air an leabhar fhosgladh, no coimhead air. Us thuirt a h-aon de na seanairean rium: Na guil: seall, bhuadhaich an leomhan de threibh Iuda, friamh Dhài, gus an leabhar fhosgladh, ʼsa sheachd seulan fhuasgladh. Agus seall mi: us fiach ann am miadhon na cathrach ʼs nan ceithir beothaichean, agus am miadhon nan seanairean, Uan ʼna sheasamh, mar gum bʼ ann air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean agus seachd suilean, ʼsiad sin seachd spioraid Dhe, a chuireadh a mach feadh an talmhuinn uile. Agus thainig e, us ghabh e an leabhar á laimh dheis-san, a bha ʼna shuidhe air a chathair. ʼS nuair a dhʼ fhosgail e an leabhar, thuit na ceithir beothaichean, ʼs na ceithir-thar-fhichead sheanairean sios air bialaobh an Uain, ʼs aig gach aon aca clarsaichean, agus cupaichean òir lan de dhʼ fhàile cubhraidh, ʼsiad sin urnaighean nan naomh; Agus sheinn iad laoidh ùr, a g-radh: Is airidh thu, a Thighearna, air an leabhar fhaighinn, ʼs air a sheulan fhosgladh: a chionn gun do mharbhadh thu, ʼs gun do cheannaich thu sinn do Dhia le dʼ fhuil as a h-uile treibh, agus teangaidh, agus sluagh, agas cinneadh; Us rinn thu rioghachd agus sagairt dhinn dhaʼr Dia: us righichidh sinn air talamh. Agus chunnaic mi, us chuala mi guth moran aingeal mun cuairt do ʼn chathair, ʼs do na beothaichean, ʼs do na seanairean, agus bʼ e an aireamh miltean de mhiltean, A g-radh le guth ard: Is airidh an t-Uan, a chaidh a mharbhadh, air cumhachd, agus diadhachd, agus gliocas, agus neart, agus onair, agus gloir, agus beannachadh fhaighinn. Agus chuala mi a h-uile creutair, a tha air neamh, ʼsa tha air talamh, agus fo ʼn talamh, us iadsan a tha sa mhuir, ʼsa mhiad ʼsa tha innte, a g-radh uile: Dhasan a tha ʼna shuidhe air a chathair, ʼs do ʼn Uan, gun robh beannachadh, us onair, us gioir, agus cumhachd a chaoidh nan caoidhean. Agus thuirt na ceithir beothaichean: Amen. Agus thuit na ceithir-thar-fhichead sheanairean sios air an aghaidh, ʼs thug iad aoradh dhasan a tha beo fad shaoghal nan saoghal. Agus chunnaic mi gun dʼ fhosgail an t-Uan a h-aon de na seachd seulan, us chuala mi fear de na ceithir beothaichean mar ghuth tairneanaich, a g-radh: Thig, agus faic. Agus sheall mi: us faic, each geal; us aige-san, a bha ʼna shuidhe air, bha bogha, agus thugadh crùn dha, agus chaidh e mach a bhuadhachadh los gum buadhaicheadh e. ʼS nuair a dhʼ fhosgail e an darna seul, chuala mi an darna beothach a g-radh: Thig, agus faic. Agus chaidh each eile mach a bha dearg; us thugadh dhasan, a bha ʼna shuidhe air, comas sith a thoirt bharr an talmhuinn, los gum marbhadh iad a cheile, agus thugadh dha claidheamh mor. Us nuair a dhʼ fhosgail e an treas seul, chuala mi an treas beothach, a g-radh: Thig, agus faic. Agus seall each dubh; us aige-san a bha ʼna shuidhe air, bha meidh ʼna laimh. Agus chuala mi mar gum bʼ e guth ann am miadhon nan ceithir beothaichean, a g-radh: Dà phunnd cruithneachd air sgilinn, us tri uairean dà phunnd eorna air sgilinn, agus na dochainn am fion no an ola. Us nuair a dhʼ fhosgail e an ceathramh seul, chuala mi guth a cheathramh beothaich, a g-radh: Thig, agus faic. Agus seall each glas-neulach; ʼs bʼ e ainm-san, a bha air a mhuin, am Bàs, agus bha iutharna ga leantuinn, us thugadh cumhachd dha thairis air ceithir earrannan an talmhuinn, gu marbhadh leis a chlaidheamh, le gorta, ʼs le bàs, ʼs le fiadh-bheathaichean an talmhuinn. Us nuair a dhʼ fhosgaile an coigeamh seul, chunnaic mi fo ʼn altair anmannan na feadhnach, a mharbhadh air son facal De, agus air son an teisteanais a bha aca; Agus dhʼ eigh iad le guth ard, a g-radh: Cia fhad, a Thighearna (a tha naomh agus firinneach) gus an toir thu breth, ʼs an diughail thu ar fuil-ne orrasan a tha tamh air an talamh? Agus thugadh trusgan geal do gach aon aca; us thuirteadh riu, iad a ghabhail foise tacan fhathast, gus an dianteadh suas aireamh an co-sheirbhiseach, ʼs am braithrean, a tha ri ʼm marbhadh ionann ʼs iad fhein. Agus chunnaic mi nuair a dhʼ fhosgail e an siathamh seul: agus, seall, bha crith-thalmhuinn mhor ann, us dhʼ fhàs a ghrian dubh mar shac-aodach gaoisid; ʼs rinneadh a ghealach uile mar fhuil; Us thuit na reultan bhoʼn athar air an talamh, mar a thilgeas craobh-fhige a fioguisean anabuich, nuair a chrathar i le gaoith mhoir. Agus theich an t-athar air falbh mar leabhar air fhilleadh suas; dhʼ atharraicheadh a h-uile beinn, ʼs na h-eileanan as an aite; Agus dhʼfhalaich righrean an talmhuinn, ʼs na prionnsachan, ʼs na ceannardan, ʼs na daoine beairteach, ʼs na daoine laidir, agus gach daoranach, agus gach fear saor, iad fhein ann an uamhannan, ʼs an creagan nam beann; Agus thuirt iad ris na beanntan, ʼs ris na creagan: Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn bho aodann-sa, a tha ʼna shuidhe air a chathair, agus bho fheirg an Uain: Oir tha latha mor am feirge air tighinn; agus co is urrainn seasamh? An deigh nan nichean so chunnaic mi ceithir ainglean ʼnan seasamh air ceithir oisinnean an talmhuinn, a cumail ceithir gaoithean an talmhuinn, gus nach seideadh iad air an talamh, no air a mhuir, no air craoibh sa bith. Agus chunnaic mi aingeal eile a direadh suas bho eirigh na greine, us comharradh an De bheo aige; agus dhʼeigh e le guth ard ris na ceithir ainglean, dha ʼn tugadh comas an talamh agus a mhuir a ghoirteachadh, A g-radh: Na dochainnibh an talamh, no mhuir, no na craobhan, gus an comharraich sinn seirbhisich ar De air clar an aodainn. Us chuala mi aireamh na feadhnach a chomharraicheadh, ciad, dà-fhichead, ʼs ceithir mile a chomharraicheadh de threibhean uile chlann Israil. De threibh Iuda chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Rubein chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Ghaid chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Aseir chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Nephtali chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Mhanasseis chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Shimeoin chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Lebhi chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Issachair chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Shabuloin chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Ioseiph chomharraicheadh dà mhile dhiag: De threibh Bheniamin chomharraicheadh dà mhile dhiag. Us chunnaic mi an deigh nan nichean so co-chruinneachadh, nach bʼurrainn do dhuine air bith a chunntadh, de ʼn h-uile cinneach, agus treibh, agus sluagh, agus teanga, ʼnan seasamh air bialaobh na cathrach, ʼs an lathair an Uain, air an eideadh le trusganan geala, agus pailmean ʼnan lamhan; Agus dhʼ eigh iad le guth ard, a g-radh: Slainte dhaʼr Dia-ne, a tha ʼna shuidhe air a chathair, agus doʼn Uan. Agus bha na h-ainglean uile ʼnan seasamh timchioll na cathrach, ʼs nan seanairean, ʼs nan ceithir beothaichean; us thuit iad sios air an aghaidh air bialaobh na cathrach, us thug iad aoradh do Dhia, A g-radh: Amen. Beannachadh, us gloir, us gliocas, us buidheachas, onair agus cumhachd, agus neart dha ʼr Dia fad linn nan linn. Amen. Agus fhreagair a h-aon de na seanairean, us thuirt e rium: Co iadsan a tha air an eideadh an trusganan geala? us co as a thainig iad? Us thuirt mi ris: Mo thighearna, ʼsann agadsa tha fios. Us thuirt e rium: ʼSiad sin iadsan a thainig á trioblaid mhoir, ʼsa nigh an eideadh, ʼsa rinn geal e am fuil an Uain. Uime sin tha iad air bialaobh righ-chathair Dhe, ʼs tha iad ga sheirbhiseachadh ʼna theampull a latha ʼsa dhʼ oidhche; agus esan a tha ʼna shuidhe air a chathair, tamhaidh e thairis orra. ʼS cha bhi acras no pathadh orra tuille, ʼs cha bhual a ghrian orra, no teas sa bith: Oir riaghlaidh an t-Uan a tha am miadhon na cathrach iad, agus treoraichidh e iad gu tobraichean uisge na beatha, agus siabaidh Dia bho ʼn suilean an deoir gu leir. Agus nuair a dhʼ fhosgail e an seachdamh seul, bha tosdachd air neamh, mu thimchioll leth uair. Agus chunnaic mi seachd ainglean ʼnan seasamh an lathair Dhe; us thugadh dhaibh seachd trombaidean. Us thainig aingeal eile, agus sheas e air bialaobh na h-altrach, agus tùiseir òir aige; us thugadh dha moran tùise, gus an tairgeadh e suas urnaighean nan naomh uile air an altair òir, a tha air bialaobh cathair Dhe. ʼS dhʼ eirich deathach tùis urnaighean nan naomh suas an lathair Dhe bho laimh an aingil. ʼS ghlac an t-aingeal an tùiseir, us lion e le teine na h-altrach e, agus thilg e air an talamh e, agus bha tairneanaich ann, us guthan, us dealanaich agus crith-thalmhuinn mhor. Agus dhʼ uidheamaich na seachd ainglean, aig an robh na seachd trombaidean, iad fhein gus an trombaid a sheideadh. Agus sheid a chiad aingeal an trombaid; agus lean clachan-meallain, us teine measgte le fuil, agus thilgeadh air an talamh e, agus loisgeadh an treas cuid de ʼn talamh, us loisgeadh an treas cuid de na craobhan, us loisgeadh am fiar gorm gu leir. Agus sheid an darna aingeal an trombaid; us thilgeadh mar gum bʼ eadh beinn mhor laiste le teine anns an fhairge, agus dhʼ fhàs an treas cuid de ʼn fhairge ʼna fuil, Us bhàsaich an treas cuid de na creutairean sin aig an robh beatha sa mhuir, agus sgriosadh an treas cuid de na longan. Agus sheid an treas aingeal an trombaid; us thuit reul mhor bho neamh, ʼna lasair mar lias, agus thuit i air an treas cuid de na h-aibhnichean, ʼs air na tobraichean uisge; Us se ainm na reil Burmaid; us dhʼ fhas an treas cuid de na h-uisgeachan ʼnam burmaid; us bhàsaich moran dhaoine leis na h-uisgeachan, leis mar rinneadh searbh iad. Agus sheid an ceathramh aingeal an trombaid; us bhuaileadh an treas cuid de ʼn ghrein, ʼs an treas cuid de ʼn ghealaich, ʼs an treas cuid de na reultan, air sheol ʼs gun dʼ rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha, us dhʼ fhalbh an treas cuid de sholus an latha, ʼs na h-oidhche mar an ciadna. Agus chunnaic mi, agus chual mi guth aon iolaire a g-itealaich troimh mhiadhon neamh, a g-radh le mor ghuth: Mo thruaighe, mo thruaighe, mo thruaighe do luchd-comhnuidh an talmhuinn as leth guthan nan tri ainglean eile, a tha fhathast gu an trombaid a sheideadh. Agus sheid an coigeamh aingeal an trombaid; us chunnaic mi reul, a bhʼ air tuiteam bho neamh air an talamh, agus thugadh dha iuchair an t-sluic gun ghrunnd. Us dhʼ fhosgail e sloc an dubh aigeil; us dhʼ eirich smuid an t-sluic mar dheathaich àmhuinne moire; us bha ghrian ʼs an t-athar air an dorchachadh le deathaich an t-sluic. Agus á deathaich an t-sluic thainig locuist a mach air an talamh, us thugadh cumhachd dhaibh, mar tha cumhachd aig sgorpionan an talmhuinn; Us thugadh ordugh dhaibh, nach milleadh iad fiar an talmhuinn, no ni gorm air bith, no craobh air bith: ach a mhain na daoine aig nach robh seul Dhe air clar an aodainn; Us thugadh ordugh dhaibh, gun iad am marbhadh, ach am pianadh coig miosan; agus bha an cràdh mar ghath sgorpioin, nuair a theid e an sàs ann an duine. Us anns na laithean sin iarraidh daoine am bàs, ʼs cha n-fhaigh iad e; agus bithidh toil aca bàsachadh, us teichidh am bàs bhuapa. ʼS bha cruth nan locuist coltach ri eich uidheamaichte gu cath; agus air an cinn mar chrùintean coltach ri òr; ʼs an aodannan mar aodannan dhaoine. ʼS bha am falt mar fhalt bhoirionnach; ʼs bha am fiaclan mar fhiaclan leomhan; ʼS bha uchd-eideadh aca mar uchd-eideadh iaruinn; ʼs bha fuaim an sgiathan mar fhuaim charbad moran each a ruith gu cath; ʼS bha earbuill aca mar sgorpionan, agus gathan ʼnan earbuill; ʼs bʼ e an comas a bhʼ aca, daoine chiurradh ré choig miosan; Agus bha aca thairis orra righ, aingeal an t-sluic gun ghrunnd, dha ʼn ainm san Eabhra Abaddon, an Greigis Apollion, san Laidinn se Ecsterminans ʼainm. Tha aon truaighe seachad, us, seall, tha dà thruaighe ri tighinn an deigh so fhathast. Agus sheid an siathamh aingeal an trombaid; us chuala mi guth bho cheithir adhaircean an altair òir, a tha roimh shuilean Dhe, A g-radh ris an t-siathamh aingeal aig an robh trombaid: Fuasgail na ceithir ainglean, a tha an ceangal anns an abhuinn mhoir Euphrates. Us dhʼ fhuasgladh na ceithir ainglean, a bha deas an coinneamh uaire, us latha, us mios, agus bliadhna, gus an treas cuid de dhaoine a mharbhadh. ʼS bʼ e aireamh armailt a mharc-shluaigh fichead mile uair deich mile. Agus chuala mi an aireamh. Agus mar so chunnaic mi na h-eich ann an sealladh: us aca-san a shuidh orra bha uchd-eideadh de theine, ʼs de hiacinth, ʼs de phronnastul, agus bha cinn nan each mar chinn leomhan, agus as am bial thainig a mach teine, us deathach, us pronnastul. Us leis na tri plaighean sin mharbhadh an treas cuid de dhaoine, leis an teine, ʼs leis an deathaich, agus leis a phronnastul, a thaom a mach as am beoil. Oir tha cumhachd nan each ʼnam beoil, ʼs ʼnan earbuill. Oir tha an earbuill coltach ri nathraichean, us cinn aca orra; agus leo sin ciurraidh iad. ʼSa chuid eile de dhaoine nach do mharbhadh leis na plaighean sin, cha do ghabh iad aithreachas á gniomhran an lamh, air chor ʼs nach tugadh iad aoradh do dheomhain, ʼs do dhʼ iodholan òir, us airgid, us pràise, us cloiche, us fiodha, nach eil comasach air faicinn, no cluinntinn, no coiseachd, Cha mhua ghabh iad aithreachas as am muirt, no as an draoitheachdan, no as an striopachas, no as am meirle. Agus chunnaic mi aingeal treun eile a tighinn a nuas bho neamh, sgeadaichte le nial, ʼs bogha-frois air a cheann, agus bha aodann mar a ghrian, ʼsa chasan mar phuist theine; ʼS bha leabhar beag fosgailte aige ʼna laimh; us chuir e a chas dheas air a mhuir, ʼsa chas chli air an talamh; Agus ghlaodh e le guth ard, mar a bheuchdas leomhan. ʼS an deigh dha eigheach, labhair seachd tairneanaich an guthan. ʼS nuair a labhair na seachd tairneanaich an guthan, bha mi dol a theannadh ri sgriobhadh: agus chuala mi guth bho neamh a g-radh rium: Seul na nichean a labhair na seachd tairneanaich, ʼs na sgriobh iad. Agus thog an t-aingeal, a chunnaic mi ʼna sheasamh air a mhuir ʼs air an talamh, suas a lamh dheas gu neamh; Us mhionnaich e air-san, a tha beo a chaoidh nan caoidhean, a chruthaich neamh ʼs na nichean a thʼ ann, agus an talamh ʼs na nichean a thʼ ann, agus a mhuir ʼs na nichean a thʼ innte: Nach bi tìm ann tuille: Ach ri laithean guth an t-seachdamh aingil, nuair a theannas e ris an trombaid a sheideadh, bithidh mistire Dhe air a lan-choimhlionadh, mar a theagaisg e le sheirbhisich na faidhean. Agus chuala mi rithist guth bho neamh a labhairt rium, ʼsa g-radh: Rach, us gabh an leabhar a tha fosgailte á laimh an aingil, a tha ʼna sheasamh air a mhuir ʼs air an talamh. Agus chaidh mi dhʼ ionnsuidh an aingil a g-radh ris, e thoirt dhomh an leabhair. Us thuirt e rium: Gabh an leabhar, us ich e; us ni e do bhru searbh, ach na dʼ bhial bithidh e cho blasda ri mil. ʼS ghabh mi an leabhar á laimh an aingil, us shluig mi sios e; agus bha e na mʼ bhial cho blasda ri mil, ʼs nuair dhʼ ich mi e, rinneadh mo bhruth searbh. Us thuirt e rium: Feumaidh tu faisneachd a dhianamh fhathast do dhʼ ioma cinneadh, agus sluagh, agus teangadh, agus righ. Us thugadh cuilc dhomh coltach ri slait, us thuirteadh rium: Eirich, us tomhais teampull De, ʼs an altair, agus iadsan a tha g-aoradh ann. Ach a chùirt, a tha air taobh-mach an teampuill, tilg a mach, ʼs na tomhais i: a chionn gun tugadh i do na cinnich, agus saltraidh iad air a bhaile naomh dàfhichead mios agus a dhà: Agus bheir mi ordugh dha mo dhà fhianuis, us ni iad faisneachd mìle dà chiad ʼs tri fichead latha, air an eideadh ann an sac-aodach. ʼSiad sin an dà chraoibh ola, ʼs an dà choinnleir, a tha ʼnan seasamh an lathair Tighearna an talmhuinn. Agus ma chiurras duine air bith iad, thig teine a mach as am bial, agus sgriosaidh e an naimhdean; ʼs ma dhochnas neach air bith iad, ʼs ann mar so dhʼ fheumar a mharbhadh. Aca so tha cumhachd an t-athar a dhunadh, gus nach sil e ri laithean am faisneachd; ʼs tha cumhachd aca thairis air na h-uisgeachan, gus an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh le gach plaigh, cho tric agus a shanntuicheas iad. Agus nuair a chriochnaicheas iad an teisteanas, ni an t-uilebheist, a thig a nuas as an aibheis, cogadh ʼnan aghaidh, ʼs bheir e buaidh orra, agus marbhaidh e iad. Us laidhidh an cuirp air straidean a bhaile mhoir, ris an abrar gu spioradail Sodom agus an Eiphit, far na cheusadh an Tighearna aca cuideachd. Agus chi feadhainn de na treibhean, ʼs de na sluaghan ʼs de na teangannan, ʼs de na cinnich, an cuirp tri latha gu leth; ʼs cha n-fhuilig iad an cuirp a chur an uaighean. Us gabhaidh iadsan, a tha tamh air talamh, toil-inntinn thairis orra, us ni iad subhachas, agus cuiridh iad gibhtean gu cheile: a chionn gun do phian an dà fhaidh so luchd-comhnuidh an talmhuinn. ʼS an deigh thri latha gu leth, chaidh spiorad na beatha bho Dhia a stigh unnta. Agus sheas iad air an casan, us thuit eagal mor orrasan a chunnaic iad. Us chual iad guth mor bho neamh a cantuinn riu: Thigibh an aird an so. Us chaidh iad suas gu neamh ann an nial; agus chunnaic an naimhdean iad. Agus san uair sin fhein bha crith-thalmhuinn mhor ann, us thuit an deicheamh cuid de ʼn bhaile; agus anns a chrith-thalmhuinn mharbhadh de dhʼ ainmeannan dhaoine seachd mile: us bhuail eagal a chuid eile, agus thug iad gloir do Dhia fhlathanais. Chaidh an darna truaighe seachad; agus, seall, thig an treas truaighe gu h-aithghearr. Agus sheid an seachdamh aingeal an trombaid: ʼs bha guthan mor air neamh a g-radh: A nis dhʼ aisigeadh rioghachd an t-saoghail so dha ʼr Tighearna agus dha Chriost-san, agus righichidh e fad linntean nan linntean. Amen. Agus thuit na ceithir-thar-fhichead sheanairean, a tha ʼnan suidhe air an suidheachain an lathair Dhe, air an aghaidh, ʼs thug iad aoradh do Dhia, a g-radh: Tha sinn a toirt buidheachais dhut, a Thighearna Dhia uile-chumhachdaich, a tha, ʼsa bha, ʼsa tha ri tighinn; a chionn gun do ghabh thu h-ugad fhein do mhor chumhachd, ʼs gun do righich thu. Agus bha fearg air na cinnich, us thainig do chorruich, agus àm breth a thoirt air na mairbh, agus an duais a thoirt dha dʼ sheirbhisich na faidhean, ʼs na naoimh, us dhaibh-san air a bheil eagal t-ainme, beag us mor, agus iadsan a sgriosadh, a thruaill an talamh. Agus dhʼ fhosgladh teampull Dhe air neamh; us chunnacas àirc a thiomnaidh ʼna theampull, agus bha dealanaich ann, agus guthan, agus crith-thalmhuinn, agus clachan-meallain mora. Us chunnacas comharradh mor air neamh: Boirionnach air a h-eideadh leis a ghrein, ʼsa ghealach fo a casan, agus crùn de dhà reil dhiag air a ceann. Agus bha i glaodh, ʼs i lethtromach, ri saothair-chloinne, agus bha i ann an cràdh gu bhith air a h-aisead. Agus chunnacas comharradh eile air neamh: us seall dreagon mor dearg, aig an robh seachd cinn, us deich adhaircean; agus air a chinn seachd crùintean; Agus tharruinn ʼearball leis an treas cuid de reultan neamh, us thilg e air an talamh iad; us sheas an dreagon air bialaobh a bhoirionnaich a bha ri h-aisead, los, nuair a bheireadh i, gun slugadh e suas a mac. Us rug i leanabh gille, a bha gu riaghladh nan uile chinneach le slait iaruinn; agus ghlacadh a mac suas gu Dia, ʼs gu chathair, ʼS theich am boirionnach do ʼn fhàsach, far na dheasaicheadh aite dhi le Dia, gus iad ga beathachadh mile dà chiad ʼs tri fichead latha. Agus bha cath mor air neamh: chath Micheil us ʼainglean ris an dreagon, agus chath an dreagon agus ʼainglean; ʼS cha deach e leo, ʼs cha mhua fhuaradh an aite tuilleadh air neamh. Agus thilgeadh a mach an dreagon mor sin, an t-seann nathair, ris an abrar an deomhan us satan, a tha mealladh an t-saoghail uile; ʼs chaidh a thilgeil gu talamh, agus chuireadh sios a chuid ainglean comhla ris. Us chuala mi guth ard air neamh, a g-radh: A nis thainig sabhaladh, us neart, us rioghachd ar De-ne, agus cumhachd a Chriost-san: a chionn gun do thilgeadh a mach fear-casaid ar braithrean, a bha dianamh casaid orra a latha ʼsa dhʼ oidhche an lathair ar De-ne. Agus bhuadhaich iad air tromh fhuil an Uain, ʼs tromh fhacal an teisteanais, ʼs cha tug iad gaol dha ʼm beatha gu ruig am bàs. Biodh aoibhneas ort ma ta, a neamh, us oirbhse a tha tamh air. Mo thruaighe an talamh ʼsa mhuir: a chionn gun tainig an deomhan a nuas oirbh, agus mor fhearg air, us fios aige nach eil ach ùine ghoirid aige. ʼS nuair a chunnaic an dreagon gun do thilgeadh gu talamh e, rinn e geur-leanmhuinn air a bhoirionnach, a rug an leanabh gille; ʼS thugadh do ʼn bhoirionnach dà sgéith iolaire mòire, gus i dhʼ fhalbh air iteig do ʼn fhasach gu h-aite fhein, far am beathaichear i car time, agus tìmean, agus leth thìme, bho aodann na nathrach. Agus thaom an nathair as a bial uisge, mar abhuinn, an deigh a bhoirionnaich, gu toirt oirre a bhith air a giulan air falbh leis an abhuinn. ʼS chuidich an talamh leis a bhoirionnach, us dhʼ fhosgail an talamh a bhial, agus thraogh e an abhuinn, a thaom an dreagon as a bhial. ʼS ghabh an dreagon fearg ris a bhoirionnach; agus dhʼ fhalbh e a chur catha ris a chuid eile dhe siol, a tha cumail faintean Dhe, ʼs aig a bheil teisteanas Iosa Criosta. Agus sheas e air gainmheach na mara. Agus chunnaic mi uilebheist a tighinn a nuas as a mhuir, aig an robh seachd cinn agus deich adhaircean, ʼs air ʼadhaircean deich crùintean, ʼs air a chinn ainmeannan blaisbheuma. ʼ S bha an t-uilebheist a chunnaic mi coltach ri liopard, ʼs bha chasan mar chasan mhathghamhna, ʼsa bhial mar bhial leomhain. Agus thug an dreagon dha a neart fhein, ʼsa chumhachd mhor. Us chunnaic mi fear de a chinn mar air a lot gu bàs, us leighiseadh a lot-bàis. Agus bha an talamh uile fo ioghnadh an deigh an uilebheist. ʼS thug iad aoradh do ʼn dreagon, a thug cumhachd do ʼn uilebheist; ʼs thug iad aoradh do ʼn uilebheist, a g-radh: Co tha coltach ris an uilebheist? us co is urrainn cath ris? Agus thugadh dha bial a labhairt nichean mora, agus bhlaisbheuman; ʼs thugadh cumhachd dha oibreachadh dàfhichead mios agus a dhà. ʼS dhʼ fhosgail e bhial ann am blaisbheuman an aghaidh Dhe, gu toibheum a thoirt dha ʼainm, ʼs dha phaillinn, agus dhaibh-san a tha tamh air neamh. Us thugadh comas dha cogadh a dhianamh an aghaidh nan naomh, ʼs buaidh a thoirt orra. Us thugadh cumhachd dha thairis air gach fine, us sluagh, us teanga, us cinneadh; Agus thug iadsan uile, a tha tamh air talamh, aoradh dha, aig nach eil an ainmeannan sgriobhte an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh bho thoiseach an t-saoghail. Ma tha cluas aig duine, eisdeadh e. Esan a bheir am braighdeanas, theid e fhein am braighdeanas; esan a mharbhas leis a chlaidheamh, is dual da fhein a bhith air a mharbhadh leis a chlaidheamh. So far a bheil faighidin, agus creideamh nan naomh. Agus chunnaic mi uilebheist eile a g-eirigh suas as an talamh, ʼs bha dà adhairc air coltach ri uan, ʼs bha e labhairt mar dhreagon. Us chuir e an gniomh uile chumhachd a chiad uilebheist ʼna lathair; ʼs thug e air an talamh, us orrasan a tha tamh air, aoradh a thoirt do ʼn chiad uilebheist, dha ʼn do leighiseadh a lot-bàis. Agus rinn e comharraidhnean mora, ionnus gun tug e air teine tighinn a nuas bho neamh gu talamh an sealladh dhaoine. Us mheall e iadsan, a tha tamh air an talamh, leis na comharraidhnean a thugadh dha ri ʼn dianamh an lathair an uilebheist, a g-radh ri luchd-àiteachaidh an talmhuinn iad a dhianamh iomhaigh do ʼn uilebheist air a bheil lot a chlaidhimh, ʼsa dhʼ fhan beo. ʼS thugadh dha, gun deach aige air beatha a thoirt do dhʼ iomhaigh an uilebheist, ʼs gum bruidhneadh iomhaigh an uilebheist; ʼs gun coisneadh e gun rachadh neach air bith nach tugadh aoradh do dhʼ iomhaigh an uilebheist a mharbhadh. ʼS bheir e orra uile, beag us mor, beairteach us bochd, saoranach us daoranach, comharradh a bhith aca air an deas laimh, no air clar an aodainn: Agus nach fhaodadh neach air bith ceannach no reic, ach am fear air am beil comharradh, no ainm an uilebheist, no aireamh ainme. So far a bheil gliocas. Am fear aig a bheil tuigse, cunntadh aireamh an uilebheist. Oir is aireamh duine e: agus se ʼaireamh sia ciad tri-fichead agus sia. Agus chunnacas leam: agus, seall, bha Uan ʼna sheasamh air beinn Shioin, us maille ris ciad ʼs dàfhichead ʼs ceithir mile, air an robh ainm fhein, ʼs ainm ʼAthar, sgriobhte air clar an aodainn. Agus chuala mi guth bho neamh, mar fhuaim moran uisgeachan, ʼs mar fhuaim tairneanaich mhoir; agus bha an guth a chuala mi mar ghuth chlarsairean ri clarsaireachd air an clarsaichean. Us sheinn iad mar gum bʼ e laoidh ùr air bialaobh na cathrach, ʼs nan ceithir beothaichean, ʼs nan seanairean; ʼs cha bʼ urrainn do dhuine air bith an laoidh a sheinn, ach an ciad, an dà fhichead, ʼs na ceithir mile sin, a cheannaicheadh bho ʼn talamh. ʼSiad sin iadsan nach do thruailleadh le boirionnaich: oir is oighean iad. Tha iad so a leantuinn an Uain, ge bʼ e taobh an teid e. Chaidh iad so a cheannach bho mheasg dhaoine ʼnan ciad thoradh do Dhia ʼs do ʼn Uan. ʼS ʼnam bial cha dʼ fhuaradh briag: oir tha iad gun smal air bialaobh righ-chathair Dhe. Agus chunnaic mi aingeal eile a falbh air iteig tromh mhiadhon neamh, aig an robh an soisgeul siorruidh gus a shearmonachadh dhaibh-san, a tha ʼnan suidhe air an talamh, ʼs thairis air gach cinneadh, agus fine, agus teangaidh, agus sluagh: A g-radh le guth ard: Biodh eagal an Tighearna oirbh, us thugaibh onair dha: a chionn gum beil uair a bhreitheanais air tighinn; agus thugaibh aoradh dhasan, a rinn neamh, agus talamh, a mhuir, agus na tobraichean uisge. ʼS lean aingeal eile, a g-radh: Thuit, thuit a Bhabilon mhor ud, a thug air na cinnich uile ol de dhʼ fhion fearg a striopachais. Agus lean an treas aingeal iad, a g-radh le guth ard: Ma bheir duine air bith aoradh do ʼn uilebheist, ʼs dha iomhaigh, ʼs ma ghabhas e a chomharradh air aodann, no air a laimh: Olaidh esan de dhʼ fhion fearg Dhe, a tha measgaichte le fior fhion ann an cupa fheirge, agus pianar e le teine ʼs le pronnastul an lathair nan aingeal naomh, agus an lathair an Uain; Agus eiridh toit an doruinn suas a chaoidh agus a chaoidh; agus fois cha n-eil a latha no dhʼoidhche aca-san, a thug aoradh do ʼn uilebheist ʼs dha iomhaigh, no aig aon a ghabhas comharradh ʼainme. So far a bheil faighidin nan naomh, a tha cumail faintean Dhe agus creideamh Iosa. Us chuala mi guth bho neamh a cantuinn rium: Sgriobh: Is beannaichte na mairbh a chaochlas san Tighearna. A so suas, os an Spiorad, gun gabh iad fois bho ʼn saothair: oir leanaidh an oibrichean iad. Agus chunnaic mi, us seall nial geal; us neach ʼna shuidhe air an nial coltach ri Mac an duine, agus air a cheann bha crùn òir, us speal ghiar ʼna laimh. Us thainig aingeal eile a mach as an teampull, a glaodhaich le guth ard ris-san a bha ʼna shuidhe air an nial: Sparr a stigh do speal, us buain, oir tha uair na buana air tighinn, ʼs gum beil faghar an talmhuinn abuich. Us sparr esan, a bha ʼna shuidhe air an nial, a speal san talamh, agus bhuaineadh an talamh. Us thainig aingeal eile mach as an teampull a tha air neamh, aige-san cuideachd bha speal ghiar. Us thainig aingeal eile mach as an altair, aig an robh cumhachd thairis air teine; us dhʼ eigh e le guth ard ris-san aig an robh an speal ghiar, a g-radh: Sparr a stigh do speal ghiar, agus buain bagaidean fionlios an talmhuinn; oir tha a dhearcan-fiona abuich. Agus sparr an t-aingeal a speal ghiar san talamh, us bhuain e fionlios an talmhuinn, us thilg e e ann am fion-amar mor fearg Dhe; Agus shaltradh am fion-amar taobh-mach a bhaile, agus thainig fuil a mach as an amar suas gu ruig strianan nan each, fad mile us sia ciad stàd. Us chunnaic mi comharradh eile air neamh, mor agus iongantach: seachd ainglean aig an robh na seachd plaighean deirionnach: oir unnta so tha fearg Dhe air a coimhlionadh. Us chunnaic mi mar mhuir de ghloine measgaichte le teine, us iadsan a thug buaidh air an uilebheist, ʼs air ʼiomhaigh, ʼs air aireamh ʼainme, ʼnan seasamh air a mhuir ghloine, agus clarsaichean Dhe aca; ʼSa seinn laoidh Mhaois, seirbhiseach Dhe, us laoidh an Uain, a g-radh: Mor agus iongantach tha tʼ oibrichean, a Thighearna Dhia uile-chumhachdaich; ceart agus fior tha do shlighean, a Righ nan linntean. Co nach gabh eagal romhad, a Thighearna, ʼs nach mol tʼ ainm? Oir is tusa ad aonar a tha naomh: oir thig a h-uile cinneadh, us bheir iad aoradh na dʼ lathair, a chionn gum beil do bhreitheanasan follaiseach. Agus an deigh sin choimhead mi, agus, seall, dhʼ fhosgladh teampull paillion an teisteanais air neamh; Agus thainig na seachd ainglean a mach as an teampull, aig an robh na seachd plaighean, ʼs iad air an eideadh le anart glan agus geal, us crioslaichte mu ʼn uchd le criosan òir. ʼS thug a h-aon de na ceithir beothaichean dha na seachd ainglean seachd cupaichean òir, lan de dhʼ fheirg Dhe, a tha beo fad linn nan linntean. ʼS lionadh an teampull le deathaich bho mhoralachd Dhe, agus bho chumhachd; ʼs cha bʼ urrainn do dhuine air bith dol a stigh do ʼn teampull, gus na choimhlionadh seachd plaighean nan seachd aingeal. Agus chuala mi guth mor as an teampull a cantuinn ris na seachd ainglean: Falbhaibh, us taomaibh a mach seachd cupaichean fearg Dhe air an talamh. Us dhʼ fhalbh a chiad fhear, us thaom e mach a chupa air an talamh, agus thuit lot goirt agus cràiteach air na daoine air an robh comharradh an uilebheist, agus orrasan a thug aoradh dha iomhaigh. Agus thaom an darna aingeal a chupa sa mhuir, us chinn i ʼna fuil, mar fhuil duine mhairbh; us bhàsaich a h-uile h-anam beo sa mhuir. Agus thaom an treas fear a chupa air na h-aibhnichean, ʼs air na tobraichean uisge; us rinneadh iad ʼnam fuil. Us chuala mi aingeal nan uisgeachan a g-radh: Tha thu ceart, a Thighearna, a tha, ʼsa bha, an t-aon naomh, a bhreithnich na nichean so: Oir dhoirt iad fuil nan naomh ʼs nam faidhean, us thug thusa dhaibh fuil ri ol: ʼs gun do thoill iad sin. Us chuala mi a h-aon eile bho ʼn altair, a g-radh: Seadh, a Thighearna Dhia uile-chumhachdaich, is firinneach agus ceart do bhreitheanasan. Agus thaom an ceathramh aingeal a chupa air a ghrein: ʼs thugadh comas dha daoine a chràdh le teas agus le teine; ʼ S bha daoine air an losgadh le teas mor, us thug iad toibheum do ainm Dhe, aig an robh cumhachd thairis air na plaighean sin, ʼs cha mhua rinn iad peanas gu gloir a thoirt dha. Agus thaom an coigeamh aingeal a chupa air suidheachan an uilebheist; agus dhʼ fhàs a rioghachd dorcha, agus chagainn iad an teangannan le cràdh; ʼS thug iad toibheum do Dhia neamh as leth an doruinnean ʼs an lotan, ʼs cha dʼ rinn iad peanas as leth an oibrichean. Agus thaom an siathamh aingeal a chupa air an abhuinn mhoir sin Euphrates, us thiormaicheadh suas a h-uisge, gu rathad a reiteachadh do na righrean bho eirigh na greine. Us chunnaic mi á bial an dreagoin, ʼs á bial an uilebheist, agus á bial an fhaidh-bhreige, tri spioraid neoghlan an coltas losgainn. Oir is spioraid dheomhan iad, a dianamh chomharran, agus tha iad a dol a mach gu righrean an talmhuinn uile, gus an tional cruinn gu cath mu choinneamh latha mor an De uile-chumhachdaich. Seall, thig mi mar mheirleach. Is beannaichte esan a ni faire, ʼsa ghleidheas a thrusgan, air chor ʼs nach imich e ruisgte, ʼs gum faicear a nàire. Us tionailidh e iad ri cheile ann an aite, ris an abrar san Eabhra Armagedon. Agus thaom an seachdamh aingeal a chupa san athar, us thainig guth mor as an teampull bho ʼn chathair, a g-radh: Tha e diante. ʼS bha dealanaich ann, us guthan, us tairneanaich; ʼs bha crith-thalmhuinn mhor ann, nach robh riamh a leithid bhon a bha daoine air an talamh, a leithid de chrith-thalmhuinn cho mor. Us rinneadh am baile mor ʼna thri earannan; agus thuit bailtean nan cinneach: ʼs thainig Babilon mhor an cuimhne air bialaobh Dhe, gu cupan-fion fraoch fheirge a thoirt dhi. Agus theich a h-uile eilean air falbh, agus na beanntan cha dʼ fhuaradh. Agus thuit clachan-meallain mora mar thàlann bho neamh air daoine; ʼs thug daoine toibheum do Dhia as leth plaigh nan clachan-meallain: oir bha i anabarrach mor. Agus thainig a h-aon de na seachd ainglean, aig an robh na seachd cupaichean, us labhair e rium, a g-radh: Thig, us fiachaidh mi dhut diteadh na striopaiche mòire, a tha ʼna suidhe air moran uisgeachan, Ris an dʼ rinn righrean an talmhuinn striopachas, us chuireadh iadsan, a tha tamh air an talamh, air mhisg le fion a siursachd. ʼS thug e mi anns an spiorad do ʼn fhasach. Agus chunnaic mi boirionnach ʼna suidhe air uilebheist air dhath sgarlaide, lan ainmeannan toibheum, air an robh seachd cinn ʼs deich adhaircean. ʼS bha am boirionnach sgeadaichte mun cuairt le purpur, agus le sgarlaid, agus dealtraichte le òr, ʼs le clachan priseil, ʼs le leugan, agus cupa òir aice ʼna laimh lan de thruailleachd ʼs de shalachar a striopachais; ʼS air a bathais bha ainm sgriobhte: Mistire: Babilon mhor, mathair striopachasan agus truailleachdan an talmhuinn. Agus chunnaic mi am boirionnach air mhisg le fuil nan naomh, ʼs le fuil martairean Iosa. Agus ghabh mi iongantas, air dhomh a faicinn, le mor ioghnadh. Us thuirt an t-aingeal rium: Car-son a tha iongantas ort? Innsidh mi dhut mistire a bhoirionnaich, ʼs na beiste a tha ga giulan, air a bheil na seachd cinn ʼs na deich adhaircean. An t-uilebheist a chunnaic thu, bha e, ʼs cha n-eil, us tha e gu eirigh a nuas as an t-sloc gun ghrunnd, agus theid e gu leir-sgrios; us gabhaidh luchd-comhnuidh an talmhuinn (aig nach eil an ainmeannan sgriobhte an leabhar na beatha bho chruthachadh an t-saoghail) iongantas ri faicinn an uilebheist a bha, ʼs nach eil ann. Agus se so an seagh anns a bheil gliocas. ʼSiad na seachd cinn seachd monaidhnean, air a bheil am boirionnach ʼna suidhe, agus is seachd righrean iad. Thuit coig, tha h-aon a lathair, ʼs am fear eile cha tainig fhathast; ʼs nuair a thig, cha n-fhaod e fuireach ach goirid. Agus an t-uilebheist a bha, ʼs nach eil ann, se an t-ochdamh, agus ʼsann de na seachd e, us theid e gu leir-sgrios. Agus na deich adhaircean a chunnaic thu, is deich righrean iad, nach dʼ fhuair fhathast rioghachd, ach gheobh iad cumhachd aon uair an deigh an uilebheist. Tha iad so a dhʼ aon aigne, us liubhraidh iad an neart ʼs an cumhachd seachad do ʼn uilebheist. Cogaidh iad so ris an Uan, us bheir an t-Uan buaidh orra: a chionn gur e Tighearna nan tighearnan, us Righ nan righrean, ʼs tha iadsan, a tha maille ris, air an gairm, ʼs air an taghadh, agus dileas. Us thuirt e rium: Na h-uisgeachan a chunnaic thu, air a bheil an striopach ʼna suidhe, is sluaghan, agus fineachan, agus teangannan iad. ʼS na deich adhaircean, a chunnaic thu air a bheist, bheir iad fuath do ʼn striopaich, us creachaidh iad i, us ruisgidh iad i, us ithidh iad a feoil, agus loisgidh iad i fhein le teine. Oir chuir Dia ʼnan cridhe, gun dian iad ni sa bith a thoilicheas e, gun toir iad an rioghachd do ʼn uilebheist gus an coimhlionar facail Dhe. Agus am boirionnach a chunnaic thu, si am baile mor i, aig a bheil rioghachd thairis air righrean an talmhuinn. Agus an deigh nan nichean so chunnaic mi aingeal eile tighinn a nuas bho neamh le cumhachd mhoir; agus rinneadh soilleir an talamh le ghloir. Us dhʼ eigh e le ʼuile neart, a g-radh: Thuit, thuit Babilon mhor; us rinneadh i ʼna h-aros dheomhan, ʼs ʼna garadh a h-uile spioraid neo-ghlain, ʼs ʼna comhnuidh do ʼn h-uile ian neoghlan agus graineil: A chionn gun dʼ ol na cinnidhean uile de dhʼ fhion fearg a striopachais, agus rinn righrean an talmhuinn striopachas rithe, us rinneadh ceannaichean an talmhuinn beairteach le miad a soghalachd. Us chuala mi guth eile bho neamh, a g-radh: Gabhaibh a mach aiste, mo phobuill, air chor ʼs nach bi sibh ʼnur luchd-comhphairt a h-i eucoirean, ʼs nach faigh sibh dhe a plaighean. Oir rainig a peacannan gu ruig neamh, agus chuimhnich an Tighearna a h-eucoirean. Thugaibh dhi mar thug ise dhuibhse; us dublaibh dhi dubailte a reir a gniomhran: ʼsa chupa anns na mheasgaich i, measgaichibh dhi an dubladh. A mhiad ʼsa ghloraich i i fhein, ʼsa chaith i a beatha an soighneas, urad ʼs sin thugaibh dhi de phianadh agus de bhròn: a chionn gum beil i cantuinn ʼna cridhe: Tha mi na mʼ shuidhe na mʼ bhanrighn; ʼs cha bhantrach mi; agus cha n-fhaic mi bròn. Uime sin thig a plaighean an aon latha, am bàs, agus bròn, agus gorta, ʼs loisgear i le teine: a chionn tha Dia cumhachdach, a bheir breth oirre. Agus righrean an talmhuinn, a rinn striopachas rithe, agus a chaith am beatha an sogh maille rithe, ni iad gal us caoidh thairis oirre, nuair a chi iad smuid a losgaidh: A seasamh fad as le eagal a doruinne, a g-radh: Och, och am baile mor ud, Babilon, am baile laidir ud: oir ann ari aon uair thainig do bhreitheanas ort. Agus ni ceannaichean an talmhuinn gal agus tursa thairis oirre: oir cha cheannaich duine am bathar tuilleadh: Bathar de dhʼ òr, ʼs de dhʼ airgiod, ʼs de chlachan priseil, ʼs de neamhnuidean, ʼs de dhʼ anart grinn, ʼs de phurpur, ʼs de shioda, ʼs de sgarlaid, (ʼsa h-uile seorsa fhiodha thìne, ʼsa h-uile seorsa shaghaichean ibhori, ʼsa h-uile seorsa shaghaichean de chlachan priseil, ʼs de phràis, ʼs de dhʼ iarunn, ʼs de mharmor, Agus canal), ʼs de bholtraichean, ʼs de dhʼ ungaidhnean, ʼs de thùis, ʼs de dhʼ fhion, ʼs de dhʼ ola, ʼs de chruithneachd, ʼs de fhlùr, ʼs de dhʼ ainmhidhean-làid, ʼs de chaoraich, ʼs de dhʼ eich, ʼs de charbadan, ʼs de thraillean, agus de anmannan dhaoine. Agus meas miann tʼ anma threig iad thu, agus uile nichean reamhra agus matha, bhàsaich iad bhuat, ʼs cha n-eil iad ri ʼm faighinn tuille. Ceannaichean nan nichean so, a rinneadh beairteach, seasaidh iad fad as bhuaipe le eagal a doruinne, a caoidh, ʼsa gal, Agus a g-radh: Och, och am baile mor ud, a bha air eideadh le anart grinn, ʼs le purpaidh, ʼs le sgarlaid, ʼsa bha air a dhealrachadh le òr, ʼs le clachan luachmhor, ʼs le neamhnuidean: Oir an aon uair thainig beartas cho mor gu neoni; ʼta h-uile maighistir luing, ʼs gach fear a tha seoladh air loch, agus maraichean, ʼsa mhiad ʼsa tha ri saothair air fairge, sheas iad fad as, Agus ghlaodh iad, a faicinn aite a losgaidh, a g-radh: Co am baile a tha coltach ris a bhaile mhor so? Agus chuir iad duslach air an cinn, us ghlaodh iad a g-acain, ʼsa baoidh, a g-radh: Och, och am baile mor ud, anns an dʼ rinneadh beairteach le phrisean iadsan uile aig an robh saghaichean air muir: oir an aon uair chreachadh e. Dian gairdeachas fos a chionn, a neamh, agus sibhse ostail naomh a agus fhaidhean: oir leag Dia binn ur breitheanais air. Us thog aingeal treun clach mar chloich-mhuilinn mhoir, us thilg e anns a mhuir i, a g-radh: Le urchair mar so tilgear sios Babilon, am baile mor sin, us tuilleadh idir cha n-fhaighear i. Agus guth chlarsair, us luchd-ciuil, us luchd-seinn air piob ʼs air trombaid, cha chluinnear tuille unnad; agus fear-ceairde de cheaird air bith, cha n-fhaighear tuille unnad; agus fuaim muillinn cha chluinnear unnad tuille; Us solus lochrain cha soillsich unnad tuille; us guth fear-na-bainnse agus bean-na-bainnse, cha chluinnear unnad nas mua: oir bʼ iad do cheannaichean daoine mora an talmhuinn, oir chaidh na cinnidhean uile air iomrall le do dhraoitheachdan. Agus fhuaradh innte fuil fhaidhean us naomh, agus dhiusan uile a mharbhadh air an talamh. An deigh nan nichean so chuala mi mar ghuth moran sluaigh air neamh, a g-radh: Alleluia: Tha sabhaladh, agus gloir, agus cumhachd dha ʼr Dia: Oir firinneach agus ceart tha bhreitheanasan-sa, a thug breth air an striopaich mhoir, a thruaill an talamh le a striopachas, agus dhiughail e fuil a sheirbhiseach air a laimh: Us thuirt iad a rithist: Alleluia. Agus eiridh a deathach suas a chaoidh ʼsa chaoidh. Agus thuit na ceithir seanairean fichead, ʼs na ceithir beothaichean sios, us thug iad aoradh do Dhia, a tha ʼna shuidhe air a chathair, a g-radh: Amen: Alleluia. ʼS thainig guth bho ʼn chathair, a g-radh: Thugaibh moladh dha ʼr Dia, sibhse a sheirbhisich gu leir; us sibhse anns am beil fhiamh, beag agus mor. Agus chuala mi mar ghuth mor-shluaigh, ʼs mar fhuaim moran uisgeachan, ʼs mar ghuth thairneanach mora, a g-radh: Alleluia: oir righich an Tighearna ar Dia uile-chumhachdach. Bithemid aighearach, ʼs dianamaid aoibhneas, us thugamaid gloir dha: oir thainig posadh an Uain, us dhʼ uidheamaich a chéile i fhein. ʼS thugadh dhi i fhein eideadh le anart finealta, dearrsach agus geal. Oir se an t-anart finealta naomhachd nan naomh. Us thuirt e rium: Sgriobh: Is beannaichte iadsan a fhuair cuireadh gu suipeir bainis an Uain; us thuirt e rium: Tha briathran so Dhe firinneach. Us thuit mi sios aig a chasan gu aoradh a thoirt da. Us thuirt e rium: Fiach nach dian thu e: is mise do cho-sheirbhiseach, ʼs fear dhe do bhraithrean aig a bheil teisteanas Iosa. Thoir aoradh do Dhia. Oir se teisteanas Iosa spiorad na faisneachd. Agus chunnaic mi neamh fosgailte, agus seall each geal, us ghairmteadh esan a bha ʼna shuidhe air Dileas agus Fior, agus le ceartas tha e toirt breth ʼsa cath. Agus mar lasair theine bha shuilean, ʼs air a cheann bha ioma crùn, ʼs bha ainm aige sgriobhte, nach aithne do dhuine air bith ach dha fhein. Agus bha e air eideadh le trusgan breac le fuil; agus se an tʼ ainm a theirear ris, Facal De. Agus lean na h-armailtean a tha air neamh e air eich gheala, sgeadaichte an anart grinn, geal agus glan. Agus a mach as a bhial thainig claidheamh giar dà-fhaobharach, gus na cinnich a bhualadh leis. Us riaghlaidh esan iad le slait iaruinn; agus se tha saltairt amar-fion garg-chorruich Dhe uile-chumhachdaich. Agus air eideadh, ʼs air a leis tha aige sgriobhte: Righ nan righrean, agus tighearna nan tighearnan. Agus chunnaic mi aon aingeal ʼna sheasamh sa ghrein, us dhʼ eigh e le guth ard, a g-radh ris na h-eoin uile, a bha falbh air iteig tromh mhiadhon an athair: Thigibh, tionailibh cruinn gu suipeir mhor Dhe; Gus an ith sibh feoil righrean, us feoil uachdran, us feoil nan treun, us feoil each ʼs na feadhnach a tha nan suidhe orra, us feoil uile shaoranach agus dhaoranach, ʼs nam beag agus nam mor. Us chunnaic mi an t-uilebheist, us righrean an talmhuinn, ʼs an armailtean air an cruinneachadh ri cheile gu cogadh ris-san a bha ʼna shuidhe air an each, ʼs ri armailt-san. Us rugadh air an uilebheist, ʼs air an fhaidh-bhreige maille ris, a rinn comharraidhnean ʼna lathair, leis na mheall e an fheadhainn a ghabh comharradh an uilebheist, ʼsa thug aoradh dha iomhaigh. Thilgeadh an dithis sin beo anns an lochan theine a tha losgadh le pronnastul. Agus mharbhadh a chuid eile leis a chlaidheamh, a thainig a mach as a bhial-san a shuidh air an each; us lionadh na h-eoin uile le ʼm feoil. Us chunnaic mi aingeal a tighinn a nuas bho neamh, aig an robh iuchair an t-sluic gun ghrunnd, agus slabhraidh mhor ʼna laimh. ʼS rug e air an dreagon, an t-seann nathair, ris an abrar an deomhan agus satan, agus cheangail e e mile bliadhna; Agus thilg e e anns an t-sloc gun ghrunnd, us dhruid e stigh e, us chuir e seul air, los nach mealladh e tuille na cinnich, gus an coimhlionteadh am mile bliadhna; ʼs ʼnan deigh sin feumar fhuasgladh ùine ghoirid. ʼS chunnaic mi caithrichean, us shuidh iad orra, us thugadh breitheanas dhaibh; agus anmannan nan daoine dhe ʼn tugadh an cinn air son teisteanas Iosa, ʼs air son facal Dhe, ʼs nach tug aoradh do ʼn uilebheist no dha iomhaigh, no nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn no air an lamhan: agus bha iad sin beo, us righich iad maille ri Criosta mile bliadhna. Cha tainig a chuid eile de na mairbh beo, gus na choimhlionadh am mile bliadhna. Se so a chiad aiseirigh. Is beannaichte agus is naomh esan, aig a bheil pàirt anns a chiad aiseirigh: orra sin cha n-eil cumhachd aig an ath bhàs: ach bithidh iad ʼnan sagairt do Dhia ʼs do Chriosta, us righichidh iad maille ris mile bliadhna. ʼS nuair a thig am mile bliadhna gu ceann, fuasglar satan as a phriosan, us theid e mach, us meallaidh e na cinnich, a tha air ceithir chearnan an talmhuinn, Gog us Magog, us tionailidh e ri cheile iad gu cath, ʼs an aireamh mar ghainmheach na mara. Agus chaidh iad suas air liad an talmhuinn, agus chuairtich iad camp nan naomh, agus am baile ionmhuinn. Us thainig teine nuas á neamh bho Dhia, agus sgrios e iad; us thilgeadh an deomhan a bha gam mealladh anns an lochan theine ʼs phronnastuil, far am bi an t-uilebheist. ʼS am faidh-breige air am pianadh a latha ʼsa dhʼ oidhche a chaoidh agus a chaoidh. Us chunnaic mi cathair mhor gheal, agus bho aodann an tì a bha ʼna shuidhe oirre theich talamh agus neamh, agus aite cha dʼ fhuaradh dhaibh. Us chunnaic mi na mairbh, beag agus mor, ʼnan seasamh air bialaobh na cathrach, agus dhʼ fhosgladh na leabhraichean; agus dhʼfhosgladh leabhar eile, se leabhar na beatha: agus thugadh breth air na mairbh bho na nichean a bha sgriobhte sna leabhraichean, a reir an gniomhran. Agus thug a mhuir seachad na mairbh a bhʼ innte; ʼs thug am bàs agus iutharna seachad na mairbh a bhʼ unnta: agus thugadh breth orra, air gach aon a reir ʼoibrichean. Us thilgeadh iutharna ʼs am bàs anns an lochan theine. Se so an darna bàs. Agus co sa bith nach dʼ fhuaradh sgriobhte an leabhar na beatha, thilgeadh e san lochan theine. Agus chunnaic mi neamh ùr us talamh ùr. Oir dhʼ fhalbh a chiad neamh ʼsa chiad thalamh, agus a nis cha n-eil muir ann. Us chunnaic mise, Eoin, am baile naomh, Ierusalem ùr, a tighinn a nuas bho Dhia á neamh air uidheamachadh mar bhean-bainnse sgeadaichte air son a fir. Agus chuala mi guth mor bho ʼn chathair, a g-radh: Seall paillion Dhe maille ri daoine, us gabhaidh e comhnuidh cuide riu. Agus bithidh iad dha ʼnam pobull, agus bithidh Dia fhein maille riu, an Dia aca; Agus siabaidh Dia bho ʼn suilean an deoir uile; ʼs cha bhi bàs ann tuille, no caoidh, no gal, cha bhi no bròn nas mua: oir shiubhail na ciad nichean. Us thuirt esan a bha ʼna shuidhe air a chathair: Seall, tha mi dianamh a h-uile ni ùr. Us thuirt e rium: Sgriobh, oir is tur dileas agus fior na facail so. Agus thuirt e rium: Tha e diante. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a chrioch. Dhasan air a bheil pathadh bheir mi de thobar uisge na beatha a nasgaidh. Am fear a bheir buaidh, sealbhaichidh e na nichean so, agus bithidh mi na mʼ Dhia dha, us bithidh esan ʼna mhac dhomhsa. Ach aig daoine gealtach, us ana-creideach, us truaillidh, ʼs aig luchd murtaidh, agus siursachd, us draoitheachd, us iodhol-aoraidh, ʼs aig briagadairean bithidh an cuibhrionn aca san lochan, a tha losgadh le teine ʼs le pronnastul: ni is e an darna bàs. Agus thainig fear de na seachd ainglean, aig an robh na cupaichean lan de na seachd plaighean deirionnach, us labhair e rium, a g-radh: Thig, agus fiachaidh mi dhut bean-na-bainnse, céile an Uain. ʼS thug e suas mi ann an spiorad gu beinn mhoir agus aird, us dhʼ fhiach e dhomh am baile naomh Ierusalem a tighinn a nuas á neamh bho Dhia, Agus gloir Dhe aige, ʼsa sholus coltach ri cloich phriseil, mar chloich iaspair, ʼs mar chriostal. ʼS bha balla mor agus ard aige, air an robh dà gheata dhiag; us anns na geatachan dà aingeal dhiag ʼs ainmeannan sgriobhte orra, ʼsiad sin ainmeannan dà threibh dhiag chlann Israil. Air taobh an ear bha tri geatachan, ʼs air an taobh tuath tri geatachan, ʼs air an taobh deas tri geatachan, ʼs air taobh an iar tri geatachan. ʼS aig balla a bhaile bha dà steidh dhiag, us unntasan dà ainm dhiag dà ostal dhiag an Uain. Agus aige-san, a bha labhairt rium, bha tomhas de chuilc òir, gus am baile a thomhas, agus a gheatachan, agus a bhalla. ʼS tha am baile ʼua shuidheachadh ceithir-chearnach, agus tha fhad cho mor ri ʼliad; us thomhais e am baile leis a chuilc òir gu dà mhile dhiag stàd: agus ʼfhad, us ʼairde, agus a liad is aon tomhas daibh. Agus thomhais e am balla ciad agus dàfhichead agus ceithir lamh-choille, tomhas duine, se sin tomhas an aingil. ʼS bha am balla air a thogail de chloich-iaspair; ach bʼ òr glan am baile fhein coltach ri gloine shoilleir. ʼS bha steidhean balla a bhaile sgeimheach leis a h-uile seorsa de chlachan luachmhor. Bʼ i a chiad steidh iaspar; an ath thé, sapphir; an treas té, calcedonics; an ceathramh té, emerald; An coigeamh té, sardonics; an siathamh té, sardius; an seachdamh té, crisolit; an t-ochdamh té, berillus; an naoitheamh té, topas; an deicheamh té, crisoprasus; an aon-té-diag, hiacinthus, an darna-té-diag, amethistus. Agus an dà gheata dhiag bu dà neamhnuid dhiag iad, a h-aon do gach geata: agus bʼ aon gheata gach neamhnuid: agus bʼ òr fior-ghlan straid a bhaile mar ghloine fhior-shoilleir. ʼS cha n-fhaca mi teampull idir ann: oir se an Tighearna Dia uile-chumhachdach a theampull, agus an t-Uan. ʼS cha n-eil feum aig a bhaile air a ghrein, no air a ghealaich gu dearrsadh ann: oir tha gloir Dhe ga shoilleireachadh, agus se a lochran an t-Uan. Agus imichidh na cinnich ʼna sholus; ʼs bheir righrean an talmhuinn an gloir ʼs an urram ga ionnsuidh. ʼS cha dhuinear a gheatachan san latha: oir cha bhi oidhche an sid. Us bheir iad gloir agus onair nan cinneach ga ionnsuidh. Agus cha teid ni truaillidh air bith a stigh ann, no fear a ni graineileachd, no briag, ach iadsan a tha sgriobhte an leabhar beatha an Uain. Agus dhʼ fhiach e dhomh abhuinn uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a tighinn bho chathair Dhe agus an Uain. Agus am miadhon a straide, ʼs air dà thaobh na h-aibhne bha craobh na beatha, a giulan dà mheas dhiag, a toirt a mach a meas a h-uile mios, agus bha duilleagan na craoibhe gu leigheas nan cinneach. Agus cha bhi mollachd ann idir tuille: ach bithidh cathair Dhe agus an Uain ann, agus ni a sheirbhisich seirbhis dha. Agus chi iad a ghnuis, ʼs bithidh ʼainm air clar an aodainn. ʼS cha bhi oidhche ann nas fhaide; ʼs cha chuir iad feum air solus an lochrain, no solus na greine: oir soilleirichidh an Tighearna Dia iad, agus righichidh iad fad linn nan linn. Us thuirt e rium: Tha na facail so ro dhileas agus fior. Agus chuir an Tighearna, Dia spioraid nam faidhean, aingeal fhein, a dhʼ fhiachuinn dha sheirbhisich na dhʼ fheumas tachairt gu h-aithghearr. Agus, seall, tha mi tighinn gu h-aithghearr. Is beannaichte esan a chumas facail faisneachd an leabhair so. Agus is mise Eoin, a chuala ʼsa chunnaic na nichean so. Agus an deigh dhomh cluinntinn agus faicinn, thuit mi sios a dhianamh aoraidh romh chasan an aingil, a dhʼ fhiach dhomh na nichean so; Us thuirt e rium: Fiach nach dian thu e: oir is mise do cho-sheirbhiseach, ʼs dhe do bhraithrean na faidhean, us dhiusan a chumas facail faisneachd an leabhair so: thoir aoradh do Dhia. Us thuirt e rium: Na seul facail faisneachd an leabhair so: oir tha an t-àm faisg. An neach a tha ciurradh, ciurradh e fhathast; ʼs an neach a tha truaillidh, leanadh e ri truailleachd fhathast; ʼs an neach a tha ceart, biodh e air a cheartachadh fhathast; ʼs an naomh, biodh e air a naomhachadh fhathast. Fiach thig mi gu h-aithghearr, ʼs tha mo dhuais maille rium, los toirt do ʼn h-uile duine a reir oibrichean. Is mise Alpha agus Omega, a chiad aon agus an t-aon mu dheireadh, an tùs agus a chrioch. Is beannaichte iadsan, a nigheas an eideadh am fuil an Uain; los gum bi còir aca air craoibh na beatha, ʼs gun teid iad a stigh tromh na geatachan do ʼn bhaile. A mach tha coin, us luchd-draoitheachd, us luchd-mi-gheamnachd, us murtairean, us luchd-iodhol-aoraidh, ʼs a h-uile h-aon leis an toil, agus a ni briag. Chuir mise, Iosa, mʼ aingeal a thoirt fianuis dhuibh air na nichean so anns na h-eaglaisean. Is mise friamh agus gineal Dhài, reul bhoillsgeach ʼs reul na maduinne. Agus tha an spiorad agus bean-na-bainnse a g-radh: Thig. ʼS an neach a tha cluinntinn, abradh e: Thig. ʼS an neach a tha paiteach, thigeadh e: ʼs an neach leis an toil, gabhadh e uisge na beatha a nasgaidh. Oir tha mi toirt fianuis do ʼn h-uile h-aon a chluinneas facail faisneachd an leabhair so: Ma chuireas duine air bith ris na nichean so, cuiridh Dia air-san na plaighean a tha sgriobhte anns an leabhar so. ʼS ma bheir duine air bith bho fhacail leabhar na faisneachd so, bheir Dia air falbh a chuid-san á leabhar na beatha, us as a bhaile naomh, ʼs bho na nichean sin a tha sgriobhte anns an leabhar so. Tha esan, a tha toirt teisteanais air na nichean so, a g-radh: Gu cinnteach tha mi tighinn gu h-aithghearr. Amen. Thig, a Thighearna Iosa. Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh uile. Amen. A Chrioch.