Anns an toiseach chruthaich Dia na nèamhan agus an talamh. Agus bha an talamh gun dealbh agus falamh; agus bha dorchadas air aghaidh na doimhne. Agus bha Spiorad Dhè a’ gluasad air aghaidh nan uisgeachan. Agus thubhairt Dia, Biodh solas ann: agus bha solas ann. Agus chunnaic Dia an solas, gu robh e math: agus chuir Dia dealachadh eadar an solas agus an dorchadas. Agus thug Dia mar ainm air an t‑solas Là, agus air an dorchadas thug e mar ainm Oidhche. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ciad là. Agus thubhairt Dia, Biodh adhar ann am meadhon nan uisgeachan, agus cuireadh e dealachadh eadar uisgeachan agus uisgeachan. Agus rinn Dia an t‑adhar, agus chuir e dealachadh eadar na h‑uisgeachan a bha fon adhar, agus na h‑uisgeachan a bha os cionn an adhair: agus bha e mar sin. Agus thug Dia mar ainm air an adhar Nèamh. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an dara là. Agus thubhairt Dia, Cruinnichear na h‑uisgeachan a tha fo nèamh a dh’aon àite, agus leigear ris an tìr thioram: agus bha e mar sin. Agus thug Dia mar ainm air an tìr thioraim Talamh; agus air cruinneachadh nan uisgeachan thug e mar ainm Fairgeachan: agus chunnaic Dia gu robh e math. Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a‑mach feur, luibh a ghineas sìol, craobh‐mheas a bheir a‑mach meas a rèir a gnè, aig a bheil a sìol innte fhèin, air an talamh: agus bha e mar sin. Agus thug an talamh a‑mach feur, luibh a ghineas sìol a rèir a gnè, agus craobh a bheir a‑mach meas, aig a bheil a sìol innte fhèin, a rèir a gnè: agus chunnaic Dia gu robh e math. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an treas là. Agus thubhairt Dia, Biodh solais ann an speuran nèimh a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche; agus biodh iad airson chomharraidhean, agus airson aimsirean, agus airson làithean, agus bhliadhnachan: Agus biodh iad mar sholais ann an speuran nèimh, a thoirt solais air an talamh: agus bha e mar sin. Agus rinn Dia dà sholas mhòr; an solas as mò a riaghladh an là, agus an solas as lugha a riaghladh na h‑oidhche: agus na reultan. Agus shuidhich Dia iad ann an speuran nèimh, a thoirt solais air an talamh, Agus a riaghladh anns an là, agus anns an oidhche, agus a chur dealachaidh eadar an solas agus an dorchadas: agus chunnaic Dia gu robh e math. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an ceathramh là. Agus thubhairt Dia, Thugadh na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt an creutair gluasadach anns a bheil beatha, agus biodh eunlaith ag itealaich os cionn na talmhainn air aghaidh speuran nèimh. Agus chruthaich Dia mucan‐mara mòra, agus gach uile chreutair beò a ghluaiseas, a thug na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt, a rèir an gnè, agus gach eun iteagach a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math. Agus bheannaich Dia iad, ag ràdh, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh na h‑uisgeachan anns na fairgeachan, agus fàsadh an eunlaith lìonmhor air an talamh. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an còigeamh là. Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a‑mach an creutair beò a rèir a ghnè, sprèidh, agus gach nì a shnàigeas, agus beathaichean na talmhainn a rèir an gnè: agus bha e mar sin. Agus rinn Dia beathaichean na talmhainn a rèir an gnè, agus an sprèidh a rèir an gnè, agus gach nì a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math. Agus thubhairt Dia, Dèanamaid duine nar dealbh fhèin, a rèir ar coslais fhèin, agus biodh uachdaranachd aca os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn na sprèidhe, agus os cionn na talmhainn uile, agus os cionn gach nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh. Agus chruthaich Dia an duine na dhealbh fhèin, ann an dealbh Dhè chruthaich e e: fireannach agus boireannach chruthaich e iad. Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e: agus biodh uachdaranachd agaibh os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach nì beò a ghluaiseas air an talamh. Agus thubhairt Dia, Feuch, thug mi dhuibh gach luibh a ghineas sìol, a tha air aghaidh na talmhainn uile, agus gach craobh anns a bheil meas craoibhe a ghineas sìol; dhuibhse bidh e mar bhiadh. Agus do uile bheathaichean na talmhainn, agus do uile eunlaith nan speur, agus do gach nì a shnàigeas air an talamh, anns a bheil beatha, thug mi gach luibh ghorm mar bhiadh: agus bha e mar sin. Agus chunnaic Dia gach nì a rinn e, agus, feuch, bha e ro‑mhath. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an siathamh là. Agus chrìochnaicheadh na nèamhan agus an talamh, agus an sluagh uile. Agus chrìochnaich Dia air an t‑seachdamh là a obair a rinn e; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là o a obair uile a rinn e. Agus bheannaich Dia an seachdamh là, agus naomhaich e e: do bhrìgh gur ann air a ghabh e fois o a obair uile a chruthaich Dia agus a rinn e. Is iad seo ginealaichean nan nèamh agus na talmhainn nuair a chruthaicheadh iad, anns an là anns an do rinn an Tighearna Dia an talamh agus na nèamhan. Agus cha robh aon de phreasan na machrach fhathast anns an talamh, agus cha d’fhàs fhathast aon de lusan na machrach; do bhrìgh nach tug an Tighearna Dia air uisge frasadh air an talamh, agus cha robh duine ann a shaothrachadh na talmhainn. Ach chaidh ceò suas on talamh, agus dh’uisgich e aghaidh na talmhainn uile. Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine de dhuslach na talmhainn: agus shèid e ann an cuinneinean a shròine anail na beatha; agus dh’fhàs an duine na anam beò. Agus shuidhich an Tighearna Dia gàrradh ann an Eden, anns an àird an ear; agus chuir e an sin an duine a dhealbh e. Agus thug an Tighearna Dia air gach uile chraoibh fàs as an talamh a tha taitneach don t‑sealladh, agus math a‑chum bìdh; craobh na beatha mar an ceudna ann am meadhon a’ ghàrraidh, agus craobh eòlas a’ mhaith agus an uilc. Agus chaidh abhainn a‑mach à Eden a dh’uisgeachadh a’ ghàrraidh; agus as a sin roinneadh i, agus dh’fhàs i na ceithir cinn. Is e ainm na ciad aibhne Pison; seo i a tha a’ cuartachadh tìr Habhilah uile, far a bheil òr. Agus tha òr na tìre sin math: an sin tha bdellium agus a’ chlach onics. Agus is e ainm na dara aibhne Gihon: is i sin a tha a’ cuartachadh tìr Chuis uile. Agus is e ainm na treas aibhne Hidecel: is i sin a tha a’ dol don taobh an ear de Asiria. Agus is i an ceathramh abhainn Euphràtes. Agus ghabh an Tighearna Dia an duine, agus chuir e e ann an gàrradh Edein, ga shaothrachadh agus ga ghleidheadh. Agus dh’àithn an Tighearna Dia don duine, ag ràdh, De gach uile chraoibh anns a’ ghàrradh faodaidh tu ithe gu saor: Ach de chraoibh eòlas a’ mhaith agus an uilc, chan ith thu dhith sin; oir anns an là a dh’itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu. Agus thubhairt an Tighearna Dia, Chan eil e math gum biodh an duine na aonar: nì mi dha còmhnadh da rèir fhèin. Agus dhealbh an Tighearna Dia as an talamh uile bheathaichean na machrach, agus uile eunlaith nan speur; agus thug e iad a‑chum Adhaimh, a dh’fhaicinn cionnas a dh’ainmicheadh e iad: agus ge bè ainm a thug Adhamh air gach creutair beò, b’e sin a b’ainm dha. Agus thug Adhamh ainmean don sprèidh uile, agus do eunlaith nan speur, agus do uile bheathaichean na machrach; ach do Adhamh cha d’fhuaireadh còmhnadh da rèir fhèin. Agus thug an Tighearna Dia air cadal trom tuiteam air Adhamh, agus chaidil e: agus ghabh e aon de a aisnean, agus dhùin e an fheòil suas na h‑àite; Agus thog an Tighearna Dia an aisne a thug e on duine suas na mnaoi, agus thug e i a‑chum an duine. Agus thubhairt Adhamh, Seo a‑nis cnàimh dem chnàmhan, agus feòil dem fheòil‐sa: goirear bean dhith, do bhrìgh gur ann as an duine a thugadh i. Air an adhbhar sin fàgaidh fear a athair agus a mhàthair, agus dlùth‐leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad nan aon fheòil. Agus bha iad le chèile lomnochd, an duine agus a bhean, agus cha robh nàire orra. Agus bha an nathair na bu sheòlta na aon de bheathaichean na machrach a rinn an Tighearna Dia. Agus thubhairt i ris a’ mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, Chan ith sibh de gach craoibh anns a’ ghàrradh? Agus thubhairt a’ bhean ris an nathair, De mheas craobhan a’ ghàrraidh faodaidh sinn ithe: Ach de mheas na craoibhe a tha ann am meadhon a’ ghàrraidh, thubhairt Dia, Chan ith sibh dheth, agus cha bhean sibh ris, a‑chum nach faigh sibh bàs. Agus thubhairt an nathair ris a’ mhnaoi, Gu cinnteach chan fhaigh sibh bàs; Oir tha fhios aig Dia, anns an là a dh’itheas sibh dheth, gum fosglar ur sùilean, agus gum bi sibh mar dhiathan, fiosrach air math agus air olc. Agus chunnaic a’ bhean gu robh a’ chraobh math a‑chum bìdh, agus na craoibh ra miannachadh a dhèanamh neach glic: agus ghabh i de a meas agus dh’ith i, agus thug i mar an ceudna da fear maille rithe, agus dh’ith e. Agus dh’fhosgladh an sùilean le chèile, agus dh’aithnich iad gu robh iad lomnochd; agus dh’fhuaigh iad duilleach croinn‐fhìge ri chèile, agus rinn iad dhaibh fhèin aprain. Agus chuala iad guth an Tighearna Dia ag imeachd anns a’ ghàrradh, ann am fionnarachd an là: agus dh’fhalaich Adhamh agus a bhean iad fhèin o ghnùis an Tighearna Dia am measg craobhan a’ ghàrraidh. Agus dh’èigh an Tighearna Dia air Adhamh, agus thubhairt e ris, Càit a bheil thu? Agus thubhairt e, Chuala mi do ghuth anns a’ ghàrradh, agus bha eagal orm, a chionn gu robh mi lomnochd; agus dh’fhalaich mi mi fhèin. Agus thubhairt e, Cò a dh’innis dhut gu robh thu lomnochd? An d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut gun ithe dhith? Agus thubhairt an duine, A’ bhean a thug thu gu bhith maille rium, thug ise dhomh den chraoibh, agus dh’ith mi. Agus thubhairt an Tighearna Dia ris a’ mhnaoi, Ciod e seo a rinn thu? Agus thubhairt a’ bhean, Mheall an nathair mi, agus dh’ith mi. Agus thubhairt an Tighearna Dia ris an nathair, A chionn gun do rinn thu seo, tha thu mallaichte thar gach ainmhidh, agus thar uile bheathaichean na machrach; air do bhroinn imichidh tu, agus duslach ithidh tu uile làithean do bheatha: Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a’ bhean, agus eadar do shìol‐sa agus a sìol‐se; bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil‐san. Ris a’ mhnaoi thubhairt e, Meudaichidh mi gu mòr do dhoilgheas agus do thorrachas; am pèin beiridh tu clann, agus rid fhear bidh do thogradh, agus bidh uachdaranachd aige ort. Agus ri Adhamh thubhairt e, Do bhrìgh gun d’èisd thu ri guth do mhnà, agus gun d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut, ag ràdh, Chan ith thu dhith, tha an talamh mallaichte air do shon; ann an doilgheas ithidh tu dheth uile làithean do bheatha; Agus droigheann agus cluarain bheir e a‑mach dhut, agus ithidh tu luibh na machrach; Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu. Agus thug Adhamh Eubha mar ainm air a mhnaoi, do bhrìgh gum b’i màthair nan uile bheò. Agus rinn an Tighearna Dia do Adhamh agus da mhnaoi còtaichean craicinn, agus chòmhdaich e iad. Agus thubhairt an Tighearna Dia, Feuch, tha an duine air fàs mar aon dhinn fhèin, fiosrach air math agus olc. Agus a‑nis, air eagal gun sìneadh e a‑mach a làmh, agus gun gabhadh e mar an ceudna de chraoibh na beatha, agus gun itheadh e, agus gum biodh e beò gu sìorraidh: Air an adhbhar sin chuir an Tighearna Dia a‑mach e à gàrradh Edein, a shaothrachadh na talmhainn as an tugadh e. Agus dh’fhògair e a‑mach an duine; agus shuidhich e anns an taobh an ear de ghàrradh Edein ceruban, agus claidheamh lasrach a bha a’ tionndadh air gach làimh, a ghleidheadh slighe craobh na beatha. Agus dh’aithnich Adhamh a bhean Eubha; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Càin, agus thubhairt i, Fhuair mi duine on Tighearna. Agus a‑rìs rug i a bhràthair Abel. Agus bha Abel na bhuachaille chaorach, ach bha Càin na threabhaiche fearainn. Agus thàrladh, an ceann làithean àraidh, gun tug Càin de thoradh an fhearainn tabhartas don Tighearna. Agus thug Abel mar an ceudna de chiad‐ghin a threuda, agus den saill. Agus bha meas aig an Tighearna air Abel agus air a thabhartas: Ach air Càin agus air a thabhartas cha robh meas aige. Agus bha Càin fo throm fheirg, agus thuit a ghnùis. Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Carson a tha fearg ort? Agus carson a thuit do ghnùis? Ma nì thu gu math, nach gabhar riut? Agus mura dèan thu gu math, aig an doras tha peacadh na laighe. Agus riutsa bidh a thogradh, agus bidh uachdaranachd agad air. Agus labhair Càin ri Abel a bhràthair: agus nuair a bha iad anns a’ mhachair, dh’èirich Càin suas an aghaidh Abeil a bhràthair, agus mharbh e e. Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Càit a bheil Abel do bhràthair? Agus thubhairt esan, Chan eil fhios agam. Am mise fear‐gleidhidh mo bhràthar? Agus thubhairt esan, Ciod a rinn thu? Tha guth fuil do bhràthar ag èigheach riumsa on talamh. Agus a‑nis tha thu mallaichte on talamh, a dh’fhosgail a bheul a ghabhail fuil do bhràthar od làimh. Nuair a shaothraicheas tu an talamh, cha toir e dhut à seo suas a neart; ad fhògarrach agus ad fhear‐fuadain bidh tu air an talamh. Agus thubhairt Càin ris an Tighearna, Is mò mo pheanas na gur urrainn mi a ghiùlan. Feuch, dh’fhògair thu mi a‑mach an‑diugh bhàrr aghaidh na talmhainn agus od ghnùis‐sa falaichear mi; agus bidh mi am fhògarrach agus am fhear‐fuadain air an talamh; agus tàrlaidh, gach neach a gheibh mi, gum marbh e mi. Agus thubhairt an Tighearna ris, Uime sin ge bè air bith a mharbhas Càin, nìthear a sheachd uiread de dhìoghaltas air. Agus chuir an Tighearna comharradh air Càin, a‑chum ge bè neach a gheibheadh e nach marbhadh e e. Agus chaidh Càin a‑mach à làthair an Tighearna, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Nod, an taobh an ear de Eden. Agus dh’aithnich Càin a bhean; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Enoch: agus thog e baile, agus ghoir e ainm a’ bhaile, a rèir ainm a mhic, Enoch. Agus rugadh do Enoch Irad; agus ghin Irad Mehuiael; agus ghin Mehuiael Metusael; agus ghin Metusael Làmech. Agus ghabh Làmech dha fhèin dà mhnaoi: b’e ainm a h‑aoin dhiubh Adah, agus ainm na mnà eile Sillah. Agus ghin Adah Iabal: b’esan athair na dream a tha a’ gabhail còmhnaidh am bùthan, agus na dream aig a bheil sprèidh. Agus b’e ainm a bhràthar Iubal: b’esan athair nan uile a laimhsicheas clàrsach agus organ. Agus Sillah, rug ise mar an ceudna Tubal‐càin, fear‐teagaisg gach uile fhir‐ceàirde ann an umha agus ann an iarann: agus b’i piuthar Thubal‐càin Nàamah. Agus thubhairt Làmech ra mhnathan, Adah agus Sillah, Cluinnibh mo ghuth, a mhnathan Làmeich, èisdibh rim chainnt: oir mharbh mi duine a‑chum mo lotaidh, agus òganach a‑chum mo chiùrraidh. Ma dhìolar Càin a sheachd uiread, gu deimhinn dìolar Làmech a sheachd‐deug agus a thrì‐fichead uiread. Agus dh’aithnich Adhamh a‑rìs a bhean; agus rug i mac, agus thug i Set mar ainm air: Oir dh’òrdaich Dia, thubhairt i, dhòmhsa sliochd eile ann an àit Abeil, a mharbh Càin. Agus do Shet fhèin mar an ceudna rugadh mac; agus thug e Enos mar ainm air: an sin thòisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna. Is e seo leabhar ginealaichean Adhaimh. Anns an là anns an do chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dhè rinn e e; Fireannach agus boireannach chruthaich e iad; agus bheannaich e iad, agus thug e Adhamh mar ainm orra, anns an là anns an do chruthaicheadh iad. Agus bha Adhamh beò ceud agus deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e mac na choslas fhèin, a rèir a ìomhaigh fhèin; agus thug e Set mar ainm air: Agus b’iad làithean Adhaimh, an dèidh dha Set a ghintinn, ochd ceud bliadhna: agus ghin e mic agus nigheanan: Agus b’iad uile làithean Adhaimh a bha e beò naoi ceud agus deich‐bliadhna‑fichead: agus fhuair e bàs. Agus bha Set beò ceud agus còig bliadhna, agus ghin e Enos: Agus bha Set beò, an dèidh dha Enos a ghintinn, ochd ceud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan: Agus b’iad uile làithean Shet naoi ceud agus dà‑bhliadhna‑dheug: agus fhuair e bàs. Agus bha Enos beò ceithir‐fichead bliadhna agus a deich, agus ghin e Càinan: Agus bha Enos beò, an dèidh dha Càinan a ghintinn, ochd ceud agus còig‐bliadhna‑deug, agus ghin e mic agus nigheanan: Agus b’iad uile làithean Enois naoi ceud agus còig bliadhna: agus fhuair e bàs. Agus bha Càinan beò deich bliadhna agus trì‐fichead, agus ghin e Mahalalil: Agus bha Càinan beò, an dèidh dha Mahalalil a ghintinn, ochd ceud agus dà‑fhichead bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan: Agus b’iad uile làithean Chàinain naoi ceud agus deich bliadhna: agus fhuair e bàs. Agus bha Mahalalil beò còig bliadhna agus trì‐fichead, agus ghin e Iàred: Agus bha Mahalalil beò, an dèidh dha Iàred a ghintinn, ochd ceud agus deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e mic agus nigheanan: Agus b’iad uile làithean Mhahalalil ochd ceud ceithir‐fichead agus còig‐bliadhna‑deug: agus fhuair e bàs. Agus bha Iàred beò ceud agus trì‐fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e Enoch: Agus bha Iàred beò, an dèidh dha Enoch a ghintinn, ochd ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan: Agus b’iad uile làithean Iàreid naoi ceud trì‐fichead agus dà bhliadhna; agus fhuair e bàs. Agus bha Enoch beò trì‐fichead agus còig bliadhna, agus ghin e Metùselah: Agus ghluais Enoch maille ri Dia, an dèidh dha Metùselah a ghintinn, trì cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan: Agus b’iad uile làithean Enoich trì cheud agus trì‐fichead agus còig bliadhna: Agus ghluais Enoch maille ri Dia: agus cha robh e ann; oir thug Dia leis e. Agus bha Metùselah beò ceud agus ceithir‐fichead agus seachd bliadhna, agus ghin e Làmech: Agus bha Metùselah beò, an dèidh dha Làmech a ghintinn, seachd ceud, ceithir‐fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan: Agus b’iad uile làithean Mhetùselah naoi ceud agus trì‐fichead agus naoi bliadhna: agus fhuair e bàs. Agus bha Làmech beò ceud agus ceithir‐fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mac: Agus thug e Nòah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an tì seo fhèin sòlas dhuinne a‑thaobh ar n‑obrach agus saothair ar làmh, a‑thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearna. Agus bha Làmech beò, an dèidh dha Nòah a ghintinn, còig cheud, ceithir‐fichead agus còig‐bliadhna‑deug, agus ghin e mic agus nigheanan: Agus b’iad uile làithean Làmeich, seachd ceud agus trì‐fichead agus seachd‐bliadhna‑deug: agus fhuair e bàs. Agus bha Nòah còig ceud bliadhna a dh’aois: agus ghin Nòah Sem, Ham, agus Iàphet. Agus nuair a thòisich daoine ri fàs lìonmhor air aghaidh na talmhainn, agus a rugadh nigheanan dhaibh, Agus a chunnaic mic Dhè nigheanan dhaoine, gu robh iad sgiamhach; ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de gach uile a roghnaich iad. Agus thubhairt an Tighearna, Cha bhi mo Spiorad a’ strì ris an duine a‑ghnàth, do bhrìgh gur feòil a‑mhàin e: gidheadh bidh a làithean ceud agus fichead bliadhna. Bha famhairean air an talamh anns na làithean sin; agus mar an ceudna na dhèidh sin, nuair a thàinig mic Dhè a‑steach a‑chum nigheanan dhaoine, agus a rug iad clann dhaibh, dh’fhàs iad sin nan daoine treuna, a bha o shean nan daoine ainmeil. Agus chunnaic an Tighearna gum bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a‑mhàin olc gach aon là. Agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e an duine air an talamh, agus thug e doilgheas dha na chridhe. Agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi an duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn; araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gun do rinn mi iad. Ach fhuair Nòah deagh‐ghean ann an sùilean an Tighearna. Is iad seo ginealaichean Nòah: Bha Nòah na dhuine cothromach, agus iomlan na linn; agus ghluais Nòah maille ri Dia. Agus ghin Nòah triùir mhac, Sem, Ham, agus Iàphet. Agus bha an talamh truaillidh am fianais Dhè, agus lìonadh an talamh le fòirneart. Agus dh’amhairc Dia air an talamh, agus, feuch, bha e truaillidh; oir thruaill gach uile fheòil a slighe air an talamh. Agus thubhairt Dia ri Nòah, Thàinig crìoch gach uile fheòla am fhianais; oir tha an talamh air a lìonadh le fòirneart dan trìdsan; agus, feuch, sgriosaidh mise iad maille ris an talamh. Dèan dhut fhèin àirc de fhiodh gopheir; seòmraichean nì thu anns an àirc, agus còmhdaichidh tu i a‑staigh agus a‑muigh le pic. Agus seo a’ chumachd air an dèan thu i: Trì cheud làmh‐choille fad na h‑àirce, leth‐cheud làmh‐choille a leud, agus deich‐ar‑fhichead làmh‐choille a h‑àirde. Uinneag nì thu don àirc, agus an làimh‐choille crìochnaichidh tu i na mullach; agus doras na h‑àirce cuiridh tu na taobh; le lobhtachan ìochdarach, meadhonach, agus uachdarach nì thu i. Agus, feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios gach uile fheòla, anns a bheil anail na beatha fo nèamh; agus gheibh gach nì a tha air an talamh bàs. Ach daingnichidh mi mo choicheangal riutsa; agus thèid thu a‑steach don àirc, thu fhèin, agus do mhic, agus do bhean, agus mnathan do mhac maille riut. Agus de gach uile nì beò den uile fheòil, dithis de gach seòrsa bheir thu a‑steach don àirc gan gleidheadh beò maille riut; fireann agus boireann bidh iad. Den eunlaith a rèir an gnè, agus den sprèidh a rèir an gnè, agus de gach nì a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè: thèid dithis de gach seòrsa a‑steach ad ionnsaigh, gan gleidheadh beò. Agus gabh thusa dhut de gach uile bhiadh a dh’ithear, agus cruinnichidh tu ad ionnsaigh e; agus bidh e dhutsa agus dhaibhsan airson beathachaidh. Mar seo rinn Nòah; a rèir gach nì a dh’àithn Dia dha, mar sin rinn e. Agus thubhairt an Tighearna ri Nòah, Rach thusa agus do thaigh uile a‑steach don àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach am fhianais anns a’ ghinealach seo. De gach uile ainmhidh glan gabhaidh tu dhut nan seachdan, am fireann agus a bhoireann; agus de ainmhidhean nach eil glan, nan càraidean, am fireann agus a bhoireann: Mar an ceudna de eunlaith nan speur nan seachdan, fireann agus boireann, a ghleidheadh sìl beò air aghaidh na talmhainn uile: Oir fhathast seachd làithean, agus bheir mise air uisge teachd air an talamh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; agus sgriosaidh mi gach dùil bheò a rinn mi bhàrr aghaidh na talmhainn. Agus rinn Nòah a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna dha. Agus bha Nòah sia ceud bliadhna a dh’aois, nuair a bha an dìle uisgeachan air an talamh. Agus chaidh Nòah a‑steach, agus a mhic agus a bhean agus mnathan a mhac maille ris, don àirc, airson uisgeachan na dìle. De ainmhidhean glan, agus de ainmhidhean nach eil glan, agus de eunlaith, agus de gach nì a shnàigeas air an talamh, Chaidh dithis agus dithis a‑steach a dh’ionnsaigh Nòah don àirc, fireann agus boireann, a rèir mar a dh’àithn Dia do Nòah. Agus an dèidh seachd làithean bha uisgeachan na dìle air an talamh. Anns an t‑siathamh ceud bliadhna a dh’aois Nòah, anns an dara mìos, anns an t‑seachdamh‐là‑deug den mhìos, anns an là sin fhèin bhriseadh suas uile thobraichean na doimhne mòire, agus bha tuil‐dhorsan nan nèamh air am fosgladh. Agus bha an t‑uisge air an talamh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche. Anns a’ cheart là sin fhèin chaidh Nòah, agus Sem agus Ham agus Iàphet, mic Nòah, agus bean Nòah, agus triùir bhan a mhac maille riu, a‑steach don àirc; Iad fhèin, agus gach uile bheathach a rèir a ghnè, agus an sprèidh uile a rèir an gnè, agus gach creutair a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh a rèir a ghnè, agus an eunlaith uile a rèir an gnè, gach eun de gach seòrsa. Agus chaidh iad a‑steach a‑chum Nòah don àirc, a lìon dithis agus dithis, de gach uile fheòil anns a bheil anail na beatha. Agus iadsan a chaidh a‑steach, fireann agus boireann, chaidh iad a‑steach de gach uile fheòil, mar a dh’àithn Dia dha: agus dhruid an Tighearna a‑staigh e. Agus bha an dìle dà‑fhichead là air an talamh; agus mheudaicheadh na h‑uisgeachan, agus ghiùlain iad an àirc, agus thogadh suas i os cionn na talmhainn. Agus bhuadhaich na h‑uisgeachan, agus mheudaicheadh iad gu h‑anabarrach air an talamh; agus shiubhail an àirc air aghaidh nan uisgeachan. Agus bhuadhaich na h‑uisgeachan gu ro‑anabarrach air an talamh; agus chòmhdaicheadh na beanntan àrda uile a bha fo na nèamhan gu lèir. Còig làmhan‐coille deug air àirde bhuadhaich na h‑uisgeachan; agus chòmhdaicheadh na beanntan. Agus dh’eug gach uile fheòil a bha a’ gluasad air an talamh, araon de eunlaith, agus de sprèidh, agus de bheathaichean, agus de gach nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh, agus gach uile dhuine: Gach nì aig an robh anail na beatha ann an cuinneinean a shròine, de na h‑uile a bha air an talamh thioram, dh’eug iad. Agus sgriosadh gach uile dhùil a bha air aghaidh na talmhainn, araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; agus sgriosadh iad bhàrr na talmhainn: agus dh’fhàgadh a‑mhàin Nòah, agus na bha maille ris anns an àirc. Agus bhuadhaich na h‑uisgeachan os cionn na talmhainn ceud agus leth‐cheud là. Agus chuimhnich Dia air Nòah, agus gach nì beò, agus gach uile sprèidh a bha maille ris anns an àirc: agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h‑uisgeachan; Agus dhruideadh suas tobraichean na doimhne agus tuil‐dhorsan nan nèamh, agus chaisgeadh an t‑uisge o na nèamhan; Agus thill na h‑uisgeachan a‑ghnàth bhàrr na talmhainn: agus thraogh na h‑uisgeachan an dèidh ceud agus leth‐cheud là. Agus stad an àirc anns an t‑seachdamh mìos, air an t‑seachdamh‐là‑deug den mhìos, air beanntan Ararait. Agus thraogh na h‑uisgeachan a‑ghnàth gus an deicheamh mìos: anns an deicheamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, chunnacas mullaichean nam beann. Agus an ceann dà‑fhichead là, dh’fhosgail Nòah uinneag na h‑àirc a rinn e: Agus chuir e a‑mach fitheach, a chaidh a‑mach a’ dol air ais agus air aghaidh, gus an do thiormaicheadh na h‑uisgeachan bhàrr na talmhainn. Mar an ceudna chuir e a‑mach calaman uaithe, a dh’fhaicinn an do thraogh na h‑uisgeachan bhàrr aghaidh na talmhainn; Ach cha d’fhuair an calaman fois do bhonn a choise, agus thill e da ionnsaigh don àirc, do bhrìgh gu robh na h‑uisgeachan air aghaidh na talmhainn uile: an sin chuir e a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thug e a‑steach e da ionnsaigh don àirc. Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus a‑rìs chuir e a‑mach an calaman on àirc; Agus thàinig an calaman da ionnsaigh anns an fheasgar, agus, feuch, duilleag craoibh‐ola, a spìonadh leis, aige na ghob: agus dh’aithnich Nòah gun do thraogh na h‑uisgeachan bhàrr na talmhainn. Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus chuir e a‑mach an calaman; agus cha do thill e a‑rìs da ionnsaigh nas mò. Agus anns an t‑siathamh ceud bliadhna agus a h‑aon, anns a’ chiad mhìos, anns a’ chiad là den mhìos, thiormaicheadh na h‑uisgeachan suas bhàrr na talmhainn: agus bhuin Nòah air falbh còmhdach na h‑àirc, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha aghaidh na talmhainn tioram. Agus anns an dara mìos, anns an t‑seachdamh là ar fhichead den mhìos, bha an talamh air tiormachadh. Agus labhair Dia ri Nòah, ag ràdh, Rach a‑mach as an àirc, thu fhèin, agus do bhean, agus do mhic, agus mnathan do mhac maille riut. Thoir a‑mach leat gach nì beò a tha maille riut, de gach uile fheòil, de eunlaith, agus de sprèidh, agus de gach uile nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh; a‑chum is gun sìolaich iad air an talamh, agus gum bi iad torrach, agus gum fàs iad lìonmhor air an talamh. Agus chaidh Nòah a‑mach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnathan a mhac maille ris: Chaidh gach uile bheathach, gach nì a shnàigeas, agus gach eun, gach nì a ghluaiseas air an talamh, a rèir an cineil, a‑mach as an àirc. Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan‐loisgte air an altair. Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi. Am feadh a mhaireas an talamh, cha sguir àm an t‑sìl‐chur agus foghar, agus fuachd agus teas, agus samhradh agus geamhradh, agus là agus oidhche. Agus bheannaich Dia Nòah agus a mhic, agus thubhairt e riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh. Agus bidh ur n‑eagal agus ur fiamhse air uile bheathaichean na talmhainn, agus air uile eunlaith nan speur, air gach nì a ghluaiseas air an talamh, agus air uile èisg na mara; dur làimhse tha iad air an tabhairt. Bidh gach nì gluasadach, a tha beò, dhuibh mar bhiadh; amhail mar an luibh ghorm thug mì dhuibh na h‑uile nithean. Ach feòil maille ra beatha, eadhon a fuil, chan ith sibh. Agus gu deimhinn fuil ur beatha‐se iarraidh mise; air làimh gach beathaich iarraidh mi i, agus air làimh an duine; air làimh bràthair gach duine iarraidh mi beatha an duine. Ge bè a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear a fhuil‐san: oir ann an dealbh Dhè rinn e an duine. Agus bithibh‐se sìolmhor, agus fàsaibh lìonmhor; ginibh air an talamh, agus fàsaibh lìonmhor ann. Agus labhair Dia ri Nòah, agus ra mhic maille ris, ag ràdh, Agus mise, feuch, daingnichidh mi mo choicheangal ribhse, agus ri ur sliochd nur dèidh; Agus ris gach uile chreutair beò a tha maille ribh, de eunlaith, de sprèidh, agus de uile bheathaichean na talmhainn maille ribh; o gach uile a tha a’ dol a‑mach as an àirc, gu uile bheathaichean na talmhainn. Agus daingnichidh mi mo choicheangal ribh; agus cha sgriosar gach uile fheòil tuilleadh le uisgeachan na dìle; agus cha bhi dìle ann nas mò a sgrios na talmhainn. Agus thubhairt Dia, Seo comharradh a’ choicheangail a tha mi a’ toirt eadar mise agus sibhse agus gach creutair beò a tha maille ribh, air feadh ghinealaichean sìorraidh: Mo bhogha cuiridh mi anns an neul, agus bidh e na chomharradh coicheangail eadar mise agus an talamh. Agus tàrlaidh, nuair a bheir mi neul os cionn na talmhainn, gum faicear am bogha anns an neul: Agus cuimhnichidh mi mo choicheangal, a tha eadar mise agus sibhse agus gach creutair beò den uile fheòil; agus chan fhàs nas mò na h‑uisgeachan nan dìle a sgrios gach uile fheòla. Agus bidh am bogha anns an neul; agus amhaircidh mi air, a‑chum is gun cuimhnich mi an coicheangal sìorraidh eadar Dia agus gach creutair beò den uile fheòil a tha air an talamh. Agus thubhairt Dia ri Nòah, Seo comharradh a’ choicheangail, a dhaingnich mi eadar mi fhèin agus gach uile fheòil a tha air an talamh. Agus b’iad mic Nòah a chaidh a‑mach as an àirc, Sem agus Ham agus Iàphet: agus b’e Ham athair Chanàain. Is iad sin triùir mhac Nòah: agus leo sin lìonadh an talamh uile. Agus thòisich Nòah air a bhith na fhear‐saothrachaidh na talmhainn, agus shuidhich e fìonlios: Agus dh’òl e den fhìon, agus bha e air mhisg: agus bha e lomnochd a‑staigh na bhùth. Agus chunnaic Ham, athair Chanàain, nochd a athar, agus dh’innis e da dhà bhràthair a‑muigh. Agus ghabh Sem agus Iàphet brat, agus chuir iad le chèile air an guaillean e, agus chaidh iad an comhair an cùil, agus chòmhdaich iad nochd an athar; agus bha an aghaidhean air an ais, agus chan fhaca iad nochd an athar. Agus dhùisg Nòah o a fhìon, agus thuig e ciod a rinn a mhac a b’òige air. Agus thubhairt e, Mallaichte gu robh Canàan; na sheirbhiseach nan seirbhiseach bidh e da bhràithrean. Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh Tighearna Dia Sheim; agus bidh Canàan na sheirbhiseach dha. Nì Dia Iàphet farsaing, agus còmhnaichidh e ann am bùthan Sheim; agus bidh Canàan na sheirbhiseach dha. Agus bha Nòah beò an dèidh na dìle trì cheud agus leth‐cheud bliadhna. Agus b’iad uile làithean Nòah naoi ceud agus leth‐cheud bliadhna: agus fhuair e bàs. A‑nis is iad sin ginealaichean mic Nòah, Sem, Ham, agus Iàphet: agus rugadh dhaibh mic an dèidh na dìle. Mic Iàpheit; Gomer, agus Magog, agus Madai, agus Iabhan, agus Tubal, agus Mesech, agus Tiras. Agus mic Ghomeir; Ascenas, agus Riphat, agus Togarmah. Agus mic Iabhain; Elisa, agus Tarsis, Citim, agus Dodanim. Leo sin roinneadh eileanan nan cinneach nan tìrean fhèin; gach aon a rèir a theanga, a rèir an teaghlaichean, nan cinnich. Agus mic Ham: Cus, agus Midsraim, agus Phut, agus Canàan. Agus mic Chuis: Sèba, agus Habhilah, agus Sabtah, agus Raamah; agus Sabtecha: agus mic Raamah: Sèba, agus Dedan. Agus ghin Cus Nimrod: thòisich esan air a bhith cumhachdach anns an talamh. Bha e na shealgair cumhachdach an làthair an Tighearna: uime sin theirear, Amhail mar Nimrod, an sealgair cumhachdach an làthair an Tighearna. Agus b’e toiseach a rìoghachd Bàbel, agus Erech, agus Acad, agus Calneh, ann an tìr Shinair. As an tìr sin chaidh a‑mach Asur, agus thog e Ninebheh, agus baile Rehobot, agus Calah, Agus Resen eadar Ninebheh agus Calah: is baile mòr sin. Agus ghin Midsraim Ludim, agus Anamim, agus Lehabim, agus Naphtuhim, Agus Patrusim, agus Casluhim (on tàinig a‑mach Philistim), agus Caphtorim. Agus ghin Canàan Sìdon a chiad‐ghin, agus Het, Agus an t‑Iebusach, agus an t‑Amorach, agus an Girgasach, Agus an t‑Hibheach, agus an t‑Harcach, agus an Sineach, Agus an t‑Arbhadach, agus an Semàrach, agus an t‑Hamatach: agus na dhèidh sin sgaoileadh a‑mach teaghlaichean nan Canàanach. Agus bha crìoch nan Canàanach o Shìdon, mar a thig thu gu Gèrar, gu ruig Gadsa, mar a thèid thu gu Sòdom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim gu ruig Lasa. Is iad sin mic Ham, a rèir an teaghlaichean, a rèir an teangannan, nan tìrean, agus nan cinnich. Agus do Shem fhèin mar an ceudna, athair chloinn Ebair uile, bràthair Iapheit a bu shine, rugadh clann. Clann Sheim: Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram. Agus clann Araim: Uds, agus Hul, agus Geter, agus Mas. Agus ghin Arphacsad Salah; agus ghin Salah Eber. Agus do Eber rugadh dithis mhac: b’e ainm aoin dhiubh Peleg; oir na làithean‐san roinneadh an talamh; agus b’e ainm a bhràthar Ioctan. Agus ghin Ioctan Almodad, agus Seleph, agus Hadsar‐mabhet, agus Ierah, Agus Hadoram, agus Udsal, agus Diclah, Agus Obal, agus Abimael, agus Sèba, Agus Ophir, agus Habhilah, agus Iobab: b’iad sin uile mic Ioctain. Agus bha an àite‐còmhnaidh o Mhesa, mar a thèid thu gu Sephar, beinn anns an àird an ear. Is iad sin mic Sheim, a rèir an teaghlaichean, a rèir an teangannan, nan tìrean, a rèir an cinneach. Is iad sin teaghlaichean mic Nòah, a rèir an ginealaichean, nan cinnich: agus leo sin roinneadh na cinnich anns an talamh an dèidh na dìle. Agus bha an talamh uile de aon teanga, agus na h‑aon fhacail aig gach neach. Agus nuair a bha iad air an turas on àird an ear, fhuair iad còmhnard ann an talamh Shinair; agus ghabh iad còmhnaidh an sin. Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Thigibh, dèanamaid clachan‐creadha, agus làn‐loisgeamaid iad. Agus bha a’ chlach‐chreadha aca airson cloiche, agus bha làthach aca airson aoil. Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile. Agus thàinig an Tighearna a‑nuas a dh’fhaicinn a’ bhaile agus an tùir, a thog clann nan daoine. Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh a tha ann, agus aon teanga aca uile; agus thòisich iad air seo a dhèanamh: agus a‑nis cha bhacar dhiubh nì air bith a smaoinich iad a dhèanamh. Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt an sin thar a chèile, a‑chum is nach tuig iad cainnt a chèile. Mar sin sgaoil an Tighearna iad uaithe sin air aghaidh na talmhainn uile: agus sguir iad de thogail a’ bhaile. Uime sin thugadh Bàbel mar ainm air; do bhrìgh ann an sin gun do chuir an Tighearna thar a chèile cainnt na talmhainn uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearna iad air aghaidh na talmhainn uile. Is iad seo ginealaichean Sheim: Bha Sem ceud bliadhna a dh’aois, agus ghin e Arphacsad dà bhliadhna an dèidh na dìle: Agus bha Sem beò, an dèidh dha Arphacsad a ghintinn, còig ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan. Agus bha Arphacsad beò còig‐bliadhna‑deug ar fhichead, agus ghin e Salah: Agus bha Arphacsad beò, an dèidh dha Salah a ghintinn, ceithir cheud agus trì bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan. Agus bha Salah beò deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e Eber. Agus bha Salah beò, an dèidh dha Eber a ghintinn, ceithir cheud agus trì bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan. Agus bha Eber beò ceithir‐bliadhna‑deug ar fhichead, agus ghin e Peleg: Agus bha Eber beò, an dèidh dha Peleg a ghintinn, ceithir cheud agus deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e mic agus nigheanan. Agus bha Peleg beò deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e Reu: Agus bha Peleg beò, an dèidh dha Reu a ghintinn, dà cheud agus naoi bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan. Agus bha Reu beò dà‑bhliadhna‑dheug ar fhichead, agus ghin e Serug: Agus bha Reu beò, an dèidh dha Serug a ghintinn, dà cheud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan. Agus bha Serug beò deich‐bliadhna‑fichead, agus ghin e Nàhor: Agus bha Serug beò, an dèidh dha Nàhor a ghintinn, dà cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan. Agus bha Nàhor beò naoi‐bliadhna‑fichead, agus ghin e Tèrah: Agus bha Nàhor beò an dèidh dha Tèrah a ghintinn, ceud agus naoi‐bliadhna‑deug, agus ghin e mic agus nigheanan. Agus bha Tèrah beò deich agus trì‐fichead bliadhna, agus ghin e Abram, Nàhor, agus Hàran. A‑nis is iad seo ginealaichean Thèrah: ghin Tèrah Abram, Nàhor, agus Hàran; agus ghin Hàran Lot. Agus fhuair Hàran bàs ro Thèrah a athair, anns an tìr anns an do rugadh e, ann an Ur nan Caldèach. Agus ghabh Abram agus Nàhor mnathan dhaibh fhèin: b’e ainm bean Abraim Sàrai; agus ainm bean Nahoir Milcah, nighean Hàrain, athair Mhilcah, agus athair Iscah. Ach bha Sàrai neo‐thorrach; cha robh duine cloinne aice. Agus ghabh Tèrah Abram a mhac, agus Lot mac Hàrain, mac a mhic, agus Sàrai a bhan‐chliamhainn, bean Abraim a mhac; agus chaidh iad a‑mach maille riu à Ur nan Caldèach, gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad gu Hàran, agus ghabh iad còmhnaidh an sin. Agus b’iad làithean Thèrah dà cheud agus còig bliadhna: agus fhuair Tèrah bàs ann an Hàran. Agus thubhairt an Tighearna ri Abram, Rach a‑mach as do dhùthaich, agus od dhìlsean, agus à taigh d’athar, don tìr a nochdas mise dhut. Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh. Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas thu, agus iadsan a mhallaicheas thu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaichean na talmhainn. Agus dh’imich Abram, mar a labhair an Tighearna ris; agus chaidh Lot maille ris: agus bha Abram còig‐bliadhna‑deug agus trì‐fichead a dh’aois nuair a chaidh e a‑mach à Hàran. Agus ghabh Abram Sàrai a bhean, agus Lot mac a bhràthar, agus am maoin uile a chruinnich iad, agus na h‑anaman a fhuair iad ann an Hàran; agus chaidh iad a‑mach gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad do thìr Chanàain. Agus chaidh Abram air aghaidh anns an fhearann gu àite Shicheim, gu còmhnard Mhòreh. Agus bha an Canàanach an sin anns an tìr. Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd‐sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha. Agus chaidh e as a sin gu sliabh air an taobh an ear de Bhetel, agus shuidhich e a bhùth, agus Betel aige air an taobh an iar, agus Hai air an taobh an ear: agus thog e an sin altair don Tighearna, agus ghairm e air ainm an Tighearna. Agus dh’imich Abram, a’ sìor dhol air aghaidh mu dheas. Agus bha gorta anns an tìr: agus chaidh Abram sìos don Èiphit, gu bhith air chuairt an sin; do bhrìgh gu robh a’ ghorta mòr anns an tìr. Agus nuair a bha e dlùth do dhol a‑steach don Èiphit thubhairt e ri Sàrai a bhean, Feuch a‑nis, tha fhios agam gur bean mhaiseach thusa ri amharc ort: Uime sin, nuair a chì na h‑Èiphitich thu, their iad, Seo a bhean: agus marbhaidh iad mise, ach gleidhidh iad thusa beò. Abair, guidheam ort, gur tu mo phiuthar, a‑chum gun èirich gu math dhomh air do sgàth‐sa; agus bidh m’anam beò air do shon‐sa. Agus nuair a thàinig Abram don Èiphit, chunnaic na h‑Èiphitich a’ bhean, gu robh i ro‑mhaiseach. Chunnaic mar an ceudna ceannardan Phàraoh i, agus mhol iad i do Phàraoh: agus thugadh a‑steach a’ bhean do thaigh Phàraoh. Agus bhuin e gu math ri Abram air a sgàth‐se: agus bha aige caoraich, agus daimh, agus asail fhireann, agus òglaich, agus banoglaich, agus asail bhoireann, agus càmhail. Agus bhuail an Tighearna Phàraoh agus a thaigh le plàighean mòra, airson Shàrai bean Abraim. Agus ghairm Phàraoh air Abram, agus thubhairt e, Ciod e seo a rinn thu orm? Carson nach d’innis thu dhomh gum b’i seo do bhean? Carson a thubhairt thu, Is i mo phiuthar i? Mar sin dh’fhaodainn a gabhail am ionnsaigh mar mhnaoi; a‑nis, matà, feuch do bhean; gabh i, agus bi ag imeachd. Agus thug Phàraoh àithne da dhaoine ma thimcheall: agus chuir iad air falbh e fhèin, agus a bhean, agus gach nì a bha aige. Agus chaidh Abram suas as an Èiphit, e fhèin, agus a bhean, agus gach nì a bha aige, agus Lot maille ris, don taobh mu dheas. Agus bha Abram ro‑shaoibhir ann an sprèidh, ann an airgead, agus ann an òr. Agus dh’imich e air a thurasan on taobh mu dheas eadhon gu Betel, gu ruig an t‑àit anns an robh a bhùth an toiseach, eadar Betel agus Hai; Gu àite na h‑altarach a rinn e an sin air tùs: agus ghairm Abram an sin air ainm an Tighearna. Agus bha mar an ceudna aig Lot, a dh’imich maille ri Abram, caoraich, agus crodh, agus bùthan. Agus cha robh am fearann comasach air an giùlan, gu còmhnaidh a ghabhail cuideachd: oir bha am maoin mòr, agus cha b’urrainn iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd. Agus bha còmhstri eadar buachaillean sprèidh Abraim agus buachaillean sprèidh Lot: agus bha an Canàanach agus am Peridseach anns an àm sin a chòmhnaidh anns an tìr. Agus thubhairt Abraim ri Lot, Na biodh, guidheam ort, còmhstri eadar mise agus thusa, agus eadar mo bhuachaillean‐sa agus do bhuachaillean‐sa; oir is bràithrean sinn. Nach eil an tìr uile romhad? Dealaich, guidheam ort, riumsa: ma ghabhas tusa a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, an sin thèid mise a dh’ionnsaigh na làimhe deise; agus ma thèid thusa a dh’ionnsaigh na làimhe deise, an sin gabhaidh mise a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe. Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmhnard Iòrdain uile, gu robh e gu lèir air uisgeachadh gu math, mun do sgrios an Tighearna Sòdom agus Gomorrah, eadhon mar ghàrradh an Tighearna, cosmhail ri talamh na h‑Èiphit, mar a thig thu gu Sòar. Agus thagh Lot dha fhèin còmhnard Iòrdain uile; agus ghabh Lot a thuras don àird an ear: agus dhealaich na càirdean ri chèile. Ghabh Abram còmhnaidh ann an tìr Chanàain, agus ghabh Lot còmhnaidh ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus shuidhich e a bhùth aig Sòdom. Ach bha daoine Shòdoim aingidh agus nam peacaich am fianais an Tighearna gu ro‑mhòr. Agus thubhairt an Tighearna ri Abram, an dèidh do Lot dealachadh ris, Tog a‑nis suas do shùilean, agus amhairc on àit anns a bheil thu, gu tuath, agus gu deas, agus gus an àird an ear, agus an iar: Oir am fearann uile a tha thu a’ faicinn, dhutsa bheir mi e, agus dod shliochd gu bràth. Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, an sin gun àirmhear do shliochd‐sa mar an ceudna. Eirich, imich air feadh an fhearainn, na fhad agus na leud; oir dhutsa bheir mi e. Agus dh’atharraich Abram a bhùth, agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an còmhnard Mhamre, a tha ann an Hebron, agus thog e an sin altair don Tighearna. Agus thàrladh ann an làithean Amrapheil rìgh Shinair, Arioich rìgh Elasair, Chedorlaòmeir rìgh Elaim, agus Thidail rìgh nan cinneach; Gun do rinn iad sin cogadh ri Bera rìgh Shòdoim, agus ri Birsa rìgh Ghomorrah, Sinab rìgh Admah, agus Semeber rìgh Sheboim, agus rìgh Bhela, eadhon Shòair. Chaidh iad sin uile ann an co‑bhainn ri chèile ann an gleann Shidim, a tha a‑nis na fhairge shalainn. Dà‑bhliadhna‑dheug rinn iad seirbhis do Chedorlaòmer, agus anns an treas‐bliadhna‑deug rinn iad ceannairc. Agus anns a’ cheathramh‐bliadhna‑deug thàinig Cedorlaòmer agus na rìghrean a bha maille ris, agus bhuail iad na Rephaimich ann an Asterot Carnaim, agus na Sudsimich ann an Ham, agus na h‑Emimich ann an Sabheh Ciriataim. Agus na Horich nan sliabh Seir, gu ruig El‑paran, a tha làimh ris an fhàsach. Agus thill iad, agus thàinig iad gu En‑mispat, eadhon Cadeis, agus bhuail iad dùthaich nan Amaleceach uile, agus mar an ceudna na h‑Amoraich, a bha a chòmhnaidh ann an Haseson Tàmar. Agus chaidh rìgh Shòdoim a‑mach, agus rìgh Ghomorrah, agus rìgh Admah, agus rìgh Sheboim, agus rìgh Bhela (eadhon Shòair); agus chuir iad cath riu ann an gleann Shidim: Rìgh Cedorlaòmer rìgh Elaim, agus ri Tidal rìgh nan cinneach, agus ri Amraphel rìgh Shinair, agus ri Arioch rìgh Elasair; ceithir rìghrean ri còig. Agus bha gleann Shidim làn de shluic làthaich; agus theich rìgh Shòdoim agus rìgh Ghomorrah, agus thuit iad an sin; agus iadsan a mhair, theich iad don t‑sliabh. Agus thug iad leo uile mhaoin Shòdoim agus Ghomorrah, agus am biadh uile, agus dh’imich iad. Agus thug iad leo Lot, mac bràthair Abraim, a bha a chòmhnaidh ann an Sòdom, agus a mhaoin, agus dh’imich iad. Agus thàinig aon a chaidh as, agus dh’innis e do Abram an t‑Eabhraidheach, a bha a chòmhnaidh ann an còmhnard Mhamre an t‑Amorach, bràthair Escoil, agus bràthair Aneir: agus bha iad sin ann an co‑bhainn ri Abram. Agus nuair a chuala Abram gun do ghlacadh a bhràthair na phrìosanach, dh’armaich e a sheirbhisich ionnsaichte, a rugadh na thaigh fhèin, trì cheud agus ochd‐deug, agus lean e iad gu Dan. Agus roinn e e fhèin nan aghaidh anns an oidhche, e fhèin agus a sheirbhisich, agus bhuail e iad, agus lean e iad gu Hobah, a tha air an làimh chlì de Dhamascas. Agus thug e air ais a’ mhaoin uile, agus mar an ceudna thug e air ais a bhràthair Lot, agus a mhaoin, agus mar an ceudna na mnathan, agus an sluagh. Agus chaidh rìgh Shòdoim a‑mach na choinneamh, an dèidh dha tilleadh o mharbhadh Chedorlaòmeir agus nan rìgh a bha maille ris, aig gleann Shabheh, eadhon gleann an rìgh. Agus thug Melchisedec rìgh Shàleim a‑mach aran agus fìon: agus b’esan sagart an Dè as ro‑àirde. Agus bheannaich e e, agus thubhairt e, Beannaichte gu robh Abram on Dia as ro‑àirde, sealbhadair nèimh agus na talmhainn: Agus beannaichte gu robh an Dia as ro‑àirde, a thug thairis do naimhdean dod làimh. Agus thug e dha deicheamh de gach nì. Agus thubhairt rìgh Shòdoim ri Abram, Thoir dhòmhsa na daoine, agus gabh a’ mhaoin dhut fhèin. Agus thubhairt Abram ri rìgh Shòdoim, Thog mi mo làmh suas ris an Tighearna, an Dia as ro‑àirde, sealbhadair nèimh agus na talmhainn, Nach gabh mi o shnàthainn eadhon gu èill bròige, agus nach gabh mi a’ bheag de aon nì as leatsa, a‑chum is nach abair thu, Rinn mi Abram beartach: Saor a‑mhàin o na dh’ith na h‑òganaich, agus o chuibhreann nan daoine a chaidh maille rium, Aner, Escol, agus Mamre; gabhadh iadsan an cuibhreann. An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr. Agus thubhairt Abram, A Thighearna Dhè, ciod a bheir thu dhomh, agus mi ag imeachd gun chloinn, agus gur e Elièser seo o Dhamascas fear‐riaghlaidh mo thaighe? Agus thubhairt Abram, Feuch, dhòmhsa cha tug thu sliochd air bith: agus, feuch, is e neach a rugadh am thaigh as oighre orm. Agus, feuch, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh, Cha bhi e seo na oighre ort; ach esan a thig a‑mach as d’innibh fhèin, bidh e na oighre ort. Agus thug e leis a‑mach e, agus thubhairt e, Amhairc a‑nis suas gu nèamh, agus àireamh na reultan, mas urrainn thu an àireamh: agus thubhairt e ris, Mar seo bidh do shliochd. Agus chreid e anns an Tighearna; agus mheas e sin dha mar ionracas. Agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna a thug a‑mach thusa à Ur nan Caldèach, a thoirt dhut an fhearainn seo a‑chum a shealbhachadh mar oighre. Agus thubhairt esan, A Thighearna Dhè, cia leis a bhios fhios agam gun sealbhaich mi e? Agus thubhairt e ris, Gabh dhòmhsa agh trì bliadhna a dh’aois, agus gobhar trì bliadhna a dh’aois, agus reithe trì bliadhna a dh’aois, agus turtar, agus calaman òg. Agus ghabh e dha fhèin iad sin uile, agus roinn e iad anns a’ mheadhon, agus chuir e gach aon de na mìrean fa chomhair a lethbhreac: ach cha do roinn e na h‑eòin. Agus nuair a thàinig an eunlaith a‑nuas air na cairbhean, dh’fhuadaich Abram air falbh iad. Agus nuair a bha a’ ghrian a’ dol fodha, thuit cadal trom air Abram; agus, feuch, thuit uamhann dorchadais mhòir air. Agus thubhairt e ri Abram, Biodh fhios gu cinnteach agad gum bi do shliochd nan coigrich ann an dùthaich nach leo fhèin, agus nì iad seirbhis dhaibh; agus buinidh iad gu cruaidh riu ceithir cheud bliadhna; Agus, mar an ceudna, air a’ chinneach sin don dèan iad seirbhis, bheir mise breith: agus na dhèidh sin thig iad a‑mach le maoin mhòir. Agus thèid thusa a dh’ionnsaigh d’athraichean ann an sìth; adhlaicear thu ann an deagh sheann aois. Ach anns a’ cheathramh linn thig iad an seo air an ais: oir chan eil aingidheachd nan Amorach fhathast làn. Agus nuair a bha a’ ghrian air dol fodha, bha dorchadas ann, agus, feuch, àmhainn dheataich agus leus teine a chaidh eadar na mìrean sin. Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd‐sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Èiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes: Na Cenich, agus na Cenidsich, agus na Cadmonaich, Agus na Hitich, agus na Peridsich, agus na Rephaimich, Agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Girgasaich, agus na h‑Iebusaich. A‑nis cha do rug Sàrai bean Abraim clann dha: agus bha banoglach Èiphiteach aice, dom b’ainm Hàgar. Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Feuch a‑nis, chùm an Tighearna mi o chlann a bhreith: rach a‑steach, guidheam ort, a dh’ionnsaigh mo bhanoglaich; theagamh gum faigh mi clann leatha‐se. Agus dh’èisd Abram ri guth Shàrai. Agus ghabh Sàrai, bean Abraim, Hàgar a’ bhan‐Èiphiteach, a banoglach fhèin, an dèidh do Abram còmhnaidh a ghabhail deich bliadhna ann an tìr Chanàain, agus thug i i da fear Abram gu bhith aige mar mhnaoi. Agus chaidh esan a‑steach gu Hàgar, agus dh’fhàs i torrach: agus nuair a chunnaic i gun d’fhàs i torrach, bha a bana‑mhaighistir tàireil na sùilean. Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Biodh m’eucoir ortsa: thug mi mo bhanoglach dod uchd; agus nuair a chunnaic i gun d’fhàs i torrach, bha mise tàireil na sùilean: gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa. Ach thubhairt Abram ri Sàrai, Feuch, tha do bhanoglach ad làimh fhèin; dèan rithe mar as àill leat. Agus nuair a bhuin Sàrai gu cruaidh rithe, theich i o a gnùis. Agus fhuair aingeal an Tighearna i làimh ri tobar uisge anns an fhàsach, làimh ris an tobar anns an t‑slighe gu Sur. Agus thubhairt e, A Hàgar, a bhanoglach Shàrai, cia as a thàinig thu, agus càit a bheil thu a’ dol? Agus thubhairt ise, Tha mi a’ teicheadh o ghnùis Shàrai mo bhana‑mhaighistir. Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Till a dh’ionnsaigh do bhana‑mhaighistir, agus ùmhlaich thu fhèin fo a làimh. Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Meudaichidh mise gu mòr do shliochd, agus chan àirmhear e a‑thaobh lìonmhorachd. Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ismael mar ainm air; do bhrìgh gun d’èisd an Tighearna rid anshocair. Agus bidh e na dhuine fiadhaich; bidh a làmh an aghaidh gach duine, agus làmh gach duine na aghaidh‐san; agus am fianais a bhràithrean uile gabhaidh e còmhnaidh. Agus ghoir i ainm an Tighearna a labhair rithe, Thusa Dhè a tha gam fhaicinn; oir thubhairt i, An e gu robh agamsa ann an seo mar an ceudna sùil ris an Tì sin a tha gam fhaicinn? Uime sin ghoir i den tobar, Beerlahai‐roi; feuch, tha e eadar Cadeis agus Bered. Agus rug Hàgar mac do Abram: agus thug Abram Ismael mar aimn air a mhac, a rug Hàgar. Agus bha Abram ceithir‐fichead agus sia bliadhna a dh’aois, nuair a rug Hàgar Ismael do Abram. Agus nuair a bha Abram ceithir‐fichead agus naoi‐bliadhna‑deug a dh’aois, dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Is mise an Dia Uile‐chumhachdach; gluais thusa am fhianais, agus bi iomlan. Agus nì mi mo choicheangal eadar mise agus thusa, agus meudaichidh mi thu gu h‑anabarrach. Agus thuit Abram air a aodann: agus labhair an Tighearna ris, ag ràdh, Dom thaobh‐sa, feuch tha mo choicheangal riutsa, agus bidh tu ad athair mòran chinneach. Agus cha toirear o seo a‑mach Abram mar ainm ort, ach bidh Abrahàm agad mar ainm; oir rinn mi thu ad athair mòran chinneach. Agus nì mi thu ro‑shìolmhor, agus nì mi dhìot cinnich, agus thig rìghrean a‑mach asad. Agus daingnichidh mi mo choicheangal eadar mise agus thusa agus do shliochd ad dhèidh nan ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh, gu bhith am Dhia dhutsa agus dod shliochd ad dhèidh. Agus bheir mi dhutsa, agus dod shliochd ad dhèidh, am fearann anns a bheil thu ad choigreach, tìr Chanàain uile, mar sheilbh shìorraidh; agus bidh mise am Dhia dhaibh. Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, Coimheadaidh tu uime sin mo choicheangal, thu fhèin, agus do shliochd ad dhèidh, nan ginealaichean. Seo mo choicheangal, a choimheadas sibh, eadar mise agus sibhse agus do shliochd ad dhèidh: Gun timcheall‐ghearrar gach leanabh mic nur measg. Agus timcheall‐ghearraidh sibh feòil ur ro‑chraicinn; agus bidh e na chomharradh a’ choicheangail eadar mise agus sibhse. Agus am mac nur measg a bhios ochd làithean a dh’aois, timcheall‐ghearrar e, gach leanabh mic nur ginealaichean, esan a bheirear anns an taigh, no a cheannaichear le airgead o choigreach air bith, nach eil ded shliochd‐sa. Timcheall‐ghearrar gu cinnteach esan a bheirear ad thaigh, agus esan a cheannaichear led airgead: agus bidh mo choicheangal nur feòil‐se mar choicheangal sìorraidh. Agus an leanabh mic neo‐thimcheall‐gheàrrte, aig nach timcheall‐ghearrar feòil a ro‑chraicinn, gearrar an t‑anam sin a‑mach o a shluagh; bhris e mo choicheangal. Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, A‑thaobh Shàrai do bhean, cha toir thu Sàrai mar ainm oirre, oir is e Sàrah a h‑ainm. Agus beannaichidh mise i, agus bheir mi dhut mar an ceudna mac uaipe: seadh, beannaichidh mi i, agus bidh i na màthair chinneach; thig rìghrean phoibleach uaipe. An sin thuit Abrahàm air a aghaidh, agus rinn e gàire, agus thubhairt e na chridhe, Am beirear mac dhàsan a tha ceud bliadhna a dh’aois? Agus am beir Sàrah, a tha deich agus ceithir‐fichead bliadhna a dh’aois, mac? Agus thubhairt Abrahàm ri Dia, O gum maireadh Ismael beò ad fhianais! Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh. Agus a‑thaobh Ismaeil, chuala mi thu: Feuch, bheannaich mi e, agus nì mi sìolmhor e, agus cuiridh mi an lìonmhorachd e gu h‑anabarrach; dà‑cheannard‐dheug ginidh e, agus nì mi e na chinneach mòr. Ach mo choicheangal daingnichidh mi ri Isaac, a bheireas Sàrah dhut anns an àm seo anns an ath bhliadhna. Agus sguir e de bhith a’ labhairt ris, agus chaidh Dia suas o Abrahàm. Agus ghabh Abrahàm Ismael a mhac, agus iadsan uile a rugadh na thaigh, agus iadsan uile a cheannaicheadh le a airgead‐san, gach fireannach am measg dhaoine taigh Abrahàim; agus thimcheall‐gheàrr e feòil an ro‑chraicinn anns a’ cheart là sin fhèin, mar a thubhairt Dia ris. Agus bha Abrahàm ceithir‐fichead agus naoi‐bliadhna‑deug a dh’aois, nuair a thimcheall‐ghearradh dha feòil a ro‑chraicinn. Agus bha Ismael a mhac trì‐bliadhna‑deug a dh’aois, nuair a thimcheall‐ghearradh dha feòil a ro‑chraicinn. Anns a’ cheart là sin fhèin thimcheall‐ghearradh Abrahàm, agus Ismael a mhac. Agus thimcheall‐ghearradh maille ris uile dhaoine a thaighe, a rugadh na thaigh, agus iadsan a cheannaicheadh le airgead o mhac coigrich. Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha ann an còmhnard Mhamre, agus e na shuidhe an doras a’ bhùtha ann an teas an là; Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr. Agus thubhairt e, Mo thighearna, ma fhuair mi a‑nis deagh‐ghean ad shùilean, guidheam ort, na rach seachad air do sheirbhiseach; Thugar an seo, guidheam oirbh, beagan uisge, agus ionnlaidibh ur casan, agus leigibh ur n‑anail fon chraoibh; Agus bheir mise an seo greim arain, agus neartaichibh ur cridhe: an dèidh sin imichidh sibh romhaibh: oir is ann uime sin a thàinig sibh a dh’ionnsaigh ur seirbhisich. Agus thubhairt iadsan, Dèan eadhon mar a thubhairt thu. Agus ghreas Abrahàm don bhùth a dh’ionnsaigh Shàrah, agus thubhairt e, Dèan cabhag, taoisinn trì miosaran de mhin fhlùir, agus dèan breacagan air lic an teintein. Agus ruith Abrahàm a dh’ionnsaigh a’ chruidh, agus ghabh e laogh maoth agus math, agus thug e do òganach e; agus rinn e deifir ga dheasachadh. Agus ghabh e ìm, agus bainne, agus an laogh a dheasaich e, agus chuir e air am beulaibh iad; agus sheas e làimh riu fon chraoibh, agus dh’ith iad. Agus thubhairt iad ris, Càit a bheil Sàrah do bhean? Agus thubhairt esan, Feuch, anns a’ bhùth. Agus thubhairt e, Gu cinnteach tillidh mi ad ionnsaigh a rèir àm na beatha, agus, feuch, bidh mac aig Sàrah do bhean. Agus chuala Sàrah sin ann an doras a’ bhùtha, a bha air a chùl. A‑nis bha Abrahàm agus Sàrah sean, agus air dol air an aghaidh gu math ann an aois; agus sguir Sàrah de bhith a rèir dòigh nam ban. Uime sin rinn Sàrah gàire innte fhèin, ag ràdh, An dèidh dhòmhsa fàs aosda, am bi subhachas agam, agus gu bheil mo thighearna aosda mar an ceudna? Agus thubhairt an Tighearna ri Abrahàm, Carson a rinn Sàrah gàire, ag ràdh, An e gum beir mise gu cinnteach leanabh, agus mi aosmhor? A bheil nì air bith do‑dhèante don Tighearna? Anns an àm shuidhichte tillidh mi ad ionnsaigh, a rèir àm na beatha, agus bidh mac aig Sàrah. An sin dh’àich Sàrah, ag ràdh, Cha do rinn mi gàire; oir bha eagal oirre. Agus thubhairt esan, Chan eadh, oir rinn thu gàire. Agus dh’èirich na daoine as a sin, agus dh’amhairc iad rathad Shòdoim: agus chaidh Abrahàm maille riu gan cur air an t‑slighe. Agus thubhairt an Tighearna, An ceil mi air Abrahàm an nì sin a tha mi gus a dhèanamh; Agus gum fàs Abrahàm gu cinnteach na chinneach mòr agus cumhachdach, agus gum beannaichear annsan uile chinnich na talmhainn? Oir is aithne dhomh e, gun toir e àithne da chloinn agus da theaghlach na dhèidh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ dèanamh ceartais agus breitheanais; a‑chum is gun toir an Tighearna air Abrahàm an nì sin a labhair e ma thimcheall. Agus thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil glaodh Shòdoim agus Ghomorrah mòr, agus do bhrìgh gu bheil am peacadh air antromachadh gu h‑anabarrach; Thèid mi sìos a‑nis, agus chì mi ma rinn iad gu lèir a rèir a’ ghlaoidh, a thàinig am ionnsaigh; agus mura do rinn, bidh fhios agam. Agus thionndaidh na daoine an aghaidh as a sin, agus ghabh iad an t‑slighe gu Sòdom: ach sheas Abrahàm fhathast an làthair an Tighearna. Agus thàinig Abrahàm am fagas, agus thubhairt e, An sgrios thusa mar an ceudna an t‑ionracan maille ris an aingidh? Mas e is gu bheil leth‐cheud ionracan an taobh a‑staigh den bhaile, an sgrios thu mar an ceudna agus nach caomhain thu an t‑àit airson an leth‐cheud ionracan a tha ann? Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas? Agus thubhairt an Tighearna, Ma gheibh mi ann an Sòdom leth‐cheud ionracan an taobh a‑staigh den bhaile, an sin caomhnaidh mi an t‑àit uile air an sgàth‐san. Agus fhreagair Abrahàm agus thubhairt e, Feuch a‑nis, ghabh mi orm fhèin labhairt rim Thighearna, agus gun annam ach duslach agus luaithre: Mas e is gum bi còignear a dh’uireasbhaidh air an leth‐cheud ionracan, an sgrios thu am baile uile airson easbhaidh chòignear? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e ma gheibh mi an sin còig agus dà‑fhichead. Agus labhair e ris a‑rìs, agus thubhairt e, Mas e is gum faighear an sin dà‑fhichead? Agus thubhairt e, Cha dèan mi e air sgàth dà‑fhichead. Agus thubhairt e ris, Och! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi: Mas e is gum faighear an sin deich‐ar‑fhichead? Agus thubhart e, Cha dèan mi e, ma gheibh mi an sin deich‐ar‑fhichead. Agus thubhairt e, Feuch a‑nis ghabh mi orm fhèin labhairt rim Thighearna: Mas e is gum faighear fichead an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e airson fichead. Agus thubhairt e, Och! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi a‑mhàin an aon uair seo: Mas e is gum faighear deichnear an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e air sgàth deichnear. Agus dh’imich an Tighearna roimhe, nuair a sguir e de labhairt ri Abrahàm: agus thill Abrahàm ga àite fhèin. Agus thàinig dà aingeal do Shòdom anns an fheasgar, agus bha Lot na shuidhe ann an geata Shòdoim: agus nuair a chunnaic Lot iad, dh’èirich e suas nan coinneamh; agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr. Agus thubhairt e, Feuch a‑nis, mo thighearnan, tionndaidhibh a‑steach, guidheam oirbh, do thaigh ur seirbhisich, agus fanaibh rè na h‑oidhche, agus ionnlaidibh ur casan, agus èiridh sibh gu moch, agus thèid sibh air ur turas. Agus thubhairt iad, Chan eadh, ach fanaidh sinn air an t‑sràid rè na h‑oidhche. Agus cho‐èignich e iad; agus thionndaidh iad da ionnsaigh, agus chaidh iad a‑steach da thaigh; agus rinn e cuirm dhaibh, agus dheasaich e aran neo‐ghortaichte, agus dh’ith iad. Ach mun deachaidh iad a laighe chuartaich daoine a’ bhaile an taigh, eadhon daoine Shòdoim, araon sean agus òg, an sluagh uile o gach ceàrn; Agus ghairm iad air Lot, agus thubhairt iad ris, Càit a bheil na daoine a thàinig ad ionnsaigh a‑nochd? Thoir a‑mach iad dar n‑ionnsaigh a‑chum is gun aithnich sinn iad. Agus chaidh Lot a‑mach dan ionnsaigh air an doras, agus dhruid e an doras na dhèidh, Agus thubhairt e, Na dèanaibh, guidheam oirbh, mo bhràithrean, gnìomh cho olc. Feuch a‑nis, tha agam dithis nighean do nach b’aithne fear; leigibh leam, guidheam oirbh, an toirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, agus dèanaibh riu mar as àill leibh: a‑mhàin air na daoine seo na dèanaibh a’ bheag, oir is ann a‑chum na crìche seo a thàinig iad fo sgàil mo thaighe‐sa. Agus thubhairt iadsan, Seas air d’ais. Agus thubhairt iad a‑rìs, Thàinig am fear seo na aonar air chuairt, agus is àill leis a bhith na bhritheamh: a‑nis buinidh sinne riutsa nas miosa na riùsan. Agus rinn iad èiginn mhòr air an duine, eadhon air Lot, agus thàinig iad am fagas a bhriseadh an dorais. Ach chuir na daoine a‑mach an làmh, agus thug iad Lot a‑steach dan ionnsaigh don taigh, agus dhùin iad an doras. Agus bhuail iad na daoine a bha aig doras an taighe le doille, eadar bheag agus mhòr; ionnas gun do sgìthich iad iad fhèin ag iarraidh an dorais. Agus thubhairt na daoine ri Lot, Cò tuilleadh a tha agad an seo? Do chliamhainn, agus do mhic, agus do nigheanan, agus ge bè nì a tha agad anns a’ bhaile, thoir a‑mach iad as an àite seo: Oir tha sinne gus an t‑àite seo a sgrios, do bhrìgh gu bheil an glaodh air fàs mòr an làthair an Tighearna; agus chuir an Tighearna sinne ga sgrios. Agus chaidh Lot a‑mach, agus labhair e ra chleamhnan, a phòs a nigheanan, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a‑mach as an àite seo, oir tha an Tighearna gus am baile seo a sgrios. Ach bha e mar neach a bha ri fanaid ann an sùilean a chleamhnan. Agus nuair a dh’èirich a’ mhadainn, an sin ghreas na h‑ainglean Lot, ag ràdh, Eirich, gabh do bhean, agus do dhithis nighean a tha an seo; air eagal gun sgriosar thu ann an aingidheachd a’ bhaile. Agus nuair a bha e a’ dèanamh moille, an sin rug na daoine air làimh air, agus air làimh air a mhnaoi, agus air làimh air a dhithis nighean; air don Tighearna a bhith tròcaireach dha: agus thug iad a‑mach e, agus chuir iad e an taobh a‑muigh den bhaile. Agus nuair a thug iad a‑mach iad, thubhairt e, Teich airson d’anama; na seall ad dhèidh, agus na stad anns a’ chòmhnard uile; teich don t‑sliabh, air eagal gum millear thu. Agus thubhairt Lot riu, Och! chan ann mar sin, mo thighearna: Feuch a‑nis, fhuair do sheirbhiseach deagh‐ghean ad shùilean, agus mheudaich thu do thròcair, a nochd thu dhòmhsa lem anam a theasairginn; agus chan urrainn mise dol as don t‑sliabh, air eagal gun tig olc‐eigin orm, agus gum faigh mi bàs: Feuch a‑nis, tha am baile ud am fagas gu teicheadh da ionnsaigh, agus e beag: leigear dhomh a‑nis teicheadh an siud (nach beag e?), agus bidh m’anam beò. Agus thubhairt e ris, Feuch, ghabh mi rid athchuinge anns an nì seo mar an ceudna, nach sgrios mi am baile seo, mun do labhair thu. Greas ort, teich an siud; oir chan urrainn mi nì air bith a dhèanamh gus an tèid thu an siud. Uime sin thugadh Sòar mar ainm air a’ bhaile. Bha a’ ghrian air èirigh air an talamh, nuair a chaidh Lot a‑steach do Shòar. An sin thug an Tighearna air pronnasg agus teine frasadh air Sòdom agus air Gomorrah a‑nuas on Tighearna as na nèamhan: Agus sgrios e na bailtean sin, agus an còmhnard uile, agus uile luchd‐àiteachaidh nam bailtean, agus na dh’fhàs air an talamh. Ach sheall a bhean na dèidh o a chùlaibh, agus dh’fhàs i na carragh salainn. Agus chaidh Abrahàm suas moch anns a’ mhadainn don àit anns an do sheas e an làthair an Tighearna. Agus sheall e air Sòdom agus Gomorrah, agus air fearann a’ chòmhnaird uile, agus chunnaic e, agus, feuch, chaidh deatach na tìre suas mar dheatach àmhainn. Agus nuair a sgrios Dia bailtean a’ chòmhnaird, an sin chuimhnich Dia air Abrahàm, agus chuir e a‑mach Lot à meadhon an lèirsgrios, nuair a sgrios e na bailtean anns an robh Lot na chòmhnaidh. Agus chaidh Lot suas à Sòar, agus ghabh e còmhnaidh anns an t‑sliabh, agus a dhithis nighean maille ris; oir bha eagal air còmhnaidh a ghabhail ann an Sòar: agus ghabh e còmhnaidh ann an uaimh, e fhèin agus a dhithis nighean. Agus thubhairt an tè a bu shine ris an tè a b’òige, Tha ar n‑athair sean, agus chan eil fear air an talamh gu teachd a‑steach dar n‑ionnsaigh a rèir gnàth na talmhainn uile: Thig, thugamaid air ar n‑athair fìon òl, agus laigheamaid maille ris, a‑chum is gun glèidh sinn sliochd o ar n‑athair. Agus thug iad air an athair fìon òl air an oidhche sin: agus chaidh an tè a bu shine a‑steach, agus laigh i maille ra h‑athair; agus cha do mhothaich e nuair a laigh i sìos, no nuair a dh’èirich i. Agus air an là màireach thubhairt an tè a bu shine ris an tè a b’òige, Feuch, laigh mise a‑raoir maille rim athair: thugamaid air fìon òl a‑nochd mar an ceudna; agus theirig‐sa a‑steach agus laigh maille ris, a‑chum is gun glèidh sinn sliochd o ar n‑athair. Agus thug iad air an athair fìon òl air an oidhche sin mar an ceudna: agus dh’èirich an tè a b’òige, agus laigh i maille ris; agus cha do mhothaich e nuair a laigh i sìos, no nuair a dh’èirich i. Mar seo bha dithis nighean Lot torrach aig an athair. Agus rug an tè a bu shine mac, agus thug i Mòab mar ainm air: is esan athair nam Mòabach gus an là‑an‑diugh. Agus an tè a b’òige, rug ise mar an ceudna mac, agus thug i Ben‐ammi mar ainm air: is esan athair chloinn Ammoin gus an là‑an‑diugh. Agus dh’imich Abrahàm as a sin don tìr mu dheas, agus ghabh e còmhnaidh eadar Cadeis agus Sur, agus bha e air chuairt ann an Gèrar. Agus thubhairt Abrahàm mu Shàrah a bhean, Is i mo phiuthar i: agus chuir Abimelech righ Ghèrair teachdaire uaithe, agus ghabh e Sàrah. Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu airson na mnà a ghabh thu; oir is bean duine eile i. Ach cha tàinig Abimelech am fagas dhi: agus thubhairt e, A Thighearna, am marbh thu mar an ceudna cinneach ionraic? Nach dubhairt esan riumsa, Is i mo phiuthar i? Agus thubhairt ise, eadhon ise fhèin, Is e mo bhràthair e: ann an treibhdhireas mo chridhe, agus ann an neochiontas mo làmh, rinn mi seo. Agus thubhairt Dia ris ann an aisling, Seadh, tha fhios agam gur ann an treibhdhireas do chridhe a rinn thu seo, agus chùm mise mar an ceudna thu o pheacachadh am aghaidh: uime sin cha do leig mi leat beantainn rithe. A‑nis, matà, thoir air a h‑ais don duine a bhean; oir is fàidh e, agus nì e ùrnaigh air do shon, agus bidh tu beò: ach mura toir thu air a h‑ais i, biodh fhios agad gum faigh thu bàs gu cinnteach, thu fhèin agus gach uile as leat. Uime sin dh’èirich Abimelech moch anns a’ mhadainn, agus ghairm e a sheirbhisich uile, agus dh’aithris e na nithean sin uile nan èisdeachd: agus bha eagal mòr air na daoine. An sin ghairm Abimelech air Abrahàm, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a rinn thu oirnn? Agus ciod an eucoir a rinn mise ort, gun tug thu ormsa agus air mo rìoghachd peacadh mòr? Rinn thu gnìomharan ormsa nach bu chòir a dhèanamh. Agus thubhairt Abimelech ri Abrahàm, Ciod a chunnaic thu, gun do rinn thu an nì seo? Agus thubhairt Abrahàm, A chionn gun dubhairt mi annam fhèin, Gu cinnteach chan eil eagal an Tighearna anns an ionad seo; agus marbhaidh iad mi airson mo mhnà. Agus gidheadh is i gu deimhinn mo phiuthar, nighean m’athar, i, ach chan i nighean mo mhàthar; agus bha i agam mar mhnaoi. Agus nuair a thug Dia orm dol air m’aineol o thaigh m’athar, an sin thubhairt mi rithe, Is e seo do choibhneas a nochdas tu dhòmhsa; anns gach àite don tig sinn, abair mum thimcheall, Is e mo bhràthair e. Agus ghabh Abimelech caoraich agus buar agus òglaich agus banoglaich, agus thug e iad do Abrahàm, agus thug e air a h‑ais dha Sàrah a bhean. Agus thubhairt Abimelech, Feuch, tha m’ fhearann fad chomhair: gabh còmhnaidh far an taitneach leat. Agus ri Sàrah thubhairt e, Feuch, thug mi mìle bonn airgid dod bhràthair: feuch, tha e dhutsa na chòmhdachadh sùl do gach uile a tha maille riut, agus maille ris gach uile: mar seo fhuair i achmhasan. Agus rinn Abrahàm ùrnaigh ri Dia: agus leighis Dia Abimelech agus a bhean agus a bhanoglaich; agus rug iad clann. Oir dhruid an Tighearna suas gach bolg ann an teaghlach Abimeleich, airson Shàrah bean Abrahàim. Agus dh’amhairc an Tighearna air Sàrah mar a thubhairt e, agus rinn an Tighearna do Shàrah mar a labhair e. Oir dh’fhàs Sàrah torrach, agus rug i mac do Abrahàm na sheann aois, anns an àm shuidhichte mun do labhair Dia ris. Agus thug Abrahàm Isaac mar ainm air a mhac a rugadh dha, a rug Sàrah dha. Agus thimcheall‐gheàrr Abrahàm Isaac a mhac, nuair a bha e ochd làithean a dh’aois, mar a dh’àithn Dia dha. Agus bha Abrahàm ceud bliadhna a dh’aois, nuair a rugadh a mhac Isaac dha. Agus thubhairt Sàrah, Thug Dia orm gàire a dhèanamh: agus gach neach a chluinneas, nì e gàire maille rium. Agus thubhairt i, Cò a theireadh ri Abrahàm gun tugadh Sàrah cìoch do chloinn? Oir rug mi mac dha na sheann aois. Agus dh’fhàs an leanabh, agus chuireadh bhàrr na cìche e: agus rinn Abrahàm cuirm mhòr anns an là an do chuireadh Isaac bhàrr na cìche. Agus chunnaic Sàrah mac Hàgair a’ bhan‐Èiphiteach, a rug i do Abrahàm, ri fanaid. Uime sin thubhairt i ri Abrahàm, Tilg a‑mach a’ bhan‐tràill seo, agus a mac: oir cha bhi mac na ban‐tràille seo na oighre maille rim mhac‐sa, eadhon ri Isaac. Agus bha an nì ro‑dhoilgheasach ann an sùilean Abrahàim airson a mhic. Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, Na biodh e doilgheasach ad shùilean airson an òganaich, agus airson do bhan‐tràille; a‑thaobh gach nì a thubhairt Sàrah riut, èisd ra guth; oir is ann an Isaac a dh’ainmichear dhutsa sliochd. Agus mar an ceudna de mhac na ban‐tràille nì mise cinneach, do bhrìgh gur e do shliochd‐sa e. Agus dh’èirich Abrahàm suas gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e aran agus searrag uisge, agus thug e sin do Hàgar, agus chuir e air a gualainn e, agus an leanabh, agus chuir e air falbh i: agus dh’imich i, agus chaidh i air seachran ann am fàsach Bheer‐sèba. Agus chaitheadh an t‑uisge on t‑searraig, agus thilg i an leanabh fo aon de na preasan. Agus dh’fhalbh i, agus shuidh i sìos fa chomhair, urchair saighde: oir thubhairt i, Na faiceam bàs an leinibh. Agus shuidh i fa chomhair, agus thog i suas a guth, agus ghuil i. Agus chuala Dia guth an òganaich; agus ghairm aingeal Dhè air Hàgar o nèamh agus thubhairt e rithe, Ciod a tha a’ teachd riut, a Hàgar? Na biodh eagal ort; oir chuala Dia guth an òganaich far a bheil e. Eirich, tog suas an t‑òganach, agus gabh greim ad làimh dheth; oir nì mise na chinneach mòr e. Agus dh’fhosgail Dia a sùilean, agus chunnaic i tobar uisge; agus chaidh i, agus lìon i an t‑searrag le uisge, agus thug i deoch don òganach. Agus bha Dia leis an òganach; agus dh’fhàs e suas, agus ghabh e còmhnaidh anns an fhàsach, agus bha e na fhear‐bogha. Agus ghabh e còmhnaidh ann am fàsach Phàrain: agus ghabh a mhàthair bean dha à tìr na h‑Èiphit. Agus anns an àm sin fhèin labhair Abimelech, agus Phicol, àrd‐cheannard a shluaigh, ri Abrahàm, ag ràdh, Tha Dia leat anns gach nì a tha thu a’ dèanamh. A‑nis uime sin mionnaich dhòmhsa air Dia nach buin thu gu fealltach riumsa, no rim mhac, no ri mac mo mhic: ach a rèir a’ choibhneis a rinn mi riut, nì thusa riumsa, agus ris an tìr anns an robh thu air chuairt. Agus thubhairt Abrahàm, Bheir mi mo mhionnan. Agus thug Abrahàm achmhasan do Abimelech airson tobar uisge, a thug seirbhisich Abimeleich a‑mach le ainneart. Agus thubhairt Abimelech, Cha b’fhiosrach mise cò a rinn an gnìomh seo: cha d’innis thu fhèin dhomh, agus cha mhò a chuala mi a’ bheag ma thimcheall gus an‑diugh. Agus ghabh Abrahàm caoraich agus crodh, agus thug e iad do Abimelech; agus rinn iad le chèile coicheangal. Agus chuir Abrahàm seachd uain bhoireann den treud air leth leo fhèin. Agus thubhairt Abimelech ri Abrahàm, Ciod iad na seachd uain bhoireann sin a chuir thu air leth leo fhèin? Agus thubhairt e, Oir gabhaidh tu na seachd uain bhoireann sin om làimh, a‑chum gum bi iad nam fianais dhòmhsa gun do chladhaich mi an tobar seo. Uime sin, thug e Beer‐sèba mar ainm air an àite sin; do bhrìgh an sin gun tug iad am mionnan le chèile. Mar seo rinn iad coicheangal aig Beer‐sèba: an sin dh’èirich Abimelech suas, agus Phicol, àrd‐cheannard a shluaigh, agus thill iad do thìr nam Philisteach. Agus shuidhich Abrahàm doire chraobh aig Beer‐sèba, agus ghairm e an sin air ainm an Tighearna, an Dia sìorraidh. Agus bha Abrahàm air chuairt ann an tìr nam Philisteach mòran de làithean. Agus an dèidh nan nithean sin dhearbh Dia Abrahàm, agus thubhairt e ris, Abrahàim: agus thubhairt e, Feuch, tha mi an seo. Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah; agus thoir suas an sin e mar thabhartas‐loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut. Agus dh’èirich Abrahàm gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’uidheamaich e a asal, agus ghabh e dithis de a òganaich maille ris, agus a mhac Isaac; agus sgoilt e fiodh airson an tabhartais‐loisgte, agus dh’èirich e suas, agus chaidh e don àit a dh’innis Dia dha. A‑nis air an treas là thog Abrahàm suas a shùilean, agus chunnaic e an t‑àite fada uaithe. Agus thubhairt Abrahàm ra òganaich, Fanaibh‐se an seo maille ris an asal; agus thèid mise agus an gille gu ruige siud, agus nì sinn adhradh, agus thig sinn a‑rìs dur n‑ionnsaigh. Agus ghabh Abrahàm fiodh an tabhartais‐loisgte, agus chuir e e air muin a mhic Isaac; agus ghabh e na làimh an teine, agus an sgian; agus dh’imich iad le chèile cuideachd. Agus labhair Isaac ra athair Abrahàm, agus thubhairt e, Athair: agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo, a mhic. Agus thubhairt e, Feuch an teine agus am fiodh: ach càit a bheil an t‑uan airson tabhartais‐loisgte? Agus thubhairt Abrahàm, Gheibh Dia, a mhic, uan dha fhèin airson tabhartais‐loisgte. Mar sin dh’imich iad cuideachd le chèile. Agus thàinig iad don àit a dh’innis Dia dha, agus thog Abrahàm altair an sin, agus chuir e am fiodh an òrdagh; agus cheangail e a mhac Isaac, agus chuir e air an altair e air uachdar an fhiodha. Agus shìn Abrahàm a‑mach a làmh, agus ghabh e an sgian a mharbhadh a mhic. Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ris o nèamh, agus thubhairt e, Abrahàim, Abrahàim. Agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo. Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa. Agus thog Abrahàm suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, reithe air a chùlaibh an sàs ann am preas air a adhaircean: agus chaidh Abrahàm, agus ghabh e an reithe, agus thug e suas e mar thabhartas‐loisgte an àit a mhic. Agus thug Abrahàm Iehòbhah‐Iireh mar ainm air an àite sin: mar a theirear gus an là‑an‑diugh, Ann an sliabh an Tighearna chìthear e. Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ri Abrahàm an dara uair o nèamh, Agus thubhairt e, Orm fhèin mhionnaich mi, arsa an Tighearna, a chionn gun do rinn thu an nì seo, agus nach do chùm thu uam do mhac, eadhon d’aon mhac; Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean; Agus beannaichear ann ad shliochd‐sa uile chinnich na talmhainn, a chionn gun d’èisd thu rim ghuth. Mar sin thill Abrahàm a dh’ionnsaigh a òganach: agus dh’èirich iad suas, agus chaidh iad cuideachd gu Beer‐sèba: agus ghabh Abrahàm còmhnaidh aig Beer‐sèba. Agus an dèidh nan nithean sin dh’innseadh do Abrahàm, ag ràdh, Feuch, rug Milcah mar an ceudna mic dod bhràthair Nàhor: Has a chiad‐ghin, agus Buds a bhràthair, agus Cemuel athair Araim, Agus Chesed, agus Hadso, agus Pildas, agus Idlaph, agus Betuel. Agus ghin Betuel Rebecah: an ochdnar sin rug Milcah do Nàhor, bràthair Abrahàim. Agus a choileabach dom b’ainm Reumah, rug ise mar an ceudna Tebah, agus Gaham, agus Tahas, agus Maachah. Agus bha Sàrah beò ceud agus seachd‐bliadhna‑fichead; b’iad seo bliadhnachan beatha Shàrah. Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat‐arba; is e sin Hebron an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son. Agus dh’èirich Abrahàm suas o làthair a mhairbh, agus labhair e ri mic Het, ag ràdh, Is coigreach agus fear‐cuairt mise maille ribh: thugaibh dhomh sealbh àit‐adhlaic maille ribh, agus gun adhlaic mi mo mharbh as mo shealladh. Agus fhreagair mic Het Abrahàm, ag ràdh ris, Eisd rinne, mo thighearna: is uachdaran cumhachdach thusa nar measg‐ne; ann an roghainn ar n‑àiteachan‐adhlaic adhlaic do mharbh: cha chùm duine nar measg‐ne a àit‐adhlaic uat, gud mharbh adhlac ann. Agus dh’èirich Abrahàm suas, agus chrom e e fhèin do mhuinntir na tìre, eadhon do mhic Het. Agus labhair e riu, ag ràdh, Mas àill leibh gun adhlaicinn mo mharbh as mo shealladh, èisdibh rium agus labhraibh air mo shon ri Ephron mac Shobair: A‑chum is gun toir e dhomh uaimh Mhachpelah a tha aige, a tha ann an crìch a achaidh; airson uiread airgid agus as fiù i, thugadh e dhomh i mar sheilbh àit‐adhlaic nur measg‐se. Agus bha Ephron na chòmhnaidh am measg clann Het. Agus fhreagair Ephron an t‑Hiteach Abrahàm ann an èisdeachd clann Het, eadhon gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile‐san, ag ràdh, Na biodh e mar sin, mo thighearna, èisd rium: an t‑achadh bheir mi dhut, agus an uaimh a tha ann, bheir mi dhut i; ann an làthair mic mo dhaoine bheir mi dhut i: adhlaic do mharbh. Agus chrom Abrahàm e fhèin sìos an làthair muinntir na tìre. Agus labhair e ri Ephron, ann an èisdeachd muinntir na tìre, ag ràdh, Ach ma bheir thu seachad i, guidheam ort, èisd rium: bheir mi dhut airgead airson an achaidh, gabh uam e, agus adhlaicidh mi mo mharbh an sin. Agus fhreagair Ephron Abrahàm, ag ràdh ris, Mo thighearna, èisd rium: is fiù an t‑achadh ceithir cheud secel airgid; ciod sin eadar mise agus thusa? Uime sin adhlaic do mharbh. Agus dh’èisd Abrahàm ri Ephron, agus thomhais Abrahàm do Ephron an t‑airgead, a dh’ainmich e ann an èisdeachd mic Het, ceithir cheud secel airgid, a ghabhas an ceannaiche. Agus rinneadh achadh Ephroin, a bha ann am Machpeleh, a bha fa chomhair Mhamre, an t‑achadh, agus an uaimh a bha ann, agus gach craobh a bha anns an achadh, a bha na chrìch uile mun cuairt, Daingeann do Abrahàm mar sheilbh, ann an làthair clann Het, am fianais gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile‐san. Agus an dèidh sin dh’adhlaic Abrahàm Sàrah a bhean, ann an uaimh achadh Mhachpelah, fa chomhair Mhamre: is e sin Hebron ann an tìr Chanàain. Agus rinneadh an t‑achadh, agus an uaimh a tha ann, daingeann do Abrahàm mar sheilbh àit‐adhlaic le mic Het. Agus bha Abrahàm sean, agus air teachd gu aois mhòir, agus bheannaich an Tighearna Abrahàm anns na h‑uile nithean. Agus thubhairt Abrahàm ra sheirbhiseach a bu shine na thaigh, aig an robh riaghladh gach nì a bha aige, Cuir, guidheam ort, do làmh fom shliasaid. Agus bheir mi ort mionnachadh air an Tighearna, Dia nèimh agus Dia na talmhainn, nach gabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, am measg a bheil mise am chòmhnaidh: Ach thèid thu dom dhùthaich fhèin, agus a‑chum mo luchd‐dàimh, agus gabhaidh tu bean dom mhac Isaac. Agus thubhairt an seirbhiseach ris, Mas e is nach bi a’ bhean toileach air mise a leantainn don tìr seo, an èiginn dhomh do mhac a thoirt air ais a‑rìs don tìr as an tàinig thu? Agus thubhairt Abrahàm ris, Thoir an ro‑aire nach toir thu mo mhac an sin a‑rìs. An Tighearna, Dia nèimh a thug mise o thaigh m’athar, agus o thìr mo dhìlsean, agus a labhair rium, agus a mhionnaich dhomh, ag ràdh, Dod shliochd bheir mi am fearann seo; cuiridh esan a aingeal fhèin romhad, agus gabhaidh tu bean dom mhac as a sin. Agus mura bi a’ bhean toileach air thusa a leantainn, an sin bidh tu saor om mhionnan‐sa: a‑mhàin na toir mo mhac an sin a‑rìs. Agus chuir an seirbhiseach a làmh fo shliasaid Abrahàim a mhaighistir, agus mhionnaich e dha a‑thaobh an nì sin. Agus ghabh an seirbhiseach deich càmhail de chàmhail a mhaighistir, agus dh’fhalbh e; oir bha maoin a mhaighistir uile aige fo a làimh: agus dh’èirich e, agus chaidh e gu Mesopotamia, gu baile Nahoir. Agus thug e air na càmhail an glùn a lùbadh an taobh a‑muigh den bhaile, làimh ri tobar uisge, mu thràth feasgair, eadhon mun àm anns an tèid mnathan a‑mach a tharraing uisge. Agus thubhairt e, O Thighearna, Dhè mo mhaighistir Abrahàm, deònaich gun soirbhich leamsa an‑diugh, agus nochd coibhneas dom mhaighistir Abrahàm. Feuch, tha mi am sheasamh an seo làimh ris an tobar uisge, agus thig nigheanan muinntir a’ bhaile a‑mach a tharraing uisge; Agus tachradh e, a’ mhaighdeann ris an abair mise, Leig sìos, guidheam ort, do shoitheach, a‑chum is gun òl mi; agus their ise, Ol, agus bheir mise deoch dod chàmhail mar an ceudna: guma h‑i sin fhèin a dh’òrdaich thu dod sheirbhiseach Isaac; agus le sin bidh fhios agam gun do nochd thu coibhneas dom mhaighistir. Agus mun do sguir e de labhairt, feuch, thàinig Rebecah a‑mach, a rugadh do Bhetuel, mac Mhilcah, bean Nahoir, bràthair Abrahàim; agus a soitheach air a gualainn. Agus bha a’ chailinn ro‑mhaiseach ri amharc oirre, òigh, agus cha b’aithne do fhear riamh i: agus chaidh i sìos don tobar, agus lìon i a soitheach, agus thàinig i a‑nìos. Agus ruith an seirbhiseach na coinneamh, agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, beagan uisge òl as do shoitheach. Agus thubhairt i, Ol, mo thighearna: agus ghreas i oirre, agus leig i sìos a soitheach air a làimh, agus thug i dha deoch. Agus an dèidh dhi deoch a thoirt dha, thubhairt i, Tàirngidh mi uisge airson do chàmhal mar an ceudna, gus an sguir iad a dh’òl. Agus ghreas i oirre, agus dh’fhalmhaich i a soitheach anns an amar, agus ruith i a‑rìs don tobar a tharraing uisge; agus tharraing i airson a chàmhal uile. Agus bha an duine ag amharc le iongantas oirre, agus a’ fantainn na thosd, a dh’fheuchainn an tug, no nach tug, an Tighearna air a thuras soirbheachadh leis. Agus nuair a sguir na càmhail a dh’òl, an sin ghabh an duine cluas‐fhàinne òir, anns an robh leth seceil de chudthrom, agus dà làmh‐fhail airson a làmh, anns an robh deich seceil òir de chudthrom. Agus thubhairt e, Cò don nighean thu? Innis dhomh, guidheam ort; a bheil ann an taigh d’athar àite dhuinn gu tàmh a ghabhail ann? Agus thubhairt i ris, Is mise nighean Bhetueil, mac Mhilcah, a rug i do Nàhor. Thubhairt i ris mar an ceudna, Tha againn araon connlach agus innlinn gu leòr, agus àite gu tàmh a ghabhail ann. Agus chrom an duine e fhèin sìos, agus rinn e adhradh don Tighearna. Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, nach do bhuin a thròcair agus a fhìrinn om mhaighistir; air dhòmhsa a bhith anns an t‑slighe stiùir an Tighearna mi gu taigh bràithrean mo mhaighistir. Agus ruith a’ mhaighdeann, agus dh’innis i na nithean seo do mhuinntir taigh a màthar. Agus bha bràthair aig Rebecah dom b’ainm Làban: agus ruith Làban a dh’ionnsaigh an duine a‑mach a‑chum an tobair. Agus nuair a chunnaic e a’ chluas‐fhàinne, agus na làmh‐fhailean air làmhan a pheathar, agus nuair a chuala e briathran Rebecah a phiuthar, ag ràdh, Mar seo labhair an duine rium; an sin thàinig e a dh’ionnsaigh an duine, agus, feuch, sheas e làimh ris na càmhail aig an tobar. Agus thubhairt e, Thig a‑steach, thusa a tha beannaichte on Tighearna; cuime a sheasas tu a‑muigh? Oir dh’ullaich mise an taigh, agus àite do na càmhail. Agus thàinig an duine don taigh, agus dh’fhuasgail e na càmhail, agus thug e seachad connlach agus innlinn airson nan càmhal, agus uisge a dh’ionnlad a chas, agus casan nan daoine a bha maille ris. Agus chuireadh biadh air a bheulaibh gu ithe: ach thubhairt e, Chan ith mi, gus an innis mi mo ghnothach. Agus thubhairt esan, Labhair romhad. Agus thubhairt e, Is mise seirbhiseach Abrahàim; Agus bheannaich an Tighearna mo mhaighistir gu mòr, agus tha e air fàs cumhachdach: agus thug e dha caoraich, agus crodh, agus airgead, agus òr, agus òglaich, agus banoglaich, agus càmhail agus asail; Agus rug Sàrah, bean mo mhaighistir, mac dom mhaighistir na seann aois: agus thug e dhàsan gach nì a bha aige; Agus thug mo mhaighistir ormsa mo mhionnan a thoirt, ag ràdh, Cha ghabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, muinntir a tha mise a chòmhnaidh nam fearann: Ach thèid thu a dh’ionnsaigh taigh m’athar, agus a dh’ionnsaigh mo dhìlsean, agus gabhaidh tu bean dom mhac. Agus thubhairt mi rim mhaighistir, Theagamh nach lean a’ bhean mi: Agus thubhairt esan rium, Cuiridh an Tighearna, an làthair an do ghluais mise, a aingeal fhèin leat, agus soirbhichidh e do thuras; agus gabhaidh tu bean dom mhac om dhìlsean, agus o thaigh m’athar. An sin bidh tu saor om mhionnan‐sa, nuair a thig thu a‑chum mo dhìlsean; agus mura toir iad dhut bean, an sin bidh tu saor om mhionnan. Agus thàinig mi an‑diugh a‑chum an tobair, agus thubhairt mi, O Thighearna, Dhè mo mhaighistir Abrahàm, ma shoirbhicheas tu a‑nis mo thuras air a bheil mi ag imeachd; Feuch, tha mi am sheasamh làimh ris an tobar uisge; agus nuair a thig a’ mhaighdeann a‑mach a tharraing uisge, agus a their mi rithe, Thoir dhomh, guidheam ort, beagan uisge ri òl as do shoitheach; Agus a their ise rium, Ol thu fhèin, agus tàirngidh mise mar an ceudna dod chàmhail: guma h‑i sin fhèin a’ bhean a dh’òrdaich an Tighearna do mhac mo mhaighistir. Agus mun do sguir mi de labhairt am chridhe, feuch thàinig Rebecah a‑mach, agus a soitheach air a gualainn; agus chaidh i sìos don tobar, agus tharraing i uisge; agus thubhairt mi rithe, Thoir dhomh deoch, guidheam ort: Agus ghreas i oirre, agus leig i sìos a soitheach o a gualainn, agus thubhairt i, Ol, agus bheir mi deoch dod chàmhail mar an ceudna: agus dh’òl mi, agus thug i air na càmhail òl mar an ceudna. Agus dh’fhiosraich mi dhith, agus thubhairt mi, Cò don nighean thusa? Agus thubhairt ise, Is mi nighean Bhetueil, mac Nahoir, a rug Milcah dha. Agus chuir mi a’ chluas‐fhàinne air a h‑aghaidh, agus na làmh‐fhailean air a làmhan. Agus chrom mi sìos mo cheann, agus rinn mi adhradh don Tighearna, agus bheannaich mi an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, a threòraich mi anns an t‑slighe cheirt, a ghabhail nighean bràthair mo mhaighistir da mhac. Agus a‑nis, ma bhuineas sibh gu coibhneil agus gu fìrinneach rim mhaighistir, innsibh dhomh; agus mura buin, innsibh dhomh; a‑chum is gun tionndaidh mi a dh’ionnsaigh na làimhe deise, no na làimhe clìthe. An sin fhreagair Làban agus Betuel, agus thubhairt iad, Is ann on Tighearna a thàinig an nì seo; chan urrainn sinne olc no math a ràdh riut. Feuch, tha Rebecah ad làthair; gabh i, agus imich; agus biodh i na mnaoi aig mac do mhaighistir, mar a labhair an Tighearna. Agus nuair a chuala seirbhiseach Abrahàim am briathran, chrom e e fhèin gu làr don Tighearna. Agus thug an seirbhiseach an làthair seudan airgid agus seudan òir, agus aodach, agus thug e iad do Rebecah: thug e mar an ceudna nithean luachmhor da bràthair agus da màthair. Agus dh’ith iad, agus dh’òl iad, e fhèin agus na daoine a bha maille ris, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche: agus dh’èirich iad anns a’ mhadainn; agus thubhairt esan, Cuiribh air falbh mi a dh’ionnsaigh mo mhaighistir. Agus thubhairt a bràthair agus a màthair, Fanadh a’ mhaighdeann maille rinn air a’ chuid as lugha deich làithean; na dhèidh sin falbhaidh i. Agus thubhairt e riu, Na cuiribh moille orm, oir shoirbhich an Tighearna mo thuras: cuiribh air falbh mi, a‑chum gun tèid mi a dh’ionnsaigh mo mhaighistir. Agus thubhairt iad, Gairmidh sinn air a’ mhaighdinn, agus fiosraichidh sinn de a beul fhèin. Agus ghairm iad air Rebecah, agus thubhairt iad rithe, An tèid thu leis an duine seo? Agus thubhairt i, Thèid. Agus chuir iad air falbh Rebecah, am piuthar, agus a banaltram, agus seirbhiseach Abrahàim, agus a dhaoine. Agus bheannaich iad Rebecah, agus thubhairt iad rithe, Is tu ar piuthar, bi‑sa ad mhàthair mhìltean de mhuilleanan; agus sealbhaicheadh do shliochd geata na muinntir sin leis am fuathach iad. Agus dh’èirich Rebecah, agus a maighdeannan, agus mharcaich iad air na càmhail, agus lean iad an duine: agus ghabh an seirbhiseach Rebecah, agus dh’fhalbh e roimhe. Agus bha Isaac a’ teachd o shlighe an tobair Lahai‐roi; oir bha e a chòmhnaidh anns an tìr mu dheas. Agus chaidh Isaac a‑mach a bheachd‐smaoineachadh anns an fhaiche air feasgar: agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e, agus, feuch, bha na càmhail a’ tighinn. Agus thog Rebecah suas a sùilean, agus nuair a chunnaic i Isaac, theirinn i bhàrr a’ chàmhail. Agus thubhairt i ris an t‑seirbhiseach, Cò e an duine seo a tha a’ sràid‐imeachd anns an fhaiche gar coinneachadh? Agus thubhairt an seirbhiseach, Is e mo mhaighistir a tha ann: an sin ghabh i gnùis‐bhrat, agus chòmhdaich i i fhèin. Agus dh’innis an seirbhiseach do Isaac na h‑uile nithean a rinn e. Agus thug Isaac i do bhùth Shàrah a mhàthair, agus ghabh e Rebecah, agus bha i aige na mnaoi: agus ghràdhaich e i: agus fhuair Isaac sòlas an dèidh bàs a mhàthar. An sin ghabh Abrahàm bean a‑rìs, dom b’ainm Cetùrah. Agus rug i dha Simran, agus Iocsan, agus Medan, agus Midian, agus Isbac, agus Suah. Agus ghin Iocsan Sèba, agus Dedan. Agus b’iad mic Dhedain Asurim, agus Letusim, agus Leumim. Agus mic Mhidiain; Ephah, agus Epher, agus Hanoch, agus Abidah, agus Eldaah. B’iad sin uile mic Chetùrah. Agus thug Abrahàm gach nì a bha aige do Isaac. Ach do mhic nan coileabach a bha aig Abrahàm, thug Abrahàm tìodhlacan; agus chuir e air falbh iad o a mhac Isaac, nuair a bha e fhèin fhathast beò, don taobh an ear, do thìr na h‑àird an ear. Agus is iad seo làithean bliadhnachan beatha Abrahàim a bha e beò; ceud agus trì‐fichead, agus còig‐bliadhna‑deug. An sin thug Abrahàm suas an deò, agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, na sheann duine, agus làn de bhliadhnachan; agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir. Agus dh’adhlaic a mhic Isaac agus Ismael e ann an uaimh Mhachpelah, ann an achadh Ephroin mhic Shòair an t‑Hiteach, a tha fa chomhair Mhamre; An t‑achadh a cheannaich Abrahàm o mhic Het: ann an sin dh’adhlaiceadh Abrahàm, agus Sàrah a bhean. Agus an dèidh bàs Abrahàim, bheannaich Dia Isaac a mhac; agus ghabh Isaac còmhnaidh làimh ri tobar Lahai‐roi. A‑nis is iad sin ginealaichean Ismaeil mhic Abrahàim a rug Hàgar a’ bhan‐Èiphiteach, banoglach Shàrah, do Abrahàm: Agus is iad sin ainmean mic Ismaeil, nan ainmean a rèir an ginealaichean: ciad‐ghin Ismaeil, Nebaiot; agus Cedar, agus Adbeel, agus Mibsam, Agus Misma, agus Dumah, agus Masa, Hadar, agus Tema, Ietur, Naphis, agus Cedemah. Is iad sin mic Ismaeil, agus is iad sin an ainmean nam bailtean, agus nan daingnichean; dà‑cheannard‐dheug a rèir am fineachan. Agus is iad sin bliadhnachan beatha Ismaeil, ceud agus seachd‐bliadhna‑deug ar fhichead: agus thug e suas an deò, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir. Agus ghabh iad còmhnaidh o Habhilah gu ruig Sur, a tha fa chomhair na h‑Èiphit, mar a thèid thu gu Asiria. An làthair a bhràithrean uile fhuair e bàs. Agus is iad seo ginealaichean Isaaic mhic Abrahàim: Ghin Abrahàm Isaac. Agus bha Isaac dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a ghabh e Rebecah, nighean Bhetueil, an Sirianach o Phadan‐àram, piuthar Làbain an Sirianach, dha fhèin na mnaoi. Agus ghuidh Isaac an Tighearna airson a mhnà, a chionn gu robh i neo‐thorrach: agus dh’èisd an Tighearna ris, agus dh’fhàs Rebecah a bhean torrach. Agus bha a’ chlann a’ strì ri chèile an taobh a‑staigh dhith: agus thubhairt ise, Ma tha a’ chùis mar sin, carson a tha mi mar seo? Agus chaidh i a dh’fhiosrachadh den Tighearna. Agus thubhairt an Tighearna rithe, Tha dà chinneach ad bholg, agus bidh dà shluagh air an sgaradh od innibh: agus bidh aon sluagh dhiubh seo nas treasa na an sluagh eile; agus nì esan as sine seirbhis dhàsan as òige. Agus nuair a choileanadh a làithean gu bhith air a h‑asaid, feuch, bha leth‐aona na bolg. Agus thàinig an ciad‐ghin a‑mach dearg, agus e uile mar fhallaing mholaich: agus thug iad Esau mar ainm air. Agus na dhèidh sin thàinig a bhràthair a‑mach, agus greim aig a làimh air sàil Esau; agus thugadh Iàcob mar ainm air: agus bha Isaac trì‐fichead bliadhna a dh’aois nuair a rugadh iad. Agus dh’fhàs na gillean; agus bha Esau na shealgair seòlta, na fhear machrach; agus bha Iàcob na dhuine coileanta, a’ gabhail còmhnaidh ann am bùthan. Agus ghràdhaich Isaac Esau, a chionn gun d’ith e de a shidhinn; ach ghràdhaich Rebecah Iàcob. Agus bhruith Iàcob brochan; agus thàinig Esau on mhachair, agus e fann. Agus thubhairt Esau ri Iàcob, Leig dhomh ithe, guidheam ort, den bhrochan dhearg sin fhèin; oir tha mi fann: uime sin thugadh Edom mar ainm air. Agus thubhairt Iàcob, Reic rium an‑diugh do chòir‐bhreithe. Agus thubhairt Esau, Feuch, tha mi dlùth don bhàs; agus ciod an tairbhe a tha anns a’ chòir‐bhreithe seo dhòmhsa? Agus thubhairt Iàcob, Mionnaich dhòmhsa an‑diugh; agus mhionnaich e dha: agus reic e a chòir‐bhreithe ri Iàcob. An sin thug Iàcob do Esau aran, agus brochan de ghall‐pheasair; agus dh’ith e, agus dh’òl e, agus dh’èirich e, agus dh’fhalbh e roimhe: mar seo rinn Esau dìmeas air a chòir‐bhreithe. Agus bha gorta anns an tìr a bharrachd air a’ chiad ghorta a bha ann an làithean Abrahàim: agus chaidh Isaac gu Abimelech rìgh nam Philisteach, do Ghèrar. Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha agus thubhairt e, Na rach sìos don Èiphit: gabh còmhnaidh anns an tìr a dh’innseas mise dhut: Bi air chuairt anns an tìr seo, agus bidh mise maille riut, agus beannaichidh mi thu: oir dhutsa, agus dod shliochd, bheir mise na dùthchannan sin uile, agus coileanaidh mi na mionnan a mhionnaich mi dod athair Abrahàm: Agus bheir mi air do shliochd fàs lìonmhor mar reultan nèimh, agus bheir mi dod shliochd na dùthchannan sin uile: agus beannaichear ann ad shliochd‐sa uile chinnich na talmhainn; Do brìgh gun d’èisd Abrahàm rim ghuth, agus gun do ghlèidh e m’iarrtas, m’àitheantan, m’òrdaighean, agus mo laghannan. Agus ghabh Isaac còmhnaidh ann an Gèrar. Agus dh’fhiosraich daoine an àite dheth ma mhnaoi; agus thubhairt e, Is i mo phiuthar i: oir bha eagal air a ràdh, Is i mo bhean i; air eagal, arsa esan, gum marbhadh daoine an àite mi airson Rebecah, do bhrìgh gu robh i maiseach ri amharc oirre. Agus nuair a bha e aimsir fhada an sin, sheall Abimelech righ nam Philisteach a‑mach air uinneig, agus chunnaic e, agus, feuch, bha Isaac a’ sùgradh ra mhnaoi Rebecah. Agus ghairm Abimelech air Isaac, agus thubhairt e, Feuch, gu cinnteach is i do bhean i: agus cionnas a thubhairt thu, is i mo phiuthar i? Agus thubhairt Isaac ris, A chionn gun dubhairt mi, Air eagal gum bàsaich mi air a son. Agus thubhairt Abimelech, Ciod e seo a rinn thu oirnn? Dh’fhaodadh aon den t‑sluagh laighe led mhnaoi, agus bheireadh tu cionta oirnne. Agus thug Abimelech àithne da shluagh uile, ag ràdh, Esan a bheanas ris an duine seo, no ra mhnaoi, gu cinnteach cuirear gu bàs e. An sin shìol‐chuir Isaac anns an tìr sin, agus fhuair e anns a’ bhliadhna sin fhèin a cheud uiread is a chuir e, agus bheannaich an Tighearna e. Agus dh’fhàs an duine mòr, agus chaidh e air aghaidh, agus dh’fhàs e gus an robh e ro‑mhòr: Oir bha aige sealbh chaorach, agus sealbh cruidh, agus mòran sheirbhiseach. Agus ghabh na Philistich farmad ris. Agus dhùin na Philistich suas na tobraichean uile a chladhaich seirbhisich a athar, ann an làithean Abrahàim a athair, agus lìon iad le ùir iad. Agus thubhairt Abimelech ri Isaac, Imich uainne; oir is cumhachdaiche thu gu mòr na sinne. Agus dh’imich Isaac as a sin, agus shuidhich e a bhùth ann an gleann Ghèrair, agus ghabh e còmhnaidh an sin. Agus chladhaich Isaac a‑rìs na tobraichean uisge a chladhaicheadh ann an làithean Abrahàim a athair; oir dhùin na Philistich suas iad an dèidh bàs Abrahàim: agus thug e ainmean orra a rèir nan ainm a thug a athair orra. Agus chladhaich seirbhisich Isaaic anns a’ ghleann, agus fhuair iad an sin tobar fìor‐uisge. Agus rinn buachaillean Ghèrair connsachadh ri buachaillean Isaaic, ag ràdh, Is leinne an t‑uisge: agus thug e Esec mar ainm air an tobar, a chionn gun do rinn iad connsachadh ris. Agus chladhaich iad tobar eile, agus rinn iad connsachadh uime sin cuideachd: agus thug e Sitnah mar ainm air. Agus chaidh e air imrich as a sin, agus chladhaich e tobar eile; agus cha do rinn iad connsachadh uime sin: agus thug e Rehobot mar ainm air; agus thubhairt e, Oir thug an Tighearna a‑nis farsaingeachd dhuinn; agus fàsaidh sinn lìonmhor anns an tìr. Agus chaidh e suas as a sin gu Beersèba. Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm. Agus thog e altair an sin, agus ghairm e air ainm an Tighearna, agus shuidhich e an sin a bhùth: agus chladhaich seirbhisich Isaaic tobar an sin. An sin chaidh Abimelech da ionnsaigh o Ghèrar, agus a charaid Ahudsat, agus Phichol, àrd‐cheannard a shluaigh. Agus thubhairt Isaac riu, Carson a thàinig sibh am ionnsaigh, agus gu bheil fuath agaibh dhomh, agus gun do chuir sibh uaibh mi? Agus thubhairt iadsan, Chunnaic sinn gu cinnteach gu robh an Tighearna leat; agus thubhairt sinn, Biodh a‑nis mionnan eadarainn, eadhon eadar sinne agus thusa, agus dèanamaid coicheangal riut; Nach dèan thu oirnne cron sam bith, mar nach do bhean sinne riutsa, agus mar nach do rinn sinn nì sam bith ort ach math, agus a chuir sinn uainn thu ann an sìth: tha thusa a‑nis air do bheannachadh leis an Tighearna. Agus rinn e dhaibh cuirm, agus dh’ith agus dh’òl iad. Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus mhionnaich iad da chèile: agus chuir Isaac air falbh iad, agus dh’imich iad uaithe ann an sìth. Agus air an là sin fhèin thàinig seirbhisich Isaaic, agus dh’innis iad dha mu thimcheall an tobair a chladhaich iad, agus thubhairt iad ris, Fhuair sinn uisge. Agus thug e Sèba mar ainm air; uime sin is e Beer‐sèba ainm a’ bhaile sin gus an là‑an‑diugh. Agus bha Esau dà‑fhichead bliadhna a dh’aois; agus ghabh e mar mhnaoi Iudit, nighean Bheeri an t‑Hiteach, agus Basemat, nighean Elon an t‑Hiteach: Agus bha iad sin nam briseadh‐cridhe do Isaac agus do Rebecah. Agus nuair a bha Isaac air fàs sean, agus a bha a shùilean dall, air chor is nach faiceadh e, ghairm e air Esau a mhac a bu shine, agus thubhairt e ris, A mhic: agus thubhairt esan ris, Feuch, tha mi an seo. Agus thubhairt esan, Feuch a‑nis, tha mise sean; chan eil fhios agam air là mo bhàis. Agus a‑nis, guidheam ort, gabh d’airm, do bhalg‐shaighead agus do bhogha, agus falbh a‑mach don mhachair, agus sealg dhomh sidheann; Agus dèan dhomh biadh blasda, mar as ionmhainn leam, agus thoir am ionnsaigh e, agus gun ith mi; a‑chum is gum beannaich m’anam thu mum faigh mi bàs. Agus chuala Rebecah nuair a labhair Isaac ra mhac Esau: agus chaidh Esau don mhachair a shealg sidhinn, ga toirt da ionnsaigh. Agus labhair Rebecah ra mac Iàcob, ag ràdh, Feuch, chuala mi d’athair a’ labhairt ri Esau do bhràthair, ag ràdh, Thoir am ionnsaigh sidheann, agus dèan biadh blasda dhomh, agus gun ith mi, agus gum beannaich mi thu an làthair an Tighearna, ro mo bhàs. A‑nis uime sin, a mhic, èisd rim ghuth, a rèir an nì a tha mi ag àithneadh dhut. Falbh a‑nis a dh’ionnsaigh an treuda, agus thoir am ionnsaigh o sin dà dheagh mheann de na gobhair; agus nì mise iad nam biadh blasda airson d’athar, mar as ionmhainn leis: Agus bheir thu a dh’ionnsaigh d’athar e, a‑chum gun ith e, agus a‑chum gum beannaich e thu ro a bhàs. Agus thubhairt Iàcob ri Rebecah a mhàthair, Feuch, tha Esau mo bhràthair na dhuine molach, agus mise am dhuine lom. Mas e is gun laimhsich m’athair mi, an sin measar mi leis mar neach leis am b’àill a mhealladh; agus bheir mi mallachadh orm fhèin, agus cha bheannachadh. Agus thubhairt a mhàthair ris, Ormsa biodh do mhallachadh, a mhic; a‑mhàin èisd rim ghuth, agus falbh, thoir am ionnsaigh iad. Agus dh’fhalbh e, agus ghlac e iad, agus thug e iad a dh’ionnsaigh a mhàthar: agus rinn a mhàthair biadh blasda, mar a b’ionmhainn le a athair. Agus ghabh Rebecah aodach taitneach Esau, a mac a bu shine, a bha aice anns an taigh; agus chuir i e air Iàcob, a mac a b’òige. Agus chuir i craicnean minn nan gobhar air a làmhan, agus air luime a mhuineil. Agus thug i am biadh blasda, agus an t‑aran a dheasaich i, do làimh a mic Iàcob. Agus thàinig e a dh’ionnsaigh a athar, agus thubhairt e, Athair: agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo; cò thusa, a mhic? Agus thubhairt Iàcob ra athair, Is mise Esau do chiad‐ghin; rinn mi mar a dh’iarr thu orm: èirich, guidheam ort, suidh agus ith dem shidhinn, a‑chum is gum beannaich d’anam mi. Agus thubhairt Isaac ra mhac, Cionnas a fhuair thu i cho luath, a mhic? Agus thubhairt esan, A chionn gun do chuir an Tighearna do Dhia am rathad i. Agus thubhairt Isaac ri Iàcob, Thig am fagas a‑nis, agus gun laimhsich mi thu, a mhic, an tusa fhèin mo mhac Esau, no nach tu. Agus chaidh Iàcob am fagas da athair Isaac, agus laimhsich e e; agus thubhairt e, is e an guth guth Iàcoib, ach is iad na làmhan làmhan Esau. Agus cha d’aithnich e e, a chionn gu robh a làmhan molach, mar làmhan Esau a bhràthair: mar sin bheannaich e e. Agus thubhairt e, An tusa fhèin mo mhac Esau? Agus thubhairt esan, Is mi. Agus thubhairt e, Thoir am fagas dhomh e, agus ithidh mi de shidhinn mo mhic, a‑chum is gum beannaich m’anam thu. Agus thug e am fagas dha e, agus dh’ith e; agus thug e da ionnsaigh fìon, agus dh’òl e. Agus thubhairt a athair Isaac ris, Thig am fagas a‑nis, agus pòg mi, a mhic. Agus thàinig e am fagas, agus phòg e e: agus dh’fhairich e boladh a aodaich; agus bheannaich e e, agus thubhairt e, Feuch, tha fàile mo mhic mar fhàile fearainn a bheannaich an Tighearna: Uime sin, gun tugadh Dia dhut de dhrùchd nèimh, agus de reamhrachd na talmhainn, agus pailteas arbhair agus fìona: Dèanadh slòigh seirbhis dhut, agus strìochdadh cinnich dhut; bi ad uachdaran air do bhràithrean, agus cromadh mic do mhàthar sìos dhut: mallaichte gu robh gach neach a mhallaicheas thu, agus beannaichte gu robh gach neach a bheannaicheas thu. Agus cho luath agus a sguir Isaac de bheannachadh Iàcoib, nuair a bu ghann a bha Iàcob air dol a‑mach fhathast à làthair Isaaic a athair, thàinig a bhràthair Esau o a sheilg. Agus rinn esan mar an ceudna biadh blasda, agus thug e a dh’ionnsaigh a athar e; agus thubhairt e ra athair, Eireadh m’athair, agus itheadh e de shidhinn a mhic, a‑chum gum beannaich d’anam mi. Agus thubhairt Isaac a athair ris, Cò thusa? Agus thubhairt esan, Is mi do mhac, do chiad‐ghin, Esau. Agus chriothnaich Isaac le ball‐chrith anabarraich, agus thubhairt e, Cò, càit a bheil esan a ghlac sidheann, agus a thug i am ionnsaigh, agus dh’ith mi den iomlan mun tàinig thusa? Agus bheannaich mi e, seadh agus beannaichte bidh e. Nuair a chuala Esau briathran a athar, ghlaodh e le glaodh mòr, agus ro‑shearbh; agus thubhairt e ra athair, Beannaich mise, eadhon mise mar an ceudna, O athair. Agus thubhairt e, Thàinig do bhràthair le ceilg, agus thug e leis do bheannachadh. Agus thubhairt esan, Nach ceart a thugadh Iàcob mar ainm air? Oir thàinig e fodham an dà uair seo: thug e leis mo chòir‐bhreithe; agus, feuch, a‑nis thug e leis mo bheannachadh. Agus thubhairt e, Nach do ghlèidh thu dhòmhsa beannachadh? Agus fhreagair Isaac, agus thubhairt e ri Esau, Feuch, rinn mi e na uachdaran ort, agus a bhràithrean uile thug mi dha mar sheirbhisich; agus le arbhar agus le fìon chùm mi suas e: agus dhutsa ciod a‑nis a nì mi, a mhic? Agus thubhairt Esau ra athair, Nach eil agad ach aon bheannachadh, athair? Beannaich mise, eadhon mise mar an ceudna, O athair. Agus thog Esau suas a ghuth, agus ghuil e. Agus fhreagair Isaac a athair, agus thubhairt e ris, Feuch, ann an reamhrachd na talmhainn bidh do chòmhnaidh, agus ann an drùchd nèimh on àirde; Agus led chlaidheamh thig thu beò, agus dod bhràthair nì thu seirbhis: agus nuair a bhios an uachdaranachd agad, an sin brisidh tu a chuing od mhuineal. Agus dh’fhuathaich Esau Iàcob airson a’ bheannachaidh leis an do bheannaich a athair e: agus thubhairt Esau na chridhe, Tha làithean a’ bhròin airson m’athar am fagas, agus an sin marbhaidh mi mo bhràthair Iàcob. Agus dh’innseadh do Rebecah briathran Esau, a mac a bu shine, agus chuir i teachdaire uaipe, agus ghairm i air Iàcob, a mac a b’òige, agus thubhairt i ris, Feuch, tha do bhràthair Esau a’ toirt comhfhurtachd dha fhèin dod thaobh‐sa, a’ cur roimhe do mharbhadh. A‑nis uime sin, a mhic, èisd rim ghuth; agus èirich, teich a dh’ionnsaigh mo bhràthar Làban do Hàran; Agus fanaidh tu maille ris beagan de làithean, gus an tionndaidh fraoch fearg do bhràthar; Gus an tionndaidh corraich do bhràthar uat, agus gun dìochuimhnich e na rinn thu air: an sin cuiridh mise fios, agus bheir mi as a sin thu. Carson a chaillinn le chèile sibh ann an aon là? Agus thubhairt Rebecah ri Isaac, Tha mi sgìth dem bheatha airson nigheanan Het: ma ghabhas Iàcob bean de nigheanan Het, mar iadsan a tha de nigheanan na dùthcha, ciod am math a nì mo bheatha dhòmhsa? Agus ghairm Isaac air Iàcob, agus bheannaich e e, agus dh’àithn e dha, agus thubhairt e ris, Cha ghabh thu bean de nigheanan Chanàain. Eirich, imich do Phadan‐àram, do thaigh Bhetueil, athair do mhàthar, agus gabh dhut fhèin as a sin bean de nigheanan Làbain, bràthair do mhàthar. Agus gum beannaicheadh Dia Uile‐chumhachdach thu, agus gun dèanadh e sìolmhor thu, agus gun tugadh e ort fàs lìonmhor, air chor is gum bi thu ad cho‐chruinneachadh chinneach: Agus gun tugadh e dhut beannachadh Abrahàim, dhutsa agus dod shliochd maille riut; a‑chum gun sealbhaich thu am fearann anns a bheil thu ad choigreach, a thug Dia do Abrahàm. Agus chuir Isaac air falbh Iàcob, agus chaidh e do Phadan‐àram, gu Làban, mac Bhetueil an Sirianach, bràthair Rebecah, màthair Iàcoib agus Esau. Nuair a chunnaic Esau gun do bheannaich Isaac Iàcob, agus gun do chuir e air falbh e do Phadan‐àram, a ghabhail mnà dha fhèin as a sin; agus nuair a bheannaich e e, gun tug e àithne dha, ag ràdh, Cha ghabh thu bean de nigheanan Chanàain; Agus gun d’èisd Iàcob ra athair, agus ra mhàthair, agus gun deachaidh e do Phadan‐àram; Agus nuair a chunnaic Esau nach do thaitinn nigheanan Chanàain ra athair Isaac, An sin chaidh Esau a dh’ionnsaigh Ismaeil, agus ghabh e Mahalat, nighean Ismaeil, mhic Abrahàim, piuthar Nebaioit, dha fhèin mar mhnaoi a thuilleadh air na mnathan a bha aige. Agus chaidh Iàcob a‑mach o Bheer‐sèba, agus chaidh e gu Hàran. Agus thachair e air àit àraidh, agus dh’fhan e an sin an oidhche sin, a chionn gu robh a’ ghrian air laighe: agus ghabh e aon de chlachan an àite sin, agus chuir e fo a cheann i, agus laigh e sìos anns an àite sin a chadal. Agus bhruadair e; agus, feuch, fàradh air a chur suas air an talamh, agus a bhàrr a’ ruigheachd gu nèamh: agus, feuch, ainglean Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air. Agus, feuch, sheas an Tighearna os a chionn, agus thubhairt e, Is mise an Tighearna, Dia Abrahàim d’athair, agus Dia Isaaic: am fearann air a bheil thu ad laighe, bheir mise dhut e, agus dod shliochd; Agus bidh do shliochd mar dhuslach na talmhainn; agus sgaoilidh tu a‑mach a dh’ionnsaigh na h‑àird an iar agus na h‑àird an ear, agus a dh’ionnsaigh na h‑àird a tuath agus na h‑àird a deas: agus beannaichear annadsa uile theaghlaichean na talmhainn, agus ann ad shliochd. Agus, feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a‑rìs thu a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir cha trèig mi thu, gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut. Agus dhùisg Iàcob as a chadal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an Tighearna anns an àite seo, agus cha robh fhios agam air. Agus bha eagal air, agus thubhairt e, Cia uamhasach an t‑ionad seo! Chan àit air bith seo ach taigh Dhè, agus is e seo geata nèimh. Agus dh’èirich Iàcob gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e a’ chlach a chuir e fo a cheann, agus chuir e suas na carragh i, agus dhòirt e ola air a mullach. Agus thug e Betel mar ainm air an àite sin: ach b’e Luds ainm a’ bhaile sin air tùs. Agus bhòidich Iàcob bòid, ag ràdh, Ma bhios Dia leam, agus ma ghleidheas e mi air an t‑slighe sin air a bheil mi ag imeachd, agus ma bheir e dhomh aran ra ithe, agus aodach ra chur umam; Agus gun tig mi a‑rìs ann an sìth a dh’ionnsaigh taigh m’athar; an sin bidh an Tighearna agam na Dhia. Agus bidh a’ chlach seo, a chuir mi suas na carragh, na taigh aig Dia: agus de gach nì a bheir thu dhomh, bheir mi gu cinnteach an deicheamh dhut. An sin dh’imich Iàcob air a thuras, agus chaidh e do dhùthaich daoine na h‑àird an ear. Agus dh’amhairc e, agus, feuch, tobar anns a’ mhachair, agus, feuch bha an sin trì treudan chaorach nan laighe làimh ris; oir as an tobar sin thug iad uisge do na treudan: agus bha clach mhòr air beul an tobair. Agus chruinnicheadh a dh’ionnsaigh sin na treudan uile; agus charaich iad a’ chlach bhàrr beul an tobair, agus thug iad uisge do na caoraich, agus chuir iad a’ chlach a‑rìs air beul an tobair na h‑àite fhèin. Agus thubhairt Iàcob riu, Mo bhràithrean, cia as a thàinig sibh? Agus thubhairt iadsan, O Hàran thàinig sinne. Agus thubhairt e riu, An aithne dhuibh Làban mac Nahoir? Agus thubhairt iadsan, Is aithne dhuinn. Agus thubhairt e riu, A bheil e gu math? Agus thubhairt iadsan, Tha e gu math: agus, feuch, tha Rachel a nighean a’ tighinn leis na caoraich. Agus thubhairt e, Feuch, is e fhathast àirde an là a tha ann, agus cha tàinig idir àm cruinneachadh na sprèidhe; thugaibh‐se uisge do na caoraich, agus rachaibh agus ionaltraibh iad. Agus thubhairt iad, Chan urrainn sinn, gus an cruinnichear na treudan uile an ceann a chèile, agus gus an caraichear a’ chlach bhàrr beul an tobair; an sin bheir sinn uisge do na caoraich. Agus am feadh a bha e fhathast a’ labhairt riu, thàinig Rachel le caoraich a h‑athar; oir b’i a bha gan gleidheadh. Agus nuair a chunnaic Iàcob Rachel nighean Làbain, bràthair a mhàthar, agus caoraich Làbain, bràthair a mhàthar, an sin chaidh Iàcob am fagas, agus charaich e a’ chlach bhàrr beul an tobair, agus thug e uisge do chaoraich Làbain, bràthair a mhàthar. Agus phòg Iàcob Rachel, agus thog e suas a ghuth agus ghuil e. Agus dh’innis Iàcob do Rachel gum b’e bràthair a h‑athar e, agus gum b’e mac Rebecah e: agus ruith i, agus dh’innis i da h‑athair. Agus nuair a chuala Làban sgeul Iàcoib, mac a pheathar, an sin ruith e na choinneamh, agus ghabh e na ghlacan e, agus phòg e e, agus thug e da thaigh e: agus dh’innis e do Làban na nithean sin uile. Agus thubhairt Làban ris, Gu cinnteach is tu mo chnàmh agus m’fheòil: agus dh’fhan e maille ris rè mìos. Agus thubhairt Làban ri Iàcob, A chionn gur tu mo bhràthair, am buin e dhut seirbhis a dhèanamh dhomh an asgaidh? Innis dhomh ciod e do thuarasdal. Agus bha aig Làban dithis nighean; b’e ainm na tè a bu shine Lèah, agus ainm na tè a b’òige Rachel. Agus bha sùilean Lèah anfhann, ach bha Rachel maiseach na dealbh agus sgiamhach na gnùis. Agus bha gràdh aig Iàcob air Rachel, agus thubhairt e, Nì mi seirbhis dhut seachd bliadhna airson Racheil, do nighean as òige. Agus thubhairt Làban, Is fheàrr dhomh a toirt dhutsa na gun tugainn i do dhuine sam bith eile: fan maille rium. Agus rinn Iàcob seirbhis airson Racheil seachd bliadhna; agus bha iad na shùilean mar bheagan de làithean, a‑thaobh a’ ghràidh a bha aige oirre. Agus thubhairt Iàcob ri Làban, Thoir dhomh mo bhean, oir choileanadh mo làithean, a‑chum gun tèid mi a‑steach da h‑ionnsaigh. Agus chruinnich Làban cuideachd daoine an àit uile, agus rinn e cuirm. Agus anns an fheasgar ghabh e Lèah a nighean, agus thug e da ionnsaigh i; agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh. Agus thug Làban da nighinn Lèah Silpah, a bhanoglach fhèin, mar bhanoglaich. Agus anns a’ mhadainn, feuch, b’i Lèah a bha ann; agus thubhairt e ri Làban, Ciod e seo a rinn thu orm? Nach ann airson Racheil a rinn mi seirbhis dhut? Agus carson a mheall thu mi? Agus thubhairt Làban, Chan fhaod e a bhith mar sin nar dùthaich‐ne, an tè as òige a thoirt seachad ron tè as sine. Coilean a seachdain‐se, agus bheir sinn dhut ise mar an ceudna, airson na seirbhis a nì thu maille rium fhathast rè seachd bliadhna eile. Agus rinn Iàcob mar sin, agus choilean e a seachdain; agus thug e dha Rachel a nighean mar an ceudna na mnaoi. Agus thug Làban do Rachel, a nighean, Bilhah a bhanoglach fhèin, mar bhanoglaich. Agus chaidh e a‑steach cuideachd a dh’ionnsaigh Racheil, agus ghràdhaich e mar an ceudna Rachel nas mò na Lèah, agus rinn e seirbhis maille ris fhathast seachd bliadhna eile. Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun tugadh fuath do Lèah, dh’fhosgail e a bolg: ach bha Rachel gun chloinn. Agus dh’fhàs Lèah torrach, agus rug i mac, agus thug i Reuben mar ainm air: oir thubhairt i, Gu deimhinn dh’amhairc an Tighearna air m’àmhghar; a‑nis uime sin gràdhaichidh m’fhear mi. Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac, agus thubhairt i, A chionn gun cuala an Tighearna gu robh mi air m’fhuathachadh, uime sin thug e dhomh am mac seo cuideachd: agus thug i Simeon mar ainm air. Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A‑nis anns an uair seo, dlùth‐leanaidh m’fhear rium, do bhrìgh gun do rug mi dha triùir mhac: uime sin thug i Lèbhi mar ainm air. Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A‑nis molaidh mi an Tighearna: uime sin thug i Iùdah mar ainm air. Agus sguir i de bhreith cloinne. Agus nuair a chunnaic Rachel nach do rug i clann do Iàcob, bha farmad aig Rachel ra piuthar, agus thubhairt i ri Iàcob, Thoir dhomh clann, no gheibh mi bàs. Agus las corraich Iàcoib ri Rachel, agus thubhairt e, A bheil mise an àite Dhè, a chùm uat toradh na bronn? Agus thubhairt i, Feuch, mo bhanoglach Bilhah, theirig a‑steach da h‑ionnsaigh, agus beiridh i air mo ghlùinean, agus bidh agamsa mar an ceudna clann da trìd‐se. Agus thug i dha Bilhah a banoglach mar mhnaoi; agus chaidh Iàcob a‑steach da h‑ionnsaigh. Agus dh’fhàs Bilhah torrach, agus rug i mac do Iàcob. Agus thubhairt Rachel, Thug Dia breith orm, agus dh’èisd e mar an ceudna rim ghuth, agus thug e dhomh mac: uime sin thug i Dan mar ainm air. Agus dh’fhàs Bilhah, banoglach Racheil, torrach a‑rìs, agus rug i do Iàcob an dara mac. Agus thubhairt Rachel, Le mòr‐ghleac ghleac mi rim phiuthair, agus thug mi buaidh: agus thug i Naphtali mar ainm air. Nuair a chunnaic Lèah gun do sguir i de bhreith cloinne, ghabh i Silpah a banoglach, agus thug i do Iàcob mar mhnaoi i. Agus rug Silpah, banoglach Lèah, mac do Iàcob. Agus thubhairt Lèah, Tha sonas air teachd: agus thug i Gad mar ainm air. Agus rug Silpah, banoglach Lèah, an dara mac do Iàcob. Agus thubhairt Lèah, Is sona mi, oir goiridh na nigheanan mise beannaichte: agus thug i Aser mar ainm air. Agus chaidh Reuben a‑mach ann an làithean fogharadh a’ chruithneachd agus fhuair e mandragan anns a’ mhachair, agus thug e iad a‑chum a mhàthar Lèah. An sin thubhairt Rachel ri Lèah, Thoir dhomh, guidheam ort, cuid de mhandragan do mhic. Agus thubhairt i rithe, Am beag a’ chùis gun tug thu m’fhear uam, agus am b’àill leat mandragan mo mhic a thoirt leat mar an ceudna? Agus thubhairt Rachel, Uime sin laighidh e leatsa a‑nochd airson mandragan do mhic. Agus thàinig Iàcob on mhachair anns an fheasgar, agus chaidh Lèah a‑mach na choinneamh, agus thubhairt i, Thig thu a‑steach am ionnsaigh‐sa, oir gu deimhinn cheannaich mi thu le mandragan mo mhic. Agus laigh e leatha air an oidhche sin. Agus dh’èisd Dia ri Lèah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i do Iàcob an còigeamh mac. Agus thubhairt Lèah, Thug Dia dhomh mo dhuais, a chionn gun tug mì mo bhanoglach dom fhear; agus thug i Isachar mar ainm air. Agus dh’fhàs Lèah torrach a‑rìs, agus rug i do Iàcob an siathamh mac. Agus thubhairt Lèah, Dheònaich Dia dhomh deagh chuibhreann: a‑nis gabhaidh m’fhear còmhnaidh maille rium, a chionn gun do rug mi dha sianar mhac; agus thug i Sebulun mar ainm air. Agus na dhèidh sin rug i nighean, agus thug i Dinah mar ainm oirre. Agus chuimhnich Dia air Rachel agus dh’èisd Dia rithe, agus dh’fhosgail e a bolg. Agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac; agus thubhairt i, Thug Dia air falbh mo mhì‐chliù. Agus thug i Iòseph mar ainm air, ag ràdh, Bheir an Tighearna dhomh fhathast mac eile. Agus nuair a rug Rachel Iòseph, an sin thubhairt Iàcob ri Làban, Leig air falbh mi, a‑chum gun tèid mi dom àite, agus dom dhùthaich fhèin. Thoir dhomh mo mhnathan agus mo chlann, airson an do rinn mi seirbhis dhut, agus gum falbh mi; oir is aithne dhut mo sheirbhis a rinn mi dhut. Agus thubhairt Làban ris, Guidheam ort, ma fhuair mi deagh‐ghean ad shùilean, fuirich: oir dh’fhòghlaim mi om fhiosrachadh fhèin gun do bheannaich an Tighearna mi air do sgàth‐sa. Agus thubhairt e, Ainmich do thuarasdal dhomh, agus bheir mi dhut e. Agus thubhairt e ris, Tha fhios agad cionnas a rinn mi seirbhis dhut, agus cionnas a bha do sprèidh agam: Oir is beag a bha agad mun tàinig mi, agus a‑nis tha e air fàs na mhòran; agus bheannaich Dia thu an lorg mo theachd‐sa; agus a‑nis, cuin a nì mi mar an ceudna airson mo thaighe fhèin? Agus thubhairt e, Ciod a bheir mi dhut? Agus thubhairt Iàcob, Cha toir thu nì sam bith dhomh: ma nì thu an nì seo rium, ionaltraidh mi a‑rìs, agus gleidhidh mi do threud. Thèid mise tro do threud uile an‑diugh, ag atharrachadh as a sin gach sprèidh a tha breac agus ballach, agus gach sprèidh a tha dubh‐dhonn am measg nan caorach, agus ballach agus breac am measg nan gobhar: agus is e seo mo thuarasdal. Agus freagraidh air mo shon‐sa m’ionracas anns an àm ri teachd, nuair a thig e mar mo thuarasdal ad làthair‐sa: gach aon nach bi breac agus ballach am measg nan gobhar, agus dubh‐dhonn am measg nan caorach, measar e mar nì bradach agamsa. Agus thubhairt Làban, Feuch, b’fheàrr leam gum biodh e a rèir d’fhacail. Agus dh’atharraich e air an là sin fhèin na gobhair fhireann a bha stiallach agus ballach, agus na gobhair bhoireann uile a bha breac agus ballach, agus gach aon air an robh gile, agus gach aon a bha dubh‐dhonn am measg nan caorach, agus thug e iad do làmhan a mhac. Agus chuir e astar trì làithean eadar e fhèin agus Iàcob: agus bheathaich Iàcob a’ chuid eile de threudan Làbain. Agus ghabh Iàcob dha fhèin slatan glasa den chritheann, agus den challtainn, agus de chraoibh nan geanm‐chnò; agus rùisg e annta stiallan geala, agus leig e ris an geal a bha anns na slatan. Agus chuir e na slatan a rùisg e anns na claisean, anns na h‑amair uisge, far an tàinig na treudan a dh’òl, fa chomhair nan treud, a‑chum is gum fàsadh iad torrach nuair a thigeadh iad a dh’òl. Agus dh’fhàs na treudan torrach fa chomhair nan slat, agus rug iad sprèidh stiallach, bhreac agus bhallach. Agus thearb Iàcob na h‑uain, agus chuir e aghaidh nan treud riùsan a bha stiallach, agus gach beathach a bha dubh‐dhonn ann an treudan Làbain, agus chuir e a threudan fhèin air leth, agus cha do chuir e iad làimh ri treudan Làbain. Agus ge bè uair a dh’fhàs an sprèidh a bu treasa torrach, chuir Iàcob na slatan fa chomhair sùilean na sprèidhe anns na claisean, a‑chum gum fàsadh iad torrach a rèir nan slat. Ach nuair a bha an sprèidh anfhann, cha do chuir e ann iad; mar sin bu le Làban iadsan a b’anfhainne, agus le Iàcob iadsan a bu treasa. Agus dh’fhàs an duine ro‑shaoibhir; agus bha mòran sprèidhe aige, agus banoglaich, agus òglaich, agus càmhail, agus asail. Agus chuala e briathran mic Làbain, ag ràdh, Thug Iàcob leis gach nì a bha aig ar n‑athair, agus on nì sin a bu le ar n‑athair‐ne fhuair e dha fhèin a’ mhòrachd seo uile. Agus chunnaic Iàcob gnùis Làbain, agus, feuch, cha robh i leis mar a bha i roimhe sin. Agus thubhairt an Tighearna ri Iàcob, Till gu dùthaich d’athraichean agus a dh’ionnsaigh do dhìlsean; agus bidh mise maille riut. Agus chuir Iàcob teachdaire uaithe, agus ghairm e Rachel agus Lèah don mhachair a dh’ionnsaigh a threuda, Agus thubhairt e riu, Tha mi a’ faicinn gnùis ur n‑athar, nach eil i leam mar a bha i roimhe: ach bha Dia m’athar maille riumsa. Agus tha fhios agaibh fhèin, lem uile dhìcheall gun do rinn mi seirbhis dur n‑athair. Gidheadh mheall ur n‑athair mi, agus mhùth e mo thuarasdal deich uairean: ach cha do leig Dia leis cron a dhèanamh orm. Ma thubhairt e mar seo, Bidh an sprèidh bhreac nan tuarasdal agad, an sin rug an sprèidh uile àl breac: agus ma thubhairt e mar seo, Bidh an sprèidh stiallach nan tuarasdal agad, an sin rug an sprèidh uile àl stiallach. Mar seo thug Dia air falbh sprèidh ur n‑athar, agus thug e dhòmhsa iad. Agus nuair a dh’fhàs an sprèidh torrach, thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi ann an aisling, agus, feuch, bha na reitheachan, a bha a’ reithe na sprèidhe, stiallach, breac, agus grìs‐fhionn. Agus thubhairt aingeal an Tighearna rium ann an aisling, A Iàcoib: agus thubhairt mise, Tha mi an seo. Agus thubhairt esan, Tog suas a‑nis do shùilean, agus faic na reitheachan uile, a tha a’ reithe na sprèidhe, gu bheil iad stiallach, breac, agus grìs‐fhionn: oir chunnaic mise gach nì a rinn Làban ort. Is mise Dia Bheteil, far an d’ung thu an carragh, far an do bhòidich thu dhòmhsa bòid: a‑nis èirich, imich a‑mach as an tìr seo, agus till gu tìr do dhìlsean. Agus fhreagair Rachel agus Lèah agus thubhairt iad ris, A bheil fhathast cuibhreann no oighreachd air bith againne ann an taigh ar n‑athar? Nach eil sinn air ar meas leis mar choigrich? Oir reic e sinn, agus straoidh e mar an ceudna gu tur ar n‑airgead: Oir an saoibhreas sin uile a thug Dia o ar n‑athair, is leinn fhèin, agus le ar cloinn e: a‑nis, uime sin, gach nì a thubhairt Dia riutsa, dèan e. An sin dh’èirich Iàcob suas, agus chuir e a mhic agus a mhnathan air càmhail; Agus thug e leis a sprèidh uile, agus a mhaoin uile a fhuair e, sprèidh a chosnaidh, a fhuair e am Padan‐àram, gu dol a dh’ionnsaigh Isaaic a athair gu tìr Chanàain. Agus chaidh Làban a lomairt a chaorach; agus ghoid Rachel na dealbhan a bu le a h‑athair. Agus ghoid Iàcob air falbh gun fhios do Làban an Sirianach, a chionn nach d’innis e dha gu robh e gu teicheadh. Agus theich e leis gach nì a bha aige; agus dh’èirich e suas, agus chaidh e thar an abhainn, agus chuir e a aghaidh ri sliabh Ghilead. Agus dh’innseadh do Làban, air an treas là, gun do theich Iàcob. Agus thug e a bhràithrean leis, agus lean e e astar seachd làithean, agus rug e air ann an sliabh Ghilead. Agus thàinig Dia gu Làban an Sirianach ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc. An sin rug Làban air Iàcob. A‑nis shuidhich Iàcob a bhùth anns an t‑sliabh, agus shuidhich Làban maille ra bhràithrean ann an sliabh Ghilead. Agus thubhairt Làban ri Iàcob, Ciod seo a rinn thu, gun do ghoid thu air falbh gun fhios dhomh, agus gun tug thu leat mo nigheanan, mar bhraighdean a thugadh a‑mach leis a’ chlaidheamh? Carson a theich thu air falbh gu h‑uaigneach, agus a ghoid thu uam, agus nach d’innis thu dhomh, agus gun cuirinn air falbh thu le subhachas, agus le òrain, le tiompan, agus le clàrsaich? Agus nach do leig thu leam mo mhic agus mo nigheanan a phògadh? A‑nis is amaideach a fhuaireadh thu le seo a dhèanamh. Tha e an comas mo làimhe‐sa cron a dhèanamh ort: ach labhair Dia d’athar rium a‑raoir, ag ràdh, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc. Agus a‑nis, ged b’èiginn dhut falbh, a chionn gu robh thu gu ro‑mhòr an geall air taigh d’athar, gidheadh carson a ghoid thu mo dhiathan? Agus fhreagair Iàcob, agus thubhairt e ri Làban, A chionn gu robh eagal orm: oir thubhairt mi, Theagamh gun tugadh tu uam do nigheanan le ainneart. Ge bè neach aig am faigh thu do dhiathan, na maireadh e beò: an làthair ar bràithrean faic ciod a tha agam a bhuineas dhut, agus gabh thugad e; oir cha robh fhios aig Iàcob gun do ghoid Rachel iad. Agus chaidh Làban a‑steach do bhùth Iàcoib, agus do bhùth Lèah, agus do bhùth an dà bhanoglaich; ach cha d’fhuair e iad. An sin chaidh e a‑mach à bùth Lèah, agus chaidh e a‑steach do bhùth Racheil. A‑nis ghoid Rachel na dealbhan, agus chuir i iad ann an acfhainn a’ chàmhail, agus shuidh i orra. Agus rannsaich Làban am bùth uile, ach cha d’fhuair e iad. Agus thubhairt i ra h‑athair, Na cuireadh e corraich air mo thighearna nach urrainn mi èirigh suas ad fhianais, oir tha orm a rèir gnàth nam ban: agus rannsaich e, ach cha d’fhuair e na dealbhan. Agus bha fearg air Iàcob, agus throid e ri Làban: agus fhreagair Iàcob, agus thubhairt e ri Làban, Ciod i mo choire, agus ciod e mo pheacadh, gu robh thu cho dian air mo thòir? An dèidh dhut m’àirneis uile a rannsachadh, ciod a fhuair thu de uile àirneis do thaighe? Cuir an seo e an làthair mo bhràithrean‐sa agus do bhràithrean fhèin, agus gun tabhair iad breith eadarainn nar dithis. A‑nis fichead bliadhna bha mi maille riut; cha do thilg do chaoraich an uain, no do ghobhair am minn, agus reitheachan do threuda cha d’ith mi. An nì sin a reubadh le fiadh‐bheathaichean cha tug mi ad ionnsaigh; ghiùlain mi fhèin a chall: om làimh‐sa dh’iarr thu e, co‑dhiù a ghoideadh e anns an là, no a ghoideadh e anns an oidhche. Mar seo bha mi; anns an là chlaoidh an teas mi, agus an reodhadh anns an oidhche; agus dhealaich mo chadal rim shùilean. Mar seo bha mi fichead bliadhna ad thaigh: ceithir‐bliadhna‑deug rinn mi seirbhis dhut airson do dhithis nighean, agus sia bliadhna airson do sprèidhe; agus mhùth thu mo thuarasdal deich uairean. Mura biodh gu robh Dia m’athar, Dia Abrahàim, agus eagal Isaaic maille rium, gu cinnteach chuireadh tu a‑nis air falbh mi falamh. Chunnaic Dia m’àmhghar agus saothair mo làmh, agus chronaich e thu a‑raoir. Agus fhreagair Làban, agus thubhairt e ri Iàcob, Na nigheanan seo is iad mo nigheanan‐sa, agus an sprèidh seo mo sprèidh‐sa; agus gach nì a tha thu a’ faicinn, is leamsa e: agus ciod a dh’fhaodas mi a dhèanamh an‑diugh rim nigheanan seo, no rin cloinn a rug iad? A‑nis uime sin thig‐sa, dèanamaid coicheangal, mise agus thusa; agus biodh e mar fhianais eadar mise agus thusa. Agus ghabh Iàcob clach, agus chuir e suas i mar charragh. Agus thubhairt Iàcob ra bhràithrean, Cruinnichibh clachan: agus ghabh iad clachan, agus rinn iad càrn, agus dh’ith iad an sin air a’ chàrn. Agus thug Làban mar ainm air Iegar‐sahaduta: ach thug Iàcob mar ainm air Galeed. Agus thubhairt Làban, Tha an càrn seo na fhianais eadar mise agus thusa an‑diugh. Uime sin thugadh Galeed mar ainm air; Agus Midspah; oir thubhairt e, Dèanadh an Tighearna faire eadar mise agus thusa, nuair a bhios sinn an làthair a chèile. Ma bhuineas tu gu cruaidh rim nigheanan, no ma ghabhas tu mnathan eile a thuilleadh air mo nigheanan‐sa, chan eil duine sam bith maille rinn; feuch, tha Dia na fhianais eadar mise agus thusa. Agus thubhairt Làban ri Iàcob, Faic an càrn seo, agus faic an carragh seo, a shuidhich mi eadar mise agus thusa. Biodh an càrn seo na fhianais, agus biodh an carragh seo na fhianais, nach tèid mise ad ionnsaigh‐sa thar a’ chàrn seo, agus nach tig thusa am ionnsaigh‐sa thar a’ chàrn seo, agus a’ charragh seo, gu cron. Gun tugadh Dia Abrahàim, agus Dia Nahoir, Dia an athar, breith eadarainn. Agus mhionnaich Iàcob air eagal a athar, Isaac. An sin thug Iàcob suas ìobairtean anns an t‑sliabh, agus ghairm e air a bhràithrean a dh’ithe arain: agus dh’ith iad aran, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche anns an t‑sliabh. Agus dh’èirich Làban suas moch anns a’ mhadainn, agus phòg e a mhic agus a nigheanan, agus bheannaich e iad, agus dh’fhalbh e: agus thill Làban ga àite fhèin. Agus dh’imich Iàcob air a shlighe, agus choinnich ainglean Dhè e. Agus thubhairt Iàcob, nuair a chunnaic e iad, Is e seo feachd Dhè: agus thug e Mahanaim mar ainm air an àite sin. Agus chuir Iàcob teachdairean roimhe gu Esau a bhràthair, gu fearann Sheir, dùthaich Edoim. Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Mar seo their sibh rim thighearna Esau, Mar seo thubhairt do sheirbhiseach Iàcob, Bha mi air chuairt maille ri Làban, agus dh’fhan mi maille ris gus a‑nis: Agus tha agam buar, agus asail, treudan, agus òglaich, agus banoglaich; agus chuir mi a dh’innse dom thighearna, a‑chum gum faighinn deagh‐ghean ad shùilean. Agus thill na teachdairean gu Iàcob, ag ràdh, Thàinig sinn a dh’ionnsaigh do bhràthar Esau, agus mar an ceudna tha e a’ teachd ad chòmhdhail agus ceithir cheud fear maille ris. Agus bha Iàcob fo eagal mòr, agus ann an airc; agus roinn e an sluagh a bha maille ris, agus na treudan, agus an crodh, agus na càmhail nan dà bhuidhinn; Agus thubhairt e, Ma thig Esau gu aon de na buidhnean, agus gum buail e i, an sin thèid a’ bhuidheann a dh’fhanas as uaithe. Agus thubhairt Iàcob, O Dhè m’athar Abrahàm, agus a Dhè m’athar Isaac, a Thighearna a thubhairt rium, Till gud dhùthaich, agus gud dhìlsean, agus nì mi math dhut: Chan airidh mi air a’ chuid as lugha de na tròcairean sin uile, no den fhìrinn sin uile, a nochd thu dod sheirbhiseach; oir lem luirg thàinig mi thar an Iòrdan seo, agus tha mi a‑nis am dhà bhuidhinn. Saor mi, guidheam ort, o làimh mo bhràthar, o làimh Esau: oir tha eagal orm roimhe, gun tig e, agus gum buail e mi, agus a’ mhàthair maille ris a’ chloinn. Agus thubhairt thu, Gu cinnteach nì mi math dhut, agus nì mi do shliochd mar ghaineamh na fairge, nach faodar àireamh a‑thaobh lìonmhorachd. Agus dh’fhan e an sin an oidhche sin fhèin, agus ghabh e de na thàinig ga làimh tìodhlac airson Esau a bhràthair; Dà cheud gobhar, agus fichead boc, dà cheud caora, agus fichead reithe, Deich‐càmhail‐fhichead bhainne len searraich, dà‑fhichead bò agus deich tairbh, fichead asal bhoireann agus deich searraich. Agus thug e iad do làimh a sheirbhiseach, gach iomain leatha fhèin; agus thubhairt e ra sheirbhisich, Imichibh romham, agus cuiribh dealachadh eadar iomain agus iomain. Agus dh’àithn e dhàsan a bha air thoiseach, ag ràdh, Nuair a choinnicheas mo bhràthair Esau thu, agus a dh’fheòraicheas e dhìot, ag ràdh, Cò leis thu, agus càit a bheil thu a dol? Agus cò leis iad sin a tha romhad? An sin their thusa, Buinidh iad dod sheirbhiseach Iàcob; is tìodhlac a tha ann, a chuireadh a dh’ionnsaigh mo thighearna Esau: agus, feuch, mar an ceudna tha e fhèin nar dèidh. Agus dh’àithn e mar sin don dara seirbhiseach, agus don treas, agus dhaibhsan uile a bha a’ leantainn nan iomain, ag ràdh, Air an dòigh seo labhraidh sibh ri Esau, nuair a gheibh sibh e. Agus their sibh cuideachd, Feuch, Tha do sheirbhiseach Iàcob nar dèidh‐ne: oir thubhairt e, Nì mi rèidh e leis an tìodhlac a thèid romham, agus an dèidh sin chì mi a ghnùis; theagamh gun gabh e rium. Mar sin chaidh an tìodhlac thairis roimhe: agus dh’fhan e fhèin an oidhche sin anns a’ chuideachd. Agus dh’èirich e suas anns an oidhche sin, agus ghabh e a dhà mhnaoi, agus a dhà bhanoglaich, agus a aon‐mhac‐deug, agus chaidh e thairis air àth Iaboic. Agus ghabh e iad, agus chuir e thairis air an t‑sruth iad, agus chuir e thairis na bha aige. Agus dh’fhan Iàcob na aonar; agus ghleac duine ris, gu ruig briseadh na fàire. Agus nuair a chunnaic e nach do bhuadhaich e air, an sin bhean e ri lag a shlèisde; agus chaidh lag‐slèisde Iàcoib as an alt nuair a bha e a’ gleac ris. Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, oir tha an fhàire a’ briseadh: agus thubhairt esan, Cha leig mi air falbh thu, mura beannaich thu mi. Agus thubhairt e ris, Ciod as ainm dhut? Agas thubhairt e, Iàcob. Agus thubhairt esan, Cha ghoirear Iàcob nas mò riut mar ainm, ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran ri Dia, agus ri daoine, agus thug thu buaidh. Agus dh’fhiosraich Iàcob dheth, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, d’ainm: agus thubhairt esan, Carson a tha thu a’ farraid m’ainme? Agus bheannaich e an sin e. Agus thug Iàcob Peniel mar ainm air an àite: oir chunnaic mi Dia aghaidh ri aghaidh, agus thèarnadh m’anam. Agus dh’èirich a’ ghrian air, nuair a chaidh e seach Penuel, agus bha e bacach air a shliasaid. Uime sin chan ith clann Israeil den fhèith a chrup, a tha air lag na slèisde, gus an là‑an‑diugh; a chionn gun do bhean e ri lag‐slèisde Iàcoib anns an fhèith a chrup. Agus thog Iàcob suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha Esau a’ teachd, agus maille ris ceithir cheud fear. Agus roinn e a’ chlann do Lèah, agus do Rachel, agus don dà bhanoglaich. Agus chuir e na banoglaich agus an clann air thoiseach, agus Lèah agus a clann nan dèidh, agus Rachel agus Iòseph air dheireadh. Agus chaidh e fhèin air aghaidh romhpa, agus chrom e e fhèin gu làr seachd uairean, gus an tàinig e dlùth da bhràthair. Agus ruith Esau na choinneamh, agus ghabh e na ghlacan e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e: agus ghuil iad. Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e na mnathan agus a’ chlann; agus thubhairt e, Cò iad sin a tha maille riut? Agus thubhairt esan, A’ chlann a thug Dia gu gràsmhor dod sheirbhiseach. An sin thàinig na banoglaich am fagas, iad fhèin agus an clann, agus chrom iad iad fhèin. Agus thàinig Lèah cuideachd am fagas maille ra cloinn, agus chrom iad iad fhèin; agus an dèidh sin thàinig Iòseph am fagas agus Rachel, agus chrom iad iad fhèin. Agus thubhairt e, Ciod as ciall dhut leis an iomain seo uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh‐ghean fhaghail ann an sùilean mo thighearna. Agus thubhairt Esau, Tha agamsa pailteas, a bhràthair; glèidh dhut fhèin na bheil agad. Agus thubhairt Iàcob, Chan eadh, guidheam ort, ma fhuair mi a‑nis deagh‐ghean ad shùilean, an sin gabh mo thìodhlac om làimh: oir uime sin chunnaic mi do ghnùis, mar gum faicinn gnùis Dhè, agus thaitinn mi riut. Gabh, guidheam ort, mo bheannachadh a thugadh ad ionnsaigh, do bhrìgh gun do bhuin Dia gu toirbheartach rium, agus gu bheil agam mòr phailteas: agus rinn e ro‑earail air, agus ghabh e e. Agus thubhairt e, Gabhamaid ar turas, agus bitheamaid ag imeachd, agus thèid mise maille riut. Agus thubhairt e ris, Tha fhios aig mo thighearna gu bheil a’ chlann maoth, agus na treudan agus an fheudail a tha maille rium trom le àl; agus ma dh’iomainear iad gu dian aon là, gheibh an treud uile bàs. Rachadh, guidheam ort, mo thighearna seachad ro a sheirbhiseach: agus gabhaidh mise an t‑slighe gu socrach, a rèir mar a bhios an sprèidh a tha romham, agus a’ chlann, comasach air fhulang, gus an tig mi a dh’ionnsaigh mo thighearna gu Seir. Agus thubhairt Esau, Leig leam a‑nis cuid den mhuinntir a tha maille rium fhàgail maille riut. Agus thubhairt esan, Carson sin? Faigheam‐sa deagh‐ghean ann an sùilean mo thighearna. Mar sin thill Esau anns an là sin fhèin air a shlighe gu Seir. Agus dh’imich Iàcob gu Sucot, agus thog e dha fhèin taigh, agus rinn e bothain da sprèidh: air an adhbhar sin thugadh Sucot mar ainm air an àite. Agus thàinig Iàcob do Shàlem, baile Shecheim a tha ann an tìr Chanàain, nuair a thàinig e o Phadan‐àram; agus shuidhich e a bhùth fa chomhair a’ bhaile. Agus cheannaich e mìr fearainn, far an do shuidhich e a bhùth, o làimh clann Hamoir athair Shecheim, air ceud bonn airgid. Agus chuir e suas altair an sin, agus thug e El‑Elohe‐Israel mar ainm oirre. Agus chaidh Dinah nighean Lèah, a rug i do Iàcob, a‑mach a dh’fhaicinn nigheanan na tìre. Agus nuair a chunnaic Sechem mac Hamoir, an t‑Hibheach, uachdaran na tìre, i, ghabh e i, agus laigh e leatha, agus thruaill e i. Agus dhlùth‐lean a anam ri Dinah nighean Iàcoib, agus ghràdhaich e a’ ghruagach, agus labhair e gu caomh ris a’ ghruagaich. Agus labhair Sechem ri Hamor a athair, ag ràdh, Faigh dhòmhsa a’ ghruagach seo mar mhnaoi. Agus chuala Iàcob gun do thruaill e Dinah a nighean. A‑nis bha a mhic maille ra sprèidh anns a’ mhachair; agus bha Iàcob na thosd gus an tàinig iad. Agus chaidh Hamor, athair Shecheim, a‑mach a dh’ionnsaigh Iàcoib, a labhairt ris. Agus thàinig mic Iàcoib on mhachair nuair a chuala iad e, agus bha na daoine duilich, agus bha fearg mhòr orra; a chionn gun do rinn e amaideachd ann an Israel, ann an laighe le nighinn Iàcoib, nì nach bu chòir a dhèanamh. Agus labhair Hamor riu, ag ràdh, Tha anam mo mhic Sechem an ro‑gheall air ur nighinn: thugaibh dha i, guidheam oirbh, mar mhnaoi. Agus dèanaibh ceanglaichean‐pòsaidh rinne; ur nigheanan‐sa thugaibh dhuinne, agus ar nigheanan‐ne gabhaidh sibh dhuibhse. Agus maille rinne gabhaidh sibh còmhnaidh; agus bidh an tìr romhaibh; gabhaibh còmhnaidh, agus dèanaibh reic agus ceannachd innte, agus faighibh sealbh innte. Agus thubhairt Sechem ra h‑athair agus ra bràithrean, Faigheam deagh‐ghean nur sùilean; agus ge bè nì a their sibh rium, bheir mi dhuibh. Air a mheud is gun dèan sibh an dubhairidh orm, agus an tìodhlac, bheir mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium: a‑mhàin thugaibh dhomh a’ ghruagach mar mhnaoi. Agus fhreagair mic Iàcoib Sechem agus Hamor a athair le ceilg, agus labhair iad, a chionn gun do thruaill e Dinah am piuthar, Agus thubhairt iad riu, Chan fhaod sinne an nì seo a dhèanamh, ar piuthar a thoirt do dhuine neo‐thimcheall‐gheàrrte; oir bhiodh sin na mhasladh dhuinne. Ach an seo aontaichidh sinn leibh; ma bhios sibhse mar a tha sinne, gun timcheall‐ghearrar gach fireannach nur measg: An sin bheir sinne ar nigheanan dhuibhse, agus ur nigheanan‐se gabhaidh sinn dhuinne, agus gabhaidh sinn còmhnaidh maille ribh, agus bidh sinn nar n‑aon sluagh. Ach mura èisd sibh rinne, sibh a bhith air ur timcheall‐ghearradh, an sin gabhaidh sinne ar nighean, agus falbhaidh sinn. Agus thaitinn am briathran ri Hamor, agus ri Sechem mac Hamoir. Agus cha do chuir an t‑òganach dàil anns an nì a dhèanamh, a chionn gu robh tlachd aige ann an nighinn Iàcoib: agus bha e na b’urramaiche na taigh a athar uile. Agus thàinig Hamor agus Sechem a mhac gu geata am baile, agus labhair iad ri daoine am baile, ag ràdh, Tha na daoine seo sìochail maille rinn; air an adhbhar sin gabhadh iad còmhnaidh anns an tìr, agus dèanadh iad reic agus ceannachd innte; a‑thaobh an fhearainn, feuch, tha e farsaing nas leòr dhaibh: an nigheanan‐san gabhaidh sinne dhuinne mar mhnathan, agus ar nigheanan‐ne bheir sinne dhaibhsan. A‑mhàin anns an nì seo aontaichidh na daoine leinn, gu còmhnaidh a ghabhail maille rinn, gu bhith nar n‑aon sluagh, ma thimcheall‐ghearrar gach fireannach againne, mar a tha iadsan air an timcheall‐ghearradh. Nach leinne an sprèidh, agus am maoin, agus an ainmhidhean uile? A‑mhàin aontaicheamaid leo, agus gabhaidh iad còmhnaidh maille rinn. Agus dh’èisd gach neach a chaidh a‑mach air geata a’ bhaile ri Hamor agus ri Sechem a mhac: agus thimcheall‐ghearradh gach fireannach, iadsan uile a chaidh a‑mach air geata a’ bhaile. Agus air an treas là, nuair bha iad air an cràdh, an sin ghabh dithis de mhic Iàcoib, Simeon agus Lèbhi, bràithrean Dhinah, gach fear aca a chlaidheamh, agus thàinig iad air a’ bhaile gu dàna; agus mharbh iad gach fireannach. Agus mharbh iad Hamor agus Sechem a mhac le faobhar a’ chlaidheimh, agus thug iad Dinah à taigh Shecheim, agus chaidh iad a‑mach. Thàinig mic Iàcoib air na mairbh, agus chreach iad am baile, a chionn gun do thruaill iad am piuthar. An caoraich, agus am buar, agus an asail, agus na bha anns a’ bhaile, agus na bha anns an fhearann, thog iad: Agus am maoin uile, agus an clann bheag uile, agus am mnathan thug iad leo ann an daorsa, agus thog iad anns a’ chreich eadhon gach nì a bha a‑staigh. Agus thubhairt Iàcob ri Simeon agus ri Lèbhi, Chuir sibh trioblaid orm lem dhèanamh gràineil am measg luchd‐àiteachaidh na tìre, am measg nan Canàanach, agus nam Peridseach: agus air dhòmhsa a bhith gann an àireamh, cruinnichidh iad iad fhèin cuideachd am aghaidh, agus marbhaidh iad mi; agus cuirear as dhomh, agus dom thaigh. Agus thubhairt iad, Am bu chòir dha buntainn ri ar piuthair‐ne mar ri strìopaich? Agus thubhairt Dia ri Iàcob, Eirich, imich suas gu Betel, agus gabh còmhnaidh an sin; agus dèan an sin altair do Dhia, a dh’fhoillsich e fhèin dhut nuair a theich thu o ghnùis Esau, do bhràthair. Agus thubhairt Iàcob ra theaghlach, agus riùsan uile a bha maille ris, Cuiribh uaibh na diathan coimheach a tha nur measg, agus bithibh glan, agus mùthaibh ur n‑aodach: Agus èireamaid, agus rachamaid suas gu Betel; agus nì mise an sin altair do Dhia, a dh’èisd rium ann an là mo chruaidh‐chàis, agus a bha maille rium anns an t‑slighe air an deachaidh mi. Agus thug iad do Iàcob na diathan coimheach uile a bha nan làimh, agus an cluas‐fhàinnean a bha nan cluasan; agus dh’fhalaich Iàcob iad fon daraig a bha làimh ri Sechem. Agus dh’imich iad: agus bha eagal Dhè air na bailtean a bha mun cuairt orra, agus cha do rinn iad tòireachd air mic Iàcoib. Mar sin thàinig Iàcob gu Luds, a tha ann an tìr Chanàain, eadhon Betel, e fhèin agus an sluagh uile a bha maille ris. Agus thog e an sin altair, agus thug e El‑betel mar ainm air an àite; do bhrìgh ann an sin gun d’fhoillsich Dia e fhèin dha, nuair a theich e o ghnùis a bhràthar. Ach fhuair Deborah, banaltram Rebecah, bàs, agus dh’adhlaiceadh i fo Bhetel, fo dharaig: agus thugadh Alon‐bacut mar ainm air. Agus dh’fhoillsich Dia e fhèin do Iàcob a‑rìs, nuair a thàinig e à Padan‐àram; agus bheannaich e e. Agus thubhairt Dia ris, Is e Iàcob as ainm dhut; cha ghoirear Iàcob dhìot nas mò, ach is e Israel a bhios na ainm ort: agus thug e Israel mar ainm air. Agus thubhairt Dia ris, Is mise an Dia Uile‐chumhachdach; bi sìolmhor agus fàs lìonmhor: thig cinneach agus coitheanal chinneach uat, agus thig rìghrean a‑mach as do leasraidh. Agus am fearann a thug mi do Abrahàm agus do Isaac, dhutsa bheir mi e; agus dod shliochd ad dhèidh bheir mi am fearann. Agus chaidh Dia suas uaithe anns an àit anns an do labhair e ris. Agus chuir Iàcob suas carragh anns an àit anns an do labhair e ris, carragh cloiche, agus dhòirt e tabhartas‐dibhe air, agus dhòirt e ola air. Agus thug Iàcob Betel mar ainm air an àite far an do labhair Dia ris. Agus dh’imich iad o Bhetel, agus cha robh ach astar beag aca ri teachd gu Ephrat: agus thàinig tinneas cloinne air Rachel, agus bha saothair chruaidh oirre. Agus nuair a bha i ann an cruaidh shaothair, an sin thubhairt a’ bhean‐ghlùine rithe, Na biodh eagal ort, oir bidh am mac seo agad cuideachd. Agus nuair a bha a h‑anam a’ dealachadh rithe (oir fhuair i bàs), thug i Ben‐oni mar ainm air: ach thug a athair mar ainm air Beniàmin. Agus fhuair Rachel bàs, agus dh’adhlaiceadh i anns an t‑slighe gu Ephrat, eadhon Betlehem. Agus chuir Iàcob suas carragh air a h‑uaigh: is e seo carragh uaigh Racheil gus an là‑an‑diugh. Agus ghabh Israel a thuras, agus shuidhich e a bhùth an taobh thall de thùr Edeir. Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac‐dheug aig Iàcob: Mic Lèah: Reuben ciad‐ghin Iàcoib, agus Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Sebulun; Mic Racheil: Iòseph agus Beniàmin; Agus mic Bhilhah, banoglach Racheil: Dan agus Naphtali: Agus mic Shilpah, banoglach Lèah: Gad agus Aser. Is iad sin mic Iàcoib, a rugadh dha ann am Padan‐àram. Agus thàinig Iàcob a‑chum Isaaic, a athair, do Mhamre, gu baile Arbah, eadhon Hebron, far an robh Abrahàm agus Isaac air chuairt. Agus b’iad làithean Isaaic ceud bliadhna is ceithir‐fichead. Agus thug Isaac suas an deò, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir fhèin, agus e na sheann duine agus làn de làithean. Agus dh’adhlaic a mhic Esau agus Iàcob e. Agus is iad sin ginealaichean Esau, eadhon Edom. Ghabh Esau a mhnathan de nigheanan Chanàain; Adah nighean Eloin an t‑Hiteach, agus Aholibamah nighean Anah, nighean Shibeoin an t‑Hibheach; Agus Basemat nighean Ismaeil, piuthar Nebaioit. Agus rug Adah do Esau Eliphads; agus rug Basemat Reuel; Agus rug Aholibamah Ieus, agus Iaalam, agus Corah: is iad sin mic Esau, a rugadh dha ann an tìr Chanàain. Agus ghabh Esau a mhnathan, agus a mhic, agus a nigheanan, agus uile mhuinntir a thaighe, agus a sprèidh, agus a ainmhidhean uile, agus a mhaoin uile, a fhuair e ann an tìr Chanàain, agus chaidh e do thìr eile o ghnùis a bhràthar Iàcob. Oir bha an saoibhreas na bu mhò na gum faodadh iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd; agus cha b’urrainn an tìr anns an robh iad nan coigrich an giùlan airson an sprèidhe. Mar seo ghabh Esau còmhnaidh ann an sliabh Sheir: is e Esau Edom. Agus is iad sin ginealaichean Esau, athair nan Edomach, ann an sliabh Sheir: Is iad sin ainmean mic Esau: Eliphads mac Adah bean Esau, Reuel mac Bhasemait bean Esau. Agus b’iad mic Eliphaids Teman, Omar, Sepho, agus Gatam, agus Cenads. Agus bha Timna na coileabach aig Eliphads, mac Esau; agus rug i do Eliphads Amalec: b’iad sin mic Adah, bean Esau. Agus is iad sin mic Reueil: Nahat, agus Serah, Samah, agus Midsah: b’iad sin mic Bhasemait, bean Esau. Agus b’iad sin mic Aholibamah, nighean Anah nighinn Shibeoin, bean Esau: agus rug i do Esau Ieus, agus Iaalam, agus Corah. B’iad sin cinn‐fheadhna mic Esau: mic Eliphaids, ciad‐ghin Esau; ceann‐feadhna Teman, ceann‐feadhna Omar, ceann‐feadhna Sepho, ceann‐feadhna Cenads, Ceann‐feadhna Corah, ceann‐feadhna Gatam, agus ceann‐feadhna Amalec: is iad sin na cinn‐fheadhna a thàinig o Eliphads, ann an tìr Edoim: b’iad sin mic Adah. Agus is iad sin mic Reueil mhic Esau; ceann‐feadhna Nahat, ceann‐feadhna Serah, ceann‐feadhna Samah, ceann‐feadhna Midsah. Is iad sin na cinn‐fheadhna a thàinig o Reuel, ann an tìr Edoim: is iad sin mic Bhasemait, bean Esau. Agus is iad sin mic Aholibamah, bean Esau: ceann‐feadhna Ieus, ceann‐feadhna Iaalam, ceann‐feadhna Corah; b’iad sin na cinn‐fheadhna a thàinig o Aholibamah nighean Anah, bean Esau. Is iad sin mic Esau, eadhon Edom; agus is iad sin an cinn‐fheadhna. Is iad sin mic Sheir an t‑Horach, luchd‐àiteachaidh na tìre: Lotan, agus Sobal, agus Sibeon, agus Anah. Agus Dison, agus Edsere, agus Disan; is iad sin cinn‐fheadhna nan Horach, clann Sheir, ann an tìr Edoim. Agus b’iad clann Lotain Hori agus Heman: agus b’i Timna piuthar Lotain. Agus b’iad sin clann Shobail: Albhan, agus Manahat, agus Ebal, Sepho, agus Onam. Agus b’iad sin clann Shibeoin: araon Aiah agus Anah: b’e seo an t‑Anah a fhuair a‑mach na muileidean anns an fhàsach, nuair a bha e ag ionaltradh asail Shibeoin a athair. Agus b’iad sin clann Anah: Dison agus Aholibamah nighean Anah. Agus b’iad sin clann Dhisoin: Hemdan, agus Esban, agus Itran, agus Cheran. B’iad sin clann Edseir: Bilhan, agus Saabhan, agus Achan. B’iad sin clann Dhisain: Uds agus Aran. B’iad sin cinn‐fheadhna nan Horach: ceann‐feadhna Lotan, ceann‐feadhna Sobal, ceann‐feadhna Sibeon, ceann‐feadhna Anah, Ceann‐feadhna Dison, ceann‐feadhna Edser, ceann‐feadhna Disan: is iad sin na cinn‐fheadhna a thàinig o Hori, am measg an ceann‐feadhna‑san ann an tìr Sheir. Agus is iad sin na rìghrean a rìghich ann an tìr Edoim, mun do rìghich rìgh sam bith air cloinn Israeil. Agus rìghich ann an Edom Belah mac Bheoir; agus b’e ainm a bhaile Dinhabah. Agus dh’eug Belah, agus rìghich Iobab mac Sherah o Bhosrah na àite. Agus dh’eug Iobab, agus rìghich Husam o thìr Themani na àite. Agus dh’eug Husam, agus rìghich Hadad mac Bhedaid, a bhuail Midian ann am fearann Mhòaib, na àite: agus b’e ainm a bhaile Abhit. Agus dh’eug Hadad, agus rìghich Samlah o Mhasrecah na àite. Agus dh’eug Samlah, agus rìghich Saul o Rehobot, làimh ris an abhainn, na àite. Agus dh’eug Saul, agus rìghich Bàal‐hanan mac Achboir na àite. Agus dh’eug Bàal‐hanan mac Achboir, agus rìghich Hadar na àite: agus b’e ainm a bhaile Pau; agus ainm a mhnà Mehetabel, nighean Mhatreid nighinn Mhedsahaib. Agus is iad sin ainmean nan ceann‐feadhna a thàinig o Esau, a rèir an teaghlaichean, a rèir an àiteachan, nan ainmean: ceann‐feadhna Timnah, ceann‐feadhna Albhah, ceann‐feadhna Ietet, Ceann‐feadhna Aholibamah, ceann‐feadhna Elah, ceann‐feadhna Pinon, Ceann‐feadhna Cenads, ceann‐feadhna Teman, ceann‐feadhna Mibsar, Ceann‐feadhna Magdiel, ceann‐feadhna Iram: is iad sin cinn‐fheadhna Edoim, a rèir an àiteachan‐còmhnaidh, ann an tìr an seilbh; is esan Esau, athair nan Edomach. Agus ghabh Iàcob còmhnaidh anns an tìr anns an robh a athair na choigreach, ann an tìr Chanàain. Is iad seo ginealaichean Iàcoib: nuair a bha Iòseph seachd‐bliadhna‑deug a dh’aois, bha e a’ buachailleachd an treuda maille ra bhràithrean, agus bha an t‑òganach maille ri mic Bhilhah, agus maille ri mic Shilpah, mnathan a athar; agus thug Iòseph an droch thuairisgeul‐san a dh’ionnsaigh a athar. Agus bu docha le Israel Iòseph na a mhic uile, a chionn gum b’e mac a sheann aois e: agus rinn e dha còta de iomadh dath. Agus nuair a chunnaic a bhràithrean gum bu docha le a athair e na a bhràithrean uile, dh’fhuathaich iad e, agus cha b’urrainn iad labhairt ris gu sìochail. Agus chunnaic Iòseph aisling, agus dh’innis e da bhràithrean i, agus dh’fhuathaich iad e fhathast nas mò. Agus thubhairt e riu, Eisdibh, guidheam oirbh, ris an aisling seo a chunnaic mi: Oir, feuch, bha sinn a’ ceangal sguab anns an achadh, agus, feuch, dh’èirich mo sguab‐sa suas, agus sheas i gu dìreach; agus, feuch, sheas ur sguaban‐se mun cuairt oirre, agus rinn iad ùmhlachd dom sguaib‐sa. Agus thubhairt a bhràithrean ris, Am bi thusa gun amharas ad rìgh oirnne? Am bi agad da‑rìribh tighearnas oirnne? Agus dh’fhuathaich iad e fhathast nas mò airson a aislingean, agus airson a bhriathran. Agus chunnaic e fhathast aisling eile, agus dh’innis e da bhràithrean i, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi aisling eile; agus, feuch, rinn a’ ghrian agus a’ ghealach, agus an aon‐reul‐deug, ùmhlachd dhomh. Agus dh’innis e da athair i, agus da bhràithrean: agus thug a athair achmhasan dha, agus thubhairt e ris, Ciod i an aisling seo a chunnaic thu? An e gun tig da‑rìribh mise, agus do mhàthair, agus do bhràithrean, a‑chum sinn fhèin a chromadh sìos dhutsa gu làr? Agus bha farmad aig a bhràithrean ris; ach thug a athair fa‑near a’ chainnt. Agus chaidh a bhràithrean a dh’ionaltradh treud an athar do Shechem. Agus thubhairt Israel ri Iòseph. Nach eil do bhràithrean ag ionaltradh an treud ann an Sechem? Thig, agus cuiridh mi thu dan ionnsaigh. Agus thubhairt e ris, Tha mise an seo. Agus thubhairt e ris, Imich, guidheam ort, faic a bheil do bhràithrean gu math, agus a bheil an treud gu math; agus thoir fios am ionnsaigh a‑rìs. Mar sin chuir e a‑mach e à gleann Hebroin, agus thàinig e gu Sechem. Agus fhuair duine àraidh e, agus, feuch, bha e air seachran anns a’ mhachair: agus dh’fheòraich an duine dheth ag ràdh, Ciod a tha thu ag iarraidh? Agus thubhairt e, Tha mi ag iarraidh mo bhràithrean: innis dhomh, guidheam ort, càit a bheil iad ag ionaltradh an treud. Agus thubhairt an duine, Dh’fhalbh iad à seo: oir chuala mi iad ag ràdh, Rachamaid gu Dòtan. Agus chaidh Iòseph an dèidh a bhràithrean, agus fhuair e iad ann an Dòtan. Agus nuair a chunnaic iad e fada uapa, eadhon mun tàinig e am fagas dhaibh, chuir iad an comhairle ri chèile na aghaidh gus a mharbhadh. Agus thubhairt iad ri chèile, Feuch, tha an t‑aislingiche seo a’ teachd. Thigibh a‑nis matà, agus marbhamaid e, agus tilgeamaid e ann an sloc‐eigin; agus their sinn, Chuir droch bhèist‐eigin as dha: agus chì sinn ciod gus an tig a aislingean. Agus chuala Reuben seo, agus shaor e as an làimh e, agus thubhairt e, Na cuireamaid gu bàs e. Agus thubhairt Reuben riu, Na dòirtibh fuil; tilgibh e anns an t‑sloc seo a tha anns an fhàsach, agus làmh na cuiribh air; a‑chum is gun saoradh e as an làimh e, agus gun aisigeadh e a‑rìs da athair e. Agus nuair a thàinig Iòseph a dh’ionnsaigh a bhràithrean, an sin bhuin iad de Iòseph a chòta, còta nan iomadh dath, a bha air. Agus ghabh iad e, agus thilg iad e ann an sloc; agus bha an sloc falamh, gun uisge ann. Agus shuidh iad sìos a dh’ithe arain; agus thog iad suas an sùilean agus dh’amhairc iad, agus, feuch, bha cuideachd de chloinn Ismaeil a’ teachd o Ghilead, len càmhail a’ giùlan spìosraidh, agus ìocshlaint, agus mirr, a’ dol gus an toirt sìos don Èiphit. Agus thubhairt Iùdah ra bhràithrean, Ciod an tairbhe a bhios ann dhuinne, ma mharbhas sinn ar bràthair, agus ma cheileas sinn a fhuil? Thigibh, agus reiceamaid e ris na h‑Ismaelich, agus na cuireamaid làmh air: oir is e ar bràthair e, agus ar feòil: agus dh’èisd a bhràithrean ris. An sin chaidh Midianaich seachad, ceannaichean; agus tharraing iad agus thog iad suas Iòseph as an t‑sloc, agus reic iad Iòseph ris na h‑Ismaelich air fichead bonn airgid. Agus thug iadsan Iòseph don Èiphit. Agus thill Reuben a dh’ionnsaigh an t‑sluic; agus, feuch, cha robh Iòseph anns an t‑sloc: agus reub e a aodach. Agus thill e a dh’ionnsaigh a bhràithrean, agus thubhairt e, Chan eil an leanabh ann, agus, mise, càit an tèid mi? Agus ghabh iad còta Iòseiph, agus mharbh iad meann de na gobhair, agus thum iad an còta anns an fhuil. Agus chuir iad uapa còta nan iomadh dath, agus thug iad e a dh’ionnsaigh an athar; agus thubhairt iad, Fhuair sinne seo: aithnich a‑nis an e seo còta do mhic, no nach e. Agus dh’aithnich e e, agus thubhairt e, Còta mo mhic; chuir droch bhèist as dha: tha Iòseph gun teagamh air a reubadh as a chèile. Agus reub Iàcob a aodach, agus chuir e aodach‐saic air a leasraidh, agus rinn e bròn airson a mhic rè mòran làithean. Agus dh’èirich a mhic uile agus a nigheanan uile suas, a thoirt sòlais dha; ach dhiùlt esan sòlas a ghabhail; agus thubhairt e, Oir thèid mi sìos don uaigh a‑chum mo mhic ri bròn. Mar seo rinn a athair caoidh air a shon. Agus reic na Midianaich e anns an Èiphit ri Potiphar, oifigeach le Phàraoh, ceannard an fhreiceadain. Agus anns an àm sin fhèin chaidh Iùdah sìos o a bhràithrean, agus thionndaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh Adulamaich àraidh, dom b’ainm Hirah. Agus chunnaic Iùdah an sin nighean Canàanaich àraidh, dom b’ainm Suah: agus ghabh e i, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh. Agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac: agus thug e Er mar ainm air. Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac; agus thug i Onan mar ainm air. Agus dh’fhàs i torrach fhathast, agus rug i mac; agus thug i Selah mar ainm air: agus bha esan ann an Chedsib, nuair a rug i e. Agus ghabh Iùdah bean do Er a chiad‐ghin, dom b’ainm Tàmar. Agus bha Er, ciad‐ghin Iùdah, aingidh ann an sealladh an Tighearna; agus mharbh an Tighearna e. Agus thubhairt Iùdah ri Onan, Falbh a‑steach a dh’ionnsaigh bean do bhràthar, agus pòs i, agus tog suas sliochd dod bhràthair. Agus bha fhios aig Onan nach b’ann leis fhèin a bhiodh an sliochd; agus nuair a chaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh bean a bhràthar, dhòirt e air a’ bhlàr e, a‑chum nach tugadh e sliochd da bhràthair. Agus bha an nì a rinn e olc ann an sealladh an Tighearna: uime sin mharbh e esan mar an ceudna. An sin thubhairt Iùdah ri Tàmar, bean a mhic, Fan ad bhantraich ann an taigh d’athar, gus am fàs mo mhac Selah suas; oir thubhairt e, Air eagal gum faigheadh esan bàs mar an ceudna mar a fhuair a bhràithrean. Agus dh’fhalbh Tàmar, agus dh’fhan i ann an taigh a h‑athar. Agus ùine fhada an dèidh sin fhuair nighean Shuah, bean Iùdah, bàs: agus thog Iùdah a mhisneach, agus chaidh e suas a dh’ionnsaigh luchd‐lomairt a chaorach, e fhèin agus a charaid Hirah an t‑Adulamach, gu Timnat. Agus dh’innseadh do Thàmar, ag ràdh, Feuch, tha d’athair‐cèile a’ dol suas gu Timnat a lomairt a chaorach. Agus chuir i a culaidh‐bantraich dhith, agus chòmhdaich i i fhèin le gnùis‐bhrat, agus phaisg i i fhèin, agus shuidh i ann an ionad follaiseach a tha làimh ris an t‑slighe gu Timnat: oir chunnaic i gun d’fhàs Selah suas, agus nach tugadh i dha mar mhnaoi. Nuair a chunnaic Iùdah i, shaoil e gum bu strìopach i, a chionn gun do chòmhdaich i a h‑aodann. Agus thionndaidh e da h‑ionnsaigh air an t‑slighe, agus thubhairt e, Leig leam, guidheam ort, teachd a‑steach ad ionnsaigh; oir cha robh fhios aige gum b’i bean a mhic i: agus thubhairt i, Ciod a bheir thu dhomh, a‑chum is gun tig thu a‑steach am ionnsaigh? Agus thubhairt esan, Cuiridh mi meann ad ionnsaigh on treud: agus thubhairt ise, An toir thu geall dhomh gus an cuir thu am ionnsaigh e? Agus thubhairt e, Ciod an geall a bheir mi dhut? Agus thubhairt ise, Do sheula, agus do làmh‐fhailean, agus do lorg a tha ann ad làimh: agus thug e dhi iad, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh, agus rinneadh i torrach leis. Agus dh’èirich i, agus dh’fhalbh i roimhpe, agus chuir i seachad a gnùis‐bhrat uaipe, agus chuir i a culaidh‐bantraich oirre. Agus chuir Iùdah am meann le làimh a charaid an t‑Adulamach, a‑chum is gum faigheadh e an geall o làimh na mnà: ach cha d’fhuair e i. An sin dh’fheòraich e de dhaoine an àite sin, ag ràdh, Càit a bheil an strìopach a bha gu follaiseach ri taobh na slighe? Agus thubhairt iadsan, Cha robh strìopach sam bith an seo. Agus thill e a dh’ionnsaigh Iùdah, agus thubhairt e, Cha d’fhuair mi i: agus mar an ceudna thubhairt daoine an àite, Cha robh strìopach sam bith an seo. Agus thubhairt Iùdah, Gabhadh i dhi fhèin e, air eagal gum maslaichear sinn: feuch, chuir mi am meann seo da h‑ionnsaigh, agus cha d’fhuair thu i. Agus beul ri trì mìosan an dèidh sin, dh’innseadh do Iùdah, ag ràdh, Rinn Tàmar, bean do mhic, strìopachas; agus, feuch, cuideachd, tha i torrach le strìopachas. Agus thubhairt Iùdah, Thugaibh a‑mach i, agus loisgear i. Nuair a thugadh a‑mach i, chuir i fios a dh’ionnsaigh a h‑athar‐cèile, ag ràdh, Aig an fhear dom buin iad sin tha mise leatromach: agus thubhairt i, Faic, guidheam ort, cò leis an seula, agus na làmh‐fhailean, agus an lorg seo. Agus ghabh Iùdah riu, agus thubhairt e, Bha i na bu cheirte na mise, a chionn nach tug mi i do Shelah mo mhac. Agus cha robh aithne aige oirre nas mò. Agus nuair a bha i ri saothair chloinne, feuch, bha leth‐aona na bolg. Agus nuair a bha i ri saothair, chuir aon dhiubh a‑mach a làmh: agus rug a’ bhean‐ghlùine air a làimh, agus cheangail i snàthainn sgàrlaid oirre, ag ràdh, Thàinig e seo a‑mach an toiseach. Agus nuair a tharraing e a làmh air ais, feuch, thàinig a bhràthair a‑mach; agus thubhairt ise, Cionnas a bhris thu a‑mach? Biodh am briseadh seo ortsa. Uime sin thugadh Phareds mar ainm air. Agus an dèidh sin thàinig a bhràthair a‑mach, aig an robh an snàthainn sgàrlaid air a làimh; agus thugadh Sàrah mar ainm air. Agus thugadh Iòseph sìos don Èiphit; agus cheannaich Potiphar, oifigeach le Phàraoh, ceannard an fhreiceadain, Èiphiteach, e o làimh nan Ismaeleach, a thug sìos an sin e. Agus bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus bha e na dhuine leis an do shoirbhich gach nì; agus bha e ann an taigh a mhaighistir, an t‑Èiphiteach. Agus chunnaic a mhaighistir gu robh an Tighearna maille ris, agus gun tug an Tighearna air gach nì a rinn e soirbheachadh na làimh. Agus fhuair Iòseph deagh‐ghean na shealladh, agus rinn e seirbhis dha; agus rinn e e na fhear‐riaghlaidh air a thaigh, agus gach nì a bha aige chuir e fo a làimh. Agus on àm sin fhèin anns an do rinn e e na fhear‐riaghlaidh air a thaigh, agus air gach nì a bha aige, bheannaich an Tighearna taigh an Èiphitich air sgàth Iòseiph: agus bha beannachadh an Tighearna air gach nì a bha aige, anns an taigh agus anns a’ mhachair. Agus dh’fhàg e gach nì a bha aige an làimh Iòseiph, agus cha b’fhios dha aon nì a bha aige, saor on aran a bha e ag ithe. Agus bha Iòseph na dhuine maiseach, agus sgiamhach anns an aghaidh. Agus an dèidh nan nithean sin leag bean a mhaighistir a sùilean air Iòseph agus thubhairt i, Laigh leamsa. Agus dhiùlt esan agus thubhairt e ri mnaoi a mhaighistir, Feuch, chan eil fhios aig mo mhaighistir ciod a tha maille rium anns an taigh, agus gach nì a tha aige chuir e fom làimh‐sa; Chan eil neach anns an taigh seo as mò na mise; agus cha do chùm e uam nì sam bith ach thusa, a chionn gur tu a bhean: cionnas uime sin a nì mise an t‑olc mòr seo, agus a pheacaicheas mi an aghaidh Dhè? Agus thachair e, nuair a labhair i ri Iòseph o là gu là, nach èisdeadh esan rithe, gu laighe leatha, no a bhith maille rithe. Agus thachair e, air là àraidh, gun deachaidh esan a‑steach don taigh a dhèanamh a obrach fhèin, agus cha robh aon de dhaoine an taighe an sin a‑staigh. Agus rug i air air a aodach‐uachdair, ag ràdh, Laigh leamsa: agus dh’fhàg e a aodach‐uachdair na làimh, agus theich e, agus thàr e a‑mach. Agus nuair a chunnaic ise gun d’fhàg e a aodach‐uachdair na làimh, agus gun do theich e a‑mach, An sin ghairm i air daoine a taighe, agus labhair i riu, ag ràdh, Faicibh, thug e a‑steach dar n‑ionnsaigh Eabhraidheach gar maslachadh: thàinig e a‑steach am ionnsaigh‐sa a laighe leam, agus ghlaodh mise le guth àrd: Agus nuair a chuala e gun do thog mi suas mo ghuth, agus gun do ghlaodh mi, an sin dh’fhàg e a aodach‐uachdair maille rium, agus theich e, agus chaidh e a‑mach. Agus thaisg i a aodach‐uachdair làimh rithe, gus an tàinig a thighearna dhachaigh. Agus labhair i ris a rèir nam briathran seo, ag ràdh, Thàinig an seirbhiseach Eabhraidheach, a thug thu dar n‑ionnsaigh, a‑steach am ionnsaigh‐sa gum mhaslachadh: Agus nuair a thog mise suas mo ghuth agus a ghlaodh mi, an sin dh’fhàg e a aodach‐uachdair maille rium, agus theich e a‑mach. Agus nuair a chuala a mhaighistir briathran a mhnà a labhair i ris, ag ràdh, Air an dòigh seo rinn do sheirbhiseach orm; an sin las a fhearg suas. Agus ghabh maighistir Iòseiph e, agus chuir e anns a’ phrìosan e, far an robh prìosanaich an rìgh ceangailte: agus bha e an sin anns a’ phrìosan. Ach bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus nochd e tròcair dha, agus thug e dha deagh‐ghean ann an sùilean fear‐gleidhidh a’ phrìosain. Agus chuir fear‐gleidhidh a’ phrìosain fo làimh Iòseiph na prìosanaich uile a bha anns a’ phrìosan; agus gach nì a rinn iad an sin, b’esan a rinn e. Cha d’amhairc fear‐gleidhidh a’ phrìosain air nì sam bith a bha fo a làimh, a chionn gu robh an Tighearna maille ris; agus an nì sin a rinn e thug an Tighearna air soirbheachadh leis. Agus an dèidh nan nithean sin, chuir buidealair rìgh na h‑Èiphit, agus a fhuineadair, fearg air an tighearna, rìgh na h‑Èiphit. Agus bha corraich mhòr air Phàraoh ri dithis de a sheirbhisich, ris an àrd‐bhuidealair, agus ris an àrd‐fhuineadair. Agus chuir e an làimh iad ann an taigh ceannard an fhreiceadain anns a’ phrìosan, far an robh Iòseph ceangailte. Agus chuir ceannard an fhreiceadain an cùram air Iòseph, agus fhritheil e dhaibh; agus dh’fhan iad tamall ann an làimh. Agus chunnaic iad aisling le chèile, gach fear aca a aisling fhèin anns an aon oidhche, gach fear a rèir eadar‐mhìneachadh a aislinge; buidealair agus fuineadair rìgh na h‑Èiphit, a bha ceangailte anns a’ phrìosan. Agus thàinig Iòseph a‑steach dan ionnsaigh anns a’ mhadainn, agus dh’amhairc e orra, agus, feuch, bha iad dubhach. Agus dh’fheòraich e de sheirbhisich Phàraoh, a bha an làimh maille ris ann an taigh a thighearna, ag ràdh, Carson a tha ur gnùis cho muladach an‑diugh? Agus thubhairt iad ris, Chunnaic sinn aisling, agus chan eil neach againn a dh’eadar‐mhìnicheas i. Agus thubhairt Iòseph riu, Nach ann o Dhia a tha gach eadar‐mhìneachadh? Innsibh dhòmhsa iad, guidheam oirbh. Agus dh’innis an t‑àrd‐bhuidealair a aisling do Iòseph, agus thubhairt e ris, Am aisling‐sa, feuch, bha fìonain fam chomhair; Agus air an fhìonain bha trì meanglain; agus bha i mar gum biodh i a’ briseadh a‑mach, agus thàinig i fo làn bhlàth; agus thug a bagaidean dearcan abaich uapa. Agus bha cupan Phàraoh am làimh; agus ghabh mi na fìon‐dhearcan, agus dh’fhàisg mi iad ann an cupan Phàraoh, agus thug mi an cupan do làimh Phàraoh. Agus thubhairt Iòseph ris, Is e seo a h‑eadar‐mhìneachadh: Na trì meanglain, is trì làithean iad: Eadhon an ceann trì làithean togaidh Phàraoh suas do cheann, agus bheir e a‑rìs gud àite fhèin thu; agus bheir thu cupan Phàraoh na làimh, mar a b’àbhaist dhut roimhe, nuair a bha thu ad bhuidealair aige. Ach cuimhnich thusa ormsa nuair a dh’èireas gu math dhut, agus dèan, guidheam ort, coibhneas dhomh, agus dèan iomradh orm ri Phàraoh, agus thoir a‑mach mi as an taigh seo: Oir, gu deimhinn, ghoideadh air falbh mi à tìr nan Eabhraidheach, agus, mar an ceudna, an seo cha do rinn mi nì sam bith gun cuireadh anns an t‑sloc mi. Nuair a chunnaic an t‑àrd‐fhuineadair gun d’eadar‐mhìnich e gu math, thubhairt e ri Iòseph, Bha mise mar an ceudna am aisling, agus, feuch, bha trì basgaidean geala air mo cheann: Agus anns a’ bhasgaid a b’àirde bha de gach seòrsa bìdh airson Phàraoh de dheasachadh an fhuineadair; agus dh’ith an eunlaith iad a‑mach as a’ bhasgaid air mo cheann. Agus fhreagair Iòseph, agus thubhairt e, Is e seo a h‑eadar‐mhìneachadh: Na trì basgaidean, is trì làithean iad: An ceann trì làithean togaidh Phàraoh suas do cheann dhìot, agus crochaidh e thu air crann, agus ithidh an eunlaith d’fheòil dhìot. Agus air an treas là, co‑ainm là‑breithe Phàraoh, rinn e cuirm da sheirbhisich uile: agus thog e suas ceann an àrd‐bhuidealair, agus ceann an àrd‐fhuineadair am measg a sheirbhiseach. Agus thug e an t‑àrd‐bhuidealair a‑chum a bhuidealaireachd a‑rìs; agus thug e an cupan do làimh Phàraoh: Ach chroch e an t‑àrd‐fhuineadair, mar a dh’eadar‐mhìnich Iòseph dhaibh. Gidheadh, cha do chuimhnich an t‑àrd‐bhuidealair air Iòseph, ach dhìochuimhnich e e. Agus an ceann dà bhliadhna iomlan chunnaic Phàraoh aisling; agus feuch, sheas e làimh ris an abhainn: Agus, feuch, thàinig a‑nìos as an abhainn seachd bà, sgiamhach rim faicinn, agus reamhar ann am feòil; agus bha iad ag ionaltradh ann am mìn‐fheur, Agus, feuch, thàinig seachd bà eile a‑nìos nan dèidh as an abhainn, grànda rim faicinn, agus caol nam feòil: agus sheas iad làimh ris na bà eile, air bruaich na h‑aibhne. Agus dh’ith na bà a bha grànda rim faicinn, agus caol nam feòil, suas na seachd bà sgiamhach agus reamhar. Mar sin dhùisg Phàraoh. Agus chaidil e, agus chunnaic e aisling an dara uair: agus, feuch, dh’èirich suas seachd diasan arbhair air aon choinnlein, reachdmhor agus math. Agus, feuch, dh’fhàs suas nan dèidh seachd diasan caola, agus air an seargadh leis a’ ghaoith an ear. Agus shluig na seachd diasan caola suas na seachd diasan reachdmhor agus làn: agus dhùisg Phàraoh, agus, feuch, b’aisling a bha ann. Agus anns a’ mhadainn bha a spiorad air a bhuaireadh; agus chuir e fios uaithe, agus ghairm e uile dhraoidhean na h‑Èiphit, agus a daoine glice uile: agus dh’innis Phàraoh a aislingean dhaibh; ach cha robh neach ann a dh’eadar‐mhìnicheadh iad do Phàraoh. An sin labhair an t‑àrd‐bhuidealair ri Phàraoh, ag ràdh, An‑diugh tha mise a’ cuimhneachadh mo lochdan: Bha fearg air Phàraoh ra sheirbhisich, agus chuir e mise an làimh ann an taigh ceannard an fhreiceadain, araon mise agus an t‑àrd‐fhuineadair: Agus chunnaic sinn aisling anns an aon oidhche, mise agus esan: chunnaic gach fear againn aisling a rèir eadar‐mhìneachadh a aislinge. Agus bha an sin maille rinn òganach Eabhraidheach, seirbhiseach do cheannard an fhreiceadain; agus dh’innis sinn dha, agus dh’eadar‐mhìnich e dhuinn ar n‑aislingean: do gach fear againn a rèir a aislinge dh’eadar‐mhìnich e. Agus mar a dh’eadar‐mhìnich e dhuinn, mar sin bha e: mise chuir e a‑rìs ann am àite, agus esan chroch e. Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus ghairm e Iòseph, agus thug iad le cabhaig a‑mach as an t‑sloc e: agus bheàrr e e fhèin agus mhùth e a aodach, agus thàinig e a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh. Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Chunnaic mi aisling, agus chan eil neach ann a dh’eadar‐mhìnicheas i: agus chuala mi air a ràdh mud thimcheall‐sa, nuair a chluinneas tu aisling, gur aithne dhut a h‑eadar‐mhìneachadh. Agus fhreagair Iòseph Phàraoh, ag ràdh, Chan eil e annamsa: bheir Dia freagradh sìthe do Phàraoh. Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Ann am aisling, feuch, sheas mi air bruaich na h‑aibhne: Agus, feuch, thàinig a‑nìos as an abhainn seachd bà, reamhar am feòil, agus sgiamhach ann an cruth; agus bha iad ag ionaltradh ann am mìn‐fheur; Agus, feuch, thàinig seachd bà eile a‑nìos nan dèidh, bochd agus ro‑ghrànda, agus caol ann am feòil: chan fhaca mi an samhail riamh ann an uile thìr na h‑Èiphit air olcas: Agus dh’ith na bà caola agus grànda suas na ciad seachd bà reamhar: Agus nuair a dh’ith iad suas iad chan aithnichte orra gun d’ith iad iad; ach bha iad grànda rim faicinn, mar an toiseach. An sin dhùisg mi. Agus chunnaic mi am aisling; agus, feuch, thàinig a‑nìos seachd diasan air aon choinnlein, làn agus math: Agus, feuch, dh’fhàs suas nan dèidh seachd diasan, air an crìonadh, caol, agus seargte leis a’ ghaoith an ear; Agus shluig na diasan caola suas na seachd diasan matha: agus dh’innis mi seo do na draoidhean; ach cha robh neach ann a b’urrainn a’ chùis fhoillseachadh dhomh. Agus thubhairt Iòseph ri Phàraoh, Aisling Phàraoh, is aon i: an nì sin a tha Dia gus a dhèanamh, dh’fhoillsich e do Phàraoh. Na seachd bà matha, is seachd bliadhna iad; agus na seachd diasan matha, is seachd bliadhna iad: is aon an aisling. Agus na seachd bà caola agus grànda a thàinig a‑nìos nan dèidh, is seachd bliadhna iad; agus na seachd diasan fàs, seargte leis a’ ghaoith an ear, bidh iad nan seachd bliadhna gorta. Seo an nì a thubhairt mi ri Phàraoh: An nì a tha Dia gus a dhèanamh, nochd e do Phàraoh. Feuch, tha seachd bliadhna mòr‐phailteis a’ teachd air feadh tìr na h‑Èiphit uile: Agus èiridh seachd bliadhna gorta suas nan dèidh, agus dìochuimhnichear am pailteas uile ann an tìr na h‑Èiphit; agus claoidhidh a’ ghorta an tìr; Agus chan aithnichear am pailteas anns an tìr, airson na gorta a leanas, oir bidh i ro‑throm. Agus a‑thaobh gun do dhùblaicheadh an aisling do Phàraoh dà uair, tha sin a chionn gu bheil an nì air a shuidheachadh le Dia; agus bheir Dia ann an aithghearradh gu crìch e. A‑nis uime sin, amhairceadh Phàraoh a‑mach airson duine a tha tuigseach agus glic, agus cuireadh e os cionn tìr na h‑Èiphit e. Dèanadh Phàraoh seo, agus òrdaicheadh e luchd‐riaghlaidh os cionn na tìre, agus togadh iad an còigeamh cuid de thoradh tìr na h‑Èiphit anns na seachd bliadhna pailteis. Agus cruinnicheadh iad uile bhiadh nam bliadhnachan matha sin ri teachd, agus taisgeadh iad suas arbhar fo làimh Phàraoh, agus gleidheadh iad biadh anns na bailtean. Agus bidh am biadh sin na thaisgeach don tìr, fa chomhair nan seachd bliadhna gorta a bhios ann an tìr na h‑Èiphit; a‑chum is nach tèid as don tìr leis a’ ghorta. Agus bha a’ chomhairle math ann an sùilean Phàraoh, agus ann an sùilean a sheirbhiseach uile. Agus thubhairt Phàraoh ra sheirbhisich, A bheil e an comas dhuinn a leithid seo de dhuine fhaotainn, anns a bheil spiorad Dhè? Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, A‑thaobh gun d’fhoillsich Dia seo uile dhut, chan eil neach ann cho tuigseach agus cho glic riut fhèin: Bidh tu os cionn mo thaighe‐sa, agus a rèir d’fhacail bidh mo shluagh uile air an riaghladh: a‑mhàin anns an rìgh‐chathair bidh mise nas mò na thu. Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Faic, chuir mi thu os cionn uile thìr na h‑Èiphit. Agus thug Phàraoh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus chuir e air làimh Iòseiph e; agus sgeadaich e e ann an trusgan de lìon‐aodach grinn, agus chuir e slabhraidh òir ma mhuineal. Agus thug e air marcachd anns an dara carbad a bha aige fhèin; agus ghlaodh iad roimhe, Lùbaibh an glùn; agus rinn e e na uachdaran air tìr na h‑Èiphit uile. Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Is mise Phàraoh, agus as d’eugmhais‐sa cha tog duine suas a làmh no a chas ann an tìr na h‑Èiphit uile. Agus thug Phàraoh Saphnat‐paaneah mar ainm air Iòseph; agus thug e dha Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, mar mhnaoi: agus chaidh Iòseph a‑mach air feadh uile thìr na h‑Èiphit. Agus bha Iòseph deich‐bliadhna‑fichead a dh’aois nuair a sheas e am fianais Phàraoh rìgh na h‑Èiphit: agus chaidh Iòseph a‑mach o làthair Phàraoh, agus chaidh e tro thìr na h‑Èiphit uile. Agus thug an talamh a‑mach anns na seachd bliadhna pailteis na ghlacaidean. Agus chruinnich e ri chèile uile bhiadh nan seachd bliadhna, a bha ann an tìr na h‑Èiphit; agus thaisg e suas biadh anns na bailtean: biadh fearann gach baile, a bha mun cuairt air, thaisg e suas ann. Agus chuir Iòseph ri chèile sìol mar ghaineamh na fairge, ro‑mhòran, gus an do sguir e de a àireamh: oir bha e gun àireamh. Agus do Iòseph rugadh dithis mhac mun tàinig bliadhnachan na gorta, a rug Asenat dha, nighean Photipherah, sagart Oin. Agus thug Iòseph Manaseh mar ainm air a’ chiad‐ghin; oir thug Dia orm, arsa esan, mo shaothair uile a dhìochuimhneachadh, agus taigh m’athar uile. Agus air an dara mac thug e Ephraim mar ainm; oir thug Dia orm, arsa esan, a bhith sìolmhor ann an tìr m’àmhghair. Agus chrìochnaicheadh seachd bliadhna a’ phailteis a bha ann an tìr na h‑Èiphit. Agus thòisich seachd bliadhna na gorta ri teachd, mar a thubhairt Iòseph; agus bha a’ ghorta anns na dùthchannan uile: ach ann an uile thìr na h‑Èiphit bha aran. Agus nuair a bha tìr na h‑Èiphit uile ann an uireasbhaidh, an sin ghlaodh an sluagh ri Phàraoh airson arain: agus thubhairt Phàraoh ris na h‑Èiphitich uile. Ruigibh Iòseph; an nì sin a their e ribh, dèanaibh. Agus bha a’ ghorta air aghaidh na talmhainn uile: agus dh’fhosgail Iòseph na taighean‐taisge uile, agus reic e ris na h‑Èiphitich: agus bhuadhaich a’ ghorta ann an tìr na h‑Èiphit. Agus thàinig gach dùthaich don Èiphit a dh’ionnsaigh Iòseiph a cheannach bìdh; oir bhuadhaich a’ ghorta anns gach dùthaich. A‑nis nuair a chunnaic Iàcob gu robh sìol anns an Èiphit, thubhairt e ra mhic, Carson a tha sibh ag amharc air a chèile? Agus thubhairt e, Feuch, chuala mi gu bheil sìol anns an Èiphit; rachaibh sìos an sin, agus ceannaichibh dhuinn as a sin, a‑chum is gum bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs. Agus chaidh deichnear bhràithrean Iòseiph sìos a cheannach sìl anns an Èiphit. Ach cha do chuir Iàcob Beniàmin, bràthair Iòseiph, maille ra bhràithrean: oir thubhairt e, Air eagal gun èirich olc dha. Agus thàinig mic Israeil a cheannach sìl am measg na muinntir a thàinig: oir bha a’ ghorta ann an tìr Chanàain. Agus bha Iòseph na uachdaran air an tìr: b’esan a bha a’ reic ri sluagh na tìre uile. Agus thàinig bràithrean Iòseiph, agus chrom iad iad fhèin sìos dha, len aghaidh gu làr. Agus chunnaic Iòseph a bhràithrean, agus dh’aithnich e iad, ach rinn e e fhèin na choigreach dhaibh, agus labhair e gu coimheach riu; agus thubhairt e riu, Cia as a thàinig sibhse? Agus thubhairt iadsan ris, A tìr Chanàain a cheannach bìdh. Agus dh’aithnich Iòseph a bhràithrean, ach cha d’aithnich iadsan esan. Agus chuimhnich Iòseph air na h‑aislingean a chunnaic e man timcheall, agus thubhairt e riu, Is luchd‐brathaidh sibh; a dh’fhaicinn lomnochdas na tìre thàinig sibh. Agus thubhairt iad ris, Chan eadh, mo thighearna, ach is ann a thàinig do sheirbhisich a cheannach bìdh: Is mic aon duine sinne uile, is daoine fìrinneach sinn; cha luchd‐brathaidh do sheirbhisich. Agus thubhairt esan riu, Chan eadh, ach is ann a dh’fhaicinn lomnochdas na tìre a thàinig sibh. Agus thubhairt iad, Is dà‑bhràthair‐dheug do sheirbhisich, mic aon duine ann an tìr Chanàain; agus, feuch, tha am fear as òige an‑diugh maille ri ar n‑athair, agus tha aon nach maireann. Agus thubhairt Iòseph riu, Seo an nì a thubhairt mi ribh, ag ràdh, Is luchd‐brathaidh sibh: Mar seo dearbhar sibh; mar as beò Phàraoh, cha tèid sibh a‑mach à seo, mura tig ur bràthair as òige an seo. Cuiribh uaibh fear agaibh, agus thugadh e leis ur bràthair, agus gleidhear sibhse ann am prìosan, a‑chum is gun dearbhar ur briathran, a bheil no nach eil fìrinn annaibh: no, mar as beò Phàraoh, gu cinnteach is luchd‐brathaidh sibh. Agus chuir e am prìosan iad uile rè trì làithean. Agus thubhairt Iòseph riu air an treas là, Dèanaibh seo, agus bithibh beò: oir tha eagal Dhè ormsa: Mas daoine fìrinneach sibh, fàgar aon de ur bràithrean ceangailte ann an taigh ur prìosain: agus imichibh‐se, thugaibh leibh sìol airson gorta ur teaghlaichean: Ach thugaibh ur bràthair as òige am ionnsaigh‐sa; mar sin dearbhar ur briathran, agus chan fhaigh sibh bàs. Agus rinn iad mar sin. Agus thubhairt iad ri chèile. Tha sinn gu deimhinn ciontach a‑thaobh ar bràthar, do bhrìgh gum faca sinn cràdh a anama, nuair a ghuidh e oirnn, agus nach d’èisd sinn ris; uime sin thàinig an airc seo oirnn. Agus fhreagair Reuben iad, ag ràdh, Nach do labhair mise ribh, ag ràdh, Na peacaichibh an aghaidh an leinibh? Agus cha d’èisd sibh: uime sin, feuch, mar an ceudna tha a fhuil air a h‑iarraidh oirnn. Agus cha robh fhios acasan gu robh Iòseph gan tuigsinn; oir bha eadar‐theangair eatorra. Agus thionndaidh e e fhèin uapa, agus ghuil e; agus thill e a‑rìs dan ionnsaigh, agus labhair e riu, agus thug e Simeon uapa, agus cheangail e e fa chomhair an sùl. An sin dh’àithn Iòseph an saic a lìonadh le sìol, agus airgead gach duine a chur air ais na shac, agus biadh a thoirt dhaibh airson na slighe: agus is ann mar seo a rinn e riu. Agus thog iad an sìol air an asail, agus dh’imich iad a sin. Agus nuair a dh’fhosgail fear dhiubh a shac, a thoirt bìdh da asal anns an taigh‐òsda, chunnaic e a airgead; oir, feuch, bha e am beul a shaic. Agus thubhairt e ra bhràithrean, Thugadh air ais m’airgead‐sa; agus, feuch, tha e eadhon am shac. Agus dh’fhàilnich an cridhe, agus bha eagal orra, ag ràdh, gach fear ri chèile, Ciod e seo a rinn Dia oirnn? Agus thàinig iad a‑chum Iàcoib an athair, do thìr Chanàain, agus dh’innis iad dha gach nì a thachair dhaibh, ag ràdh, Labhair an duine a tha na uachdaran air an tìr rinn gu coimheach, agus ghabh e sinn mar luchd‐brathaidh air an dùthaich. Agus thubhairt sinn ris, Is daoine fìrinneach sinne; cha luchd‐brathaidh idir sinn: Is dà‑bhràthair‐dheug sinn, mic ar n‑athar; tha aon mhac nach maireann, agus tha am mac as òige an‑diugh maille ri ar n‑athair ann an tìr Chanàain. Agus thubhairt an duine, uachdaran na tìre, rinn, Mar seo aithnichidh mi gur daoine fìrinneach sibh; fàgaibh aon de ur bràithrean maille riumsa, agus gabhaibh biadh airson gorta ur teaghlaichean, agus bithibh ag imeachd. Agus thugaibh ur bràthair as òige am ionnsaigh‐sa; an sin bidh fhios agam nach luchd‐brathaidh sibh, ach gur daoine fìrinneach sibh: mar sin bheir mise ur bràthair dhuibh, agus nì sibh ceannachd anns an tìr. Agus nuair a thaom iad an saic, feuch, bha ceanglachan airgid gach duine na shac fhèin, agus nuair a chunnaic iad fhèin agus an athair na ceanglachain airgid, bha eagal orra. Agus thubhairt Iàcob an athair riu, Thug sibh uamsa mo chlann: Iòseph cha mhaireann, agus Simeon cha mhaireann, agus Beniàmin bheir sibh air falbh: am aghaidh‐sa tha na nithean sin uile. Agus labhair Reuben ra athair, ag ràdh, Cuir gu bàs mo dhithis mhac, mura toir mi ad ionnsaigh e: thoir thairis dom làimh‐sa e, agus bheir mise ad ionnsaigh a‑rìs e. Agus thubhairt e, Cha tèid mo mhac sìos maille ribh; oir tha a bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan na aonar: ma thachras olc dha anns an t‑slighe air an tèid sibh, an sin bheir sibh sìos m’fhalt liath le bròn don uaigh. Agus bha a’ ghorta ro‑mhòr anns an tìr. Agus nuair a dh’ith iad suas an sìol a thug iad as an Èiphit, thubhairt an athair riu, Rachaibh a‑rìs, ceannaichibh dhuinn beagan bìdh. Agus labhair Iùdah ris, ag ràdh, Thug an duine dearbh‐chinnt dhuinn ag ràdh, Chan fhaic sibh mo ghnùis‐sa mura bi ur bràthair maille ribh. Ma chuireas tu ar bràthair maille rinn, thèid sinn sìos, agus ceannaichidh sinn biadh dhut; Ach mura cuir thu leinn e, cha tèid sinn sìos: oir thubhairt an duine rinn, Chan fhaic sibh mo ghnùis, mura bi ur bràthair maille ribh. Agus thubhairt Israel, Carson a bhuin sibh cho olc rium, agus gun d’innis sibh don duine gu robh bràthair tuilleadh agaibh? Agus thubhairt iad, Dh’fhiosraich an duine dhinn gu teann mar timcheall fhèin, agus mu thimcheall ar càirdean, ag ràdh, A bheil ur n‑athair fhathast beò? A bheil bràthair eile agaibh? Agus dh’innis sinne dha a rèir brìgh nam briathar sin: am b’urrainn sinne fhios a bhith againn gu cinnteach gun abradh e, Thugaibh ur bràthair a‑nuas? Agus thubhairt Iùdah ri Israel a athair, Cuir an t‑òganach maille riumsa, agus èiridh sinn, agus imichidh sinn, a‑chum is gum bi sinn beò agus nach faigh sinn bàs, araon sinne, agus thu fhèin, agus mar an ceudna ar clann bheag. Bidh mise am urras air a shon; om làimh‐sa iarraidh tu e: mura toir mise ad ionnsaigh, agus mura cuir mi ad làthair e, an sin biodh a’ choire gu bràth orm: Oir mura bitheamaid air dèanamh moille, gu cinnteach bha sinn a‑nis air tilleadh air ar n‑ais an dara uair seo. Agus thubhairt Israel an athair riu, Ma dh’fheumas a’ chùis a bhith mar sin a‑nis, dèanaibh seo; gabhaibh den toradh as fheàrr anns an tìr nur soithichean, agus thugaibh sìos tìodhlac don duine; beagan ìocshlaint, agus beagan meala, spìosraidh, agus mirr, cnothan, agus almoinean: Agus thugaibh leibh airgead dùbailte nur làimh, agus an t‑airgead a thugadh air ais am beul ur sac, thugaibh air ais e nur làimh; theagamh gur mearachd a bha ann: Gabhaibh mar an ceudna ur bràthair; agus èiribh, rachaibh a‑rìs a dh’ionnsaigh an duine: Agus gun tugadh Dia Uile‐chumhachdach tròcair dhuibh an làthair an duine, a‑chum is gun leig e air falbh leibh ur bràthair eile, agus Beniàmin: ach ma chaill mise mo chlann, chaill mi iad. Agus ghabh na daoine an tìodhlac sin, agus thug iad leo airgead dùbailte nan làimh, agus Beniàmin; agus dh’èirich iad, agus chaidh iad sìos don Èiphit, agus sheas iad an làthair Iòseiph. Agus nuair a chunnaic Iòseph Beniàmin maille riu, thubhairt e ri fear‐riaghlaidh a thaighe, Thoir na daoine sin dhachaigh, agus marbh, agus deasaich; oir maille riumsa ithidh na daoine sin air mheadhon‐là. Agus rinn an duine mar a dh’iarr Iòseph; agus thug e na daoine do thaigh Iòseiph. Agus bha eagal air na daoine, a chionn gun tugadh iad do thaigh Iòseiph, agus thubhairt iad, Is ann airson an airgid, a chuireadh air ais nar saic a’ chiad uair, a thugadh a‑steach sinn; a‑chum gum faigh e cion‐fàth nar n‑aghaidh, agus gun tuit e oirnn, agus gun gabh e sinn mar thràillean, agus ar n‑asail. Agus thàinig iad am fagas do fhear‐riaghlaidh taigh Iòseiph, agus labhair iad ris aig doras an taighe, Agus thubhairt iad, O mo thighearna, thàinig sinn da‑rìribh a‑nuas an toiseach a cheannach bìdh: Agus nuair a thàinig sinn don taigh‐òsda, agus a dh’fhosgail sinn ar saic, feuch, bha airgead gach fir am beul a shaic, ar n‑airgead na làn chothrom: agus thug sinn air ais leinn e nar làimh. Agus airgead eile thug sinn a‑nuas leinn nar làimh a cheannach bìdh: chan eil fhios againn cò a chuir ar n‑airgead nar saic. Agus thubhairt e, Sìth gu robh dhuibh, na biodh eagal oirbh: thug ur Dia fhèin agus Dia ur n‑athar ionmhas dhuibh nur saic: fhuair mise ur n‑airgead. Agus thug e Simeon a‑mach dan ionnsaigh. Agus thug an duine na daoine a‑steach do thaigh Iòseiph, agus thug e uisge dhaibh, agus nigh iad an casan, agus thug e biadh dan asail. Agus dh’ullaich iad an tìodhlac an coinneamh do Iòseph teachd aig meadhon‐là; oir chuala iad gu robh iad gu aran ithe an sin. Agus nuair a thàinig Iòseph dhachaigh thug iad da ionnsaigh an tìodhlac, a bha nan làimh, don taigh: agus chrom iad iad fhèin dha gu làr. Agus dh’fheòraich e an robh iad gu math, agus thubhairt e, A bheil ur n‑athair, an seann duine mun do labhair sibh, gu math? A bheil e fhathast beò? Agus thubhairt iadsan, Tha do sheirbhiseach ar n‑athair gu math; tha e fhathast beò. Agus chrom iad iad fhèin sìos, agus rinn iad ùmhlachd. Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e Beniàmin a bhràthair, mac a mhàthar, agus thubhairt e, An e seo ur bràthair as òige, mun do labhair sibh rium? Agus thubhairt e, Gu robh Dia gràsmhor dhut, a mhic. Agus rinn Iòseph cabhag, oir bha a chridhe a’ tiomachadh ra bhràthair; agus dh’iarr e àit anns an guileadh e; agus chaidh e a‑steach da sheòmar, agus ghuil e an sin. Agus nigh e a aodann, agus chaidh e a‑mach, agus chùm e air fhèin, agus thubhairt e, Cuiribh sìos aran. Agus chuir iad sìos dhàsan leis fhèin, agus dhaibhsan leo fhèin, agus do na h‑Èiphitich, a dh’ith maille ris, leo fhèin; a chionn nach faodadh na h‑Èiphitich aran ithe maille ris na h‑Eabhraidhich; oir is gràinealachd sin do na h‑Èiphitich. Agus shuidh iad sìos na làthair, an ciad‐ghin a rèir a chòir‐bhreithe, agus am fear a b’òige a rèir a òige: agus ghabh na daoine iongantas, gach fear ri chèile. Agus ghabh esan, agus chuir e cuibhreannan o a làthair fhèin dan ionnsaigh: ach rinn e cuibhreann Bheniàmin còig uairean na bu mhò na cuid aoin acasan. Agus dh’òl iad, agus bha iad subhach maille ris. Agus dh’àithn e do fhear‐riaghlaidh a thaighe, ag ràdh, Lìon saic nan daoine le sìol, a mheud agus as urrainn iad a ghiùlan, agus cuir airgead gach duine am beul a shaic. Agus cuir mo chupan‐sa, an cupan airgid, ann am beul sac an fhir as òige, agus airgead a shìl. Agus rinn e a rèir an fhacail a labhair Iòseph. Cho luath is a bha a’ mhadainn soilleir, chuireadh na daoine air falbh, iad fhèin agus an asail. Agus nuair a chaidh iad a‑mach as a’ bhaile, agus gun iad fhathast fada o làimh, thubhairt Iòseph ri fear‐riaghlaidh a thaighe, Eirich, lean na daoine; agus nuair a bheireas tu orra, abair riu, Carson a dhìol sibh olc an èirig maith? Nach e seo an cupan as a bheil mo thighearna ag òl, agus leis a bheil e da‑rìribh a’ dèanamh fiosachd? Is olc a fhuaireadh sibh seo a dhèanamh. Agus rug e orra, agus labhair e riu na briathran ceudna. Agus thubhairt iad ris, Carson a labhras mo thighearna na briathran seo? Nar leigeadh Dia gun dèanadh do sheirbhisich a rèir an nì seo: Feuch, an t‑airgead a fhuair sinn ann am beul ar sac, thug sinn a‑rìs ad ionnsaigh à tìr Chanàain; cionnas, uime sin, a ghoideamaid airgead no òr à taigh do thighearna? Ge bè air bith ded sheirbhisich aig am faighear e, cuirear gu bàs esan, agus bidh sinne mar an ceudna nar tràillean aig mo thighearna. Agus thubhairt e, A‑nis, matà, biodh e a rèir ur briathar: bidh esan aig am faighear e na sheirbhiseach agamsa; agus bidh sibhse neo‐choireach. An sin thug iad a‑nuas, gu grad, gach duine a shac fhèin gu làr, agus dh’fhosgail gach duine a shac. Agus rannsaich esan, agus thòisich e aig an fhear a bu shine, agus sguir e aig an fhear a b’òige: agus fhuaireadh an cupan ann an sac Bheniàmin. An sin reub iad an aodach, agus chuir gach duine a shac air a asail, agus thill iad don bhaile. Agus thàinig Iùdah agus a bhràithrean do thaigh Iòseiph (oir bha e fhathast an sin), agus thuit iad sìos na fhianais air an làr. Agus thubhairt Iòseph riu, Ciod e an gnìomh seo a rinn sibh? Nach robh fhios agaibh gur aithne dom leithid‐sa de dhuine da‑rìribh fiosachd a dhèanamh? Agus thubhairt Iùdah, Ciod a their sinn rim thighearna? Cionnas a labhras sinn? No cionnas a ghlanas sinn sinn fhèin? Fhuair Dia a‑mach aingidheachd do sheirbhiseach; feuch, tha sinn nar seirbhisich dom thighearna, araon sinn, agus esan mar an ceudna aig an d’fhuaireadh an cupan. Agus thubhairt e, Nar leigeadh Dia gun dèanainn‐sa seo: ach an duine aig an d’fhuaireadh an cupan, bidh esan na sheirbhiseach agamsa; agus dur taobh‐se, rachaibh suas ann an sìth a dh’ionnsaigh ur n‑athar. An sin thàinig Iùdah am fagas dha, agus thubhairt e, Och mo thighearna, leig led sheirbhiseach, guidheam ort, facal a labhairt ann an cluasan mo thighearna, agus na lasadh d’fhearg an aghaidh do sheirbhisich: oir is amhail thusa agus Phàraoh. Dh’fheòraich mo thighearna da sheirbhisich, ag ràdh, A bheil athair agaibh, no bràthair? Agus thubhairt sinne rim thighearna, Tha athair againn, seann duine, agus leanabh a sheann aoise, maothran: agus tha a bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan na aonar de chloinn a mhàthar, agus tha gràdh aig a athair air. Agus thubhairt thu rid sheirbhisich, Thugaibh a‑nuas e am ionnsaigh‐sa, a‑chum is gun socraich mi mo shùilean air. Agus thubhairt sinne rim thighearna, Chan fhaod an leanabh a athair fhàgail: oir nam fàgadh e a athair, gheibheadh a athair bàs. Agus thubhairt thusa rid sheirbhisich, Mura tig ur bràthair as òige a‑nuas maille ribh, chan fhaic sibh m’aghaidh‐sa nas mò. Agus nuair a chaidh sinne suas a dh’ionnsaigh do sheirbhisich, m’athair, dh’innis sinn dha facail mo thighearna. Agus thubhairt ar n‑athair, Rachaibh a‑rìs, ceannaichibh dhuinn beagan bìdh. Agus thubhairt sinne, Chan fhaod sinn dol sìos: ma bhios ar bràthair as òige maille rinn, an sin thèid sinn sìos; oir chan fhaod sinn aghaidh an duine fhaicinn, mura bi ar bràthair as òige maille rinn. Agus thubhairt do sheirbhiseach, m’athair, rinn, Tha fhios agaibh gun do rug mo bhean dithis mhac dhomh: Agus chaidh aon dhiubh a‑mach uam, agus thubhairt mi, Gu cinnteach reubadh na bhloighdean e; agus chan fhaca mi o sin e: Agus ma bheir sibh am mac seo uam mar an ceudna, agus gun tig tubaist air, bheir sibh sìos m’fhalt liath le bròn don uaigh. A‑nis uime sin, nuair a thig mise a dh’ionnsaigh do sheirbhisich, m’athair, gun an leanabh maille rinn (do bhrìgh gu bheil a anam‐san ceangailte ann an anam an leinibh); Tàrlaidh, nuair a chì e nach eil an leanabh maille rinn, gum faigh e bàs: agus bheir do sheirbhiseach sìos falt liath do sheirbhisich, ar n‑athair, le bròn don uaigh. Oir chaidh do sheirbhiseach an urras airson an leinibh dom athair, ag ràdh, Mura toir mi ad ionnsaigh e, an sin bidh mi fo choire aig m’athair gu bràth. A‑nis uime sin, guidheam ort, leig led sheirbhiseach fantainn an àit an leinibh, am thràill dom thighearna; agus leig leis an leanabh dol suas maille ra bhràithrean. Oir cionnas a thèid mise suas a dh’ionnsaigh m’athar, agus gun an leanabh maille rium, air eagal gum faic mi an t‑olc a thig air m’athair? Agus cha b’urrainn Iòseph cumail air fhèin nan làthair‐san uile a sheas làimh ris; agus ghlaodh e, Cuiribh gach duine a‑mach uam. Agus cha do sheas duine sam bith maille ris, nuair a rinn Iòseph e fhèin aithnichte da bhràithrean. Agus ghuil e gu h‑àrd: agus chuala na h‑Èiphitich agus an rìgh Phàraoh e. Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Is mise Iòseph; a bheil m’athair fhathast beò? Agus cha b’urrainn a bhràithrean a fhreagairt; oir bha eagal orra ro a làthaireachd‐san. Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Thigibh am fagas dhomh, guidheam oirbh. Agus thàinig iad am fagas. Agus thubhairt esan, Is mise Iòseph ur bràthair, a reic sibhse don Èiphit. Agus a‑nis na biodh doilgheas oirbh, no corraich agaibh ribh fhèin, a chionn gun do reic sibh mise an seo; oir chuir Dia romhaibh mi, gu sibhse a ghleidheadh beò: Oir rè an dà bhliadhna seo bha a’ ghorta anns an tìr, agus tha fhathast còig bliadhna ri teachd anns nach bi aon chuid treabhadh no foghar. Agus chuir Dia mise romhaibh, a ghleidheadh dhuibhse iarmaid air thalamh, agus a thèarnadh ur beatha le fuasgladh mòr. A‑nis uime sin, cha sibhse a chuir mise an seo, ach Dia; agus rinn e mi am athair do Phàraoh, agus am thighearna os cionn a thaighe uile, agus am uachdaran ann an tìr na h‑Èiphit uile. Dèanaibh cabhag, agus rachaibh suas a‑chum m’athar, agus abraibh ris, Mar seo thubhairt do mhac Iòseph, Rinn Dia mise am uachdaran air an Èiphit uile; thig a‑nuas am ionnsaigh, na dèan moille: Agus gabhaidh tu còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, agus bidh tu am fagas dhòmhsa, thu fhèin agus do chlann, agus clann do chloinne, agus do threudan, agus do bhuar, agus gach nì a tha agad: Agus beathaichidh mise thu an sin (oir fhathast bidh còig bliadhna gorta ann), air eagal gun tig thu fhèin agus do theaghlach, agus gach nì a tha agad, gu bochdainn. Agus, feuch, tha ur sùilean a’ faicinn, agus sùilean mo bhràthar, Beniàmin, gur e mo bheul fhèin a tha a’ labhairt ribh. Agus innsidh sibh dom athair mo ghlòir‐sa uile anns an Èiphit, agus gach nì a chunnaic sibh; agus nì sibh cabhag, agus bheir sibh a‑nuas m’athair an seo. Agus thuit e air muineal a bhràthar Beniàmin, agus ghuil e; agus ghuil Beniàmin air a mhuineal‐san. Phòg e, mar an ceudna, a bhràithrean uile, agus ghuil e os an cionn: agus na dhèidh sin rinn a bhràithrean cainnt ris. Agus chualas iomradh seo ann an taigh Phàraoh, ag ràdh, Tha bràithrean Iòseiph air teachd: agus thaitinn e gu math ri Phàraoh agus ra sheirbhisich. Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Abair rid bhràithrean, Dèanaibh seo; sacaichibh ur n‑ainmhidhean, agus imichibh, rachaibh do thìr Chanàain; Agus thugaibh leibh ur n‑athair, agus ur teaghlaichean, agus thigibh am ionnsaigh‐sa, agus bheir mise dhuibh math tìr na h‑Èiphit; ithidh sibh reamhrachd na tìre. A‑nis thugadh àithne dhut; dèanaibh‐se mar seo: thugaibh leibh à tìr na h‑Èiphit carbadan airson ur cloinne bige, agus ur ban, agus thugaibh ur n‑athair leibh, agus thigibh. Agus na biodh suim agaibh dur n‑àirneis‐thaighe; oir is leibhse math tìr na h‑Èiphit uile. Agus rinn clann Israeil mar sin: agus thug Iòseph dhaibh carbadan a rèir òrdagh Phàraoh; agus thug e dhaibh lòn airson na slighe. Thug e dhaibh uile, do gach aon dhiubh fa leth, culaidhean aodaich; ach do Bheniàmin thug e trì cheud bonn airgid, agus còig culaidhean aodaich. Agus chuir e a dh’ionnsaigh a athar mar seo; deich asail a’ giùlan de nithean matha na h‑Èiphit, agus deich asail bhoireann a’ giùlan sìl agus arain agus lòin dan athair airson na slighe. Mar sin chuir e a bhràithrean air falbh, agus dh’imich iad: agus thubhairt e riu, Feuchaibh nach cuir sibh a‑mach air a chèile air an t‑slighe. Agus chaidh iad suas as an Èiphit, agus thàinig iad gu tìr Chanàain a dh’ionnsaigh Iàcoib an athair. Agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Tha Iòseph fhathast beò, agus tha e na uachdaran air tìr na h‑Èiphit uile. Agus dh’fhannaich cridhe Iàcoib, oir cha do chreid e iad. Agus dh’innis iad dha uile bhriathran Iòseiph, a labhair e riu: agus nuair a chunnaic e na carbadan a chuir Iòseph ga ghiùlan, dh’ath‐bheothaich spiorad Iàcoib, an athair. Agus thubhairt Israel, Is leòr e; tha Iòseph mo mhac fhathast beò: thèid mi agus chì mi e mum faigh mi bàs. Agus dh’imich Israel maille ris gach nì a bha aige, agus thàinig e gu Beer‐sèba, agus thug e suas ìobairtean do Dhia a athar, Isaac. Agus labhair Dia ri Israel ann an taisbeanan na h‑oidhche, agus thubhairt e, A Iàcoib, a Iàcoib. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo. Agus thubhairt e, Is mise Dia, Dia d’athar: na biodh eagal ort dol sìos don Èiphit; oir nì mise ad chinneach mòr thu an sin: Thèid mise maille riut sìos don Èiphit; agus bheir mi mar an ceudna gu cinnteach a‑nìos thu a‑rìs: agus cuiridh Iòseph a làmh air do shùilean. Agus dh’èirich Iàcob suas o Bheer‐sèba: agus thug mic Israeil leo Iàcob an athair, agus an clann bheag, agus am mnathan, anns na carbadan a chuir Phàraoh ga ghiùlan. Agus ghabh iad an sprèidh, agus am maoin, a fhuair iad ann an tìr Chanàain, agus thàinig iad don Èiphit, Iàcob agus a shliochd uile maille ris; A mhic, agus mic a mhac maille ris, a nigheanan, agus nigheanan a mhac, agus a shliochd uile thug e maille ris don Èiphit. Agus is iad seo ainmean chloinn Israeil, a thàinig don Èiphit, Iàcob agus a mhic: Reuben, ciad‐ghin Iàcoib. Agus mic Reubein; Hanoch, agus Phallu, agus Hesron, agus Carmi. Agus mic Shimeoin: Iemuel, agus Iamin, agus Ohad, agus Iachin, agus Sohar, agus Saul mac ban‐Chanàanaich. Agus mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari. Agus mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain. Agus b’iad mic Phareids, Hesron agus Hamul. Agus mic Isachair: Tola, agus Phubhah, agus Iob, agus Simron. Agus mic Shebuluin: Sered, agus Elon, agus Iahleel. Is iad sin mic Lèah, a rug i do Iàcob ann am Padan‐àram, maille ra nighinn Dinah: b’iad uile anaman a mhac agus a nigheanan trì‐deug ar fhichead. Agus mic Ghaid; Siphion, agus Hagai, Suni, agus Esbon, Heri, agus Arodi, agus Areli. Agus mic Aseir: Imnah, agus Isuah, agus Isui, agus Beriah, agus Serah am piuthar. Agus mic Bheriah: Heber agus Malchiel. Is iad sin mic Shilpah, a thug Làban da nighinn Lèah; agus rug i iad sin do Iàcob, eadhon sia‑anaman‐deug. Mic Racheil bean Iàcoib, Iòseph agus Beniàmin. Agus rugadh do Iòseph ann an tìr na h‑Èiphit, Manaseh agus Ephraim, a rug Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, dha. Agus b’iad mic Bheniàmin: Belah, agus Becher, agus Asbel, Gera, agus Nàaman, Ehi, agus Ros, Mupim, agus Hupim, agus Ard. Is iad sin mic Racheil, a rugadh do Iàcob: na h‑anaman uile, ceithir‐deug. Agus mic Dhain: Husim. Agus mic Naphtali: Iahseel, agus Guni, agus Ieser, agus Sillem. Is iad sin mic Bhilhah, a thug Làban da nighinn Rachel, a rug i do Iàcob: na h‑anaman uile, seachdnar. Na h‑anaman uile a thàinig le Iàcob don Èiphit, a thàinig a‑mach as a leasraidh, a thuilleadh air mnathan mic Iàcoib; b’iad na h‑anaman seo uile trì‐fichead is a sia; Agus mic Iòseiph a rugadh dha anns an Èiphit, bu dà anam iad: uile anaman taigh Iàcoib, a thàinig don Èiphit, bu trì‐fichead is a deich iad. Agus chuir e Iùdah roimhe gu Iòseph, a‑chum is gun tugadh e fios dha teachd na làthair ann an Gòsen; agus thàinig iad gu fearann Ghòsein. Agus bheartaich Iòseph a charbad, agus chaidh e suas an coinneamh Israeil, a athair, gu Gòsen; agus nochd e e fhèin dha, agus thuit e air a mhuineal, agus ghuil e air a mhuineal rè tamaill. Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Faigheam‐sa a‑nis bàs, o chunnaic mi do ghnùis, do bhrìgh gu bheil thu fhathast beò. Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, agus ri teaghlach a athar, Thèid mise suas, agus cuiridh mi an cèill do Phàraoh, agus their mi ris, Tha mo bhràithrean, agus teaghlach m’athar, a bha ann an tìr Chanàain, air teachd am ionnsaigh: Agus is buachaillean na daoine, oir bu luchd‐sprèidhe iad; agus thug iad leo an treudan, agus am feudail, agus gach nì a bha aca. Agus tàrlaidh, nuair a ghairmeas Phàraoh oirbh, agus a their e, Ciod as ceàird dhuibh? Gun abair sibhse, Bu luchd‐sprèidhe do sheirbhisich o ar n‑òige eadhon gus a‑nis, sinn fhèin agus mar an ceudna ar n‑athraichean; a‑chum is gun gabh sibh còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, oir is gràinealachd do na h‑Èiphitich gach buachaille sprèidhe. An sin thàinig Iòseph agus dh’innis e do Phàraoh, agus thubhairt e, Thàinig m’athair agus mo bhràithrean, agus an treudan, agus am feudail, agus gach nì a bha aca, a‑mach à tìr Chanàain; agus, feuch, tha iad ann am fearann Ghòsein. Agus ghabh e còignear de a bhràithrean, agus chuir e an làthair Phàraoh iad. Agus thubhairt Phàraoh ra bhràithrean, Ciod as ceàird dhuibh? Agus thubhairt iadsan ri Phàraoh, Is buachaillean do sheirbhisich, sinn fhèin agus ar n‑athraichean. Thubhairt iad mar an ceudna ri Phàraoh, Is ann gu bhith air chuairt anns an tìr a thàinig sinn, oir chan eil feur aig do sheirbhisich dan sprèidh, do bhrìgh gu bheil a’ ghorta mòr ann an tìr Chanàain: a‑nis uime sin, guidheamaid ort, leig led sheirbhisich còmhnaidh a ghabhail ann an fearann Ghòsein. Agus labhair Phàraoh ri Iòseph, ag ràdh, Thàinig d’athair agus do bhràithrean ad ionnsaigh: Tha tìr na h‑Èiphit romhad; anns a’ chuid as fheàrr den fhearann thoir air d’athair agus do bhràithrean còmhnaidh a ghabhail; gabhadh iad còmhnaidh ann am fearann Ghòsein; agus mas aithne dhut gu bheil nam measg daoine comasach, nì thu iad nan àrd‐bhuachaillean air mo sprèidh‐sa. Agus thug Iòseph Iàcob a athair a‑steach, agus chuir e an làthair Phàraoh e: agus bheannaich Iàcob Phàraoh. Agus thubhairt Phàraoh ri Iàcob, Ciod as aois dhut? Agus thubhairt Iàcob ri Phàraoh, Is iad làithean bliadhnachan mo chuairte ceud agus deich‐bliadhna‑fichead: bu tearc agus olc làithean bliadhnachan mo bheatha, agus cha do ràinig iad làithean bliadhnachan beatha m’athraichean ann an làithean an cuairte‐san. Agus bheannaich Iàcob Phàraoh, agus chaidh e a‑mach à làthair Phàraoh. Agus shuidhich Iòseph a athair, agus a bhràithrean, agus thug e dhaibh sealbh ann an tìr na h‑Èiphit, anns a’ chuid as fheàrr den fhearann, ann am fearann Rameseis, mar a dh’àithn Phàraoh. Agus bheathaich Iòseph a athair agus a bhràithrean agus uile theaghlach a athar le aran, a rèir an cloinne. Agus cha robh aran anns an tìr uile; oir bha a’ ghorta ro‑mhòr, air chor is gu robh tìr na h‑Èiphit agus tìr Chanàain uile fann leis a’ ghorta. Agus chruinnich Iòseph an t‑airgead uile a fhuaireadh ann an tìr na h‑Èiphit agus ann an tìr Chanàain, airson a’ bhìdh a cheannaich iad: agus thug Iòseph an t‑airgead do thaigh Phàraoh. Agus nuair a theirig airgead ann an tìr na h‑Èiphit agus ann an tìr Chanàain, thàinig na h‑Èiphitich uile gu Iòseph, ag ràdh, Thoir dhuinn aran: carson a gheibheamaid bàs ad làthair? Oir theirig ar n‑airgead. Agus thubhairt Iòseph, Thugaibh seachad ur sprèidh, agus bheir mise dhuibh airson ur sprèidhe, ma theirig airgead dhuibh. Agus thug iad an sprèidh gu Iòseph; agus thug Iòseph dhaibh aran airson nan each, agus airson nan caorach, agus airson a’ chruidh, agus airson nan asal; agus bheathaich e iad le aran, airson an sprèidhe uile, air a’ bhliadhna sin. Nuair a chrìochnaicheadh a’ bhliadhna sin, thàinig iad da ionnsaigh air an dara bliadhna, agus thubhairt iad ris, Cha cheil sinn air mo thighearna gun do chaitheadh ar n‑airgead; tha mar an ceudna ar treudan sprèidhe aig mo thighearna; cha d’fhàgadh ann an sealladh mo thighearna ach ar cuirp agus ar fearann. Carson a gheibh sinn bàs fa chomhair do shùl, araon sinne agus ar fearann? Ceannaich sinne agus ar fearann airson arain, agus bidh sinne agus ar fearann nar seirbhisich do Phàraoh: agus thoir dhuinn sìol, a‑chum is gum bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs, agus nach bi am fearann na fhàsach. Agus cheannaich Iòseph fearann na h‑Èiphit uile do Phàraoh; oir reic na h‑Èiphitich gach duine a fhearann fhèin, a chionn gun do bhuadhaich a’ ghorta orra: mar sin bu le Phàraoh an talamh. Agus a‑thaobh an t‑sluaigh, chuir e air imrich iad do bhailtean o aon cheann crìochan na h‑Èiphit eadhon gu ruig an ceann eile dhith. A‑mhàin fearann nan sagart cha do cheannaich e; oir dh’òrdaicheadh cuibhreann do na sagartan le Phàraoh, agus dh’ith iad an cuibhreann a thug Phàraoh dhaibh: uime sin cha do reic iad am fearann. Agus thubhairt Iòseph ris an t‑sluagh, Feuch, cheannaich mi sibh an‑diugh, agus ur fearann do Phàraoh; feuch, seo sìol dhuibh, agus cuiribh am fearann. Agus tàrlaidh, de na chinneas gun toir sibh an còigeamh cuid do Phàraoh, agus bidh agaibh fhèin ceithir earrannan, airson sìol an fhearainn, agus airson ur bìdh, agus airson muinntir ur teaghlaichean, agus airson bìdh dur cloinn bhig. Agus thubhairt iadsan, Ghlèidh thu beò sinn: faigheamaid deagh‐ghean ann an sealladh mo thighearna, agus bidh sinn nar seirbhisich do Phàraoh. Agus rinn Iòseph sin na lagh gus an là‑an‑diugh air feadh fearann na h‑Èiphit, gum biodh aig Phàraoh an còigeamh cuid, saor a‑mhàin o fhearann nan sagart, nach bu le Phàraoh. Agus ghabh Israel còmhnaidh ann an tìr na h‑Èiphit, ann an talamh Ghòsein; agus bha sealbh aca ann, agus shìolaich iad, agus dh’fhàs iad ro‑lìonmhor. Agus bha Iàcob beò ann an tìr na h‑Èiphit seachd‐bliadhna‑deug: agus b’iad bliadhnachan beatha Iàcoib uile ceud agus dà‑fhichead agus seachd bliadhna. Agus dhlùthaich an t‑àm anns am b’èiginn do Israel bàs fhaotainn: agus ghairm e air a mhac Iòseph, agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh‐ghean ad shealladh, cuir, guidheam ort, do làmh fom leis, agus buin gu coibhneil agus gu fìrinneach rium; na adhlaic mi, guidheam ort, anns an Èiphit: Ach laighidh mi maille rim athraichean, agus giùlainidh tu mi a‑mach as an Èiphit, agus adhlaicidh tu mi nan àit‐adhlaic‐san. Agus thubhairt esan, Nì mi mar a thubhairt thu. Agus thubhairt e, Mionnaich dhomh: agus mhionnaich e dha. Agus chrom Israel e fhèin air ceann‐adhairt na leapa. Agus an dèidh nan nithean sin, dh’innis neach do Iòseph, Feuch, tha d’athair tinn: agus thug e leis a dhà mhac, Manaseh agus Ephraim. Agus dh’innis neach do Iàcob, agus thubhairt e, Feuch, tha do mhac Iòseph a’ teachd ad ionnsaigh: agus neartaich Israel e fhèin, agus shuidh e air an leabaidh. Agus thubhairt Iàcob ri Iòseph, Dh’fhoillsich an Dia Uile‐chumhachdach e fhèin dhòmhsa aig Luds ann an tìr Chanàain, agus bheannaich e mi, Agus thubhairt e rium, Feuch, nì mise sìolmhor agus lìonmhor thu, agus nì mi thu ad choitheanal chinneach, agus bheir mi am fearann seo dod shliochd ad dhèidh mar sheilbh shìorraidh. Agus a‑nis do dhithis mhac, Ephraim agus Manaseh, a rugadh dhut ann an tìr na h‑Èiphit, mun tàinig mise ad ionnsaigh don Èiphit, is leamsa iad: mar Reuben agus Shimeon, bidh iad leamsa. Agus bidh do shliochd, a ghineas tu nan dèidh, leat fhèin; a rèir ainm am bràithrean goirear iad nan seilbh fhèin. Agus air mo shon‐sa dheth, nuair a thàinig mi o Phadan, fhuair Rachel bàs agam ann an tìr Chanàain, air an t‑slighe, nuair nach robh fhathast ach astar goirid ri teachd gu Ephrat: agus dh’adhlaic mi an sin i air an t‑slighe gu Ephrat; is e sin Betlehem. Agus chunnaic Israel mic Iòseiph, agus thubhairt e, Cò iad sin? Agus thubhairt Iòseph ra athair, Is iad mo mhic‐sa iad, a thug Dia dhomh an seo. Agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh iad, guidheam ort, agus beannaichidh mi iad. Agus bha sùilean Israeil trom le aois, air chor is nach bu lèir dha gu math: agus thug e am fagas dha iad, agus phòg e iad, agus ghabh e na ghlacan iad. Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Cha do shaoil mi gum faicinn do ghnùis, agus, feuch, nochd Dia dhomh mar an ceudna do shliochd. Agus thug Iòseph a‑mach iad o eadar a ghlùinean, agus chrom e e fhèin le a aghaidh gu làr. Agus ghabh Iòseph iad le chèile, Ephraim na làimh dheis o làimh chlì Israeil, agus Manaseh na làimh chlì o làimh dheis Israeil; agus thug e am fagas dha iad. Agus shìn Israel a‑mach a làmh dheas, agus chuir e i air ceann Ephraim, am mac a b’òige, agus a làmh chlì air ceann Mhanaseh: stiùir e a làmhan gu seòlta; oir b’e Manaseh an ciad‐ghin. Agus bheannaich e Iòseph, agus thubhairt e, Gun dèanadh Dia, an làthair an do ghluais m’athraichean, Abrahàm agus Isaac, an Dia a bheathaich mi rè mo bheatha uile gus an là‑an‑diugh, An t‑aingeal a shaor mi o gach olc, na leinibh a bheannachadh, agus ainmichear m’ainm‐sa orra, agus ainm m’athraichean, Abrahàm agus Isaac: agus mar iasg na mara fàsadh iad lìonmhor ann am meadhon na talmhainn. Agus nuair a chunnaic Iòseph gun do chuir a athair a làmh dheas air ceann Ephraim, cha do thaitinn e ris: agus chùm e suas làmh a athar, a‑chum a h‑atharrachadh o cheann Ephraim gu ceann Mhanaseh. Agus thubhairt Iòseph ra athair, Chan ann mar sin, athair: oir is e seo an ciad‐ghin; cuir do làmh dheas air a cheann. Agus dhiùlt a athair, agus thubhairt e, Tha fhios agam, a mhic, tha fhios agam; bidh esan cuideachd na shluagh, agus fàsaidh e mar an ceudna mòr: ach gu deimhinn bidh a bhràthair as òige nas mò na e, agus bidh a shliochd nam mòran chinneach. Agus bheannaich e iad air an là sin, ag ràdh, Annadsa beannaichidh Israel, ag ràdh, Gun dèanadh Dia thu mar Ephraim, agus mar Mhanaseh: agus chuir e Ephraim ro Mhanaseh, Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Feuch, tha mise a’ faotainn a’ bhàis; ach bidh Dia maille ribhse, agus bheir e a‑rìs sibh gu dùthaich ur n‑athraichean. Agus thug mise dhut aon chuid‐roinne thar do bhràithrean a bhuin mi a‑mach à làimh an Amoraich lem chlaidheamh agus lem bhogha. Agus ghairm Iàcob air a mhic, agus thubhairt e, Cruinnichibh sibh fhèin an ceann a chèile, a‑chum is gun innis mi dhuibh ciod a thàrlas dhuibh anns na làithean deireannach. Cruinnichibh sibh fhèin an ceann a chèile, agus cluinnibh, a mhaca Iàcoib, agus èisdibh ri Israel ur n‑athair. A Reubein, is tu mo chiad‐ghin, mo threise, agus toiseach mo neirt, òirdheirceas àrd‐inbhe, agus òirdheirceas cumhachd: Neo‐sheasmhach mar uisge, cha toir thu barrachd, do bhrìgh gun deachaidh tu suas do leabaidh d’athar; an sin thruaill thu i; chaidh e suas dom uirigh. Is bràithrean Simeon agus Lèbhi: tha innealan aingidheachd nan àitean‐còmhnaidh. Nan diamhaireachd na tigeadh m’anam‐sa: rin coitheanal na biodh m’onair‐sa air a h‑aonadh: oir nan corraich mharbh iad duine, agus nam fèin‐thoil leag iad sìos balla. Mallaichte gu robh an corraich, oir bha i garg; agus am fearg, oir bha i an‑iochdmhor: roinnidh mi iad ann an Iàcob, agus sgaoilidh mi iad ann an Israel. A Iùdah, molaidh do bhràithrean thusa; bidh do làmh ann am muineal do naimhdean: cromaidh clann d’athar iad fhèin sìos ad làthair. Is cuilean leòmhainn Iùdah; on chobhartaich, a mhic, chaidh thu suas; chrom e e fhèin sìos, chrùb e mar leòmhann, agus mar sheann leòmhann; cò a dhùisgeas suas e? Cha dealaich an t‑slat‐rìoghail ri Iùdah, no lagh‐thabhartair o eadar a chasan, gus an tig Sìloh, agus dhàsan gèillidh na slòigh: A’ ceangal a shearraich ris an fhìonain, agus loth a asail ris an fhìonain thaghte; nigh e a aodach ann am fìon, agus a thrusgan ann am fuil nam fìondhearc: Bidh a shùilean nas deirge na fìon, agus a fhiaclan nas gile na bainne. Gabhaidh Sebulun còmhnaidh aig caladh a’ chuain, agus bidh e airson caladh long; agus bidh a oirthir gu ruig Sìdon. Is asal làidir Isachar, a’ crùbadh sìos eadar dà eallaich: Agus chunnaic e gum bu mhath an nì fois, agus gu robh am fearann taitneach; agus chrom e a ghualainn gu iomchar, agus rinneadh e na sheirbhiseach do chìs. Bheir Dan breith air a shluagh, mar aon de threubhan Israeil. Bidh Dan na nathair air an ròd, na nathair‐nimhe air an t‑slighe, a theumas sàiltean an eich, air chor is gun tuit a mharcach an coinneamh a chùil. Rid shlàinte dh’fheith mise, O Thighearna. Gad, bheir buidheann buaidh air: ach bheir esan buaidh mu dheireadh. A‑mach à Aser bidh a aran‐san reamhar, agus bheir e uaithe sògh rìoghail. Is eilid air a leigeadh fuasgailte Naphtali; bheir e facail thaitneach uaithe. Is geug thorrach Iòseph, geug thorrach làimh ri tobar, aig a bheil a meanglain a’ sgaoileadh thar a’ bhalla: Chràidh na fir‐bhogha gu geur e, agus thilg iad air, agus dh’fhuathaich iad e. Ach dh’fhan a bhogha na neart, agus rinneadh gàirdeanan a làmh làidir le làmhan Dia cumhachdach Iàcoib; (uaithe sin tha am buachaille, clach Israeil;) Eadhon le Dia d’athar, a nì còmhnadh leat, agus leis an Uile‐chumhachdach, a bheannaicheas thu le beannachdan nèimh on àirde, beannachdan na doimhne shìos, beannachdan nan cìoch, agus na bronn. Thug beannachdan d’athar barrachd air beannachdan mo shinnsearan, gu ruig foir‐iomall nan sliabh sìorraidh; bidh iad air ceann Iòseiph agus air mullach a chinn‐san a sgaradh o a bhràithrean. Nì Beniàmin fiadhach mar mhadadh‐allaidh: anns a’ mhadainn ithidh e a’ chobhartach, agus anns an fheasgar roinnidh e a’ chreach. Is iad sin uile dà‑threubh‐dheug Israeil: agus is e seo an nì a labhair an athair riu, agus bheannaich e iad; gach aon aca a rèir a bheannachaidh, bheannaich e iad. Agus dh’àithn e dhaibh, agus thubhairt e riu, Cruinnichear mise a‑chum mo dhaoine: adhlaicibh mi maille rim athraichean anns an uaimh a tha ann an achadh Ephroin an t‑Hiteach; Anns an uaimh a tha ann an achadh Mhachpelah, a tha fa chomhair Mhamre, ann an tìr Chanàain, a cheannaich Abrahàm maille ris an achadh o Ephron an t‑Hiteach, mar sheilbh àit‐adhlaic. (An sin dh’adhlaic iad Abrahàm agus Sàrah a bhean; an sin dh’adhlaic iad Isaac agus Rebecah a bhean; agus an sin dh’adhlaic mise Lèah.) Cheannaicheadh an t‑achadh, agus an uaimh a tha ann, o chloinn Het. Agus nuair a chrìochnaich Iàcob àitheantan a thoirt da mhic, chruinnich e a chasan suas don leabaidh, agus chaochail e, agus chruinnicheadh e a‑chum a dhaoine. Agus thuit Iòseph air aghaidh a athar, agus ghuil e air, agus phòg e e. Agus dh’àithn Iòseph da sheirbhisich, na lèighean, spìosraidh a chur air corp a athar; agus chuir na lèighean spìosraidh air Israel. Agus choileanadh air a shon dà‑fhichead là (oir mar seo coileanar làithean na muinntir sin air an cuirear spìosraidh); agus rinn na h‑Èiphitich bròn air a shon deich agus trì‐fichead là. Agus nuair a chaidh làithean a bhròin thairis, labhair Iòseph ri teaghlach Phàraoh, ag ràdh, A‑nis ma fhuair mi deagh‐ghean nur sùilean, labhraibh, guidheam oirbh, ann an cluasan Phàraoh, ag ràdh, Ghabh m’athair mionnan dhìom, ag ràdh, Feuch, tha mise a’ faghail a’ bhàis: ann am uaigh a chladhaich mi dhomh fhèin ann an tìr Chanàain, an sin adhlaicidh tu mi. A‑nis uime sin leig dhomh dol suas, guidheam ort, agus m’athair adhlac, agus thig mi a‑rìs. Agus thubhairt Phàraoh, Falbh suas, agus adhlaic d’athair, a rèir mar a ghabh e mionnan dhìot. Agus chaidh Iòseph suas a dh’adhlac a athar: agus maille ris chaidh seirbhisich Phàraoh suas uile, seanairean a thaighe, agus uile sheanairean tìr na h‑Èiphit, Agus teaghlach Iòseiph uile, agus a bhràithrean, agus teaghlach a athar: a‑mhàin dh’fhàg iad an clann bheag agus an caoraich agus am buar ann an tìr Ghòsein. Agus chaidh suas maille ris araon carbadan agus marc‐shluagh: agus bha a’ chuideachd ro‑mhòr. Agus thàinig iad gu ùrlar‐bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean. Agus nuair a chunnaic luchd‐àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, am bròn ann an ùrlar Ataid, thubhairt iad, Is doilgheasach am bròn seo do na h‑Èiphitich; uime sin thugadh Abel‐misraim mar ainm air, a tha an taobh thall de Iòrdan. Agus rinn a mhic dha mar a dh’àithn e dhaibh: Oir ghiùlain a mhic e do thìr Chanàain, agus dh’adhlaic iad e ann an uaimh achadh Mhachpelah, a cheannaich Abrahàm maille ris an achadh mar sheilbh àit‐adhlaic, o Ephron an t‑Hiteach, fa chomhair Mhamre. Agus thill Iòseph don Èiphit, e fhèin agus a bhràithrean, agus iadsan uile a chaidh suas maille ris a dh’adhlac a athair, an dèidh dha a athair adhlac. Agus nuair a chunnaic bràithrean Iòseiph gun d’fhuair an athair bàs, thubhairt iad, Theagamh gun toir Iòseph fuath dhuinn, agus gun dìol e gu cinnteach oirnn an t‑olc sin uile a rinn sinn air. Agus chuir iad teachdairean gu Iòseph, ag ràdh, Dh’àithn d’athair mun d’fhuair e bàs, ag ràdh, Mar sin their sibh ri Iòseph, Maith, guidheam ort a‑nis, eucoir do bhràithrean agus am peacadh, do bhrìgh gun do rinn iad olc ort; agus a‑nis, guidheam ort, maith eucoir seirbhisich Dia d’athar. Agus ghuil Iòseph nuair a labhair iad ris. Agus chaidh a bhràithrean mar an ceudna, agus thuit iad sìos na làthair, agus thubhairt iad, Feuch, is seirbhisich dhut sinne. Agus thubhairt Iòseph riu, Na biodh eagal oirbh; oir a bheil mise ann an àite Dhè? Agus dur taobh‐se, shònraich sibh olc am aghaidh; ach shònraich Dia sin a‑chum maith, a‑chum, mar air an là‑an‑diugh, gun tèarnadh e mòr‐shluagh beò. A‑nis uime sin na biodh eagal oirbh: altramaidh mise sibh, agus ur clann bheag. Agus thug e comhfhurtachd dhaibh, agus labhair e gu coibhneil riu. Agus ghabh Iòseph còmhnaidh anns an Èiphit, e fhèin agus teaghlach a athar: agus bha Iòseph beò ceud agus deich bliadhna. Agus chunnaic Iòseph clann Ephraim, den treas ginealach: thogadh suas mar an ceudna clann Mhachir mhic Mhanaseh air glùinean Iòseiph. Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Tha mise a’ faighinn a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus bheir e a‑mach sibh as an fhearann seo, don fhearann a mhionnaich e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob. Agus ghabh Iòseph mionnan de chloinn Israeil, ag ràdh, Amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus giùlainidh sibh mo chnàmhan‐sa suas as a seo. Agus fhuair Iòseph bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois: agus chuir iad spìosraidh air, agus chuireadh ann an ciste‐mhairbh e anns an Èiphit. A‑nis is iad seo ainmean chloinn Israeil, a thàinig don Èiphit; thàinig gach duine agus a theaghlach maille ri Iàcob: Reuben, Simeon, Lèbhi, agus Iùdah, Isachar, Sebulun, agus Beniàmin, Dan, agus Naphtali, Gad, agus Aser. Agus na h‑anaman uile a thàinig a‑mach à leasraidh Iàcoib, bu deich agus trì‐fichead anam iad; oir bha Iòseph anns an Èiphit cheana. Agus fhuair Iòseph bàs, agus a bhràithrean uile, agus an ginealach sin uile. Agus bha clann Israeil sìolmhor, agus dh’fhàs iad gu mòr, agus rinneadh lìonmhor iad, agus chinn iad ro‑chumhachdach; agus lìonadh an tìr leo. A‑nis dh’èirich rìgh ùr air an Èiphit, do nach b’aithne Iòseph. Agus thubhairt e ra shluagh, Feuch, tha sluagh chloinn Israeil nas lìonmhoire agus nas cumhachdaiche na sinne; Thigibh, buineamaid gu seòlta, air eagal gum fàs iad lìonmhor, agus gun tachair e, nuair a dh’èireas cogadh, gun gabh iadsan mar an ceudna le ar naimhdean‐ne, agus gun cog iad nar n‑aghaidh, agus gun tèid iad a‑mach as an tìr. Uime sin chuir iad maighistirean‐obrach orra, a‑chum an sàrachadh len eallaichean. Agus thog iad bailtean‐ionmhais do Phàraoh, Pitom agus Rameses. Ach mar as mò a shàraich iad iad, is ann as mò a rinneadh iadsan lìonmhor agus a dh’fhàs iad. Agus bha iad fo dhoilgheas airson chloinn Israeil. Agus thug na h‑Èiphitich air cloinn Israeil seirbhis a dhèanamh le cruas: Agus rinn iad am beatha searbh dhaibh le daorsa chruaidh, ann am mortar, agus ann an clachan‐creadha, agus anns gach gnè obrach anns a’ mhachair: bha an obair uile, anns an tug iad orra obair a dhèanamh, le cruas. Agus labhair rìgh na h‑Èiphit ri mnathan‐glùine nan Eabhraidheach (b’e ainm aoin dhiubh Siphrah, agus ainm na tè eile Puah); Agus thubhairt e, Nuair a nì sibh gnìomh mnà‐glùine do na mnathan Eabhraidheach, agus a chì sibh iad air na stòlan; mas mac a bhios ann, an sin marbhaidh sibh e, ach mas nighean a bhios ann, bidh i beò. Ach bha eagal Dhè air na mnathan‐glùine, agus cha do rinn iad mar a dh’àithn rìgh na h‑Èiphit dhaibh, ach ghlèidh iad a’ chlann‐mhac beò. Agus ghairm rìgh na h‑Èiphit air na mnathan‐glùine, agus thubhairt e riu, Carson a rinn sibh an nì seo, agus a ghlèidh sibh a’ chlann‐mhac beò? Agus thubhairt na mnathan‐glùine ri Phàraoh, A chionn nach eil na mnathan Eabhraidheach mar na mnathan Èiphiteach: oir tha iad fhèin beothail, agus air an asaid mun tig na mnathan‐glùine a‑steach dan ionnsaigh. Uime sin, bhuin Dia gu math ris na mnathan‐glùine: agus rinneadh an sluagh lìonmhor, agus dh’fhàs iad ro‑chumhachdach. Agus a chionn gu robh eagal Dhè air na mnathan‐glùine, rinn e taighean dhaibh. Agus thug Phàraoh àithne da shluagh uile, ag ràdh, Gach mac a bheirear, tilgidh sibh anns an abhainn; agus gach nighean gleidhidh sibh beò. Agus chaidh duine de thaigh Lèbhi, agus ghabh e nighean de Lèbhi na mnaoi. Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus rug i mac: agus nuair a chunnaic i gu robh e na leanabh tlachdmhor, dh’fhalaich i e rè trì mìosan. Agus nuair nach b’urrainn i a fhalach na b’fhaide, ghabh i dha cobhan cuilce, agus chuir i thairis e le làthaich agus le pic, agus chuir i an leanabh ann; agus chuir i e anns a’ chuilc aig bruaich na h‑aibhne. Agus sheas a phiuthar am fad uaithe, a dh’fhaicinn ciod a dhèante ris. Agus thàinig nighean Phàraoh a‑nuas ga nighe fhèin anns an abhainn, agus bha a maighdeannan ag imeachd ri taobh na h‑aibhne; agus nuair a chunnaic i an cobhan am measg na cuilce, chuir i a banoglach ga thoirt da h‑ionnsaigh. Agus nuair a dh’fhosgail i e, chunnaic i an leanabh: agus, feuch, ghuil an naoidhean. Agus ghabh i truas ris, agus thubhairt i, Is aon seo de chloinn nan Eabhraidheach. An sin thubhairt a phiuthar ri nighinn Phàraoh, An tèid mise, agus an gairm mi dhut banaltram de na mnathan Eabhraidheach, a‑chum is gun altraim i an leanabh dhut? Agus thubhairt nighean Phàraoh rithe, Falbh. Agus chaidh a’ mhaighdeann, agus ghairm i màthair an leinibh. Agus thubhairt nighean Phàraoh rithe, Thoir an leanabh seo leat, agus altraim dhòmhsa e, agus bheir mi dhut do thuarasdal. Agus ghabh a’ bhean an leanabh, agus dh’altraim i e. Agus dh’fhàs an leanabh, agus thug i e a dh’ionnsaigh nighean Phàraoh, agus bha e na mhac dhi. Agus thug i Maois mar ainm air: agus thubhairt i, A chionn as an uisge gun do tharraing mi a‑mach e. Agus thàrladh anns na làithean sin, nuair a dh’fhàs Maois suas, gun deachaidh e a‑mach a dh’ionnsaigh a bhràithrean, agus gun d’amhairc e air an eallaichean: agus chunnaic e Èiphiteach a’ bualadh Eabhraidhich, aon de a bhràithrean. Agus dh’amhairc e an taobh seo agus an taobh ud, agus nuair a chunnaic e nach robh aon duine ann, mharbh e an t‑Èiphiteach, agus dh’fhalaich e anns a’ ghaineamh e. Agus nuair a chaidh e a‑mach an dara là, feuch, bha dithis de na h‑Eabhraidhich a’ strì ri chèile; agus thubhairt e ris‐san a rinn an eucoir, Carson a bhuaileas tu do choimhearsnach? Agus thubhairt e, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne? Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Èiphiteach? Agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an nì seo aithnichte. A‑nis nuair a chuala Phàraoh an nì seo, dh’iarr e Maois a mharbhadh, ach theich Maois o aghaidh Phàraoh, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Mhidiain; agus shuidh e sìos làimh ri tobar. A‑nis bha aig sagart Mhidiain seachdnar nighean: agus thàinig iad agus tharraing iad uisge agus lìon iad na h‑amair a thoirt uisge do threud an athar. Agus thàinig na buachaillean agus dh’fhuadaich iad air falbh iad: ach sheas Maois suas agus chuidich e leo, agus thug e uisge dan treud. Agus nuair a thàinig iad gu Reuel an athair, thubhairt e, Cionnas a thàinig sibh cho luath an‑diugh? Agus thubhairt iad, Shaor Èiphiteach sinn à làimh nam buachaillean, agus mar an ceudna tharraing e uisge gu leòr dhuinn, agus thug e uisge don treud. Agus thubhairt esan ra nigheanan, Agus càit a bheil e? Carson a dh’fhàg sibh an duine? Gairmibh air, a‑chum is gun ith e aran. Agus bha Maois toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris an duine: agus thug e Siporah a nighean do Mhaois mar mhnaoi. Agus rug i mac dha, agus thug e Gersom mar ainm air: oir thubhairt e, Bha mi am choigreach ann an tìr aineoil. Agus thàrladh an ceann mòran làithean gun d’fhuair rìgh na h‑Èiphit bàs, agus bha clann Israeil ag osnaich airson an daorsa, agus ghlaodh iad; agus thàinig an glaodh suas gu Dia, airson na daorsa. Agus chuala Dia an osnaich, agus chuimhnich Dia a choicheangal ri Abrahàm, ri Isaac, agus ri Iàcob. Agus dh’amhairc Dia air cloinn Israeil, agus dh’fhiosraich e iad. A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair‐cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh‐cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb. Agus dh’fhoillsicheadh aingeal an Tighearna dha ann an lasair theine à meadhon pris; agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha am preas a’ lasadh le teine, ach cha robh am preas air a losgadh. Agus thubhairt Maois, Tionndaidhidh mi a‑nis a lethtaobh, agus chì mi an sealladh mòr seo, carson nach eil am preas air a losgadh. Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun do thionndaidh e a lethtaobh a dh’fhaicinn sin, ghairm Dia air à meadhon a’ phris, agus thubhairt e, A Mhaois, a Mhaois. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo. Agus thubhairt e, Na tig am fagas an seo; cuir dhìot do bhrògan bhàrr do chas, oir an t‑àit air a bheil thu ad sheasamh, is talamh naomh e. Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia. Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Èiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean‐obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas. Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Èiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach. A‑nis uime sin, feuch, tha glaodh chloinn Israeil air teachd am ionnsaigh‐sa; agus mar an ceudna chunnaic mi am foir‐èiginn leis a bheil na h‑Èiphitich gam foir‐èigneadh. Agus a‑nis thig, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh Phàraoh, a‑chum is gun toir thu a‑mach mo shluagh, clann Israeil, as an Èiphit. Agus thubhairt Maois ri Dia, Cò mise, gun rachainn a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus gun tugainn a‑mach clann Israeil as an Èiphit? Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Èiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo. Agus thubhairt Maois ri Dia, Feuch, nuair a thig mi a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus a their mi riu, Chuir Dia ur n‑athraichean mise dur n‑ionnsaigh; agus a their iad rium, Ciod as ainm dha? Ciod a their mi riu? Agus thubhairt Dia ri Maois, IS MI AN TI AS MI: agus thubhairt e, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir IS MI mise dur n‑ionnsaigh. Agus thubhairt Dia a thuilleadh air seo ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, mise dur n‑ionnsaigh: is e seo m’ainm, a‑chaoidh; agus is e seo mo chuimhneachan do gach uile ghinealach. Imich agus cruinnich ri chèile seanairean Israeil, agus abair riu, Dh’fhoillsich an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, e fhèin dhòmhsa, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib, ag ràdh, Gu cinnteach dh’amhairc mi oirbh, agus chunnaic mi an nì a rinneadh oirbh anns an Èiphit: Agus thubhairt mi, Bheir mi suas sibh à àmhghar na h‑Èiphit, gu fearann nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil. Agus èisdidh iadsan rid ghuth; agus thèid thu fhèin, agus seanairean Israeil, gu rìgh na h‑Èiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, sinne: agus a‑nise leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia. Agus is deimhinn leam nach leig rìgh na h‑Èiphit leibh imeachd, cha leig eadhon le làimh làidir. Agus sìnidh mise a‑mach mo làmh, agus buailidh mi an Èiphit le m’iongantasan uile, a nì mi na meadhon: agus an dèidh sin leigidh e dhuibh imeachd. Agus bheir mise don t‑sluagh seo deagh‐ghean ann an sealladh nan Èiphiteach: agus tàrlaidh, nuair a dh’fhalbhas sibh, nach falbh sibh falamh; Ach iarraidh gach bean o a ban‐choimhearsnaich, agus on mhnaoi a bhios air aoigheachd na taigh, seudan airgid, agus seudan òir, agus aodach: agus cuiridh sibh iad air ur mic, agus air ur nigheanan; agus creachaidh sibh na h‑Èiphitich. Agus fhreagair Maois, agus thubhairt e, Ach, feuch, cha chreid iad mi, cha mhò a dh’èisdeas iad rim ghuth: oir their iad, Cha do thaisbein an Tighearna e fhèin dhut. Agus thubhairt an Tighearna ris, Ciod sin ann ad làimh? Agus thubhairt esan, Slat. Agus thubhairt e, Tilg air an làr i. Agus thilg e air an làr i, agus rinneadh i na nathair: agus theich Maois roimhpe. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cuir a‑mach do làmh, agus glac air a h‑eàrr i. Agus chuir e a‑mach a làmh, agus rug e oirre, agus rinneadh slat dhith na làimh. A‑chum is gun creid iad gun d’fhoillsich an Tighearna, Dia an athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, e fhèin dhut. Agus thubhairt an Tighearna a thuilleadh air seo ris, Cuir a‑nis do làmh ad bhroilleach. Agus chuir e a làmh na bhroilleach: agus nuair a thug e a‑mach i, feuch, bha a làmh lobhrach mar shneachda. Agus thubhairt e, Cuir do làmh a‑rìs ad bhroilleach. Agus chuir e a làmh a‑rìs na bhroilleach, agus thug e a‑mach as a bhroilleach i, agus, feuch, dh’iompaicheadh i mar a’ chuid eile de a fheòil. Agus tàrlaidh, mura creid iad thu, agus mura èisd iad ri guth a’ chiad chomharraidh, gun creid iad guth a’ chomharraidh dheireannaich. Agus tàrlaidh, mura creid iad mar an ceudna an dà chomharradh sin, agus mura èisd iad rid ghuth, gun gabh thu cuid de uisge na h‑aibhne, agus gun dòirt thu air an talamh thioram e: agus fàsaidh an t‑uisge a bheir thu as an abhainn na fhuil air an talamh thioram. Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, O mo Thighearna, cha duine deas‐chainnteach mi, aon chuid roimhe seo, no on àm anns an do labhair thusa rid sheirbhiseach: do bhrìgh gu bheil mi mall ann an cainnt, agus mall ann an teangaidh. Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò a rinn beul an duine? No cò a rinn am balbh, no am bodhar, no an tì a chì, no an dall? Nach mise, an Tighearna? A‑nis uime sin imich, agus bidh mise led bheul, agus teagaisgidh mi dhut ciod a their thu. Agus thubhairt e, O mo Thighearna, cuir, guidheam ort, le làimh an tì a chuireas tu. Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Mhaois, agus thubhairt e, Nach e Aaron an Lèbhitheach do bhràthair? Tha fhios agam gun labhair esan gu math. Agus mar an ceudna, feuch, tha e a’ teachd a‑mach ad choinneamh: agus nuair a chì e thu, bidh e subhach na chridhe. Agus labhraidh tusa ris, agus cuiridh tu facail na bheul: agus bidh mise led bheul‐sa, agus le a bheul‐san, agus teagaisgidh mi dhuibh ciod a nì sibh. Agus labhraidh esan air do shon‐sa ris an t‑sluagh: agus bidh esan, bidh eadhon esan, dhut an àite beòil, agus bidh tusa dhàsan an àite Dhè. Agus gabhaidh tu an t‑slat seo ann ad làimh, leis an dèan thu comharraidhean. Agus dh’imich Maois agus thill e gu Ietro a athair‐cèile, agus thubhairt e ris, Thèid mi a‑nis, agus tillidh mi a‑chum mo bhràithrean a tha anns an Èiphit, agus chì mi a bheil iad fhathast beò. Agus thubhairt Ietro ri Maois, Imich ann an sìth. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois ann am Midian, Imich, till don Èiphit: oir tha na daoine sin uile marbh a bha ag iarraidh d’anama. Agus ghabh Maois a bhean agus a mhic, agus chuir e iad air asail, agus thill e do thìr na h‑Èiphit. Agus ghabh Maois slat Dhè na làimh. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nuair a dh’imicheas tu a‑chum tilleadh don Èiphit, thoir an aire gun dèan thu na h‑iongantasan sin uile, a chuir mise ann ad làimh, am fianais Phàraoh: ach cruadhaichidh mise a chridhe, agus cha leig e leis an t‑sluagh imeachd. Agus their thu ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Is e Israel mo mhac, mo chiad‐ghin: Agus tha mi ag ràdh riut, Leig lem mhac imeachd, a‑chum is gun dèan e seirbhis dhomh; agus ma dhiùltas tu leigeadh leis imeachd, feuch, marbhaidh mise do mhac‐sa, eadhon do chiad‐ghin. Agus thàrladh air an t‑slighe anns an taigh‐òsda, gun do choinnich an Tighearna e, agus gun d’iarr e a mharbhadh. An sin ghabh Siporah clach gheur, agus thimcheall‐gheàrr i ro‑chraiceann a mic, agus thilg i aig a chasan e, agus thubhairt i, Gu cinnteach is fear‐pòsda fuileachdach dhòmhsa thu. Agus leig e uaithe e: an sin thubhairt i, Is fear‐pòsda fuileachdach thu airson an timcheall‐ghearraidh. Agus thubhairt an Tighearna ri Aaron, Imich an coinneamh Mhaois don fhàsach. Agus dh’imich e, agus choinnich e e ann an sliabh Dhè, agus phòg e e. Agus dh’innis Maois do Aaron uile bhriathran an Tighearna, a chuir uaithe e, agus na comharraidhean uile a dh’àithn e dha. Agus chaidh Maois agus Aaron, agus chruinnich iad seanairean chloinn Israeil uile: Agus labhair Aaron na briathran uile a labhair an Tighearna ri Maois, agus rinn e na comharraidhean ann an sealladh an t‑sluaigh. Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh. Agus na dhèidh sin chaidh Maois agus Aaron a‑steach, agus thubhairt iad ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun glèidh iad fèill dhòmhsa anns an fhàsach. Agus thubhairt Phàraoh, Cò e an Tighearna, gun èisdinn‐sa ra ghuth a leigeadh le Israel imeachd? Chan aithne dhòmhsa an Tighearna, agus mar an ceudna cha leig mi le Israel imeachd. Agus thubhairt iad, Dh’fhoillsich Dia nan Eabhraidheach e fhèin dhuinne: leig leinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia, air eagal gum buail e sinn le plàigh, no leis a’ chlaidheamh. Agus thubhairt rìgh na h‑Èiphit riu, Carson a tha sibhse, a Mhaois agus Aaroin, a’ toirt air an t‑sluagh sgur on obraichean? Rachaibh a‑chum ur n‑eallaichean. Agus thubhairt Phàraoh, Feuch, tha sluagh na tìre a‑nis lìonmhor, agus tha sibhse a’ toirt orra a bhith nan tàmh on eallaichean. Agus dh’àithn Phàraoh air an là sin fhèin do mhaighistirean‐obrach an t‑sluaigh, agus dan luchd‐riaghlaidh, ag ràdh, Cha toir sibh connlach tuilleadh don t‑sluagh a dhèanamh chlachan‐creadha mar roimhe seo: rachadh iad agus cruinnicheadh iad connlach dhaibh fhèin. Agus cuiridh sibh orra àireamh nan clachan‐creadha a rinn iad roimhe: cha leig sibh sìos a’ bheag dheth, oir tha iad dìomhanach; uime sin tha iad ag èigheach, ag ràdh, Rachamaid agus ìobramaid dar Dia. Cuirear an obair nas truime air na daoine, a‑chum is gun saothraich iad innte: agus na earbadh iad à briathran dìomhain. Agus chaidh maighistirean‐obrach an t‑sluaigh a‑mach, agus an luchd‐riaghlaidh, agus labhair iad ris an t‑sluagh, ag ràdh, Mar seo tha Phàraoh ag ràdh, Cha toir mi dhuibh connlach. Rachaibh, gabhaibh dhuibh fhèin connlach far am faod sibh a faotainn: gidheadh cha leigear sìos a’ bheag de ur n‑obair. Uime sin sgaoileadh an sluagh air feadh tìr na h‑Èiphit uile, a chruinneachadh asbhuain an àite connlaich. Agus chuir na maighistirean‐obrach thuige iad, ag ràdh, Coileanaibh ur n‑obraichean cumte làitheil, mar nuair a thugadh connlach dhuibh. Agus bhuaileadh luchd‐riaghlaidh chloinn Israeil a chuir maighistirean‐obrach Phàraoh os an cionn, agus dh’fhiosraicheadh dhiubh, Carson nach do choilean sibh ur n‑obair chumte ann an dèanamh chlachan‐creadha, araon an‑dè agus an‑diugh, mar a rinn sibh roimhe? An sin thàinig luchd‐riaghlaidh chloinn Israeil, agus ghlaodh iad ri Phàraoh, ag ràdh, Carson a bhuineas tu air an dòigh seo rid sheirbhisich? Chan eil connlach air a toirt dod sheirbhisich, agus is e a their iad rinn, Dèanaibh clachan‐creadha: agus, feuch, tha do sheirbhisich air am bualadh; ach is ann aig do shluagh fhèin a tha a’ choire. Ach thubhairt esan, Tha sibh dìomhanach, tha sibh dìomhanach: uime sin their sibh, Rachamaid agus ìobramaid don Tighearna. Uime sin imichibh a‑nis, dèanaibh obair; oir cha toirear connlach dhuibh, agus bheir sibh uaibh làn àireamh nan clachan‐creadha. Agus chunnaic luchd‐riaghlaidh chloinn Israeil gum bu chruaidh an càs anns an robh iad, agus e air a ràdh riu, Cha bheagaich sibh dad de ur clachan‐creadha, den obair dhligheach làitheil. Agus choinnich iad Maois agus Aaron, a sheas air an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑mach o Phàraoh. Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun tugadh e breith, do bhrìgh gun do rinn sibh ar fàile gràineil an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh nan làimh a‑chum sinne a mharbhadh. Agus thill Maois a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna, carson a bhuin thu cho olc ris an t‑sluagh seo? Carson a chuir thu uat mi? Oir on àm a thàinig mi gu Phàraoh a labhairt ann ad ainm, rinn e olc don t‑sluagh seo; agus cha do shaor thu idir do shluagh. An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, A‑nis chì thu ciod a nì mi ri Phàraoh: oir le làimh làidir leigidh e leo imeachd, agus le làimh làidir fuadaichidh e a‑mach as a dhùthaich iad. Agus labhair Dia ri Maois, agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna. Agus dh’fhoillsich mi mi fhèin do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, le ainm an Dè Uile‐chumhachdaich, ach lem ainm Iehòbhah cha robh mi aithnichte dhaibh. Agus mar an ceudna dhaingnich mi mo choicheangal riu, gun tugainn dhaibh tìr Chanàain, tìr an cuairte, anns an robh iad nan coigrich. Agus mar an ceudna chuala mi osnaich chloinn Israeil, a tha na h‑Èiphitich a’ cumail ann an daorsa; agus chuimhnich mi mo choicheangal. Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Èiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra. Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt‐se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Èiphiteach. Agus bheir mi a‑steach sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a mhionnaich mi gun tugainn e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob; agus bheir mi e dhuibhse mar oighreachd; Is mise an Tighearna. Agus labhair Maois mar sin ri cloinn Israeil; ach cha d’èisd iad ri Maois, trìd chràdh spioraid, agus trìd chruaidh dhaorsa. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Imich a‑steach, labhair ri Phàraoh rìgh na h‑Èiphit, e a leigeadh do chloinn Israeil dol a‑mach as a dhùthaich. Agus labhair Maois an làthair an Tighearna, ag ràdh, Feuch, cha d’èisd clann Israeil rium; cionnas matà a dh’èisdeas Phàraoh riumsa, aig a bheil mo bhilean neo‐thimcheall‐gheàrrte? Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, agus thug e dhaibh àithne a‑chum chloinn Israeil, agus a‑chum Phàraoh rìgh na h‑Èiphit, clann Israeil a thoirt a‑mach à tìr na h‑Èiphit. Is iad seo ceannardan taighean an athraichean: mic Reubein ciad‐ghin Israeil: Hanoch, agus Pallu, Hesron, agus Carmi: is iad sin teaghlaichean Reubein. Agus mic Shimeoin: Iemuel, agus Iamin, agus Ohad, agus Iachin, agus Sohar, agus Saul mac ban‐Chanàanaich: is iad sin teaghlaichean Shimeoin. Agus is iad seo ainmean mic Lèbhi, a rèir an ginealaichean: Gerson, agus Cohat, agus Merari: agus b’iad bliadhnachan beatha Lèbhi ceud agus seachd‐bliadhna‑deug ar fhichead. Mic Ghersoin: Libni, agus Simi, a rèir an teaghlaichean. Agus mic Chohait: Amram, agus Idshar, agus Hebron, agus Udsiel: agus b’iad bliadhnachan beatha Chohait ceud agus trì‐bliadhna‑deug ar fhichead. Agus mic Mherari: Mahali agus Musi: is iad sin teaghlaichean Lèbhi, a rèir an ginealaichean. Agus ghabh Amram Iochebed, piuthar a athar, dha fhèin na mnaoi, agus rug i dha Aaron agus Maois: agus b’iad bliadhnachan beatha Amraim ceud agus seachd‐bliadhna‑deug ar fhichead. Agus mic Idshair: Corah, agus Nepheg, agus Sichri. Agus mic Udsieil: Misael, agus Elsaphan, agus Sitri. Agus ghabh Aaron Elisèba nighean Aminadaib, piuthar Naasoin, dha fhèin na mnaoi; agus rug i dha Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar. Agus mic Chorah: Asir, agus Elcanah, agus Abiasaph; is iad sin teaghlaichean nan Corhach. Agus ghabh Eleàsar mac Aaroin aon de nigheanan Phutieil dha fhèin na mnaoi; agus rug i dha Phinehas: is iad sin ceannardan athraichean nan Lèbhitheach, a rèir an teaghlaichean. Is iad seo an t‑Aaron agus am Maois ud, ris an dubhairt an Tighearna, Thugaibh a‑mach clann Israeil à tìr h‑Èiphit, a rèir an slògh. Is iad seo iadsan a labhair ri Phàraoh, rìgh na h‑Èiphit, a‑chum clann Israeil a thoirt a‑mach as an Èiphit: is iad seo am Maois agus an t‑Aaron ud. Agus thàrladh, anns an là air an do labhair an Tighearna ri Maois ann an tìr na h‑Èiphit, Gun do labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Is mise an Tighearna: labhair thusa ri Phàraoh rìgh na h‑Èiphit gach nì a their mise riut. Agus thubhairt Maois an làthair an Tighearna, Feuch, tha mise neo‐thimcheall‐gheàrrte am bhilean, agus cionnas a dh’èisdeas Phàraoh rium? Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, rinn mi thu ad dhia do Phàraoh: agus bidh do bhràthair Aaron na fhàidh agad. Labhraidh tusa gach nì a dh’àithneas mise dhut: agus labhraidh Aaron do bhràthair ri Phàraoh, esan a chur cloinn Israeil a‑mach as a thìr. Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus nì mi mo chomharraidhean agus m’iongantasan lìonmhor ann an tìr na h‑Èiphit. Agus chan èisd Phàraoh ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Èiphit, agus bheir mi a‑mach m’armailtean, agus mo shluagh, clann Israeil, à tìr na h‑Èiphit, le breitheanais mhòra. Agus bidh fhios aig na h‑Èiphitich gur mise an Tighearna, nuair a shìneas mi a‑mach mo làmh air an Èiphit, agus a bheir mi a‑mach clann Israeil o bhith nam measg. Agus rinn Maois agus Aaron mar a dh’àithn an Tighearna dhaibh, mar sin rinn iad. Agus bha Maois ceithir‐fichead bliadhna a dh’aois, agus Aaron ceithir‐fichead agus trì bliadhna a dh’aois, nuair a labhair iad ri Phàraoh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh, Nuair a labhras Phàraoh ribh, ag ràdh, Nochdaibh iongantas air ur son fhèin; an sin their thu ri Aaron, Gabh do shlat, agus tilg sìos i an làthair Phàraoh, agus fàsaidh i na nathair. Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus rinn iad mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna: agus thilg Aaron sìos a shlat an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, agus rinneadh i na nathair. An sin ghairm Phàraoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd‐fiosachd: agus rinn mar an ceudna draoidhean na h‑Èiphit mar sin len draoigheachdan: Oir thilg iad sìos gach duine a shlat, agus rinneadh iad nan nathraichean: ach shluig slat Aaroin suas an slatan‐san. Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, air chor is nach d’èisd e riu; mar a thubhairt an Tighearna. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, tha e a’ diùltadh leigeadh leis an t‑sluagh falbh. Imich‐sa a dh’ionnsaigh Phàraoh anns a’ mhadainn; feuch, tha e a’ dol a‑mach a dh’ionnsaigh an uisge, agus seasaidh tu na choinneamh air bruach na h‑aibhne; agus an t‑slat a thionndaidheadh na nathair, gabhaidh tu ad làimh. Agus their thu ris, Chuir an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, mise ad ionnsaigh, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhòmhsa anns an fhàsach: agus, feuch, gus a seo cha b’àill leat èisdeachd. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh. Ann an seo aithnichidh tu gur mise an Tighearna: feuch, buailidh mi leis an t‑slait a tha am làimh na h‑uisgeachan a tha anns an abhainn, agus tionndaidhear iad gu fuil. Agus gheibh an t‑iasg a tha anns an abhainn bàs, agus lobhaidh an abhainn; agus bidh gràin air na h‑Èiphitich uisge òl as an abhainn. Agus labhair an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Gabh do shlat, agus sìn a‑mach do làmh air uisgeachan na h‑Èiphit, air an aibhnichean, air an sruthan, agus air an lochan, agus air uile cho‐chruinneachadh an uisgeachan, a‑chum is gum fàs iad nam fuil: agus bidh fuil air feadh tìr na h‑Èiphit uile, araon ann an soithichean fiodha, agus ann an soithichean cloiche. Agus rinn Maois agus Aaron mar sin, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna, agus thog e suas an t‑slat, agus bhuail e na h‑uisgeachan a bha anns an abhainn, ann an sealladh Phàraoh, agus ann an sealladh a sheirbhiseach: agus thionndaidheadh na h‑uisgeachan uile a bha anns an abhainn gu fuil. Agus fhuair an t‑iasg a bha anns an abhainn bàs: agus lobh an abhainn, agus cha b’urrainn na h‑Èiphitich uisge òl as an abhainn, agus bha an fhuil ann an tìr na h‑Èiphit uile. Agus rinn draoidhean na h‑Èiphit mar sin len draoidheachdan: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna. Agus thill Phàraoh, agus chaidh e da thaigh: agus cha do shocraich e a chridhe air seo cuideachd. Agus chladhaich na h‑Èiphitich uile timcheall na h‑aibhne airson uisge ra òl: oir cha b’urrainn iad òl de uisge na h‑aibhne. Agus choileanadh seachd làithean an dèidh don Tighearna an abhainn a bhualadh. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Falbh a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh. Agus ma dhiùltas tu an leigeadh air falbh, feuch, buailidh mi do chrìochan uile le losgannan: Agus brùchdaidh an abhainn a‑mach losgannan, agus thèid iad suas, agus thig iad a‑steach dod thaigh, agus dod sheòmar‐leapa, agus air uachdar do leapa, agus do thaigh do sheirbhiseach, agus air do shluagh, agus dod àmhainnean, agus dod amair‐fhuinidh. Agus thèid na losgannan suas ort fhèin, agus air do shluagh, agus air do sheirbhisich uile. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do làmh led shlait os cionn nan aibhnichean, os cionn nan allt, agus os cionn nan lochan; agus thoir air na losgannan dol suas air talamh na h‑Èiphit. Agus shìn Aaron a‑mach a làmh os cionn uisgeachan na h‑Èiphit; agus chaidh na losgannan suas, agus chòmhdaich iad talamh na h‑Èiphit. Agus rinn na draoidhean mar sin len draoidheachdan, agus thug iad suas losgannan air talamh na h‑Èiphit. An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna. Agus thubhairt Maois ri Phàraoh, Dèan uaill tharam: cuin a ghuidheas mi air do shon, agus airson do sheirbhiseach, agus airson do shluaigh, gun cuirear as do na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, air chor is gum mair iad a‑mhàin anns an abhainn? Agus thubhairt esan, A‑màireach. Agus thubhairt e, Biodh e a rèir d’fhacail: a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail ris an Tighearna ar Dia. Agus falbhaidh na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, agus od sheirbhisich, agus od shluagh; a‑mhàin anns an abhainn mairidh iad. Agus chaidh Maois agus Aaron a‑mach o Phàraoh; agus dh’èigh Maois ris an Tighearna a‑thaobh nan losgann, a thug e an aghaidh Phàraoh. Agus rinn an Tighearna a rèir facal Mhaois: agus bhàsaich na losgannan as na taighean, as na bailtean, agus as na machraichean. Agus chruinnich iad ri chèile nan dùin iad; agus lobh an tìr. Ach nuair a chunnaic Phàraoh gu robh fois ann, chruadhaich e a chridhe, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do shlat, agus buail duslach na talmhainn, a‑chum gum fàs e na mhialan air feadh tìr na h‑Èiphit uile. Agus rinn iad mar sin; oir shìn Aaron a‑mach a làmh le a shlait, agus bhuail e duslach na talmhainn, agus rinneadh e na mhialan air duine agus air ainmhidh: rinneadh uile dhuslach na talmhainn na mhialan air feadh tìr na h‑Èiphit uile. Agus rinn na draoidhean mar sin len draoidheachdan a thoirt a‑mach mhial, ach cha b’urrainn iad; agus bha mialan air duine agus air ainmhidh. An sin thubhairt na draoidhean ri Phàraoh, Is e meur Dhè a tha ann: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Eirich suas gu moch anns a’ mhadainn, agus seas an làthair Phàraoh (feuch, tha e a’ teachd a‑mach a dh’ionnsaigh an uisge) agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh. Ach mura leig thu lem shluagh imeachd, feuch, cuiridh mi sgaoth chuileag ort fhèin, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh, agus ann ad thaighean: agus lìonar taighean nan Èiphiteach leis an sgaoth chuileag, agus mar an ceudna an talamh air a bheil iad. Agus cuiridh mi air leth, air an là sin fhèin, fearann Ghòsein, anns a bheil mo shluagh a chòmhnaidh, air chor is nach bi cuileagan sam bith an sin; a‑chum is gum bi fhios agad gur mise an Tighearna ann am meadhon na talmhainn. Agus cuiridh mi dealachadh eadar mo shluagh‐sa agus do shluagh‐sa: air an là màireach bidh an comharradh seo. Agus rinn an Tighearna mar sin: agus thàinig sgaoth anabarrach chuileag do thaigh Phàraoh, agus do thaighean a sheirbhiseach, agus do thìr na h‑Èiphit uile: thruailleadh an talamh a‑thaobh nan cuileag. Agus ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Rachaibh, ìobraibh dur Dia anns an tìr. Agus thubhairt Maois, Chan eil e iomchaidh sinn a dhèanamh mar sin; oir ìobraidh sinn gràinealachd nan Èiphiteach don Tighearna ar Dia. Feuch, an ìobair sinne gràinealachd nan Èiphiteach fa chomhair an sùl, agus nach clach iad sinn? Thèid sinn astar trì làithean don fhàsach, agus ìobraidh sinn don Tighearna ar Dia, mar a dh’àithneas e dhuinn. Agus thubhairt Phàraoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a‑chum is gun ìobair sibh don Tighearna ur Dia anns an fhàsach; ach na rachaibh ro‑fhada air astar: guidhibh air mo shon‐sa. Agus thubhairt Maois, Feuch, thèid mise a‑mach uat, agus guidhidh mi air an Tighearna gum falbh na cuileagan o Phàraoh, o a sheirbhisich, agus o a shluagh, a‑màireach: ach na buineadh Phàraoh gu cealgach tuilleadh, ann an diùltadh leigeadh don t‑sluagh dol a dh’ìobradh don Tighearna. Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh, agus ghuidh e air an Tighearna. Agus rinn an Tighearna a rèir facal Mhaois; agus chuir e air falbh na cuileagan o Phàraoh, o a sheirbhisich, agus o a shluagh: cha d’fhan a h‑aon. Agus chruadhaich Phàraoh a chridhe air an àm seo mar an ceudna, agus cha do leig e leis an t‑sluagh imeachd. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Falbh a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus innis dha, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh: Oir ma dhiùltas tu leigeadh leo imeachd, agus gun cùm thu iad fhathast, Feuch, bidh làmh an Tighearna air do sprèidh a tha anns a’ mhachair, air na h‑eich, air na h‑asail, air na càmhail, air a’ chrodh, agus air na caoraich: bidh plàigh ro‑mhòr ann. Agus cuiridh an Tighearna dealachadh eadar sprèidh Israeil, agus chan fhaigh a’ bheag bàs a dh’aon nì as le cloinn Israeil. Agus shuidhich an Tighearna àm, ag ràdh, A‑màireach nì an Tighearna an nì seo anns an tìr. Agus rinn an Tighearna an nì sin air an là màireach, agus fhuair sprèidh na h‑Èiphit uile bàs: ach de sprèidh chloinn Israeil cha d’fhuair a h‑aon bàs. Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus, feuch, cha robh eadhon a h‑aon de sprèidh nan Israeleach marbh. Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha do leig e an sluagh air falbh. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, Gabhaibh dhuibh fhèin làn ur glac de luaith an teallaich, agus crathadh Maois i ri nèamh ann an sealladh Phàraoh: Agus bidh i na duslach mìn air feadh tìr na h‑Èiphit uile, agus bidh i na neasgaid a’ briseadh a‑mach na builg air duine, agus air ainmhidh, air feadh tìr na h‑Èiphit uile. Agus ghabh iad luath an teallaich, agus sheas iad an làthair Phàraoh, agus chrath Maois i ri nèamh: agus rinneadh i na neasgaid a’ briseadh a‑mach na builg air duine, agus air ainmhidh. Agus cha b’urrainn na draoidhean seasamh an làthair Mhaois airson nan neasgaid; oir bha an neasgaid air na draoidhean, agus air na h‑Èiphitich uile. Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu; mar a labhair an Tighearna ri Maois. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Eirich suas gu moch anns a’ mhadainn, agus seas an làthair Phàraoh, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh. Oir air an àm seo cuiridh mise mo phlàighean uile air do chridhe‐sa, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh; a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail riumsa anns an talamh uile. Oir a‑nis sìnidh mi a‑mach mo làmh, agus buailidh mi thu fhèin agus do shluagh le plàigh; agus gearrar as thu on talamh. Agus gu deimhinn airson seo thog mi suas thu, a‑chum is gun nochdainn annad mo chumhachd, agus gum biodh m’ainm iomraiteach anns an domhan uile. A bheil thu fhathast gad àrdachadh fhèin an aghaidh mo shluaigh, air chor is nach leig thu leo imeachd? Feuch, mun àm seo a‑màireach, bheir mise air cloich‐mheallain ro‑mhòir frasadh a‑nuas, nach robh a samhail anns an Èiphit on là anns an do leagadh a bunachar eadhon gus a‑nis. Uime sin a‑nis cuir fios uat, agus cruinnich do sprèidh, agus gach nì a tha agad anns a’ mhachair; oir air gach duine agus ainmhidh a gheibhear anns a’ mhachair, agus nach cruinnichear dhachaigh, thig a’ chlach‐mheallain a‑nuas, agus gheibh iad bàs. An tì a ghabh eagal ro fhacal an Tighearna am measg seirbhisich Phàraoh, thug e air a sheirbhisich agus air a sprèidh teicheadh do na taighean. Agus esan nach do ghabh suim de fhacal an Tighearna, dh’fhàg e a sheirbhisich agus a sprèidh anns a’ mhachair. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh gu nèamh, a‑chum is gum bi clach‐mheallain ann an tìr na h‑Èiphit uile, air duine, agus air ainmhidh, agus air uile luibh na machrach ann an tìr na h‑Èiphit. Agus shìn Maois a‑mach a shlat gu nèamh; agus rinn an Tighearna tàirneanach agus clach‐mheallain, agus ruith tein‐adhair air uachdar na talmhainn; agus fhras an Tighearna clach‐mheallain air tìr na h‑Èiphit. Mar seo bha clach‐mheallain ann, agus teine measgte leis a’ chloich‐mheallain, ro‑mhòr, aig nach robh a samhail ann an tìr na h‑Èiphit uile o rinneadh dùthaich dhith. Agus bhuail a’ chlach‐mheallain air feadh tìr na h‑Èiphit uile gach nì a bha anns a’ mhachair, araon duine agus ainmhidh: agus bhuail a’ chlach‐mheallain uile luibh na machrach, agus bhris i uile chraobhan na machrach. A‑mhàin ann an tìr Ghòsein, far an robh clann Israeil, cha robh clach‐mheallain. Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus ghairm e air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e riu, Pheacaich mi an uair seo: tha an Tighearna ceart, agus mise agus mo shluagh aingidh. Guidhibh‐se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach‐mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide. Agus thubhairt Maois ris, Cho luath is a thèid mise a‑mach as a’ bhaile, sìnidh mì mo làmhan a‑mach a‑chum an Tighearna: agus sguiridh an tàirneanach, agus cha bhi a’ chlach‐mheallain ann nas mò; a‑chum is gum bi fhios agad gur leis an Tighearna an talamh. Ach air do shon‐sa, agus airson do sheirbhiseach, tha fhios agam nach bi eagal oirbh fhathast ron Tighearna Dia. Agus bhuaileadh an lìon agus an t‑eòrna; oir bha an t‑eòrna fo dhèis, agus an lìon fo fhrois. Ach cha do bhuaileadh an cruithneachd agus an seagal: oir cha robh iad air fàs suas. Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh as a’ bhaile, agus shìn e a‑mach a làmhan a‑chum an Tighearna; agus sguir an tàirneanach agus a’ chlach‐mheallain, agus cha do dhòirteadh an t‑uisge air an talamh. Agus nuair a chunnaic Phàraoh gun do sguir an t‑uisge, agus a’ chlach‐mheallain, agus an tàirneanach, pheacaich e fhathast mar an ceudna, agus chruadhaich e a chridhe, e fhèin agus a sheirbhisich. Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha do leig e clann Israeil air falbh, mar a labhair an Tighearna le Maois. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a‑steach gu Phàraoh; oir chruadhaich mi a chridhe, agus cridhe a sheirbhiseach, a‑chum gun nochdainn iad sin mo chomharraidhean na làthair: Agus gun innseadh tu ann an cluasan do mhic, agus mac do mhic, na nithean a dh’obraich mi anns an Èiphit, agus mo chomharraidhean a rinn mi nam measg; agus gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna. Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair‐sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh: Ach ma dhiùltas tu leigeadh lem shluagh imeachd, feuch, bheir mise a‑màireach na lòcaist a‑steach dod chrìochan: Agus còmhdaichidh iad aghaidh na talmhainn, air chor is nach urrainn neach an talamh fhaicinn: agus ithidh iad fuidheall an nì sin a thèid as, a dh’fhanas agaibh on chloich‐mheallain, agus ithidh iad gach craobh a tha a’ fàs dhuibh as a’ mhachair. Agus lìonaidh iad do thaighean, agus taighean do sheirbhiseach uile, agus taighean nan Èiphiteach uile; nì nach faca aon chuid d’athraichean, no athraichean d’athraichean, on là a bha iad air an talamh gus an là‑an‑diugh. Agus thill e e fhèin, agus chaidh e a‑mach o Phàraoh. Agus thubhairt seirbhisich Phàraoh ris, Cia fhada a bhios an duine seo na ribe dhuinne? Leig leis na daoine falbh, a‑chum gun dèan iad seirbhis don Tighearna an Dia: nach eil fhios agad fhathast gu bheil an Èiphit air a milleadh? Agus thugadh Maois agus Aaron a‑rìs gu Phàraoh: agus thubhairt e riu, Rachaibh, dèanaibh seirbhis don Tighearna ur Dia: ach cò iad a thèid? Agus thubhairt Maois, Le ar n‑òigridh agus le ar daoine aosmhor thèid sinn; le ar mic agus le ar buar thèid sinn; oir is èiginn dhuinn fèill a chumail don Tighearna. Agus thubhairt e riu, Gu robh an Tighearna mar sin maille ribh, mar a leigeas mise leibh fhèin agus le ur cloinn bhig imeachd: amhaircibh, oir tha olc romhaibh. Chan ann mar sin: imichibh a‑nis, sibhse a tha nur daoine, agus dèanaibh seirbhis don Tighearna, oir is e seo an nì a dh’iarr sibh. Agus dh’fhuadaicheadh a‑mach iad à làthair Phàraoh. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh thar tìr na h‑Èiphit, airson nan lòcast, a‑chum is gun tig iad suas air tìr an h‑Èiphit, agus gun ith iad uile luibh na talmhainn, eadhon gach nì a dh’fhàg a’ chlach‐mheallain. Agus shìn Maois a‑mach a shlat thar tìr na h‑Èiphit, agus thug an Tighearna gaoth an ear air an tìr rè an là sin uile, agus rè na h‑oidhche uile: agus anns a’ mhadainn thug a’ ghaoth an ear a‑steach na lòcaist. Agus chaidh na lòcaist suas thar tìr na h‑Èiphit uile, agus dh’fhan iad ann an crìochan na h‑Èiphit uile, gu ro‑dhiùbhalach; romhpa cha robh riamh an leithidean de lòcaist, agus nan dèidh cha bhi an leithidean. Oir chòmhdaich iad aghaidh na talmhainn uile, air chor is gun do dhorchaicheadh an talamh; agus dh’ith iad uile luibh na talmhainn, agus uile mheas nan craobh, a dh’fhàg a’ chlach‐mheallain: agus cha d’fhàgadh nì sam bith glas anns na craobhan, no ann an luibhean na machrach ann an tìr na h‑Èiphit uile. An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron le cabhaig, agus thubhairt e, Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna ur Dia, agus nur n‑aghaidh‐se. A‑nis uime sin maith, guidheam ort, mo pheacadh a‑mhàin an uair seo, agus guidhibh air an Tighearna ur Dia gun toir e air falbh uam a‑mhàin am bàs seo. Agus chaidh e a‑mach o Phàraoh, agus ghuidh e air an Tighearna. Agus thionndaidh an Tighearna gaoth an iar ro‑làidir, a thug air falbh na lòcaist, agus a thilg iad anns a’ mhuir ruaidh: cha d’fhan aon lòcast ann an crìochan na h‑Èiphit uile. Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e air falbh clann Israeil. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh gu nèamh, agus bidh dorchadas air feadh tìr na h‑Èiphit, eadhon dorchadas a dh’fhaodar a làimhseachadh. Agus shìn Maois a‑mach a làmh gu nèamh: agus bha tiugh‐dhorchadas ann an tìr na h‑Èiphit uile rè trì làithean. Chan fhaca aon dhiubh a chèile, cha mhò a dh’èirich neach o a àite rè trì làithean: ach bha aig cloinn Israeil uile solas nan àitean‐còmhnaidh. Agus ghairm Phàraoh air Maois, agus thubhairt e, Rachaibh‐se, dèanaibh seirbhis don Tighearna: a‑mhàin fanadh ur treudan agus ur buar; rachadh ur clann bheag mar an ceudna maille ribh. Agus thubhairt Maois, Feumaidh tu, mar an ceudna, ìobairtean a thoirt dhuinn, agus tabhartasan‐loisgte, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia. Agus, mar an ceudna, thèid ar sprèidh maille rinn; chan fhàgar ionga nar dèidh, oir is èiginn dhuinn gabhail dhiubh gu seirbhis a dhèanamh don Tighearna ar Dia; agus chan eil fhios againn cia leis a nì sinn seirbhis don Tighearna, gus an tig sinn an sin. Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha leigeadh e leo imeachd. Agus thubhairt Phàraoh ris, Imich a‑mach uam; thoir an aire dhut fhèin, na faic m’aghaidh nas mò; oir anns an là sin anns am faic thu m’aghaidh, gheibh thu bàs. Agus thubhairt Maois, Labhair thu gu math: chan fhaic mi d’aghaidh nas mò. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Bheir mi aon phlàigh fhathast air Phàraoh, agus air an Èiphit; an dèidh sin leigidh e leibh imeachd as a seo: nuair a leigeas e leibh imeachd, gu cinnteach fuadaichidh e a‑mach as a seo sibh gu h‑iomlan. Labhair a‑nis ann an cluasan an t‑sluaigh, agus iarradh gach duine o a choimhearsnach, agus gach bean o a ban‐choimhearsnaich, seudan airgid agus seudan òir. Agus thug an Tighearna deagh‐ghean don t‑sluagh ann an sùilean nan Èiphiteach. Mar an ceudna, bha an duine Maois ro‑mhòr ann an tìr na h‑Èiphit, ann an sùilean seirbhisich Phàraoh, agus ann an sùilean an t‑sluaigh. Agus thubhairt Maois, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mu mheadhon‐oidhche thèid mi a‑mach do mheadhon na h‑Èiphit: Agus gheibh gach ciad‐ghin ann an tìr na h‑Èiphit bàs, o chiad‐ghin Phàraoh, a tha na shuidhe air a rìgh‐chathair, eadhon gu ciad‐ghin na ban‐tràille a tha air cùl a’ mhuilinn, agus uile chiad‐ghin nan ainmhidhean. Agus bidh èigheach mhòr ann an tìr na h‑Èiphit uile, nach robh riamh a leithid ann, cha mhò a bhitheas a leithid ann tuilleadh. Ach an aghaidh aoin de chloinn Israeil cha charaich madadh a theanga, aon chuid an aghaidh duine no ainmhidh; a‑chum is gum bi fhios agaibh cionnas a chuireas an Tighearna dealachadh eadar na h‑Èiphitich agus Israel. Agus thig iad sin do sheirbhisich uile sìos am ionnsaigh‐sa, agus cromaidh iad iad fhèin dhomh, ag ràdh, Imich a‑mach, agus an sluagh uile a tha gad leantainn; agus an dèidh sin thèid mi a‑mach. Agus chaidh e a‑mach o Phàraoh ann an corraich mhòir. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chan èisd Phàraoh ribh, a‑chum is gum meudaichear m’iongantasan ann an tìr na h‑Èiphit. Agus rinn Maois agus Aaron na h‑iongantasan sin uile ann am fianais Phàraoh: agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e le cloinn Israeil imeachd as a dhùthaich. Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron ann an tìr na h‑Èiphit, ag ràdh. Bidh am mìos seo dhuibh na thoiseach nam mìos: bidh e dhuibh na chiad mhìos na bliadhna. Labhraibh‐se ri coitheanal Israeil uile, ag ràdh, Air an deicheamh là den mhìos seo gabhaidh iad dhaibh fhèin gach duine uan, a rèir taigh an athraichean, uan airson taighe. Agus ma bhios an teaghlach ro bheag airson uain, an sin gabhaidh esan agus a choimhearsnach as fhaisge da thaigh e, a rèir àireamh nan anaman; gach duine, a rèir a itheannaich, àirmhear leibh airson an uain. Bidh ur n‑uan gun ghaoid, fireann, bliadhna a dh’aois; as na caoraich no as na gobhair gabhaidh sibh e. Agus gleidhidh sibh a‑staigh e, gu ruig an ceathramh‐là‑deug den mhìos seo; agus marbhaidh co‑chruinneachadh iomlan chloinn Israeil e anns an fheasgar. Agus gabhaidh iad den fhuil, agus cuiridh iad i air an dà ursainn, agus air àrd‐doras nan taighean, anns an ith iad e. Agus ithidh iad an fheòil anns an oidhche sin fhèin ròiste le teine, agus aran neo‐ghortaichte; maille ri luibhean searbha ithidh iad e. Na ithibh a’ bheag dheth amh, no idir air a bhruitheadh ann an uisge, ach ròiste le teine: a cheann maille ra chasan, agus maille ra ghrealaich. Agus chan fhàg sibh a’ bheag dheth gu madainn: agus na dh’fhàgar dheth gu madainn, loisgidh sibh le teine. Agus mar seo ithidh sibh e; le ur leasraidh crioslaichte, ur brògan air ur casan, agus ur lorg nur làimh: agus ithidh sibh e le cabhaig; is i càisg an Tighearna a tha ann. Oir thèid mise tro thìr na h‑Èiphit air an oidhche seo, agus buailidh mi gach ciad‐ghin ann an tìr na h‑Èiphit, araon duine agus ainmhidh: agus an aghaidh diathan nan Èiphiteach uile cuiridh mi breitheanas an gnìomh; is mise an Tighearna. Agus bidh an fhuil dhuibh mar chomharradh air na taighean anns a bheil sibh; agus nuair a chì mise an fhuil, thèid mi thairis oirbh, agus cha bhi a’ phlàigh oirbh a‑chum ur milleadh nuair a bhuaileas mi tìr na h‑Èiphit. Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e. Seachd làithean ithidh sibh aran neo‐ghortaichte; air a’ chiad là fhèin cuiridh sibh taois ghoirt a‑mach as ur taighean; oir gach neach a dh’itheas aran gortaichte, on chiad là gus an seachdamh là, gearrar an t‑anam sin as o Israel. Agus air a’ chiad là bidh agaibh co‑ghairm naomh, agus air an t‑seachdamh là bidh agaibh co‑ghairm naomh: obair sam bith cha dèanar orra, saor o na dh’ithear leis gach neach; sin a‑mhàin nìthear leibh. Agus cumaidh sibh fèill an arain neo‐ghortaichte; oir air an là sin fhèin thug mise a‑mach ur slòigh à tìr na h‑Èiphit; uime sin coimheadaidh sibh an là seo nur ginealaichean, le òrdagh sìorraidh. Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh‐là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ithidh sibh aran neo‐ghortaichte, gu ruig an ciad là ar fhichead den mhìos anns an fheasgar. Rè seachd làithean chan fhaighear taois ghoirt nur taighean: oir ge bè neach a dh’itheas aran gortaichte, gearrar an t‑anam sin fhèin as o choitheanal Israeil, co‑dhiù as coigreach e, no neach a rugadh anns an tìr. Nì air bith gortaichte chan ith sibh: nur n‑àitean‐còmhnaidh uile ithidh sibh aran neo‐ghortaichte. An sin ghairm Maois air seanairean Israeil uile, agus thubhairt e riu, Tàirngibh a‑mach, agus gabhaibh dhuibh fhèin uan, a rèir ur teaghlaichean, agus marbhaibh a’ chàisg. Agus gabhaidh sibh bad hiosoip, agus tumaidh sibh e anns an fhuil a tha anns an t‑soitheach, agus beanaidh sibh don àrd‐doras, agus don dà ursainn, leis an fhuil a tha anns an t‑soitheach: agus cha tèid a h‑aon agaibh a‑mach air doras a thaighe gu ruig a’ mhadainn. Agus thèid an Tighearna thairis a bhualadh nan Èiphiteach; agus nuair a chì e an fhuil air an àrd‐doras, agus air an dà ursainn, thèid an Tighearna thairis air an doras, agus cha leig e leis a’ mhilltear teachd a‑steach dur taighean gu ur bualadh. Agus gleidhidh sibh an nì seo mar òrdagh dhuibh fhèin agus dur mic gu sìorraidh. Agus tàrlaidh, nuair a thèid sibh a‑steach don fhearann a bheir an Tighearna dhuibh, a rèir mar a gheall e, gun glèidh sibh an t‑seirbhis seo. Agus tàrlaidh, nuair a their ur clann ribh, Ciod as ciall dhuibh leis an t‑seirbhis seo? Gun abair sibh, Seo ìobairt càisg an Tighearna, a chaidh thairis air taighean chloinn Israeil anns an Èiphit, nuair a bhuail e na h‑Èiphitich, agus a shaor e ar taighean‐ne. Agus chrom an sluagh iad fhèin, agus rinn iad adhradh. Agus dh’fhalbh clann Israeil, agus rinn iad mar seo; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad. Agus air meadhon na h‑oidhche sin fhèin bhuail an Tighearna gach ciad‐ghin ann an tìr na h‑Èiphit, o chiad‐ghin Phàraoh a shuidh air a rìgh‐chathair, gu ciad‐ghin a’ chiomaich a bha ann an sloc a’ phrìosain; agus gach ciad‐ghin ainmhidh. Agus dh’èirich Phàraoh anns an oidhche, e fhèin agus a sheirbhisich uile, agus na h‑Èiphitich uile; agus bha èigheach mhòr anns an Èiphit: oir cha robh taigh anns nach robh neach marbh. Agus ghairm e air Maois agus air Aaron anns an oidhche, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a‑mach à meadhon mo shluaigh, araon sibhse agus clann Israeil: agus rachaibh, dèanaibh seirbhis don Tighearna, mar a thubhairt sibh. Thugaibh leibh mar an ceudna ur treudan, agus ur buar, mar a thubhairt sibh, agus imichibh: agus beannaichibh mise mar an ceudna. Agus thug na h‑Èiphitich dian‐sparradh don t‑sluagh, a‑chum gun cuireadh iad le cabhaig a‑mach as an tìr iad; oir thubhairt iad, Is daoine marbha sinn gu lèir. Agus ghabh an sluagh an taois mun do ghortaicheadh i, an amaran‐fuinidh ceangailte nan aodach air an guaillean. Agus rinn clann Israeil a rèir facal Mhaois: agus dh’iarr iad o na h‑Èiphitich seudan airgid, agus seudan òir, agus aodach. Agus thug an Tighearna deagh‐ghean don t‑sluagh ann an sùilean nan Èiphiteach, agus thug iad an coingheall dhaibh: agus chreach iad na h‑Èiphitich. Agus dh’imich clann Israeil o Rameses gu Sucot, mu thimcheall sia ceud mìle fear dan cois, a thuilleadh air cloinn. Agus mar an ceudna chaidh iomadaidh de shluagh eile suas maille riu, agus treudan, agus buar, ro‑mhòran sprèidhe. Agus dh’fhuin iad den taois a thugadh a‑mach as an Èiphit breacagan neo‐ghortaichte, oir cha do ghortaicheadh i; do bhrìgh gun d’fhuadaicheadh iad a‑mach as an Èiphit, agus nach b’urrainn iad fuireach, agus mar an ceudna nach do dheasaich iad biadh dhaibh fhèin. A‑nis b’i aimsir cuairt chloinn Israeil, a bha iad a chòmhnaidh anns an Èiphit, ceithir cheud agus deich‐bliadhna‑fichead. Agus aig ceann nan ceithir cheud agus nan deich‐bliadhna‑fichead, air an là sin fhèin chaidh slòigh an Tighearna uile a‑mach à tìr na h‑Èiphit. Is oidhche seo gu bhith air a coimhead gu h‑àraidh don Tighearna, airson an toirt‐san a‑mach à tìr na h‑Èiphit: seo an oidhche sin gu bhith air a coimhead don Tighearna le cloinn Israeil uile nan ginealaichean. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, Seo òrdagh na càisge: Chan ith coigreach sam bith dhith. Agus gach seirbhiseach duine, a cheannaicheadh le airgead, nuair a thimcheall‐ghearras tu e, an sin ithidh e dhith. Chan ith coigreach no seirbhiseach tuarasdail dhith. Ann an aon taigh ithear i: cha ghiùlain thu a’ bheag den fheòil a‑mach as an taigh; cha mhò a bhriseas sibh cnàimh dhith. Nì coitheanal Israeil uile sin. Agus nuair a bhios coigreach air chuairt maille riut, agus a chumas e a’ chàisg don Tighearna, timcheall‐ghearrar gach fireannach aige, agus an sin thigeadh e am fagas ga cumail, agus bidh e mar neach a rugadh anns an tìr: ach chan ith neach sam bith neo‐thimcheall‐gheàrrte dhith. Bidh an t‑aon lagh aigesan a rugadh anns an tìr, agus aig a’ choigreach a tha air chuairt nur measg. Mar seo rinn clann Israeil uile; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad. Agus, air an là sin fhèin, thug an Tighearna a‑mach clann Israeil à tìr na h‑Èiphit, a rèir an slògh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Naomhaich dhòmhsa gach ciad‐ghin, ge bè air bith a dh’fhosglas a’ bhrù am measg chloinn Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa e. Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Cuimhnichibh an là seo, air an tàinig sibh a‑mach as an Èiphit, a taigh na daorsa; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sibh as a sin: agus chan ithear aran gortaichte. Air an là‑an‑diugh thàinig sibh a‑mach, ann am mìos Abib. Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, a mhionnaich e dod athraichean gun tugadh e dhut, fearann a’ sruthadh le bainne agus le mil, an sin coimheadaidh tu an t‑seirbhis seo anns a’ mhìos seo. Seachd làithean ithidh tu aran neo‐ghortaichte, agus air an t‑seachdamh là bidh fèill don Tighearna. Ithear aran neo‐ghortaichte seachd làithean; agus chan fhaicear aran gortaichte agad, agus cha mhò a chìthear taois ghoirt agad ann ad chrìochan uile. Agus innsidh tu dod mhac anns an là sin, ag ràdh, Nìthear seo air sgàth an nì sin a rinn an Tighearna dhòmhsa, nuair a thàinig mi a‑mach as an Èiphit. Agus bidh e dhut mar chomharradh air do làimh, agus mar chuimhneachan eadar do shùilean, a‑chum gum bi lagh an Tighearna ann ad bheul: oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach thu as an Èiphit. Air an adhbhar sin coimheadaidh tu an t‑òrdagh seo na thràth fhèin o bhliadhna gu bliadhna. Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach mar a mhionnaich e dhutsa agus dod athraichean, agus a bheir e dhut e, An sin cuiridh tu air leth don Tighearna gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù, agus gach ciad‐ghin a thig o ainmhidh as leatsa; buinidh iadsan a tha fireann nam measg don Tighearna. Agus gach ciad‐ghin asail fuasglaidh tu le uan; agus mura fuasgail thu e, an sin brisidh tu a amhach: agus gach ciad‐ghin duine am measg do chloinne fuasglaidh tu. Agus nuair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod e seo? An sin their thu ris, Le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Èiphit, à taigh na daorsa: Agus nuair a chruadhaich Phàraoh e fhèin, agus nach b’àill leis ar leigeadh air falbh, an sin mharbh an Tighearna gach ciad‐ghin ann an tìr na h‑Èiphit, araon ciad‐ghin duine, agus ciad‐ghin ainmhidh; air an adhbhar sin, ìobraidh mi don Tighearna gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù, mas fireann iad, ach uile chiad‐ghin mo chloinne fuasglaidh mi. Agus bidh e mar chomharradh air do làimh, agus mar aodannan eadar do shùilean; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Èiphit. Agus eadhon nuair a leig Phàraoh don t‑sluagh imeachd, cha do threòraich Dia iad air slighe tìr nam Philisteach, ged bha sin aithghearr; oir thubhairt Dia, Air eagal gum bi aithreachas air an t‑sluagh nuair a chì iad cogadh, agus gun till iad don Èiphit. Ach threòraich Dia an sluagh mun cuairt, air slighe fàsach na mara ruaidhe: agus chaidh clann Israeil suas ann an òrdagh catha à tìr na h‑Èiphit. Agus thug Maois cnàmhan Iòseiph leis: oir ghabh e mionnan teann de chloinn Israeil, ag ràdh, Gu cinnteach amhaircidh Dia oirbhse, agus bheir sibh suas mo chnàmhan leibh as a seo. Agus dh’imich iad o Shucot, agus champaich iad ann an Etam, ann an iomall an fhàsaich. Agus chaidh an Tighearna romhpa anns an là ann am meall neòil, a‑chum an treòrachadh air an t‑slighe, agus anns an oidhche ann am meall teine a thoirt solais dhaibh, gu imeachd a là agus a dh’oidhche. Cha tug e air falbh am meall neòil anns an là, no am meall teine anns an oidhche, à làthair an t‑sluaigh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, gun till iad, agus gun campaich iad fa chomhair Phi‐hahiroit, eadar Migdol agus an fhairge, fa chomhair Bhàal‐sèphoin; fa choinneamh‐san campaichidh sibh làimh ris an fhairge. Oir their Phàraoh mu chloinn Israeil, Tha iad air seachran anns an tìr, dh’iadh am fàsach man timcheall. Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh agus a shlòigh uile; agus bidh fhios aig na h‑Èiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin. Agus dh’innseadh do rìgh na h‑Èiphit gun do theich an sluagh: agus thionndaidh cridhe Phàraoh agus a sheirbhiseach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thubhairt iad, Ciod e seo a rinn sinn, gun do leig sinn le Israel imeachd as ar seirbhis? Agus bheartaich e a charbad, agus thug e a shluagh maille ris; Agus thug e leis sia ceud carbad taghte, agus uile charbadan na h‑Èiphit, agus ceannardan orra uile. Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh rìgh na h‑Èiphit, agus lean e air tòir chloinn Israeil: agus chaidh clann Israeil a‑mach le làimh àird. Ach chaidh na h‑Èiphitich air an tòir (eich agus carbadan Phàraoh, agus a mharc‐shluagh, agus a armailt uile), agus rug iad orra, agus iad a’ campachach làimh ris an fhairge, làimh ri Pi‑hahirot, fa chomhair Bhàal‐sèphoin. Agus nuair a thàinig Phàraoh am fagas, thog clann Israeil suas an sùilean, agus, feuch, bha na h‑Èiphitich air an tòir, agus bha eagal mòr orra: agus dh’èigh clann Israeil ris an Tighearna. Agus thubhairt iad ri Maois. An ann a chionn nach robh uaighean anns an Èiphit, a thug thu leat sinn gu bàs fhaghail anns an fhàsach? Carson a rinn thu seo oirnn, ar tabhairt a‑mach as an Èiphit? Nach e seo am facal a labhair sinn riut anns an Èiphit, ag ràdh, Leig leinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Èiphitich? Oir b’fheàrr dhuinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Èiphitich na bàs fhaghail anns an fhàsach. Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh slàinte an Tighearna, a dh’obraicheas e dhuibh an‑diugh; oir na h‑Èiphitich a chunnaic sibh an‑diugh, chan fhaic sibh iad a‑chaoidh tuilleadh. Cogaidh an Tighearna air ur son, agus fanaidh sibhse nur tosd. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Carson a tha thu ag èigheach riumsa? Abair ri cloinn Israeil dol air an aghaidh. Ach tog‐sa suas do shlat, agus sìn a‑mach do làmh os cionn na fairge, agus sgoilt i; agus thèid clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram. Agus cruadhaichidh mise, eadhon mise, cridhe nan Èiphiteach, agus thèid iad a‑steach nan dèidh: agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh, agus a‑thaobh a shlòigh uile, a‑thaobh a charbadan, agus a‑thaobh a mharc‐shluaigh. Agus bidh fhios aig na h‑Èiphitich gur mise an Tighearna, nuair a gheibh mi glòir a‑thaobh Phàraoh, a‑thaobh a charbadan, agus a‑thaobh a mharc‐shluaigh. Agus dh’fhalbh aingeal an Tighearna a chaidh ro champ Israeil, agus dh’imich e nan dèidh; agus dh’fhalbh am meall neòil o am beulaibh, agus sheas e air an cùlaibh. Agus thàinig e eadar camp nan Èiphiteach agus camp Israeil, agus bha e na neul agus na dhorchadas dhaibh siud, ach shoillsich e an oidhche dhaibh seo, air chor is nach tàinig a h‑aon dhiubh am fagas da chèile rè na h‑oidhche. Agus shìn Maois a‑mach a làmh os cionn na fairge, agus thug an Tighearna air an fhairge dol air a h‑ais le gaoith làidir on ear, rè na h‑oidhche sin, agus rinn e an fhairge na talamh tioram, agus roinneadh na h‑uisgeachan. Agus chaidh clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram, agus bha na h‑uisgeachan nam balla dhaibh air an làimh dheis, agus air an làimh chlì. Agus lean na h‑Èiphitich, agus chaidh iad a‑steach nan dèidh gu meadhon na fairge, eadhon eich Phàraoh uile, a charbadan, agus a mharc‐shluagh. Agus ann am faire na maidne dh’amhairc an Tighearna air sluagh nan Èiphiteach, tron mheall theine agus neòil; agus chlaoidh e armailt nan Èiphiteach. Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor is gun do tharraingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h‑Èiphitich, Teicheamaid à làthair Israeil, oir tha an Tighearna a’ cogadh leòsan an aghaidh nan Èiphiteach. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh os cionn na fairge, a‑chum gun tig na h‑uisgeachan air an ais air na h‑Èiphitich, air an carbadan, agus air am marc‐shluagh. Agus shìn Maois a‑mach a làmh os cionn na fairge, agus thill an fhairge ga neart, nuair a shoillsich a’ mhadainn; agus theich na h‑Èiphitich na h‑aghaidh; agus chuir an Tighearna na h‑Èiphitich fodha ann am meadhon na fairge. Agus thill na h‑uisgeachan, agus dh’fhalaich iad na carbadan, agus am marc‐shluagh, agus armailt Phàraoh uile, a thàinig anns an fhairge nan dèidh: cha d’fhàgadh uiread is a h‑aon dhiubh. Ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ann am meadhon na fairge, agus bha na h‑uisgeachan nam balla dhaibh air an làimh dheis, agus air an làimh chlì. Mar seo shaor an Tighearna Israel air an là sin à làimh nan Èiphiteach: agus chunnaic Israel na h‑Èiphitich marbh air tràigh na fairge. Agus chunnaic Israel an obair mhòr sin a rinn an Tighearna air na h‑Èiphitich, agus bha eagal an Tighearna air an t‑sluagh, agus chreid iad an Tighearna agus Maois a sheirbhiseach. An sin chan Maois agus clann Israeil an laoidh seo don Tighearna, agus labhair iad ag ràdh, Canaidh mise don Tighearna, oir thug e buaidh gu glòrmhor; an t‑each agus a mharcach thilg e anns an fhairge. Is e an Tighearna mo neart agus mo dhàn, agus tha e na shlàinte dhomh: is esan mo Dhia‑sa, agus nì mi àite‐còmhnaidh dha: Dia m’athar, agus àrdaichidh mi e. Is fear‐cogaidh an Tighearna; is e an Tighearna as ainm dha. Carbadan Phàraoh agus a armailt thilg e anns an fhairge; agus tha rogha a cheannardan air am bàthadh anns an fhairge ruaidh. Dh’fhalaich na doimhneachdan iad; chaidh iad sìos don aigeann mar chloich. Rinneadh do dheaslàmh, O Thighearna, glòrmhor ann an cumhachd; bhris do dheaslàmh, O Thighearna, an nàmhaid na bhloighdean. Agus ann am meud d’òirdheirceis chlaoidh thu iadsan a dh’èirich suas ad aghaidh; chuir thu d’fhearg a‑mach, loisg i suas iad mar asbhuain. Agus le anail do shròine chruinnicheadh na h‑uisgeachan; sheas na tuiltean suas mar thòrr, chruadhaich na doimhneachdan ann am meadhon na fairge. Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach: sàsaichear mo mhiann orra; rùisgidh mi mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad. Shèid thu led ghaoith, chòmhdaich an fhairge iad, chaidh iad fodha mar luaidh anns na h‑uisgeachan làidir. Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach? Shìn thu a‑mach do dheaslàmh; shluig an talamh suas iad. Threòraich thu ann ad thròcair an sluagh seo a shaor thu; thug thu iad ann ad neart a‑chum àite‐còmhnaidh do naomhachd. Nuair a chluinneas na cinnich bidh eagal orra; thig doilgheas air luchd‐àiteachaidh Phailistìna. An sin bidh uamhann air cinn‐fheadhna Edoim, thig geilt‐chrith air daoine treuna Mhòaib; leaghaidh air falbh luchd‐àiteachaidh Chanàain uile. Tuitidh uamhann agus eagal orra, le meud do ghàirdean bidh iad tosdach mar chloich, gus an tèid do shluagh thairis, a Thighearna, gus an tèid an sluagh seo thairis, a cheannaich thu. Bheir thu a‑steach iad, agus suidhichidh tu iad ann an sliabh d’oighreachd, anns an àit a rinn thu dhut fhèin, a Thighearna, a‑chum còmhnaidh a ghabhail ann, anns an ionad naomh, a Thighearna, a dhaingnich do làmhan‐sa. Rìghichidh an Tighearna gu saoghal nan saoghal. Oir chaidh eich Phàraoh a‑steach le a charbadan agus le a mharc‐shluagh anns an fhairge, agus thug an Tighearna uisgeachan na fairge air an ais orra; ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ann am meadhon na fairge. Agus ghlac Miriam a’ bhan‐fhàidh, piuthar Aaroin, tiompan na làimh; agus chaidh na mnathan uile a‑mach na dèidh le tiompanan agus le dannsa. Agus fhreagair Miriam iad, Canaibh don Tighearna, oir thug e buaidh gu glòrmhor; an t‑each agus a mharcach thilg e anns an fhairge. Mar sin thug Maois Israel on mhuir ruaidh, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Shuir, agus dh’imich iad trì làithean anns an fhàsach, agus cha d’fhuair iad uisge. Agus nuair a thàinig iad gu Màrah, cha b’urrainn iad uisgeachan Mhàrah òl, oir bha iad searbh; uime sin thugadh Màrah mar ainm air. Agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, ag ràdh, Ciod a dh’òlas sinn? Agus dh’èigh esan ris an Tighearna, agus nochd an Tighearna fiodh dha, agus thilg e anns na h‑uisgeachan e, agus rinneadh na h‑uisgeachan milis: ann an sin rinn e lagh agus òrdagh dhaibh, agus ann an sin dhearbh e iad; Agus thubhairt e, Ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, agus ma nì thu an nì sin a tha ceart na shealladh, agus ma bheir thu an aire da àitheantan, agus ma ghleidheas tu a reachdan uile, aon de na h‑eucailean a chuir mi air na h‑Èiphitich cha chuir mi ortsa; oir is mise an Tighearna a shlànaicheas thu. Agus thàinig iad gu Elim far an robh dà‑thobar‐dheug uisge, agus deich agus trì‐fichead crann pailme; agus champaich iad an sin làimh ris na h‑uisgeachan. Agus dh’fhalbh iad o Elim, agus thàinig coitheanal chloinn Israeil uile gu fàsach Shin a tha eadar Elim agus Sinài, air a’ chòigeamh‐là‑deug den dara mìos an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Èiphit. Agus rinn coitheanal chloinn Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois agus Aaroin anns an fhàsach. Agus thubhairt clann Israeil riu, B’fheàrr gum faigheamaid bàs le làimh an Tighearna ann an tìr na h‑Èiphit, nuair a bha sinn nar suidhe làimh ris na poitean feòla, agus nuair a dh’ith sinn aran gu ar sàth; oir thug sibh a‑mach sinn don fhàsach seo, a mharbhadh a’ choitheanail seo uile le acras. An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, frasaidh mise dhuibh aran o nèamh, agus thèid an sluagh a‑mach, agus cruinnichidh iad cuibhreann gach là air an là sin fhèin, a‑chum is gun dearbh mi iad, co aca a ghluaiseas iad ann am lagh, no nach gluais. Agus air an t‑siathamh là ullaichidh iad an nì sin a bheir iad a‑steach, agus bidh e a dhà uimhir agus a chruinnicheas iad gach là eile. Agus thubhairt Maois agus Aaron ri cloinn Israeil uile, Mu fheasgar, an sin bidh fhios agaibh gun tug an Tighearna a‑mach sibh à tìr na h‑Èiphit. Agus anns a’ mhadainn, an sin chì sibh glòir an Tighearna; do bhrìgh gu bheil e a’ cluinntinn ur gearain an aghaidh an Tighearna: agus ciod sinne, gu bheil sibh a’ dèanamh gearain nar n‑aghaidh? Agus thubhairt Maois, Bidh a’ chùis mar seo nuair a bheir an Tighearna dhuibh anns an fheasgar feòil ra h‑ithe, agus aran anns a’ mhadainn gu ur sàth; do bhrìgh gu bheil an Tighearna a’ cluinntinn ur gearain a tha sibh a’ dèanamh na aghaidh: agus ciod sinne? Chan ann nar n‑aghaidh‐ne a tha ur gearan, ach an aghaidh an Tighearna. Agus thubhairt Maois ri Aaron, Abair ri coitheanal chloinn Israeil uile, Thigibh am fagas an làthair an Tighearna, oir chuala e ur gearan. Agus nuair a labhair Aaron ri coitheanal chloinn Israeil uile, dh’amhairc iad a dh’ionnsaigh an fhàsaich, agus, feuch, dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann an neul. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Chuala mi gearan chloinn Israeil; labhair riu, ag ràdh, Mu fheasgar ithidh sibh feòil, agus anns a’ mhadainn sàsaichear sibh le aran: agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia. Agus nuair a bha am feasgar ann, an sin thàinig na gearra‑goirt a‑nìos, agus chòmhdaich iad an camp; agus anns a’ mhadainn bha an drùchd na laighe mu thimcheall a’ champa. Agus nuair a dh’èirich an drùchd, a bha na laighe, suas, feuch, bha air aghaidh an fhàsaich nì beag cruinn, beag mar an liath‐reothadh air an talamh. Agus nuair a chunnaic clann Israeil e, thubhairt iad gach aon ri chèile, Mana: oir cha robh fhios aca ciod e. Agus thubhairt Maois riu, Seo an t‑aran a thug an Tighearna dhuibh ra ithe. Seo an nì a dh’àithn an Tighearna, Cruinnichibh dheth gach duine a rèir a itheannaich, omer do gach neach a rèir àireamh ur n‑anaman; gabhadh gach duine agaibh air an son‐san a tha na bhùth. Agus rinn clann Israeil mar sin, agus chruinnich iad, cuid na bu mhò, agus cuid na bu lugha. Agus nuair a thomhais iad e le omer, cha robh a’ bheag thairis aige‐san a chruinnich na bu mhò, agus air‐san a chruinnich na bu lugha, cha robh uireasbhaidh: chruinnich gach duine a rèir a itheannaich. Agus thubhairt Maois riu, Na fàgadh duine sam bith dheth gu madainn. Gidheadh cha d’èisd iad ri Maois, ach dh’fhàg cuid dhiubh dheth gu madainn, agus ghin e cnuimhean, agus lobh e: agus bha corraich air Maois riu. Agus chruinnich iad e air gach madainn, gach duine a rèir a itheannaich; agus nuair a dh’fhàs a’ ghrian teth, leaghadh e. Agus air an t‑siathamh là chruinnich iad a dhà uiread arain, dà omer airson gach aoin: agus thàinig uachdarain a’ choitheanail uile, agus dh’innis iad sin do Mhaois. Agus thubhairt e riu, Seo an nì a labhair an Tighearna, Bidh fois na sàbaid naoimh don Tighearna a‑màireach: a mheud is a tha sibh gu fhuineadh, fuinibh an‑diugh, agus a mheud is a tha sibh gu bhruithe, bruithibh; agus gach nì a bhios thairis, taisgibh suas dhuibh fhèin gu madainn. Agus thaisg iad suas e gu madainn, mar a dh’àithn Maois; agus cha do lobh e, cha mhò a bha cnuimh sam bith ann. Agus thubhairt Maois, Ithibh sin an‑diugh, oir tha sàbaid ann an‑diugh don Tighearna; an‑diugh chan fhaigh sibh e anns a’ mhachair. Sia làithean cruinnichidh sibh e, ach air an t‑seachdamh là bidh an t‑sàbaid; cha bhi e ann air an là sin. Agus thàrladh air an t‑seachdamh là gun deachaidh cuid den t‑sluagh a‑mach ga chruinneachadh, agus cha d’fhuair iad a’ bheag. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cia fhada a dhiùltas sibh m’àitheantan‐sa a choimhead, agus mo reachdan? Faicibh, do bhrìgh gun tug an Tighearna dhuibh an t‑sàbaid, air an adhbhar sin tha e a’ tabhairt dhuibh air an t‑siathamh là aran dà là: fanaibh, gach duine na àite fhèin; na rachadh duine sam bith a‑mach as a àit air an t‑seachdamh là. Mar sin ghabh an sluagh fois air an t‑seachdamh là. Agus thug taigh Israeil Mana mar ainm air; agus bha e mar fhrois coriandeir, geal, agus a bhlas mar abhlain air an dèanamh le mil. Agus thubhairt Maois, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna, Lìon omer dheth gu bhith air a ghleidheadh airson ur ginealaichean, a‑chum gum faic iad an t‑aran leis an do bheathaich mi sibh anns an fhàsach, nuair a thug mi a‑mach sibh à tìr na h‑Èiphit. Agus thubhairt Maois ri Aaron, Gabh soitheach, agus cuir ann làn omeir de Mhana, agus taisg e an làthair an Tighearna, gu bhith air a ghleidheadh airson ur ginealaichean. Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin thaisg Aaron e an làthair na Fianais, gu bhith air a ghleidheadh. Agus dh’ith clann Israeil am Mana dà‑fhichead bliadhna, gus an tàinig iad gu tìr àitichte: dh’ith iad am Mana, gus an tàinig iad gu crìch tìr Chanàain. A‑nis is e omer an deicheamh cuid de ephah. Agus dh’imich coitheanal chloinn Israeil uile o fhàsach Shin a rèir an turasan, mar a dh’àithn an Tighearna, agus champaich iad ann an Rephidim; agus cha robh uisge ann don t‑sluagh ri òl. Uime sin rinn an sluagh connsachadh ri Maois, agus thubhairt iad, Thoir dhuinn uisge a‑chum is gun òl sinn. Agus thubhairt Maois riu, Carson a tha sibh a’ connsachadh riumsa? Carson a bhrosnaicheas sibh an Tighearna? Agus mhiannaich an sluagh uisge ann an sin; agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, agus thubhairt iad, Carson seo a thug thu a‑nìos sinn as an Èiphit, a‑chum sinn fhèin a mharbhadh, agus ar clann, agus ar sprèidh le tart? Agus dh’èigh Maois ris an Tighearna, ag ràdh, Ciod a nì mi ris an t‑sluagh seo? Is beag nach eil iad gam chlachadh. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich ron t‑sluagh, agus thoir leat cuid de sheanairean Israeil; agus do shlat leis an do bhuail thu an abhainn gabh ad làimh, agus bi ag imeachd: Feuch, seasaidh mise romhad an sin, air a’ charraig ann an Hòreb, agus buailidh tusa a’ charraig, agus thig uisge a‑mach aisde, a‑chum gun òl an sluagh. Agus rinn Maois mar sin ann an sealladh seanairean Israeil. Agus thug e mar ainm air an àite Masah agus Meribah, airson connsachadh chloinn Israeil, agus do bhrìgh gun do bhrosnaich iad an Tighearna, ag ràdh, A bheil an Tighearna nar measg, no nach eil? An sin thàinig Amalec, agus chog e ri Israel ann an Rephidim. Agus thubhairt Maois ri Iosua, Tagh a‑mach dhuinn daoine, agus falbh a‑mach, cog ri Amalec: a‑màireach seasaidh mise air mullach an t‑slèibh, agus slat Dhè am làimh. Agus rinn Iosua mar a thubhairt Maois ris, agus chog e ri Amalec. Agus chaidh Maois, Aaron, agus Hur, suas gu mullach an t‑slèibh. Agus nuair a thog Maois suas a làmh, an sin bhuadhaich Israel, agus nuair a leag e sìos a làmh, bhuadhaich Amalec. Ach bha làmhan Mhaois trom, agus ghabh iad clach, agus chuir iad foidhe i, agus shuidh e oirre: agus chùm Aaron agus Hur suas a làmhan, fear dhiubh air aon taobh, agus fear air an taobh eile: agus bha a làmhan seasmhach gu laighe na grèine. Agus chlaoidh Iosua Amalec agus a dhaoine le faobhar a’ chlaidheimh. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sgrìobh seo mar chuimhneachan ann an leabhar, agus aithris e ann an cluasan Iosua; oir dubhaidh mise as gu tur cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh. Agus thog Maois altair, agus thug e Iehòbhah‐Nisi mar ainm oirre; Oir thubhairt e, Do bhrìgh gun do mhionnaich an Tighearna gum bi cogadh aig an Tighearna ri Amalec o linn gu linn. Nuair a chuala Ietro, sagart Mhidiain, athair‐cèile Mhaois, gach nì a rinn Dia airson Mhaois agus airson Israeil a shluagh, gun tug an Tighearna a‑mach Israel as an Èiphit; An sin thug Ietro, athair‐cèile Mhaois, leis Siporah bean Mhaois, an dèidh dha a cur air a h‑ais, Agus a dithis mhac, dom b’ainm do a h‑aon dhiubh Gersom (oir thubhairt e, Am choigreach bha mi ann an tìr choimhich), Agus b’e ainm an fhir eile Elièser, (oir rinn Dia m’athar, thubhairt e, còmhnadh rium, agus shaor e mi o chlaidheamh Phàraoh). Agus thàinig Ietro, athair‐cèile Mhaois, agus a mhic, agus a bhean, a dh’ionnsaigh Mhaois don fhàsach, far an do champaich e aig sliabh Dhè. Agus thubhairt e ri Maois, Tha mise, d’athair‐cèile Ietro, air teachd ad ionnsaigh, agus do bhean, agus a dithis mhac maille rithe. Agus chaidh Maois a‑mach an coinneamh a athar‐chèile, agus rinn e ùmhlachd dha, agus phòg e e, agus dh’altaich iad beatha a chèile: agus thàinig iad a‑steach don bhùth. Agus dh’innis Maois da athair‐cèile gach nì a rinn an Tighearna air Phàraoh, agus air na h‑Èiphitich air sgàth Israeil, gach saothair a thàinig orra air an t‑slighe, agus cionnas a shaor an Tighearna iad. Agus rinn Ietro gàirdeachas as leth a’ mhaith sin uile a rinn an Tighearna do Israel, a shaor e à làimh nan Èiphiteach. Agus thubhairt Ietro, Beannaichte gu robh an Tighearna, a shaor sibh à làimh nan Èiphiteach, agus à làimh Phàraoh, a shaor an sluagh o bhith fo làimh nan Èiphiteach. A‑nis, tha fhios agam gur mò an Tighearna na na h‑uile dhiathan; oir anns an nì sin anns an do rinn iad gu h‑uaibhreach, bha esan os an cionn. Agus ghabh Ietro, athair‐cèile Mhaois, tabhartas‐loisgte agus ìobairtean do Dhia: agus thàinig Aaron, agus uile sheanairean Israeil, a dh’ithe arain maille ri athair‐cèile Mhaois an làthair Dhè. A‑nis air an là màireach shuidh Maois gu breith a thoirt air an t‑sluagh; agus sheas an sluagh làimh ri Maois o mhadainn gu feasgar. Agus nuair a chunnaic athair‐cèile Mhaois gach nì a rinn e ris an t‑sluagh, thubhairt e, Ciod e an nì seo a tha thu a’ dèanamh ris an t‑sluagh? Carson a tha thusa ad shuidhe ad aonar, agus a tha an sluagh uile a’ seasamh làimh riut o mhadainn gu feasgar? Agus thubhairt Maois ra athair‐cèile, Do bhrìgh gun tig an sluagh am ionnsaigh a dh’fhiosrachadh o Dhia. Nuair a bhios cùis aca, thig iad am ionnsaigh, agus bheir mi breith eadar duine agus duine, agus nochdaidh mi dhaibh òrdaighean Dhè, agus a laghannan. Agus thubhairt athair‐cèile Mhaois ris, Cha mhath an nì a tha thu a’ dèanamh. Caithidh tu as gu tur, araon thu fhèin, agus an sluagh seo a tha maille riut, oir tha an nì seo ro throm air do shon; chan eil e an comas dhut a dhèanamh ad aonar. A‑nis, matà, èisd rim ghuth, bheir mi comhairle ort, agus bidh Dia maille riut: bi‑sa airson an t‑sluaigh an làthair Dhè, agus bheir thu na cùisean a dh’ionnsaigh Dhè: Agus teagaisgidh tu dhaibh na h‑òrdaighean agus na laghannan, agus nochdaidh tu dhaibh an t‑slighe air an còir dhaibh imeachd, agus an obair as còir dhaibh a dhèanamh. Agus taghaidh tu a‑mach as an t‑sluagh uile daoine foghainteach air am bi eagal Dhè, daoine fìrinneach, a dh’fhuathaicheas sannt; agus cuiridh tu iad os an cionn nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain leth‐cheudan, agus nan uachdarain dheichnear. Agus bheir iad breith air an t‑sluagh anns gach àm; ach gach cùis mhòr bheir iad ad ionnsaigh‐sa, agus air gach cùis bhig bheir iad fhèin breith: mar sin bidh e nas aotraime dhutsa, agus iomcharaidh iadsan an eallach maille riut. Ma nì thu an nì seo, agus gun àithn Dia sin dhut, an sin is urrainn thu seasamh ris, agus mar an ceudna thèid an sluagh seo uile dan àite fhèin ann an sìth. A‑nis dh’èisd Maois ri guth a athar‐chèile, agus rinn e gach nì a thubhairt e. Agus thagh Maois daoine foghainteach a‑mach a Israel uile, agus rinn e iad nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain leth‐cheudan, agus nan uachdarain dheichnear. Agus thug iad breith air an t‑sluagh anns gach àm: na cùisean cruaidhe thug iad a dh’ionnsaigh Mhaois, ach air gach cùis bhig thug iad fhèin breith. Agus leig Maois le a athair‐cèile imeachd; agus dh’fhalbh e roimhe da thìr fhèin. Anns an treas mìos an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Èiphit, anns an là sin fhèin thàinig iad gu fàsach Shinài. Oir dh’imich iad o Rephidim, agus thàinig iad gu fàsach Shinài, agus champaich iad anns an fhàsach; agus champaich Israel ann an sin fa chomhair an t‑slèibh. Agus chaidh Maois suas a dh’ionnsaigh Dhè, agus ghairm an Tighearna air as an t‑sliabh, ag ràdh, Mar seo their thu ri taigh Iàcoib, agus innsidh tu do chloinn Israeil: Chunnaic sibh na rinn mi ris na h‑Èiphitich, agus cionnas a ghiùlain mi sibhse mar air sgiathan iolairean, agus a thug mi am ionnsaigh fhèin sibh. A‑nis matà, ma dh’èisdeas sibh da‑rìribh rim ghuth, agus ma ghleidheas sibh mo choicheangal, an sin bidh sibh dhòmhsa nur n‑ionmhas sònraichte os cionn nan uile shluagh: oir is leamsa an talamh uile. Agus bidh sibh dhòmhsa nur rìoghachd shagart, agus nur cinneach naomh. Is iad sin na briathran a labhras tu ri cloinn Israeil. Agus thàinig Maois agus ghairm e air seanairean an t‑sluaigh, agus chuir e romhpa na briathran sin uile a dh’àithn an Tighearna dha: Agus fhreagair an sluagh uile le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna, nì sinne. Agus thug Maois air ais briathran an t‑sluaigh a dh’ionnsaigh an Tighearna. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, thig mise ad ionnsaigh ann an neul tiugh, a‑chum gun cluinn an sluagh nuair a labhras mi riut, agus mar an ceudna gun creid iad thu gu sìorraidh. Agus dh’innis Maois briathran an t‑sluaigh don Tighearna. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich iad an‑diugh, agus a‑màireach, agus nigheadh iad an aodach. Agus bidh iad deas air cheann an treas là; oir air an treas là thig an Tighearna a‑nuas ann an sealladh an t‑sluaigh uile air sliabh Shinài. Agus suidhichidh tu crìochan don t‑sluagh mun cuairt, ag ràdh, Thugaibh an aire dhuibh fhèin, nach tèid sibh suas don t‑sliabh, agus nach bean sibh ra iomall: gach neach a bheanas ris an t‑sliabh, gu cinnteach cuirear gu bàs e. Cha bhean làmh ris; oir gu deimhinn clachar e, no sàthar sleagh troimhe: mas ainmhidh no duine e, cha mhair e beò. Nuair a shèideas an trompaid rè ùine fhada, thig iadsan a‑nìos don t‑sliabh. Agus chaidh Maois sìos on t‑sliabh a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich e an sluagh, agus nigh iad an aodach. Agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Bithibh deas air cheann an treas là: na tigibh am fagas dur mnathan. Agus nuair a thàinig an treas là, anns a’ mhadainn bha tàirneanaich agus dealanaich ann, agus neul tiugh air an t‑sliabh, agus fuaim na trompaid ro‑àrd: agus chriothnaich an sluagh uile a bha anns a’ champ. Agus thug Maois an sluagh a‑mach as a’ champ an coinneamh Dhè, agus sheas iad aig ìochdar an t‑slèibh. Agus bha sliabh Shinài uile fo dheataich, do bhrìgh gun tàinig an Tighearna a‑nuas air ann an teine, agus dh’èirich a dheatach suas mar dheataich àmhainn, agus chriothnaich an sliabh uile gu mòr. Agus nuair a bha fuaim na trompaid a’ dol a‑mach, agus a’ fàs ro‑làidir, an sin labhair Maois, agus fhreagair Dia e le guth. Agus thàinig an Tighearna a‑nuas air sliabh Shinài, air mullach an t‑slèibh: agus ghairm an Tighearna Maois suas gu mullach an t‑slèibh, agus chaidh Maois suas. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich sìos, thoir àithne don t‑sluagh, air eagal gum bris iad a‑steach a dh’ionnsaigh an Tighearna a dh’amharc, agus gun tuit mòran dhiubh. Agus mar an ceudna, na sagartan a thig am fagas don Tighearna, naomhaicheadh iad iad fhèin, air eagal gum bris an Tighearna a‑mach orra. Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Chan eil e an comas don t‑sluagh teachd a‑nìos do shliabh Shinài; oir thug thu àithne dhuinn, ag ràdh, Cuir crìochan mun t‑sliabh, agus naomhaich e. Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich romhad, falbh sìos, agus thig a‑nìos thu fhèin, agus Aaron maille riut; ach na briseadh na sagartan agus an sluagh a‑steach, gu teachd a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, air eagal gum bris e a‑mach orra. Agus chaidh Maois sìos a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus labhair e riu. Agus labhair Dia na briathran seo uile, ag ràdh, Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Èiphit, à taigh na daorsa. Na biodh diathan sam bith eile agad am làthair‐sa. Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh. Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi; Agus a’ nochdadh tròcair do mhìltean dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a choimheadas m’àitheantan. Na tabhair ainm an Tighearna do Dhia ann an dìomhanas; oir cha mheas an Tighearna neochiontach esan a bheir a ainm ann an dìomhanas. Cuimhnich là na sàbaid a naomhachadh. Sia làithean saothraichidh tu, agus nì thu d’obair uile. Ach air an t‑seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhia: air an là sin na dèan obair sam bith, thu fhèin, no do mhac, no do nighean, d’òglach, no do bhanoglach, no d’ainmhidh, no do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan: Oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach nì a tha annta; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là: air an adhbhar sin, bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich e e. Tabhair onair dod athair, agus dod mhàthair; a‑chum is gum bi do làithean buan air an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut. Na dèan mortadh. Na dèan adhaltranas. Na dèan gadachd. Na tabhair fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich. Na sanntaich taigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no a òglach, no a bhanoglach, no a dhamh, no a asal, no aon nì as led choimhearsnach. Agus mhothaich an sluagh uile na tàirneanaich, agus na dealanaich, agus fuaim na trompaid, agus an sliabh fo dheataich: agus nuair a chunnaic an sluagh sin, ghluais iad, agus sheas iad fada o làimh. Agus thubhairt iad ri Maois, Labhair thusa rinn, agus èisdidh sinn: ach na labhradh Dia rinn, air eagal gum faigh sinn bàs. Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, oir is ann a‑chum ur dearbhadh a thàinig Dia, agus a‑chum gum bi a eagal‐san oirbh, air chor is nach peacaich sibh. Agus sheas an sluagh fada o làimh, agus thàinig Maois am fagas don dorchadas, far an robh Dia. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chunnaic sibh gun do labhair mi ribh o nèamh. Cha dèan sibh maille riumsa diathan airgid, agus diathan òir cha dèan sibh dhuibh fhèin. Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan‐loisgte, agus do thabhartasan‐sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu. Agus ma nì thu altair chloiche dhomh, cha tog thu i le cloich shnaidhte; oir ma thogas tu d’inneal‐snaidhidh suas oirre, truaillidh tu i. Cha mhò a thèid thu suas air ceuman a dh’ionnsaigh m’altarach, a‑chum nach leigear ris do lomnochdaidh oirre. A‑nis is iad seo na breitheanais a chuireas tu romhpa. Ma cheannaicheas tu òglach Eabhraidheach, sia bliadhna nì e seirbhis; agus anns an t‑seachdamh thèid e a‑mach saor, an asgaidh. Mas ann a‑mhàin leis fhèin a thàinig e a‑steach, leis fhèin thèid e a‑mach; ma bha bean aige, thèid mar an ceudna a bhean a‑mach maille ris. Ma thug a mhaighistir bean dha, agus gun do rug i dha mic no nigheanan, bidh a’ bhean agus a clann aig a maighistir, agus thèid esan a‑mach leis fhèin. Ach ma their an t‑òglach gu cinnteach, Is toigh leam mo mhaighistir, mo bhean, agus mo chlann, cha tèid mi a‑mach saor: An sin bheir a mhaighistir e a‑chum nam britheamh; bheir e mar an ceudna a‑chum an dorais e, no a‑chum ursann an dorais, agus tollaidh a mhaighistir a chluas le minidh, agus nì e seirbhis dha gu bràth. Agus ma reiceas duine a nighean gu bhith na banoglaich, cha tèid i a‑mach mar a thèid na h‑òglaich. Mura taitinn i ra maighistir, a rinn ceangal‐pòsaidh rithe, an sin bheir e fa‑near gum fuasglar i: ri cinneach coimheach cha bhi comas aige a reiceadh, do bhrìgh gun do bhuin e gu cealgach rithe. Agus ma cheangail e ra mhac i, a rèir modh nan nighean nì e rithe. Ma ghabhas e bean eile dha fhèin, a biadh, a h‑aodach, agus a dlighe‐pòsaidh, cha lùghdaich e. Agus mura dèan e na trì nithean sin rithe, an sin thèid i a‑mach saor gun airgead. Esan a bhuaileas duine, air chor is gum bàsaich e, gu cinnteach cuirear gu bàs e. Agus mura do laigh duine am plaid, ach gun tug Dia thairis ga làimh e, an sin sònraichidh mise àite dhut don teich e. Ach ma thig duine gu dàn air a choimhearsnach, ga mharbhadh le ceilg, om altair bheir thu e, a‑chum gum bàsaich e. Agus esan a bhuaileas a athair, no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e. Agus esan a ghoideas duine, agus a reiceas e, no ma gheibhear na làimh e, gu cinnteach cuirear gu bàs e. Agus esan a mhallaicheas a athair no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e. Agus ma nì daoine còmhstri, agus gum buail duine a choimhearsnach le cloich, no le a dhòrn, agus nach faigh e bàs, ach gun gabh e a leabaidh: Ma dh’èireas e, agus gun siubhail e a‑mach air a luirg, an sin saorar esan a bhuail e; a‑mhàin dìolaidh e airson call a ùine, agus bheir e fa‑near a leigheas gu h‑iomlan. Agus ma bhuaileas duine a òglach no a bhanoglach le slait, agus gum bàsaich e fo a làimh, dìolar air gu deimhinn: Ach ma mhaireas e beò là, no dà là, cha dìolar air; oir is e a airgead e. Agus ma nì daoine còmhstri, agus gum buail iad bean thorrach, agus gun dealaich i ra cloinn, ach nach faigh i bàs; cuirear gu cinnteach ùnlagh air, a rèir mar a chuireas fear na mnà air, agus bheir e seachad mar a dh’òrdaicheas na britheamhan. Ach ma gheibh i bàs, an sin bheir thu anam airson anama, Sùil airson sùla, fiacail airson fiacla, làmh airson làimhe, cas airson coise, Losgadh airson losgaidh, lot airson lotaidh, buille airson buille. Agus ma bhuaileas duine sùil a òglaich, no sùil a bhanoglaich, agus gum mill e i, leigidh e as saor e airson a shùla. Agus ma chuireas e fiacail as a òglach, no fiacail as a bhanoglaich, leigidh e as saor e airson a fhiacla. Agus ma reubas damh duine no bean le a adhairc, agus gum faigh e bàs, gu cinnteach clachar an damh, agus chan ithear a fheòil; ach bidh sealbhadair an daimh neochiontach. Ach ma ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus gun do dhearbhadh sin da shealbhadair, agus nach do ghlèidh e a‑staigh e, agus gun do mharbh e duine no bean, clachar an damh, agus cuirear mar an ceudna a shealbhadair gu bàs. Ma chuirear airgead‐rèitich air, an sin bheir e mar èirig a anama ge bè nì a chuirear air. Mas mac a reub e le a adhairc, no mas nighean a reub e, a rèir a’ bhreitheanais seo nìthear ris. Ma reubas an damh òglach no banoglach, bheir e deich‐secel‐ar‑fhichead airgid dam maighistir, agus clachar an damh. Agus ma dh’fhosglas duine sloc, no ma chladhaicheas duine sloc, agus nach còmhdaich e e, agus gun tuit damh no asal ann: Nì esan dom buin an sloc suas an calldachd, bheir e airgead dan sealbhadair, agus is leis fhèin am beathach marbh. Agus ma reubas damh neach air bith damh neach eile, agus gum faigh e bàs, an sin reicidh iad an damh beò, agus roinnidh iad an t‑airgead a fhuaireadh air a shon, agus roinnidh iad mar an ceudna an damh marbh. No ma bha fhios gun do ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus nach do ghlèidh a shealbhadair a‑staigh e, gu cinnteach ìocaidh e damh airson daimh, agus is leis fhèin am marbh. Ma ghoideas duine damh no caora, agus gum marbh e e, no gun reic e e, dìolaidh e còig daimh airson an daimh, agus ceithir caoraich airson na caorach. Ma gheibhear gadaiche a’ briseadh a‑steach, agus gum buailear e, agus gum faigh e bàs, cha dòirtear fuil air a shon: Ma bhios a’ ghrian air èirigh air, dòirtear fuil air a shon. Nì esan a ghoideas dìoladh iomlan: mura bi nì sam bith aige, an sin reicear e airson a ghadachd. Ma gheibhear gu cinnteach a’ mhèirle na làimh beò, mas damh e, no asal, no caora, dìolaidh e dùbailte e. Ma bheir duine fa‑near gun ithear suas fearann no fìonlios, agus gun cuir e a ainmhidh ann, agus gum biadhar e ann am fearann duine eile; den chuid as fheàrr de a fhearann fhèin, agus den chuid as fheàrr de a fhìonlios fhèin, nì e dìoladh. Ma bhriseas teine a‑mach, agus gun tachair e air droighinn, agus gun loisgear na cruachan arbhair, no an t‑arbhar na sheasamh, no an t‑achadh, nì esan a rinn an losgadh gu cinnteach dìoladh. Ma bheir duine da choimhearsnach airgead, no àirneis, ga ghleidheadh, agus gun goidear à taigh an duine e; ma gheibhear an gadaiche, dìolaidh e dùbailte e. Mura faighear an gadaiche, an sin thèid maighistir an taighe a dh’ionnsaigh nam britheamh, a dh’fheuchainn co aca a shìn e a‑mach a làmh gu cuid a choimhearsnaich. Airson gach gnè choire, airson daimh, airson asail, airson caorach, airson aodaich, airson gach nì a chaidh a chall, a their neach eile gur leis fhèin, an làthair nam britheamh thig cùis gach aoin dhiubh: esan a dhìteas na britheamhan, dìolaidh e dùbailte da choimhearsnach. Ma bheir duine da choimhearsnach asal, no damh, no caora, no ainmhidh sam bith ga ghleidheadh, agus gum faigh e bàs, no gun ciùrrar e, no gun iomainear air falbh e, gun neach air bith ga fhaicinn; An sin bidh mionnan an Tighearna eatorra le chèile, nach do shìn e a làmh gu cuid a choimhearsnaich: agus gabhaidh a shealbhadair sin uaithe, agus cha dèan esan dìoladh. Agus ma ghoideadh uaithe e, dìolaidh e da shealbhadair. Ma reubadh as a chèile e, thugadh e leis mar fhianais e; airson an nì sin a chaidh a reubadh, cha dìol e. Agus ma dh’iarras duine nì an coingheall o a choimhearsnach, agus gun ciùrrar e, no gum faigh e bàs, gun a shealbhadair a bhith maille ris; gu cinnteach dìolaidh e. Ach ma bhios a shealbhadair maille ris, cha dìol e: mas nì airson tuarasdail e, thàinig e airson a thuarasdail. Agus ma mheallas duine maighdeann nach eil fo cheangal‐pòsaidh, agus gun laigh e leatha, gu cinnteach gabhaidh e i dha fhèin na mnaoi. Ma dhiùltas a h‑athair gu tur a tabhairt dha, dìolaidh e airgead a rèir tochradh nam maighdeann. Cha leig thu le ban‐fhiosaiche a bhith beò. Ge bè neach a laigheas le ainmhidh, gu cinnteach cuirear gu bàs e. Esan a dh’ìobras do dhiathan sam bith, ach don Tighearna a‑mhàin, gearrar as e. Air coigreach cha chuir thu doilgheas, cha mhò a nì thu fòirneart air; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr an h‑Èiphit. Rìgh bantraich sam bith, no dìlleachdan, cha bhuin sibh gu cruaidh. Ma bhuineas tu air chor sam bith gu cruaidh riu, agus gun glaodh iad idir riumsa, èisdidh mise gu cinnteach rin glaodh; Agus lasaidh mo chorraich suas, agus marbhaidh mi sibh leis a’ chlaidheamh; agus bidh ur mnathan nam bantraichean, agus ur clann nan dìlleachdain. Ma bheir thu airgead an coingheall do neach air bith dem shluagh‐sa a tha bochd làimh riut, cha bhi thu dha mar neach a chuireas airgead air riadh; cha chuir thu riadh air. Ma ghabhas tu idir aodach do choimhearsnaich ann an geall, mu dhol fodha na grèine bheir thu air ais dha e: Oir is e sin a chòmhdach a‑mhàin, is e a aodach da chraiceann e; ciod anns an caidil e? Agus nuair a dh’èigheas e rium, èisdidh mise: oir tha mi tròcaireach. Air britheamhan cha labhair thu olc, agus uachdaran do shluaigh cha chàin thu. Ciad‐thoradh d’fhearainn, agus d’fhìonlios, gun dàil bheir thu seachad: ciad‐ghin do mhac bheir thu dhòmhsa. Mar sin nì thu rid chrodh, agus rid chaoraich: seachd làithean bidh e maille ri a mhàthair, air an ochdamh là bheir thu dhòmhsa e. Agus bidh sibh nur daoine naomha dhòmhsa, agus feòil sam bith a reubadh le fiadh‐bheathaichean anns a’ mhachair, chan ith sibh: a‑chum nan con tilgidh sibh i. Cha tog thu tuairisgeul brèige: na cuir do làmh maille ris an aingidh gu bhith ad fhianais air an eucoir. Cha lean thu a’ mhòr‐chuideachd a dh’ionnsaigh an uilc, agus cha labhair thu ann an cùis, gu claonadh an dèidh a’ mhòrain, a‑chum breith fhiaradh. Agus ri duine bochd cha bhi thu bàidheil na chùis. Ma thachras tu air damh do nàmhaid, no a asal, a’ dol air seachran, bheir thu gu cinnteach air ais e da ionnsaigh. Ma chì thu asal duine aig a bheil fuath dhut a’ laighe fo a h‑eallaich, agus gun smaoinich thu air fantainn o chòmhnadh a dhèanamh rithe, nì thu gu cinnteach còmhnadh rithe. Cha chlaon thu breith do bhochd na chùis. O chùis bhrèige cùm thu fhèin am fad, agus an neochiontach agus an t‑ionraic na marbh: oir chan fhìreanaich mise an t‑aingidh. Agus tìodhlac cha ghabh thu; oir dallaidh tìodhlac na daoine glice, agus claonaidh e briathran nan daoine ionraic. Agus air coigreach na dèan fòirneart: oir is aithne dhuibh inntinn coigrich, do bhrìgh gu robh sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Èiphit. Agus sia bliadhna cuiridh tu d’fhearann, agus cruinnichidh tu a‑steach a thoradh. Ach air an t‑seachdamh fàgaidh tu a‑muigh e, agus leigidh tu leis laighe na thàmh, a‑chum gun ith bochdan do shluaigh, agus na dh’fhàgas iadsan, gun ith beathaichean na machrach e. Air a’ mhodh cheudna nì thu rid fhìonlios, agus rid lios‐ola. Sia làithean nì thu d’obair, agus air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois; a‑chum gum faigh do dhamh agus d’asal fois, agus gum faigh mac do bhanoglaich agus an coigreach an anail. Agus a‑thaobh nan uile nithean a labhair mi ribh, bithibh faiceallach; agus air ainm dhiathan eile na luaidhibh: na cluinnear as ur beul e. Trì uairean cumaidh tu fèill dhòmhsa anns a’ bhliadhna. Fèill an arain neo‐ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo‐ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut, anns an àm shuidhichte den mhìos Abib; oir anns a’ mhìos sin thàinig thu a‑mach as an Èiphit: agus cha tig neach air bith am làthair‐sa falamh: Agus fèill an fhogharaidh, ciad‐thoraidhean do shaothrach, a chuir thu anns an fhearann: agus fèill a’ chruinneachaidh aig deireadh na bliadhna, nuair a chruinnicheas tu a‑steach toradh do shaothrach as an fhearann. Trì uairean anns a’ bhliadhna nochdar gach fireann agad an làthair an Tighearna Dia. Cha toir thu seachad fuil m’ìobairt‐sa le aran gortaichte, cha mhò a dh’fhanas saill m’ìobairt gu madainn. Toiseach ciad‐thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruich thu meann ann am bainne a mhàthar. Feuch, cuiridh mise aingeal romhad, gud choimhead anns an t‑slighe, agus gud thabhairt a‑steach don àit a dh’ullaich mi. Bi faiceallach na làthair, agus èisd ra ghuth; na cuir na aghaidh: oir cha lagh e ur cionta; oir tha m’ainm annsan. Ach ma dh’èisdeas tu da‑rìribh ri a ghuth, agus ma nì thu gach nì a labhras mise, an sin bidh mi am nàmhaid dod nàmhaid‐sa, agus claoidhidh mi iadsan a chlaoidheas thu: Oir thèid m’aingeal romhad, agus bheir e a‑steach thu a‑chum nan Amorach, agus nan Hiteach, agus nam Peridseach, agus nan Canàanach, nan Hibheach agus na Iebusach; agus gearraidh mi as iad. Cha chrom thu thu fhèin sìos dan diathan, agus cha dèan thu seirbhis dhaibh, cha mhò a nì thu a rèir an obrach, ach sgriosaidh tu gu tur iad, agus brisidh tu an dealbhan nam bloighdean. Agus nì sibh seirbhis don Tighearna ur Dia, agus beannaichidh esan d’aran, agus d’uisge, agus cuiridh mi easlaint air falbh o ur measg. Cha tilg nì sam bith a àl, cha mhò a bhios e seasg ad thìr: àireamh do làithean coileanaidh mise. Cuiridh mi m’eagal romhad, agus sgriosaidh mi an sluagh uile a dh’ionnsaigh an tèid thu, agus bheir mi air do naimhdean gu lèir an cùl a thionndadh riut. Agus cuiridh mise ceàrnabhain romhad, agus fògraidh iad a‑mach an t‑Hibheach, an Canàanach, agus an t‑Hiteach, as do làthair. Cha tilg mi a‑mach iad as do làthair ann an aon bhliadhna, air eagal gum bi am fearann air fhàsachadh, agus gum fàs fiadh‐bheathaichean na machrach lìonmhor ad aghaidh. A lìon beag is beag tilgidh mi a‑mach iad as do làthair, gus an sìolaich thu agus an sealbhaich thu am fearann. Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd‐àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair. Cha dèan thu riùsan, no rin diathan, coicheangal sam bith. Cha ghabh iad còmhnaidh ad thìr, air eagal gun toir iad ort peacachadh am aghaidh‐sa le seirbhis a dhèanamh dan diathan; agus gum bi sin na ribe dhut. Agus thubhairt e ri Maois, Thig a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, thu fhèin agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì‐fichead is a deich de sheanairean Israeil: agus nì sibh adhradh fada o làimh. Agus thig Maois na aonar am fagas don Tighearna; ach cha tig iadsan am fagas, cha mhò a thèid an sluagh suas maille ris. Agus thàinig Maois agus dh’innis e don t‑sluagh briathran an Tighearna uile, agus na breitheanais uile: agus fhreagair an sluagh gu lèir le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne. Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh‐dheug a rèir dà‑threubh‐dheug Israeil. Agus chuir e uaithe òganaich de chloinn Israeil, agus thug iad suas tabhartasan‐loisgte, agus dh’ìobair iad ìobairtean‐sìthe de dhaimh don Tighearna. Agus ghabh Maois leth na fala, agus chuir e ann an cuachan i; agus leth na fala chrath e air an altair. Agus ghabh e leabhar a’ choicheangail, agus leugh e ann an èisdeachd an t‑sluaigh; agus thubhairt iadsan, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne, agus bheir sinn gèill. Agus ghabh Maois an fhuil, agus chrath e i air an t‑sluagh, agus thubhairt e, Feuch, fuil a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh a‑thaobh nam briathran sin uile. Agus chaidh Maois suas agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì‐fichead is a deich de sheanairean Israeil. Agus chunnaic iad Dia Israeil: agus fo a chasan bha mar gum biodh obair de chloich shaphir, agus mar na nèamhan fhèin ann an soillse. Agus air maithean chloinn Israeil cha do chuir e a làmh: agus chunnaic iad Dia, agus dh’ith iad agus dh’òl iad. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thig a‑nìos am ionnsaigh‐sa don t‑sliabh, agus bi an sin: agus bheir mise dhut clàir chloiche, agus lagh, agus na h‑àitheantan a sgrìobh mi, a‑chum iadsan a theagasg. Agus dh’èirich Maois suas, agus Iosua a òglach: agus chaidh Maois suas do shliabh Dhè. Agus thubhairt e ris na seanairean, Fanaibh‐se rinn an seo, gus an till sinn dur n‑ionnsaigh. Agus, feuch, tha Aaron agus Hur maille ribh: esan aig am bi cùis sam bith, thigeadh e dan ionnsaigh‐san. Agus chaidh Maois suas don t‑sliabh, agus chòmhdaich neul an sliabh. Agus chòmhnaich glòir an Tighearna air sliabh Shinài, agus chòmhdaich an neul e sia làithean: agus dh’èigh e ri Maois air an t‑seachdamh là à meadhon an neòil. Agus bha foillseachadh glòir an Tighearna mar theine dian‐loisgeach air mullach an t‑slèibh, ann an sùilean chloinn Israeil. Agus chaidh Maois a‑steach ann am meadhon an neòil, agus chaidh e suas don t‑sliabh: agus bha Maois anns an t‑sliabh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, gun toir iad am ionnsaigh tabhartas: o gach duine a bheir seachad gu toileach e le a chridhe gabhaidh sibh mo thabhartas. Agus is e seo an tabhartas a ghabhas sibh uapa; òr, agus airgead, agus umha, Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar, Agus craicnean reitheachan air an dath dearg, agus craicnean bhroc, agus fiodh sitim, Ola a‑chum solais, spìosraidh a‑chum ola‑ungaidh, agus a‑chum tùise deagh‐bholaidh, Clachan onics, agus clachan rin cur anns an èphoid, agus anns an uchd‐èideadh. Agus nì iad dhomh ionad naomh, agus gabhaidh mise còmhnaidh nam measg. A rèir gach nì a leigeas mise dhut fhaicinn, a rèir samhladh a’ phàillein, agus samhladh a àirneis uile, eadhon mar sin nì sibh. Agus nì iad àirc de fhiodh sitim: dà làmh‐choille gu leth a fad, agus làmh‐choille gu leth a leud, agus làmh‐choille gu leth a h‑àirde. Agus còmhdaichidh tu thairis i le òr fìorghlan, a‑staigh agus a‑muigh còmhdaichidh tu thairis i; agus nì thu oirre coron òir mun cuairt. Agus nì thu air a son ceithir failbheagan òir, agus cuiridh tu iad air a ceithir oisnean; agus bidh dà fhailbheig air aon taobh dhith, agus dà fhailbheig air an taobh eile dhith. Agus nì thu bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr. Agus cuiridh tu na bataichean anns na failbheagan air taobhan na h‑àirce, a‑chum an àirc a ghiùlan leo. Ann am failbheagan na h‑àirce bidh na bataichean: cha ghluaisear uaipe iad. Agus cuiridh tu anns an àirc an Fhianais a bheir mise dhut. Agus nì thu cathair‐thròcair de òr fìorghlan; dà làmh‐choille gu leth a fad, agus làmh‐choille gu leth a leud. Agus nì thu dà cherub òir: de obair bhuailte nì thu iad, aig dà cheann na cathair‐thròcair. Agus nì thu aon cherub aig aon cheann, agus cerub eile aig a’ cheann eile den chathair‐thròcair: nì sibh na ceruban aig a dà cheann. Agus bidh na ceruban a’ sìneadh a‑mach an sgiathan gu h‑àrd, a’ còmhdachadh na cathair‐thròcair len sgiathan, agus an aghaidhean ri chèile: ris a’ chathair‐thròcair bidh aghaidhean nan cerub. Agus cuiridh tu a’ chathair‐thròcair suas air an àirc, agus anns an àirc cuiridh tu an Fhianais a bheir mise dhut. Agus coinnichidh mise thu an sin, agus labhraidh mi riut o uachdar na cathair‐thròcair, o eadar an dà cherub a tha air àirc na Fianais, a‑thaobh gach nì a dh’àithneas mi dhut do chloinn Israeil. Agus nì thu bòrd de fhiodh sitim; dà làmh‐choille a fhad, agus làmh‐choille a leud, agus làmh‐choille gu leth a àirde. Agus còmhdaichidh tu thairis e le òr fìorghlan, agus nì thu dha coron òir mun cuairt. Agus nì thu dha iomall de leud boise mun cuairt, agus nì thu coron òir da iomall mun cuairt. Agus nì thu dha ceithir failbheagan òir, agus cuiridh tu na failbheagan air na ceithir oisnean a tha aig a cheithir chasan. Fa chomhair an iomaill bidh na failbheagan, a‑chum àitean do na bataichean, gus am bòrd a ghiùlan. Agus nì thu na bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr; giùlainear am bòrd leo. Agus nì thu a mhiasan, agus a thùiseirean, agus a chuachan, agus a chupain, leis an toirear seachad ìobairt‐dibhe; de òr fìorghlan nì thu iad. Agus cuiridh tu air a’ bhòrd aran taisbeanta romhamsa an còmhnaidh. Agus nì thu coinnleir de òr fìorghlan, de obair bhuailte nìthear an coinnleir. Bidh a chas, agus a mheòir, a chupain, a chnapan, agus a bhlàthan, den obair cheudna. Agus thig sia meòir a‑mach as a‑thaobhan; trì meòir a’ choinnleir à aon taobh dheth, agus trì meòir a’ choinnleir as an taobh eile dheth. Trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann an aon mheur, maille ri cnap agus blàth; agus trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean anns a’ mheur eile, maille ri cnap agus blàth; mar sin anns na sia meòir a thig a‑mach as a’ choinnleir. Agus anns a’ choinnleir bidh ceithir cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean, maille rin cnapan agus am blàthan. Agus bidh cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth; mar sin do na sia meòir a thig a‑mach as a’ choinnleir. Bidh na cnapan agus am meòir den obair cheudna: bidh e uile na aon obair bhuailte de òr fìorghlan. Agus nì thu dha seachd lòchrain: agus cuirear suas a lòchrain, a‑chum gun toir iad solas thall fa chomhair. Agus bidh a chlobhachan agus a smàl‐shoithichean de òr fìorghlan. De thàlann de òr fìorghlan nìthear e, maille ris na soithichean sin uile. Agus feuch gun dèan thu iad a rèir an t‑samhlaidh a chaidh a leigeadh fhaicinn dhut anns an t‑sliabh. Agus nì thu am pàillean le deich cùirteanan de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid: maille ri ceruban de obair ealanta nì thu iad. Fad aon chùirtein ochd làmhan‐coille ar fhichead, agus leud aon chùirtein, ceithir làmhan‐coille: an aon tomhas do na cùirteanan uile. Bidh còig cùirteanan air an ceangal gach aon ri chèile; agus na còig cùirteanan eile air an ceangal gach aon ri chèile. Agus nì thu lùban de ghorm air oir aon chùirtein, on iomall anns a’ choicheangal: agus, air a’ mhodh cheudna, nì thu ann an oir a’ chùirtein as fhaide a‑mach, ann an coicheangal an dara aoin. Lethcheud lùb nì thu ann an aon chùirtean, agus leth‐cheud lùb nì thu ann an oir a’ chùirtein a tha ann an coicheangal an dara aoin; a‑chum is gun gabh na lùban greim de a chèile. Agus nì thu leth‐cheud cromag òir, agus ceanglaidh tu na cùirteanan ri chèile leis na cromagan: agus bidh e na aon phàillean. Agus nì thu cùirteanan de fhionnadh ghobhar gu bhith nan còmhdach air a’ phàillean: aon‐chùirtean‐deug nì thu dhiubh. Fad aon chùirtein deich làmhan‐coille ar fhichead, agus leud aon chùirtein ceithir làmhan‐coille: bidh an t‑aon‐chùirtean‐deug uile a dh’aon tomhas. Agus cuiridh tu ri chèile còig cùirteanan leo fhèin, agus sia cùirteanan leo fhèin, agus dùblaichidh tu an siathamh cùirtean air taobh‐beòil a’ bhùtha. Agus nì thu leth‐cheud lùb air oir an aon chùirtein as fhaide a‑mach anns a’ choicheangal, agus leth‐cheud lùb air oir a’ chùirtein a tha a’ coicheangal an dara aoin. Agus nì thu leth‐cheud cromag de umha, agus cuiridh tu na cromagan anns na lùban, agus cuiridh tu am bùth ri chèile, air chor is gum bi e na aon. Agus am fuidheall a dh’fhàgar de chùirteanan a’ bhùtha, leth a’ chùirtein a dh’fhàgar, crochar e thar taobh‐cùil a’ phàillein. Agus làmh‐choille air an taobh seo, agus làmh‐choille air an taobh eile de na dh’fhàgadh air am fad de chùirteanan a’ bhùtha, crochar e thar taobhan a’ phàillein, air an taobh seo, agus air an taobh eile, ga chòmhdachadh. Agus nì thu còmhdach airson a’ bhùtha de chraicnean reitheachan air an dath dearg, agus còmhdach de chraicnean bhroc os a chionn. Agus nì thu bùird airson a’ phàillein de fhiodh sitim, nan seasamh: Deich làmhan‐coille fad bùird, agus làmh‐choille gu leth leud aon bhùird. Bidh dà làimh aig aon bhòrd, air an cur an òrdagh fa chomhair a chèile; mar seo nì thu do uile bhùird a’ phàillein. Agus nì thu na bùird airson a’ phàillein, fichead bòrd air an taobh deas, ris an àird a deas. Agus nì thu dà‑fhichead cas airgid fon fhichead bòrd: dà chois fo aon bhòrd a rèir a dhà làimh, agus dà chois fo bhòrd eile a rèir a dhà làimh. Agus airson an dara taoibh den phàillean air an taobh tuath, fichead bòrd; Agus an dà‑fhichead cas de airgead, dà chois fo aon bhòrd, agus dà chois fo bhòrd eile. Agus airson taobhan a’ phàillein air an làimh an iar, nì thu sia bùird. Agus nì thu dà bhòrd airson oisnean a’ phàillein anns an dà thaobh. Agus bidh iad air an coicheangal foidhe, agus mar an ceudna bidh iad air an coicheangal os a chionn ri aon fhailbheig: mar seo nìthear dhaibh le chèile; bidh iad airson an dà oisne. Agus bidh ochd bùird ann, agus an casan de airgead, sia‑casan‐deug; dà chois fo aon bhòrd, agus dà chois fo bhòrd eile. Agus nì thu croinn de fhiodh sitim; còig airson nam bòrd air aon taobh den phàillean. Agus còig croinn airson nam bòrd air an taobh eile den phàillean, agus còig croinn airson bùird taobhan a’ phàillein airson an dà thaoibh an iar. Agus ruigidh an crann meadhonach ann am meadhon nam bòrd o cheann gu ceann. Agus còmhdaichidh tu thairis na bùird le òr, agus nì thu am failbheagan de òr mar àiteachan do na croinn: agus còmhdaichidh tu thairis na croinn le òr. Agus togaidh tu suas am pàillean a rèir a shamhlaidh, a nochdadh dhut anns an t‑sliabh. Agus nì thu brat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta nìthear e, le ceruban. Agus crochaidh tu e air ceithir puist de fhiodh sitim, air an còmhdachadh thairis le òr: agus bidh an cromagan de òr, air na ceithir buinn airgid. Agus crochaidh tu suas am brat fo na cromagan, agus bheir thu a‑steach ann an sin àirc na Fianais, an taobh a‑staigh den bhrat: agus roinnidh am brat dhuibhse eadar an t‑ionad naomh agus an t‑ionad ro‑naomh. Agus cuiridh tu a’ chathair‐thròcair air àirc na Fianais, anns an ionad ro‑naomh. Agus cuiridh tu am bòrd an leth a‑muigh den bhrat, agus an coinnleir fa chomhair a’ bhùird air taobh deas a’ phàillein: agus cuiridh tu am bòrd air an taobh tuath. Agus nì thu còmhdach airson doras a’ bhùtha, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair ghrèise. Agus nì thu airson a’ chòmhdaich còig puist de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr, agus tilgidh tu air an son còig buinn umha. Agus nì thu altair de fhiodh sitim; còig làmhan‐coille air fad, agus còig làmhan‐coille air leud; bidh an altair ceithir‐cheàrnach, agus a h‑àirde trì làmhan‐coille. Agus nì thu a h‑adhaircean air a ceithir oisnean: bidh a h‑adhaircean den nì cheudna; agus còmhdaichidh tu thairis i le umha. Agus nì thu a h‑aighnean a ghabhail a luatha, agus a sluasaidean, agus a cuachan, agus a greimichean, agus a h‑aighnean‐teine: a soithichean uile nì thu de umha. Agus nì thu dhi cliath de lìon‐obair umha: agus nì thu air an lìon ceithir failbheagan umha air a cheithir oisnean. Agus cuiridh tu e fo chuairt na h‑altarach gu h‑ìosal, agus bidh an lìon gu ruig meadhon na h‑altarach. Agus nì thu bataichean don altair, bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le umha. Agus cuirear na bataichean anns na failbheagan, agus bidh na bataichean air dà thaobh na h‑altarach ga giùlan. Fàs le bùird nì thu i; mar a nochdadh dhut anns an t‑sliabh, mar sin nìthear i. Agus nì thu cùirt a’ phàillein air an taobh deas, ri deas: bidh cùirteanan airson na cùirte de anart grinn toinnte; ceud làmh‐choille am fad, air aon taobh. Agus bidh a fichead post, agus am fichead bonn, de umha: bidh cromagan nam post, agus an cuairteagan, de airgead. Agus mar an ceudna air an taobh tuath air fad, bidh cùirteanan ceud làmh‐choille air fad, agus a fichead post, agus am fichead bonn de umha; cromagan nam post, agus an cuairteagan, de airgead. Agus air leud na cùirte air an taobh an iar, bidh cùirteanan de leth‐cheud làmh‐choille: am puist deich, agus am buinn deich. Agus bidh leud na cùirte air an taobh an ear, ris an àird an ear, leth‐cheud làmh‐choille. Agus bidh na cùirteanan air aon taobh còig làmhan‐coille deug: am puist trì, agus am buinn trì. Agus air an taobh eile bidh a cùirteanan còig làmhan‐coille deug: am puist trì, agus am buinn trì. Agus airson geata na cùirte bidh brat de fhichead làmh‐choille, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair shnàthaide: am puist ceithir, agus am buinn ceithir. Bidh na puist uile timcheall na cùirte air an ceangal mun cuairt le airgead: bidh an cromagan de airgead, agus am buinn de umha. Fad na cùirte ceud làmh‐choille, agus a leud leth‐cheud làmh‐choille anns gach àite, agus a h‑àirde còig làmhan‐coille, de anart grinn toinnte; agus am buinn de umha. Bidh uile shoithichean a’ phàillein, na sheirbhis uile, agus a phinneachan uile, agus pinneachan na cùirte uile, de umha. Agus àithnidh tu do chloinn Israeil, gun toir iad ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn‐ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air an lòchran lasadh an còmhnaidh. Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil. Agus gabh ad ionnsaigh Aaron do bhràthair, agus a mhic maille ris, o mheasg chloinn Israeil, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt, eadhon Aaron, Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar, mic Aaroin. Agus nì thu èideadh naomh dod bhràthair Aaron, airson glòire, agus airson maise. Agus labhraidh tu riùsan uile a tha glic ann an cridhe, a lìon mise le spiorad a’ ghliocais; agus nì iad èideadh Aaroin, ga choisrigeadh, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt. Agus seo an t‑èideadh a nì iad; uchd‐èideadh, agus èphod, agus fallaing, agus còta iomadh‐dathach, crùn‐sagairt, agus crios; agus nì iad èideadh naomh airson Aaroin do bhràthair, agus airson a mhac, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt. Agus gabhaidh iad òr, agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn. Agus nì iad an èphod de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, le obair ealanta. Bidh an dà mhìr‐guailne aice ceangailte ri chèile aig a dà oir; agus mar sin cuirear ri chèile i. Agus bidh crios rìomhach na h‑èphoid a tha air a h‑uachdar, a rèir a h‑obrach fhèin, den nì cheudna, eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte. Agus gabhaidh tu dà chloich onics, agus gearraidh tu orra ainmean chloinn Israeil. Sia den ainmean air aon chloich, agus sia ainmean chàich air a’ chloich eile, a rèir an sinead. Le obair gearradair an cloich, le gearradh seula, gearraidh tu an dà chloich, le ainmean chloinn Israeil: bheir thu fa‑near an ceangal ann am failean òir. Agus cuiridh tu an dà chloich air guaillean na h‑èphoid, mar chlachan cuimhneachain do chloinn Israeil. Agus giùlainidh Aaron an ainmean ann an làthair an Tighearna air a dhà ghualainn, mar chuimhneachan. Agus nì thu failean òir; Agus dà shlabhraidh de òr fìorghlan aig na cinn: nì thu iad de obair fhighte, agus ceanglaidh tu na slabhraidhean fighte ris na failean. Agus nì thu uchd‐èideadh a’ bhreitheanais le obair ealanta; a rèir obair na h‑èphoid nì thu e: de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte nì thu e. Ceithir‐cheàrnach bidh e, agus dà‑fhillte; rèis a fhad, agus rèis a leud. Agus cuiridh tu ann suidheachadh chlach, eadhon ceithir sreathan chlach; a’ chiad sreath, sardias, topas, agus carbuncal; seo a’ chiad sreath. Agus an dara sreath; emerald, saphir, agus daoimean. Agus an treas sreath; ligur, agat, agus ametist. Agus an ceathramh sreath; beril, agus onics, agus iasper: ceanglar iad le òr nan suidheachadh. Agus bidh na clachan le ainmean chloinn Israeil, a dhà‐dheug, a rèir an ainmean; le gearradh seula, bidh gach aon aca le a h‑ainm fhèin a rèir an dà‑threubh‐dheug. Agus nì thu air an uchd‐èideadh slabhraidhean aig na cinn de obair fhighte, de òr fìorghlan. Agus nì thu air an uchd‐èideadh dà fhàinne òir, agus cuiridh tu an dà fhàinne air dà cheann an uchd‐èididh. Agus cuiridh tu an dà shlabhraidh fhighte òir anns an dà fhàinne a tha air cinn an uchd‐èididh. Agus dà cheann eile an dà shlabhraidh fhighte daingnichidh tu anns an dà fhail, agus cuiridh tu iad air mìrean‐guailne na h‑èphoid air a beulaibh. Agus nì thu dà fhàinne òir, agus cuiridh tu iad air dà cheann an uchd‐èididh anns an oir sin dheth, a tha aig taobh na h‑èphoid a‑staigh. Agus nì thu dà fhàinne eile de òr, agus cuiridh tu iad air dà thaobh na h‑èphoid foidhpe, làimh ra cuid‐thòisich, fa chomhair a’ choicheangail eile, os cionn crios rìomhach na h‑èphoid. Agus ceanglaidh iad an t‑uchd‐èideadh le a fhàinnean, ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum is gum bi e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach fuasglar an t‑uchd‐èideadh on èphoid. Agus giùlainidh Aaron ainmean chloinn Israeil ann an uchd‐èideadh a’ bhreitheanais, air a chridhe, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh, mar chuimhneachan ann an làthair an Tighearna a‑ghnàth. Agus cuiridh tu ann an uchd‐èideadh a’ bhreitheanais an Urim agus an Tumim; agus bidh iad air cridhe Aaroin, nuair a thèid e a‑steach an làthair an Tighearna: agus giùlainidh Aaron breitheanas chloinn Israeil air a chridhe ann an làthair an Tighearna an còmhnaidh. Agus nì thu fallaing na h‑èphoid uile de ghorm. Agus bidh toll na mullach, na meadhon: bidh oir aice timcheall a tuill de obair fhighte, mar tholl lùirich‐mhàillich, a‑chum is nach reubar i. Agus gu h‑ìosal, air a h‑iomall, nì thu pomgranatan de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, air a h‑iomall mun cuairt: agus cluig òir eatorra mun cuairt. Clag òir agus pomgranat, clag òir agus pomgranat, air iomall na fallainge mun cuairt. Agus bidh i air Aaron gu frithealadh: agus cluinnear a fuaim, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh an làthair an Tighearna, agus nuair a thig e a‑mach, a‑chum nach bàsaich e. Agus nì thu leac de òr fìorghlan, agus gearraidh tu oirre, cosmhail ri gearradh seula, NAOMHACHD DON TIGHEARNA. Agus cuiridh tu i air èill ghuirm, agus bidh i air a’ chrùn‐shagairt: air taobh‐beòil a’ chrùin‐shagairt bidh i. Agus bidh i air clàr‐aodainn Aaroin, agus giùlainidh Aaron cionta nan nithean naomha, a choisrigeas clann Israeil nan tìodhlacan naomha uile: agus bidh i air clàr a aodainn an còmhnaidh, a‑chum is gum bi iad taitneach an làthair an Tighearna. Agus nì thu an còta le obair ghrèise de anart grinn, agus nì thu an crùn‐sagairt de anart grinn, agus nì thu an crios de obair shnàthaide. Agus do mhic Aaroin nì thu còtaichean, agus nì thu dhaibh criosan, agus bonaidean nì thu dhaibh, airson glòire agus airson maise. Agus cuiridh tu iad air Aaron do bhràthair, agus air a mhic maille ris; agus ungaidh tu iad, agus coisrigidh tu iad, agus naomhaichidh tu iad; agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt. Agus nì thu dhaibh briogaisean anairt a dh’fhalach an nochd: on leasraidh eadhon gus na slèisdean ruigidh iad. Agus bidh iad air Aaron, agus air a mhic, nuair a thig iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail, no nuair a thig iad am fagas don altair, a fhrithealadh anns an ionad naomh; a‑chum is nach giùlain iad aingidheachd, agus nach faigh iad bàs: bidh e na reachd sìorraidh dha fhèin, agus da shliochd na dhèidh. Agus seo an nì a nì thu riu a‑chum an coisrigeadh, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt: Gabh aon tarbh òg, agus dà reithe gun ghaoid, Agus aran neo‐ghortaichte, agus breacagan neo‐ghortaichte, coimeasgte le ola, agus gearragan neo‐ghortaichte, ungte le ola; de fhlùr a’ chruithneachd nì thu iad. Agus cuiridh tu iad ann an aon bhasgaid, agus bheir thu iad leat anns a’ bhasgaid, maille ris an tarbh òg agus an dà reithe. Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras pàillean a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge. Agus gabhaidh tu an t‑èideadh, agus cuiridh tu an còta air Aaron, agus fallaing na h‑èphoid, agus an èphod, agus an t‑uchd‐èideadh, agus crioslaichidh tu e le crios rìomhach na h‑èphoid. Agus cuiridh tu an crùn‐sagairt air a cheann, agus an crùn naomh air a’ chrùn‐shagairt. Agus gabhaidh tu an ola‑ungaidh, agus dòirtidh tu air a cheann i, agus ungaidh tu e. Agus bheir thu leat a mhic, agus cuiridh tu còtaichean orra. Agus crioslaichidh tu iad le criosan (Aaron agus a mhic), agus cuiridh tu na bonaidean orra: agus is leòsan dreuchd an t‑sagairt le reachd bith‐bhuan: agus coisrigidh tu Aaron agus a mhic. Agus bheir thu fa‑near an tarbh a thoirt gu beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh. Agus marbhaidh tu an tarbh an làthair an Tighearna, làimh ri doras pàillean a’ choitheanail. Agus gabhaidh tu de fhuil an tairbh, agus cuiridh tu i air adhaircean na h‑altarach led mheur, agus dòirtidh tu an fhuil uile aig bonn na h‑altarach. Agus gabhaidh tu an t‑saill uile a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus loisgidh tu iad air an altair. Ach feòil an tairbh agus a sheiche, agus a aolach loisgidh tu le teine an taobh a‑muigh den champ: is tabhartas‐peacaidh e. Gabhaidh tu mar an ceudna aon reithe, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe. Agus marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu a fhuil, agus crathaidh tu i mun cuairt air an altair. Agus gearraidh tu an reithe na mhìrean, agus nighidh tu a mhionach, agus a chasan, agus cuiridh tu iad air a mhìrean, agus air a cheann. Agus loisgidh tu an reithe uile air an altair; is tabhartas‐loisgte e don Tighearna; fàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna. Agus gabhaidh tu an reithe eile, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe. An sin marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu de a fhuil, agus cuiridh tu i air bàrr cluas dheas Aaroin, agus air bàrr cluas dheas a mhac, agus air òrdaig an làimhe deise, agus air òrdaig an coise deise; agus crathaidh tu an fhuil air an altair mun cuairt. Agus gabhaidh tu den fhuil a tha air an altair, agus den ola‑ungaidh, agus crathaidh tu iad air Aaron, agus air a èideadh, agus air a mhic, agus air èideadh a mhac maille ris: agus coisrigear e fhèin, agus a èideadh, agus a mhic, agus èideadh a mhac maille ris. Mar an ceudna, gabhaidh tu den reithe an t‑saill, agus bun an earbaill, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus sgairt nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus an slinnean deas; oir is reithe coisrigidh e. Agus aon bhuileann arain, agus aon bhreacag arain le ola, agus aon ghearrag à basgaid an arain neo‐ghortaichte a tha an làthair an Tighearna. Agus cuiridh tu iad uile ann an làmhan Aaroin, agus ann an làmhan a mhac; agus luaisgidh tu iad mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna. Agus gabhaidh tu iad bhàrr an làmh, agus loisgidh tu iad air an altair mar thabhartas‐loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh an làthair an Tighearna: is tabhartas e air a thoirt suas le teine don Tighearna. Agus gabhaidh tu an t‑uchd o reithe coisrigeadh Aaroin, agus luaisgidh tu e mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna: agus bidh sin agadsa mar chuibhreann. Agus naomhaichidh tu uchd an tabhartais‐luaisgte agus slinnean an tabhartais‐thogte, a chaidh a luasgadh, agus a thogail suas de reithe a’ choisrigidh, eadhon den nì sin as le Aaron, agus den nì sin a bhuineas da mhic. Agus bidh e le Aaron agus le a mhic le reachd bithbhuan o chloinn Israeil; oir is tabhartas‐togte e: agus bidh e na thabhartas‐togte o chloinn Israeil de ìobairtean an tabhartasan‐sìthe, eadhon an tabhartas‐togte don Tighearna. Agus is le mic Aaroin a èideadh naomh‐san na dhèidh gu bhith air an ungadh ann, agus gu bhith air an coisrigeadh ann. Seachd làithean cuiridh esan de a mhic air e, a bhios na shagart na àite, a thèid a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a fhrithealadh anns an ionad naomh. Agus gabhaidh tu reithe a’ choisrigidh, agus bruithidh tu a fheòil anns an ionad naomh. Agus ithidh Aaron agus a mhic feòil an reithe, agus an t‑aran a tha anns a’ bhasgaid, aig doras pàillean a’ choitheanail. Agus ithidh iad na nithean sin leis an do rinneadh an rèite, a‑chum an coisrigeadh agus an naomhachadh: ach chan ith coigreach dhiubh, do bhrìgh gu bheil iad naomh. Agus ma dh’fhàgar a’ bheag de fheòil a’ choisrigidh, no a’ bheag den aran, gus a’ mhadainn, an sin loisgidh tu am fuidheall le teine: chan ithear e, do bhrìgh gu bheil e naomh. Agus nì thu mar seo ri Aaron, agus ra mhic, a rèir nan uile nithean a dh’àithn mise dhut: seachd làithean coisrigidh tu iad. Agus bheir thu seachad gach là tarbh òg mar thabhartas‐peacaidh, a‑chum rèite: agus glanaidh tu an altair, nuair a nì thu rèite air a son, agus ungaidh tu i a‑chum a naomhachadh. Seachd làithean nì thu rèite airson na h‑altarach, agus naomhaichidh tu i; agus bidh i na h‑altair ro‑naomh: gach nì a bheanas ris an altair, naomhaichear e. Agus seo an nì a bheir thu seachad air an altair; dà uan a dh’aois bliadhna, o là gu là an còmhnaidh. Agus uan bheir thu seachad anns a’ mhadainn, agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar. Agus maille ris an aon uan, an deicheamh cuid de fhlùr mìn measgte leis a’ cheathramh cuid de hin de ola bhrùite; agus an ceathramh cuid de hin de fhìon, mar thabhartas‐dibhe. Agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar, agus nì thu ris a rèir tabhartas‐bìdh na maidne, agus a rèir a tabhartais‐dibhe, mar fhàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna. Bidh seo na thabhartas‐loisgte bithbhuan air feadh ur ginealaichean, aig doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna, far an coinnich mise sibh, a labhairt riutsa an sin. Agus an sin coinnichidh mise clann Israeil, agus naomhaichear am pàillean lem ghlòir. Agus naomhaichidh mi pàillean a’ choitheanail, agus an altair: naomhaichidh mi, mar an ceudna, Aaron agus a mhic, gu frithealadh dhomh ann an dreuchd an t‑sagairt. Agus gabhaidh mi còmhnaidh am measg chloinn Israeil, agus bidh mi am Dhia aca. Agus bidh fhios aca gur mise an Tighearna an Dia, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Èiphit, a‑chum is gun gabh mi còmhnaidh nam measg: Is mise an Tighearna an Dia. Agus nì thu altair a losgadh tùise oirre: de fhiodh sitim nì thu i: Làmh‐choille a fad, agus làmh‐choille a leud (ceithir‐cheàrnach bidh i), agus dà làmh‐choille a h‑àirde; bidh a h‑adhaircean den nì cheudna. Agus còmhdaichidh tu thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean: agus nì thu dhi coron òir mun cuairt. Agus dà fhailbheig òir nì thu dhi fo a coron: aig a dà oisinn nì thu iad, air a dà thaobh: agus bidh iad airson àiteachan do na bataichean a‑chum a giùlan leo. Agus nì thu na bataichean de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr. Agus cuiridh tu i fa chomhair an roinn‐bhrat, a tha làimh ri àirc na Fianais; air beulaibh na cathair‐thròcair, a tha os cionn na Fianais, far an coinnich mise thu. Agus loisgidh Aaron tùis chùbhraidh oirre gach madainn: nuair a dheasaicheas e na lòchrain, loisgidh e tùis oirre. Agus nuair a lasas Aaron na lòchrain mu fheasgar, loisgidh e tùis oirre; tùis bhithbhuan an làthair an Tighearna, air feadh ur ginealaichean. Cha loisg sibh tùis choimheach sam bith oirre, no ìobairt‐loisgte, no tabhartas‐bìdh; cha mhò a dhòirteas sibh tabhartas‐dibhe oirre. Agus nì Aaron rèite air a h‑adhaircean aon uair anns a’ bhliadhna, le fuil ìobairt‐pheacaidh na rèite: aon uair anns a’ bhliadhna nì e rèite oirre air feadh ur ginealaichean: tha i ro‑naomh don Tighearna. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad. Seo bheir iad uapa, gach aon a thèid seachad nam measg‐san a dh’àirmhear: leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: (is e secel fichead gerah:) leth seceil mar thabhartas don Tighearna. Bheir gach aon a thèid seachad nam measg‐san a dh’àirmhear, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, tabhartas don Tighearna. Cha toir an saoibhir tuilleadh, agus cha toir am bochd nas lugha na leth seceil, nuair a bheir iad tabhartas don Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman. Agus gabhaidh tu airgead na rèite o chloinn Israeil, agus cuiridh tu air leth e fa chomhair seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bidh e na chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Nì thu mar an ceudna soitheach‐ionnlaid de umha, agus a chas de umha, a‑chum ionnlaid: agus cuiridh tu e eadar pàillean a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann. Agus ionnlaididh Aaron agus a mhic an làmhan agus an casan as. Nuair a thèid iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail ionnlaididh iad iad fhèin le uisge, a‑chum is nach faigh iad bàs; no nuair a thig iad am fagas don altair a fhrithealadh, a losgadh tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna. Agus ionnlaididh iad an làmhan agus an casan, a‑chum is nach faigh iad bàs: agus bidh e na òrdagh bith‐bhuan dhaibh, eadhon dha fhèin agus da shliochd air feadh an ginealaichean. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Gabh‐sa dhut fhèin, mar an ceudna, spìosraidh thaghte de mhirr fìorghlan, còig ceud secel, agus de chanal cùbhraidh a leth uiread, eadhon dà cheud agus leth‐cheud secel, agus de chalamas cùbhraidh dà cheud agus leth‐cheud secel. Agus de chasia còig ceud secel, a rèir secel an ionaid naoimh, agus hin de ola a’ chroinn‐ola. Agus nì thu dheth ola‑ungaidh naomh, ola‑ungaidh co‑measgte a rèir ealdhain an lèigh; bidh i na h‑ola‑ungaidh naoimh. Agus ungaidh tu pàillean a’ choitheanail leatha, agus àirc na Fianais, Agus am bòrd agus a shoithichean uile, agus an coinnleir agus a shoithichean, agus altair na tùise, Agus altair na h‑ìobairt‐loisgte agus a soithichean uile, agus an soitheach‐ionnlaid agus a chas. Agus naomhaichidh tu iad, a‑chum is gum bi iad ro‑naomh: ge bè nì a bheanas riu, bidh e naomh. Agus ungaidh tu Aaron agus a mhic, agus coisrigidh tu iad, gu frithealadh dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt. Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil ag ràdh, Bidh i seo na h‑ola‑ungaidh naoimh dhòmhsa, air feadh ur ginealaichean. Air feòil duine cha dòirtear i, cha mhò a nì sibh a leithid, a rèir a measgaidh: tha i naomh, agus naomh bidh i dhuibh. Ge bè neach a mheasgas nì cosmhail rithe, agus ge bè neach a chuireas a’ bheag dhith air coigreach, gu deimhinn gearrar as o a shluagh e. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh dhut spìosraidh chùbhraidh, stacte, agus onicha, agus galbanum; spìosraidh chùbhraidh maille ri tùis fhìorghlain: de gach aon dhiubh bidh an aon tomhas. Agus nì thu boltrachan dheth, air a dhèanamh suas a rèir ealdhain an lèigh, co‑measgte, fìorghlan, naomh. Agus bruthaidh tu cuid dheth ro‑mhìn, agus cuiridh tu cuid dheth fa chomhair na Fianais ann am pàillean a’ choitheanail, far an coinnich mise thu: ro‑naomh bidh e dhuibh. Agus am boltrachan a nì thu, cha dèan sibh a leithid dhuibh fhèin, a rèir a mheasgaidh: bidh e dhutsa naomh don Tighearna. Ge bè neach a nì a choslas, a ghabhail fàile uaithe, gearrar as o a shluagh e. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Feuch, ghairm mi air a ainm Besalil mac Uri, mhic Hur, de threubh Iùdah; Agus lìon mi e le spiorad Dhè, ann an gliocas, agus ann an tuigse, agus ann an eòlas, agus anns gach uile ghnè obrach, A dhealbhadh obrach ealanta, a dh’obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha, Agus ann an gearradh chlach a‑chum an ceangal, agus ann an gearradh fiodha, a dh’obrachadh anns gach uile ghnè obrach. Agus mise, feuch, thug mi seachad maille ris Aholiab mac Ahisamaich, de threubh Dhain; agus ann an cridhe gach neach a tha glic‐chridheach chuir mi gliocas, agus nì iad gach nì a dh’àithn mi dhut; Pàillean a’ choitheanail, agus àirc na Fianais, agus a’ chathair‐thròcair a tha oirre, agus uile uidheam a’ phàillein, Agus am bòrd agus a uidheam, agus an coinnleir fìorghlan le a uidheam uile, agus altair na tùise, Agus altair na h‑ìobairt‐loisgte le a h‑uidheam uile, agus an soitheach‐ionnlaid agus a chas, Agus èideadh na seirbhis, agus èideadh naomh airson Aaroin an sagart, agus èideadh a chuid mac, gu frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt, Agus an ola‑ungaidh, agus tùis chùbhraidh airson an ionaid naoimh; a rèir nan uile nithean a dh’àithn mi dhut, nì iad. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair thusa mar an ceudna ri cloinn Israeil, ag ràdh, Gu deimhinn coimheadaidh sibh mo shàbaidean: oir is comharradh sin eadar mise agus sibhse, air feadh ur ginealaichean; a‑chum is gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna a naomhaicheas sibh. Coimheadaidh sibh uime sin an t‑sàbaid; oir tha i naomh dhuibh. Esan a thruailleas i, cuirear gu cinnteach gu bàs e; oir gach neach a nì obair oirre, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a shluaigh. Sia làithean faodar obair a dhèanamh, ach anns an t‑seachdamh tha sàbaid fhois, naomh don Tighearna: gach neach a nì obair air là na sàbaid, cuirear gu cinnteach gu bàs e. Uime sin coimheadaidh clann Israeil an t‑sàbaid, a ghleidheadh na sàbaid air feadh an ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh. Eadar mise agus clann Israeil is comharradh i a‑chaoidh; oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, agus air an t‑seachdamh là sguir e, agus ghabh e fois. Agus thug e do Mhaois, nuair a sguir e de labhairt ris air sliabh Shinài, dà chlàr na Fianais, clàir chloiche, sgrìobhte le meur Dhè. Agus nuair a chunnaic an sluagh gun do rinn Maois moille ann an teachd a‑nuas as an t‑sliabh, chruinnich iad iad fhèin gu Aaron, agus thubhairt iad ris, Eirich suas, dèan dhuinne diathan a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑nìos sinn à tìr na h‑Èiphit, chan eil fhios againn ciod a thàinig air. Agus thubhairt Aaron riu, Brisibh dhibh na cluas‐fhailean òir a tha ann an cluasan ur ban, ur mac, agus ur nighean, agus thugaibh am ionnsaigh‐sa iad. Agus bhris an sluagh uile dhiubh an cluas‐fhailean òir a bha nan cluasan, agus thug iad gu Aaron iad. Agus ghabh e iad as an làimh; agus chum e e le inneal‐gearraidh, an dèidh dha laogh leaghte a dhèanamh dheth, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Èiphit. Agus nuair a chunnaic Aaron e, thog e altair fa chomhair, agus thug Aaron gairm, agus thubhairt e, Is là fèille a‑màireach don Tighearna. Agus dh’èirich iad suas gu moch air an là màireach, agus thug iad suas tabhartasan‐loisgte, agus thug iad leo tabhartasan‐sìthe: agus shuidh an sluagh sìos a dh’ithe agus a dh’òl, agus dh’èirich iad suas gu sùgradh. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh sìos; oir thruaill do shluagh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Èiphit, iad fhèin. Chlaon iad gu grad on t‑slighe a dh’àithn mise dhaibh: rinn iad dhaibh fhèin laogh leaghte; agus rinn iad adhradh dha, agus thug iad suas ìobairtean dha, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Èiphit. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chunnaic mise an sluagh seo, agus, feuch, is sluagh rag‐mhuinealach iad. A‑nis uime sin leig leam, agus lasaidh mo chorraich nan aghaidh, agus claoidhidh mi iad: agus nì mi dhìotsa cinneach mòr. Agus ghuidh Maois air an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, Carson, a Thighearna, a tha do chorraich a’ lasadh an aghaidh do shluaigh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Èiphit le cumhachd mòr, agus le làimh thrèin? Carson a labhradh na h‑Èiphitich, ag ràdh, Le droch rùn thug e a‑mach iad, a‑chum am marbhadh anns na beanntan, agus an claoidh bhàrr aghaidh na talmhainn? Till od chorraich ghairg, agus gabh aithreachas den olc seo an aghaidh do shluaigh. Cuimhnich air Abrahàm, Isaac, agus Israel, do sheirbhisich, don tug thu mionnan ort fhèin, agus ris an dubhairt thu, Nì mi ur sliochd lìonmhor mar reultan nèimh, agus am fearann seo uile mun do labhair mi, bheir mi dur sliochd‐se, agus sealbhaichidh iad e gu sìorraidh. Agus ghabh an Tighearna aithreachas den olc a thubhairt e gun dèanadh e air a shluagh. Agus thionndaidh Maois, agus chaidh e sìos as an t‑sliabh, agus dà chlàr na Fianais na làimh; bha na clàir sgrìobhte air an dà thaobh; air an taobh seo, agus air an taobh ud eile bha iad sgrìobhte. Agus b’iad na clàir obair Dhè, agus b’e an sgrìobhadh sgrìobhadh Dhè, geàrrte air na clàir. Agus chuala Iosua toirm an t‑sluaigh nuair a rinn iad iolach, agus thubhairt e ri Maois, Tha toirm cogaidh anns a’ champ. Agus thubhairt e, Chan e guth dhaoine a’ dèanamh gàir airson na buadha, cha mhò is e guth dhaoine ag èigheach a chionn gun tugadh buaidh orra, ach toirm luchd‐gabhail ciùil a tha mi a’ cluinntinn. Agus cho luath is a thàinig e am fagas don champ, chunnaic e an laogh, agus an dannsa: agus las corraich Mhaois, agus thilg e na clàir as a làimh, agus bhris e iad aig bun an t‑slèibh. Agus ghabh e an laogh a rinn iad, agus loisg e anns an teine e, agus mheil e gu smùr e, agus chrath e air an uisge e, agus thug e air cloinn Israeil òl dheth. Agus thubhairt Maois ri Aaron, Ciod a rinn an sluagh seo ort, gun tug thu peacadh cho mòr orra? Agus thubhairt Aaron, Na lasadh fearg mo thighearna: is aithne dhut an sluagh, gu bheil iad so‑aomaidh a dh’ionnsaigh an uilc. Oir thubhairt iad rium, Dèan dhuinn diathan, a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑mach sinn à tìr na h‑Èiphit, chan fhios dhuinn ciod a thàinig air. Agus thubhairt mi riu, Gach neach aig a bheil a’ bheag de òr briseadh e dheth e: agus thug iad dhomh e, agus thilg mi anns an teine e, agus thàinig a‑mach an laogh seo. Agus nuair a chunnaic Maois gu robh an sluagh rùisgte (oir rùisg Aaron iad a‑chum an nàire am measg an naimhdean), An sin sheas Maois ann an geata a’ champa, agus thubhairt e, Cò a tha leis an Tighearna? Thigeadh e am ionnsaigh‐sa. Agus chruinnich mic Lèbhi uile da ionnsaigh. Agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Cuireadh gach duine agaibh a chlaidheamh air a leis, agus rachaibh a‑steach agus a‑mach o gheata gu geata air feadh a’ champa, agus marbhadh gach duine agaibh a bhràthair, agus gach duine a chompanach, agus gach duine a choimhearsnach. Agus rinn clann Lèbhi a rèir facal Mhaois: agus thuit den t‑sluagh anns an là sin mu thimcheall trì mìle fear. Oir thubhairt Maois, Coisrigibh sibh fhèin an diugh don Tighearna, eadhon gach duine air a mhac, agus air a bhràthair; a‑chum is gum builich e oirbh beannachadh air an là‑an‑diugh. Agus air an là màireach thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Pheacaich sibh peacadh mòr: agus a‑nis thèid mise suas a dh’ionnsaigh an Tighearna, a dh’fheuchainn an dèan mi rèite airson ur peacaidh. Agus thill Maois a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus thubhairt e, Och! pheacaich an sluagh seo peacadh mòr, agus rinn iad dhaibh fhèin diathan òir: Gidheadh a‑nis, mas toil leat, maith dhaibh am peacadh; ach mura maith, dubh mise, guidheam ort, a‑mach as do leabhar a sgrìobh thu. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Ge bè a pheacaich am aghaidh, esan dubhaidh mi a‑mach as mo leabhar. Uime sin a‑nis imich, treòraich an sluagh a‑chum an ionaid mun do labhair mi riut; feuch, thèid m’aingeal romhad: gidheadh, anns an là anns am fiosraich mi, leanaidh mi am peacadh orra. Agus chlaoidh an Tighearna an sluagh, a chionn gun do rinn iad an laogh a rinn Aaron. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh suas as a seo, thu fhèin agus an sluagh a thug thu a‑mach à tìr na h‑Èiphit, a dh’ionnsaigh na tìre a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, ag ràdh, Dod shliochd‐sa bheir mi i: Agus cuiridh mi aingeal romhad; agus fuadaichidh mi a‑mach an Canàanach, an t‑Amorach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach; A dh’ionnsaigh fearainn a tha a’ sruthadh le bainne agus mil: oir cha tèid mi suas ad mheasg, oir is sluagh rag‐mhuinealach thu, air eagal gun claoidh mi thu anns an t‑slighe. Agus nuair a chuala an sluagh an droch sgeul seo, rinn iad bròn; agus cha do chuir duine sam bith air a bhrèaghachd. Oir thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri cloinn Israeil, Is sluagh rag‐mhuinealach sibh: ann am plathadh thèid mi suas nur measg, agus claoidhidh mi sibh: a‑nis uime sin, cuiribh dhibh ur brèaghachd, a‑chum is gum bi fhios agam ciod a nì mi ribh. Agus rùisg clann Israeil am brèaghachd dhiubh làimh ri sliabh Hòreb. Agus ghabh Maois am pàillean, agus shuidhich e an taobh a‑muigh den champ e, fada on champ, agus thug e pàillean a’ choitheanail mar ainm air. Agus na lorg sin, chaidh gach neach a bha ag iarraidh an Tighearna a‑mach do phàillean a’ choitheanail, a bha an taobh a‑muigh den champ. Agus nuair a chaidh Maois a‑mach don phàillean, dh’èirich an sluagh gu lèir suas, agus sheas gach duine aig doras a bhùtha, agus dh’amhairc iad an dèidh Mhaois, gus an deachaidh e a‑steach don phàillean. Agus nuair a chaidh Maois a‑steach don phàillean, thàinig am meall neòil a‑nuas, agus sheas e aig doras a’ phàillein, agus labhair an Tighearna ri Maois. Agus chunnaic an sluagh uile am meall neòil na sheasamh aig doras a’ phàillein: agus dh’èirich an sluagh uile suas, agus rinn iad adhradh, gach duine ann an doras a bhùtha. Agus labhair an Tighearna ri Maois aghaidh ri aghaidh, mar a labhras duine ra charaid. Agus thill e a‑rìs don champ; ach cha deachaidh a sheirbhiseach Iosua, mac Nuin, duine òg, a‑mach as a’ phàillean. Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Feuch, tha thu ag ràdh rium, Thoir suas an sluagh seo; agus cha tug thu fios dhomh cò a chuireas tu maille rium. Gidheadh thubhairt thu, Is aithne dhomh thu air d’ainm, agus mar an ceudna fhuair thu deagh‐ghean am shùilean. A‑nis uime sin, guidheam ort, ma fhuair mi deagh‐ghean ad shùilean, nochd dhomh do shlighe, a‑chum is gum bi aithne agam ort, agus gum faigh mi deagh‐ghean ad shùilean, agus meas gur e an cinneach seo do shluagh‐sa. Agus thubhairt e, Thèid mo làthaireachd maille riut, agus bheir mi fois dhut. Agus thubhairt e ris, Mura tèid do làthaireachd maille rinn, na toir suas sinn à seo: Oir ciod e leis an aithnichear ann an seo gun d’fhuair mise agus do shluagh deagh‐ghean ad shùilean? Nach ann led dhol maille rinn? Mar seo dealaichear sinn, mise agus do shluagh, o gach uile shluagh a tha air aghaidh na talmhainn. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, An nì seo mar an ceudna a thubhairt thu, nì mise; oir fhuair thu deagh‐ghean am shùilean, agus is aithne dhomh thu air d’ainm. Agus thubhairt esan, Foillsich dhomh, guidheam ort, do ghlòir. Agus thubhairt e, Bheir mi air mo mhaitheas uile dol seachad ad làthair, agus gairmidh mi ainm an TIGHEARNA ad fhianais; agus bidh mi gràsmhor dhàsan dom bi mi gràsmhor, agus nochdaidh mi tròcair dhàsan don nochd mi tròcair. Agus thubhairt e, Chan fhaod thu m’aghaidh‐sa fhaicinn; oir chan urrainn duine air bith mise fhaicinn, agus a bhith beò. Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, tha àite làimh rium, agus seasaidh tusa air carraig: Agus nuair a bhios mo ghlòir a’ dol seachad, an sin cuiridh mi thu ann an sgoltadh den charraig, agus còmhdaichidh mi lem làimh thu gus an tèid mi seachad. Agus bheir mi air falbh mo làmh, agus chì thu mo chùlaibh: ach chan fhaicear m’aghaidh. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Snaidh dhut fhèin dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir; agus sgrìobhaidh mise air na clàir sin na facail a bha air na ciad chlàir a bhris thu. Agus bi deas anns a’ mhadainn, agus thig a‑nìos anns a’ mhadainn do shliabh Shinài, agus nochd thu fhèin an sin dhòmhsa air mullach an t‑slèibh. Agus na tigeadh duine sam bith a‑nìos maille riut, agus na faicear duine anns an t‑sliabh uile, agus na ionaltradh na treudan no am buar fa chomhair an t‑slèibh sin. Agus shnaidh e dà chlàr chloiche, cosmhail ris na ciad chlàir; agus dh’èirich Maois suas gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh e suas do shliabh Shinài, mar a dh’àithn an Tighearna dha, agus thug e leis na làimh an dà chlàr chloiche. Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann an neul, agus sheas e maille ris an sin; agus ghairm e air ainm an Tighearna. Agus chaidh an Tighearna seachad fa chomhair, agus ghairm e, AN TIGHEARNA, AN TIGHEARNA DIA, iochdmhor agus gràsmhor, fad‐fhulangach, agus pailt ann an coibhneas agus ann am fìrinn, A’ gleidheadh tròcair do mhìltean, a’ maitheadh aingidheachd agus easaontais agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air cloinn na cloinne, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach. Agus rinn Maois deifir, agus chrom e a cheann ri làr, agus rinn e adhradh. Agus thubhairt e, Ma fhuair mi a‑nis deagh‐ghean ad shùilean, O Thighearna, rachadh mo Thighearna, guidheam ort, nar measg (oir is sluagh rag‐mhuinealach iad ), agus maith dhuinn ar n‑aingidheachd agus ar peacadh, agus gabh sinn mar d’oighreachd fhèin. Agus thubhairt e, Feuch, nì mise coicheangal; ann an làthair do shluaigh uile nì mi nithean iongantach, nithean nach do rinneadh an leithid air an talamh uile, no ann an aon chinneach: agus chì an sluagh uile, am measg a bheil thu, obair an Tighearna; oir is nì uamhasach a nì mise riut. Coimhead thusa an nì a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh: Feuch, fuadaichidh mi a‑mach romhad an t‑Amorach, agus an Canàanach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach. Thoir an aire dhut fhèin, air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd‐àiteachaidh na tìre da bheil thu a’ dol, air eagal gum bi e na ribe ad mheadhon: Ach sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan. Oir cha dèan thu adhradh do dhia sam bith eile; oir an Tighearna, don ainm Eudmhor, is Dia eudmhor e: Air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd‐àiteachaidh na tìre, agus gun tèid iad le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad ìobairt don diathan, agus gun toir neach cuireadh dhut, agus gun ith thu de a ìobairt; Agus gun gabh thu den nigheanan dod mhic, agus gun tèid an nigheanan le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad air do mhic dol le strìopachas an dèidh an diathan. Cha dèan thu dhut fhèin diathan leaghte. Fèill an arain neo‐ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo‐ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut ann an àm a’ mhìos Abib; oir anns a’ mhìos Abib thàinig thu a‑mach as an Èiphit. Gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù is leamsa e, agus gach ciad‐ghin am measg do sprèidhe, mas ann den bhuar no de na caoraich e, a bhios fireann. Ach ciad‐ghin asail fuasglaidh tu le uan; agus mura fuasgail thu e, an sin brisidh tu a amhach. Uile chiad‐ghin do mhac fuasglaidh tu; agus cha nochdar a h‑aon am làthair‐sa falamh. Sia làithean nì thu obair, ach air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois: ann an àm an treabhaidh agus anns an fhoghar gabhaidh tu fois. Agus cumaidh tu fèill nan seachdain, a’ chiad toraidh de fhoghar a’ chruithneachd, agus fèill a’ chròdhaidh ann an deireadh na bliadhna. Trì uairean anns a’ bhliadhna nochdar do mhic uile an làthair an Tighearna Iehòbhah, Dia Israeil: Oir tilgidh mi a‑mach na cinnich romhad agus nì mi do chrìochan nas fharsainge; agus cha mhiannaich duine sam bith d’fhearann, nuair a thèid thu suas gud nochdadh fhèin ann am fianais an Tighearna do Dhia, trì uairean anns a’ bhliadhna. Chan ìobair thu fuil m’ìobairt‐sa le taois ghoirt, cha mhò a dh’fhàgar gu madainn ìobairt fèill na càisge. Toiseach ciad‐thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sgrìobh thusa na facail seo: oir a rèir brìgh nam facal seo rinn mise coicheangal riut fhèin agus ri Israel. Agus bha e an sin maille ris an Tighearna dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith e aran, cha mhò a dh’òl e uisge: agus sgrìobh e air na clàir facail a’ choicheangail, na deich àitheantan. Agus nuair a thàinig Maois a‑nuas o shliabh Shinài, (le dà chlàr na Fianais ann an làimh Mhaois, nuair a thàinig e a‑nuas on t‑sliabh), cha robh fhios aig Maois gun do dhealraich craiceann a aghaidh, am feadh is a bha e a’ còmhradh ris. Agus dh’amhairc Aaron agus clann Israeil uile air Maois; agus, feuch, dhealraich craiceann a aghaidh, agus bha eagal orra teachd am fagas dha. Agus ghairm Maois orra; agus thill Aaron agus uachdarain a’ choitheanail uile da ionnsaigh; agus rinn Maois còmhradh riu. Agus na dhèidh sin thàinig clann Israeil uile am fagas dha; agus dh’àithn e dhaibh na h‑uile nithean a labhair an Tighearna ris ann an sliabh Shinài. Agus sguir Maois de labhairt riu; agus chuir e gnùis‐bhrat air a aghaidh. Ach nuair a chaidh Maois a‑steach an làthair an Tighearna a labhairt ris, thug e an gnùis‐bhrat dheth, gus an tàinig e a‑mach. Agus thàinig e a‑mach, agus labhair e ri cloinn Israeil an nì sin a dh’àithneadh dha. Agus chunnaic clann Israeil aghaidh Mhaois, gun do dhealraich craiceann aghaidh Mhaois: agus chuir Maois an gnùis‐bhrat air a aghaidh a‑rìs, gus an deachaidh e a‑steach a labhairt ris. Agus chruinnich Maois coitheanal chloinn Israeil uile ri chèile, agus thubhairt e riu, Sin na nithean a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh iad. Sia làithean nìthear obair, ach bidh an seachdamh là dhuibh na là naomh, na shàbaid thàimh don Tighearna: ge bè neach a nì obair air, cuirear gu bàs e. Chan fhadaidh sibh teine sam bith air feadh ur n‑àiteachan‐còmhnaidh air là na sàbaid. Agus labhair Maois ri coitheanal chloinn Israeil uile, ag ràdh, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna, ag ràdh, Togaibh nur measg tabhartas don Tighearna: gach neach aig a bheil cridhe toileach, thugadh e leis e, tabhartas don Tighearna; òr, agus airgead, agus umha, Agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar, Agus craicnean reitheachan air an dath dearg, agus craicnean bhroc, agus fiodh sitim, Agus ola airson solais, agus spìosraidh airson ola‑ungaidh, agus airson na tùise cùbhraidh, Agus clachan onics, agus clachan a‑chum an ceangal, airson na h‑èphoid, agus airson an uchd‐èididh. Agus thigeadh gach duine glic‐chridheach nur measg, agus dèanadh e gach nì a dh’àithn an Tighearna; Am pàillean, a bhùth, agus a chòmhdach, a chromagan, agus a bhùird, a chroinn, a phuist, agus a bhuinn; An àirc agus a bataichean, a’ chathair‐thròcair agus roinn‐bhrat a’ chòmhdaich; Am bòrd agus a bhataichean, agus a shoithichean uile, agus an t‑aran taisbeanta; Agus an coinnleir a‑chum an t‑solais, agus a uidheam, agus a lòchrain, maille ri ola a‑chum an t‑solais; Agus altair na tùise, agus a bataichean, agus an ola‑ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus an cùirtean airson doras a’ phàillein; Altair na h‑ìobairt‐loisgte agus a cliath umha, a bataichean, agus a soithichean uile, an soitheach‐ionnlaid agus a chas; Cùirteanan na cùirte, a puist agus a buinn, agus cùirtean airson doras na cùirte. Pinneachan a’ phàillein, agus pinneachan na cùirte, agus an cùird; Eideadh an fhrithealaidh, a fhrithealadh anns an ionad naomh; an t‑èideadh naomh airson Aaroin an sagart, agus èideadh airson a chuid mhac, a frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt. Agus dh’fhalbh coitheanal chloinn Israeil uile à làthair Mhaois. Agus thàinig iad, gach duine a dhùisg a chridhe suas, agus gach duine a rinn a chridhe toileach, agus thug iad leo tabhartas an Tighearna airson obair pàillean a’ choitheanail, agus airson a sheirbhis uile, agus airson an èididh naoimh. Agus thàinig iad, araon fir agus mnathan, a mheud is aig an robh cridhe toileach, agus thug iad leo bràisdean agus cluas‐fhailean, agus fàinneachan, agus criosan‐muineil, gach uidheam òir: agus gach fear a thug seachad, thug e seachad tabhartas òir don Tighearna. Agus gach fear aig an d’fhuaireadh gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn, agus fionnadh ghobhar, agus craicnean dearga reitheachan, agus craicnean bhroc, thug iad leo iad. Gach duine a thug seachad tabhartas airgid agus umha, thug e leis tabhartas an Tighearna: agus gach duine aig an d’fhuaireadh fiodh sitim a‑chum obrach sam bith den t‑seirbhis, thug e leis e. Agus shnìomh na mnathan uile a bha glic‐chridheach len làmhan, agus thug iad leo an nì a shnìomh iad, an gorm, agus an corcar, an sgàrlaid, agus an t‑anart grinn. Agus na mnathan uile a dhùisg an cridhe suas ann an gliocas, shnìomh iad fionnadh ghobhar. Agus thug na h‑uachdarain leo clachan onics, agus clachan chum an ceangal, airson na h‑èphoid, agus airson an uchd‐èididh; Agus spìosraidh, agus ola airson an t‑solais, agus airson na h‑ola ungaidh, agus airson na tùise cùbhraidh, Thug clann Israeil tabhartas toileach a dh’ionnsaigh an Tighearna, gach fear agus bean a rinn an cridhe toileach a thoirt a‑chum gach gnè obrach, a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh le làimh Mhaois. Agus thubhart Maois ri cloinn Israeil, Faicibh, ghairm an Tighearna air ainm Besalil mac Uri, mhic Hur, de threubh Iùdah: Agus lìon e e le spiorad Dhè, ann an gliocas, ann an tuigse, agus ann an eòlas, agus anns gach gnè obrach; Agus a dhealbhadh obrach ealanta, a dh’obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha, Agus ann an gearradh chlach a‑chum an ceangal, agus ann an snaidheadh fiodha, a dhèanamh gnè sam bith de obair ealanta. Agus chuir e na chridhe gun teagaisgeadh e, e fhèin agus Aholiab mac Ahisamaich de threubh Dhain. Lìon e iadsan le gliocas cridhe, a dh’obrachadh gach gnè obrach, obraichean a’ ghearradair, agus an obraiche ealanta, agus an obraiche le snàthaid ann an gorm, agus ann an corcar, ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn, agus an fhigheadair, a nì obair sam bith, agus a dhealbhas obair ealanta. Agus dh’obraich Besalil agus Aholiab, agus gach duine glic‐chridheach don tug an Tighearna gliocas agus tùr a thuigsinn cionnas a dhèanadh iad gach gnè obrach airson seirbhis an ionaid naoimh, a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna. Agus ghairm Maois air Besalil, agus Aholiab, agus air gach duine glic‐chridheach, don tug an Tighearna gliocas na chridhe, eadhon gach aon a dhùisg a chridhe suas, gu teachd a‑chum na h‑obrach gu a dèanamh. Agus ghabh iad o Mhaois na tabhartasan uile a thug clann Israeil leo a‑chum obair seirbhis an ionaid naoimh, gu a dèanamh. Agus thug iad fhathast da ionnsaigh saor‐thabhartasan gach aon mhadainn. Agus thàinig na daoine glice uile, a rinn uile obair an ionaid naoimh, gach duine aca o a obair fhèin a bha iad a’ dèanamh; Agus labhair iad ri Maois, ag ràdh, Tha an sluagh a’ toirt leo tuilleadh gu mòr na nas leòr, a‑chum seirbhis na h‑obrach a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh. Agus dh’àithn Maois, agus thugadh gairm air feadh a’ champa, ag ràdh, Na dèanadh fear no bean sam bith tuilleadh obrach airson tabhartas an ionaid naoimh. Mar sin thoirmisgeadh don t‑sluagh nì sam bith a thoirt leo. Oir bu leòr an t‑uidheam a bha aca airson na h‑obrach uile, gu a dèanamh, agus bu tuilleadh is na bu leòr e. Agus rinn gach duine glic‐chridheach nam measg‐san a dh’obraich obair a’ phàillein, deich cùirteanan de anart grinn toinnte agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid; le ceruban de obair ealanta rinn e iad: Fad aon chùirtein ochd làmhan‐coille ar fhichead, agus leud aon chùirtein ceithir làmhan‐coille: na cùirteanan uile de aon tomhas. Agus cheangail e còig cùirteanan gach aon ri chèile: agus na còig cùirteanan eile cheangail e gach aon ri chèile. Agus rinn e lùban de ghorm air oir aon chùirtein, on iomall anns a’ choicheangal; air a’ mhodh cheudna rinn e ann an oir a’ chùirtein eile as fhaide a‑mach, ann an coicheangal an dara aoin. Lethcheud lùb rinn e ann an aon chùirtean, agus leth‐cheud lùb rinn e ann an iomall a’ chùirtein a bha ann an coicheangal an dara aoin; cheangail na lùban aon chùirtean ri cùirtean eile. Agus rinn e leth‐cheud cromag òir, agus choicheangail e na cùirteanan aon ri aon leis na cromagan. Mar sin rinneadh e na aon phàillean. Agus rinn e cùirteanan de fhionnadh ghobhar, airson a’ bhùtha os cionn a’ phàillein; aon‐chùirtean‐deug rinn e dhiubh: B’e fad aon chùirtein deich làmhan‐coille ar fhichead, agus ceithir làmhan‐coille leud aon chùirtein; bha an t‑aon‐chùirtean‐deug de aon tomhas. Agus choicheangail e còig cùirteanan leo fhèin, agus sia cùirteanan leo fhèin. Agus rinn e leth‐cheud lùb air an oir a b’fhaide a‑mach den chùirtean anns a’ choicheangal, agus leth‐cheud lùb rinn e air oir a’ chùirtein a tha a’ coicheangal an dara aoin. Agus rinn e leth‐cheud cromag de umha a cheangal a’ bhùtha ri chèile, a‑chum is gum biodh e na aon. Agus rinn e còmhdach don bhùth, de chraicnean reitheachan air an dath dearg, agus còmhdach de chraicnean bhroc os a chionn. Agus rinn e bùird don phàillean de fhiodh sitim, nan seasamh: Deich làmhan‐coille fad bùird, agus làmh‐choille gu leth leud aon bhùird. Bha dà làimh aig aon bhòrd, air an cur an òrdagh, aon fa chomhair aoin: mar seo rinn e ri bùird a’ phàillein uile. Agus rinn e bùird don phàillean: fichead bòrd airson an taoibh dheis, ris an àird a deas. Agus dà‑fhichead cas airgid rinn e fon fhichead bòrd: dà chois fo aon bhòrd a rèir a dhà làimh, agus dà chois fo bhòrd eile a rèir a dhà làimh. Agus airson taobh eile a’ phàillein a tha ris an àird a tuath, rinn e fichead bòrd. Agus an dà‑fhichead cas de airgead: dà chois fo aon bhòrd, agus dà chois fo bhòrd eile. Agus airson taobhan a’ phàillein ris an àird an iar, rinn e sia bùird. Agus rinn e dà bhòrd airson oisnean a’ phàillein anns an dà thaobh. Agus bha iad air an ceangal ri chèile fodha, agus mar an ceudna bha iad air an coicheangal aig a’ cheann ri aon fhailbheig: mar seo rinn e riu le chèile anns an dà oisinn. Agus bha ochd bùird ann, agus an casan de airgead, eadhon sia casan‐deug: dà chois fo gach bòrd. Agus rinn e croinn de fhiodh sitim, còig airson bùird aon taoibh den phàillean, Agus còig croinn airson bùird an taoibh eile den phàillean, agus còig croinn airson bùird a’ phàillein a‑chum nan taobh a tha ris an àird an iar. Agus thug e air a’ chrann mheadhonach dol tro na bùird o cheann gu ceann. Agus chòmhdaich e thairis na bùird le òr, agus rinn e am failbheagan de òr gu bhith nan àitean do na croinn, agus chòmhdaich e thairis na croinn le òr. Agus rinn e roinn‐bhrat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta rinn e e, le ceruban. Agus rinn e dha ceithir puist de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr: bha an cromagan de òr, agus thilg e dhaibh ceithir buinn airgid. Agus rinn e airson doras a’ bhùtha brat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, de obair snàthaid: Agus a chòig puist len cromagan: agus chòmhdaich e thairis an cinn agus an cuairteagan le òr: ach bha an còig buinn de umha. Agus rinn Besalil an àirc de fhiodh sitim; dà làimh‐choille gu leth a fad, agus làmh‐choille gu leth a leud, agus làmh‐choille gu leth a h‑àirde: Agus chòmhdaich e thairis i le òr fìorghlan, a‑staigh agus a‑muigh; agus rinn e coron òir dhi mun cuairt. Agus thilg e dhi ceithir failbheagan òir, gu bhith air a ceithir oisnean: eadhon dà fhailbheig air aon taobh dhith, agus dà fhailbheig air an taobh eile dhith. Agus rinn e bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr. Agus chuir e na bataichean anns na failbheagan air taobhan na h‑àirce, a‑chum an àirc a ghiùlan. Agus rinn e cathair‐thròcair de òr fìorghlan: dà làimh‐choille gu leth a fad, agus làmh‐choille gu leth a leud. Agus rinn e dà cherub de òr, buailte a‑mach à aon mhìr rinn e iad, aig dà cheann na cathair‐thròcair; Aon cherub aig a’ cheann air an taobh seo, agus cerub eile aig a’ cheann air an taobh ud: a‑mach as a’ chathair‐thròcair rinn e na ceruban aig a dà cheann. Agus bha na ceruban a’ sgaoileadh an sgiathan gu h‑àrd, a’ còmhdachadh len sgiathan os cionn na cathair‐thròcair, agus an aghaidhean ri chèile; ris a’ chathair‐thròcair bha aghaidhean nan cerub. Agus rinn e am bòrd de fhiodh sitim: dà làimh‐choille a fhad, agus làmh‐choille a leud, agus làmh‐choille gu leth a àirde. Agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, agus rinn e dha coron òir mun cuairt. Mar an ceudna rinn e dha iomall de leud boise mun cuairt; agus rinn e coron òir da iomall mun cuairt. Agus thilg e dha ceithir failbheagan òir, agus chuir e na failbheagan air na ceithir oisnean a bha aig a cheithir chasan. Thall fa chomhair an iomaill bha na failbheagan, na h‑àiteachan do na bataichean gus am bòrd a ghiùlan. Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr, gus am bòrd a ghiùlan. Agus rinn e na soithichean a bha air a’ bhòrd, a mhiasan, agus a thùiseirean, agus a chupain, agus a chuachan leis an toirear seachad tabhartas‐dibhe, de òr fìorghlan. Agus rinn e an coinnleir de òr fìorghlan; de obair bhuailte rinn e an coinnleir: bha a chas, agus a mheur, a chupain, a chnapan, agus a bhlàthan, den nì cheudna. Agus sia meòir a’ dol a‑mach as a thaobhan: trì meòir a’ choinnleir à aon taobh dheth, agus trì meòir a’ choinnleir as an taobh eile dheth. Trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann an aon mheur, maille ri cnap agus blàth; agus trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann am meur eile, maille ri cnap agus blàth: mar sin anns na sia meòir a’ dol a‑mach as a’ choinnleir. Agus anns a’ choinnleir bha ceithir cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean, maille ri a chnapan agus a bhlàthan. Agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, a rèir nan sia meur a’ dol a‑mach as. Bha an cnapan agus am meòir den nì cheudna: b’aon obair bhuailte de òr fìorghlan an t‑iomlan dheth. Agus rinn e a sheachd lòchrain, agus a smàladairean, agus a smàl‐shoithichean, de òr fìorghlan. De thàlann òir fhìorghlain rinn e e, agus a shoithichean uile. Agus rinn e altair na tùise de fhiodh sitim; làmh‐choille a fad, agus làmh‐choille a leud (bha i ceithir‐cheàrnach) agus dà làimh‐choille a h‑àirde; bha a h‑adhaircean den nì cheudna. Agus chòmhdaich e thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean; agus rinn e coron òir dhi mun cuairt. Agus rinn e dà fhailbheig òir dhi fo a coron, aig a dà oisinn, air a dà thaobh, gu bhith nan àitean do na bataichean a‑chum a giùlan leo. Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr. Agus rinn e an ola‑ungaidh naomh, agus an tùis fhìorghlan de spìosraidh chùbhraidh, a rèir obair an lèigh. Agus rinn e altair na h‑ìobairt‐loisgte de fhiodh sitim: còig làmhan‐coille a fad, agus còig làmhan‐coille a leud (bha i ceithir‐cheàrnach) agus trì làmhan‐coille a h‑àirde. Agus rinn e a h‑adhaircean air a ceithir oisnean: bha a h‑adhaircean den nì cheudna; agus chòmhdaich e thairis i le umha. Agus rinn e uile shoithichean na h‑altarach, na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan, agus na greimichean, agus na h‑aighnean teine: a soithichean uile rinn e de umha. Agus rinn e don altair cliath de lìon‐obair umha, fo a cuairt gu h‑ìosal, gu ruig a meadhon. Agus thilg e ceithir failbheagan do cheithir oisnean na clèith umha, gu bhith nan àitean do na bataichean. Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le umha. Agus chuir e na bataichean anns na failbheagan air taobhan na h‑altarach, a‑chum a giùlan leo: fàs le bùird rinn e i. Agus rinn e an soitheach‐ionnlaid de umha, agus a chas de umha, de sgàthanan nam ban, a chruinnich nam buidhnean aig doras pàillean a’ choitheanail. Agus rinn e a’ chùirt air an taobh mu dheas, ris an àird a deas: bha cùirteanan na cùirte de anart grinn toinnte, ceud làmh‐choille air fad; Am puist fichead, agus am buinn umha fichead; bha cromagan nam post agus an cuairteagan de airgead. Agus air an taobh mu thuath, bha na cùirteanan ceud làmh‐choille; am puist fichead, agus am buinn umha fichead: cromagan nam post agus an cuairteagan de airgead. Agus air an taobh an iar bha cùirteanan leth‐cheud làmh‐choille; am puist deich, agus am buinn deich: cromagan nam post agus an cuairteagan de airgead. Agus air an taobh an ear ris an àird an ear, leth‐cheud làmh‐choille. Bha cùirteanan aon taoibh den gheata còig làmhan‐coille deug; am puist trì, agus am buinn trì. Agus airson an taoibh eile de gheata na cùirte, air an làimh seo agus air an làimh ud, bha cùirteanan chòig làmhan‐coille deug; am puist trì agus am buinn trì. Bha cùirteanan na cùirte uile mun cuairt de anart grinn toinnte. Agus bha buinn nam post de umha; cromagan nam post, agus an cuairteagan de airgead, agus còmhdach an ceann de airgead; agus bha uile phuist na cùirte air an ceangal mun cuairt le airgead. Agus bha am brat airson geata na cùirte na obair shnàthaid de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: agus b’e fichead làmh‐choille a fhad agus b’e a àirde anns an leud còig làmhan‐coille, a’ co‑fhreagairt do chùirteanan na cùirte: Agus am puist ceithir, agus am buinn umha ceithir; an cromagan de airgead, agus còmhdach an ceann, agus an cuairteagan de airgead. Agus bha uile phinneachan a’ phàillein, agus na cùirte mun cuairt, de umha. Is e sin àireamh nithean a’ phàillein, pàillean na Fianais, mar a dh’àirmheadh iad, a rèir àithne Mhaois, airson seirbhis nan Lèbhitheach le làimh Itamair mhic Aaroin an sagart. Agus rinn Besalil mac Uri, mhic Shur, de threubh Iùdah, gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; Agus maille ris Aholiab, mac Ahisamaich, de threubh Dhain, gearradair, agus obraiche ealanta, agus fear obrach‐grèise ann an gorm, agus ann an corcar, agus ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn. B’e an t‑òr uile a chuireadh am feum anns an obair, ann an uile obair an ionaid naoimh, eadhon òr an tabhartais; naoi tàlannan fichead, agus seachd ceud agus deich secel ar fhichead, a rèir secel an ionaid naoimh. Agus b’e airgead na muinntir a dh’àirmheadh den choitheanal, ceud tàlann, agus mìle agus seachd ceud agus còig‐seceil‐dheug agus trì‐fichead, a rèir secel an ionaid naoimh. Becah airson gach fir, is e sin leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh, airson gach aoin a chaidh gu bhith air àireamh, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, airson sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus leth‐cheud fear. Agus den cheud tàlann airgid thilgeadh buinn an ionaid naoimh, agus buinn an roinn‐bhrait; ceud bonn den cheud tàlann, tàlann do gach bonn. Agus den mhìle agus seachd ceud agus còig‐seceil‐dheug agus trì‐fichead, rinn e cromagan do na puist, agus chòmhdaich e an cinn, agus chuir e cuairteagan man timcheall. Agus b’e umha an tabhartais deich agus trì‐fichead tàlann, agus dà mhìle agus ceithir cheud secel. Agus rinn e le sin na buinn do dhoras pàillean a’ choitheanail, agus an altair umha, agus a’ chliath umha aice, agus soithichean na h‑altarach uile, Agus buinn na cùirte mun cuairt, agus buinn geata na cùirte, agus uile phinneachan a’ phàillein, agus uile phinneachan na cùirte mun cuairt. Agus den ghorm, agus den chorcar, agus den sgàrlaid, rinn iad èideadh frithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, agus rinn iad èideadh naomh do Aaron; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus rinn e an èphod de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte. Agus bhuail iad a‑mach an t‑òr na leacan tana, agus gheàrr iad e na shnàithnean, a‑chum a obrachadh am measg a’ ghuirm, agus am measg a’ chorcair, agus am measg na sgàrlaid, agus am measg an anairt ghrinn le obair ealanta. Rinn iad mìrean‐guaille dhi, ceangailte ri chèile air a dà oir: mar sin chuireadh ri chèile i. Agus bha crios rìomhach na h‑èphoid a bha air a h‑uachdar, den nì cheudna, a rèir a h‑obrach fhèin; eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus dh’obraich iad clachan onics ceangailte ann am failean òir, air an gearradh le gearradh seula, le ainmean chloinn Israeil orra. Agus chuir e iad air guaillean na h‑èphoid, gu bhith nan clachan cuimhneachain do chloinn Israeil; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus rinn e an t‑uchd‐èideadh le obair ealanta a rèir obair na h‑èphoid, de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte. Bha e ceithir‐cheàrnach; rinn iad an t‑uchd‐èideadh dà‑fhillte: rèis a fhad, agus rèis a leud; bha e dà‑fhillte. Agus chuir iad ann ceithir sreathan chlach: a’ chiad sreath, sardias, topas, agus carbuncal: seo a’ chiad sreath. Agus an dara sreath, emerald, saphir, agus daoimean. Agus an treas sreath, ligur, agat, agus ametist. Agus an ceathramh sreath, beril, onics, agus iasper: bha iad air an ceangal ann am failean òir nan suidheachadh. Agus bha na clachan a rèir ainmean chloinn Israeil, a dhà‐dheug a rèir an ainmean le gearradh seula, gach aon aca le a h‑ainm fhèin, a rèir an dà‑threubh‐dheug. Agus rinn iad air an uchd‐èideadh slabhraidhean aig na cinn, de obair shnìomhte de òr fìorghlan. Agus rinn iad dà fhail òir, agus dà fhàinne òir: agus chuir iad an dà fhàinne air dà cheann an uchd‐èididh. Agus chuir iad an dà shlabhraidh shnìomhte anns an dà fhàinne air cinn an uchd‐èididh. Agus dhaingnich iad dà cheann an dà shlabhraidh shnìomhte anns an dà fhail, agus chuir iad iad air mìrean‐guaille na h‑èphoid, air a beulaibh. Agus rinn iad dà fhàinne òir, agus chuir iad iad air dà cheann an uchd‐èididh, air an iomall dheth, a bha air taobh na h‑èphoid a‑staigh. Agus rinn iad dà fhàinne òir eile, agus chuir iad iad air dà thaobh na h‑èphoid gu h‑ìosal, leth ris a’ chuid bheòil dhith, fa chomhair a’ choicheangail eile, os cionn crios rìomhach na h‑èphoid. Agus cheangail iad an t‑uchd‐èideadh le a fhàinnean ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum gum biodh e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach biodh an t‑uchd‐èideadh air a fhuasgladh on èphoid; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus rinn e fallaing na h‑èphoid de obair fhighte, uile de ghorm. Agus bha toll ann am meadhon na fallainge, mar tholl lùirich‐mhàillich, agus oir timcheall a tuill, a‑chum nach reubte i. Agus rinn iad air iomallan na fallainge pomgranatan de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart toinnte. Agus rinn iad cluig de òr fìorghlan, agus chuir iad na cluig eadar na pomgranatan, air iomall na fallainge mun cuairt eadar na pomgranatan: Clag agus pomgranat, clag agus pomgranat, air iomall na fallainge mun cuairt, a fhrithealadh innte; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus rinn iad còtaichean de anart grinn, de obair fhighte, airson Aaroin agus a chuid mhac, Agus crùn‐sagairt de anart grinn, agus bonaidean sgiamhach de anart grinn, agus briogais anairt de anart grinn toinnte, Agus crios de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, de obair shnàthaid; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus rinn iad leac a’ chrùin naoimh de òr fìorghlan, agus sgrìobh iad oirre sgrìobhadh, cosmhail ri gearradh seula, NAOMHACHD DON TIGHEARNA. Agus cheangail iad rithe iall de ghorm, gu a daingneachadh air a’ chrùn gu h‑àrd; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Mar sin chrìochnaicheadh uile obair pàillean bùth a’ choitheanail: agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad. Agus thug iad am pàillean gu Maois, am bùth, agus a àirneis uile, a chromagan, a bhùird, a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn; Agus an còmhdach de chraicnean reitheachan air an dath dearg, agus an còmhdach de chraicnean bhroc, agus brat a’ chòmhdaich; Airc na Fianais, agus a bataichean, agus a’ chathair‐thròcair; Am bòrd agus a shoithichean uile, agus an t‑aran taisbeanta; An coinnleir fìorghlan agus a lòchrain, eadhon a lòchrain gu bhith air an cur ann an òrdagh, agus a shoithichean uile, agus an ola a‑chum solais; Agus an altair òir, agus an ola‑ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus am brat airson doras a’ phàillein; An altair umha, agus a cliath umha, a bataichean, agus a soithichean uile, an soitheach‐ionnlaid agus a chas; Cùirteanan na cùirte, a puist, agus a buinn, agus am brat airson geata na cùirte, a cùird, agus a pinneachan, agus uile shoithichean seirbhis a’ phàillein, airson bùth a’ choitheanail; Aodach an fhrithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, an t‑aodach naomh airson Aaroin an sagart, agus aodach a chuid mhac, a fhrithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt. A rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil an obair uile. Agus dh’amhairc Maois air an obair uile, agus, feuch, rinn iad i mar a dh’àithn an Tighearna, eadhon mar sin rinn iad i: agus bheannaich Maois iad. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Air a’ chiad là den chiad mhìos cuiridh tu suas pàillean bùth a’ choitheanail. Agus cuiridh tu ann àirc na Fianais, agus falaichidh tu an àirc leis an roinn‐bhrat. Agus bheir thu a‑steach am bòrd, agus cuiridh tu an òrdagh na nithean a tha gu bhith air an cur an òrdagh air; agus bheir thu a‑steach an coinnleir, agus lasaidh tu a lòchrain. Agus suidhichidh tu an altair òir a tha a‑chum na tùise fa chomhair àirc na Fianais, agus cuiridh tu brat an dorais ris a’ phàillean. Agus suidhichidh tu altair na h‑ìobairt‐loisgte fa chomhair doras pàillean bùth a’ choitheanail. Agus suidhichidh tu an soitheach‐ionnlaid eadar bùth a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann. Agus cuiridh tu suas a’ chùirt mun cuairt, agus crochaidh tu suas am brat aig geata na cùirte. Agus gabhaidh tu an ola‑ungaidh, agus ungaidh tu am pàillean, agus gach nì a tha ann, agus naomhaichidh tu e, agus a shoithichean uile: agus bidh e naomh. Agus ungaidh tu altair na h‑ìobairt‐loisgte, agus a soithichean uile: agus bidh an altair ro‑naomh. Agus ungaidh tu an soitheach‐ionnlaid agus a chas, agus naomhaichidh tu e. Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras bùth a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge. Agus cuiridh tu air Aaron an t‑aodach naomh, agus ungaidh tu e, agus naomhaichidh tu e; agus frithealaidh e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt. Agus bheir thu leat a mhic, agus cuiridh tu còtaichean orra, Agus ungaidh tu iad, mar a dh’ung thu an athair, agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt; oir bidh gu deimhinn an ungadh‐san dhaibh a‑chum sagartachd shìorraidh air feadh an ginealaichean. Agus rinn Maois a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna dha: mar sin rinn e. Agus b’ann anns a’ chiad mhìos, anns an dara bliadhna, air a’ chiad là den mhìos, a chuireadh suas am pàillean. Agus chuir Maois suas am pàillean agus dhaingnich e a bhuinn, agus chuir e suas a bhùird, agus chuir e a‑steach a chroinn, agus thog e suas a phuist. Agus sgaoil e a‑mach am bùth os cionn a phàillein, agus chuir e còmhdach a’ bhùtha air os a chionn; mar a’ dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus ghabh e agus chuir e an Fhianais anns an àirc, agus chuir e na bataichean air an àirc, agus chuir e a’ chathair‐thròcair air an àirc os a cionn. Agus thug e an àirc a‑steach don phàillean, agus chuir e suas brat a’ chòmhdaich, agus chòmhdaich e àirc na Fianais, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus chuir e am bòrd ann am bùth a’ choitheanail air taobh a’ phàillein mu thuath, an taobh a‑muigh den roinn‐bhrat. Agus chuir e an t‑aran ann an òrdagh air, ann an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus chuir e an coinnleir ann am bùth a’ choitheanail, thall fa chomhair a’ bhùird, air taobh a’ phàillein ris an àird a deas. Agus las e na lòchrain ann an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus chuir e an altair òir ann am bùth a’ choitheanail, air beulaibh an roinn‐bhrait, Agus loisg e tùis chùbhraidh oirre, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus chuir e suas am brat aig doras a’ phàillein. Agus chuir e altair na h‑ìobairt‐loisgte làimh ri doras pàillean bùth a’ choitheanail, agus thug e suas oirre an ìobairt‐loisgte, agus an tabhartas‐bìdh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus chuir e an soitheach‐ionnlaid eadar bùth a’ choitheanail agus an altair, agus chuir e uisge ann, a dh’ionnlad leis. Agus dh’ionnlaid Maois, agus Aaron, agus a mhic, an làmhan agus an casan aige. Nuair a bha iad gu dol a‑steach do bhùth a’ choitheanail, agus gu teachd am fagas don altair, dh’ionnlaid iad iad fhèin, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus chuir e suas a’ chùirt timcheall a’ phàillein agus na h‑altarach, agus chuir e suas brat geata na cùirte: mar sin chrìochnaich Maois an obair. An sin chòmhdaich neul bùth a’ choitheanail, agus lìon glòir an Tighearna am pàillean. Agus cha b’urrainn Maois dol a‑steach do bhùth a’ choitheanail, a chionn gun do ghabh an neul còmhnaidh air, agus gun do lìon glòir an Tighearna am pàillean. Agus nuair a dh’èirich an neul suas o mhullach a’ phàillein, chaidh clann Israeil air an aghaidh nan uile thurasan: Ach mura d’èirich an neul suas, an sin cha do thriall iad gus an là anns an d’èirich e suas. Oir bha neul an Tighearna air a’ phàillean anns an là, agus bha teine air anns an oidhche, ann an sealladh taigh Israeil uile, air feadh an uile thurasan. Agus ghairm an Tighearna air Maois, agus labhair e ris à pàillean a’ choitheanail, ag ràdh. Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Ma bheir duine sam bith agaibh tabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bheir sibh ur tabhartas den sprèidh, eadhon den bhuar agus den treud. Ma bhios a thabhartas den bhuar na ìobairt‐loisgte, thugadh e seachad beathach fireann gun ghaoid: aig doras pàillean a’ choitheanail bheir e seachad e de a shaor thoil fhèin, an làthair an Tighearna. Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt‐loisgte: agus gabhar air a shon i, a dhèanamh rèite air a shon. Agus marbhaidh e an tarbh òg an làthair an Tighearna: agus bheir na sagartan, mic Aaroin, leo an fhuil, agus crathaidh iad an fhuil mun cuairt air an altair, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail. Agus fionnaidh e an ìobairt‐loisgte, agus gearraidh e i na mìrean. Agus cuiridh mic Aaroin an sagart teine air an altair, agus leagaidh iad fiodh ann an òrdagh air an teine. Agus leagaidh na sagartan, mic Aaroin, na mìrean, an ceann, agus an t‑saill, ann an òrdagh air an fhiodh a tha air an teine, a tha air an altair. Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt‐loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. Agus mas ann de na treudan a bhios a thabhartas, eadhon de na caoraich, no de na gobhair, a‑chum ìobairt‐loisgte, na bheathach fireann gun ghaoid bheir e leis e. Agus marbhaidh e e aig taobh na h‑altarach mu thuath ann an làthair an Tighearna: agus crathaidh na sagartan, mic Aaroin, a fhuil air an altair mun cuairt. Agus gearraidh e na mhìrean e, maille ra cheann agus ra shaill; agus cuiridh an sagart iad ann an òrdagh air an fhiodh a tha air an teine, a tha air an altair. Ach nighidh e am mionach agus na casan le uisge; agus bheir an sagart leis an t‑iomlan, agus loisgidh e air an altair e, mar ìobairt‐loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. Agus mas ann de eunlaith a bhios a thabhartas don Tighearna a‑chum ìobairt‐loisgte, an sin bheir e a thabhartas de thurtaran, no de chalamain òga. Agus bheir an sagart e a‑chum na h‑altarach, agus snìomhaidh e a cheann dheth, agus loisgidh e air an altair e; agus fàisgear a‑mach a fhuil air taobh na h‑altarach. Agus spìonaidh e a sgròban as maille ra chlòimh, agus tilgidh e làimh ris an altair e, air an taobh an ear, do àite na luatha. Agus sgoiltidh e maille ra sgiathan e, ach cha roinn e o chèile e; agus loisgidh an sagart e air an altair, air an fhiodh a tha air an teine, mar ìobairt‐loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. Agus nuair a bheir neach air bith tabhartas‐bìdh don Tighearna, bidh a thabhartas de fhlùr mìn: agus dòirtidh e ola air, agus cuiridh e tùis air: Agus bheir e e gu mic Aaroin, na sagartan, agus gabhaidh e as làn a dhùirn de a fhlùr, agus de a ola, maille ra thùis uile; agus loisgidh an sagart a chuimhneachan air an altair, gu bhith na thabhartas air a thoirt suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. Agus fuidheall an tabhartais‐bhìdh, is le Aaron agus le a mhic e; is nì ro‑naomh e de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine. Agus ma bheir thu seachad tabhartas‐bìdh air a dheasachadh anns an àmhainn, is breacagan neo‐ghortaichte de fhlùr mìn measgte le ola a bhios ann, no deàrnagan neo‐ghortaichte, ungte le ola. Agus mas tabhartas‐bìdh air a dheasachadh ann an aghann a bhios ad thabhartas, bidh e de fhlùr mìn neo‐ghortaichte, measgte le ola. Roinnidh tu e na mhìrean, agus dòirtidh tu ola air: is tabhartas‐bìdh a tha ann. Agus ma bhios do thabhartas na thabhartas‐bìdh on aghann‐ròstaidh, nìthear e de fhlùr mìn le ola. Agus bheir thu an tabhartas‐bìdh, a nìthear de na nithean seo, a‑chum an Tighearna: agus nuair a thaisbeanar don t‑sagart e, bheir e e a‑chum na h‑altarach. Agus gabhaidh an sagart as an tabhartas‐bhìdh cuimhneachan dheth, agus loisgidh e e air an altair: is tabhartas a tha ann air a thoirt suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. Agus an nì a dh’fhàgar den tabhartas‐bhìdh, is le Aaron agus le a mhic e; tha e na nì ro‑naomh de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine. Cha dèanar tabhartas‐bìdh sam bith, a bheir sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, le taois ghoirt; oir cha loisg sibh a’ bheag de thaois ghoirt, no de mhil, ann an tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine. A‑thaobh tabhartas a’ chiad toraidh, bheir sibh seachad e don Tighearna: ach cha loisgear air an altair e a‑chum fàile chùbhraidh. Agus gach tabhartas‐bìdh a bheir thu leat, nì thu blasda le salann: cha mhò a leigeas tu le salann coicheangal do Dhè a bhith a dh’easbhaidh air do thabhartas‐bìdh: led thabhartasan uile bheir thu seachad salann. Agus ma bheir thu seachad tabhartas‐bìdh ded chiad‐thoradh don Tighearna, bheir thu seachad mar an tabhartas‐bìdh ded chiad‐thoradh, diasan glasa arbhair cruadhaichte leis an teine, eadhon sìol buailte as na diasan ùra. Agus cuiridh tu ola air, agus leagaidh tu tùis air: is tabhartas‐bìdh e. Agus loisgidh an sagart a chuimhneachan, cuid de a arbhar buailte, agus cuid de a ola, maille ra thùis uile: is tabhartas e a bheirear suas le teine don Tighearna. Agus ma bhios a thabhartas a‑chum ìobairt thabhartas‐sìthe, mas ann den bhuar a bheir e seachad e, mas fireann no boireann e, bheir e seachad e gun ghaoid an làthair an Tighearna. Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e aig doras pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin, na sagartan, an fhuil air an altair mun cuairt. Agus bheir e seachad de ìobairt nan tabhartas‐sìthe, tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach, Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha air an loch‐lèin, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i. Agus loisgidh mic Aaroin e air an altair, air an ìobairt‐loisgte, a tha air an fhiodh a tha air an teine: is tabhartas e a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. Agus mas ann den treud a bhios a thabhartas a‑chum ìobairt thabhartas‐sìthe don Tighearna, fireann no boireann, bheir e seachad e gun ghaoid. Ma bheir e seachad uan mar a thabhartas, bheir e seachad e an làthair an Tighearna. Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e fa chomhair pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin a fhuil air an altair mun cuairt. Agus bheir e seachad cuid de ìobairt nan tabhartas‐sìthe, mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; a shaill agus an t‑earball uile, teann air a’ chnàimh‐dhroma bheir e air falbh e; agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach, Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch‐lèin, agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i. Agus loisgidh an sagart e air an altair; is e biadh an tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna. Agus mas gobhar a bhios na thabhartas, bheir e seachad i an làthair an Tighearna. Agus cuiridh e a làmh air a ceann, agus marbhaidh e i fa chomhair pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin a fuil air an altair mun cuairt. Agus bheir e seachad dhith a thabhartas, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach, Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch‐lèin, agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i. Agus loisgidh an sagart iad air an altair: is iad biadh an tabhartais a bheirear suas le teine, a‑chum fàile chùbhraidh. An t‑saill uile is leis an Tighearna. Bidh e na reachd bithbhuan dur ginealaichean air feadh ur n‑àiteachan‐còmhnaidh uile, nach ith sibh saill no fuil sam bith. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma pheacaicheas anam trìd aineolais an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna (a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh) agus gun dèan e nì an aghaidh aoin dhiubh; Ma pheacaicheas an sagart a chaidh ungadh, a rèir peacadh an t‑sluaigh; an sin thugadh e airson a pheacaidh a pheacaich e, tarbh òg gun ghaoid a dh’ionnsaigh an Tighearna a‑chum ìobairt‐pheacaidh. Agus bheir e an tarbh gu doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna; agus cuiridh e a làmh air ceann an tairbh, agus marbhaidh e an tarbh an làthair an Tighearna. Agus gabhaidh an sagart a chaidh ungadh cuid de fhuil an tairbh, agus bheir e i gu pàillean a’ choitheanail. Agus tumaidh an sagart a mheur anns an fhuil, agus crathaidh e cuid den fhuil seachd uairean an làthair an Tighearna, fa chomhair roinn‐bhrat an ionaid naoimh. Agus cuiridh an sagart cuid den fhuil air adhaircean altair na tùise cùbhraidh ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail; agus dòirtidh e fuil an tairbh uile aig bun altair na h‑ìobairt‐loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail. Agus uile shaill tarbh na h‑ìobairt‐pheacaidh bheir e air falbh uaithe; an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach, Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch‐lèin, agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean bheir e air falbh i, Mar a thugadh air falbh i o tharbh ìobairt nan tabhartas‐sìthe; agus loisgidh an sagart iad air altair na h‑ìobairt‐loisgte. Agus seiche an tairbh, agus a fheòil uile, maille ra cheann, agus maille ra chasan, agus a mhionach, agus a ghaorr, Eadhon an tarbh gu h‑iomlan giùlainidh e a‑mach an taobh a‑muigh den champ gu ionad glan, far an dòirtear a‑mach an luath, agus loisgidh e air an fhiodh e le teine: far an dòirtear a‑mach an luath, loisgear e. Agus ma pheacaicheas coitheanal Israeil uile trìd aineolais, agus gu bheil an nì falaichte o shùilean a’ cho‐chruinneachaidh, agus gun do rinn iad nì‑eigin an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna, a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh, agus gu bheil iad ciontach; Nuair a bhios am peacadh, a pheacaich iad na aghaidh, aithnichte, an sin bheir an co‑chruinneachadh seachad tarbh òg airson a’ pheacaidh, agus bheir iad e fa chomhair pàillean a’ choitheanail. Agus cuiridh seanairean a’ choitheanail an làmhan air ceann an tairbh an làthair an Tighearna; agus marbhar an tarbh an làthair an Tighearna. Agus bheir an sagart a chaidh ungadh cuid de fhuil an tairbh gu pàillean a’ choitheanail. Agus tumaidh an sagart a mheur ann an cuid den fhuil, agus crathaidh e i seachd uairean an làthair an Tighearna fa chomhair an roinn‐bhrait. Agus cuiridh e cuid den fhuil air adhaircean na h‑altarach a tha ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail, agus dòirtidh e a‑mach an fhuil uile aig bun altair na h‑ìobairt‐loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail. Agus bheir e air falbh a shaill uile uaithe, agus loisgidh e i air an altair. Agus nì e ris an tarbh mar a rinn e ri tarbh na h‑ìobairt‐pheacaidh, mar sin nì e ris: agus nì an sagart rèite air an son, agus bheirear maitheanas dhaibh. Agus bheir e a‑mach an tarbh an taobh a‑muigh den champ, agus loisgidh e e mar a loisg e an ciad tarbh: is ìobairt‐pheacaidh e airson a’ cho‐chruinneachaidh. Nuair a pheacaicheas uachdaran, agus a nì e nì‑eigin trìd aineolais an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna a Dhia, a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh, agus gu bheil e ciontach: Ma thig a pheacadh, a pheacaich e, ga fhios, bheir e leis mar a thabhartas meann de na gobhair, beathach fireann gun ghaoid. Agus cuiridh e a làmh air ceann a’ mhinn, agus marbhaidh e e anns an ionad anns am marbh iad an ìobairt‐loisgte an làthair an Tighearna: is ìobairt‐pheacaidh e. Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt‐pheacaidh le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair an h‑ìobairt‐loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil aig bun altair na h‑ìobairt‐loisgte. Agus loisgidh e a saill uile air an altair, mar a loisgear saill ìobairt nan tabhartas‐sìthe: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh, agus maithear dha e. Agus ma pheacaicheas aon neach de shluagh na dùthcha trìd aineolais, nuair a tha e a’ dèanamh nì‑eigin an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna, a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh, agus gu bheil e ciontach: Ma thig a pheacadh, a pheacaich e, ga fhios, an sin bheir e leis mar a thabhartas meann de na gobhair, beathach boireann gun ghaoid, airson a pheacaidh a pheacaich e. Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus marbhaidh e an ìobairt‐pheacaidh ann an ionad na h‑ìobairt‐loisgte. Agus gabhaidh an sagart cuid de a fuil le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair na h‑ìobairt‐loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil uile aig bun na h‑altarach. Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear an t‑saill a ìobairt nan tabhartas‐sìthe; agus loisgidh an sagart i air an altair, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon, agus bheirear maitheanas dha. Agus ma bheir e leis uan mar a thabhartas airson peacaidh, bheir e leis uan boireann gun ghaoid. Agus cuiridh e a làmh air ceann an tabhartais‐pheacaidh, agus marbhaidh e e mar ìobairt‐pheacaidh anns an ionad anns am marbh iad an ìobairt‐loisgte. Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt‐pheacaidh le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair na h‑ìobairt‐loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil uile aig bun na h‑altarach. Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear air falbh saill an uain o ìobairt nan tabhartas‐sìthe; agus loisgidh an sagart iad air an altair, a rèir nan tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh a rinn e, agus maithear dha e. Agus ma pheacaicheas anam, agus gun cluinn e guth mionnachaidh, agus gur fianais e, a chunnaic, no as fiosrach air a’ chùis, mura cuir e an cèill i, an sin giùlainidh e a chionta: No ma bheanas anam ri nì sam bith neòghlan, mas cairbh fiadh‐bheathaich neòghlain e, no cairbh sprèidhe neòghlain, no cairbh nì neòghlain a shnàigeas, agus e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach: No ma bheanas e ri neòghlaine duine, ge bè air bith an neòghlaine leis an salaichear duine, agus gu bheil e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach: No ma mhionnaicheas anam, ag ràdh le a bhilean gun dèan e olc, no gun dèan e math, ge bè air bith e a labhras duine le mionnan, agus gu bheil e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach ann an aon dhiubh sin. Agus tachraidh, nuair a bhios e ciontach de aon de na nithean sin, gun aidich e gun do pheacaich e anns an nì sin. Agus bheir e leis a ìobairt‐easaontais a dh’ionnsaigh an Tighearna airson a pheacaidh a pheacaich e, beathach boireann on treud, uan, no meann o na gobhair, mar ìobairt‐pheacaidh: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh. Agus mura urrainn e uan a thoirt leis, an sin bheir e leis airson a choire a rinn e, dà thurtar, no dà chalaman òg, a dh’ionnsaigh an Tighearna; fear a‑chum ìobairt‐pheacaidh, agus am fear eile a‑chum ìobairt‐loisgte. Agus bheir e iad a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, agus bheir esan seachad am fear a tha a‑chum na h‑ìobairt‐pheacaidh air tùs, agus snìomhaidh e a cheann o a amhaich, ach cha sgar e o chèile iad. Agus crathaidh e cuid de fhuil na h‑ìobairt‐pheacaidh air taobh na h‑altarach, agus fàisgear a’ chuid eile den fhuil a‑mach aig bun na h‑altarach: is ìobairt‐pheacaidh i. Agus bheir e seachad an dara eun mar ìobairt‐loisgte, a rèir a’ ghnàtha: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh a pheacaich e, agus maithear dha e. Ach mura urrainn e dà thurtar, no dà chalaman òg a thoirt leis, an sin bheir esan a pheacaich leis, mar a thabhartas, an deicheamh cuid de ephah de fhlùr min, mar thabhartas‐peacaidh: cha chuir e ola air, cha mhò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas‐peacaidh e. An sin bheir e a‑chum an t‑sagairt e, agus gabhaidh an sagart làn a dhùirn dheth, eadhon cuimhneachan dheth, agus loisgidh e air an altair e, a rèir nan tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: is tabhartas‐peacaidh e. Agus nì an sagart rèite air a shon, a‑thaobh a pheacaidh a pheacaich e ann an aon dhiubh sin, agus maithear dha e: agus bidh am fuidheall leis an t‑sagart, mar thabhartas‐bìdh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Ma nì anam coire, agus gum peacaich e trìd aineolais ann an nithean naomha an Tighearna, an sin bheir e airson a choire, a dh’ionnsaigh an Tighearna, reithe gun ghaoid o na treudan, a rèir do mheas an secelean airgid, a rèir secel an ionaid naoimh, a‑chum ìobairt‐easaontais. Agus airson an lochd a rinn e anns an nì naomh nì e co‑leasachadh, agus cuiridh e ris an còigeamh cuid, agus bheir e don t‑sagart e: agus nì an sagart rèite air a shon le reithe na h‑ìobairt‐easaontais, agus maithear dha e. Agus ma pheacaicheas anam, agus gun dèan e aon de na nithean sin a thoirmisgeadh le àitheantan an Tighearna a bhith air an dèanamh; ged nach b’fhios dha e, gidheadh tha e ciontach, agus giùlainidh e a aingidheachd. Agus bheir e leis reithe gun ghaoid on treud, a rèir do mheas, a‑chum ìobairt‐easaontais, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt; agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a aineolais, leis an deachaidh e air seachran agus gun fhios aige air; agus maithear dha e. Is ìobairt‐easaontais a tha ann; chiontaich e gu deimhinn an aghaidh an Tighearna. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Ma pheacaicheas anam, agus gun dèan e easaontas an aghaidh an Tighearna, agus gun dèan e breug da choimhearsnach a‑thaobh an nì a thugadh dha ra ghleidheadh, no ann an companas, no a‑thaobh an nì a thugadh air falbh le ainneart, no ma mheall e a choimhearsnach; No ma fhuair e an nì sin a chailleadh, agus gun do rinn e breug uime, agus gun tug e mionnan eithich; ann an aon nì dhiubh sin uile a nì duine, a’ peacachadh annta: An sin tachraidh, a chionn gun do pheacaich e, agus gu bheil e ciontach, gun toir e air ais an nì sin a thug e air falbh le ainneart, no an nì sin a fhuair e gu mealltach, no an nì sin a thugadh dha ra ghleidheadh, no a chailleadh agus a fhuair e, No nì sam bith mun tug e mionnan eithich; bheir e air ais e anns an iomlan, agus cuiridh e an còigeamh cuid a thuilleadh ris, agus bheir e dhàsan e dom buin e, ann an là a ìobairt‐easaontais. Agus bheir e leis a ìobairt‐easaontais a‑chum an Tighearna, reithe gun ghaoid on treud, a rèir do mheas, mar ìobairt‐easaontais, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt. Agus nì an sagart rèite air a shon an làthair an Tighearna: agus gheibh e maitheanas a‑thaobh gach nì dhiubh sin uile a rinn e, a’ ciontachadh annta. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Thoir àithne do Aaron agus da mhic, ag ràdh, Is e seo lagh na h‑ìobairt‐loisgte: (Is i an ìobairt‐loisgte i, airson an losgaidh air an altair air feadh na h‑oidhche uile gu madainn, agus bidh teine na h‑altarach a’ losgadh innte;) Agus cuiridh an sagart trusgan anairt uime, agus cuiridh e briogais anairt air a fheòil, agus togaidh e suas an luath a loisg an teine leis an ìobairt‐loisgte air an altair, agus cuiridh e i làimh ris an altair. Agus cuiridh e a thrusgan dheth, agus cuiridh e trusgan eile uime, agus giùlainidh e an luath a‑mach an taobh a‑muigh den champ, gu ionad glan. Agus bidh an teine air an altair a’ losgadh innte; cha chuirear as e: agus loisgidh an sagart fiodh oirre gach madainn, agus cuiridh e an ìobairt‐loisgte ann an òrdagh oirre, agus loisgidh e oirre saill nan ìobairtean‐sìthe. Bidh an teine a’ lasadh air an altair an còmhnaidh: cha tèid e idir as. Agus is e seo lagh an tabhartais‐bhìdh. Bheir mic Aaroin e an làthair an Tighearna, fa chomhair na h‑altarach. Agus gabhaidh e làn a dhùirn dheth, de fhlùr an tabhartais‐bhìdh, agus de a ola, agus an tùis uile a tha air an tabhartas‐bhìdh, agus loisgidh e air an altair e, a‑chum fàile chùbhraidh, eadhon cuimhneachan dheth don Tighearna. Agus ithidh Aaron agus a mhic am fuidheall: maille ri aran neo‐ghortaichte ithear e anns an ionad naomh; ann an cùirt pàillean a’ choitheanail ithidh iad e. Chan fhuinear e le taois ghoirt; thug mi dhaibh e mar an cuibhreann dem thabhartasan air an toirt suas le teine: tha e ro‑naomh, mar an ìobairt‐pheacaidh, agus mar an ìobairt‐easaontais. Ithidh gach fireannach am measg chloinn Aaroin dheth: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean a‑thaobh tabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine: bidh gach neach a bheanas riu naomh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Is e seo tabhartas Aaroin, agus a chuid mhac, a bheir iad seachad don Tighearna, anns an là a dh’ungar e; an deicheamh cuid de ephah de fhlùr mìn mar thabhartas‐bìdh an còmhnaidh, a leth anns a’ mhadainn, agus a leth anns an fheasgar. Ann an aghann nìthear e le ola, agus nuair a bhios e fuinte, bheir thu a‑steach e; agus na mìrean fuinte den tabhartas‐bhìdh bheir thu seachad a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna. Agus bheir an sagart da mhic, a dh’ungadh na àite, seachad e: is reachd sìorraidh e don Tighearna; loisgear gu h‑iomlan e. Oir loisgear gach tabhartas‐bìdh airson an t‑sagairt gu h‑iomlan: chan ithear e. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri Aaron agus ra mhic, ag ràdh, Is e seo lagh na h‑ìobairt‐pheacaidh: anns an ionad anns am marbhar an ìobairt‐loisgte, bidh an ìobairt‐pheacaidh air a marbhadh ann am fianais an Tighearna: tha i ro‑naomh. Ithidh an sagart i, a bheir seachad i airson peacaidh: anns an ionad naomh ithear i, ann an cùirt pàillean a’ choitheanail. Ge bè nì a bheanas ra feòil, bidh e naomh, agus nuair a chrathar a’ bheag de a fuil air aodach sam bith, nighidh tu an nì air an do chrathadh i anns an ionad naomh. Agus bidh an soitheach creadha anns an do bhruitheadh i air a bhriseadh; ach ma bhruitheadh i ann an coire umha, glanar agus nighear e ann an uisge. Ithidh na fireannaich uile am measg nan sagart dhith: tha i ro‑naomh. Ach chan ithear ìobairt‐pheacaidh sam bith, den tugadh a’ bheag den fhuil a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a dhèanamh rèite anns an ionad naomh; loisgear anns an teine i. Agus is e seo lagh na h‑ìobairt‐easaontais: tha i ro‑naomh. Anns an ionad anns am marbh iad an ìobairt‐loisgte, marbhaidh iad an ìobairt‐easaontais: agus crathaidh e a fuil air an altair mun cuairt. Agus bheir e seachad dhith a saill uile; an t‑earball, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch‐lèin, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i. Agus loisgidh an sagart iad air an altair, mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: is ìobairt‐easaontais i. Ithidh gach fireannach am measg nan sagart dhith: anns an ionad naomh ithear i: tha i ro‑naomh. Mar an ìobairt‐pheacaidh, is amhail sin an ìobairt‐easaontais: is aon lagh a tha ann dhaibh: leis an t‑sagart a nì rèite leatha, bidh i. Agus an sagart a bheir seachad ìobairt‐loisgte duine sam bith, is leis an t‑sagart seo craiceann na h‑ìobairt‐loisgte a thug e seachad. Agus buinidh an tabhartas‐bìdh uile a dh’fhuinear ann an àmhainn, agus gach nì a dheasaichear ann an aghann‐ròstaidh, agus ann am mèis, don t‑sagart a bheir seachad e. Agus bidh gach tabhartas‐bìdh, measgte le ola, agus tioram, le mic Aaroin uile, leis gach aon uiread ri chèile. Agus is e seo lagh ìobairt nan tabhartas‐sìthe, a bheir e seachad don Tighearna: Mas ann mar bhreith‐buidheachais a bheir e seachad i, an sin bheir e seachad, maille ris an ìobairt‐bhuidheachais, breacagan neo‐ghortaichte, measgte le ola, agus deàrnagan neo‐ghortaichte, ungte le ola, agus breacagan measgte le ola, de fhlùr mìn, air a ròstadh. A thuilleadh air na breacagan, bheir e seachad mar a thabhartas aran gortaichte, maille ri ìobairt‐bhuidheachais a thabhartasan‐sìthe. Agus dhith sin bheir e seachad aon as an tabhartas iomlan, mar thabhartas‐togte don Tighearna, agus bidh e leis an t‑sagart a chrathas fuil nan tabhartas‐sìthe. Agus ithear feòil ìobairt a thabhartasan‐sìthe airson breith‐buidheachais, anns an là sin fhèin anns an toirear seachad i; chan fhàg e a’ bheag dhith gu madainn. Ach mas bòid no tabhartas deònach ìobairt a thabhartais, anns an là sin fhèin anns an toir e seachad a ìobairt, ithear i; agus air an là màireach, mar an ceudna, ithear a fuidheall. Ach loisgear le teine fuidheall feòil na h‑ìobairt air an treas là. Agus ma dh’ithear idir a’ bheag de fheòil ìobairt a thabhartasan‐sìthe air an treas là, cha ghabhar i, cha mhò a mheasar i dhàsan a bheir seachad i: bidh i na gràinealachd, agus an t‑anam a dh’itheas dhith giùlainidh e a aingidheachd. Agus an fheòil a bheanas ri nì sam bith neòghlan, chan ithear i; loisgear i le teine: agus a‑thaobh na feòla, gach neach a bhios glan, ithidh e dhith. Ach an t‑anam a dh’itheas de fheòil ìobairt nan tabhartas‐sìthe, a bhuineas don Tighearna, agus a neòghlaine air, gearrar eadhon an t‑anam sin as o a shluagh. Agus an t‑anam a bheanas ri nì sam bith neòghlan, ri neòghlaine duine, no ri ainmhidh neòghlan, no ri gràinealachd neòghlain sam bith, agus a dh’itheas de fheòil ìobairt nan tabhartas‐sìthe a bhuineas don Tighearna, gearrar eadhon an t‑anam sin as o a shluagh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Saill sam bith daimh, no caorach, no goibhre, chan ith sibh. Agus faodar saill ainmhidh a gheibh bàs leis fhèin, agus saill an ainmhidh sin a reubar le fiadh‐bheathaichean, a ghnàthachadh gu feum sam bith eile; ach chan ith sibh idir dhith; Oir ge bè a dh’itheas saill on ainmhidh sin den toir daoine seachad ìobairt a loisgear le teine don Tighearna, gearrar eadhon an t‑anam sin a dh’itheas dhith as o a shluagh. Agus chan ith sibh gnè sam bith fala, mas ann de eòin no de ainmhidh, ann an aon air bith de ur n‑àiteachan‐còmhnaidh. Gach anam a dh’itheas gnè sam bith fala, gearrar eadhon an t‑anam sin as o a shluagh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Esan a bheir seachad ìobairt a thabhartas‐sìthe don Tighearna, bheir e leis a thabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, de ìobairt a thabhartasan‐sìthe. Bheir a làmhan fhèin leo tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine; an t‑saill maille ris an uchd, seo bheir e leis, a‑chum gun luaisgear an t‑uchd mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna. Agus loisgidh an sagart an t‑saill air an altair: ach bidh an t‑uchd le Aaron agus le a mhic. Agus an slinnean deas bheir sibh don t‑sagart mar thabhartas‐togte, de ìobairtean ur tabhartasan‐sìthe. Aige‐san de mhic Aaroin a bheir suas fuil nan tabhartas‐sìthe, agus an t‑saill, bidh an slinnean deas mar a chuibhreann. Oir ghabh mi an t‑uchd luaisgte agus an slinnean togte o chloinn Israeil, de ìobairtean an tabhartasan‐sìthe, agus thug mi iad do Aaron an sagart, agus da mhic, le reachd sìorraidh o mheasg chloinn Israeil. Is e seo cuibhreann ungadh Aaroin, agus ungadh a chuid mac, de thabhartasan an Tighearna, a bheirear suas le teine, anns an là anns an tug e an làthair iad a fhrithealadh don Tighearna ann an dreuchd an t‑sagairt; A dh’àithn an Tighearna a thoirt dhaibh o chloinn Israeil, anns an là anns an d’ung e iad, le reachd sìorraidh air feadh an ginealaichean. Is e seo lagh na h‑ìobairt‐loisgte, an tabhartais‐bhìdh, agus na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus na h‑ìobairt‐easaontais, agus nan coisrigeadh, agus ìobairt nan tabhartas‐sìthe, A dh’àithn an Tighearna do Mhaois ann an sliabh Shinài, anns an là anns an d’àithn e do chloinn Israeil an tabhartasan a thoirt seachad don Tighearna, ann am fàsach Shinài. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Thoir leat Aaron agus a mhic maille ris, agus an trusgan naomh, agus an ola‑ungaidh, agus tarbh mar an ìobairt‐pheacaidh, agus dà reithe, agus basgaid de aran neo‐ghortaichte. Agus cruinnich an coitheanal uile an ceann a chèile gu doras pàillean a’ choitheanail. Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna dha; agus chruinnicheadh an coitheanal ri chèile gu doras pàillean a’ choitheanail. Agus thubhairt Maois ris a’ choitheanal, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh. Agus thug Maois Aaron agus a mhic leis, agus dh’ionnlaid e iad le uisge. Agus chuir e air an còta, agus chrioslaich e e leis a’ chrios, agus dh’aodaich e e leis an fhallaing, agus chuir e an èphod air, agus chrioslaich e e le crios rìomhach na h‑èphoid, agus cheangail e ris i leis. Agus chuir e an t‑uchd‐èideadh air; agus chuir e anns an uchd‐èideadh an Urim agus an Tumim. Agus chuir e an crùn‐sagairt air a cheann; mar an ceudna air a’ chrùn‐shagairt, eadhon air a’ chuid‐bheòil dheth, chuir e an leac òir, an crùn naomh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus ghabh Maois an ola‑ungaidh, agus dh’ung e am pàillean, agus gach nì a bha ann, agus naomhaich e iad. Agus chrath e cuid dhith air an altair seachd uairean, agus dh’ung e an altair, agus a soithichean uile, araon an soitheach‐ionnlaid agus a chas, a‑chum an naomhachadh. Agus dhòirt e den ola‑ungaidh air ceann Aaroin, agus dh’ung e e, a‑chum a naomhachadh. Agus thug Maois mic Aaroin leis, agus chuir e còtaichean orra, agus chrioslaich e iad le criosan, agus chuir e bonaidean orra, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus thug e leis an tarbh airson na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh airson na h‑ìobairt‐pheacaidh. Agus mharbh e e; agus ghabh Maois an fhuil, agus chuir e i air adhaircean na h‑altarach mun cuairt le a mheur, agus ghlan e an altair; agus dhòirt e an fhuil aig bun na h‑altarach, agus naomhaich e i, a dhèanamh rèite oirre. Agus ghabh e an ìgh uile a bha air a’ mhionach, agus an sgairt os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an ìgh; agus loisg Maois iad air an altair. Ach an tarbh agus a sheiche, agus a fheòil, agus a aolach, loisg e le teine an taobh a‑muigh den champ, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus thug e leis an reithe airson na h‑ìobairt‐loisgte: agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe. Agus mharbh e e; agus chrath Maois an fhuil air an altair mun cuairt. Agus gheàrr e an reithe na mhìrean; agus loisg Maois an ceann, agus na mìrean, agus an t‑saill. Agus nigh e am mionach agus na casan ann an uisge; agus loisg Maois an reithe uile air an altair: b’ìobairt‐loisgte e, a‑chum fàile chùbhraidh: tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus thug e leis an reithe eile, reithe a’ choisrigidh: agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe. Agus mharbh e e; agus ghabh Maois cuid de a fhuil, agus chuir e i air bàrr cluas dheas Aaroin, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise. Agus thug e leis mic Aaroin, agus chuir Maois cuid den fhuil air bàrr an cluaise deise, agus air òrdaig an làimhe deise, agus air òrdaig an coise deise: agus chrath Maois an fhuil air an altair mun cuairt. Agus ghabh e an t‑saill, agus an t‑earball, agus an ìgh uile a bha air a’ mhionach, agus an sgairt os cionn nan àinean, agus an dà àra agus an ìgh, agus an slinnean deas. Agus à basgaid an arain neo‐ghortaichte, a bha an làthair an Tighearna, ghabh e aon bhreacag neo‐ghortaichte, agus aon bhreacag de aran le ola, agus aon deàrnagan, agus chuir e iad air an t‑saill, agus air an t‑slinnean dheas: Agus chuir e an t‑iomlan air làmhan Aaroin, agus air làmhan a chuid mhac; agus luaisg e iad mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna. Agus ghabh Maois iad bhàrr an làmh, agus loisg e iad air an altair os cionn na h‑ìobairt‐loisgte; bu tabhartas‐coisrigidh iad a‑chum fàile chùbhraidh; tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna. Agus ghabh Maois an t‑uchd, agus luaisg e e mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna: b’e cuibhreann Mhaois e de reithe a’ choisrigidh; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus ghabh Maois cuid den ola‑ungaidh, agus den fhuil a bha air an altair, agus chrath e air Aaron i; air a aodach, agus air a mhic, agus air aodach a mhac maille ris: agus naomhaich e Aaron, agus a aodach, agus a mhic, agus aodach a mhac maille ris. Agus thubhairt Maois ri Aaron agus ra mhic, Bruithibh an fheòil aig doras pàillean a’ choitheanail, agus ann an sin ithibh i leis an aran a tha ann am basgaid a’ choisrigidh, mar a dh’àithn mise, ag ràdh, Ithidh Aaron agus a mhic i. Agus an nì sin a dh’fhàgar den fheòil agus den aran, loisgidh sibh le teine. Agus air doras pàillean a’ choitheanail cha tèid sibh a‑mach rè seachd làithean, gus am bi làithean ur coisrigidh air an crìochnachadh: oir rè seachd làithean coisrigidh e sibh. Mar a rinn e an‑diugh, mar sin dh’àithn an Tighearna a bhith dèante, a dhèanamh rèite air ur son. Uime sin, aig doras pàillean a’ choitheanail fanaidh sibh a là agus a dh’oidhche, rè seachd làithean, agus coimheadaidh sibh freasdal an Tighearna, a‑chum nach faigh sibh bàs: oir is ann mar sin a thugadh àithne dhòmhsa. Agus rinn Aaron agus a mhic na h‑uile nithean a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois. Agus air an ochdamh là ghairm Maois air Aaron agus air a mhic, agus air seanairean Israeil; Agus thubhairt e ri Aaron, Gabh dhut fhèin laogh òg a‑chum ìobairt‐pheacaidh, agus reithe a‑chum ìobairt‐loisgte, gun ghaoid, agus thoir seachad iad an làthair an Tighearna. Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag ràdh, Gabhaibh‐se meann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh; agus laogh, agus uan, le chèile den chiad bhliadhna, gun ghaoid, a‑chum ìobairt‐loisgte; Mar an ceudna tarbh agus reithe, mar thabhartasan‐sìthe, a‑chum an ìobradh an làthair an Tighearna; agus tabhartas‐bìdh measgte le ola: oir an‑diugh foillsichidh an Tighearna e fhèin dhuibh. Agus thug iad an nì sin a dh’àithn Maois gu beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus thàinig an coitheanal uile am fagas, agus sheas iad an làthair an Tighearna. Agus thubhairt Maois, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh; agus foillsichear glòir an Tighearna dhuibh. Agus thubhairt Maois ri Aaron, Imich a dh’ionnsaigh na h‑altarach, agus ìobair d’ìobairt‐pheacaidh, agus d’ìobairt‐loisgte, agus dèan rèite air do shon fhèin, agus airson an t‑sluaigh: agus thoir suas tabhartas an t‑sluaigh, agus dèan rèite air an son, mar a dh’àithn an Tighearna. Chaidh Aaron uime sin a dh’ionnsaigh na h‑altarach, agus mharbh e laogh na h‑ìobairt‐pheacaidh a bha air a shon fhèin. Agus thug mic Aaroin an fhuil da ionnsaigh; agus thum e a mheur anns an fhuil, agus chuir e air adhaircean na h‑altarach i, agus dhòirt e a‑mach an fhuil aig bun na h‑altarach. Ach an t‑saill agus na h‑àirnean, agus an sgairt os cionn àinean na h‑ìobairt‐pheacaidh, loisg e air an altair, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus an fheòil agus an t‑seiche loisg e le teine, an taobh a‑muigh den champ. Agus mharbh e an ìobairt‐loisgte; agus thug mic Aaroin an fhuil da ionnsaigh, agus chrath e i air an altair mun cuairt. Agus thug iad an ìobairt‐loisgte da ionnsaigh, maille ra mìrean, agus an ceann; agus loisg e iad air an altair. Agus nigh e am mionach agus na casan, agus loisg e iad air an ìobairt‐loisgte air an altair. Agus thug e leis tabhartas an t‑sluaigh, agus ghabh e meann na h‑ìobairt‐pheacaidh a bha airson an t‑sluaigh, agus mharbh e e, agus thug e suas e airson peacaidh, mar a’ chiad ìobairt. Agus thug e leis an ìobairt‐loisgte, agus dh’ìobair e i a rèir a’ ghnàtha. Agus thug e leis an tabhartas‐bìdh, agus lìon e a dhòrn as, agus loisg e air an altair e, a thuilleadh air ìobairt‐loisgte na maidne. Mharbh e mar an ceudna an tarbh, agus an reithe, mar ìobairt nan tabhartas‐sìthe, a bha airson an t‑sluaigh; agus thug mic Aaroin da ionnsaigh an fhuil, agus chrath e i air an altair mun cuairt. Agus saill an tairbh, agus earball an reithe, agus an nì sin a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus na h‑àirnean, agus an sgairt os cionn nan àinean. Agus chuir iad an t‑saill air na h‑uchdan, agus loisg e an t‑saill air an altair. Agus na h‑uchdan agus an slinnean deas luaisg Aaron mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn Maois. Agus thog Aaron suas a làmhan a‑chum an t‑sluaigh, agus bheannaich e iad: agus thàinig e a‑nuas o ìobradh na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus na h‑ìobairt‐loisgte, agus nan ìobairtean‐sìthe. Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach do phàillean a’ choitheanail, agus thàinig iad a‑mach, agus bheannaich iad an sluagh: agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna don t‑sluagh uile. Agus thàinig teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e air an altair an ìobairt‐loisgte, agus an t‑saill: agus chunnaic an sluagh uile e, agus rinn iad iolach, agus thuit iad air an aghaidh. Agus ghabh Nàdab agus Abihu, mic Aaroin, gach fear dhiubh a thùiseir, agus chuir iad teine ann, agus chuir iad tùis air, agus thug iad suas am fianais an Tighearna teine coimheach, nach d’àithn e dhaibh. Agus chaidh teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e suas iad, agus fhuair iad bàs an làthair an Tighearna. An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd. Agus ghairm Maois air Misael agus air Elsaphan, mic Udsieil, bràthair‐athar Aaroin, agus thubhairt e riu, Thigibh am fagas, giùlainibh ur bràithrean o fhianais an ionaid naoimh a‑mach as a’ champ. Agus chaidh iad am fagas, agus ghiùlain iad nan còtaichean iad a‑mach as a’ champ, mar a thubhairt Maois. Agus thubhairt Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic, Na rùisgibh ur cinn, agus na reubaibh ur n‑aodach, air eagal gum faigh sibh bàs, agus air eagal gun tig fearg air an t‑sluagh uile; ach dèanadh ur bràithrean, taigh Israeil uile, tuireadh airson an losgaidh a las an Tighearna. Agus cha tèid sibh a‑mach air doras pàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: oir tha ola‑ungaidh an Tighearna oirbh. Agus rinn iad a rèir facal Mhaois. Agus labhair an Tighearna ri Aaron, ag ràdh, Na òl fìon no deoch làidir, thu fhèin, no do mhic maille riut, nuair a thèid sibh a‑steach do phàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean; Agus a‑chum gun cuir sibh eadar‐dhealachadh eadar naomh agus mì‑naomh, agus eadar neòghlan agus glan; Agus a‑chum gun teagaisg sibh do chloinn Israeil na h‑òrdaighean uile a labhair an Tighearna riu le làimh Mhaois. Agus labhair Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic a dh’fhan beò, Gabhaibh an tabhartas‐bìdh a dh’fhàgadh de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine, agus ithibh e gun ghortachadh làimh ris an altair; oir tha e ro‑naomh. Agus ithidh sibh e anns an ionad naomh, a chionn gur e do dhlighe e, agus dlighe do mhac, de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine: oir is ann mar sin a dh’àithneadh dhòmhsa. Agus an t‑uchd luaisgte agus an slinnean togte ithidh sibh ann an ionad glan; thu fhèin, agus do mhic, agus do nigheanan maille riut: oir is iad do dhlighe iad, agus dlighe do mhac a thugadh dhaibh à ìobairtean tabhartasan‐sìthe chloinn Israeil. An slinnean togte, agus an t‑uchd luaisgte, maille ris na tabhartasan air an toirt suas le teine den t‑saill, bheir iad leo gus a luasgadh mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna; agus is leatsa e agus led mhic maille riut, le reachd bithbhuan, mar a dh’àithn an Tighearna. Agus dh’iarr Maois gu dìcheallach meann na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus, feuch, loisgeadh e: agus bha fearg aige ri Eleàsar agus ri Itamar, mic Aaroin, a dh’fhàgadh beò, ag ràdh, Carson nach d’ith sibh an ìobairt‐pheacaidh anns an ionad naomh, do bhrìgh gu bheil i ro‑naomh, agus thug Dia dhuibh i a ghiùlan aingidheachd a’ choitheanail, a dhèanamh rèite air an son am fianais an Tighearna? Feuch, cha tugadh a fuil a‑steach an taobh a‑staigh den ionad naomh: bu chòir dhuibh gu deimhinn a h‑ithe anns an ionad naomh, mar a dh’àithn mise. Agus thubhairt Aaron ri Maois, Feuch, an‑diugh thug iad suas an ìobairt‐pheacaidh, agus an ìobairt‐loisgte, an làthair an Tighearna; agus thachair an leithidean sin de nithean dhòmhsa; agus nam bithinn air ithe na h‑ìobairt‐pheacaidh an‑diugh, an gabhte rithe an làthair an Tighearna? Agus nuair a chuala Maois sin, bha e toilichte. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh riu, Labhraibh ri cloinn Israeil, ag ràdh, Is iad seo na beathaichean a dh’itheas sibh de na h‑uile ainmhidhean a tha air an talamh. Gach aon a roinneas an ionga, agus a sgoilteas an ladhar, agus a chnàmhas a’ chìr, am measg nan ainmhidh, sin ithidh sibh. Ach iad seo chan ith sibh, dhiùbhsan a chnàmhas a’ chìr, no dhiùbhsan a roinneas an ionga: mar an càmhal, a chionn ged chnàmh e a’ chìr, nach roinn e an ionga; neòghlan tha e dhuibh. Agus an coinean, a chionn ged chnàmh e a’ chìr, nach roinn e an ionga; neòghlan tha e dhuibh. Agus a’ mhaigheach, a chionn ged chnàmh i a’ chìr, nach roinn i an ionga; neòghlan tha i dhuibh. Agus a’ mhuc, a chionn ged roinn i an ionga, agus ged sgoilt i an ladhar, gidheadh nach cnàmh i a’ chìr; neòghlan tha i dhuibh. Dem feòil chan ith sibh, agus rin cairbh cha bhean sibh; neòghlan tha iad dhuibh. Iad seo ithidh sibh, dhiùbhsan uile a tha anns na h‑uisgeachan: gach nì air a bheil itean agus lannan anns na h‑uisgeachan, anns na cuantan, agus anns na h‑aibhnichean, iad sin ithidh sibh. Agus gach nì air nach eil itean no lannan anns na cuantan, agus anns na h‑aibhnichean, de gach nì a ghluaiseas anns na h‑uisgeachan, agus de gach nì beò, a tha anns na h‑uisgeachan; nan gràinealachd bidh iad dhuibh: Eadhon nan gràinealachd bidh iad dhuibh: dem feòil chan ith sibh, agus den cairbhean gabhaidh sibh gràin. Gach nì air nach eil itean no lannan anns na h‑uisgeachan, na ghràinealachd bidh sin dhuibh. Agus dhiubh seo gabhaidh sibh gràin am measg nan eun; chan ithear iad, nan gràinealachd tha iad: an iolair, agus an cnàimh‐bhristeach, agus an iolair‐uisge, Agus am fang, agus an clamhan a rèir a ghnè; Gach fitheach a rèir a ghnè; Agus a’ chailleach‐oidhche, agus an t‑seabhag‐oidhche, agus a’ chuach, agus an t‑seabhag a rèir a ghnè, Agus a’ chailleach‐oidhche bheag, agus an sgarbh, agus a’ chailleach‐oidhche mhòr, Agus an eala, agus am pelican, agus an iolair‐fhionn. Agus a’ chorra‑bhàn, agus a’ chorra‑ghlas a rèir a gnè, agus an t‑adharcan‐luachrach, agus an ialtag. Bidh gach nì snàigeach a dh’itealaicheas, agus a dh’imicheas air ceithir chasan, na ghràinealachd dhuibh. Ach iad seo faodaidh sibh ithe, de gach nì snàigeach a dh’itealaicheas, agus a dh’imicheas air ceithir chasan, aig a bheil luirgnean os cionn a throighean, gu leum leo air an talamh. Eadhon iad seo dhiubh faodaidh sibh ithe: an lòcast a rèir a ghnè, agus an lòcast maol a rèir a ghnè, agus an daol a rèir a ghnè, agus an leumnach uaine a rèir a ghnè. Ach bidh gach nì eile snàigeach a dh’itealaicheas, aig a bheil ceithir chasan, na ghràinealachd dhuibh. Agus air an son sin bidh sibh neòghlan: gach neach a bheanas rin cairbh, bidh e neòghlan gu feasgar. Agus ge bè air bith a ghiùlaineas a’ bheag den cairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Bidh cairbhean gach ainmhidh a roinneas an ionga, agus nach sgoilt an ladhar, agus nach cnàmh a’ chìr, neòghlan dhuibh: gach neach a bheanas riu, bidh e neòghlan. Agus ge bè air bith a dh’imicheas air a mhàgan, am measg nan uile bheathaichean a dh’imicheas air ceithir chasan, bidh e neòghlan dhuibh; gach neach a bheanas rin cairbh, bidh e neòghlan gu feasgar. Agus esan a ghiùlaineas an cairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar; neòghlan tha iad dhuibh. Agus bidh iad seo neòghlan dhuibh am measg nan nithean snàigeach a shnàigeas air an talamh: an neas, agus an luch, agus an crocodail a rèir a ghnè. Agus am firead, agus an cameleon, agus an dearc‐luachrach, agus an t‑seilcheag, agus am famh. Tha iad sin neòghlan dhuibh nam measg‐san uile a shnàigeas: gach neach a bheanas riu, nuair a bhios iad marbh, bidh e neòghlan gu feasgar. Agus gach nì air an tuit a h‑aon dhiubh, nuair a bhios e marbh, bidh e neòghlan; co‑dhiù as soitheach fiodha sam bith e, no aodach, no craiceann, no sac: feumaidh gach soitheach anns an dèanar obair sam bith a bhith air a chur ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar; an sin bidh e glan. Agus a‑thaobh gach soithich creadha, anns an tuit a h‑aon dhiubh, bidh gach nì a tha ann neòghlan; agus brisidh sibh e. De gach uile bhiadh a dh’ithear, bidh am biadh air an tig an t‑uisge sin neòghlan; agus bidh gach deoch a dh’òlar, ann an soitheach sam bith dhiubh, neòghlan. Agus bidh gach nì air an tuit a’ bheag den cairbh, neòghlan; mas àmhainn e, no coireachan, brisear sìos iad: neòghlan tha iad, agus neòghlan bidh iad dhuibh. Gidheadh bidh fuaran no tobar, anns am bi pailteas uisge, glan: ach bidh an nì sin a bheanas rin cairbh, neòghlan. Agus ma thuiteas a’ bheag den cairbh air sìol‐cuir sam bith, a bhios ri a chur, bidh e glan. Ach ma chuirear uisge sam bith air an t‑sìol, agus gun tuit a’ bheag den cairbh air, neòghlan bidh e dhuibh. Agus ma bhàsaicheas ainmhidh sam bith dem faod sibh ithe, bidh esan a bheanas ra chairbh neòghlan gu feasgar. Agus esan a dh’itheas de a chairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar; esan mar an ceudna a ghiùlaineas a’ chairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Agus bidh gach nì snàigeach a shnàigeas air an talamh, na ghràinealachd: chan ithear e. Gach nì a dh’imicheas air a’ bhroinn, agus gach nì a dh’imicheas air ceithir chasan, no ge bè air bith aig a bheil tuilleadh chasan am measg nan uile nithean snàigeach a shnàigeas air an talamh; chan ith sibh iad oir is gràinealachd iad. Cha dèan sibh sibh fhèin gràineil le nì snàigeach sam bith a shnàigeas, cha mhò a nì sibh sibh fhèin neòghlan leo, air chor is gun truaillear sibh leo. Oir is mise an Tighearna ur Dia: naomhaichidh sibh air an adhbhar sin sibh fhèin, agus bidh sibh naomh; oir tha mise naomh: agus cha truaill sibh sibh fhèin le nì snàigeach sam bith a shnàigeas air an talamh. Oir is mise an Tighearna a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gu bhith am Dhia agaibh; bidh sibhse uime sin naomh, oir tha mise naomh. Is e seo lagh nan ainmhidh, agus na h‑eunlaith, agus gach dùile bheò a ghluaiseas anns na h‑uisgeachan, agus gach dùile a shnàigeas air an talamh: A chur dealachaidh eadar an neòghlan agus an glan, agus eadar am beathach a dh’fhaodar ithe, agus am beathach nach faodar ithe. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma dh’fhàsas bean torrach, agus gum beir i mac, an sin bidh i neòghlan seachd làithean; a rèir làithean a dealachaidh airson a h‑anfhainneachd bidh i neòghlan. Agus air an ochdamh là timcheall‐ghearrar feòil a ro‑chraicinn‐san. Agus fanaidh i an sin trì‐làithean‐deug ar fhichead ann am fuil a glanaidh: cha bhean i ri nì naomh sam bith, agus cha tig i a‑steach don ionad naomh, gus an coileanar làithean a glanaidh. Ach ma bheireas i leanabh nighinn, an sin bidh i neòghlan dà sheachdain, mar na dealachadh: agus fanaidh i ann am fuil a glanaidh trì‐fichead agus sia làithean. Agus nuair a choileanar làithean a glanaidh airson mic, no airson nighinn, bheir i uan den chiad bhliadhna a‑chum ìobairt‐loisgte, agus calaman òg, no eun turtair a‑chum ìobairt‐pheacaidh, gu doras pàillean a’ choitheanail, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt: Agus bheir e seachad e an làthair an Tighearna, agus nì e rèite air a son, agus glanar i o ruith a fala. Is e seo an lagh air a son‐se a bheireas mac no nighean. Agus mura urrainn i uan a thoirt leatha, an sin bheir i leatha dà thurtar, no dà chalaman òg: fear dhiubh a‑chum ìobairt‐loisgte, agus am fear eile a‑chum ìobairt‐pheacaidh; agus nì an sagart rèite air a son, agus bidh i glan. Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, ag ràdh, Nuair a bhios aig duine ann an craiceann a fheòla at, no guirean, no ball soilleir, agus gum bi e ann an craiceann a fheòla cosmhail ri plàigh luibhre, an sin bheirear e gu Aaron an sagart, no gu aon de a mhic, na sagartan. Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh ann an craiceann a fheòla; agus nuair a bhios am fionnadh anns a’ phlàigh air tionndadh gu bàn, agus a bhios a’ phlàigh ra faicinn nas doimhne na craiceann a fheòla, is plàigh luibhre a tha ann; agus amhaircidh an sagart air, agus gairmidh e neòghlan e. Ach ma tha am ball soilleir ann an craiceann a fheòla bàn, agus gun e a bhith ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann, agus gun a fhionnadh a bhith air tionndadh gu bàn, an sin druididh an sagart a‑staigh esan air a bheil a’ phlàigh seachd làithean. Agus amhaircidh an sagart air, air an t‑seachdamh là; agus, feuch, ma tha a’ phlàigh na shealladh air stad, agus gun a’ phlàigh a bhith a’ sgaoileadh anns a’ chraiceann; an sin druididh an sagart a‑staigh e seachd làithean eile. Agus amhaircidh an sagart air a‑rìs air an t‑seachdamh là, agus, feuch, ma bhios a’ phlàigh càil‐eigin dorcha, agus nach eil a’ phlàigh air sgaoileadh anns a’ chraiceann, gairmidh an sagart glan e: chan eil ann ach guirean; agus nighidh e a aodach, agus bidh e glan. Ach ma sgaoil an guirean gu mòr a‑mach anns a’ chraiceann, an dèidh dha a bhith air fhaicinn leis an t‑sagart a‑chum a ghlanaidh, chìthear e a‑rìs leis an t‑sagart. Agus amhaircidh an sagart air, agus, feuch, ma tha an guirean air sgaoileadh anns a’ chraiceann, an sin gairmidh an sagart e neòghlan: is luibhre a tha ann. Nuair a bhios plàigh luibhre air duine, an sin bheirear e a‑chum an t‑sagairt: Agus amhaircidh an sagart air: agus, feuch, ma tha at bàn anns a’ chraiceann, agus gun do thionndaidh e am fionnadh gu bàn, agus gu bheil feòil bheò dhearg anns an at, Is seann luibhre a tha ann, ann an craiceann a fheòla; agus gairmidh an sagart e neòghlan, agus cha druid e a‑staigh e, oir tha e neòghlan. Agus ma bhriseas luibhre gu mòr a‑mach anns a’ chraiceann, agus gun còmhdaich an luibhre craiceann an neach air a bheil a’ phlàigh uile o a cheann gu a throigh, ge bè ball air an amhairc an sagart: An sin bheir an sagart fa‑near: agus, feuch, ma chòmhdaich an luibhre a fheòil uile, gairmidh e esan glan air a bheil a’ phlàigh: thionndaidheadh e uile gu bàn; tha e glan. Ach nuair a bhios feòil dhearg ra faicinn air, bidh e neòghlan. Agus amhaircidh an sagart air an fheòil dheirg, agus gairmidh e neòghlan e; oir tha an fheòil dhearg neòghlan: is luibhre a tha ann. Ach ma thig an fheòil dhearg air a h‑ais a‑rìs, agus gun tionndaidhear gu bàn i, thig e a‑chum an t‑sagairt, Agus amhaircidh an sagart air: agus, feuch, ma tha a’ phlàigh air tionndadh gu bàn, an sin gairmidh an sagart esan glan air a bheil a’ phlàigh: tha e glan. An fheòil mar an ceudna anns an robh, eadhon na craiceann, neasgaid, agus a lèighseadh, Agus aig a bheil ann an àite na neasgaid at bàn, no ball soilleir bàn, càil‐eigin dearg, nochdar don t‑sagart e; Agus mas e nuair a chì an sagart e, feuch, gu bheil e ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann, agus a fhionnadh air a thionndadh gu bàn, gairmidh an sagart neòghlan e: is plàigh luibhre a tha ann air briseadh a‑mach anns an neasgaid. Ach ma dh’amhairceas an sagart air, agus, feuch, nach eil fionnadh bàn air bith ann, agus gun e nas doimhne na an craiceann, ach càil‐eigin dorcha, an sin druididh an sagart a‑staigh e seachd làithean. Agus ma tha e air sgaoileadh a‑mach gu mòr anns a’ chraiceann, an sin gairmidh an sagart e neòghlan; is plàigh a tha ann. Ach ma tha am ball soilleir air stad na àite, gun e air sgaoileadh, is neasgaid loisgeach a tha ann; agus gairmidh an sagart glan e. No ma bhios feòil air bith ann, aig a bheil na craiceann losgadh teth, agus gum bi, anns an fheòil bheò a tha a’ losgadh, ball bàn soilleir, càil‐eigin dearg, no bàn; An sin amhaircidh an sagart air, agus, feuch, ma tha am fionnadh anns a’ bhall shoilleir air tionndadh gu bàn, agus e ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann, is luibhre a tha ann air briseadh a‑mach anns an losgadh: uime sin gairmidh an sagart neòghlan e; is plàigh luibhre a tha ann. Ach ma dh’amhairceas an sagart air, agus, feuch, nach eil fionnadh bàn air bith air a’ bhall shoilleir, agus nach eil e nas doimhne na an craiceann eile, ach gu bheil e càil‐eigin dorcha, an sin druididh an sagart a‑staigh e seachd làithean. Agus amhaircidh an sagart air, air an t‑seachdamh là, agus ma tha e air sgaoileadh a‑mach gu mòr anns a’ chraiceann, an sin gairmidh an sagart neòghlan e; is plàigh luibhre a tha ann. Agus ma tha am ball soilleir air stad na àite, gun e air sgaoileadh anns a’ chraiceann, ach e càil‐eigin dorcha; is at on losgadh a tha ann, agus gairmidh an sagart glan e; oir is leannachadh a tha ann on losgadh. Ma tha aig duine no mnaoi plàigh air a’ cheann, no air an fheusaig; An sin amhaircidh an sagart air a’ phlàigh: agus, feuch, ma tha i ra faicinn nas doimhne na an craiceann, agus fionnadh tana buidhe innte; an sin gairmidh an sagart neòghlan e: is càrr tioram a tha ann, eadhon luibhre air a’ cheann, no air an fheusaig. Agus ma dh’amhairceas an sagart air plàigh a’ charra, agus, feuch, nach eil i ra faicinn nas doimhne na an craiceann, agus nach eil fionnadh dubh sam bith innte, an sin druididh an sagart a‑staigh esan air a bheil plàigh a’ charra, seachd làithean. Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh air an t‑seachdamh là, agus, feuch, mura eil an càrr air sgaoileadh, agus nach eil fionnadh buidhe sam bith ann, agus nach eil an càrr ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann; An sin bearrar e, ach an càrr cha bheàrr e; agus druididh an sagart a‑staigh esan air a bheil an càrr, seachd làithean eile. Agus air an t‑seachdamh là, amhaircidh an sagart air a’ chàrr: agus, feuch, mura eil an càrr air sgaoileadh anns a’ chraiceann, no ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann; an sin gairmidh an sagart glan e: agus nighidh e a aodach, agus bidh e glan. Ach ma tha an càrr air sgaoileadh gu mòr anns a’ chraiceann an dèidh a ghlanaidh; An sin amhaircidh an sagart air, agus, feuch, ma tha an càrr air sgaoileadh anns a’ chraiceann, chan iarr an sagart fionnadh buidhe: tha e neòghlan. Ach ma tha an càrr na shealladh air stad, agus ma tha fionnadh dubh air fàs suas ann, lèighseadh an càrr, tha e glan: agus gairmidh an sagart glan e. Ma bhios, mar an ceudna, aig duine no aig mnaoi, ann an craiceann am feòla, buill shoilleir, eadhon buill bhàna shoilleir; An sin amhaircidh an sagart: agus, feuch, ma tha na buill shoilleir ann an craiceann am feòla odhar‐bhàn, is leus teas e air fàs anns a’ chraiceann: tha e glan. Agus an duine aig a bheil a cheann air faileadh, tha e maol: gidheadh tha e glan. Agus esan aig a bheil a fhalt air faileadh den chuid sin de a cheann a tha leth ra aodann, tha e maol‐bhathaiseach: gidheadh tha e glan. Agus ma tha na cheann maol, no na bhathais mhaoil, creuchd bhàn càil‐eigin dearg, is luibhre a tha ann air fàs suas na cheann maol, no na bhathais mhaoil. An sin amhaircidh an sagart air; agus, feuch, ma tha at na creuchda bàn‐dhearg na mhaol‐cheann, no na mhaol‐bhathais, mar a nochdar an luibhre ann an craiceann na feòla; Is duine lobhrach e, tha e neòghlan: gairmidh an sagart e neòghlan gu h‑iomlan; tha a’ phlàigh na cheann. Agus an lobhar air a bheil a’ phlàigh, reubar a aodach, agus bidh a cheann lomnochd, agus cuiridh e falach air a bhil uachdaraich, agus glaodhaidh e, Neòghlan, neòghlan. Rè nan uile làithean a bhios a’ phlàigh air, bidh e salach; tha e neòghlan: gabhaidh e còmhnaidh na aonar; an taobh a‑muigh den champ bidh a ionad‐tàimh. An t‑aodach mar an ceudna anns a bheil plàigh na luibhre, mas aodach olla e no mas aodach lìn e; Mas ann a tha i anns an dlùth, no anns an inneach, de lìon no de olainn, mas ann an craiceann, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann; Agus ma tha a’ phlàigh uaine no dearg anns an aodach, no anns a’ chraiceann, aon chuid anns an dlùth no anns an inneach, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann, is plàigh luibhre a tha ann, agus feuchar i don t‑sagart. Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh, agus druididh e a‑staigh an nì anns a bheil a’ phlàigh, seachd làithean. Agus amhaircidh e air a’ phlàigh air an t‑seachdamh là: ma tha a’ phlàigh air sgaoileadh anns an aodach, aon chuid anns an dlùth no anns an inneach, no ann an craiceann, no ann an obair sam bith dèante de chraiceann, is luibhre chnàmhanach a’ phlàigh: tha e neòghlan. Loisgidh e uime sin an t‑aodach, mas dlùth no inneach, ann an olainn no ann an lìon, no nì air bith dèante de chraiceann, anns a bheil a’ phlàigh, oir is luibhre chnàmhanach a tha ann; loisgear e anns an teine. Agus ma dh’amhairceas an sagart, agus, feuch, nach eil a’ phlàigh air sgaoileadh anns an aodach, aon chuid anns an dlùth, no anns an inneach, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann; An sin àithnidh an sagart dhaibh an nì anns a bheil a’ phlàigh a nighe, agus druididh e a‑staigh e seachd làithean eile. Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh an dèidh a nighe: agus, feuch, mura do mhùth a’ phlàigh a dath, agus mura do sgaoil a’ phlàigh, tha e neòghlan; loisgidh tu anns an teine e: is cnàmhan an leth a‑staigh e, mas lom a‑staigh no a‑muigh e. Agus ma dh’amhairceas an sagart, agus, feuch, gu bheil a’ phlàigh càil‐eigin dorcha an dèidh a nighe; an sin reubaidh e as an aodach i, no as a’ chraiceann, no as an dlùth, no as an inneach. Agus ma tha i ra faicinn fhathast anns an aodach, aon chuid anns an dlùth, no anns an inneach, no ann an nì air bith dèante de chraiceann, is plàigh sgaoilteach a tha ann: loisgidh tu le teine an nì anns a bheil a’ phlàigh. Agus an t‑aodach, mas dlùth, no inneach e, no nì air bith dèante de chraiceann, a nigheas tu, ma chaidh a’ phlàigh asda, an sin nighear e an dara uair, agus bidh e glan. Is e seo lagh plàigh na luibhre ann an aodach ola no lìn, anns an dlùth, no anns an inneach, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann, a‑chum a ghairm glan, no a ghairm neòghlan. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Bidh seo na lagh don lobhar, ann an là a ghlanaidh: Bheirear e a‑chum an t‑sagairt; Agus thèid an sagart a‑mach as a’ champ; agus amhaircidh an sagart, agus, feuch, ma lèighseadh plàigh na luibhre anns an lobhar: An sin àithnidh an sagart gun gabhar air a shon‐san a tha gu bhith air a ghlanadh, dà eun bheò ghlan, agus fiodh seudair, agus sgàrlaid, agus hiosop. Agus àithnidh an sagart gum marbhar aon de na h‑eòin ann an soitheach creadha, os cionn uisge ruith. A‑thaobh an eòin bheò, gabhaidh e e, agus am fiodh seudair, agus an sgàrlaid, agus an hiosop, agus tumaidh e iad agus an t‑eun beò ann am fuil an eòin a mharbhadh os cionn an uisge ruith. Agus crathaidh e airsan a tha gu bhith air a ghlanadh on luibhre, seachd uairean, agus gairmidh e glan e, agus leigidh e as an t‑eun beò air aghaidh na machrach. Agus nighidh esan a tha gu bhith air a ghlanadh a aodach, agus bearraidh e dheth a fhionnadh uile, agus nighidh e e fhèin ann an uisge, a‑chum gum bi e glan: agus na dhèidh sin thig e a‑steach don champ, agus fanaidh e a‑mach as a’ bhùth seachd làithean. Ach air an t‑seachdamh là, bearraidh e uile fhalt a chinn, agus a fheusag, agus mailghean a shùl, eadhon a fhionnadh uile bearraidh e dheth: agus nighidh e a aodach, nighidh e mar an ceudna a fheòil ann an uisge, agus bidh e glan. Agus, air an ochdamh là, gabhaidh e dà uan fhireann gun ghaoid, agus aon uan boireann den chiad bhliadhna gun ghaoid, agus trì deich earrannan de fhlùr mìn mar thabhartas‐bìdh, measgte le ola, agus aon log ola. Agus nochdaidh an sagart a nì glan e, an duine a tha ra ghlanadh, agus na nithean sin an làthair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail: Agus gabhaidh an sagart aon uan fireann, agus bheir e seachad e mar ìobairt‐easaontais, agus an log ola, agus luaisgidh e iad mar thabhartas‐luaisgte am fianais an Tighearna. Agus marbhaidh e an t‑uan anns an àit anns am marbh e an ìobairt‐pheacaidh agus an ìobairt‐loisgte, anns an ionad naomh; oir mar as leis an t‑sagart an ìobairt‐pheacaidh, is amhail sin an ìobairt‐easaontais: tha i ro‑naomh. Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt‐easaontais, agus cuiridh an sagart i air bàrr cluas dheas an neach a tha ra ghlanadh, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise. Agus gabhaidh an sagart cuid den log ola, agus dòirtidh e i ann an glaic a làimhe clìthe fhèin. Agus tumaidh an sagart a mheur dheas anns an ola a tha na làimh chlì, agus crathaidh e cuid den ola le a mheur seachd uairean an làthair an Tighearna. Agus den chuid eile den ola a tha na làimh cuiridh an sagart air bàrr cluas dheas an neach a tha ra ghlanadh, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise, air fuil na h‑ìobairt‐easaontais. Agus fuidheall na h‑ola, a tha an làimh an t‑sagairt, dòirtidh e air ceann an neach a tha ra ghlanadh: agus nì an sagart rèite air a shon am fianais an Tighearna. Agus ìobraidh an sagart an ìobairt‐pheacaidh, agus nì e rèite air a shon‐san a tha ra ghlanadh o a neòghlaine, agus na dhèidh sin marbhaidh e an ìobairt‐loisgte. Agus bheir an sagart seachad an ìobairt‐loisgte agus an tabhartas‐bìdh air an altair: agus nì an sagart rèite air a shon, agus bidh e glan. Agus ma tha e bochd, agus nach urrainn e an uiread sin fhaghail, an sin gabhaidh e aon uan a‑chum ìobairt‐easaontais gu bhith air a luasgadh, a dhèanamh rèite air a shon, agus aon deicheamh earrann de fhlùr mìn measgte le ola, mar thabhartas‐bìdh, agus log ola; Agus dà thurtar, no dà chalaman òg, mar as urrainn e fhaghail; agus bidh fear dhiubh na ìobairt‐pheacaidh, agus am fear eile na ìobairt‐loisgte. Agus bheir e iad air an ochdamh là, airson a ghlanaidh, a‑chum an t‑sagairt, gu doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna. Agus gabhaidh an sagart uan na h‑ìobairt‐easaontais, agus an log ola, agus luaisgidh an sagart iad mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna. Agus marbhaidh e uan na h‑ìobairt‐easaontais, agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt‐easaontais, agus cuiridh e i air bàrr cluas dheas an fhir a tha ra ghlanadh, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise. Agus dòirtidh an sagart cuid den ola ann an glaic a làimhe clìthe fhèin. Agus crathaidh an sagart le a mheur dheas cuid den ola a tha na làimh chlì seachd uairean am fianais an Tighearna. Agus cuiridh an sagart cuid den ola a tha na làimh, air bàrr cluas dheas an fhir a tha ra ghlanadh, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise, air ionad fuil na h‑ìobairt‐easaontais. Agus a’ chuid eile den ola a tha an làimh an t‑sagairt, cuiridh e air ceann an fhir a tha ra ghlanadh, a dhèanamh rèite air a shon am fianais an Tighearna. Agus ìobraidh e fear de na turtair, no de na calamain òga, mar as urrainn e fhaghail; Eadhon an nì as urrainn e fhaghail, fear mar ìobairt‐pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt‐loisgte, maille ris an tabhartas‐bhìdh. Agus nì an sagart rèite air a shon‐san a tha ra ghlanadh, am fianais an Tighearna. Seo lagh an fhir anns a bheil plàigh na luibhre, neach nach ruig a làmh air an nì sin a bhuineas da ghlanadh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh, Nuair a thig sibh do thìr Chanàain, a bheir mise dhuibh mar sheilbh, agus a chuireas mi plàigh luibhre ann an taigh fearann ur seilbhe; Agus gun tig esan dom buin an taigh agus gun innis e don t‑sagart, ag ràdh, A rèir mo bharail‐sa tha mar gum bu phlàigh luibhre anns an taigh: An sin àithnidh an sagart dhaibh an taigh fhalmhachadh mun tèid an sagart a‑steach ann a dh’fhaicinn na plàighe, a‑chum nach dèanar gach nì a tha anns an taigh neòghlan: agus na dhèidh sin, thèid an sagart a‑steach a dh’fhaicinn an taighe. Agus amhaircidh e air a’ phlàigh, agus, feuch, ma bhios a’ phlàigh ann am ballachan an taighe, le stiallan domhain, càil‐eigin uaine no dearg, a tha rim faicinn nas ìsle na am balla: An sin thèid an sagart a‑mach as an taigh gu doras an taighe, agus bheir e fa‑near an taigh a dhùnadh suas seachd làithean. Agus thig an sagart a‑rìs air an t‑seachdamh là, agus amhaircidh e: agus, feuch, ma bhios a’ phlàigh air sgaoileadh ann am ballachan an taighe; An sin àithnidh an sagart iad a thoirt air falbh nan clach anns a bheil a’ phlàigh, agus tilgidh iad ann an àite neòghlan iad an taobh a‑muigh den bhaile. Agus bheir e fa‑near an taigh a sgrìobadh air an taobh a‑staigh mun cuairt, agus tilgidh iad a‑mach an duslach a sgrìobas iad dheth, an taobh a‑muigh den bhaile gu àite neòghlan. Agus gabhaidh iad clachan eile, agus cuiridh iad ann an àite nan clach ud iad; agus gabhaidh e criadh eile, agus còmhdaichidh e thairis an taigh leatha. Agus ma thig a’ phlàigh a‑rìs, agus ma bhriseas i a‑mach anns an taigh, an dèidh dha na clachan a thoirt air falbh, agus an dèidh dha an taigh a sgrìobadh, agus an dèidh dha a chòmhdachadh thairis le criadh; An sin thig an sagart agus amhaircidh e, agus, feuch, ma tha a’ phlàigh air sgaoileadh anns an taigh, is luibhre chnàmhanach i anns an taigh; tha e neòghlan. Agus brisidh e sìos an taigh, a chlachan, agus a fhiodh, agus criadh an taighe uile: agus bheir e fa‑near an giùlan a‑mach as a’ bhaile gu ionad neòghlan. Agus bidh esan a thèid a‑steach don taigh rè na h‑ùine a dhruidear suas e, neòghlan gu feasgar. Agus nighidh esan a laigheas anns an taigh a aodach: agus nighidh esan a dh’itheas anns an taigh a aodach. Agus ma thèid an sagart a‑steach, agus gun amhairc e air, agus, feuch, nach do sgaoil a’ phlàigh anns an taigh, an dèidh an taigh a chòmhdachadh thairis; an sin gairmidh an sagart an taigh glan, a chionn gun do lèighseadh a’ phlàigh. Agus gabhaidh e a‑chum an taigh a ghlanadh dà eun, agus fiodh seudair, agus sgàrlaid, agus hiosop. Agus marbhaidh e fear de na h‑eòin ann an soitheach creadha, os cionn uisge‐ruith. Agus gabhaidh e am fiodh seudair, agus an hiosop, agus an sgàrlaid, agus an t‑eun beò, agus tumaidh e iad ann am fuil an eòin a chaidh a mharbhadh, agus anns an uisge‐ruith; agus crathaidh e air an taigh seachd uairean. Agus glanaidh e an taigh le fuil an eòin, agus leis an uisge‐ruith, agus leis an eun bheò, agus leis an fhiodh sheudair, agus leis an hiosop, agus leis an sgàrlaid. Ach leigidh e as an t‑eun beò an taobh a‑muigh den bhaile, air aghaidh na machrach, agus nì e rèite airson an taighe: agus bidh e glan. Seo an lagh airson gach gnè de phlàigh luibhre, agus de chàrr, Agus airson luibhre aodaich, agus airson taighe, Agus airson at, agus airson guirein, agus airson buill shoilleir; A theagasg cuin a bhios e neòghlan, agus cuin a bhios e glan: is e seo lagh na luibhre. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh, Labhraibh ri cloinn Israeil, agus abraibh riu, Nuair a bhios aig duine sam bith silteach o a fheòil, airson a shiltich bidh e neòghlan. Agus is e seo a neòghlaine na shilteach: ma shileas a fheòil a‑mach a sileadh, no ma dhùinear a fheòil suas o a shilteach, is e seo a neòghlaine. Gach leabaidh air an laigh esan air a bheil silteach, bidh i neòghlan: agus gach nì air an suidh e, bidh e neòghlan. Agus gach neach a bheanas ra leabaidh, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Agus esan a shuidheas air nì sam bith air an do shuidh neach air a bheil silteach, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Agus esan a bheanas ri feòil neach air a bheil silteach, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Agus ma thilgeas esan air a bheil silteach smugaid airsan a tha glan, an sin nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Agus gach dìollaid air am marcaich esan air a bheil silteach, bidh i neòghlan. Agus gach neach a bheanas ri nì sam bith a bha foidhe, bidh e neòghlan gu feasgar: agus esan a ghiùlaineas aon air bith de na nithean sin, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Agus gach neach ris am bean esan air a bheil silteach, agus nach d’ionnlaid a làmhan ann an uisge, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Agus an soitheach creadha ris am bean esan air a bheil silteach, brisear e: agus gach soitheach fiodha, nighear ann an uisge e. Agus nuair a ghlanar esan air a bheil silteach o a shilteach, an sin àirmhidh e dha fhèin seachd làithean airson a ghlanaidh, agus nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge‐ruith, agus bidh e glan. Agus air an ochdamh là gabhaidh e dha fhèin dà thurtar, no dà chalaman òg, agus thig e an làthair an Tighearna, gu doras pàillean a’ choitheanail, agus bheir e iad don t‑sagart. Agus ìobraidh an sagart iad, aon dhiubh mar ìobairt‐pheacaidh, agus an t‑aon eile mar ìobairt‐loisgte; agus nì an sagart rèite air a shon an làthair an Tighearna a‑thaobh a shiltich. Agus ma dh’fhalbhas a shìol‐gin o dhuine sam bith, an sin nighidh e a fheòil uile ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Agus gach aodach, agus gach craiceann air am bi an sìol‐gin, nighear e ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Mar an ceudna, a’ bhean leis an laigh fear le sìol‐gin, nighidh iad araon iad fhèin ann an uisge, agus bidh iad neòghlan gu feasgar. Agus nuair a bhios silteach air mnaoi, agus gur fuil a bhios na silteach na feòil, seachd làithean cuirear air leth i; agus gach neach a bheanas rithe, bidh e neòghlan gu feasgar. Agus gach nì air an laigh i nuair a chuirear air leth i, bidh e neòghlan: gach nì mar an ceudna air an suidh i, bidh e neòghlan. Agus gach neach a bheanas ra leabaidh nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Agus gach neach a bheanas ri nì sam bith air an do shuidh i, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Agus ma bhios e air a leabaidh, no air nì sam bith air an suidh i, nuair a bheanas e ris, bidh e neòghlan gu feasgar. Agus ma laigheas fear sam bith maille rithe, agus gum bi a fuil‐mìos air, bidh e neòghlan seachd làithean, agus bidh gach leabaidh air an laigh e neòghlan. Agus nuair a bhios a silteach fala air mnaoi mòran de làithean, chan ann an àm a dealachaidh, no ma shileas e an dèidh àm a dealachaidh, bidh uile làithean sileadh a neòghlaine mar làithean a dealachaidh: bidh i neòghlan. Gach leabaidh air an laigh i rè uile làithean a siltich, bidh i dhi mar leabaidh a dealachaidh: agus gach nì air an suidh i, bidh e neòghlan, a rèir neòghlaine a dealachaidh. Agus gach neach a bheanas ris na nithean sin, bidh e neòghlan; agus nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Ach ma ghlanar i o a silteach, an sin àirmhidh i dhi fhèin seachd làithean, agus an dèidh sin bidh i glan: Agus air an ochdamh là gabhaidh i dhi fhèin dà thurtar, no dà chalaman òg, agus bheir i iad a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, gu doras pàillean a’ choitheanail; Agus ìobraidh an sagart aon dhiubh mar ìobairt‐pheacaidh, agus an t‑aon eile mar ìobairt‐loisgte; agus nì an sagart rèite air a son an làthair an Tighearna, airson silteach a neòghlaine. Mar seo dealaichidh sibh clann Israeil on neòghlaine, a‑chum is nach bàsaich iad nan neòghlaine, nuair a thruailleas iad mo phàillean‐sa a tha nam measg. Is e seo lagh an fhir air a bheil silteach, agus an fhir sin aig an tèid a shìol uaithe, agus a shalaichear leis; Agus na mnà a bhios gu tinn ann an àm a dealachaidh, agus an neach sin air am bi silteach, an fhir, agus na mnà, agus an duine sin a laigheas leathase a tha neòghlan. Agus labhair an Tighearna ri Maois an dèidh bàs dithis mhac Aaroin, nuair a thug iad seachad tabhartas an làthair an Tighearna, agus a bhàsaich iad: Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ri Aaron do bhràthair, a‑chum nach tèid e anns gach àm a‑steach don ionad naomh an taobh a‑staigh den roinn‐bhrat, an làthair na cathair‐thròcair, a tha air an àirc, a‑chum nach bàsaich e: oir foillsichidh mise mi fhèin ann an neul air a’ chathair‐thròcair. Mar seo thèid Aaron a‑steach don ionad naomh: le tarbh òg a‑chum ìobairt‐pheacaidh, agus reithe a‑chum ìobairt‐loisgte. An còta anairt naomh cuiridh e air, agus bidh na briogaisean anairt aige air a fheòil, agus leis a’ chrios anairt crioslaichidh e e fhèin, agus cuiridh e an crùn‐anairt air: is èideadh naomh iad sin: air an adhbhar sin ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus cuiridh e air iad. Agus o choitheanal chloinn Israeil gabhaidh e dà bhoc o na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh, agus aon reithe a‑chum ìobairt‐loisgte. Agus bheir Aaron seachad tarbh na h‑ìobairt‐pheacaidh a bhios air a shon fhèin: agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe. Agus gabhaidh e an dà bhoc‐goibhre, agus nochdaidh e iad an làthair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail. Agus tilgidh Aaron croinn air an dà bhoc; aon chrann airson an Tighearna, agus crann eile airson a’ bhuic a thèid as. Agus bheir Aaron leis am boc air an do thuit an crann airson an Tighearna, agus ìobraidh e e mar ìobairt‐pheacaidh. Ach am boc air an do thuit an crann gun leigte as e, nochdar beò e an làthair an Tighearna, gu rèite a dhèanamh leis, a‑chum a leigeadh as saor don fhàsach. Agus bheir Aaron leis tarbh na h‑ìobairt‐pheacaidh, a bhios air a shon fhèin, agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe: agus marbhaidh e tarbh na h‑ìobairt‐pheacaidh, a bhios air a shon fhèin. Agus gabhaidh e tùiseir làn de èibhlean teine on altair an làthair an Tighearna, agus làn a ghlac de thùis dheagh‐bholaidh pronnte gu mìn, agus bheir e an taobh a‑staigh den roinn‐bhrat e. Agus cuiridh e an tùis air an teine an làthair an Tighearna, a‑chum gun còmhdaich neul na tùise a’ chathair‐thròcair, a tha air an Fhianais, agus nach faigh e bàs. Agus gabhaidh e de fhuil an tairbh, agus crathaidh e i le a mheur air a’ chathair‐thròcair a‑chum na h‑àird an ear: agus fa chomhair na cathair‐thròcair crathaidh e den fhuil seachd uairean le a mheur. An sin marbhaidh e boc‐goibhre na h‑ìobairt‐pheacaidh a bhios airson an t‑sluaigh, agus bheir e a fhuil an taobh a‑staigh den roinn‐bhrat, agus nì e ra fhuil‐san mar a rinn e ri fuil an tairbh, agus crathaidh e i air a’ chathair‐thròcair, agus fa chomhair na cathair‐thròcair. Agus nì e rèite airson an ionaid naoimh a‑thaobh neòghlaine chloinn Israeil, agus a‑thaobh an seachranan nam peacaidhean gu lèir: agus mar seo nì e airson pàillean a’ choitheanail a tha a chòmhnaidh maille riu, ann am meadhon an neòghlaine. Agus duine sam bith cha bhi ann am pàillean a’ choitheanail, nuair a thèid e a dhèanamh rèite anns an ionad naomh, gus an tig e a‑mach, agus gu bheil e air dèanamh rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe, agus airson uile choitheanal Israeil. Agus thèid e a‑mach a dh’ionnsaigh na h‑altarach a tha am fianais an Tighearna, agus nì e rèite air a son; agus gabhaidh e de fhuil an tairbh, agus de fhuil a’ bhuic agus cuiridh e i air adhaircean na h‑altarach mun cuairt. Agus crathaidh e oirre den fhuil le a mheur seachd uairean, agus glanaidh e i, agus naomhaichidh e i o neòghlaine chloinn Israeil. Agus nuair a bhios e air dèanamh rèite airson an ionaid naoimh, agus airson pàillean a’ choitheanail, agus airson na h‑altarach, bheir e leis am boc‐goibhre beò: Agus cuiridh Aaron a dhà làimh air ceann a’ bhuic bheò, agus aidichidh e os a chionn uile lochdan chloinn Israeil, agus an uile sheachranan nam peacaidhean gu lèir, agus cuiridh e iad air ceann a’ bhuic, agus cuiridh e air falbh e le làimh duine iomchaidh don fhàsach. Agus giùlainidh am boc‐goibhre air fhèin an lochdan gu lèir gu fearann air leth: agus leigidh e air falbh am boc anns an fhàsach. Agus thèid Aaron a‑steach do phàillean a’ choitheanail, agus cuiridh e dheth an t‑èideadh anairt, a chuir e air nuair a chaidh e a‑steach don ionad naomh, agus fàgaidh e an sin e. Agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge anns an ionad naomh, agus cuiridh e air a èideadh, agus thig e a‑mach, agus ìobraidh e a ìobairt‐loisgte fhèin, agus ìobairt‐loisgte an t‑sluaigh; agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson an t‑sluaigh. Agus saill na h‑ìobairt‐pheacaidh loisgidh e air an altair. Agus esan a leig as am boc‐goibhre mar bhoc saor, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge; agus na dhèidh sin thèid e don champ. Agus an tarbh airson na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus am boc‐goibhre airson na h‑ìobairt‐pheacaidh, den tugadh am fuil a‑steach a‑chum rèite a dhèanamh anns an ionad naomh, bheirear a‑mach iad an taobh a‑muigh den champ; agus loisgidh iad anns an teine an craiceann, agus am feòil, agus an aolach. Agus esan a loisgeas iad, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus na dhèidh sin thèid e don champ. Agus bidh seo dhuibh na òrdagh gu sìorraidh: Anns an t‑seachdamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, irioslaichidh sibh ur n‑anaman, agus obair sam bith cha dèan sibh, aon chuid esan a tha de mhuinntir ur dùthcha fhèin, no an coigreach a tha air chuairt nur measg; Oir air an là sin nì an sagart rèite air ur son, a‑chum ur glanaidh: o ur peacaidhean gu lèir an làthair an Tighearna glanar sibh. Bidh e na shàbaid tàimh dhuibh, agus irioslaichidh sibh ur n‑anaman, le òrdagh sìorraidh. Agus nì an sagart a dh’ungas e, agus a choisrigeas e gu frithealadh ann an àit a athar, an rèite: agus cuiridh e air an t‑èideadh anairt, eadhon an trusgan naomh. Agus nì e rèite airson an ionaid ro‑naoimh, agus airson pàillean a’ choitheanail, agus airson na h‑altarach nì e rèite; mar an ceudna airson nan sagart, agus airson uile shluagh a’ choitheanail nì e rèite. Agus bidh seo dhuibh na òrdagh sìorraidh, a‑chum rèite a dhèanamh airson chloinn Israeil, as leth am peacaidhean gu lèir aon uair anns a’ bhliadhna. Agus rinn e mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri Aaron, agus ra mhic, agus ri cloinn Israeil uile, agus abair riu, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna ag ràdh, Ge bè duine air bith de thaigh Israeil, a mharbhas tarbh, no uan, no gobhar, anns a’ champ, no a mharbhas e a‑mach as a’ champ, Agus nach toir e gu doras pàillean a’ choitheanail, gu tabhartas a thoirt seachad don Tighearna air beulaibh pàillean an Tighearna, cuirear fuil as leth an duine sin, dhòirt e fuil; agus gearrar as an duine sin o mheasg a shluaigh: A‑chum is gun toir clann Israeil an ìobairtean, a dh’ìobras iad a‑muigh anns a’ mhachair, eadhon gun toir iad a‑chum an Tighearna iad, gu doras pàillean a’ choitheanail a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, agus gun ìobair iad mar ìobairtean‐sìth iad don Tighearna. Agus crathaidh an sagart an fhuil air altair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail, agus loisgidh e an t‑saill a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna. Agus chan ìobair iad nas mò an ìobairtean do dhiabhail, an dèidh an deachaidh iad le strìopachas: bidh seo na reachd dhaibh gu sìorraidh air feadh an ginealaichean. Agus their thu riu, Ge bè duine air bith de thaigh Israeil, no de na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a bheir seachad tabhartas‐loisgte no ìobairt, Agus nach toir e gu doras pàillean a’ choitheanail, a‑chum a ìobradh don Tighearna; gearrar eadhon an duine sin as o mheasg a shluaigh. Agus ge bè duine de thaigh Israeil no de na coigrich a tha air chuairt nur measg, a dh’itheas gnè sam bith fala; cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin a dh’itheas fuil, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh. Oir tha beatha na feòla anns an fhuil, agus thug mi dhuibh i air an altair, a dhèanamh rèite airson ur n‑anaman: oir is i an fhuil a nì rèite airson an anama. Uime sin thubhairt mi ri cloinn Israeil, Chan ith anam sam bith agaibh fuil, cha mhò a dh’itheas an coigreach fuil a bhios air chuairt nur measg. Agus ge bè duine air bith de chloinn Israeil, no de na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a nì sealg agus a ghlacas beathach no eun a dh’fhaodar ithe, dòirtidh e a‑mach a fhuil, agus còmhdaichidh e le duslach i. Oir is i beatha gach uile fheòla a fuil; tha i airson beatha dhi: uime sin thubhairt mi ri cloinn Israeil, Chan ith sibh fuil feòla sam bith; oir is i beatha gach feòla a fuil: gach neach a dh’itheas i gearrar as e. Agus gach anam a dh’itheas an nì a bhàsaicheas dheth fhèin, no a reubadh le fiadh‐bheathaichean (mas neach e a rugadh nur tìr fhèin, no coigreach) nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar; an sin bidh e glan. Ach mura nigh e e, agus mura ionnlaid e a fheòil, an sin giùlainidh e a aingidheachd. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Is mise an Tighearna ur Dia. A rèir gnìomharan tìr na h‑Eiphit anns an robh sibh a chòmhnaidh, cha dèan sibh; agus a rèir gnìomharan tìr Chanàain gus a bheil mise gur tabhairt, cha dèan sibh; cha mhò a ghluaiseas sibh nan òrdaighean. Nì sibh mo bhreitheanais, agus gleidhidh sibh m’òrdaighean, gu gluasad annta: Is mise an Tighearna ur Dia. Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan agus mo bhreitheanais; nithean ma nì duine, bidh e beò annta: Is mise an Tighearna. Cha tig a h‑aon agaibh am fagas do aon neach a tha dlùth dha ann an dàimh, a‑chum a nàire a leigeadh ris: Is mise an Tighearna. Nochd d’athar, no nochd do mhàthar cha leig thu ris: is i do mhàthair i, cha leig thu ris a nochd. Nochd bean d’athar cha leig thu ris: is e nochd d’athar e. Nochd do pheathar, nighean d’athar, no nighean do mhàthar, co‑dhiù a rugadh i aig an taigh, no rugadh a‑muigh i, eadhon an nochd‐san cha leig thu ris. Nochd nighean do mhic, no nighean do nighinn, eadhon an nochd‐san cha leig thu ris: oir is e an nochd‐san do nochd fhèin. Nochd nighean bean d’athar, a ghineadh led athair (is i do phiuthar i) cha leig thu ris a nochd‐se. Cha leig thu ris nochd piuthar d’athar: is i bana‑charaid ro‑dhìleas d’athar i. Cha leig thu ris nochd piuthar do mhàthar: oir is i bana‑charaid ro‑dhìleas do mhàthar i. Cha leig thu ris nochd bràthair d’athar, cha tig thu am fagas da mhnaoi: is i bean bràthair d’athar i. Cha leig thu ris nochd do bhan‐chleamhna; is i bean do mhic i, cha leig thu ris a nochd. Cha leig thu ris nochd bean do bhràthar: is e nochd do bhràthar e. Cha leig thu ris nochd mnà agus a nighinn, cha mhò a ghabhas tu nighean a mic, no nighean a nighinn, a‑chum a nochd a leigeadh ris; oir is iad a bana‑chàirdean dìleas iad: is aingidheachd e. Cha mhò a ghabhas tu bean maille ra piuthair, a‑chum a buaireadh, a leigeadh ris a nochd, a thuilleadh air an tè eile, am feadh as beò i. Mar an ceudna cha tig thu am fagas do mhnaoi a leigeadh ris a nochd, nuair a chuirear air leth i airson a neòghlaine. Agus cha laigh thu gu collaidh le mnaoi do choimhearsnaich, a‑chum thu fhèin a thruailleadh leatha. Agus cha leig thu le neach air bith ded shliochd dol tron teine do Mholech, cha mhò a mhì‐naomhaicheas tu ainm do Dhè: Is mise an Tighearna. Cha laigh thu le fireannach mar le boireannach: is gràinealachd e. Cha mhò a laigheas tu le ainmhidh sam bith gud thruailleadh fhèin leis; cha mhò a sheasas bean sam bith ro ainmhidh gu laighe sìos dha: is amhluadh e. Na truaillibh sibh fhèin ann an aon sam bith de na nithean sin: oir anns na nithean sin uile thruaill na cinnich sin iad fhèin, a thilgeas mise a‑mach romhaibh. Agus shalaicheadh am fearann: uime sin leanaidh mi a aingidheachd air, agus sgeithidh am fearann fhèin a‑mach a luchd‐àiteachaidh. Uime sin, gleidhidh sibh mo reachdan agus mo bhreitheanais, agus cha dèan sibh aon air bith de na gràinealachdan sin; aon chuid neach air bith de ur cinneach fhèin, no coigreach a bhios air chuairt nur measg: (Oir na gràinealachdan sin uile rinn daoine na dùthcha, a bha romhaibh, agus tha am fearann air a thruailleadh) A‑chum nach sgeith am fearann sibhse a‑mach mar an ceudna, nuair a thruailleas sibh e, mar a sgeith e a‑mach na cinnich a bha romhaibh. Oir ge bè neach a nì aon air bith de na gràinealachdan ud, eadhon na h‑anaman a nì iad, gearrar as iad o mheasg an sluaigh. Uime sin gleidhidh sibh m’òrdaighean, a‑chum nach dèan sibh aon air bith de na gnàthannan gràineil ud, a rinneadh romhaibh, agus nach truaill sibh sibh fhèin annta: Is mise an Tighearna ur Dia. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri coitheanal chloinn Israeil uile, agus abair riu, Bithibh naomh: oir tha mise an Tighearna ur Dia naomh. Biodh eagal ur màthar agus ur n‑athar air gach duine agaibh, agus gleidhibh mo shàbaidean: Is mise an Tighearna ur Dia. Na rachaibh a thaobh gu iodhalan, agus na dèanaibh diathan leaghte dhuibh fhèin: Is mise an Tighearna ur Dia. Agus ma dh’ìobras sibh ìobairt thabhartas‐sìthe don Tighearna, ìobraidh sibh e de ur toil fhèin. Anns an là sin fhèin anns an ìobair sibh i ithear i, agus air an là màireach: agus ma mhaireas a’ bheag dhith gus an treas là, loisgear anns an teine e; Agus ma dh’ithear e idir air an treas là, is gràineil e; cha ghabhar e. Uime sin gach neach a dh’itheas e, giùlainidh e a aingidheachd, a chionn gun do mhì‐naomhaich e nì coisrigte an Tighearna: agus gearrar an t‑anam sin as o a shluagh. Agus nuair a bhuaineas sibh foghar ur fearainn, cha bhuain thu gu buileach oisnean d’achaidh, cha mhò a chruinnicheas tu dìoghlaim d’fhogharaidh. Agus cha tur‐lom thu d’fhìonlios, cha mhò a chruinnicheas tu uile fhìon‐dhearcan d’fhìonlios; don bhochd agus don choigreach fàgaidh tu iad: Is mise an Tighearna ur Dia. Cha ghoid sibh, cha mhò a nì sibh breug, no a mheallas aon agaibh a chèile. Agus cha mhionnaich sibh air m’ainm‐sa gu breugach, cha mhò a mhì‐naomhaicheas tu ainm do Dhè: Is mise an Tighearna. Cha dèan thu fòirneart air do choimhearsnach, cha mhò a nì thu reubainn air; chan fhan duais an fhir‐thuarasdail maille riut rè na h‑oidhche gu madainn. Cha mhallaich thu am bodhar, agus ron dall cha chuir thu ceap‐tuislidh, ach bidh eagal do Dhè ort; Is mise an Tighearna. Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas; cha bhi suim agad do ghnùis an duine bhochd, cha mhò a bheir thu urram do ghnùis an duine chumhachdaich; ann an ceartas bheir thu breith air do choimhearsnach. Cha tèid thu mun cuairt mar fhear‐tuaileis am measg do shluaigh; cha mhò a sheasas tu an aghaidh fuil do choimhearsnaich: Is mise an Tighearna. Cha bhi fuath agad dod bhràthair ann ad cridhe: air gach aon chor cronaichidh tu do choimhearsnach, agus chan fhuiling thu peacadh air. Cha dèan thu dìoghaltas, cha mhò a bhios falachd agad ri cloinn do shluaigh, ach gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin: Is mise an Tighearna. Gleidhidh sibh mo reachdan: Cha leig thu led sprèidh sìolachadh le gnè eile; cha chuir thu d’fhearann le sìol measgte: cha mhò a chuirear umad aodach measgte de olainn agus de lìon. Agus ge bè neach a laigheas gu collaidh le mnaoi a tha na ban‐tràill fo cheangal‐pòsaidh aig fear, agus nach d’fhuasgladh idir, cha mhò a thugadh saorsa dhi, sgiùrsar i: cha chuirear gu bàs iad, a chionn nach robh i saor. Agus bheir e a ìobairt‐easaontais don Tighearna, gu doras pàillean a’ choitheanail, eadhon reithe mar ìobairt‐easaontais. Agus nì an sagart rèite air a shon le reithe na h‑ìobairt‐easaontais an làthair an Tighearna, airson a pheacaidh a rinn e: agus maithear dha a pheacadh a rinn e. Agus nuair a thig sibh don fhearann, agus a shuidhicheas sibh gach gnè chraobh airson bìdh, an sin measaidh sibh an toradh mar nì neo‐thimcheall‐gheàrrte: trì bliadhna bidh e dhuibh mar nì neo‐thimcheall‐gheàrrte: chan ithear dheth. Ach air a’ cheathramh bliadhna bidh a thoradh uile naomh, a‑chum cliù don Tighearna. Agus air a’ chòigeamh bliadhna ithidh sibh de a thoradh, a‑chum gun toir e a chinneas dhuibh: Is mise an Tighearna ur Dia. Chan ith sibh nì sam bith leis an fhuil: cha mhò a ghnàthaicheas sibh draoidheachd, no a nì sibh fiosachd. Cha bheàrr sibh mun cuairt oisnean ur ceann, cha mhò a mhilleas tu oisnean d’fheusaig. Cha dèan sibh gearradh sam bith nur feòil airson nam marbh, cha mhò a chuireas sibh comharradh sam bith oirbh: Is mise an Tighearna. Na truaill do nighean, a thoirt oirre a bhith na strìopaich; a‑chum nach toirear am fearann gu strìopachas, agus nach lìonar an dùthaich le aingidheachd. Gleidhidh sibh mo shàbaidean agus bheir sibh urram dom ionad naomh: Is mise an Tighearna. Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain‐shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd‐fiosachd, gu bhith air ur truailleadh leo: Is mise an Tighearna ur Dia. An làthair a’ chinn lèith èiridh tu suas, agus bheir thu urram do ghnùis an duine aosda, agus bidh eagal do Dhè ort: Is mise an Tighearna. Agus ma bhios coigreach air chuairt maille riut nur tìr, cha bhuin sibh gu cruaidh ris. Mar neach a rugadh nur measg bidh dhuibhse an coigreach a tha air chuairt maille ribh, agus gràdhaichidh tu e mar thu fhèin; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia. Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas, ann an slait‐thomhais, ann an cudthrom, no ann an tomhas. Meidhean cearta, clachan‐tomhais cearta, ephah cheart, agus hin cheart bidh agaibh: Is mise an Tighearna ur Dia, a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit. Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan uile, agus mo bhreitheanais uile, agus nì sibh iad: Is mise an Tighearna. Agus labhair an Tighearna ri Maois ag ràdh, A‑rìs, their thu ri cloinn Israeil, Ge bè air bith e de cloinn Israeil, no de na coigrich a tha air chuairt ann an Israeil, a bheir a’ bheag de a shliochd do Mholech, cuirear gu cinnteach gu bàs e, clachaidh sluagh na dùthcha e le clachan. Agus cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh; a chionn gun tug e de a shliochd do Mholech, a shalachadh m’ionaid naoimh‐sa, agus a thruailleadh m’ainm naoimh. Agus ma dh’fhalaicheas sluagh na dùthcha air chor sam bith an sùilean on duine sin, nuair a bheir e de a shliochd do Mholech, agus nach marbh iad e; An sin cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus an aghaidh a theaghlaich, agus gearraidh mi as e, agus iadsan uile a thèid le strìopachas na dhèidh, a dhèanamh strìopachais le Molech, o mheasg an sluaigh. Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain‐shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd‐fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh. Naomhaichibh sibh fhèin uime sin, agus bithibh naomh: oir is mise an Tighearna ur Dia. Agus gleidhidh sibh mo reachdan, agus nì sibh iad: Is mise an Tighearna, a naomhaicheas sibh. Oir gach neach a mhallaicheas a athair no a mhàthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e: mhallaich e athair no a mhàthair; bidh a fhuil air fhèin. Agus an duine a nì adhaltranas ri mnaoi fir eile, eadhon esan a nì adhaltranas ri mnaoi a choimhearsnaich, cuirear an t‑adhaltranach agus a’ bhan‐adhaltranach gu cinnteach gu bàs. Agus an duine a laigheas le mnaoi a athar, leig e ris nochd a athar: cuirear gu cinnteach le chèile gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin. Agus ma laigheas duine le mnaoi a mhic, cuirear gu deimhinn le chèile gu bàs iad: dh’obraich iad amhluadh: bidh am fuil orra fhèin. Mar an ceudna ma laigheas duine le fear, mar a laigheas e le mnaoi, rinn iad le chèile gràinealachd: cuirear gu cinnteach gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin. Agus ma ghabhas duine da ionnsaigh bean agus a màthair, is aingidheachd e: loisgear le teine iad, eadhon esan agus iadsan, a‑chum is nach bi aingidheachd nur measg. Agus ma laigheas duine le ainmhidh, cuirear gu cinnteach gu bàs e: agus marbhaidh sibh an t‑ainmhidh. Agus ma thig bean am fagas do ainmhidh sam bith, agus gun laigh i sìos dha, marbhaidh tu a’ bhean agus an t‑ainmhidh: cuirear gu cinnteach gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin. Agus ma ghabhas duine a phiuthar, nighean a athar, no nighean a mhàthar, agus gum faic e a nochd, agus gum faic ise a nochd‐san, is nì maslach e; agus gearrar as iad ann an sealladh an sluaigh: leig e ris nochd a pheathar, giùlainidh e a aingidheachd. Agus ma laigheas duine le mnaoi agus a tinneas oirre, agus gun leig e ris a nochd, leig e ris a tobar, agus leig ise ris tobar a fala; agus gearrar as le chèile iad o mheasg an sluaigh. Agus cha leig thu ris nochd piuthar do mhàthar, no piuthar d’athar; oir tha e a’ rùsgadh a fheòla fhèin: giùlainidh iad an aingidheachd. Agus ma laigheas duine le mnaoi bhràthair a athar, leig e ris nochd bhràthair a athar: giùlainidh iad am peacadh: gheibh iad bàs gun chloinn. Agus ma ghabhas duine bean a bhràthar, is nì neòghlan e: leig e ris nochd a bhràthar; bidh iad gun chloinn. Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan uile, agus mo bhreitheanais uile, agus nì sibh iad; a‑chum is nach dèan am fearann, ga bheil mi gur tabhairt gu còmhnaidh a ghabhail ann, ur sgeith a‑mach. Agus cha ghluais sibh ann an gnàthannan nan cinneach a tha mise a’ tilgeadh a‑mach romhaibh: oir rinn iadsan na nithean sin uile, agus uime sin ghabh mi gràin dhiubh. Ach thubhairt mi ribhse, Sealbhaichidh sibh am fearann, agus bheir mi dhuibh e a‑chum a shealbhachadh, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil: Is mise an Tighearna ur Dia, a dhealaich sibhse o gach sluagh eile. Cuiridh sibh uime sin eadar‐dhealachadh eadar beathaichean glan agus neòghlan, agus eadar eunlaith neòghlan agus ghlan; agus cha dèan sibh ur n‑anaman gràineil le beathach no le eun, no le gnè air bith de nì beò a shnàigeas air an talamh, a sgar mise uaibh mar neòghlan. Agus bidh sibh naomh dhòmhsa: oir tha mise an Tighearna naomh, agus dhealaich mi sibhse o gach sluagh eile, a‑chum is gum bu leam fhèin sibh. Bean no duine, mar an ceudna, aig a bheil leannan‐sìdh, no a bhios ri fiosachd, cuirear gu deimhinn gu bàs iad: clachaidh iad le clachan iad; bidh am fuil orra fhèin. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ris na sagartan, mic Aaroin, agus abair riu, Airson nam marbh cha salaichear neach sam bith dhibh am measg a shluaigh. Ach airson a dhìlsean, a tha am fagas dha, eadhon airson a mhàthar, agus airson a athar, agus airson a mhic, agus airson a nighinn, agus airson a bhràthar, Agus airson a pheathar a tha na h‑òigh, a tha am fagas dha, aig nach robh fear‐pòsda; air a son‐se faodaidh e a bhith air a shalachadh. Ach cha salaich e e fhèin, air bhith dha na dhuine urramach am measg a shluaigh, ga thruailleadh fhèin. Cha dèan iad maoile air an ceann, agus cha bheàrr iad oisean am feusaig, cha mhò a nì iad gearradh nam feòil; Bidh iad naomh dan Dia, agus cha truaill iad ainm an Dè: oir tha iad a’ toirt seachad tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine, agus aran an Dè; uime sin bidh iad naomh. Cha ghabh iad bean a tha na strìopaich, no mì‑naomh; cha mhò a ghabhas iad bean a chuireadh air falbh o a fear: oir tha e naomh da Dhia. Uime sin naomhaichidh tu e, oir tha e a’ toirt seachad aran do Dhè; bidh e naomh dhut: oir tha mise an Tighearna naomh, a tha gur naomhachadh. Agus ma thruailleas nighean sagairt air bith i fhèin le strìopachas a dhèanamh, tha i a’ truailleadh a h‑athar: loisgear le teine i. Agus esan a tha na àrd‐shagart o mheasg a bhràithrean, neach a dhòirteadh an ola naomh air a cheann, agus a choisrigeadh a chur an èididh uime, cha rùisg e a cheann, cha mhò a reubas e a aodach, Cha mhò a thèid e a‑steach a dh’ionnsaigh cuirp mhairbh sam bith: airson a athar no airson a mhàthar cha salaich e e fhèin. Agus as an ionad naomh cha tèid e a‑mach, cha mhò a thruailleas e ionad naomh a Dhè; oir tha crùn ola‑ungaidh a Dhè air: Is mise an Tighearna. Agus gabhaidh e bean na maighdeanas. Bantrach no bean a chuireadh air falbh o a fear, no bean mhì‐naomh, no strìopach, iad sin cha ghabh e: ach òigh de a shluagh fhèin gabhaidh e na mnaoi. Agus cha truaill e a shliochd am measg a shluaigh: oir tha mise an Tighearna ga naomhachadh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri Aaron, ag ràdh, Ge bè air bith e ded shliochd nan ginealaichean, anns am bi gaoid sam bith, na tigeadh e am fagas a thoirt seachad aran a Dhè: Oir ge bè air bith duine anns am bi gaoid, cha tig e am fagas: duine dall, no bacach no aig a bheil sròn leacach, no nì sam bith a thuilleadh air a’ chòir, No duine aig am bi cas bhriste no làmh bhriste, No crotach, no na throich, no aig a bheil leus air a shùil, no air a bheil càrr, no cloimh, no aig a bheil a chlachan brùite: Cha tig duine sam bith de shliochd Aaroin an sagart, anns a bheil gaoid, am fagas a thoirt seachad tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine: tha gaoid ann, cha tig e am fagas a thoirt seachad aran a Dhè. Ithidh e aran a Dhè, araon den aran ro‑naomh, agus naomh. Ach an taobh a‑staigh den roinn‐bhrat cha tèid e, cha mhò a thig e am fagas don altair, a chionn gu bheil gaoid ann; a‑chum nach truaill e m’ionadan naomha: oir tha mise an Tighearna gan naomhachadh. Agus dh’innis Maois seo do Aaron, agus da mhic, agus do chloinn Israeil uile. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri Aaron, agus ra mhic, iad gan sgaradh fhèin o nithean naomha chloinn Israeil, agus gun iad a thoirt eas‐onair dom ainm naomh‐sa, anns na nithean sin a naomhaicheas iad dhomh: Is mise an Tighearna. Abair riu, Ge bè air bith e de ur sliochd uile am measg ur ginealaichean, a thèid a dh’ionnsaigh nan nithean naomha, a naomhaicheas clann Israeil don Tighearna, agus a neòghlaine air, gearrar as an t‑anam sin as mo làthair: Is mise an Tighearna. Ge bè air bith an duine de shliochd Aaroin a tha na lobhar, no air a bheil silteach, chan ith e de na nithean naomha, gus am bi e glan. Agus ge bè a bheanas ri nì air bith a tha neòghlan leis a’ mharbh, no duine aig a bheil a shìol a’ dol uaithe; No ge bè a bheanas ri nì air bith a shnàigeas leis an dèanar neòghlan e, no ri duine om faigh e neòghlaine, ge bè air bith neòghlaine a bhios air; An t‑anam a bheanas ri aon air bith den leithidean sin, bidh e neòghlan gu feasgar, agus chan ith e de na nithean naomha, mura nigh e a fheòil le uisge. Agus nuair a thèid a’ ghrian sìos, bidh e glan, agus an dèidh sin ithidh e de na nithean naomha, a chionn gur e a bhiadh e. An nì sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a reubar le fiadh‐bheathaichean, chan ith e, ga shalachadh fhèin leis: Is mise an Tighearna. Gleidhidh iad uime sin m’òrdagh, air eagal gun giùlain iad peacadh air a shon, agus uime sin gum faigh iad bàs, ma thruailleas iad e: tha mise an Tighearna gan naomhachadh. Chan ith coigreach sam bith den nì naomh: chan ith fear‐cuairt an t‑sagairt, no seirbhiseach tuarasdail den nì naomh. Ach ma cheannaicheas an sagart duine le a airgead, ithidh e dheth, agus esan a rugadh na thaigh; ithidh iad de a bhiadh. Agus ma bhios nighean an t‑sagairt pòsda ri coigreach, chan fhaod i ithe de thabhartas nan nithean naomha. Ach ma bhios nighean an t‑sagairt na bantraich, no dealaichte ra fear, agus gun sliochd aice, agus i air tilleadh gu taigh a h‑athar, mar na h‑òige, ithidh i de bhiadh a h‑athar; ach chan ith coigreach sam bith dheth. Agus ma dh’itheas duine den nì naomh gun fhios dha, an sin cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris, agus bheir e don t‑sagart e, maille ris an nì naomh. Agus cha truaill iad nithean naomha chloinn Israeil, a bheir iad suas don Tighearna; Cha mhò a leigeas iad leo cionta an easaontais a ghiùlan nuair a dh’itheas iad an nithean naomha: oir tha mise an Tighearna gan naomhachadh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri Aaron agus ra mhic, agus ri cloinn Israeil uile, agus abair riu, Ge bè air bith e de thaigh Israeil, no de na coigrich ann an Israel, a bheir seachad a thabhartas airson a bhòidean uile, no airson a shaor‐thabhartas uile, a bheir iad seachad don Tighearna a‑chum ìobairt‐loisgte; Bheir sibh seachad de ur toil fhèin beathach fireann gun ghaoid den bhuar, de na caoraich, no de na gobhair. Ach ge bè air bith nì anns am bi gaoid, sin cha toir sibh seachad: oir cha ghabhar air ur son e. Agus ge bè air bith e a bheir seachad ìobairt thabhartas‐sìthe don Tighearna, a choileanadh a bhòide, mar thabhartas saor‐thoile, den bhuar, no de na caoraich, bidh e iomlan, a‑chum is gun gabhar ris: cha bhi gaoid sam bith ann. Dall, no briste, no ciurramach, no air am bi fliodh, no càrr, no cloimh, cha toir sibh seachad iad sin don Tighearna, cha mhò a bheir sibh tabhartas dhiubh a bheirear suas le teine air an altair don Tighearna. Aon chuid tarbh no uan aig am bi nì sam bith thar a’ chòir, no a dh’uireasbhaidh na bhuill, sin faodaidh tu a thoirt seachad mar shaor‐thabhartas; ach airson bòide cha ghabhar ris. Nì sam bith a tha brùite, no pronnte, no reubte, no geàrrte, cha toir sibh seachad don Tighearna; agus chan ìobair sibh e nur tìr. Agus o làimh coigrich cha toir sibh seachad aran ur Dè de aon dhiubh sin; a chionn gu bheil an truaillidheachd annta, agus gu bheil gaoidean annta: cha ghabhar riu air ur son. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Nuair a bheirear tarbh, no caora, no gobhar, an sin bidh e seachd làithean fo a mhàthair; agus on ochdamh là agus à sin suas, gabhar ris mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna. Agus mas bò no caora a bhios ann, cha mharbh sibh i fhèin agus a h‑àl anns an aon là. Agus nuair a dh’ìobras sibh ìobairt‐bhuidheachais don Tighearna, ìobraidh sibh i de ur toil fhèin. Air an là sin fhèin ithear suas i, chan fhàg sibh a’ bheag dhith gu madainn: Is mise an Tighearna. Air an adhbhar sin, gleidhidh sibh m’àitheantan, agus nì sibh iad: Is mise an Tighearna. Agus cha truaill sibh m’ainm naomh‐sa, agus bidh mi air mo naomhachadh am measg chloinn Israeil: Is mise an Tighearna a tha gur naomhachadh, A thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit gu bhith am Dhia agaibh: Is mise an Tighearna. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, A‑thaobh fèillean an Tighearna, a ghairmeas sibh gu bhith nan co‑ghairmean naomha, is iad eadhon sin m’fhèillean‐sa. Sia làithean nìthear obair, ach anns an t‑seachdamh là bidh sàbaid foise, co‑ghairm naomh: obair sam bith cha dèan sibh air: is e sàbaid an Tighearna e nur n‑àiteachan‐còmhnaidh uile. Is iad sin fèillean an Tighearna, eadhon co‑ghairmean naomha, a ghairmeas sibh nan àmannan fhèin: Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh‐là‑deug den mhìos air feasgar, bidh càisg an Tighearna. Agus air a’ chòigeamh‐là‑deug den mhìos sin fhèin bidh fèill an arain neo‐ghortaichte don Tighearna: seachd làithean ithidh sibh aran neo‐ghortaichte. Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh agaibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air. Ach bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna seachd làithean: air an t‑seachdamh là bidh co‑ghairm naomh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a bheir mise dhuibh, agus a bhuaineas sibh a fhoghar, an sin bheir sibh sguab de chiad‐thoradh ur fogharaidh a dh’ionnsaigh an t‑sagairt: Agus luaisgidh e an sguab an làthair an Tighearna, a‑chum gun gabhar rithe air ur son: air an là màireach an dèidh na sàbaid luaisgidh an sagart i. Agus ìobraidh sibh air an là sin, nuair a luaisgeas sibh an sguab, uan fireann gun ghaoid, den chiad bhliadhna, mar ìobairt‐loisgte don Tighearna. Agus is e a thabhartas‐bìdh dà dheicheamh earrainn de fhlùr mìn measgte le ola, tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna, a‑chum fàile chùbhraidh: agus bidh a thabhartas‐dibhe de fhìon, an ceathramh cuid de hin. Agus chan ith sibh aran, no gràn cruadhaichte, no diasan glasa, gus an là sin fhèin anns an toir sibh tabhartas a‑chum ur Dè: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean, nur n‑àiteachan‐còmhnaidh uile: Agus àirmhidh sibh dhuibh fhèin on là màireach an dèidh na sàbaid, on là anns an tug sibh leibh sguab an tabhartas‐luaisgte: bidh seachd sàbaidean iomlan ann: Eadhon gus an là màireach an dèidh na seachdamh sàbaid, àirmhidh sibh leth‐cheud là, agus bheir sibh seachad nuadh thabhartas‐bìdh don Tighearna. Bheir sibh leibh as ur n‑àiteachan‐còmhnaidh dà bhuilinn luaisgte, de dhà dheicheamh earrainn; bidh iad de fhlùr mìn; fuinear iad le taois ghoirt; bidh iad nan ciad‐thoradh don Tighearna. Agus bheir sibh seachad maille ris an aran seachd uain gun ghaoid, den chiad bhliadhna, agus aon tarbh òg, agus dà reithe: bidh iad nan ìobairt‐loisgte don Tighearna, maille rin tabhartas‐bìdh, agus an tabhartasan‐dibhe, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. An sin ìobraidh sibh aon mheann de na gobhair mar ìobairt‐pheacaidh, agus dà uan den chiad bhliadhna mar ìobairt‐thabhartas‐sìthe. Agus luaisgidh an sagart iad maille ri aran a’ chiad toraidh, mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna, maille ris an dà uan: bidh iad naomh don Tighearna a‑chum an t‑sagairt. Agus gairmidh sibh air an là sin fhèin, a‑chum is gum bi e na cho‐ghairm naomh dhuibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air; bidh e na reachd sìorraidh nur n‑àiteachan‐còmhnaidh uile air feadh ur ginealaichean. Agus nuair a bhuaineas sibh foghar ur fearainn, cha gheàrr thu gu buileach oisnean d’achaidh nuair a bhuaineas tu, cha mhò a thionaileas tu dìoghlaim d’fhogharaidh: fàgaidh tu iad don bhochd agus don choigreach; Is mise an Tighearna ur Dia. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil ag ràdh, Anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, bidh sàbaid agaibh, cuimhneachan sèideadh thrompaidean, co‑ghairm naomh. Obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air; ach bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Mar an ceudna air an deicheamh là den t‑seachdamh mìos seo bidh là rèite; bidh e na cho‐ghairm naomh dhuibh, agus cràidhidh sibh ur n‑anaman, agus bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna. Agus obair sam bith cha dèan sibh air an là cheudna; oir is là rèite e, a dhèanamh rèite air ur son an làthair an Tighearna ur Dia. Oir ge bè anam nach bi fo chràdh anns an là sin fhèin, gearrar as e o mheasg a shluaigh. Agus gach anam a nì obair sam bith air an là cheudna, an t‑anam sin fhèin sgriosaidh mise o mheasg a shluaigh. Obair sam bith cha dèan sibh; bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean, nur n‑àiteachan‐còmhnaidh uile. Bidh e dhuibh na shàbaid foise, agus cràidhidh sibh ur n‑anaman air an naoidheamh là den mhìos air feasgar: o fheasgar gu feasgar cumaidh sibh ur sàbaid. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Air a’ chòigeamh‐là‑deug den t‑seachdamh mìos seo bidh fèill nam pàillean rè seachd làithean don Tighearna. Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air. Seachd làithean bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: air an ochdamh là bidh co‑ghairm naomh agaibh, agus bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; is àrd‐choitheanal e; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air. Is iad sin fèillean an Tighearna, a ghairmeas sibh gu bhith nan co‑ghairmean naomha, a thoirt seachad tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna, tabhartas‐loisgte, agus tabhartas‐bìdh, ìobairt, agus tabhartasan‐dibhe, gach nì air a là fhèin; A thuilleadh air sàbaidean an Tighearna, agus a thuilleadh air ur tìodhlacan, agus a thuilleadh air ur bòidean uile, agus a thuilleadh air ur saor‐thabhartasan uile, a bheir sibh don Tighearna. Mar an ceudna air a’ chòigeamh‐là‑deug den t‑seachdamh mìos, nuair a chruinnicheas sibh a‑steach toradh an fhearainn, cumaidh sibh fèill don Tighearna seachd làithean: air a’ chiad là bidh sàbaid, agus air an ochdamh là bidh sàbaid. Agus gabhaidh sibh dhuibh fhèin air a’ chiad là meas chraobhan àlainn, geugan chrann‐pailme, agus geugan chraobhan tiugha, agus seileach an t‑srutha; agus nì sibh gàirdeachas an làthair an Tighearna ur Dia seachd làithean. Agus cumaidh sibh e na fhèill don Tighearna seachd làithean anns a’ bhliadhna: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean; cumaidh sibh e anns an t‑seachdamh mìos. Ann am pàilleanan gabhaidh sibh còmhnaidh seachd làithean; gabhaidh gach aon a rugadh na Israeleach còmhnaidh ann am pàilleanan; A‑chum gum bi fhios aig ur ginealaichean gun tug mise air cloinn Israeil còmhnaidh a ghabhail ann am pàilleanan, nuair a thug mi a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia. Agus chuir Maois an cèill do chloinn Israeil fèillean an Tighearna. Agus labhair an Tighearna ri Maois ag ràdh, Aithn do chloinn Israeil iad a thoirt ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn‐ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air na lòchrain lasadh an còmhnaidh. An taobh a‑muigh de bhrat na Fianais, ann am pàillean a’ choitheanail, òrdaichidh Aaron e o fheasgar gu madainn, an làthair an Tighearna an còmhnaidh: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean. Òrdaichidh e na lòchrain air a’ choinnleir fhìorghlan an làthair an Tighearna an còmhnaidh. Agus gabhaidh tu flùr mìn, agus fuinidh tu dà‑bhreacaig‐dheug dheth: dà dheicheamh earrainn bidh ann an aon bhreacaig. Agus suidhichidh tu iad ann an dà shreath, sia ann an sreath, air a’ bhòrd fhìorghlan an làthair an Tighearna. Agus cuiridh tu tùis fhìorghlan air gach sreath, a‑chum is gum bi i air an aran mar chuimhneachan, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna. Gach aon là sàbaid cuiridh e an òrdagh e an làthair an Tighearna an còmhnaidh, air a ghabhail o chloinn Israeil le coicheangal sìorraidh. Agus is le Aaron agus a mhic e, agus ithidh iad e anns an ionad naomh; oir tha e ro‑naomh dha, de thabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine, le reachd bithbhuan. Agus chaidh mac ban‐Israelich, aig an robh Eiphiteach na athair, a‑mach am measg chloinn Israeil: agus bha mac na ban‐Israelich agus duine de Israel a’ còmhstri anns a’ champ. Agus mhaslaich mac na ban‐Israelich ainm an Tighearna, agus mhallaich e: agus thug iad gu Maois e (agus b’e ainm a mhàthar Selomit, nighean Dhibri, de threubh Dhan); Agus chuir iad an làimh e, a‑chum gun nochdte dhaibh inntinn an Tighearna. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Thoir a‑mach esan a mhallaich an taobh a‑muigh den champ, agus cuireadh iadsan uile a chuala e an làmhan air a cheann, agus clachadh an co‑chruinneachadh uile e. Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ge bè neach a mhallaicheas a Dhia, giùlainidh e a pheacadh. Agus esan a mhaslaicheas ainm an Tighearna, cuirear gu cinnteach gu bàs e; clachaidh gu deimhinn an co‑chruinneachadh uile e: an coigreach cho math ris‐san a rugadh anns an dùthaich, nuair a mhaslaicheas e ainm an Tighearna, cuirear gu bàs e. Agus esan a mharbhas duine sam bith, cuirear gun teagamh gu bàs e. Agus esan e mharbhas ainmhidh, nì e dìoladh air a shon; ainmhidh airson ainmhidh. Agus ma bheir duine ciurram air a choimhearsnach, mar a rinn e, mar sin nìthear air: Briseadh airson brisidh, sùil airson sùla, fiacail airson fiacla: mar a thug e ciurram air duine, mar sin nìthear air. Agus esan a mharbhas ainmhidh, dìolaidh e e: agus an neach a mharbhas duine, cuirear gu bàs e. Bidh an t‑aon ghnè lagha agaibh cho math airson a’ choigrich, agus air aon neach de mhuinntir ur dùthcha fhèin: oir is mise an Tighearna ur Dia. Agus labhair Maois ri cloinn Israeil, iad a thoirt leo esan a mhallaich, an taobh a‑muigh den champ, agus a chlachadh le clachan: agus rinn clann Israeil mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus labhair an Tighearna ri Maois ann an sliabh Shinài, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh a‑chum na tìre a bheir mise dhuibh, an sin gleidhidh an tìr sàbaid don Tighearna. Sia bliadhna cuiridh tu d’fhearann, agus sia bliadhna bearraidh tu d’fhìonlios, agus cruinnichidh tu a‑steach a thoradh. Ach anns an t‑seachdamh bliadhna bidh sàbaid foise don tìr, sàbaid don Tighearna; d’fhearann cha chuir thu, agus d’fhìonlios cha bheàrr thu. An nì sin a dh’fhàsas dheth fhèin ded fhoghar, cha bhuain thu, agus fìondhearcan d’fhìonain neo‐dheasaichte cha chruinnich thu: na bliadhna foise bidh i don tìr. Agus bidh sàbaid na tìre na biadh dhuibh: dhut fhèin, agus dod òglach, agus dod bhanoglaich, agus dod fhear‐tuarasdail, agus dod choigreach a tha air chuairt maille riut; Agus dod sprèidh agus don fhiadh‐bheathach a tha ann ad fhearann; bidh a cinneas uile a‑chum bìdh. Agus àirmhidh tu dhut fhèin seachd sàbaidean de bhliadhnachan, seachd uairean seachd bliadhna; agus bidh ùine nan seachd sàbaidean de bhliadhnachan dhut na naoi bliadhna is dà‑fhichead. An sin bheir thu fa‑near trompaid na h‑Iubile a shèideadh anns an t‑seachdamh mìos, air an deicheamh là den mhìos: ann an là na rèite bheir sibh fa‑near an trompaid a shèideadh air feadh ur tìre uile. Agus naomhaichidh sibh an deicheamh bliadhna is dà‑fhichead, agus gairmidh sibh saorsa air feadh na dùthcha, da luchd‐àiteachaidh uile: bidh i na h‑Iubile dhuibh, agus tillidh sibh gach duine a‑chum a sheilbhe fhèin, agus tillidh gach duine agaibh gu a theaghlach fhèin. Bidh an deicheamh bliadhna sin agus dà‑fhichead na h‑Iubile dhuibh; cha chuir sibh sìol, cha mhò a bhuaineas sibh an nì a dh’fhàsas dheth fhèin innte, cha mhò a thionaileas sibh dearcan fìona innte ded fhìonain neo‐dheasaichte: Oir is Iubile i, bidh i naomh dhuibh; ithidh sibh a cinneas as an fhearann. Ann am bliadhna na h‑Iubile seo tillidh gach duine agaibh a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin. Agus ma reiceas tu a’ bheag rid choimhearsnach, no ma cheannaicheas tu a’ bheag o làimh do choimhearsnaich, cha dèan sibh eucoir air a chèile. A rèir àireamh nam bliadhnachan an dèidh na h‑Iubile ceannaichidh tu od choimhearsnach, agus a rèir àireamh bhliadhnachan nan toraidhean reicidh e riut. A rèir lìonmhorachd nam bliadhnachan meudaichidh tu a luach, agus a rèir teircead nam bliadhnachan lùghdaichidh tu a luach: oir a rèir àireamh bliadhnachan nan toraidhean tha e a’ reic riut. Agus cha dèan sibh eucoir air a chèile: ach bidh eagal do Dhè ort; oir is mise an Tighearna ur Dia. Uime sin nì sibh mo reachdan, agus gleidhidh sibh mo bhreitheanais, agus nì sibh iad; agus gabhaidh sibh còmhnaidh anns an tìr ann an tèarainteachd. Agus bheir am fearann a‑mach a thoradh, agus ithidh sibh ur sàth, agus gabhaidh sibh còmhnaidh ann gu tèarainte. Agus ma their sibh, Ciod a dh’itheas sinn air an t‑seachdamh bliadhna? Feuch, cha chuir sinn sìol, cha mhò a chruinnicheas sinn ar toradh; An sin àithnidh mise mo bheannachadh oirbh anns an t‑siathamh bliadhna, agus bheir i a‑mach toradh airson trì bliadhna. Agus cuiridh sibh air an ochdamh bliadhna, agus ithidh sibh fhathast den t‑seann toradh gus an naoidheamh bliadhna; gus an tig a toradh a‑steach, ithidh sibh den t‑seann toradh. Cha reicear am fearann gu bràth; oir is leamsa am fearann: oir is coigrich agus luchd‐cuairt sibhse maille rium. Agus ann am fearann ur seilbhe uile, bheir sibh saorsa don fhearann. Ma dh’fhàs do bhràthair bochd, agus gun do reic e cuid de a sheilbh, agus ma thig aon air bith de a dhìlsean ga fhuasgladh, an sin fuasglaidh e an nì a reic a bhràthair. Agus mura eil aig an duine neach ga fhuasgladh, agus gur urrainn e fhèin a fhuasgladh; An sin àirmheadh e bliadhnachan a reicidh, agus thugadh e air ais an nì a tha thairis don duine ris an do reic e e, a‑chum is gun till e a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin. Agus mura urrainn e sin a thoirt air ais dha, an sin fanaidh an nì sin a reiceadh ann an làimh an neach a cheannaich e, gu bliadhna na h‑Iubile: agus anns an Iubile thèid e a‑mach, agus tillidh e a‑chum a sheilbhe. Agus ma reiceas duine taigh‐còmhnaidh ann am baile cuartaichte le balla, an sin faodaidh e a fhuasgladh an taobh a‑staigh de bhliadhna iomlain an dèidh a reiceadh: an taobh a‑staigh de bhliadhna iomlain faodaidh e a fhuasgladh. Agus mura fuasglar e gus an coileanar bliadhna iomlan, an sin daingnichear an taigh, a tha an taobh a‑staigh den bhaile cuartaichte le balla, gu bràth dhàsan a cheannaich e, air feadh a ghinealaichean: cha tèid e a‑mach anns an Iubile. Ach measar taighean nam bailtean nach eil cuartaichte le balla mar fhearann na tìre: faodar am fuasgladh, agus thèid iad a‑mach anns an Iubile. Gidheadh, bailtean nan Lèbhitheach, agus taighean bailtean an seilbhe, faodaidh na Lèbhithich am fuasgladh uair sam bith. Agus ma cheannaicheas duine o na Lèbhithich, an sin thèid an taigh a reiceadh, agus baile a sheilbhe, a‑mach anns an Iubile; oir is iad taighean bailtean nan Lèbhitheach an sealbh am measg chloinn Israeil. Ach chan fhaodar am fearann a tha an taobh a‑muigh dem bailtean a reic, oir is e sin an sealbh mhaireannach. Agus ma dh’fhàsas do bhràthair bochd, agus gun tèid e a dhèidh‐làimh agad, an sin fuasglaidh tu air: seadh, ged as coigreach no fear‐cuairt e: agus bidh e beò maille riut. Na gabh riadh uaithe, no tuilleadh is a thug thu dha: ach biodh eagal do Dhè ort, a‑chum is gum faod do bhràthair a bhith beò maille riut. D’airgead cha toir thu dha air riadh, agus airson buannachd cha toir thu dha do bhiadh. Is mise an Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, a thoirt dhuibh tìr Chanàain, agus a bhith am Dhia agaibh. Agus ma dh’fhàs do bhràthair a tha làimh riut bochd, agus gun do reiceadh riut e, cha toir thu air seirbhis a dhèanamh mar thràill: Mar sheirbhiseach tuarasdail, agus mar fhear‐cuairte, bidh e maille riut; gu bliadhna na h‑Iubile nì e seirbhis dhut. Agus an sin imichidh e uat, e fhèin agus a chlann maille ris, agus tillidh e a‑chum a theaghlaich fhèin, agus a‑chum sealbh a athraichean tillidh e: Oir is iad mo sheirbhisich‐sa, a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit: cha reicear iad mar thràillean. Cha ghnàthaich thu uachdaranachd os a chionn le an‑iochd, ach bidh eagal do Dhè ort. Agus bidh do thràillean, agus do bhan‐tràillean, a bhios agad, de na cinnich a tha mur timcheall; uapasan ceannaichidh sibh tràillean agus ban‐tràillean. Agus a thuilleadh air seo, o chloinn nan coigreach a tha air chuairt nur measg, uapasan ceannaichidh sibh, agus on teaghlaichean a tha maille ribh, a ghin iad nur fearann: agus bidh iad nan seilbh dhuibh. Agus gabhaidh sibh iad mar oighreachd dur cloinn nur dèidh, a‑chum an sealbhachadh mar oighreachd; bidh iad dhuibh nan tràillean a‑chaoidh: ach os cionn ur bràithrean, clann Israeil, eadhon os cionn a chèile, cha ghnàthaich sibh uachdaranachd le an‑iochd. Agus ma dh’fhàsas fear‐cuairte no coigreach saoibhir làimh riut, agus ma dh’fhàsas do bhràthair làimh ris bochd, agus gun reic e e fhèin ris a’ choigreach, ris an fhear‐chuairte a tha maille riut, no ri gineal teaghlach a’ choigrich: An dèidh a reic, faodar a fhuasgladh a‑rìs: faodaidh aon de a bhràithrean a fhuasgladh; Faodaidh aon chuid bràthair a athar, no mac bhràthair a athar a fhuasgladh, no faodaidh aon neach a tha dlùth an dàimh dha de a theaghlach fhèin a fhuasgladh; no mas urrainn e, faodaidh e e fhèin fhuasgladh. Agus nì e cunntas ris‐san a cheannaich e on bhliadhna anns an do reiceadh ris e, gu bliadhna na h‑Iubile: agus bidh luach a reicidh a rèir àireamh nam bliadhnachan; a rèir aimsir seirbhisich‐tuarasdail bidh e dha. Ma bhios fhathast mòran bhliadhnachan ri teachd, dan rèir sin bheir e a‑rìs luach a fhuasglaidh, as an airgead airson an do cheannaicheadh e. Agus mura eil ri teachd ach beagan bhliadhnachan gu bliadhna na h‑Iubile, an sin nì e cunntas ris, agus a rèir a bhliadhnachan bheir e dha a‑rìs luach a fhuasglaidh. Mar sheirbhiseach a tha air thuarasdal o bhliadhna gu bliadhna bidh e maille ris: cha ghnàthaichear uachdaranachd os a chionn le an‑iochd ann ad shealladh‐sa. Agus mura fuasglar e anns na bliadhnachan sin, an sin thèid e a‑mach ann am bliadhna na h‑Iubile, e fhèin agus a chlann maille ris. Oir dhòmhsa tha clann Israeil nan seirbhisich; is iadsan mo sheirbhisich‐sa a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia. Cha dèan sibh dhuibh fhèin iodhalan no coslas snaidhte, agus cha chuir sibh suas ìomhaigh dhuibh fhèin, cha mhò a shuidhicheas sibh dealbh‐cloiche nur fearann, gu cromadh sìos dha; oir is mise an Tighearna ur Dia. Gleidhidh sibh mo shàbaidean, agus bheir sibh urram dom ionad naomh: Is mise an Tighearna. Ma ghluaiseas sibh am reachdan, agus ma ghleidheas sibh m’àitheantan, agus ma nì sibh iad; An sin bheir mise dhuibh uisge na àm fhèin, agus bheir am fearann a‑mach a thoradh, agus bheir craobhan na machrach am meas uapa. Agus ruigidh ur bualadh am fìon‐fhoghar, agus ruigidh ur fìon‐fhoghar àm an t‑sìol‐chur, agus ithidh sibh ur n‑aran gu ur sàth, agus gabhaidh sibh còmhnaidh gu tèarainte nur tìr. Agus bheir mise sìth anns an tìr, agus laighidh sibh sìos, agus cha chuir neach sam bith eagal oirbh: agus sgriosaidh mi droch bheathaichean as an dùthaich, agus cha tèid an claidheamh tro ur fearann. Agus ruaigidh sibh ur naimhdean, agus tuitidh iad romhaibh leis a’ chlaidheamh. Agus cuiridh còignear dhibh an ruaig air ceud, agus cuiridh ceud dhibh an ruaig air deich mìle: agus tuitidh ur naimhdean romhaibh leis a’ chlaidheamh. Oir amhaircidh mise oirbh, agus nì mi sìolmhor sibh, agus bheir mi oirbh fàs lìonmhor, agus daingnichidh mi mo choicheangal ribh. Agus ithidh sibh an seann lòn, agus bheir sibh a‑mach an seann lòn airson an lòin nodha. Agus suidhichidh mi mo phàillean nur measg: agus cha bhi gràin aig m’anam dhibh. Agus imichidh mi nur measg, agus bidh mi am Dhia dhuibh, agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa. Is mise an Tighearna ur Dia a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a‑chum is nach biodh sibh nur tràillean aca; agus bhris mi cuibhreach ur cuinge, agus thug mi oirbh imeachd dìreach. Ach mura èisd sibh rium, agus mura dèan sibh na h‑àitheantan sin uile; Agus ma nì sibh tàir air mo reachdan, no ma ghabhas ur n‑anam gràin dem bhreitheanais, air chor is nach dèan sibh m’àitheantan uile, ach gum bris sibh mo choicheangal; Nì mise mar an ceudna seo ribhse; òrdaichidh mi oirbh uamhas, caitheamh agus fiabhras loisgeach, a chaitheas na sùilean, agus a bheir cràdh don chridhe: agus cuiridh sibh ur sìol ann an dìomhanas, oir ithidh ur naimhdean e. Agus cuiridh mise mo ghnùis nur n‑aghaidh, agus marbhar sibh an làthair ur naimhdean: agus rìghichidh a’ mhuinntir air am beag sibh oirbh, agus teichidh sibh nuair nach bi neach an tòir oirbh. Agus mura èisd sibh rium fhathast air a shon seo uile, an sin nì mi peanas oirbh seachd uairean nas mò airson ur peacaidhean. Agus brisidh mi uabhar ur cumhachd; agus nì mi ur nèamhan mar iarann, agus ur talamh mar umha: Agus caithear ur spionnadh ann an dìomhanas; oir cha toir ur fearann a fhàs uaithe, cha mhò a bheir craobhan na tìre am meas uapa. Agus ma thèid sibh am aghaidh, agus nach èisd sibh rium; bheir mi seachd uairean tuilleadh phlàighean oirbh, a rèir ur peacaidhean. Cuiridh mi mar an ceudna fiadh‐bheathaichean na machrach nur measg, a bheir uaibh ur clann, agus a chuireas as dur sprèidh, agus a nì sibh tearc ann an àireamh, agus bidh ur rathaidean mòra fàs. Agus mura leasaichear leamsa sibh leis na nithean sin, ach gun tèid sibh am aghaidh; An sin thèid mise mar an ceudna nur n‑aghaidh‐se, agus nì mi peanas oirbh seachd uairean fhathast airson ur peacaidhean. Agus bheir mi claidheamh oirbh a dhìolas cùis‐ghearain mo choicheangail; agus nuair a chruinnichear sibh an ceann a chèile an taobh a‑staigh de ur bailtean, cuiridh mi a’ phlàigh nur measg; agus bheirear thairis sibh do làimh naimhdean. Nuair a bhriseas mise lorg ur n‑arain, fuinidh deich mnathan ur n‑aran ann an aon àmhainn, agus bheir iad air ais dhuibh ur n‑aran air a thomhas, agus ithidh sibh agus cha bhi sibh sàthach. Agus mura èisd sibh airson seo uile rium, ach gun tèid sibh am aghaidh; An sin thèid mise nur n‑aghaidh‐se mar an ceudna ann am fraoch feirge; agus smachdaichidh mise, eadhon mise, seachd uairean sibh airson ur peacaidhean. Agus ithidh sibh feòil ur mac, agus feòil ur nigheanan ithidh sibh. Agus cuiridh mise as dur n‑ionadan àrda, agus gearraidh mi sìos ur dealbhan, agus tilgidh mi ur colainnean air colainnean ur n‑iodhalan, agus gabhaidh m’anam gràin dhibh. Agus cuiridh mi ur bailtean fàs, agus bheir mi lom‐sgrìob air ur n‑ionadan naomha, agus cha ghabh mi fàile ur boltraich chùbhraidh. Agus bheir mi lom‐sgrìob air an fhearann, agus bidh ioghnadh air ur naimhdean a ghabhas còmhnaidh ann, mun nì sin. Agus sgapaidh mi sibh am measg nan cinneach agus tàirngidh mi claidheamh nur dèidh; agus bidh ur fearann creachte, agus ur bailtean fàs. An sin mealaidh am fearann a shàbaidean, am fad is a laigheas e fàs, agus a bhios sibhse ann am fearann ur naimhdean; eadhon an sin gabhaidh am fearann fois, agus mealaidh e a shàbaidean. Am fad is a laigheas am fearann fàs, bidh fois aige; do bhrìgh nach robh fois aige nur sàbaidean‐se, nuair a ghabh sibh còmhnaidh ann. Agus orrasan a dh’fhàgar beò dhibh, cuiridh mise laigse nan cridheachan ann an dùthchannan an naimhdean; agus cuiridh fuaim duilleig air chrith iad air theicheadh; agus teichidh iad, mar gum biodh iad a’ teicheadh on chlaidheamh; agus tuitidh iad nuair nach bi neach an tòir orra. Agus tuitidh iad air muin a chèile, mar gum b’ann ron chlaidheamh, nuair nach bi neach an tòir orra; agus cha bhi neart agaibh gu seasamh ro ur naimhdean. Agus thèid as dhuibh am measg nan cinneach, agus ithidh talamh ur naimhdean suas sibh. Agus iadsan a dh’fhàgar dhibh, seargaidh iad as nan aingidheachd ann an dùthchannan ur naimhdean; agus, mar an ceudna, ann an euceartan an athraichean seargaidh iad as maille riu. Ma dh’aidicheas iad an aingidheachd fhèin, agus aingidheachd an athraichean, a rèir an easaontais a rinn iad am aghaidh, agus mar an ceudna gun do ghluais iad am aghaidh; Agus gun do ghluais mise mar an ceudna nan aghaidh‐san, agus gun tug mi iad do dhùthaich an naimhdean; ma bhios an sin an cridhe neo‐thimcheall‐gheàrrte air irioslachadh, air chor is gun gabh iad ri peanas an aingidheachd: An sin cuimhnichidh mise mo choicheangal ri Iàcob, agus mar an ceudna mo choicheangal ri Isaac, agus mar an ceudna mo choicheangal ri Abrahàm cuimhnichidh mi; agus cuimhnichidh mi am fearann. Trèigear mar an ceudna am fearann leo, agus mealaidh e a shàbaidean, am feadh is a tha e na laighe fàs as an eugmhais; agus gabhaidh iad ri peanas an aingidheachd; a chionn, eadhon a chionn gun do rinn iad tàir air mo bhreitheanais, agus a chionn gun do ghabh an anam gràin dem reachdan. Agus gidheadh air a shon seo uile, nuair a bhios iad ann an tìr an naimhdean, cha tilg mi uam iad, cha mhò a ghabhas mi gràin dhiubh, gan sgrios gu tur, agus a bhriseadh mo choicheangail riu: oir is mise an Tighearna an Dia. Ach air an sgàth‐san cuimhnichidh mi coicheangal an sinnsirean, a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ann an sealladh nan cinneach, a‑chum is gum bithinn am Dhia aca: Is mise an Tighearna. Is iad sin na h‑òrdaighean, agus na breitheanais, agus na reachdan, a rinn an Tighearna eadar e fhèin agus clann Israeil, ann an sliabh Shinài, le làimh Mhaois. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a bheir duine bòid àraidh, buinidh na h‑anaman don Tighearna, a rèir do mheas: Agus bidh do mheas, air an fhireannach o fhichead bliadhna a dh’aois eadhon gu trì‐fichead bliadhna a dh’aois; bidh eadhon do mheas leth‐cheud secel airgid, a rèir secel an ionaid naoimh. Agus mas boireannach a bhios ann, an sin bidh do mheas deich seceil ar fhichead. Agus mas gille o chòig bliadhna a dh’aois, eadhon gu fichead bliadhna a dh’aois, a bhios ann, an sin bidh do mheas airson an fhireannaich fichead secel, agus airson a’ bhoireannaich deich seceil. Agus mas ann o mhìos a dh’aois, eadhon gu còig bliadhna a dh’aois, an sin bidh do mheas airson an fhireannaich còig seceil airgid, agus airson a’ bhoireannaich bidh do mheas trì seceil airgid. Agus mas ann a bhios e o thrì‐fichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, mas fireannach e, an sin bidh do mheas còig‐seceil‐deug, agus airson boireannaich deich seceil. Ach ma bhios e nas bochda na do mheas, an sin nochdaidh e e fhèin an làthair an t‑sagairt, agus measaidh an sagart e: a rèir a chomais‐san a thug a’ bhòid, measaidh an sagart e. Agus mas ainmhidh e, den toir daoine tabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bidh gach nì a bheir duine den leithidean sin don Tighearna, naomh. Cha mhùth e e, cha mhò a mhalairticheas e e, math airson uilc, no olc airson maith: ach ma mhalairticheas e, air chor sam bith, ainmhidh airson ainmhidh, an sin bidh e fhèin, agus an nì a fhuaireadh na mhalairt, naomh. Agus mas ainmhidh neòghlan sam bith e, de nach toir iad seachad tabhartas don Tighearna, an sin nochdaidh e an t‑ainmhidh an làthair an t‑sagairt: Agus measaidh an sagart e, mas math no olc e; mar a mheasas tusa a bhios ad shagart e, mar sin bidh e. Ach ma dh’fhuasglas e air chor sam bith e, an sin cuireadh e an còigeamh cuid dheth rid mheas‐sa. Agus nuair a choisrigeas duine a thaigh, gu bhith naomh don Tighearna, an sin measaidh an sagart e, mas math no olc e: mar a mheasas an sagart e, mar sin seasaidh e. Agus ma dh’fhuasglas esan a choisrig e a thaigh, an sin cuiridh e an còigeamh cuid de airgead do mheas‐sa ris, agus bidh e leis. Agus ma choisrigeas duine don Tighearna cuid de fhearann a sheilbhe, an sin bidh do mheas a rèir a shìl: measar homer de shìol eòrna aig leth‐cheud secel airgid. Ma choisrigeas e a fhearann o bhliadhna na h‑Iubile, a rèir do mheas seasaidh e. Ach ma choisrigeas e a fhearann an dèidh na h‑Iubile, an sin àirmhidh an sagart an t‑airgead dha a rèir nam bliadhnachan a tha ri teachd, eadhon gu bliadhna na h‑Iubile, agus leigear sin sìos ded mheas. Agus ma dh’fhuasglas am fear a choisrig am fearann e air chor sam bith, an sin cuiridh e an còigeamh cuid de airgead do mheas‐sa ris, agus daingnichear dha e. Agus mura fuasgail e am fearann, no ma reic e am fearann ri duine eile, chan fhuasglar nas mò e. Ach bidh am fearann, nuair a thèid e a‑mach anns an Iubile, naomh don Tighearna, mar fhearann coisrigte: buinidh a shealbh don t‑sagart. Ach ma choisrigeas duine don Tighearna fearann a cheannaich e, nach ann de fhearann a sheilbhe; An sin àirmhidh an sagart dha luach do mheas, eadhon gu bliadhna na h‑Iubile, agus bheir e seachad do mheas anns an là sin, mar nì naomh don Tighearna. Ann am bliadhna na h‑Iubile tillidh am fearann da ionnsaigh‐san on do cheannaicheadh e, eadhon da ionnsaigh‐san, dom buineadh sealbh an fhearainn. Agus bidh do mheas‐sa uile a rèir secel an ionaid naoimh; bidh fichead gerah anns an t‑secel. Ach ciad‐ghin nan ainmhidh, a bu chòir a bhith na chiad‐ghin don Tighearna, cha choisrig duine air bith sin, co‑dhiù as tarbh no caora e: is leis an Tighearna e. Ach mas ann de bheathach neòghlan e, an sin fuasglaidh e e a rèir do mheas‐sa, agus cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris; no mura fuasglar e, an sin reicear e a rèir do mheas. Gidheadh, cha reicear agus chan fhuasglar nì sam bith coisrigte a choisrigeas duine don Tighearna, de gach nì a tha aige, araon de dhuine agus de ainmhidh, agus de fhearann a sheilbhe: tha gach nì coisrigte ro‑naomh don Tighearna. Chan fhuasglar nì sam bith coisrigte, a choisrigear le daoine: ach cuirear gu cinnteach gu bàs e. Agus uile dheicheamh an fhearainn, mas ann de shìol an fhearainn, no de mheas na craoibhe, is leis an Tighearna e; tha e naomh don Tighearna. Agus ma dh’fhuasglas duine idir a’ bheag de a dheicheamh, cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris. Agus a‑thaobh uile dheicheamh a’ chruidh, no an treuda, eadhon gach nì air bith a dh’imicheas fon t‑slait; bidh an deicheamh dheth naomh don Tighearna. Cha rannsaich e am bi e math no olc, cha mhò a mhalairticheas e e: agus ma mhalairticheas e idir e, an sin bidh an dà chuid e fhèin agus a mhalairt naomh; chan fhuasglar e. Is iad sin na h‑àitheantan a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, airson chloinn Israeil, ann an sliabh Shinài. Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, ann am pàillean a’ choitheanail, air a’ chiad là den dara mìos, anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ag ràdh, Gabhaibh àireamh cinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean, maille ri àireamh an ainmean, gach fireannach a rèir an ceann: O fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon as urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel, àirmhidh tusa agus Aaron iad a rèir am buidhnean. Agus maille ribhse bidh duine de gach uile threubh: gach aon dhiubh na cheann‐taighe a athraichean. Agus is iad seo ainmean nan daoine a sheasas maille ribh: De threubh Reubein: Elisur mac Shedeuir. De Shimeon: Selumiel mac Shurisadai. De Iùdah: Nahson mac Aminadaib. De Isachar: Nàtaneel mac Shuair. De Shebulun: Eliab mac Heloin. De chloinn Iòseiph: de Ephraim, Elisama mac Amihuid; de Mhanaseh, Gamaliel mac Phedahsuir. De Bheniàmin: Abidan mac Ghideoni. De Dhan: Ahieser mac Amisadai. De Aser: Pagiel mac Ocrain. De Ghad: Eliasaph mac Dheueil. De Naphtali: Ahira mac Enain. B’iad sin daoine ainmeil a’ cho‐chruinneachaidh, cinn‐fheadhna treubhan an athraichean, ceannardan mhìltean ann an Israel. Agus ghabh Maois agus Aaron na daoine sin, a ghairmeadh air an ainmean. Agus thionail iad an co‑chruinneachadh uile an ceann a chèile air a’ chiad là den dara mìos, agus chuir iad an cèill an ginealaichean a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus thairis, a rèir an ceann. Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an àireamh ann am fàsach Shinài. Agus bha clann Reubein, am mac a bu shine a bha aig Israel, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, a rèir an ceann, gach fireannach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh: Bha iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Reubein, nan dà‑fhichead agus sia mìle agus còig ceud. De chloinn Shimeoin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireamh nan ainmean a rèir an ceann, gach fireannach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Shimeoin, leth‐cheud agus naoi mìle agus trì cheud. De chloinn Ghad, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh eadhon de threubh Ghad, dà‑fhichead agus còig mìle agus sia ceud agus leth‐cheud. De chloinn Iùdah, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh: B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Iùdah, trì‐fichead agus ceithir‐mìle‐deug agus sia ceud. De chloinn Isachair, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh: B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Isachair, leth‐cheud agus ceithir mìle agus ceithir cheud. De chloinn Shebuluin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Shebuluin, leth‐cheud agus seachd mìle agus ceithir cheud. De chloinn Iòseiph, eadhon de chloinn Ephraim, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Ephraim, dà‑fhichead mìle agus còig ceud. De chloinn Mhanaseh, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Mhanaseh, dà‑mìle‐dheug ar fhichead agus dà cheud. De chloinn Bheniàmin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Bheniàmin, còig‐mìle‐deug ar fhichead agus ceithir cheud. De chloinn Dhan, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Dhan, trì‐fichead agus dà mhìle agus seachd ceud. De chloinn Aseir, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Aseir, aon mhìle agus dà‑fhichead agus còig ceud. De chloinn Naphtali, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Naphtali, trì‐mìle‐deug agus dà‑fhichead agus ceithir cheud. Sin iadsan a chaidh àireamh, a dh’àireamh Maois agus Aaron, agus ceannardan Israeil, eadhon dà‑fhear‐dheug: bha gach fear dhiubh airson taigh a athraichean. Mar sin bha iadsan uile a chaidh àireamh de chloinn Israeil, a rèir taighean an athraichean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel; Eadhon iadsan uile a chaidh àireamh, b’iad sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus leth‐cheud. Ach cha deachaidh na Lèbhithich, a rèir treubh an athraichean, àireamh nam measg: Oir labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, A‑mhàin chan àireamh thu treubh Lèbhi, cha mhò a ghabhas tu an cunntas cheann am measg chloinn Israeil: Ach òrdaichidh tu na Lèbhithich os cionn pàillean na Fianais, agus os cionn a shoithichean uile, agus os cionn nan uile nithean a bhuineas dha: giùlainidh iad am pàillean, agus a shoithichean uile; agus frithealaidh iad dha, agus campaichidh iad mun cuairt air a’ phàillean. Agus nuair a bhios am pàillean gu dol air aghaidh, leagaidh na Lèbhithich a‑nuas e: agus nuair a bhios am pàillean ra shuidheachadh, togaidh na Lèbhithich suas e: agus cuirear an coigreach a thig am fagas gu bàs. Agus suidhichidh clann Israeil am bùthan, gach duine làimh ra chuideachd fhèin, agus gach duine làimh ra bhrataich fhèin, air feadh an armailtean. Ach suidhichidh na Lèbhithich am bùthan mun cuairt air pàillean na Fianais; a‑chum is nach bi corraich air co‑chruinneachadh chloinn Israeil, agus gleidhidh na Lèbhithich cùram pàillean na Fianais. Agus rinn clann Israeil a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh, Suidhichidh gach duine de chloinn Israeil làimh ra bhrataich fhèin, maille ri suaicheantas taigh an athraichean: fad as mun cuairt air pàillean a’ choitheanail suidhichidh iad. Agus air taobh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, suidhichidh luchd‐brataich camp Iùdah, a rèir an armailtean: agus bidh Nahson mac Aminadaib na cheannard air cloinn Iùdah. Agus b’iad a armailt‐san, eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, trì‐fichead agus ceithir‐mìle‐deug agus sia ceud. Agus am fagas dha suidhichidh treubh Isachair: agus bidh Nataneel mac Shuair na cheannard air cloinn Isachair. Agus b’iad a armailt‐san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, leth‐cheud agus ceithir mìle agus ceithir cheud. An sin treubh Shebuluin: agus bidh Eliab mac Heloin na cheannard air cloinn Shebuluin. Agus b’iad a armailt‐san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, leth‐cheud agus seachd mìle agus ceithir cheud. Na h‑uile a chaidh àireamh ann an camp Iùdah, b’iad ceud mìle agus ceithir‐fichead mìle agus sia mìle agus ceithir cheud, a rèir an armailtean: thèid iad seo a‑mach air thùs. Air taobh na h‑àird a deas bidh bratach camp Reubein, a rèir an armailtean: agus na cheannard air cloinn Reubein bidh Elisur mac Shedeuir. Agus b’iad a armailt‐san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, dà‑fhichead agus sia mìle agus còig ceud. Agus làimh ris suidhichidh treubh Shimeoin; agus bidh Selumiel mac Shurisadai na cheannard air cloinn Shimeoin. Agus b’iad a armailt‐san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, leth‐cheud agus naoi mìle agus trì cheud. An sin treubh Ghad: agus na cheannard air mic Ghad, bidh Eliasaph mac Reueil. Agus b’iad a armailt‐san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead agus còig mìle agus sia ceud agus leth‐cheud. Na h‑uile a chaidh àireamh ann an camp Reubein, b’iad ceud mìle, agus leth‐cheud agus aon mhìle, agus ceithir cheud agus leth‐cheud, a rèir an armailtean: agus thèid iadsan a‑mach anns an dara òrdagh. An sin thèid pàillean a’ choitheanail air aghaidh, maille ri camp nan Lèbhitheach am meadhon a’ champa: mar a champaicheas iad, mar sin thèid iad air an aghaidh, gach duine na àite fhèin, làimh rim brataichean. Air taobh na h‑àird an iar bidh bratach camp Ephraim, a rèir an armailtean: agus bidh Elisama mac Amihuid na cheannard air mic Ephraim. Agus b’iad a armailt‐san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead mìle agus còig ceud. Agus làimh ris‐san bidh treubh Mhanaseh: agus bidh Gameliel mac Phedahsuir na cheannard air cloinn Mhanaseh. Agus b’iad a armailt‐san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑mhìle‐dheug ar fhichead agus dà cheud. An sin treubh Bheniàmin: agus bidh Abidan mac Ghideoni na cheannard air mic Bheniàmin. Agus b’iad a armailt‐san agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, còig‐mìle‐deug ar fhichead agus ceithir cheud. B’iadsan uile a dh’àirmheadh de champ Ephraim, ceud mìle, agus ochd mìle agus ceud, a rèir an armailtean: agus thèid iadsan air an aghaidh anns an treas òrdagh. Bidh bratach camp Dhan air taobh na h‑àird a tuath a rèir an armailtean: agus bidh Ahieser mac Amisadai na cheannard air cloinn Dhan. Agus b’iad a armailt‐san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, trì‐fichead agus dà mhìle agus seachd ceud. Agus làimh ris campaichidh treubh Aseir; agus bidh Pagiel mac Ocrain na cheannard air cloinn Aseir. Agus b’iad a armailt‐san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead agus aon mhìle agus còig ceud. An sin treubh Naphtali: agus bidh Ahira mac Enain na cheannard air cloinn Naphtali. Agus b’iad a armailt‐san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, leth‐cheud agus trì mìle agus ceithir cheud. B’iadsan uile a chaidh àireamh ann an camp Dhan, ceud mìle agus leth‐cheud agus seachd mìle agus sia ceud: imichidh iadsan fa dheireadh lem brataichean. Is iad sin iadsan a dh’àirmheadh de chloinn Israeil, a rèir taighean an athraichean: b’iadsan uile a chaidh àireamh de na campannan, a rèir an armailtean, sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus leth‐cheud. Ach cha d’àirmheadh na Lèbhithich am measg chloinn Israeil, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois: mar sin champaich iad làimh rim brataichean, agus mar sin chaidh iad air an aghaidh, gach aon a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean. Is iad seo mar an ceudna ginealaichean Aaroin agus Mhaois, anns an là anns an do labhair an Tighearna ri Maois ann an sliabh Shinài. Agus is iad seo ainmean mic Aaroin; Nàdab an ciad‐ghin, agus Abihu, Eleàsar, agus Itamar. Is iad sin ainmean mic Aaroin, na sagartan a dh’ungadh, a choisrig e gu frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt. Agus fhuair Nàdab agus Abihu bàs an làthair an Tighearna, nuair a thug iad suas teine coimheach an làthair an Tighearna, ann am fàsach Shinài, agus cha robh clann aca: agus fhritheil Eleàsar agus Itamar ann an dreuchd an t‑sagairt, ann an sealladh Aaroin an athair. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Thoir treubh Lèbhi am fagas, agus taisbein iad an làthair Aaroin an sagart, a‑chum is gum fritheil iad dha. Agus gleidhidh iad a chùram‐san, agus cùram a’ choitheanail uile, air beulaibh pàillean a’ choitheanail a dhèanamh seirbhis a’ phàillein. Agus gleidhidh iad uile shoithichean pàillean a’ choitheanail, agus cùram chloinn Israeil, a dhèanamh seirbhis a’ phàillein. Agus bheir thu na Lèbhithich do Aaron, agus da mhic: tha iad air an tabhairt dha gu h‑iomlan a‑mach à cloinn Israeil. Agus òrdaichidh tu Aaron agus a mhic, agus feithidh iadsan air dreuchd an t‑sagairt: agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Agus mise, feuch, ghabh mi na Lèbhithich o mheasg chloinn Israeil, an àit a’ chiad‐ghin uile a dh’fhosglas a’ bhrù am measg chloinn Israeil: agus is leamsa na Lèbhithich; A chionn gur leamsa gach uile chiad‐ghin; oir air an là anns an do bhuail mi gach ciad‐ghin ann an tìr na h‑Eiphit, naomhaich mi dhomh fhèin gach ciad‐ghin ann an Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa iad: Is mise an Tighearna. Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, ag ràdh, Àireamh clann Lèbhi a rèir taighean an athraichean, a rèir an teaghlaichean: gach fireannach o mhìos a dh’aois agus os a chionn àirmhidh tu iad. Agus dh’àireamh Maois iad a rèir facal an Tighearna, mar a thugadh àithne dha. Agus b’iad seo mic Lèbhi a rèir an ainmean: Gerson, agus Cohat, agus Merari. Agus is iad seo ainmean mic Ghersoin a rèir an teaghlaichean: Libni agus Simei. Agus mic Chohait a rèir an teaghlaichean: Amram, agus Idsar, Hebron, agus Udsiel. Agus mic Mherari a rèir an teaghlaichean: Mahli, agus Musi: is iad sin teaghlaichean nan Lèbhitheach, a rèir taighean an athraichean. O Gherson bha teaghlach Libni, agus teaghlach Shimei: is iad sin teaghlaichean nan Gersonach. Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireamh nam fireannach uile, o mhìos a dh’aois agus os a chionn, eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad seachd mìle agus còig ceud. Suidhichidh teaghlaichean nan Gersonach air cùlaibh a’ phàillein air taobh na h‑àird an iar. Agus bidh Eliasaph mac Laeil na cheann‐taighe athraichean nan Gersonach. Agus air cùram mic Ghersoin, ann am pàillean a’ choitheanail, bidh am pàillean, agus am bùth, a chòmhdach, agus am brat airson doras pàillean a’ choitheanail, Agus cùirteanan na cùirte, agus am brat airson doras na cùirte, a tha làimh ris a’ phàillean, agus làimh ris an altair mun cuairt, agus a cùird, airson a seirbhis uile. Agus o Chohat bha teaghlach nan Amramach, agus teaghlach nan Idseharach, agus teaghlach nan Hebronach, agus teaghlach nan Udsielach: is iad sin teaghlaichean nan Cohatach. Ann an àireamh nam fireannach uile o mhìos a dh’aois agus os a chionn bha ochd mìle agus sia ceud, a bha a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh. Suidhichidh teaghlaichean mic Chohait air taobh a’ phàillein mu dheas. Agus bidh Elisaphan mac Udsieil na cheann‐taighe athair‐theaghlaichean nan Cohatach. Agus air an cùram‐san bidh an àirc, agus am bòrd, agus an coinnleir, agus na h‑altairean, agus soithichean an ionaid naoimh, leis am fritheil iad, agus am brat, agus a sheirbhis uile. Agus bidh Eleàsar, mac Aaroin an sagart, na cheannard air ceannardan nan Lèbhitheach, agus bidh sùil aige orrasan a bhios a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh. O Mherari bha teaghlach nam Mahlach, agus teaghlach nam Musitheach: is iad sin teaghlaichean Mherari. Agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireamh nam fireannach uile, o mhìos a dh’aois agus os a chionn, b’iad sia mìle agus dà cheud. Agus b’e Suriel mac Abihail ceann‐taighe athair‐theaghlaichean Mherari; suidhichidh iadsan air taobh a’ phàillein mu thuath. Agus fo choimhead agus chùram mic Mherari bidh bùird a’ phàillein, agus a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn, agus a shoithichean uile, agus gach nì a fhrithealas dha, Agus puist na cùirte mun cuairt, agus am buinn, agus am pinneachan, agus an cùird. Ach iadsan a champaicheas air beulaibh a’ phàillein air taobh na h‑àird an ear, eadhon air beulaibh pàillean a’ choitheanail leth ri èirigh na grèine, is iad Maois, agus Aaron, agus a mhic, a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh, airson cùram chloinn Israeil; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs. Iadsan uile a chaidh àireamh de na Lèbhithich, a dh’àireamh Maois agus Aaron a rèir àithne an Tighearna, a rèir an teaghlaichean, na fireannaich uile o mhìos a dh’aois agus os a chionn, b’iad dà mhìle ar fhichead. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh àireamh gach ciad‐ghin a tha na fhireannach de chloinn Israeil o mhìos a dh’aois agus os a chionn, agus gabh àireamh an ainmean. Agus gabhaidh tu na Lèbhithich dhòmhsa (Is mise an Tighearna), an àite nan ciad‐ghin uile am measg chloinn Israeil; agus sprèidh nan Lèbhitheach an àite nan ciad‐ghin uile am measg sprèidh chloinn Israeil. Agus dh’àireamh Maois, mar a dh’àithn an Tighearna dha, gach ciad‐ghin am measg chloinn Israeil. Agus gach ciad‐ghin a bha na fhireannach, a rèir àireamh nan ainmean, o mhìos a dh’aois agus os a chionn, dhiubhsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad dà mhìle ar fhichead, dà cheud agus trì‐fichead agus trì‐deug. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Gabh na Lèbhithich an àite nan ciad‐ghin uile am measg chloinn Israeil, agus sprèidh nan Lèbhitheach an àite an sprèidhe‐san, agus bidh na Lèbhithich leamsa: Is mise an Tighearna. Agus air an son‐san a tha gu bhith air am fuasgladh den dà cheud agus an trì‐fichead agus an trì‐deug, de chiad‐ghin chloinn Israeil, a tha nas lìonmhoire na na Lèbhithich; Gabhaidh tu eadhon còig seceil am fear air an ceann; a rèir secel an ionaid naoimh gabhaidh tu iad: is e an secel fichead gerah. Agus bheir thu an t‑airgead, leis am fuasglar an àireamh chòrr dhiubh, do Aaron agus da mhic. Agus ghabh Maois an t‑airgead fuasglaidh uapasan a bha a thuilleadh orrasan a dh’fhuasgladh leis na Lèbhithich. O chiad‐ghin chloinn Israeil ghabh e an t‑airgead: mìle trì cheud agus trì‐fichead agus còig seceil, a rèir secel an ionaid naoimh. Agus thug Maois airgead na muinntir sin a dh’fhuasgladh do Aaron agus da mhic, a rèir facal an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh, Gabh àireamh mic Chohait o mheasg mic Lèbhi, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean: O dheich‐bliadhna‑fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth‐cheud bliadhna a dh’aois, gach neach a thèid a‑steach don armailt, a dhèanamh na h‑obrach ann am pàillean a’ choitheanail. Seo an t‑seirbhis a bhios aig mic Chohait, ann am pàillean a’ choitheanail, mu thimcheall nan nithean ro‑naomha. Agus nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh, thig Aaron agus a mhic, agus bheir iad a‑nuas brat a’ chòmhdaich, agus còmhdaichidh iad àirc na Fianais leis; Agus cuiridh iad oirre an còmhdach de chraicnean bhroc, agus sgaoilidh iad os a cionn aodach uile de ghorm, agus cuiridh iad a bataichean innte. Agus air bòrd aran na Fianais sgaoilidh iad aodach de ghorm, agus cuiridh iad air na miasan, agus na tùiseirean, agus na cupain, agus na cuachan leis an toirear seachad tabhartas‐dibhe: agus bidh an t‑aran an còmhnaidh air. Agus sgaoilidh iad orra aodach sgàrlaid, agus còmhdaichidh iad sin le còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad a bhataichean ann. Agus gabhaidh iad aodach de ghorm, agus còmhdaichidh iad coinnleir an t‑solais, agus a lòchrain, agus a chlobhachan, agus a smàl‐shoithichean, agus a shoithichean‐ola uile, leis am fritheil iad dha. Agus cuiridh iad e fhèin, agus a shoithichean uile, ann an còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad air lunn e. Agus air an altair òir sgaoilidh iad aodach de ghorm, agus còmhdaichidh iad i le còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad rithe a bataichean. Agus gabhaidh iad na h‑innealan‐frithealaidh uile leis am fritheil iad anns an ionad naomh, agus cuiridh iad ann an aodach de ghorm iad, agus còmhdaichidh iad le còmhdach de chraicnean bhroc iad, agus cuiridh iad air lunn iad. Agus bheir iad air falbh an luath on altair, agus sgaoilidh iad aodach corcair oirre; Agus cuiridh iad oirre a soithichean uile, leis am fritheil iad ma timcheall, eadhon na tùiseirean, na greimichean‐feòla, agus na sluasaidean, agus na cuachan, soithichean na h‑altarach uile; agus sgaoilidh iad oirre còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad rithe a bataichean. Agus crìochnaichidh Aaron agus a mhic còmhdach an ionaid naoimh, agus uile shoithichean an ionaid naoimh, nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh; agus an dèidh sin thig mic Chohait gan giùlan: ach cha bhean iad ri nì naomh sam bith, air eagal gum bàsaich iad. Is iad na nithean sin eallach mic Chohait ann am pàillean a’ choitheanail. Agus do dhreuchd Eleàsair mhic Aaroin, an sagart, buinidh an ola a‑chum an t‑solais, agus an tùis chùbhraidh, agus an tabhartas‐bìdh làitheil, agus an ola‑ungaidh, agus cùram a’ phàillein uile, agus nan uile nithean a tha ann, anns an ionad naomh, agus na shoithichean. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh, Na gearraibh as treubh teaghlaichean nan Cohatach o mheasg nan Lèbhitheach. Ach seo nì sibh riu, a‑chum gum bi iad beò agus nach bàsaich iad, nuair a thig iad am fagas do na nithean ro‑naomha; thèid Aaron agus a mhic a‑steach, agus òrdaichidh iad iad gach aon da sheirbhis fhèin, agus da eallaich. Ach cha tèid iad a‑steach a dh’fhaicinn nuair a chòmhdaichear na nithean naomha, air eagal gum faigh iad bàs. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Gabh mar an ceudna àireamh mic Ghersoin, a rèir taighean an athraichean, a rèir an teaghlaichean: O dheich‐bliadhna‑fichead a dh’aois agus os a chionn, gu leth‐ceud bliadhna a dh’aois àirmhidh tu iad; gach neach a thèid a‑steach a dhèanamh na seirbhis, a dhèanamh na h‑obrach ann am pàillean a’ choitheanail. Is i seo seirbhis teaghlaichean nan Gersonach, seirbhis a dhèanamh, agus eallach a ghiùlan. Agus giùlainidh iad cùirteanan a’ phàillein, agus pàillean a’ choitheanail, a chòmhdach, agus an còmhdach de chraicnean bhroc, a tha shuas thairis air, agus brat doras pàillean a’ choitheanail. Agus cùirteanan na cùirte, agus brat doras geata na cùirte, a tha làimh ris a’ phàillean, agus ris an altair mun cuairt, agus an cùird, agus innealan am frithealaidh uile, agus gach nì a rinneadh air an son: mar seo nì iad seirbhis. A rèir facal Aaroin agus a mhac bidh uile sheirbhis mic nan Gersonach, nan eallaichean uile, agus nan seirbhis uile: agus òrdaichidh sibh dhaibh mar an cùram an eallaichean uile. Is i seo seirbhis teaghlaichean mic Ghersoin, ann am pàillean a’ choitheanail; agus bidh an cùram fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart. A‑thaobh mic Mherari, àirmhidh tu iad a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean: O dheich‐bliadhna‑fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth‐cheud bliadhna a dh’aois, àirmhidh tu iad, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a dhèanamh obair pàillean a’ choitheanail. Agus is e seo cùram an eallaich, a rèir an seirbhis uile ann am pàillean a’ choitheanail; bùird a’ phàillein agus a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn, Agus puist na cùirte mun cuairt, agus am buinn, agus am pinneachan, agus an cùird, maille rin innealan uile, agus maille rin seirbhis uile; agus air an ainm àirmhidh sibh innealan cùram an eallaich. Is i seo seirbhis teaghlaichean mic Mherari, a rèir an seirbhis uile ann am pàillean a’ choitheanail, fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart. Agus dh’àireamh Maois agus Aaron agus ceannardan a’ cho‐chruinneachaidh mic nan Cohatach, a rèir an teaghlaichean, agus a rèir taighean an athraichean: O dheich‐bliadhna‑fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth‐cheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a‑chum obair ann am pàillean a’ choitheanail. Agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir an teaghlaichean, b’iad dà mhìle, seachd ceud agus leth‐cheud. B’iad seo iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean nan Cohatach, gach neach a dh’fhaodadh seirbhis a dhèanamh ann am pàillean a’ choitheanail, a dh’àireamh Maois agus Aaron, a rèir àithne an Tighearna le làimh Mhaois. Agus iadsan a chaidh àireamh de mhic Ghersoin, a rèir an teaghlaichean, agus a rèir taighean an athraichean: O dheich‐bliadhna‑fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth‐cheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a‑chum obair ann am pàillean a’ choitheanail; Eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, b’iad dà mhìle agus sia ceud agus deich‐ar‑fhichead. Seo iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean mic Ghersoin, de gach neach a dh’fhaodadh seirbhis a dhèanamh ann an pàillean a’ choitheanail, a dh’àireamh Maois agus Aaron a rèir àithne an Tighearna. Agus iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean mic Mherari, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean; O dheich‐bliadhna‑fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth‐cheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thèid a‑steach don t‑seirbhis, a‑chum obair ann am pàillean a’ choitheanail; Eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir an teaghlaichean, b’iad trì mìle agus dà cheud. Seo iadsan a chaidh àireamh de theaghlaichean mic Mherari, a dh’àireamh Maois agus Aaron, a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois. Iadsan uile a chaidh àireamh de na Lèbhithich, a dh’àireamh Maois agus Aaron agus ceannardan Israeil, a rèir an teaghlaichean, agus a rèir taighean an athraichean; O dheich‐bliadhna‑fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth‐cheud bliadhna a dh’aois, gach aon a thàinig a dhèanamh seirbhis an fhrithealaidh, agus seirbhis na h‑eallaich ann am pàillean a’ choitheanail; Eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad ochd mìle agus còig ceud agus ceithir‐fichead. A rèir àithne an Tighearna dh’àirmheadh iad le làimh Mhaois, gach aon a rèir a sheirbhis, agus a rèir a eallaich: mar seo dh’àirmheadh iad leis, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Aithn do chloinn Israeil, iad a chur a‑mach as a’ champ gach lobhar, agus gach neach air a bheil silteach, agus gach neach a tha air a shalachadh leis a’ mharbh: Araon fireannach agus boireannach cuiridh sibh a‑mach, an taobh a‑muigh den champ cuiridh sibh iad; a‑chum is nach truaill iad an campannan, anns a bheil mise a’ gabhail còmhnaidh. Agus rinn clann Israeil mar seo, agus chuir iad a‑mach iad an taobh a‑muigh den champ: mar a labhair an Tighearna ri Maois, mar sin rinn clann Israeil. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Abair ri cloinn Israeil, Nuair a nì fear no bean peacadh air bith a nì daoine, a dhèanamh easaontais an aghaidh an Tighearna, agus gu bheil an t‑anam sin ciontach; An sin aidichidh iad am peacadh a rinn iad: agus nì e co‑leasachadh airson a eucorach anns an iomlan, agus cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris, agus bheir e sin dhàsan air an do rinn e an eucoir. Ach mura bi aig an duine caraid sam bith gu co‑leasachadh a thoirt dha anns an eucoir, thugar an co‑leasachadh a nìthear don Tighearna airson na h‑eucorach don t‑sagart; a thuilleadh air reithe na rèite, leis an dèanar rèite air a shon. Agus gach tabhartas de nithean naomha chloinn Israeil uile, a bheir iad a‑chum an t‑sagairt, is leis‐san iad. Agus nithean coisrigte gach duine, is leis‐san iad: ge bè nì a bheir duine sam bith don t‑sagart, is leis e. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Ma thèid bean fir sam bith a thaobh, agus gun ciontaich i na aghaidh, Agus gun laigh fear gu collaidh leatha, agus gum bi sin falaichte o shùilean a fir‐phòsda, agus gum bi e ceilte, agus gum bi i air a truailleadh, agus nach bi fianais sam bith na h‑aghaidh, agus gun i air a glacadh anns a’ chùis, Agus gun tig spiorad eud air, agus gu bheil e ag eudach air a mhnaoi, agus gun do thruailleadh i; no ma thàinig spiorad eud air, agus gu bheil e eudmhor ma mhnaoi, agus nach do thruailleadh i: An sin bheir an duine a bhean a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, agus bheir e leis a tabhartas air a son, an deicheamh cuid de ephah de mhin eòrna; cha dòirt e ola air, cha mhò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas eudaich a tha ann, tabhartas cuimhneachain, a’ toirt aingidheachd ann an cuimhne. Agus bheir an sagart am fagas i, agus cuiridh e i an làthair an Tighearna. Agus gabhaidh an sagart uisge naomh ann an soitheach creadha, agus gabhaidh an sagart cuid den duslach a bhios air ùrlar a’ phàillein, agus cuiridh e anns an uisge e. Agus cuiridh an sagart a’ bhean ann an làthair an Tighearna, agus rùisgidh e ceann na mnà, agus cuiridh e an tabhartas cuimhneachain na làmhan, eadhon an tabhartas eudaich: agus bidh aig an t‑sagart na làimh an t‑uisge searbh a mhallaicheas. Agus gabhaidh an sagart mionnan dhith, agus their e ris a’ mhnaoi, Mura do laigh fear sam bith leat, agus mura deachaidh tu a thaobh gu neòghlaine maille ri neach eile an àite d’fhir‐phòsda, bi‑sa saor on uisge shearbh seo a mhallaicheas: Ach ma chaidh thu a thaobh gu neach eile an àite d’fhir‐phòsda, agus gun do thruailleadh thu, agus gun do laigh fear eile leat a thuilleadh air d’fhear‐pòsda; An sin gabhaidh an sagart mionnan mallachaidh den mhnaoi, agus their an sagart ris a’ mhnaoi, Gun dèanadh an Tighearna ad mhallachadh agus ad mhionnan thu am measg do shluaigh, nuair a bheir an Tighearna air do shliasaid lobhadh, agus air do bhroinn at; Agus thèid an t‑uisge seo a mhallaicheas a‑steach ad innibh, a thoirt air do bhroinn at, agus air do shliasaid lobhadh. Agus their a’ bhean, Amen, Amen. Agus sgrìobhaidh an sagart na mallachdan sin ann an leabhar, agus dubhaidh e a‑mach iad leis an uisge shearbh; Agus bheir e air a’ mhnaoi an t‑uisge searbh, a bheir am mallachadh, òl: agus thèid an t‑uisge a mhallaicheas a‑steach innte, agus fàsaidh e searbh. An sin gabhaidh an sagart an tabhartas‐eudaich à làimh na mnà, agus luaisgidh e an tabhartas an làthair an Tighearna, agus bheir e seachad e air an altair. Agus gabhaidh an sagart làn glaice den tabhartas, eadhon a chuimhneachan, agus loisgidh e air an altair e, agus an dèidh sin bheir e air a’ mhnaoi an t‑uisge òl. Agus nuair a bheir e oirre an t‑uisge òl, an sin tàrlaidh, ma thruailleadh i, agus ma rinn i coire an aghaidh a fir‐phòsda, gun tèid an t‑uisge a mhallaicheas a‑steach innte, agus fàsaidh e searbh, agus ataidh a brù, agus lobhaidh a sliasaid: agus bidh a’ bhean na mallachadh am measg a sluaigh. Agus mura do thruailleadh a’ bhean, ach gu bheil i glan; an sin bidh i saor, agus fàsaidh i torrach. Is e seo lagh nan eud, nuair a thèid bean a thaobh gu fear eile an àit a fir‐phòsda, agus a thruaillear i; No nuair a thig spiorad eud air fear, agus a tha e eudmhor ma mhnaoi, agus a chuireas e a’ bhean an làthair an Tighearna, agus a chuireas an sagart an gnìomh oirre an lagh seo uile; An sin bidh an duine saor on chionta, agus giùlainidh a’ bhean seo a cionta. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a dhealaicheas aon chuid bean no fear iad fhèin a bhòideachadh bòid Nàsaraich, a‑chum iad fhèin a dhealachadh don Tighearna; O fhìon agus o dhibh làidir sgaraidh e e fhèin; fìon‐geur fìona, no fìon‐geur dibhe làidir chan òl e, cha mhò a dh’òlas e a’ bheag de shùgh nam fìondhearcan, cha mhò a dh’itheas e fìondhearcan ùr no tioram. Uile làithean a dhealachaidh chan ith e a’ bheag a nìthear den chraoibh‐fhìona, o na h‑eiteanan gus am plaosg. Uile làithean bòid a dhealachaidh, cha tig ealtainn air a cheann: gus an coileanar na làithean anns an dealaich e e fhèin don Tighearna, bidh e naomh; agus leigidh e le ciabhan gruag a chinn fàs. Anns na làithean sin uile anns an dealaich e e fhèin don Tighearna, cha tig e am fagas do chorp marbh sam bith. Cha dèan e e fhèin neòghlan airson a athar, no airson a mhàthar, airson a bhràthar, no airson a pheathar, nuair a gheibh iad bàs; do bhrìgh gu bheil coisrigeadh a Dhè air a cheann. Uile làithean a dhealachaidh tha e naomh don Tighearna. Agus ma gheibh duine gu h‑obann bàs làimh ris, agus gun do shalaich e ceann a choisrigidh, an sin bearraidh e a cheann ann an là a ghlanaidh, air an t‑seachdamh là bearraidh e e. Agus air an ochdamh là bheir e dà thurtar, no dà chalaman òg, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, gu doras pàillean a’ choitheanail. Agus ìobraidh an sagart fear dhiubh mar ìobairt‐pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt‐loisgte, agus nì e rèite air a shon, do bhrìgh gun do pheacaich e a‑thaobh a’ mhairbh, agus naomhaichidh e a cheann anns an là sin fhèin. Agus coisrigidh e don Tighearna làithean a dhealachaidh, agus bheir e leis uan den chiad bhliadhna a‑chum ìobairt‐easaontais: ach bidh na làithean a chaidh seachad caillte, do bhrìgh gun do shalaicheadh a dhealachadh. Agus is e seo lagh an Nàsaraich: Nuair a choileanar làithean a dhealachaidh, bheirear e gu doras pàillean a choitheanail: Agus bheir e seachad a thabhartas don Tighearna, aon uan fireann den chiad bhliadhna gun ghaoid a‑chum ìobairt‐loisgte, agus aon uan boireann den chiad bhliadhna gun ghaoid a‑chum ìobairt‐pheacaidh, agus aon reithe gun ghaoid a‑chum ìobairt‐shìthe; Agus basgaid de aran neo‐ghortaichte, breacagan de fhlùr mìn measgte le ola, agus deàrnagan de aran neo‐ghortaichte ungte le ola, agus an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartasan‐dibhe. Agus bheir an sagart iad an làthair an Tighearna, agus ìobraidh e a ìobairt‐pheacaidh, agus a ìobairt‐loisgte. Agus ìobraidh e an reithe mar ìobairt thabhartas‐sìthe don Tighearna, maille ris a’ bhasgaid de aran neo‐ghortaichte: bheir an sagart seachad mar an ceudna a thabhartas‐bìdh, agus a thabhartas‐dibhe. Agus bearraidh an Nàsarach ceann a dhealachaidh, aig doras pàillean a’ choitheanail; agus gabhaidh e gruag‐cinn a dhealachaidh agus cuiridh e i anns an teine a tha fo ìobairt nan tabhartas‐sìthe. Agus gabhaidh an sagart slinnean bruith an reithe, agus aon bhreacag neo‐ghortaichte as a’ bhasgaid, agus aon deàrnag neo‐ghortaichte: agus cuiridh e iad air làmhan an Nàsaraich, an dèidh do ghruaig a dhealachaidh a bhith air a bearradh. Agus luaisgidh an sagart iad mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna; tha seo naomh don t‑sagart maille ris an uchd luaisgte, agus maille ris an t‑slinnean thogte: agus an dèidh sin faodaidh an Nàsarach fìon òl. Is e seo lagh an Nàsaraich, a thug bòid, agus lagh a thabhartais don Tighearna airson a dhealachaidh, a thuilleadh air na gheibh a làmh: a rèir a bhòid a bhòidich e, mar sin is èiginn dha a dhèanamh, a rèir lagh a dhealachaidh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri Aaron agus ra mhic, ag ràdh, Air a’ mhodh seo beannaichidh sibh clann Israeil, ag ràdh riu, Gum beannaicheadh an Tighearna thu, agus gun gleidheadh e thu: Gun tugadh an Tighearna air a aghaidh dealrachadh ort, agus biodh e gràsmhor dhut: Gun togadh an Tighearna suas a ghnùis ort, agus gun tugadh e sìth dhut. Agus cuiridh iad m’ainm air cloinn Israeil, agus beannaichidh mise iad. Agus thàrladh air an là anns an do chuir Maois suas am pàillean gu h‑iomlan, agus anns an d’ung e e, agus anns an do naomhaich e e, agus a uidheam uile, araon an altair agus a soithichean uile, agus anns an d’ung e iad, agus anns an do naomhaich e iad; Gun tug ceannardan Israeil, cinn taighean an athraichean (eadhon ceannardan nan treubh, a bha os cionn na muinntir a chaidh àireamh), seachad tabhartas: Agus thug iad an tabhartas an làthair an Tighearna, sia feunan còmhdaichte, agus dà‑dhamh‐dheug: feun airson dithis de na ceannardan, agus damh airson gach fir dhiubh, agus thug iad air beulaibh a’ phàillein iad. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Gabh uapa iad, a‑chum is gum bi iad a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bheir thu iad do na Lèbhitich, do gach fear a rèir a sheirbhis. Agus ghabh Maois na feunan agus na daimh, agus thug e do na Lèbhitich iad. Dà fheun agus ceithir daimh thug e do mhic Ghersoin, a rèir an seirbhis. Agus ceithir feunan agus ochd daimh thug e do mhic Mherari, a rèir an seirbhis, fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart. Ach do mhic Chohait cha tug e aon air bith; a chionn gum b’i seirbhis an ionaid naoimh a bhuineadh dhaibh‐san, gun giùlaineadh iad air an guaillean. Agus thug na ceannardan seachad tabhartas a‑chum coisrigeadh na h‑altarach, air an là anns an d’ungadh i: thug eadhon na ceannardan seachad an tabhartas air beulaibh na h‑altarach. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Bheir gach ceannard seachad a thabhartas air a là fhèin, a‑chum coisrigeadh na h‑altarach. Agus esan a thug seachad a thabhartas air a’ chiad là, b’e Nahson mac Aminadaib, de threubh Iùdah. Agus b’e a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh: Aon spàin de dheich seceil òir, làn de thùis: Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte: Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh: Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Nahsoin mhic Aminadaib. Air an dara là thug Mataneel mac Shuair, ceannard Isachair, seachad tabhartas. Thug e seachad mar a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh: Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte: Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh: Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Nàtaneeil mhic Shuair. Air an treas là thug Eliab mac Heloin, ceannard chloinn Shebuluin, seachad tabhartas. B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh: Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte: Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh: Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Eliaib mhic Heloin. Air a’ cheathramh là thug Elisur mac Shedeuir, ceannard chloinn Reubein, seachad tabhartas. B’e a thabhartas aon mhias airgid de cheud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh: Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte: Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh: Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Elisuir mhic Shedeuir. Air a’ chòigeamh là thug Selumiel mac Shurisadai, ceannard chloinn Shimeoin, seachad tabhartas. B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh: Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte: Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh: Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Shelumieil mhic Shurisadal. Air an t‑siathamh là thug Eliasaph mac Dheueil, ceannard chloinn Ghad, seachad tabhartas. B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh: Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte: Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh: Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Eliasaiph mhic Dheueil. Air an t‑seachdamh là thug Elisama mac Amihuid, ceannard chloinn Ephraim, seachad tabhartas. B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh: Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte: Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh: Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Elisama mhic Amihuid. Air an ochdamh là thug Gamaliel mac Phedahsuir, ceannard chloinn Mhanaseh, seachad tabhartas. B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid de cheud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh: Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte: Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh: Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ghamalieil mhic Phedahsuir. Air an naoidheamh là thug Abidan mac Ghideoni, ceannard chloinn Bheniàmin, seachad tabhartas. B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh: Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte: Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh: Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Abidain mhic Ghideoni. Air an deicheamh là thug Ahieser mac Amisadai, ceannard chloinn Dhan, seachad tabhartas. B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh: Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte: Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh: Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ahieseir mhic Amisadai. Air an aon‐là‑deug thug Pagiel mac Ocrain, ceannard chloinn Aseir, seachad tabhartas. B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh: Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte: Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh: Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìthe, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Phagieil mhic Ocrain. Air an dara‑là‑deug thug Ahira mac Enain, ceannard chloinn Naphtali, seachad tabhartas. B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh: Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte: Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh: Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ahira mhic Enain. B’e seo coisrigeadh na h‑altarach (anns an là anns an d’ungadh i) le ceannardan Israeil: dà‑mhias‐dheug airgid, dà‑chuaich‐dheug airgid, dà‑spàin‐dheug òir: B’e cudthrom gach mèis airgid ceud agus deich seceil ar fhichead, agus gach cuaiche deich agus trì‐fichead: b’e cudthrom nan soithichean airgid uile, dà mhìle agus ceithir cheud seceil, a rèir secel an ionaid naoimh. Bha dà‑spàin‐dheug òir ann, làn de thùis, cudthrom gach aon fa leth deich seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: b’e òr nan spàinean uile ceud agus fichead secel. B’iad na tairbh uile a‑chum ìobairt‐loisgte dà‑tharbh‐dheug, na reitheachan a dhà‐dheug, na h‑uain den chiad bhliadhna a dhà‐dheug, maille rin tabhartas‐bìdh: agus na minn de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh a dhà‐dheug. Agus b’iad na tairbh uile, a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, ceithir tairbh ar fhichead, na reitheachan trì‐fichead, na buic‐ghoibhre trì‐fichead, na h‑uain den chiad bhliadhna trì‐fichead. B’e seo coisrigeadh na h‑altarach, an dèidh dhi a bhith air a h‑ungadh. Agus nuair a chaidh Maois a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a labhairt ris, an sin chuala e guth aoin a’ labhairt ris o uachdar na cathair‐thròcair a bha os cionn àirc na Fianais, o eadar an dà cherub; agus labhair e ris. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri Aaron, agus abair ris, Nuair a lasas tu na lòchrain, bheir na seachd lòchrain solas uapa thall fa chomhair a’ choinnleir. Agus rinn Aaron mar sin; las e a lòchrain thall fa chomhair a’ choinnleir; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus b’e seo obair a’ choinnleir: bha e de òr buailte gu ruig a chas, gu ruig a bhlàthan bha e de obair bhuailte: a rèir an t‑samhlaidh a nochd an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an coinnleir. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Gabh na Lèbhitich o mheasg chloinn Israeil, agus glan iad. Agus mar seo nì thu riu, a‑chum an glanadh: crath uisge glanaidh orra, agus thugadh iad ealtainn thar am feòil uile, agus nigheadh iad an aodach, agus mar sin dèanadh iad glan iad fhèin. An sin gabhadh iad tarbh òg maille ra thabhartas‐bìdh, eadhon flùr mìn measgte le ola, agus gabhaidh tu tarbh òg eile a‑chum ìobairt‐pheacaidh. Agus bheir thu na Lèbhitich air beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cruinnichidh tu coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile: Agus bheir thu na Lèbhitich an làthair an Tighearna, agus cuiridh clann Israeil an làmhan air na Lèbhitich: Agus luaisgidh Aaron na Lèbhitich ann an làthair an Tighearna, mar thabhartas‐luaisgte o chloinn Israeil; a‑chum is gun dèan iad seirbhis an Tighearna. Agus cuiridh na Lèbhitich an làmhan air cinn nan tarbh; agus ìobraidh tu aon dhiubh mar ìobairt‐pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt‐loisgte don Tighearna, a dhèanamh rèite airson nan Lèbhiteach. Agus cuiridh tu na Lèbhitich an làthair Aaroin, agus an làthair a mhac, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas‐luaisgte don Tighearna. Mar seo sgaraidh tu na Lèbhitich o mheasg chloinn Israeil; agus bidh na Lèbhitich leamsa. Agus na dhèidh sin thèid na Lèbhitich a‑steach a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus glanaidh tu iad, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas‐luaisgte: Oir thugadh dhòmhsa gu h‑iomlan iad o mheasg chloinn Israeil; an àite gach aoin a dh’fhosglas a’ bhrù, eadhon an àite ciad‐ghin chloinn Israeil uile, ghabh mi dhomh fhèin iad. Oir is leamsa uile chiad‐ghin chloinn Israeil, araon duine agus ainmhidh: anns an là air an do bhuail mi gach ciad‐ghin ann an tìr na h‑Eiphit, naomhaich mi iad dhomh fhèin. Agus ghabh mi na Lèbhitich an àit uile chiad‐ghin chloinn Israeil. Agus thug mi na Lèbhitich mar thìodhlac do Aaron, agus da mhic, o mheasg chloinn Israeil, a dhèanamh seirbhis chloinn Israeil ann am pàillean a’ choitheanail, agus a dhèanamh rèite airson chloinn Israeil; a‑chum is nach bi plàigh sam bith am measg chloinn Israeil, nuair a thig clann Israeil am fagas don ionad naomh. Agus rinn Maois agus Aaron, agus co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, ris na Lèbhitich a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh nan Lèbhiteach, mar sin rinn clann Israeil riu. Agus ghlanadh na Lèbhitich, agus nigh iad an aodach: agus thug Aaron suas iad mar thabhartas an làthair an Tighearna; agus rinn Aaron rèite air an son a‑chum an glanadh. Agus an dèidh sin chaidh na Lèbhitich a‑steach, a dhèanamh an seirbhis ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair Aaroin agus an làthair a mhac: mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh nan Lèbhiteach, mar sin rinn iad riu. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Is e seo an nì a bhuineas do na Lèbhitich: o chòig‐bliadhna‑fichead a dh’aois, agus os a chionn, thèid iad a‑steach a dh’fheitheamh air seirbhis pàillean a’ choitheanail: Agus o aois leth‐cheud bliadhna sguiridh iad a dh’fheitheamh air a sheirbhis, agus cha dèan iad seirbhis nas mò. Ach frithealaidh iad maille rim bràithrean ann am pàillean a’ choitheanail a ghleidheadh a’ chùraim, agus cha dèan iad seirbhis sam bith eile. Mar seo nì thu ris na Lèbhitich a‑thaobh an cùraim. Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, anns a’ chiad mhìos den dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ag ràdh, Cumadh, mar an ceudna, clann Israeil a’ chàisg na h‑àm suidhichte fhèin. Anns a’ cheathramh‐là‑deug den mhìos seo, air feasgar, cumaidh sibh i na h‑àm suidhichte fhèin, a rèir a h‑òrdaighean uile, agus a rèir a deas‐ghnàthan uile, cumaidh sibh i. Agus labhair Maois ri cloinn Israeil, iad a chumail na càisge. Agus chùm iad a’ chàisg air a’ cheathramh‐là‑deug den chiad mhìos air feasgar, ann am fàsach Shinài: a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil. Agus bha daoine àraidh a shalaicheadh le corp duine mhairbh, air chor is nach b’urrainn iad a’ chàisg a chumail air an là sin; agus thàinig iad an làthair Mhaois agus an làthair Aaroin air an là sin. Agus thubhairt na daoine sin ris, Tha sinne air ar salachadh le corp duine mhairbh: carson a chumar air ar n‑ais sinn, a‑chum is nach faod sinn tabhartas an Tighearna a thoirt seachad na àm suidhichte fhèin am measg chloinn Israeil? Agus thubhart Maois riu, Seasaibh an sin, agus cluinnidh mise ciod a dh’àithneas an Tighearna dur taobh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma bhios duine sam bith dhibh, no de ur sliochd, air a shalachadh le corp marbh, no ma bhios e air thuras fad air astar, gidheadh cumaidh e a’ chàisg don Tighearna. Anns a’ cheathramh‐là‑deug den dara mìos air feasgar cumaidh iad i: le aran neo‐ghortaichte, agus le lusan searbha ithidh iad i. Chan fhàg iad a’ bheag dhith gu madainn, cha mhò a bhriseas iad cnàimh dhith: a rèir uile òrdaighean na càisge cumaidh iad i. Ach an duine a tha glan, agus nach eil air thuras, agus a dhearmadas a’ chàisg a chumail; gearrar eadhon an t‑anam sin fhèin as o a shluagh, a chionn nach tug e seachad tabhartas an Tighearna na àm suidhichte: giùlainidh an duine sin a pheacadh. Agus ma bhios coigreach air chuairt nur measg, agus gun cùm e a’ chàisg don Tighearna, a rèir òrdagh na càisge, agus a rèir a gnàtha, mar sin nì e: bidh aon òrdagh agaibh araon airson a’ choigrich, agus air a shon‐san a rugadh anns an tìr. Agus air an là anns an do thogadh suas am pàillean, chòmhdaich an neul am pàillean, eadhon bùth na Fianais; agus air feasgar bha air a’ phàillean mar gum bu choslas teine gus a’ mhadainn. Mar sin bha e a‑ghnàth: chòmhdaich an neul e anns an là, agus coslas teine anns an oidhche. Agus nuair a thogadh an neul suas on phàillean, an sin gun dàil ghabh clann Israeil an turas: agus anns an ionad anns an do stad an neul, ann an sin champaich clann Israeil. Air àithne an Tighearna ghabh clann Israeil an turas, agus air àithne an Tighearna champaich iad: am feadh is a dh’fhan an neul air a’ phàillean, dh’fhan iad nam bùthan. Agus nuair a dh’fhan an neul air a’ phàillean mòran de làithean, an sin ghlèidh clann Israeil freasdal an Tighearna, agus cha d’imich iad. Agus nuair a bha an neul beagan de làithean air a’ phàillean, a rèir àithne an Tighearna dh’fhan iad nam bùthan, agus a rèir àithne an Tighearna ghabh iad an turas. Agus nuair a dh’fhan an neul o fheasgar gu madainn, agus a thogadh an neul suas anns a’ mhadainn, an sin ghabh iad an turas: ma b’ann anns an là no anns an oidhche a thogadh an neul suas, ghabh iad an turas. No co‑dhiù a b’ann dà là, no mìos, no bliadhna, a dh’fhan an neul air a’ phàillean, a’ fuireach air, dh’fhan clann Israeil nam bùthan, agus cha d’imich iad: ach nuair a thogadh suas e, ghabh iad an turas. A rèir àithne an Tighearna dh’fhan iad nam bùthan, agus a rèir àithne an Tighearna ghabh iad an turas: ghlèidh iad freasdal an Tighearna, a rèir àithne an Tighearna le làimh Mhaois. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Dèan dhut fhèin dà thrompaid airgid; a dh’aon mhìr nì thu iad; agus gnàthaichidh tu iad a ghairm a’ choitheanail, agus a‑chum turas nan camp. Agus nuair a shèideas iad leo, cruinnichidh an coitheanal uile iad fhèin ad ionnsaigh aig doras pàillean a’ choitheanail. Agus mura sèid iad ach le aon trompaid, an sin cruinnichidh na ceannardan a tha nan cinn‐fheadhna air mhìltean Israeil iad fhèin ad ionnsaigh. Nuair a shèideas sibh caismeachd, an sin thèid na campannan a tha nan laighe air taobh na h‑àird an ear air an aghaidh. Nuair a shèideas sibh caismeachd an dara uair, an sin thèid na campannan a tha nan laighe air taobh na h‑àird a deas air an aghaidh: sèididh iad caismeachd a‑chum an turasan. Ach nuair a tha an coitheanal gu bhith air a chruinneachadh an ceann a chèile, sèididh sibh, ach cha sèid sibh caismeachd. Agus sèididh mic Aaroin, na sagartan, leis na trompaidean; agus bidh iad dhuibh mar reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean. Agus ma thèid sibh gu cogadh nur dùthaich an aghaidh an nàmhaid a tha a’ dèanamh fòirneirt oirbh, an sin sèididh sibh caismeachd leis na trompaidean; agus cuimhnichear sibh an làthair an Tighearna ur Dia, agus saorar sibh o ur naimhdean. Mar an ceudna ann an là ur subhachais, agus nur n‑àrd làithean fèille, agus ann an toiseach ur mìosan, sèididh sibh leis na trompaidean os cionn ur n‑ìobairtean‐loisgte, agus os cionn ìobairtean ur tabhartas‐sìthe; agus bidh iad dhuibh mar chuimhneachan an làthair ur Dè; Is mise an Tighearna ur Dia. Agus thàrladh air an fhicheadamh là den dara mìos, anns an dara bliadhna, gun do thogadh suas an neul o uachdar pàillean na Fianais. Agus ghabh clann Israeil an turasan à fàsach Shinài; agus stad an neul ann am fàsach Phàrain. Agus ghabh iad air tùs an turas a rèir àithne an Tighearna le làimh Mhaois. Anns a’ chiad àite dh’imich bratach camp chloinn Iùdah, a rèir an armailtean; agus air ceann a shlòigh bha Nahson mac Aminadaib. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Isachair bha Nàtaneel mac Shuair. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Shebuluin bha Eliab mac Helean. Agus thugadh a‑nuas am pàillean; agus chaidh mic Ghersoin agus mic Mherari air an aghaidh, a’ giùlan a’ phàillein. Agus ghluais bratach camp Reubein air a h‑aghaidh, a rèir an armailtean; agus air ceann a shlòigh bha Elisur mac Shedeuir. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Shimeoin bha Selumiel mac Shurisadai. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Ghad bha Eliasaph mac Dheueil. Agus chaidh na Cohataich air an aghaidh, a’ giùlan an ionaid naoimh, agus chuireadh suas am pàillean air cheann dhaibh teachd. Agus ghluais bratach camp chloinn Ephraim air a h‑aghaidh, a rèir an armailtean: agus air ceann a shlòigh bha Elisama mac Amihuid. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Mhanaseh bha Gamaliel mac Phedahsuir. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Bheniàmin bha Abidan mac Ghideoni. Agus chaidh bratach treubh chloinn Dhan air a h‑aghaidh, a bha air deireadh nan camp uile air feadh an slògh: agus air ceann a shlòigh bha Ahieser mac Amisadai. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Aseir bha Pagiel mac Ocrain. Agus air ceann sluagh treubh chloinn Naphtali bha Ahira mac Enain. B’iad sin turasan chloinn Israeil, a rèir an armailtean, nuair a ghluais iad air an aghaidh. Agus thubhairt Maois ri Hobab, mac Ragueil am Midianach, athair‐cèile Mhaois, Tha sinn air ar turas a‑chum an àite mun dubhairt Dia, Bheir mi dhuibh e: thig thusa maille rinn, agus nì sinn math dhut: oir labhair an Tighearna math a‑thaobh Israeil. Agus thubhairt e ris, Cha tèid mi maille ribh: ach imichidh mi a‑chum mo dhùthcha fhèin, agus a‑chum mo dhìlsean fhèin. Agus thubhairt e, Na fàg sinn, guidheam ort; oir tha fhios agad cionnas a champaicheas sinn anns an fhàsach, agus bidh tu dhuinn an àite shùl. Agus tàrlaidh, ma thèid thu maille rinn, seadh, tàrlaidh ge bè math a nì Dia dhuinne, gun dèan sinne am math ceudna dhutsa. Agus dh’imich iad o shliabh an Tighearna astar trì làithean: agus chaidh àirc coicheangal an Tighearna romhpa astar trì làithean, a rannsachadh a‑mach àite‐tàimh dhaibh. Agus bha neul an Tighearna orra anns an là, nuair a chaidh iad a‑mach as a’ champ. Agus thàrladh, nuair a bha an àirc gu dol air a h‑aghaidh, gun dubhairt Maois, Eirich suas, a Thighearna, agus biodh do naimhdean air an sgapadh, agus teicheadh a’ mhuinntir leis am fuathach thu romhad. Agus nuair a stad i, thubhairt e, Till, a Thighearna, a‑chum nam mìltean de mhìltean Israeil. Agus nuair a rinn an sluagh gearan, mhì‐thaitinn e ris an Tighearna, agus chuala an Tighearna e: agus las a fhearg, agus loisg teine an Tighearna nam measg, agus chuir e as dhaibhsan a bha an iomall a’ champa: Agus ghlaodh an sluagh ri Maois; agus nuair a rinn Maois ùrnaigh ris an Tighearna, chaisgeadh an teine. Agus thug e Taberah mar ainm air an àite sin; a chionn gun do loisg teine an Tighearna nam measg. Agus ghlac cìocras an cumasg sluaigh a bha nam measg: agus ghuil mar an ceudna clann Israeil a‑rìs, agus thubhairt iad, Cò a bheir dhuinn feòil ra h‑ithe? Is cuimhne leinn an t‑iasg a dh’ith sinn anns an Eiphit gu saor; na cularain, agus na meal‐bhucain, agus na lèicis, agus na h‑uinneinean, agus an creamh: Ach a‑nis tha ar n‑anam air tiormachadh; chan eil nì air bith againn ach am mana seo nar sealladh. Agus bha am mana cosmhail ri frois coriandeir, agus a dhath mar dhath bdellium. Chaidh an sluagh mun cuairt, agus thionail iad e, agus mheil iad e ann am muilnean, no phronn iad e ann am mortair, agus bhruith iad e ann an aighnean, agus rinn iad breacagan dheth: agus bha a bhlas mar bhlas ola ùir. Agus nuair a thuit an drùchd air a’ champ anns an oidhche, thuit am mana air. An sin chuala Maois an sluagh a’ gul air feadh an teaghlaichean, gach duine ann an doras a bhùtha: agus las fearg an Tighearna gu mòr; bha Maois mar an ceudna diombach. Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Carson a bhuin thu gu h‑olc rid sheirbhiseach? Agus carson nach d’fhuair mi deagh‐ghean ad shealladh, gun do leag thu èire an t‑sluaigh seo uile orm? Am mise a ghin an sluagh seo uile? An ann dhomh a rugadh iad, gun abradh tu rium, Giùlain ad uchd iad (mar a ghiùlaineas oide‐altraim leanabh na cìche ) a‑chum an fhearainn a mhionnaich thu dan athraichean? Cia as a gheibhinn‐sa feòil gu a tabhairt don t‑sluagh seo uile? Oir tha iad a’ gul rium, ag ràdh, Thoir dhuinn feòil, a‑chum is gun ith sinn? Chan urrainn mise cudthrom an t‑sluaigh seo uile a ghiùlan am aonar, a chionn gu bheil e ro‑throm air mo shon. Agus ma bhuineas tu rium mar seo, marbh mi, guidheam ort, as an làimh, ma fhuair mi deagh‐ghean ad shealladh; agus na faiceam mo thruaighe. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cruinnich dhòmhsa deich agus trì‐fichead fear de sheanairean Israeil, muinntir as aithne dhut a bhith nan seanairean an t‑sluaigh, agus nan luchd‐riaghlaidh os an cionn; agus thoir iad gu pàillean a’ choitheanail, a‑chum is gun seas iad an sin maille riut. Agus thig mise a‑nuas agus labhraidh mi riut an sin: agus gabhaidh mi den spiorad a tha ortsa, agus cuiridh mi orrasan e; agus giùlainidh iad eallach an t‑sluaigh maille riut, a‑chum is nach giùlain thu fhèin e ad aonar. Agus abair ris an t‑sluagh, Naomhaichibh sibh fhèin air cheann an là màireach, agus ithidh sibh feòil: (oir ghuil sibh ann an èisdeachd an Tighearna, ag ràdh, Cò a bheir dhuinn feòil ra h‑ithe? Oir bu mhath ar cor anns an Eiphit:) uime sin bheir an Tighearna feòil dhuibh, agus ithidh sibh. Chan ith sibh aon là, no dà là, no còig làithean, no deich làithean, no fichead là, Ach eadhon mìos iomlan, gus an tig i a‑mach à cuinneinean ur sròn, agus gum bi i gràineil dhuibh; a chionn gun do rinn sibh tàir air an Tighearna a tha nur measg, agus gun do ghuil sibh na làthair, ag ràdh, Carson a thàinig sinn mach as an Eiphit? Agus thubhairt Maois, Tha an sluagh am measg a bheil mise nan sia ceud mìle coisiche; agus thubhairt thu, Bheir mi dhaibh feòil, a‑chum is gun ith iad rè mìos iomlain: Am marbhar na caoraich agus am buar dhaibh, a‑chum an sàsachadh? No an cruinnichear iasg na mara uile ri chèile dhaibh, a‑chum an sàsachadh? Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, A bheil làmh an Tighearna air fàs goirid? Chì thusa a‑nis an tig no nach tig m’fhacal gu crìch dhut. Agus chaidh Maois a‑mach, agus dh’innis e don t‑sluagh facail an Tighearna, agus chruinnich e an deich agus an trì‐fichead de sheanairean an t‑sluaigh, agus thug e orra seasamh mu thimcheall a’ phàillein. Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann an neul, agus labhair e ris, agus ghabh e den spiorad a bha air, agus thug e e don deich agus an trì‐fichead seanair: agus thàrladh, nuair a ghabh an spiorad còmhnaidh orra, gun do rinn iad fàidheadaireachd, agus nach do sguir iad. Ach dh’fhan dithis de na daoine anns a’ champ; b’e ainm aoin dhiubh Eldad, agus ainm an fhir eile Medad: agus ghabh an spiorad còmhnaidh orra (agus bha iad dhiubhsan a chaidh a sgrìobhadh, ach cha deachaidh iad a‑mach don phàillean), agus rinn iad fàidheadaireachd anns a’ champ. Agus ruith òganach, agus dh’innis e do Mhaois, agus thubhairt e, Tha Eldad agus Medad ri fàidheadaireachd anns a’ champ. Agus fhreagair Iosua mac Nuin, seirbhiseach Mhaois, aon de a òganaich, agus thubhairt e, Mo thighearna, a Mhaois, bac iad. Agus thubhairt Maois ris, A bheil farmad ort air mo shon‐sa? Is e mo ghuidhe ri Dia gum biodh sluagh an Tighearna uile nam fàidhean, agus gun cuireadh an Tighearna a spiorad orra! Agus chaidh Maois don champ, e fhèin agus seanairean Israeil. Agus chaidh gaoth a‑mach on Tighearna, agus thug i gearra‑goirt on fhairge, agus leig i leo tuiteam làimh ris a’ champ, mar astar là air an taobh seo, agus mar astar là air an taobh eile mun cuairt air a’ champ, agus mar dhà làimh‐choille air àirde, air aghaidh na talmhainn. Agus sheas an sluagh suas air an là sin uile, agus air an oidhche sin uile, agus air an là a b’fhaisge uile, agus thionail iad na gearra‑goirt: esan a bu lugha a thionail, thionail e deich homeir, agus sgaoil iad gu farsaing dhaibh fhèin iad mu thimcheall a’ champa. Nuair a bha an fheòil fhathast eadar am fiaclan, mun do chagnadh i, las fearg an Tighearna an aghaidh an t‑sluaigh, agus bhuail an Tighearna an sluagh le plàigh ro‑mhòir. Agus thug e Cibrot‐hataabhah mar ainm air an àite sin; a chionn ann an sin gun d’adhlaic iad an sluagh a mhiannaich. Agus dh’imich an sluagh o Chibrot‐hataabhah gu Haserot: agus dh’fhan iad ann an Haserot. Agus labhair Miriam agus Aaron an aghaidh Mhaois airson na mnà o Etiopia, a phòs e; oir bha e air pòsadh mnà o Etiopia. Agus thubhairt iad, An do labhair an Tighearna da‑rìribh le Maois a‑mhàin? Nach do labhair e mar an ceudna leinne? Agus chuala an Tighearna e. (A‑nis bha an duine Maois ro‑chiùin, thar nan uile dhaoine a bha air aghaidh na talmhainn.) Agus labhair an Tighearna gu grad ri Maois, agus ri Aaron, agus ri Miriam, Thigibh a‑mach sibhse nur triùir gu pàillean a’ choitheanail. Agus thàinig iad nan triùir a‑mach. Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann am meall neòil, agus sheas e ann an doras a’ phàillein, agus ghairm e air Aaron agus Miriam: agus thàinig iad le chèile a‑mach. Agus thubhairt e, Eisdibh a‑nis rim bhriathran‐sa: Ma tha fàidh nur measg, nì mise an Tighearna mi fhèin aithnichte dha ann an taisbeanadh, agus labhraidh mi ris ann am bruadar. Chan ann mar sin dom sheirbhiseach Maois, a tha fìrinneach ann am thaigh uile. Beul ri beul labhraidh mi ris‐san, eadhon gu soilleir, agus chan ann am briathran dorcha, agus chì e coslas an Tighearna: carson matà nach robh eagal oirbh labhairt an aghaidh mo sheirbhisich Maois? Agus las fearg an Tighearna nan aghaidh, agus dh’fhalbh e. Agus dh’fhalbh an neul bhàrr a’ phàillein, agus, feuch, rinneadh Miriam na lobhar, geal mar shneachda: agus dh’amhairc Aaron air Miriam, agus, feuch, bha i na lobhar. Agus thubhairt Aaron ri Maois, Och! mo thighearna, guidheam ort, na cuir am peacadh as ar leth, leis an do rinn sinn gu h‑amaideach, agus leis an do pheacaich sinn. Na biodh i mar aon marbh, da bheil an fheòil air a leth‐chaitheamh, nuair a thig e a‑mach à broinn a mhàthar. Agus ghlaodh Maois ris an Tighearna, ag ràdh, Leighis i a‑nis, O Dhè, guidheam ort. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nan tilgeadh a h‑athair ach smugaid na h‑aodann, nach bu chòir dhi a bhith fo nàire seachd làithean? Druidear a‑mach on champ i rè seachd làithean, agus na dhèidh sin gabhar a‑steach i a‑rìs. Agus dhruideadh Miriam a‑mach on champ seachd làithean: agus cha do ghabh an sluagh an turas, gus an tugadh Miriam a‑steach a‑rìs. Agus na dhèidh sin dh’imich an sluagh o Haserot, agus champaich iad ann am fàsach Phàrain. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Cuir daoine uat, a‑chum is gun rannsaich iad tìr Chanàain, a bheir mise do chloinn Israeil; as gach uile threubh den athraichean cuiridh sibh duine, gach aon dhiubh na cheannard nam measg. Agus chuir Maois iad o fhàsach Phàrain, a rèir àithne an Tighearna: bu cheannardan na daoine sin uile air cloinn Israeil. Agus is iad seo an ainmean: De threubh Reubein, Samua mac Shacuir. De threubh Shimeoin, Saphat mac Hori. De threubh Iùdah, Càleb mac Iephuneh. De threubh Isachair, Igal mac Iòseiph. De threubh Ephraim, Hosèa mac Nuin. De threubh Bheniàmin, Palti mac Raphu. De threubh Shebuluin, Gadiel mac Shodi. De threubh Iòseiph, eadhon de threubh Mhanaseh, Gadi mac Shusi. De threubh Dhan, Amiel mac Ghemali. De threubh Aseir, Setur mac Mhichaeil. De threubh Naphtali, Nahbi mac Uopsi. De threubh Ghad, Geuel mac Mhachi. Is iad sin ainmean nan daoine a chuir Maois a ghabhail beachd air an fhearann. Agus thug Maois Iehosua mar ainm air Hosèa, mac Nuin. Agus chuir Maois iad a ghabhail beachd air talamh Chanàain, agus thubhairt e riu, Rachaibh suas anns an t‑slighe seo mu dheas, agus gabhaibh suas a‑chum na beinne; Agus faicibh am fearann, ciod e, agus an sluagh a tha nan còmhnaidh ann, a bheil iad làidir no anfhann, tearc no lìonmhor; Agus ciod e am fearann anns a bheil iad a chòmhnaidh, a bheil e math no olc; agus ciod iad na bailtean anns a bheil iad nan còmhnaidh, an ann am bùthan, no ann an daingnichean làidir; Agus ciod e an talamh, a bheil e reamhar no bochd, a bheil coille ann no nach eil. Agus biodh agaibh deagh mhisneach, agus thugaibh leibh de thoradh an fhearainn. (A‑nis b’e an t‑àm àm nan ciad dhearcan‐fìona abaich.) Mar sin chaidh iad suas, agus rannsaich iad am fearann o fhàsach Shin gu Rehob, mar a thèid daoine gu Hamat. Agus chaidh iad suas mu dheas, agus thàinig iad gu Hebron, far an robh Ahiman, Sesai, agus Talmai, mic Anaic. (A‑nis thogadh Hebron seachd bliadhna ro Shòan anns an Eiphit.) Agus thàinig iad gu sruth Escoil, agus gheàrr iad sìos as a sin geug le aon bhagaid fhìondhearc, agus ghiùlain iad i eadar dithis air luirg: agus thug iad leo de na pomgranatan, agus de na fìgean. Thugadh sruth Escoil mar ainm air an àite sin, airson a’ bhagaid fhìon‐dhearcan a gheàrr clann Israeil sìos as a sin. Agus thill iad o rannsachadh an fhearainn an dèidh dà‑fhichead là. Agus dh’imich iad, agus thàinig iad gu Maois, agus gu Aaron, agus gu co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, gu fàsach Phàrain, gu Cadeis; agus thug iad leo fios dan ionnsaigh, agus a dh’ionnsaigh a’ cho‐chruinneachaidh uile, agus dh’fheuch iad dhaibh toradh na tìre. Agus dh’innis iad dha, agus thubhairt iad, Thàinig sinne a dh’ionnsaigh an fhearainn gus an do chuir thu sinn, agus gu deimhinn tha e a’ sruthadh le bainne agus le mil; agus is e seo a thoradh. Gidheadh, tha an sluagh làidir a tha nan còmhnaidh anns an fhearann, agus tha na bailtean air an cuartachadh le ballachan, agus ro‑mhòr: agus os bàrr, chunnaic sinn clann Anaic an sin. Tha na h‑Amalecich nan còmhnaidh ann am fearann na h‑àird a deas; agus tha na Hitich, agus na h‑Iebusaich, agus na h‑Amoraich, nan còmhnaidh anns na beanntan; agus tha na Canàanaich nan còmhnaidh làimh ris an fhairge, agus ri taobh Iòrdain. Agus chiùinich Càleb an sluagh an làthair Mhaois, agus thubhairt e, Rachamaid suas a dh’aon fheachd, agus sealbhaicheamaid e; oir is urrainn sinn gu cinnteach a cheannsachadh. Ach thubhairt na daoine a chaidh suas maille ris, Chan urrainn sinn dol suas an aghaidh an t‑sluaigh; oir is treasa iad na sinne. Agus thug iad droch sgeul air an fhearann a rannsaich iad gu cloinn Israeil, ag ràdh, Am fearann tron deachaidh sinne ga rannsachadh, is fearann e a tha ag ithe suas a luchd‐àiteachaidh, agus an sluagh uile a chunnaic sinn ann, is daoine iad de mheudachd mhòir. Agus chunnaic sinn na famhairean an sin, mic Anaic, a thàinig o na famhairean; agus bha sinne nar sealladh fhèin mar fhionnain‐fheòir, agus bha sinn mar sin nan sealladh‐san. Agus thog an co‑chruinneachadh uile suas an guth, agus ghlaodh iad; agus ghuil an sluagh air an oidhche sin. Agus rinn clann Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois, agus an aghaidh Aaroin; agus thubhairt an co‑chruinneachadh uile riu, Och nach d’fhuair sinn bàs ann an tìr na h‑Eiphit, no nach d’fhuair sinn bàs anns an fhàsach seo! Agus carson a thug an Tighearna sinn don fhearann seo, a thuiteam leis a’ chlaidheamh, a‑chum gum biodh ar mnathan agus ar clann bheag nan cobhartaich? Nach b’fheàrr dhuinn tilleadh don Eiphit? Agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Dèanamaid dhuinn fhèin ceannard, agus tilleamaid don Eiphit. An sin thuit Maois agus Aaron air an aghaidh an làthair coitheanal co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile. Agus reub Iosua mac Nuin, agus Càleb mac Iephuneh, a bha dhiubhsan a rannsaich am fearann, an aodach. Agus labhair iad ri cuideachd chloinn Israeil uile, ag ràdh, Am fearann a chaidh sinne troimhe ga rannsachadh, is fearann ro‑mhath e. Ma tha tlachd aig an Tighearna annainn, an sin bheir e sinn a dh’ionnsaigh an fhearainn seo, agus bheir e dhuinn e; fearann a tha a’ sruthadh le mil agus le bainne. A‑mhàin na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, agus na biodh eagal sluagh an fhearainn oirbh; oir is aran dhuinn iad: dh’fhalbh an dìon uapa, agus tha an Tighearna maille rinne; na biodh eagal oirbh romhpa. Ach dh’iarr an co‑chruinneachadh uile an clachadh le clachan. Agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair chloinn Israeil uile. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cia fhad a bhrosnaicheas an sluagh seo mi? Agus cia fhad a bhitheas e mun creid iad mi, airson nan comharraidhean uile a nochd mi nam measg? Buailidh mi iad leis a’ phlàigh, agus fògraidh mi iad, agus nì mi thusa ad chinneach nas mò, agus nas cumhachdaiche na iadsan. Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, An sin cluinnidh na h‑Eiphitich e (oir thug thusa a‑nìos an sluagh seo led chumhachd o bhith nam measg). Agus innsidh iad e do luchd‐àiteachaidh an fhearainn seo: oir chuala iad gu bheil thusa, a Thighearna, am measg an t‑sluaigh seo; gu bheil thusa, a Thighearna, air d’fhaicinn aghaidh ri aghaidh; agus gu bheil do neul a’ seasamh os an cionn; agus gu bheil thu ag imeachd romhpa, ann am meall neòil anns an là, agus ann am meall teine anns an oidhche. A‑nis, ma mharbhas tu an sluagh seo uile mar aon duine, an sin labhraidh na cinnich a chuala iomradh ort, ag ràdh, A chionn nach b’urrainn an Tighearna an sluagh seo a thoirt don fhearann a mhionnaich e dhaibh, uime sin mharbh e iad anns an fhàsach. Agus a‑nis, guidheam ort, biodh cumhachd mo Thighearna mòr, a rèir mar a labhair thu, ag ràdh, Tha an Tighearna fad‐fhulangach agus mòr‐thròcaireach, a’ toirt maitheanais ann an aingidheachd, agus ann an easaontas, agus air chor sam bith nach saor an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach. Maith, guidheam ort, aingidheachd an t‑sluaigh seo, a rèir meud do thròcair, agus a rèir mar a thug thu maitheanas don t‑sluagh seo on Eiphit gus a‑nis. Agus thubhairt an Tighearna, Mhaith mi, a rèir d’fhacail: Ach cho fìor is a tha mi beò, lìonar an talamh uile le glòir an Tighearna. Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth; Gu cinnteach chan fhaic iadsan am fearann a mhionnaich mi dan athraichean, cha mhò a chì neach air bith dhiubhsan a bhrosnaich mi e: Ach mo sheirbhiseach Càleb, a chionn gu robh aige‐san spiorad eile maille ris, agus gun do lean e mi gu h‑iomlan, esan bheir mi don fhearann don deachaidh e; agus sealbhaichidh a shliochd e. (A‑nis bha na h‑Amalecich agus na Canàanaich nan còmhnaidh anns a’ ghleann.) A‑màireach tillibh, agus rachaibh don fhàsach, air slighe na mara ruaidhe. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh, Cia fhad a ghiùlaineas mi leis an droch cho‐chruinneachadh seo, a tha ri gearan am aghaidh? Chuala mi gearain chloinn Israeil, leis a bheil iad ri gearan am aghaidh. Abair riu, Cho fìor is a tha mi beò, arsa an Tighearna, mar a labhair sibh am èisdeachd, mar sin nì mi ribh. Anns an fhàsach seo tuitidh ur colainnean: agus a’ mheud is a chaidh àireamh dhibh, a rèir ur n‑àireimh iomlain, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, a rinn gearan am aghaidh, Gun amharas sam bith cha tig sibh a‑steach don fhearann a mhionnaich mise gun tugainn oirbh còmhnaidh a ghabhail ann, saor o Chàleb mac Iephuneh, agus Iosua mac Nuin. Ach ur clann bheag, a thubhairt sibh a bhiodh nan cobhartaich, iadsan bheir mi a‑steach, agus gabhaidh iad eòlas air an fhearann air an do rinn sibhse tàir. Agus air ur son‐se dheth, tuitidh ur colainnean anns an fhàsach seo. Agus bidh ur clann air seachran anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, agus giùlainidh iad ur strìopachais, gus an caithear ur colainnean anns an fhàsach. A rèir àireamh nan làithean anns an do rannsaich sibh am fearann, eadhon dà‑fhichead là (gach là airson bliadhna), giùlainidh sibh ur n‑euceartan, eadhon dà‑fhichead bliadhna, agus bidh fhios agaibh air mo bhriseadh‐geallaidh‐sa. Thubhairt mise an Tighearna e agus gu cinnteach nì mi e don cho‐chruinneachadh olc seo uile, a chruinnich am aghaidh: anns an fhàsach seo claoidhear iad, agus an sin gheibh iad bàs. Agus na daoine a chuir Maois a rannsachadh an fhearainn, a thill, agus a thug air a’ cho‐chruinneachadh uile gearan a dhèanamh na aghaidh, le droch sgeul a thoirt seachad air an fhearann, Fhuair eadhon na daoine sin, a thug seachad droch sgeul air an fhearann, bàs leis a’ phlàigh an làthair an Tighearna. Ach de na daoine sin a chaidh a rannsachadh an fhearainn, mhair Iosua mac Nuin agus Càleb mac Iephuneh beò. Agus dh’innis Maois na briathran sin do chloinn Israeil uile: agus rinn an sluagh caoidh mhòr. Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad suas gu mullach an t‑slèibh, ag ràdh, Feuch, tha sinne an seo, agus thèid sinn suas don àit a gheall an Tighearna; oir pheacaich sinn. Agus thubhairt Maois, Carson a‑nis a tha sibh a’ briseadh àithne an Tighearna? Ach cha soirbhich an nì seo leibh. Na rachaibh suas, oir chan eil an Tighearna nur measg; a‑chum is nach buailear sibh an làthair ur naimhdean. Oir tha na h‑Amalecich agus na Canàanaich an sin romhaibh, agus tuitidh sibh leis a’ chlaidheamh: a chionn gun do chlaon sibh on Tighearna, uime sin cha bhi an Tighearna maille ribh. Ach ghabh iad de dhànadas orra dol suas gu mullach an t‑slèibh: gidheadh cha deachaidh àirc coicheangal an Tighearna, no Maois, a‑mach as a’ champ. An sin thàinig na h‑Amalecich a‑nuas, agus na Canàanaich, a bha nan còmhnaidh anns an t‑sliabh sin, agus bhuail iad iad, agus chuir iad an ruaig orra, eadhon gu Hormah. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh a‑chum fearann ur n‑àiteachan‐còmhnaidh, a tha mise a’ tabhairt dhuibh, Agus a bheir sibh suas tabhartas le teine don Tighearna, tabhartas‐loisgte no ìobairt, gu bòid a choileanadh, no mar thabhartas saor‐thoile, no nur n‑àrd‐fhèillean, a dhèanamh fàile chùbhraidh don Tighearna, den sprèidh no den treud: An sin bheir esan a bheir seachad a thabhartas don Tighearna, seachad tabhartas‐bìdh den deicheamh cuid de fhlùr, measgte maille ris a’ cheathramh cuid de hin ola. Agus bheir thu seachad an ceathramh cuid de hin fìona mar thabhartas‐dibhe, maille ris an tabhartas‐loisgte no an ìobairt, airson aon uain. No airson reithe, bheir thu seachad mar thabhartas‐bìdh, dà dheicheamh cuid de fhlùr, measgte leis an treas cuid de hin ola. Agus a‑chum tabhartais‐dibhe, bheir thu seachad an treas cuid de hin fìona, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna. Agus nuair a bheir thu seachad tarbh òg mar ìobairt‐loisgte, no mar ìobairt gu bòid a choileanadh, no mar ìobairt‐shìth don Tighearna, An sin bheirear maille ris an tarbh òg, tabhartas‐bìdh de thrì deich codaichean de fhlùr, measgte le leth hin ola. Agus bheir thu seachad a‑chum tabhartais‐dibhe leth hin fìona, a‑chum tabhartais a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. Mar seo nìthear airson aon tairbh, no airson aon reithe, no airson uain, no minn. A rèir an àireimh a bheir sibh seachad, mar sin nì sibh do gach aon, a rèir an àireimh. Gach neach a rugadh anns an dùthaich, nì e na nithean sin air a’ mhodh seo, ann an tabhartas a thoirt seachad a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. Agus ma bhios coigreach air chuairt maille ribh, no cò air bith e a bhios nur measg nur ginealaichean, agus gun toir e seachad tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna; mar a nì sibhse, mar sin nì esan. Bidh aon reachd dhuibhse a tha den cho‐chruinneachadh, agus mar an ceudna don choigreach a tha air chuairt maille ribh, reachd sìorraidh nur ginealaichean: mar a tha sibhse, mar sin bidh an coigreach an làthair an Tighearna. Aon lagh, agus aon mhodh, bidh agaibhse, agus aig a’ choigreach a tha air chuairt maille ribh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thèid sibh a‑steach don fhearann da bheil mise gur tabhairt, An sin tàrlaidh, nuair a dh’itheas sibh de aran an fhearainn, gun toir sibh suas tabhartas‐togte don Tighearna. Bheir sibh suas breacag den chiad chuid de ur taois, mar thabhartas‐togte; mar a thogas sibh tabhartas‐togte an ùrlair‐bhualaidh, mar sin togaidh sibh i. Den chiad chuid de ur taois bheir sibh don Tighearna tabhartas‐togte, nur ginealaichean. Agus ma rinn sibh mearachd, agus nach do ghlèidh sibh na h‑àitheantan sin uile a labhair an Tighearna ri Maois, Eadhon gach nì a dh’àithn an Tighearna dhuibh le làimh Mhaois, on là sin anns an tug an Tighearna àithne do Mhaois, agus o sin suas air feadh ur ginealaichean: An sin tàrlaidh, ma rinneadh nì sam bith ann an aineolas, gun fhios don cho‐chruinneachadh, gun toir an co‑chruinneachadh uile seachad aon tarbh òg a‑chum ìobairt‐loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna, maille ra thabhartas‐bìdh, agus a thabhartas‐dibhe, a rèir a ghnàtha, agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh. Agus nì an sagart rèite airson co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, agus maithear dhaibh e, oir is aineolas a tha ann: agus bheir iad leo an tabhartas, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna, agus an ìobairt‐pheacaidh an làthair an Tighearna, airson an aineolais. Agus maithear e do cho‐chruinneachadh chloinn Israeil uile, agus don choigreach a tha air chuairt nam measg; do bhrìgh gu robh an sluagh uile ann an aineolas. Agus ma pheacaicheas anam sam bith trìd aineolais, an sin bheir e leis gobhar den chiad bhliadhna a‑chum ìobairt‐pheacaidh. Agus nì an sagart rèite airson an anama a pheacaicheas gu h‑aineolach, nuair a pheacaicheas e le aineolas an làthair an Tighearna, a dhèanamh rèite air a shon; agus maithear dha e. Bidh aon lagh agaibh air a shon‐san a pheacaicheas trìd aineolais, araon air a shon‐san a rugadh am measg chloinn Israeil, agus airson a’ choigrich a tha air chuairt nam measg. Ach an t‑anam a nì a’ bheag gu h‑an‑dàna (co‑dhiù a rugadh e anns an tìr, no is coigreach e) tha esan a’ toirt eas‐urraim don Tighearna; agus gearrar an t‑anam sin as o mheasg a shluaigh. Do bhrìgh gun do rinn e tàir air facal an Tighearna, agus gun do bhris e a àithne, gearrar an t‑anam sin as gu tur: bidh a aingidheachd air fhèin. Agus nuair a bha clann Israeil anns an fhàsach, fhuair iad duine a’ tional mhaidean air là na sàbaid. Agus thug iadsan a fhuair e a’ tional mhaidean a dh’ionnsaigh Mhaois e, agus a dh’ionnsaigh Aaroin, agus a dh’ionnsaigh a cho‐chruinneachaidh uile. Agus chuir iad an làimh e, a chionn nach d’innseadh ciod a bu chòir a dhèanamh ris. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cuirear an duine gu cinnteach gu bàs; clachaidh an co‑chruinneachadh uile e le clachan an taobh a‑muigh den champ. Agus thug an co‑chruinneachadh uile a‑mach as a’ champ e, agus chlach iad e le clachan, agus fhuair e bàs: mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, iad a dhèanamh fabhra dhaibh fhèin air iomallan an aodaich air feadh an ginealaichean, agus iad a chur air fabhra nan iomall còrd gorm. Agus bidh e dhuibh mar fhabhra, agus amhaircidh sibh air, a‑chum gun cuimhnich sibh uile àitheantan an Tighearna, agus gun dèan sibh iad; agus nach iarr sibh an dèidh ur cridhe agus ur sùl fhèin, nithean as àbhaist dhuibh dol nan dèidh le ana‑miann: A‑chum is gun cuimhnich, agus gun dèan sibh m’àitheantan uile, agus gum bi sibh naomh dur Dia. Is mise an Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, gu bhith am Dhia dhuibh: Is mise an Tighearna ur Dia. Agus ghabh Corah mac Idsair, mhic Chohait, mhic Lèbhi, agus Datan agus Abiram mic Eliaib, agus On mac Pheleit, mic Reubein, daoine: Agus dh’èirich iad suas an làthair Mhaois, maille ri daoine àraidh de chloinn Israeil, dà cheud agus leth‐cheud ceannard den choitheanal, inbheach anns a’ cho‐chruinneachadh, daoine iomraiteach. Agus chruinnich iad iad fhèin an ceann a chèile an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, agus thubhairt iad riu, Tha sibh a’ gabhail tuilleadh is a chòir oirbh fhèin, do bhrìgh gu bheil an co‑chruinneachadh uile naomh gach aon dhiubh, agus tha an Tighearna nam measg: carson uime sin a tha sibh gur togail fhèin suas os cionn co‑chruinneachadh an Tighearna? Agus nuair a chuala Maois e, thuit e air a aghaidh: Agus labhair e ri Corah, agus ra chuideachd uile, ag ràdh, Eadhon a‑màireach nochdaidh an Tighearna cò iad as leis, agus cò a tha naomh, agus bheir e air teachd am fagas dha: bheir e eadhon airsan a roghnaich e, teachd am fagas dha. Dèanaibh‐se seo; gabhaith dhuibh fhèin tùiseirean, Corah, agus a chuideachd uile: Agus cuiribh teine annta, agus cuiribh tùis orra an làthair an Tighearna air an là màireach; agus an duine sin a roghnaicheas an Tighearna bidh esan naomh. Tha sibh a’ gabhail tuilleadh is a chòir oirbh fhèin, sibhse a mhaca Lèbhi. Agus thubhairt Maois ri Corah, Eisdibh, guidheam oirbh, sibhse a mhaca Lèbhi: An nì beag e nur barail‐se gun do sgar Dia Israeil sibh o cho‐chruinneachadh Israeil gu ur toirt am fagas dha fhèin, a dhèanamh seirbhis pàillean an Tighearna, agus a sheasamh am fianais a’ cho‐chruinneachaidh a fhrithealadh dhaibh? Agus thug e thusa am fagas dha fhèin, agus do bhràithrean uile, mic Lèbhi, maille riut; agus a bheil sibh ag iarraidh na sagartachd mar an ceudna? Air an adhbhar sin tha thusa, agus do chuideachd uile, air ur cruinneachadh an ceann a chèile an aghaidh an Tighearna: agus a‑thaobh Aaroin, ciod esan, gu bheil sibh ri gearan na aghaidh? Agus chuir Maois teachdairean uaithe a ghairm Dhatain agus Abiraim, mic Eliaib, a thubhairt, Cha tèid sinn suas. An nì beag e gun tug thu a‑nìos sinn à talamh a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil, gar marbhadh anns an fhàsach, mura dèan thu thu fhèin gu h‑iomlan ad uachdaran os ar cionn? A thuilleadh air seo, cha tug thu sinn gu fearann a tha a’ sruthadh le mil agus le bainne, cha mhò a thug thu dhuinn oighreachd mhachrach agus fhìonliosan: an cuir thu a‑mach sùilean nan daoine sin? Cha tèid sinne suas. Agus bha Maois ro‑dhiombach; agus thubhairt e ris an Tighearna, Na biodh meas agad dan tabhartas; cha do ghabh mise aon asal uapa, cha mhò a rinn mi cron air aon dhiubh. Agus thubhairt Maois ri Corah, Bi thusa agus do chuideachd uile an làthair an Tighearna, thusa, agus iadsan, agus Aaron a‑màireach: Agus gabhaibh gach duine a thùiseir, agus cuiribh tùis annta, agus thugaibh an làthair an Tighearna gach duine a thùiseir, dà cheud agus leth‐cheud tùiseir; thusa mar an ceudna, agus Aaron, gach aon dhibh a thùiseir. Agus ghabh gach duine dhiubh a thùiseir, agus chuir iad teine annta, agus chuir iad tùis orra, agus sheas iad ann an doras pàillean a’ choitheanail maille ri Maois agus ri Aaron. Agus chruinnich Corah an co‑chruinneachadh uile nan aghaidh gu doras pàillean a’ choitheanail: agus thaisbeineadh glòir an Tighearna don cho‐chruinneachadh uile. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh, Sgaraibh sibh fhèin o mheasg a’ cho‐chruinneachaidh seo, agus sgriosaidh mi iad mar ann am priobadh na sùla. Agus thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, O Dhè, Dia spioradan gach uile fheòla, am peacaich aon duine, agus am bi fearg agad ris a’ cho‐chruinneachadh uile? Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ris a’ cho‐chruinneachadh, ag ràdh, Rachaibh suas o thimcheall pàillean Chorah, Dhatain agus Abiraim. Agus dh’èirich Maois suas, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Dhatain agus Abiraim; agus lean seanairean Israeil e. Agus labhair e ris a’ cho‐chruinneachadh, ag ràdh, Sgaraibh sibh fhèin, guidheam oirbh, o bhùthan nan daoine aingidh ud, agus na beanaibh ri nì sam bith as leo, air eagal gun sgriosar sibh nam peacaidhean uile. Mar sin chaidh iad suas o phàillean Chorah, Dhatain, agus Abiraim, air gach taobh: agus thàinig Datan agus Abiram a‑mach, agus sheas iad ann an doras am bùthan, agus am mnathan, agus am mic, agus an clann bheag. Agus thubhairt Maois, Le seo bidh fhios agaibh gun do chuir an Tighearna mise a dhèanamh nan obraichean sin uile; oir cha do rinn mi iad as mo cheann fhèin. Ma gheibh na daoine sin bàs mar na h‑uile dhaoine eile, no ma dh’fhiosraichear iad a rèir fiosrachadh nan uile dhaoine, an sin cha do chuir an Tighearna mise uaithe. Ach ma nì an Tighearna gnìomh nuadh, agus gum fosgail an talamh a bheul, agus gun sluig e suas iad maille ris gach nì as leo, agus gun tèid iad sìos beò don t‑sloc, an sin tuigidh sibh gun do bhrosnaich na daoine sin an Tighearna. Agus thàrladh, nuair a sguir e de labhairt nam briathran sin uile, gun do sgoilt an talamh a bha fodhpa, o chèile: Agus dh’fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas iad, agus an taighean, agus na daoine uile a bhuin do Chorah, agus am maoin uile. Chaidh iad fhèin, agus gach nì a bhuin dhaibh, beò sìos don t‑sloc, agus dhruid an talamh orra: agus chaidh as dhaibh o mheasg a’ cho‐chruinneachaidh. Agus theich Israel uile a bha man timcheall, ran glaodh: oir thubhairt iad, Air eagal gun sluig an talamh sinne suas mar an ceudna. Agus thàinig teine a‑mach on Tighearna, agus loisg e an dà cheud agus an leth‐cheud fear a thug seachad tùis. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri Eleàsar mac Aaroin an sagart, e a thogail suas nan tùiseirean à meadhon an losgaidh, agus sgap thusa an teine an siud; oir tha iad coisrigte. Tùiseirean nam peacach ud an aghaidh an anama fhèin, agus dèanadh iad dhiubh leacan leathann mar chòmhdach don altair: oir thug iad seachad iad an làthair an Tighearna, air an adhbhar sin tha iad coisrigte; agus bidh iad nan comharradh do chloinn Israeil. Agus ghabh Eleàsar an sagart na tùiseirean umha, leis an tug iadsan a chaidh a losgadh seachad tabhartas: agus rinneadh iad nan leacan leathann mar chòmhdach don altair: Gu bhith nan cuimhneachan do chloinn Israeil, air chor is nach tig coigreach, nach eil de shliochd Aaroin, am fagas a losgadh tùis an làthair an Tighearna; a‑chum is nach bi e mar Chorah, agus mar a chuideachd; mar a thubhairt an Tighearna ris le làimh Mhaois. Ach air an là màireach, rinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, ag ràdh, Mharbh sibh sluagh an Tighearna. Agus thàrladh, nuair a chruinnicheadh an co‑chruinneachadh an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, gun do sheall iad air pàillean a’ choitheanail: agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna. Agus thàinig Maois agus Aaron gu beulaibh pàillean a’ choitheanail. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Rachaibh suas o mheasg a’ cho‐chruinneachaidh seo, agus sgriosaidh mi iad mar ann am priobadh na sùla. Agus thuit iad air an aodainnean. Agus thubhairt Maois ri Aaron, Glac tùiseir, agus cuir teine ann bhàrr na h‑altarach, agus cuir tùis air, agus imich gu grad a dh’ionnsaigh a’ cho‐chruinneachaidh, agus dèan rèite air an son; oir chaidh fearg a‑mach on Tighearna: thòisich a’ phlàigh. Agus ghlac Aaron e, mar a dh’àithn Maois, agus ruith e gu meadhon a’ choitheanail; agus feuch, bha a’ phlàigh air tòiseachadh am measg an t‑sluaigh: agus chuir e tùis air, agus rinn e rèite airson an t‑sluaigh. Agus sheas e eadar na mairbh agus na beòthan, agus chaisgeadh a’ phlàigh. Agus bhàsaich anns a’ phlàigh ceithir‐mìle‐deug agus seachd ceud, a thuilleadh orrasan a bhàsaich an adhbhar Chorah. Agus thill Aaron a dh’ionnsaigh Mhaois, gu doras pàillean a’ choitheanail: agus chaisgeadh a’ phlàigh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus gabh slat o gach aon aca, a rèir taighean an athraichean on ceannardan uile, a rèir taighean an athraichean, dà‑shlait‐dheug: sgrìobh ainm gach duine air a shlait fhèin. Agus sgrìobhaidh tu ainm Aaroin air slait Lèbhi: oir bidh aon slat airson ceann taighean an athraichean. Agus cuiridh tu suas iad ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair na Fianais, far an coinnich mise thu. Agus tàrlaidh, gun tig slat an duine a thaghas mise fo bhlàth; agus bheir mi air gearain chloinn Israeil sgur uam, leis a bheil iad ri gearan nur n‑aghaidh‐se. Agus labhair Maois ri cloinn Israeil agus thug gach aon den ceannardan dha slat am fear, aon airson gach ceannaird, a rèir taighean an athraichean, eadhon dà‑shlait‐dheug: agus bha slat Aaroin am measg an slat. Agus chuir Maois suas na slatan an làthair an Tighearna, ann am pàillean na Fianais. Agus air an là màireach chaidh Maois a‑steach do phàillean na Fianais; agus, feuch, bha slat Aaroin, airson taigh Lèbhi, air briseadh a‑mach, agus air cur maoth dhuilleach aisde, agus air teachd fo bhlàth, agus air giùlan almoinean. Agus thug Maois a‑mach na slatan uile o làthair an Tighearna gu cloinn Israeil uile; agus dh’amhairc iad orra, agus ghabh gach duine a shlat fhèin. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thoir slat Aaroin a‑rìs an làthair na Fianais, gu bhith air a gleidheadh mar chomharradh an aghaidh nan ceannairceach; agus bheir thu air falbh gu tur an gearain uamsa, a‑chum is nach bàsaich iad. Agus rinn Maois mar sin: mar a dh’àithn an Tighearna dha, mar sin rinn e. Agus labhair clann Israeil ri Maois, ag ràdh, Feuch, tha sinn a’ bàsachadh, thèid as dhuinn, thèid as dhuinn uile. Ge bè air bith a thig am fagas do phàillean an Tighearna, gheibh e bàs; an claoidhear sinn le bàsachadh? Agus thubhairt an Tighearna ri Aaron, Giùlainidh tusa agus do mhic, agus taigh d’athar maille riut, euceart an ionaid naoimh; agus giùlainidh tusa agus do mhic maille riut euceart ur sagartachd. Agus do bhràithrean mar an ceudna de threubh Lèbhi, treubh d’athar, bheir thu leat maille riut, a‑chum is gun ceanglar riut iad, agus gum fritheil iad dhut: ach frithealaidh tusa agus do mhic maille riut air beulaibh pàillean na Fianais. Agus gleidhidh iad do chùram‐sa, agus cùram a’ phàillein uile: a‑mhàin cha tig iad am fagas do shoithichean an ionaid naoimh agus don altair, a‑chum is nach faigh aon chuid iadsan no sibhse bàs. Agus ceanglar riut iad, agus gleidhidh iad cùram pàillean a’ choitheanail, airson uile sheirbhis a’ phàillein: agus cha tig coigreach am fagas dhuibh. Agus gleidhidh sibh cùram an ionaid naoimh, agus cùram na h‑altarach; a‑chum is nach bi fearg nas mò air cloinn Israeil. Agus mise, feuch, thug mi ur bràithrean na Lèbhitich o mheasg chloinn Israeil: dhuibhse thugadh iad mar thabhartas don Tighearna, a dhèanamh seirbhis pàillean a choitheanail. Uime sin gleidhidh tusa, agus do mhic maille riut, ur sagartachd anns gach nì a bhuineas don altair, agus an taobh a‑staigh den roinn‐bhrat, agus nì sibh seirbhis: thug mi dhuibh ur sagartachd, mar sheirbhis tabhartais; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs. Agus labhair an Tighearna ri Aaron, Feuch, thug mi dhut mar an ceudna cùram mo thabhartas‐togte, de uile nithean coisrigte chloinn Israeil; dhutsa thug mi iad, airson an ungaidh, agus dod mhic le reachd sìorraidh. Bidh seo leatsa de na nithean ro‑naomha, a ghleidheadh on teine: gach tabhartas leòsan, gach tabhartas‐bìdh leo, agus gach ìobairt‐pheacaidh leo, agus gach ìobairt‐easaontais leo, a bheir iad dhòmhsa, bidh e ro‑naomh dhutsa, agus dod mhic. Anns an ionad ro‑naomh ithidh tu e, ithidh gach fireannach e: bidh e naomh dhutsa. Agus is leat seo; tabhartas‐togte an tabhartais, maille ri uile thabhartasan‐luaisgte chloinn Israeil: thug mi dhutsa iad, agus dod mhic, agus dod nigheanan maille riut, le reachd sìorraidh: gach neach a tha glan ad thaigh, ithidh e dheth. A’ chuid as fheàrr uile den ola, agus a’ chuid as fheàrr uile den fhìon, agus den chruithneachd, an ciad‐thoradh leòsan a bheir iad seachad don Tighearna, iad sin thug mi dhut. Gach nì as luaithe a bhios abaich nam fearann, a bheir iad a‑chum an Tighearna, bidh e leatsa; gach aon a tha glan ad thaigh, ithidh e dheth. Gach nì a choisrigear ann an Israeil, bidh e leatsa. Gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù de gach feòil, a bheir iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, mas ann de dhuine, no de ainmhidh, bidh e leatsa: gidheadh gu cinnteach fuasglaidh tu ciad‐ghin duine, agus ciad‐ghin an ainmhidh neòghlain fuasglaidh tu. Agus iadsan a dh’fhuasglar, o mhìos a dh’aois fuasglaidh tu iad, a rèir do mheas, airson airgead chòig seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: is e an secel fichead gerah. Ach ciad‐ghin boin, no ciad‐ghin caorach, no ciad‐ghin goibhre, chan fhuasgail thu; tha iad naomh: crathaidh tu am fuil air an altair, agus loisgidh tu an saill mar thabhartas a bheirear suas le teine, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna. Agus bidh am feòil leatsa, mar a bhios an t‑uchd luaisgte agus an slinnean deas leat. Uile thabhartasan‐togte nan nithean naomha, a bheir clann Israeil seachad don Tighearna, thug mi dhutsa, agus dod mhic, agus dod nigheanan maille riut, le reachd sìorraidh: is coicheangal salainn e gu bràth an làthair an Tighearna, dhutsa agus dod shliochd maille riut. Agus labhair an Tighearna ri Aaron, Nam fearann cha bhi oighreachd agad, cha mhò a bhios roinn agad nam measg: is mise do roinn‐sa agus d’oighreachd am measg chloinn Israeil. Agus, feuch, do chloinn Lèbhi thug mi an deicheamh uile ann an Israel mar oighreachd, airson an seirbhis a nì iad, eadhon seirbhis pàillean a’ choitheanail. Agus chan fhaod clann Israeil o seo suas teachd am fagas do phàillean a’ choitheanail, air eagal gun giùlain iad peacadh, agus gum faigh iad bàs. Ach nì na Lèbhithich seirbhis pàillean a’ choitheanail, agus giùlainidh iad an cionta: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean, nach bi oighreachd sam bith aca am measg chloinn Israeil. Ach deicheamh chloinn Israeil a bheir iad seachad mar thabhartas‐togte don Tighearna, thug mi do na Lèbhithich mar oighreachd: uime sin thubhairt mi riu, Am measg chloinn Israeil cha bhi oighreachd aca. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Mar seo labhair ris na Lèbhithich, agus abair riu, Nuair a thogas sibh o chloinn Israeil an deicheamh a thug mise dhuibh uapa mar ur n‑oighreachd, an sin bheir sibh suas tabhartas‐togte dheth don Tighearna, eadhon an deicheamh cuid den deicheamh. Agus measar an tabhartas‐togte seo dhuibh, mar gum b’e arbhar an ùrlair‐bhualaidh, agus mar làine amar‐bruthaidh an fhìona. Mar seo mar an ceudna bheir sibh seachad tabhartas‐togte don Tighearna, de ur n‑uile dheicheamh a thogas sibh o chloinn Israeil; agus bheir sibh dheth tabhartas‐togte an Tighearna do Aaron an sagart. As ur n‑uile thìodhlacan, bheir sibh seachad uile thabhartas‐togte an Tighearna den chuid as fheàrr dheth uile, eadhon a’ chuid sin dheth a tha coisrigte. Uime sin their thu riu, Nuair a thogas sibh suas uaithe a’ chuid as fheàrr dheth, an sin measar e do na Lèbhithich mar thoradh an ùrlair‐bhualaidh, agus mar thoradh amar‐bruthaidh an fhìona. Agus ithidh sibh e anns gach àite, sibh fhèin agus ur teaghlaichean: oir is e ur duais airson ur seirbhis ann am pàillean a’ choitheanail. Agus cha ghiùlain sibh peacadh sam bith air a shon, nuair a thogas sibh suas as a’ chuid as fheàrr dheth: cha mhò a thruailleas sibh nithean naomha chloinn Israeil, air eagal gum faigh sibh bàs. Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh, Is e seo òrdagh an lagha a dh’àithn an Tighearna, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, iad a thoirt ad ionnsaigh agh ruadh gun ghaoid, air nach eil smal, agus nach robh riamh fo chuing. Agus bheir sibh i a dh’ionnsaigh Eleàsair an sagart; agus bheirear i an taobh a‑muigh den champ, agus marbhar i na fhianais. Agus gabhaidh Eleàsar an sagart cuid de a fuil le a mheur, agus crathaidh e cuid de a fuil dìreach fa chomhair pàillean a’ choitheanail seachd uairean. Agus loisgidh neach an t‑agh na shealladh; a seiche, agus a feòil, agus a fuil, maille ra h‑aolach, loisgidh e. Agus gabhaidh an sagart fiodh seudair, agus hiosop, agus sgàrlaid, agus tilgidh e sin am meadhon losgadh an aighe. An sin nighidh an sagart a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus an dèidh sin thig e a‑steach don champ, agus bidh an sagart neòghlan gu feasgar. Agus nighidh esan a loisg i a aodach ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. Agus cruinnichidh duine a tha glan luath an aighe, agus taisgidh e i an taobh a‑muigh den champ ann an àite glan; agus gleidhear i airson coitheanal chloinn Israeil, mar uisge‐dealachaidh: is glanadh airson peacaidh i. Agus nighidh esan a thionaileas luath an aighe a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar: agus bidh e do chloinn Israeil, agus don choigreach a tha air chuairt nam measg, na reachd sìorraidh. Esan a bheanas ri corp duine mhairbh sam bith, bidh e neòghlan seachd làithean. Glanaidh e e fhèin leis air an treas là, agus air an t‑seachdamh là bidh e glan: ach mura glan e e fhèin air an treas là, an sin air an t‑seachdamh là cha bhi e glan. Ge bè neach a bheanas ri corp duine sam bith a tha marbh, agus nach glan e fhèin, tha e a’ truailleadh pàillean an Tighearna; agus gearrar an t‑anam sin as o Israel: a chionn nach do chrathadh an t‑uisge‐dealachaidh air, bidh e neòghlan; tha a neòghlaine fhathast air. Is e seo an lagh, nuair a bhàsaicheas duine ann am bùth: Gach neach a thig a‑steach don bhùth, agus gach neach a tha anns a’ bhùth, bidh iad neòghlan seachd làithean. Agus gach soitheach fosgailte aig nach eil còmhdach ceangailte air, tha e neòghlan. Agus ge bè a bheanas ri neach a mharbhadh le claidheamh anns a’ mhachair, no ri corp marbh, no ri cnàimh duine, no ri uaigh, bidh e neòghlan seachd làithean. Agus airson an duine neòghlain gabhaidh iad de luaith an aighe, a loisgeadh airson glanadh peacaidh, agus cuiridh iad uisge‐ruith oirre ann an soitheach. Agus gabhaidh duine glan hiosop, agus tumaidh e anns an uisge e, agus crathaidh e air a’ bhùth e, agus air na soithichean uile, agus air a’ mhuinntir a bha an sin, agus airsan a bhean ri cnàimh, no ri neach a mharbhadh, no ri aon marbh, no ri uaigh: Agus crathaidh an duine glan air an neòghlan air an treas là, agus air an t‑seachdamh là; agus glanaidh e e fhèin air an t‑seachdamh là, agus nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e glan air feasgar. Ach an duine a bhios neòghlan, agus nach glan e fhèin, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a’ cho‐chruinneachaidh, a chionn gun do thruaill e ionad naomh an Tighearna: cha do chrathadh uisge‐dealachaidh air; tha e neòghlan. Agus bidh e na reachd sìorraidh dhaibh, gun nigh esan a chrathas an t‑uisge‐dealachaidh a aodach, agus bidh esan a bheanas ris an uisge‐dhealachaidh neòghlan gu feasgar. Agus ge bè nì ris am bean an duine neòghlan, bidh e neòghlan: agus an t‑anam a bheanas ris, bidh e neòghlan gu feasgar. An sin thàinig clann Israeil, eadhon an co‑chruinneachadh uile, gu fàsach Shin, anns a’ chiad mhìos: agus dh’fhan an sluagh ann an Cadeis: agus fhuair Miriam bàs an sin, agus dh’adhlaiceadh an sin i. Agus cha robh uisge ann don choitheanal: agus chruinnich iad iad fhèin an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin. Agus throid an sluagh ri Maois, agus labhair iad, ag ràdh, B’fheàrr gum bitheamaid air faghail bàis nuair a bhàsaich ar bràithrean an làthair an Tighearna! Agus carson a thug sibh a‑nìos co‑chruinneachadh an Tighearna don fhàsach seo, gu bàs fhaghail an sin, sinn fhèin agus ar sprèidh? Agus carson a thug sibh oirnne teachd a‑nìos as an Eiphit, gar toirt a‑steach don droch àite seo? Chan àite sìl e, no fhìgis, no chrann‐fìona, no phomgranatan; cha mhò a tha uisge ann ra òl. Agus chaidh Maois agus Aaron o làthair a’ cho‐chruinneachaidh gu doras pàillean a’ choitheanail, agus thuit iad air an aghaidh; agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna dhaibh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Gabh an t‑slat, agus cruinnich thusa an coitheanal an ceann a chèile, thu fhèin agus Aaron do bhràthair, agus labhraibh ris a’ charraig fa chomhair an sùl, agus bheir i seachad a h‑uisge; agus bheir thusa a‑mach uisge dhaibh as a’ charraig, agus bheir thu deoch don choitheanal, agus dan sprèidh. Agus gabh Maois an t‑slat o làthair an Tighearna, mar a dh’àithn e dha. Agus chruinnich Maois agus Aaron an co‑chruinneachadh an ceann a chèile fa chomhair na carraige, agus thubhairt e riu, Eisdibh a‑nis, a luchd‐ceannairc; as a’ charraig seo am feum sinne uisge a thoirt dhuibh? Agus thog Maois suas a làmh, agus bhuail e a’ charraig le a shlait dà uair; agus thàinig an t‑uisge a‑mach gu pailt: agus dh’òl an co‑chruinneachadh, agus an sprèidh. Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, A chionn nach do chreid sibh mi, a‑chum mo naomhachadh ann an sùilean chloinn Israeil, uime sin cha toir sibh a‑steach an co‑chruinneachadh seo don fhearann a thug mise dhaibh. Is e seo uisge Mheribah, a chionn gun do rinn clann Israeil strì ris an Tighearna, agus naomhaicheadh e annta. Agus chuir Maois teachdairean o Chadeis gu rìgh Edoim, Mar seo tha do bhràthair Israel ag ràdh, Tha fhios agad air an t‑saothair sin uile a thàinig oirnne; Mar a chaidh ar n‑athraichean sìos don Eiphit, agus a ghabh sinn còmhnaidh anns an Eiphit aimsir fhada; agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinne, agus ri ar n‑athraichean. Agus nuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna, chuala e ar guth, agus chuir e aingeal uaithe, agus thug e a‑mach sinn as an Eiphit; agus, feuch, tha sinn ann an Cadeis, baile anns a’ chuid as iomallaiche ded chrìch. Leig leinn, guidheam ort, dol tro do dhùthaich: cha tèid sinn tro achadh sam bith, no tro fhìonlios, cha mhò a dh’òlas sinn uisge nan tobar; imichidh sinn air rathad mòr an rìgh, cha tionndaidh sinn a dh’ionnsaigh na làimhe deise, no na làimhe clìthe, gus an tèid sinn seach do chrìochan. Agus thubhairt Edom ris, Cha tèid thu seachad orm, air eagal leis a’ chlaidheamh gun tig mi a‑mach ad aghaidh. Agus thubhairt clann Israeil ris, Imichidh sinn air an rathad mhòr; agus ma dh’òlas mi fhèin agus mo sprèidh ded uisge, bheir mi luach air a shon: a‑mhàin gun tuilleadh a dhèanamh, thèid mi troimhe dem chois. Agus thubhairt e, Cha tèid thu troimhe. Agus thàinig Edom a‑mach na aghaidh le mòr‐shluagh, agus le làimh thrèin. Mar seo dhiùlt Edom do Israel comas dol tro a chrìch: uime sin thionndaidh Israel uaithe. Agus ghabh clann Israeil, eadhon an co‑chruinneachadh uile, an turas o Chadeis, agus thàinig iad gu sliabh Hor. Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron ann an sliabh Hor, làimh ri crìch fearann Edoim, ag ràdh, Cruinnichear Aaron a‑chum a shluaigh; oir cha tèid e a‑steach don fhearann a thug mise do chloinn Israeil, a chionn gu robh sibh ceannairceach an aghaidh m’fhacail‐sa aig uisge Mheribah. Gabh Aaron agus Eleàsar a mhac, agus thoir suas iad gu sliabh Hor: Agus buin a aodach de Aaron, agus cuir air a mhac Eleàsar e: agus cruinnichear Aaron a‑chum a mhuinntir, agus gheibh e bàs an sin. Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna: agus chaidh iad suas gu sliabh Hor, ann an sealladh a’ cho‐chruinneachaidh uile. Agus bhuin Maois a aodach de Aaron, agus chuir e air Eleàsar a mhac e; agus fhuair Aaron bàs an sin air mullach an t‑slèibh: agus thàinig Maois agus Eleàsar a‑nuas on t‑sliabh. Agus nuair a chunnaic an co‑chruinneachadh uile gun d’fhuair Aaron bàs, rinn iad bròn airson Aaroin deich làithean ar fhichead, eadhon taigh Israeil uile. Agus nuair a chuala rìgh Arad, an Canàanach, a bha a chòmhnaidh anns an àird a deas, gun tàinig Israel air slighe an luchd‐brathaidh, an sin chog e an aghaidh Israeil, agus rinn e cuid dhiubh nan ciomaich. Agus bhòidich Israel bòid don Tighearna, agus thubhairt iad, Ma bheir thu da‑rìribh an sluagh seo thairis dar làimh, an sin sgriosaidh sinn gu tur am bailtean. Agus dh’èisd an Tighearna ri guth Israeil, agus thug e na Canàanaich suas dhaibh: agus sgrios iad gu tur iad fhèin agus am bailtean: agus thug iad Horma mar ainm air an àite. Agus ghabh iad an turas o shliabh Hor, air slighe na mara ruaidhe, a dhol mun cuairt air tìr Edoim; agus bha anam an t‑sluaigh fo mhì‐mhisnich anns an t‑slighe. Agus labhair an sluagh an aghaidh Dhè, agus an aghaidh Mhaois, Carson a thug sibh a‑nìos sinn as an Eiphit, gu bàs fhaghail anns an fhàsach? Oir chan eil aran no uisge ann, agus tha ar n‑anam a’ gabhail gràin den aran aotrom seo. Agus chuir an Tighearna nathraichean loisgeach am measg an t‑sluaigh; agus lot iad an sluagh, agus fhuair mòr‐shluagh de Israel bàs. Uime sin thàinig an sluagh a dh’ionnsaigh Mhaois, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, oir labhair sinn an aghaidh an Tighearna, agus ad aghaidh‐sa; guidh air an Tighearna gun toir e air falbh uainn na nathraichean. Agus ghuidh Maois airson an t‑sluaigh. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Dèan dhut fhèin nathair loisgeach, agus cuir i air crann; agus tàrlaidh, gach neach a lotar, nuair a dh’amhairceas e oirre, gum mair e beò. Agus rinn Maois nathair umha, agus chuir e air crann i: agus thàrladh, ma lot nathair duine sam bith, agus gun d’amhairc e air an nathair umha, gun d’fhan e beò. Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus champaich iad ann an Obot. Agus ghabh iad an turas o Obot, agus champaich iad aig Iie‐abarim anns an fhàsach a tha fa chomhair Mhòaib, leth ri èirigh na grèine. Uaithe sin dh’imich iad, agus champaich iad ann an gleann Shareid. O sin dh’imich iad, agus champaich iad air an taobh eile de Arnon, a tha anns an fhàsach a tha a’ teachd a‑mach à crìochan nan Amorach: oir is e Arnon crìoch Mhòaib, eadar Mòab agus na h‑Amoraich. Uime sin innsear ann an leabhar cogaidhean an Tighearna, Ciod a rinn e anns a’ mhuir ruaidh, agus ann an sruthan Arnoin; Agus aig ruith nan sruth a tha a’ dol sìos gu àite‐còmhnaidh Ar, agus a’ laighe air crìch Mhòaib. Agus o sin chaidh iad gu Beer: is e sin an tobar mun do labhair an Tighearna ri Maois, Cruinnich an sluagh ri chèile, agus bheir mise uisge dhaibh. An sin chan Israel an laoidh seo, Sruth a‑nìos, O thobair; canaibh‐se dha: Chladhaich na h‑uachdarain an tobar, chladhaich uaislean an t‑sluaigh e, le seòladh fear‐tabhairt an lagha, len lorgan. Agus on fhàsach chaidh iad gu Matana; Agus o Mhatana gu Nahaliel; agus o Nahaliel gu Bamot; Agus o Bhamot anns a’ ghleann a tha ann an dùthaich Mhòaib gu mullach Phisgah, a tha ag amharc ri Iesimon. Agus chuir Israel teachdairean gu Sihon, rìgh nan Amorach, ag ràdh, Leig dhomh dol tro d’fhearann; cha tionndaidh sinn a dh’ionnsaigh raoin no a dh’ionnsaigh fìonlios sam bith; chan òl sinn uisgeachan an tobair: rathad an rìgh gabhaidh sinn, gus an tèid sinn seachad air do chrìch. Agus cha leigeadh Sihon le Israel dol tro a chrìch: agus chruinnich Sihon a shluagh uile ri chèile, agus chaidh e a‑mach an aghaidh Israeil don fhàsach: agus thàinig e gu Iahas, agus chog e an aghaidh Israeil. Agus bhuail Israel e le faobhar a’ chlaidheimh, agus ghabh e sealbh air a fhearann o Arnon gu Iaboc, eadhon gu cloinn Amoin: oir bha crìoch chloinn Amoin làidir. Agus ghlac Israel na bailtean mòra sin uile: agus ghabh Israel còmhnaidh ann am bailtean mòra nan Amorach uile, ann an Hesbon, agus na bhailtean beaga uile; Oir b’e Hesbon baile mòr Shihoin, rìgh nan Amorach, a chog an aghaidh rìgh Mhòaib a bha ann roimhe sin, agus a bhuin a fhearann uile as a làimh, eadhon gu Arnon. Uime sin their iadsan, a labhras ann an gnàth‐fhacail, Thigibh do Hesbon; biodh baile mòr Shihoin air a thogail agus air a dheasachadh: Oir chaidh teine a‑mach à Hesbon, lasair o bhaile mòr Shihoin; loisg e Ar Mhòaib, agus tighearnan ionadan àrda Arnoin. Mo thruaigh thu, a Mhòaib! thàinig sgrios ort, O shluagh Chemois! Thug e a mhic a chaidh as, agus a nigheanan, am braighdeanas do Shihon rìgh nan Amorach. Thilg sinn saighdean orra; chaidh as do Hesbon eadhon gu Dibon, agus dh’fhàsaich sinn iad eadhon gu Nopha, a tha a’ ruigheachd gu Medeba. Mar seo ghabh Israel còmhnaidh ann am fearann nan Amorach. Agus chuir Maois daoine uaithe a ghabhail beachd air Iaser, agus ghlac iad a bhailtean, agus dh’fhògair iad a‑mach na h‑Amoraich a bha an sin. Agus thill iad agus chaidh iad suas air slighe Bhasain: agus chaidh Og, rìgh Bhasain, a‑mach nan aghaidh, e fhèin agus a shluagh uile, gu cath aig Edrei. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Na gabh eagal roimhe, oir dod làimh‐sa thug mi thairis e fhèin, agus a shluagh uile, agus a fhearann; agus nì thu air mar a rinn thu air Sihon, rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh aig Hesbon. Mar sin bhuail iad e fhèin agus a mhic, agus a shluagh uile, gus nach d’fhàgadh aon beò aige: agus ghabh iad sealbh air a fhearann. Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus champaich iad ann an còmhnardan Mhòaib, air an taobh seo de Iòrdan làimh ri Iericho. Agus chunnaic Balac mac Shipoir gach nì a rinn Israel air na h‑Amoraich. Agus bha eagal ro‑mhòr air Mòab ron t‑sluagh, a chionn gu robh iad lìonmhor; agus bha Mòab ann an teinn a‑thaobh chloinn Israeil. Agus thubhairt Mòab ri seanairean Mhidiain, A‑nis imlichidh a’ chuideachd seo suas gach nì a tha mar timcheall, mar a dh’imlicheas an damh suas feur na machrach. Agus bha Balac mac Shipoir na rìgh air na Mòabaich anns an àm sin. Chuir e teachdairean uime sin gu Balàam mac Bheoir, gu Petor, a tha làimh ri abhainn dùthaich clann a shluaigh, ga ghairm, ag ràdh, Feuch, tha sluagh air teachd a‑mach as an Eiphit: feuch, tha iad a’ còmhdachadh aghaidh na talmhainn, agus tha iad nan còmhnaidh thall fam chomhair. Thig a‑nis uime sin, guidheam ort, mallaich dhòmhsa an sluagh seo, oir tha iad tuilleadh is cumhachdach air mo shon: theagamh gur urrainn mi am bualadh, agus gum fuadaich mi iad a‑mach as an dùthaich; oir tha fhios agam gu bheil esan a bheannaicheas tusa beannaichte, agus esan a mhallaicheas tu mallaichte. Agus dh’imich seanairean Mhòaib agus seanairean Mhidiain, le duais na draoidheachd nan làimh; agus thàinig iad gu Balàam, agus dh’innis iad dha briathran Bhalaic. Agus thubhairt e riu, Fanaibh an seo a‑nochd, agus bheir mise fios dhuibh a‑rìs, a rèir mar a labhras an Tighearna rium. Agus dh’fhan ceannardan Mhòaib maille ri Balàam. Agus thàinig an Tighearna gu Balàam, agus thubhairt e, Cò iad na daoine seo maille riut? Agus thubhairt Balàam ri Dia, Chuir Balac mac Shipoir, rìgh Mhòaib, teachdaire am ionnsaigh, ag ràdh, Feuch, tha sluagh air teachd a‑mach as an Eiphit, a tha a’ còmhdachadh aghaidh na talmhainn: thig a‑nis, mallaich dhomh iad; theagamh gur urrainn mi buaidh a thoirt orra, agus gum fuadaich mi a‑mach iad. Agus thubhairt Dia ri Balàam, Cha tèid thu maille riu; cha mhallaich thu an sluagh; oir tha iad beannaichte. Agus dh’èirich Balàam anns a’ mhadainn, agus thubhairt e ri ceannardan Bhalaic, Imichibh dur dùthaich fhèin, oir tha an Tighearna a’ diùltadh cead a thoirt dhòmhsa dol maille ribh. Agus dh’èirich ceannardan Mhòaib suas, agus chaidh iad a dh’ionnsaigh Bhalaic, agus thubhairt iad. Tha Balàam a’ diùltadh teachd maille rinn. Agus chuir Balac uaithe a‑rìs ceannardan a bu lìonmhoire agus a b’urramaiche na iadsan. Agus thàinig iad gu Balàam, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha Balac, mac Shipoir, ag ràdh, Na bacadh nì sam bith thu, guidheam ort, o theachd am ionnsaigh; Oir àrdaichidh mi thu gu inbhe ro‑mhòir, agus ge bè a their thu rium, nì mi e: thig uime sin, guidheam ort, mallaich dhomh an sluagh seo. Agus fhreagair Balàam, agus thubhairt e ri seirbhisich Bhalaic, Ged bheireadh Balac dhòmhsa làn a thaighe de airgead agus de òr, chan fhaodainn dol thar facal an Tighearna mo Dhia, a dhèanamh a’ bheag no a’ mhòr. A‑nis uime sin, guidheam oirbh, fanaibh‐se mar an ceudna an seo a‑nochd, a‑chum is gum bi fhios agam ciod tuilleadh a their an Tighearna rium. Agus thàinig Dia a dh’ionnsaigh Bhalàaim anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Ma thig na daoine gud ghairm, èirich suas, agus imich maille riu: gidheadh am facal a their mise riut, sin nì thu. Agus dh’èirich Balàam suas anns a’ mhadainn, agus chuir e dìollaid air a asail, agus chaidh e maille ri ceannardan Mhòaib. Agus las corraich Dhè a chionn gun d’imich e; agus sheas aingeal an Tighearna anns an t‑slighe mar eascaraid na aghaidh. A‑nis bha e a’ marcachd air a asail fhèin, agus a dhà òglach maille ris. Agus chunnaic an asal aingeal an Tighearna na sheasamh anns an t‑slighe, agus a chlaidheamh tàirngte na làimh: agus thionndaidh an asal a lethtaobh as an t‑slighe, agus chaidh i air feadh an fhearainn; agus bhuail Balàam an asal, ga tionndadh a dh’ionnsaigh na slighe. Agus sheas aingeal an Tighearna ann an cas‐cheum nam fìonlios: bha balla air an taobh seo, agus balla air an taobh ud. Agus nuair a chunnaic an asal aingeal an Tighearna, theannaich i i fhèin ris a’ bhalla, agus bhrùth i cas Bhalàaim ris a’ bhalla, agus bhuail e a‑rìs i. Agus a‑rìs chaidh aingeal an Tighearna seachad, agus sheas e ann an àite cumhang, far nach robh slighe gu tionndadh aon chuid a‑chum na làimhe deise no clìthe. Agus nuair a chunnaic an asal aingeal an Tighearna, laigh i sìos fo Bhalàam: agus las corraich Bhalàaim, agus bhuail e an asal le bata. Agus dh’fhosgail an Tighearna beul na h‑asail, agus thubhairt i ri Balàam, Ciod a rinn mise ort, gun do bhuail thu mi na trì uairean seo? Agus thubhairt Balàam ris an asail, A chionn gun do rinn thu fanaid orm: b’fheàrr leam gum biodh claidheamh am làimh, oir a‑nis mharbhainn thu. Agus thubhairt an asal ri Balàam, Nach mise d’asal fhèin, air an do mharcaich thu riamh, o bu leat mi, gus an là‑an‑diugh? Am b’àbhaist dhomh riamh a dhèanamh mar seo riut? Agus thubhairt e, Cha b’àbhaist. An sin dh’fhosgail an Tighearna sùilean Bhalàaim, agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh anns an t‑slighe, agus a chlaidheamh tàirngte na làimh; agus chrom e sìos a cheann, agus thuit e sìos air a aghaidh. Agus thubhairt aingeal an Tighearna ris, Carson a bhuail thu d’asal na trì uairean seo? Feuch, chaidh mi a‑mach gu bhith am eascaraid dhut, a chionn gu bheil do shlighe fiar am fhianais. Agus chunnaic an asal mi, agus thionndaidh i uam na trì uairean seo: mura biodh i air tionndadh uam, gu cinnteach bha mi a‑nis eadhon air do mharbhadh‐sa, agus air a gleidheadh‐se beò. Agus thubhairt Balàam ri aingeal an Tighearna, Pheacaich mi, oir cha robh fhios agam gun do sheas thu anns an t‑slighe am aghaidh: a‑nis uime sin, mas mì‑thaitneach leat e, tillidh mi air m’ais a‑rìs. Agus thubhairt aingeal an Tighearna ri Balàam, Imich leis na daoine: ach a‑mhàin am facal a labhras mise riut, sin labhraidh tusa. Mar sin chaidh Balàam le ceannardan Bhalaic. Agus nuair a chuala Balac gun tàinig Balàam, chaidh e a‑mach na choinneamh gu baile de Mhòab, a tha làimh ri co‑chrìch Arnoin, a tha anns a’ chrìch as fhaide a‑mach. Agus thubhairt Balac ri Balàam, Nach do chuir mise gu cinnteach fios ad ionnsaigh gud ghairm? Carson nach tàinig thu am ionnsaigh? Nach eil mise gu deimhinn comasach air d’àrdachadh gu inbhe? Agus thubhairt Balàam ri Balac, Feuch, tha mi air teachd ad ionnsaigh: a bheil agam a‑nis cumhachd idir nì sam bith a ràdh? Am facal a chuireas Dia am bheul, sin labhraidh mi. Agus chaidh Balàam maille ri Balac, agus thàinig iad gu Ciriathusot. Agus dh’ìobair Balac daimh agus caoraich, agus chuir e fios a dh’ionnsaigh Bhalàaim, agus a dh’ionnsaigh nan ceannard a bha maille ris. Agus air an là màireach, ghabh Balac Balàam, agus thug e suas e gu àitean àrda Bhàail, a‑chum is gum faiceadh e o sin a’ chuid a b’iomallaiche den t‑sluagh. Agus thubhairt Balàam ri Balac, Tog dhomh an seo seachd altairean, agus ullaich dhomh an seo seachd tairbh òga, agus seachd reitheachan. Agus rinn Balac mar a thubhairt Balàam; agus dh’ìobair Balac agus Balàam air gach altair tarbh òg agus reithe. Agus thubhairt Balàam ri Balac, Seas làimh rid ìobairt‐loisgte, agus imichidh mise; theagamh gun tig an Tighearna am choinneamh: agus ge bè nì a nochdas e dhomh, innsidh mi dhut. Agus chaidh e gu ionad àrd. Agus choinnich Dia Balàam, agus thubhairt Balàam ris, Dheasaich mi seachd altairean, agus dh’ìobair mi air gach altair tarbh òg agus reithe. Agus chuir an Tighearna facal ann am beul Bhalàaim, agus thubhairt e, Till a dh’ionnsaigh Bhalaic, agus mar seo labhraidh tu. Agus thill e da ionnsaigh, agus, feuch, sheas e làimh ra ìobairt‐loisgte, e fhèin agus ceannardan Mhòaib uile. Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thug Balac rìgh Mhòaib mise à Aram, o bheanntan na h‑àird an ear, ag ràdh, Thig, mallaich dhòmhsa Iàcob; agus thig, thoir dùbhlan do Israel. Cionnas a mhallaicheas mi esan nach do mhallaich Dia? Agus cionnas a bheir mi dùbhlan dhàsan do nach tug an Tighearna dùbhlan? Oir o mhullach nan creag tha mi ga fhaicinn, agus o na slèibhtean tha mi ag amharc air: feuch, gabhaidh an sluagh còmhnaidh air leth, agus cha mheasar iad am measg nan cinneach. Cò a dh’àirmheas duslach Iàcoib, no àireamh na ceathramh cuid de Israel? Faigheam‐sa bàs an ionracain, agus biodh mo chrìoch dheireannach cosmhail ra chrìch‐san! Agus thubhairt Balac ri Balàam, Ciod e seo a rinn thu orm? A mhallachadh mo naimhdean thug mi thu, agus feuch, da‑rìribh bheannaich thu iad. Agus fhreagair esan agus thubhairt e, An nì sin a chuir an Tighearna am bheul, nach feum mise an aire a thoirt a labhairt? Agus thubhairt Balac ris, Thig, guidheam ort, maille rium gu àit eile o am faic thu iad: chan fhaic thu ach a’ chuid as iomallaiche dhiubh, agus chan fhaic thu iad uile; agus mallaich dhomh as a sin iad. Agus thug e gu fearann Shophim e, gu mullach Phisgah, agus thog e seachd altairean, agus dh’ìobair e tarbh òg agus reithe air gach altair. Agus thubhairt e ri Balac, Seas an seo làimh rid ìobairt‐loisgte, gus an coinnich mise an Tighearna an siud. Agus choinnich an Tighearna Balàam, agus chuir e facal na bheul, agus thubhairt e, Imich a‑rìs a dh’ionnsaigh Bhalaic, agus abair mar seo. Agus nuair a thàinig e da ionnsaigh, feuch, sheas e làimh ra ìobairt‐loisgte, agus ceannardan Mhòaib maille ris. Agus thubhairt Balac ris, Ciod a labhair an Tighearna? Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Eirich suas, a Bhalaic, agus cluinn; èisd riumsa, thusa a mhic Shipoir: Cha duine Dia, gun dèanadh e breug; no mac duine, gun gabhadh e aithreachas: an dubhairt e, agus nach dèan e? Agus an do labhair e agus nach coilean e e? Feuch, fhuair mi àithne beannachadh; agus bheannaich esan, agus chan urrainn mise a atharrachadh. Cha tug e fa‑near euceart ann an Iàcob, agus chan fhaca e cealg ann an Israel: tha an Tighearna a Dhia leis, agus caithream rìgh nam measg. Thug Dia a‑mach iad as an Eiphit; tha aige amhail neart an aon‐adharcaich. Gu cinnteach chan eil draoidheachd an aghaidh Iàcoib, cha mhò a tha fhiosachd an aghaidh Israeil: a rèir na h‑aimsir seo theirear mu Iàcob, agus mu Israel, Ciod a dh’obraich Dia! Feuch, èiridh an sluagh suas mar leòmhann mòr, agus mar leòmhann òg togaidh e suas e fhèin: cha laigh e sìos gus an ith e a’ chreach, agus gus an òl e fuil nam marbh. Agus thubhairt Balac ri Balàam, Na dèan aon chuid am mallachadh idir, no am beannachadh idir. Ach fhreagair Balàam agus thubhairt e ri Balac, Nach d’innis mi dhut, ag ràdh, Gach nì a labhras an Tighearna, sin as èiginn dhòmhsa a dhèanamh? Agus thubhairt Balac ri Balàam, Thig, guidheam ort, bheir mi thu gu ionad eile; theagamh gur toigh le Dia thu gam mallachadh dhomh as a sin. Agus thug Balac Balàam gu mullach Pheoir, a tha ag amharc ri Iesimon. Agus thubhairt Balàam ri Balac, Tog dhomh an seo seachd altairean, agus ullaich dhomh an seo seachd tairbh òga, agus seachd reitheachan. Agus rinn Balac mar a thubhairt Balàam, agus dh’ìobair e tarbh agus reithe air gach altair. Agus nuair a chunnaic Balàam gum bu toigh leis an Tighearna Israel a bheannachadh, cha deachaidh e, mar air uairean eile, a dh’iarraidh mhanaidhean, ach chuir e a aghaidh ris an fhàsach. Agus thog Balàam suas a shùilean, agus chunnaic e Israel a’ fantainn nam bùthan a rèir an treubhan, agus thàinig spiorad Dhè air. Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thubhairt Balàam mac Bheoir, agus thubhairt an duine aig an robh a shùilean dùinte; Thubhairt esan, a chuala briathran Dhè, a chunnaic taisbeanadh an Uile‐chumhachdaich, a’ tuiteam agus a shùilean air am fosgladh: Cia àlainn do bhùthan, O Iàcoib! do phàilleanan, O Israeil! Mar na gleanntan tha iad sìnte a‑mach, mar liosan ri taobh aibhne, mar chraobhan fiodh‐alois a shuidhich an Tighearna, mar chraobhan seudair làimh ris na h‑uisgeachan. Sruthaidh an t‑uisge a‑mach as a shoithichean, agus bidh a shliochd ann am mòran uisgeachan, agus bidh a rìgh nas àirde na Agag, agus àrdaichear a rìoghachd. Thug Dia a‑mach as an Eiphit e; tha aige amhail neart an aon‐adharcaich: ithidh e suas na cinnich, a naimhdean, agus brisidh e an cnàmhan, agus le a shaighdean tro‐lotaidh e iad. Chrùb e, laigh e sìos mar leòmhann, agus mar leòmhann mòr: cò a dhùisgeas suas e? Is beannaichte gach neach a bheannaicheas thusa, agus is mallaichte gach neach a mhallaicheas thu. Agus las corraich Bhalaic an aghaidh Bhalàaim, agus bhuail e a bhasan ri chèile: agus thubhairt Balac ri Balàam, A mhallachadh mo naimhdean ghairm mi thu, agus, feuch, da‑rìribh bheannaich thu iad na trì uairean seo: Uime sin teich a‑nis dod àite fhèin: shaoil mi d’àrdachadh gu inbhe mhòir, ach, feuch, chùm an Tighearna air d’ais thu o inbhe. Agus thubhairt Balàam ri Balac, Nach do labhair mi eadhon rid theachdairean, a chuir thu am ionnsaigh, ag ràdh, Ged bheireadh Balac dhòmhsa làn a thaighe de airgead agus de òr, cha b’urrainn mi dol thar àithne an Tighearna, a dhèanamh maith no uilc om inntinn fhèin; ach ge bè a their an Tighearna, sin labhraidh mise? Agus a‑nis, feuch, tha mi a’ dol a dh’ionnsaigh mo dhaoine fhèin: thig uime sin, bheir mi rabhadh dhut, ciod a nì an sluagh seo air do shluagh‐sa anns na làithean deireannach. Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thubhairt Balàam mac Bheoir, agus thubhairt an duine aig an robh a shùilean dùinte: Thubhairt esan a chuala briathran Dhè, agus don aithne eòlas an Tì as ro‑àirde, a chunnaic taisbeanadh an Uile‐chumhachdaich, a’ tuiteam agus a shùilean air am fosgladh: Chì mi e, ach chan ann a‑nis; amhaircidh mi air, ach chan ann am fagas: thig reul a‑mach à Iàcob, agus èiridh slat rìoghail à Israel, agus buailidh i oisnean Mhòaib, agus cuiridh i as do chloinn Shet uile. Agus bidh Edom na sheilbh, bidh Seir mar an ceudna na sheilbh aig a naimhdean; agus nì Israel gaisge. A‑mach à Iàcob thig esan a bhios na uachdaran, agus sgriosaidh e an tì a mhaireas den bhaile mhòr. Agus nuair a dh’amhairc e air Amalec, thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Tùs nan cinneach Amalec, ach is e a dheireadh a bhith air a sgrios gu sìorraidh. Agus dh’amhairc e air na Cenich; agus thubhairt e, Is làidir d’àite‐còmhnaidh, agus tha thu a’ cur do nid ann an carraig: Gidheadh, fàsaichear na Cenich, gus an toir Asur leis thu ann am braighdeanas. Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Mo thruaighe! Cò a bhios beò nuair a nì Dia seo? Agus thig longan o iomall Chitim, agus nì iad olc air Asur, agus nì iad olc air Eber, agus sgriosar esan mar an ceudna gu bràth. Agus dh’èirich Balàam suas, agus dh’fhalbh e, agus thill e da àite fhèin: agus dh’fhalbh Balac mar an ceudna air a shlighe fhèin. Agus dh’fhan Israel ann an Sitim, agus thòisich an sluagh air strìopachas a dhèanamh le nigheanan Mhòaib. Agus ghairm iad an sluagh gu ìobairtean an diathan: agus dh’ith an sluagh, agus chrom iad sìos dan diathan. Agus cheangail Israel e fhèin ri Bàal‐peor: agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Glac cinn‐fheadhna an t‑sluaigh uile, agus croch suas iad an làthair an Tighearna fa chomhair na grèine, a‑chum is gun till corraich gharg an Tighearna o Israel. Agus thubhairt Maois ri britheamhan Israeil, Marbhaibh gach aon agaibh a dhaoine, a cheangail iad fhèin ri Bàal‐peor. Agus, feuch, thàinig fear de chloinn Israeil, agus thug e a‑chum a bhràithrean ban‐Mhidianach, ann an sealladh Mhaois, agus ann an sealladh coitheanal chloinn Israeil uile, agus iad a’ gul aig doras pàillean a’ choitheanail. Agus nuair a chunnaic Phinehas mac Eleàsair mhic Aaroin an sagart e, dh’èirich e suas o mheasg a’ cho‐chruinneachaidh, agus ghabh e sleagh na làimh: Agus chaidh e an dèidh an duine de Israel a‑steach don bhùth, agus thro‐lot e iad le chèile, an duine de Israel, agus a’ bhean tro a broinn: mar sin chaisgeadh a’ phlàigh o chloinn Israeil. Agus bhàsaich anns a’ phlàigh ceithir mìle ar fhichead. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Thill Phinehas mac Eleàsair mhic Aaroin an sagart mo chorraich air falbh o chloinn Israeil, nuair a bha e eudmhor as mo leth nam measg, air chor is nach do chuir mi as do chloinn Israeil am eud. Air an adhbhar sin abair, Feuch, bheir mise dha mo choicheangal sìthe: Agus bidh e aige, agus aig a shliochd na dhèidh, eadhon coicheangal sagartachd shìorraidh, a chionn gu robh e eudmhor as leth a Dhè, agus gun do rinn e rèite airson chloinn Israeil. A‑nis b’e ainm an Israelich a mharbhadh, eadhon a mharbhadh maille ris a’ bhan‐Mhidianaich, Simri mac Shalu, ceannard prìomh thaighe am measg nan Simeonach. Agus b’e ainm na ban‐Mhidianaich a mharbhadh, Cosbi nighean Shur; bu cheann cinnich e, agus de phrìomh thaigh ann am Midian. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Buin gu naimhdeil ris na Midianaich, agus buailibh iad: Oir tha iadsan a’ buntainn gu naimhdeil ribhse len as‑innleachdan, leis an do mheall iad sibh ann an adhbhar Pheoir, agus ann an adhbhar Chosbi, nighean ceannaird de Mhidian, am piuthar, a mharbhadh ann an là na plàighe ann an adhbhar Pheoir. Agus thàrladh an dèidh na plàighe, gun do labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Eleàsar mac Aaroin, an sagart, ag ràdh, Gabhaibh àireamh co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, trìd thaighean an athraichean, iadsan uile as urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel. Agus labhair Maois agus Eleàsar an sagart riu ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho, ag ràdh, Gabhaibh àireamh an t‑sluaigh o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do chloinn Israeil, a chaidh a‑mach à tìr na h‑Eiphit. Reuben, am mac a bu shine aig Israel: clann Reubein: Hanoch, o a bheil teaghlach nan Hanochach: o Phalu, teaghlach nam Paluthach: O Hesron, teaghlach nan Hesronach: o Charmi, teaghlach nan Carmach. Is iad sin teaghlaichean nan Reubeneach: agus b’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead agus trì mìle agus seachd ceud agus deich‐ar‑fhichead. Agus mic Phalu: Eliab. Agus mic Eliaib: Nemuel, agus Datan, agus Abiram. Is iad seo an Datan agus an t‑Abiram a bha ainmeil anns a’ cho‐chruinneachadh, a rinn strì an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin ann an cuideachd Chorah, nuair a rinn iad strì an aghaidh an Tighearna: Agus a dh’fhosgail an talamh a bheul, agus a shluig e suas iad maille ri Corah, nuair a bhàsaich a’ chuideachd sin, nuair a loisg an teine suas dà cheud agus leth‐cheud fear: agus rinneadh iad nan comharradh. Gidheadh, cha do bhàsaich clann Chorah. Mic Shimeoin, a rèir an teaghlaichean: o Nemuel, teaghlach nan Nemueleach: o Iamin, teaghlach nan Iamineach: o Iachin, teaghlach nan Iachineach: O Sherah, teaghlach nan Sarhach: o Shaul, teaghlach nan Saulach. Is iad sin teaghlaichean nan Simeonach, fichead agus dà mhìle agus dà cheud. Clann Ghad, a rèir an teaghlaichean: o Shèphon, teaghlach nan Sèphonach: o Hagi, teaghlach nan Hagitheach: o Shuni, teaghlach nan Sunitheach: O Osni, teaghlach nan Osnitheach: o Eri, teaghlach nan Eritheach: O Arod, teaghlach nan Arodach: o Areli, teaghlach nan Arelitheach: Is iad sin teaghlaichean chloinn Ghad, a rèir na dh’àirmheadh dhiubh, dà‑fhichead mìle agus còig ceud. B’iad mic Iùdah, Er agus Onan: agus fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain. Agus b’iad mic Iùdah, a rèir an teaghlaichean; o Shelah, teaghlach nan Selanach: o Pharets, teaghlach nam Pharetseach: o Sherah, teaghlach nan Sarhach: Agus b’iad mic Pharets; o Hesron, teaghlach nan Hesronach: o Hamul, teaghlach nan Hamulach. Is iad sin teaghlaichean Iùdah, a rèir na dh’àirmheadh dhiubh, trì‐fichead agus sia‑mìle‐deug agus còig ceud. De mhic Isachair, a rèir an teaghlaichean: o Tholah, teaghlach nan Tolahach: o Phua, teaghlach nam Punach: O Iasub, teaghlach nan Iasubach: o Shimron, teaghlach nam Simronach. Is iad sin teaghlaichean Isachair, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, trì‐fichead agus ceithir mìle agus trì cheud. De mhic Shebuluin, a rèir an teaghlaichean: o Shered, teaghlach nan Sardach: o Elon, teaghlach nan Elonach: o Iaheel, teaghlach nan Iahleeleach. Is iad sin teaghlaichean nan Sebulunach, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, trì‐fichead mìle agus còig ceud. B’iad mic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean, Manaseh agus Ephraim. De mhic Mhanaseh: o Mhachir, teaghlach nam Machireach; agus ghin Machir Gilead: o Ghilead thàinig teaghlach nan Gileadach. Is iad seo mic Ghilead: o Ieser, teaghlach nan Iesereach: o Helec, teaghlach nan Heleceach: Agus o Asriel, teaghlach nan Asrieleach: agus o Shechem, teaghlach nan Sechemeach: Agus o Shemida, teaghlach nan Semideach: agus o Hepher, teaghlach nan Hephereach. Agus cha robh aig Selophehad, mac Shepheir mic sam bith, ach nigheanan: agus b’iad ainmean nigheanan Shelophehaid, Mahla, agus Nòah, Hoglah, Milcah, agus Tirsah. Is iad sin teaghlaichean Mhanaseh, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, leth‐cheud agus dà mhìle agus seachd ceud. Is iad seo mic Ephraim, a rèir an teaghlaichean: o Shutelah, teaghlach nan Suteleach: o Bhecher, teaghlach nam Bechereach: o Thahan, teaghlach nan Tahanach. Agus is iad seo mic Shutelah: o Eran, teaghlach nan Eranach. Is iad sin teaghlaichean mic Ephraim, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, dà‑mhìle‐dheug ar fhichead agus còig ceud. Is iad sin mic Iòseiph a rèir an teaghlaichean. Mic Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean: o Bhelah, teaghlach nam Belahach: o Asbel, teaghlach nan Asbeleach: o Ahiram, teaghlach nan Ahiramach: O Shupham, teaghlach nan Suphamach: o Hupham, teaghlach nan Huphamach. Agus b’iad mic Bhelah Ard agus Nàaman: o Ard, teaghlach nan Ardach: agus o Nàaman, teaghlach nan Nàamanach. Is iad sin mic Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean: agus b’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead agus còig mìle agus sia ceud. Is iad seo mic Dhan, a rèir an teaghlaichean: o Shuham, teaghlach nan Suhamach. Is iad seo teaghlaichean Dhan, a rèir an teaghlaichean. B’iad teaghlaichean nan Suhamach uile, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, trì‐fichead agus ceithir mìle agus ceithir cheud. De chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean: o Iimna, teaghlach nan Iimnathach: o Bheriah, teaghlach nam Beritheach. De mhic Bheriah: o Heber, teaghlach nan Hebereach: o Mhalchiel, teaghlach nam Malchieleach. Agus b’e ainm nighean Aseir, Sàrah. Is iad sin teaghlaichean mic Aseir, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, leth‐cheud agus trì mìle agus ceithir cheud. De mhic Naphtali, a rèir an teaghlaichean: o Iahseel, teaghlach nan Iahseeleach: o Ghuni, teaghlach nan Gunitheach: O Ieser, teaghlach nan Iesereach: o Shillem, teaghlach nan Sillemeach. Is iad sin teaghlaichean Naphtali a rèir an teaghlaichean: agus b’iadsan a dh’àirmheadh dhiubh, dà‑fhichead agus còig mìle agus ceithir cheud. B’iad sin iadsan a dh’àirmheadh de chloinn Israeil, sia ceud mìle agus aon mhìle, seachd ceud agus deich‐ar‑fhichead. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Dhaibh sin roinnear am fearann mar oighreachd, a rèir àireamh nan ainm. Do mhòran bheir thu nas mò de oighreachd, agus do bheagan bheir thu nas lugha de oighreachd: bheirear a oighreachd fhèin do gach aon, a rèir an àireimh. Gidheadh, roinnear am fearann le crannchur: a rèir ainmean treubhan an athraichean gheibh iad an oighreachd. A rèir a’ chrannchuir roinnear a shealbh eadar mhòran agus bheagan. Agus is iad seo iadsan a dh’àirmheadh de na Lèbhithich, a rèir an teaghlaichean: o Gherson, teaghlach nan Gersonach: o Chohat, teaghlach nan Cohatach: o Mherari, teaghlach nam Meraritheach. Is iad seo teaghlaichean nan Lèbhitheach: teaghlach nan Libnitheach, teaghlach nan Hebronach, teaghlach nam Mahlahach, teaghlach nam Muisitheach, teaghlach nan Corahach: agus ghin Cohat Amram. Agus b’e ainm bean Amraim Iochebed, nighean Lèbhi, a rug a màthair do Lèbhi anns an Eiphit: agus rug i do Amram, Aaron, agus Maois, agus Miriam am piuthar. Agus do Aaron rugadh Nàdab, agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar. Agus fhuair Nàdab agus Abihu bàs, nuair a thug iad suas teine coimheach an làthair an Tighearna. Agus b’iadsan a chaidh àireamh dhuibh, fichead agus trì mìle, fireannaich uile o mhìos a dh’aois agus os a chionn: oir cha d’àirmheadh iad am measg chloinn Israeil, a chionn nach tugadh oighreachd dhaibh am measg chloinn Israeil. Is iad sin iadsan a chaidh àireamh le Maois agus Eleàsar an sagart, a rinn clann Israeil àireamh ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho. Ach nam measg sin cha robh aon duine dhiubhsan a rinn Maois agus Aaron an sagart àireamh, nuair a ghabh iad àireamh chloinn Israeil, ann am fàsach Shinài: Oir thubhairt an Tighearna umpasan, Gheibh iad gu deimhinn bàs anns an fhàsach. Agus cha d’fhàgadh duine dhiubh, saor o Chàleb mac Iephuneh, agus Iosua mac Nuin. An sin thàinig nigheanan Shelophehaid, mhic Hepheir, mhic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, de theaghlaichean Mhanaseh, mhic Iòseiph: agus is iad seo ainmean a nigheanan, Mahlah, Nòah, agus Hoglah, agus Milcah, agus Tirsah. Agus sheas iad an làthair Mhaois, agus an làthair Eleàsair an sagart, agus an làthair nan ceannard agus a’ cho‐chruinneachaidh uile, làimh ri doras pàillean a’ choitheanail, ag ràdh, Dh’eug ar n‑athair anns an fhàsach, agus cha robh e ann an cuideachd na muinntir a chruinnich iad fhèin ri chèile an aghaidh an Tighearna ann an cuideachd Chorah, ach dh’eug e na pheacadh fhèin; agus cha robh mic sam bith aige. Carson a chaillear ainm ar n‑athar o mheasg a theaghlaich, a chionn nach eil mac aige? Thugaibh dhuinne uime sin sealbh am measg bràithrean ar n‑athar. Agus thug Maois an cùis an làthair an Tighearna. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair nigheanan Shelophehaid gu ceart: bheir thu dhaibh gu cinnteach sealbh oighreachd am measg bràithrean an athar; agus bheir thu fa‑near gun tig oighreachd an athar dan ionnsaigh. Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma gheibh duine bàs agus gun mhac aige, an sin bheir sibh fa‑near gun tig a oighreachd‐san a‑chum a nighinn. Agus mura bi nighean aige, an sin bheir sibh a oighreachd da bhràithrean. Agus mura bi bràithrean aige, an sin bheir sibh a oighreachd do bhràithrean a athar. Agus mura bi bràithrean aig a athair, an sin bheir sibh a oighreachd da fhear‐dàimh as fhaisge dha de a theaghlach, agus sealbhaichidh e i: agus bidh e do chloinn Israeil na reachd breitheanais, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich suas don t‑sliabh seo Abarim, agus gabh sealladh den fhearann a thug mise do chloinn Israeil. Agus nuair a chì thu e, cruinnichear thusa mar an ceudna a‑chum do dhaoine, mar a chruinnicheadh Aaron do bhràthair; A chionn gun do rinn sibh ceannairc an aghaidh m’àithne‐sa ann am fàsach Shin, ann an còmhstri a’ cho‐chruinneachaidh, agus nach do naomhaich sibh mi aig an uisge ann an sealladh an sùl: is e sin uisge Mheribah ann an Cadeis, ann am fàsach Shin. Agus labhair Maois ris an Tighearna, ag ràdh, Cuireadh an Tighearna, Dia spioradan na h‑uile fheòla, duine os cionn a’ cho‐chruinneachaidh; A thèid a‑mach romhpa, agus a thig a‑steach romhpa, agus a threòraicheas a‑mach iad, agus a bheir a‑steach iad; a‑chum nach bi co‑chruinneachadh an Tighearna mar chaoraich aig nach eil buachaille. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh ad ionnsaigh Iosua mac Nuin, duine anns a bheil an spiorad, agus cuir do làmh air. Agus cuir e an làthair Eleàsair an sagart, agus an làthair a’ cho‐chruinneachaidh uile; agus thoir àithne dha nam fianais. Agus cuiridh tu cuid ded urram air, a‑chum is gum bi co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile umhail dha. Agus seasaidh e an làthair Eleàsair an sagart, a dh’iarras comhairle air a shon, a rèir breitheanas na h‑Urim an làthair an Tighearna: air a fhacal‐san thèid iad a‑mach, agus air a fhacal thig iad a‑steach, e fhèin agus clann Israeil uile maille ris, eadhon an co‑chruinneachadh uile. Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna dha; agus ghabh e Iosua, agus chuir e an làthair Eleàsair an sagart e, agus an làthair a’ choitheanail uile. Agus chuir e a làmhan air, agus thug e àithne dha, mar a labhair an Tighearna le làimh Mhaois. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Aithn do chloinn Israeil, agus abair riu, Mo thabhartas, agus m’aran airson m’ìobairtean a bheirear suas le teine a‑chum fàile chùbhraidh dhomh, bheir sibh an aire gun toir sibh seachad dhòmhsa nan àm iomchaidh fhèin. Agus their thu riu, Is e seo an tabhartas a bheirear suas le teine, a bheir sibh seachad don Tighearna; dà uan den chiad bhliadhna gun ghaoid gach là, a‑chum ìobairt‐loisgte ghnàthaichte. Aon uan bheir thu seachad anns a’ mhadainn, agus an t‑uan eile bheir thu seachad anns an fheasgar; Agus an deicheamh earrann de ephah fhlùir mar thabhartas‐bìdh, measgte leis a’ cheathramh earrainn de hin de ola bhrùite. Is ìobairt‐loisgte ghnàthaichte a tha ann, a dh’òrdaicheadh ann an sliabh Shinài a‑chum fàile chùbhraidh, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna. Agus is i a tabhartas‐dibhe an ceathramh earrann de hin airson aon uain: anns an ionad naomh bheir thu fa‑near fìon làidir a dhòrtadh don Tighearna mar thabhartas‐dibhe. Agus an t‑uan eile bheir thu seachad anns an fheasgar: mar thabhartas‐bìdh na maidne, agus mar a tabhartas‐dibhe, bheir thu seachad e, ìobairt a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. Agus air là na sàbaid, dà uan den chiad bhliadhna gun ghaoid, agus dà dheicheamh earrann fhlùir measgte le ola mar thabhartas‐bìdh, agus a tabhartas‐dibhe. Is e seo ìobairt‐loisgte gach sàbaid, a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐dibhe. Agus ann an toiseach ur mìos bheir sibh seachad a‑chum ìobairt‐loisgte don Tighearna dà tharbh òg, agus aon reithe, seachd uain den chiad bhliadhna gun ghaoid, Agus trì deicheamh earrannan fhlùir measgte le ola mar thabhartas‐bìdh airson gach tairbh, agus dà dheicheamh earrann fhlùir measgte le ola mar thabhartas‐bìdh airson gach reithe; Agus aon deicheamh earrann fhlùir air leth measgte le ola mar thabhartas‐bìdh airson gach uain, a‑chum ìobairt‐loisgte deagh fhàile, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna. Agus mar an tabhartasan‐dibhe bidh leth hin de fhìon airson tairbh, agus an treas earrann de hin airson reithe, agus an ceathramh earrann de hin airson uain: is i seo ìobairt‐loisgte gach mìosa air feadh mìosan na bliadhna. Agus ìobrar aon mheann de na gobhair mar ìobairt‐pheacaidh don Tighearna, a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐dibhe. Agus air a’ cheathramh‐là‑deug den chiad mhìos tha càisg an Tighearna. Agus air a’ chòigeamh‐là‑deug den mhìos seo tha an fhèill: seachd làithean ithear aran neo‐ghortaichte. Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air; Ach bheir sibh seachad a‑chum ìobairt a bheirear suas le teine, mar ìobairt‐loisgte don Tighearna, dà tharbh òg, agus aon reithe, agus seachd uain den chiad bhliadhna: gun ghaoid bidh iad dhuibh. Agus bidh an tabhartas‐bìdh de fhlùr measgte le ola: trì deicheamh earrannan bheir sibh seachad airson tairbh, agus dà dheicheamh earrann airson reithe. Deicheamh earrann air leth bheir thu seachad airson gach uain, air feadh nan seachd uan: Agus aon bhoc‐goibhre a‑chum ìobairt‐pheacaidh, a dhèanamh rèite air ur son. Iobraidh sibh iad sin a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte anns a’ mhadainn, a tha mar ìobairt‐loisgte ghnàthaichte. Mar seo bheir sibh seachad gach là air feadh nan seachd làithean biadh na h‑ìobairt a bheirear suas le teine, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna: bheirear seachad e a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐dibhe. Agus air an t‑seachdamh là bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air. Mar an ceudna air là nan ciad‐thoradh, nuair a bheir sibh seachad tabhartas‐bìdh nuadh don Tighearna, aig ceann ur seachdainean, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh: Ach bheir sibh seachad mar ìobairt‐loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna, dà tharbh òg, aon reithe, seachd uain den chiad bhliadhna; Agus an tabhartas‐bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson gach tairbh, dà dheicheamh earrann airson gach reithe, Deicheamh earrann air leth airson gach uain, air feadh nan seachd uan; Agus aon mheann de na gobhair, a dhèanamh rèite air ur aon. Iobraidh sibh iad a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐bìdh (gun ghaoid bidh iad dhuibh ), agus an tabhartasan‐dibhe. Agus anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh: is là sèideadh nan trompaid dhuibh e. Agus bheir sibh seachad mar ìobairt‐loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna, aon tarbh òg, aon reithe, agus seachd uain den chiad bhliadhna gun ghaoid: Agus bidh an tabhartas‐bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson tairbh, agus dà dheicheamh earrann airson reithe, Agus aon deicheamh earrann, airson gach uain, air feadh nan seachd uan; Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh, a dhèanamh rèite air ur son: A thuilleadh air ìobairt‐loisgte a’ mhìosa, agus a tabhartas‐bìdh, agus an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐bìdh, agus an tabhartasan‐dibhe, a rèir an gnàtha, a‑chum fàile chùbhraidh, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna. Agus bidh agaibh air an deicheamh là den t‑seachdamh mìos seo co‑ghairm naomh: agus cràdhaidh sibh ur n‑anaman: obair sam bith cha dèan sibh air. Ach bheir sibh seachad a‑chum ìobairt‐loisgte don Tighearna de fhàile cùbhraidh, aon tarbh òg, aon reithe, agus seachd uain den chiad bhliadhna; gun ghaoid bidh iad dhuibh. Agus bidh an tabhartas‐bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson gach tairbh, agus dà dheicheamh earrann airson gach reithe, Deicheamh earrann air leth airson gach uain, air feadh nan seachd uan; Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh, a thuilleadh air ìobairt‐pheacaidh na rèite, agus an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐bìdh, agus an tabhartasan‐dibhe. Agus air a’ chòigeamh‐là‑deug den t‑seachdamh mìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh; agus gleidhidh sibh fèill don Tighearna seachd làithean. Agus bheir sibh seachad a‑chum ìobairt‐loisgte, ìobairt a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna, trì‐tairbh‐dheug òga, dà reithe, agus ceithir‐uain‐deug den chiad bhliadhna; gun ghaoid bidh iad. Agus bidh an tabhartas‐bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson gach tairbh de na trì‐tairbh‐dheug, dà dheicheamh earrann airson gach reithe den dà reithe, Agus deicheamh earrann air leth airson gach uain de na ceithir‐uain‐deug; Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, a tabhartas‐bìdh, agus a tabhartas‐dibhe. Agus air an dara là bheir sibh seachad dà‑tharbh‐dheug òg, dà reithe, ceithir‐uain‐deug den chiad bhliadhna gun ghaoid: Agus bidh an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartasan‐dibhe airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha; Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐bìdh, agus a tabhartasan‐dibhe. Agus air an treas là aon‐tarbh‐deug, dà reithe, ceithir‐uain‐deug den chiad bhliadhna gun ghaoid: Agus bidh an tabhartas‐bìdh agus an tabhartasan‐dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha; Agus aon bhoc‐goibhre a‑chum ìobairt‐pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐bìdh, agus a tabhartas‐dibhe. Agus air a’ cheathramh là deich tairbh, dà reithe, agus ceithir‐uain‐deug den chiad bhliadhna gun ghaoid: Bidh an tabhartas‐bìdh agus an tabhartasan‐dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha; Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, a tabhartas‐bìdh, agus a tabhartas‐dibhe. Agus air a chòigeamh là naoi tairbh, dà reithe, agus ceithir‐uain‐deug den chiad bhliadhna gun ghaoid: Agus bidh an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartasan‐dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha; Agus aon bhoc‐goibhre a‑chum ìobairt‐pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐bìdh, agus a tabhartas‐dibhe. Agus air an t‑siathamh là ochd tairbh, dà reithe, agus ceithir‐uain‐deug den chiad bhliadhna gun ghaoid: Agus bidh an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartasan‐dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha; Agus aon bhoc‐goibhre a‑chum ìobairt‐pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, a tabhartas‐bìdh, agus a tabhartas‐dibhe. Agus air an t‑seachdamh là, seachd tairbh, dà reithe, agus ceithir‐uain‐deug den chiad bhliadhna gun ghaoid: Agus bidh an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartasan‐dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha; Agus aon bhoc‐goibhre a‑chum ìobairt‐pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, a tabhartas‐bìdh, agus a tabhartas‐dibhe. Agus air an ochdamh là bidh àrd‐choitheanal agaibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air: Ach bheir sibh seachad a‑chum ìobairt‐loisgte ìobairt a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna, aon tarbh, aon reithe, seachd uain den chiad bhliadhna gun ghaoid: Bidh an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartasan‐dibhe, airson an tairbh, airson an reithe, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha; Agus aon bhoc‐goibhre a‑chum ìobairt‐pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas‐bìdh, agus a tabhartas‐dibhe. Na nithean sin nì sibh don Tighearna nur fèillean suidhichte; a thuilleadh air ur bòidean, agus ur tabhartasan saor‐thoile, airson ur n‑ìobairtean‐loisgte, agus airson ur tabhartas‐bìdh, agus airson ur tabhartas‐dibhe, agus airson ur tabhartas‐sìthe. Agus dh’innis Maois do chloinn Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus labhair Maois ri ceannardan nan treubh a‑thaobh chloinn Israeil, ag ràdh, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna. Ma bhòidicheas duine bòid don Tighearna, no ma mhionnaicheas e mionnan a cheangal a anama le ceangal, cha bhris e a fhacal; a rèir gach nì a thig a‑mach as a bheul, nì e. Mar an ceudna, ma bhòidicheas bean bòid don Tighearna, agus gun ceangail i i fhèin le ceangal, agus i ann an taigh a h‑athar na h‑òige; Agus gun cluinn a h‑athair a bòid, agus a ceangal leis an do cheangail i a h‑anam, agus gum fan a h‑athair na thosd rithe, an sin seasaidh a bòidean uile, agus seasaidh gach ceangal leis an do cheangail i a h‑anam. Ach ma chuireas a h‑athair na h‑aghaidh anns an là anns an cluinn e, cha seas aon de a bòidean no de a ceanglaichean, leis an do cheangail i a h‑anam; agus maithidh an Tighearna dhi, a chionn gun do chuir a h‑athair na h‑aghaidh. Agus ma bha idir fear‐pòsda aice nuair a bha bòidean oirre, no nuair a labhair i nì as a beul, leis an do cheangail i a h‑anam, Agus gun cuala a fear e, agus gun d’fhan e na thosd rithe anns an là anns an cuala e i, an sin seasaidh a bòidean, agus seasaidh a ceanglaichean leis an do cheangail i a h‑anam. Ach ma chuireas a fear‐pòsda na h‑aghaidh anns an là anns an cluinn e i, an sin bheir e gu neo‐bhrìgh a bòid a bhòidich i, agus an nì a labhair i le a bilean, leis an do cheangail i a h‑anam; agus bheir an Tighearna maitheanas dhi. Ach gach bòid bantraich agus mnà dealaichte, leis an do cheangail i a h‑anam, seasaidh i na h‑aghaidh. Agus ma bhòidich i ann an taigh a fir, no ma cheangail i a h‑anam le ceangal maille ri mionnan, Agus gun cuala a fear e, agus gun d’fhan e na thosd rithe, agus nach do chuir e na h‑aghaidh; an sin seasaidh a bòidean uile, agus seasaidh gach ceangal leis an do cheangail i a h‑anam. Ach ma chuir a fear gu tur air chùl iad anns an là anns an cuala e iad, an sin ge bè nì a thàinig a‑mach as a beul a‑thaobh a bòidean, no a‑thaobh ceangal a h‑anam, cha seas e: chuir a fear air chùl iad, agus bheir an Tighearna maitheanas dhi. Na bòidean, agus na mionnan sin uile a cheanglas a‑chum an t‑anam a chràdh, faodaidh a fear an daingneachadh, no faodaidh a fear an cur air chùl. Ach ma dh’fhanas a fear gu tur na thosd rithe, o là gu là; an sin tha e a’ daingneachadh a bòidean uile, no a ceanglaichean uile, a tha oirre: tha e gan dèanamh seasmhach, a chionn gun d’fhan e na thosd rithe anns an là anns an cuala e iad. Ach ma chuireas e air chor sam bith air chùl iad, an dèidh dha an cluinntinn, an sin giùlainidh e a h‑aingidheachd‐se. Is iad sin na reachdan a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, eadar duine agus a bhean, eadar athair agus a nighean, agus i fhathast na h‑òige ann an taigh a h‑athar. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Dìol clann Israeil air na Midianaich; na dhèidh sin cruinnichear a‑chum do dhaoine thu. Agus labhair Maois ris an t‑sluagh, ag ràdh, Rachadh cuid dhibh fon airm a‑chum a’ chogaidh, agus imicheadh iad a chogadh an aghaidh nam Midianach, agus dìoladh iad an Tighearna air Midian. Cuiridh sibh mìle de gach treubh, air feadh uile threubhan Israeil, a‑chum a’ chogaidh. Mar sin thugadh a‑mach à mìltean Israeil mìle de gach treubh, dà‑mhìle‐dheug armaichte a‑chum cogaidh. Agus chuir Maois iad a‑chum a’ chogaidh, mìle de gach treubh, iadsan agus Phinehas mac Eleàsair, an sagart, a‑chum a’ chogaidh, leis na h‑innealan naomha na làimh, agus na trompaidean gu sèideadh. Agus chog iad an aghaidh nam Midianach, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; agus mharbh iad na fireannaich uile. Agus mharbh iad rìghrean Mhidiain, a thuilleadh air a’ chuid eile dhiubh a mharbhadh; eadhon Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus Hur, agus Reba, còig rìghrean Mhidiain: Balàam mac Bheoir mar an ceudna mharbh iad leis a’ chlaidheamh. Agus thug clann Israeil leo mnathan Mhidiain nam braighdean, agus an clann bheag, agus thug iad leo creach an sprèidh uile, agus an treudan uile, agus am maoin uile. Agus loisg iad am bailtean uile anns an robh iad a chòmhnaidh, agus an dùin uile le teine. Agus thug iad leo a’ chreach uile, agus an cobhartach uile, eadar dhaoine agus ainmhidhean. Agus thug iad na braighdean agus a’ chreach agus an cobhartach gu Maois agus Eleàsar an sagart, agus gu co‑chruinneachadh chloinn Israeil, a‑chum a’ champa aig còmhnardan Mhòaib, a tha làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho. Agus chaidh Maois agus Eleàsar an sagart agus ceannardan a’ choitheanail uile a‑mach nan coinneamh, an taobh a‑muigh den champ. Agus bha corraich air Maois ri luchd‐riaghlaidh an t‑sluaigh, ris na ceannardan air mhìltean agus na ceannardan air cheudan, a thàinig on chogadh. Agus thubhairt Maois riu, An do ghlèidh sibh na mnathan uile beò? Feuch, thug iad sin air cloinn Israeil, le comhairle Bhalàaim, peacachadh an aghaidh an Tighearna ann an adhbhar Pheoir; agus bha plàigh air feadh co‑chruinneachadh an Tighearna. A‑nis uime sin, marbhaibh gach leanabh fireann am measg na cloinne bige, agus marbhaibh gach bean dom b’aithne fear le laighe leis. Ach a’ chlann‐bhan uile do nach b’aithne fear le laighe leis, gleidhibh beò dhuibh fhèin. Agus fanaibh‐se an taobh a‑muigh den champ seachd làithean: ge bè a mharbh neach air bith, agus ge bè a bhean ri neach a mharbhadh, glanaibh sibh fhèin agus ur braighdean air an treas là, agus air an t‑seachdamh là; Agus glanaibh ur n‑aodach uile, agus gach nì a rinneadh de chraicnean, agus gach obair de fhionnadh ghobhar, agus gach nì a rinneadh de fhiodh. Agus thubhairt Eleàsar an sagart ris na fir‐chogaidh a chaidh a‑mach a dh’ionnsaigh a’ chatha, Is e seo òrdagh an lagha a dh’àithn an Tighearna do Mhaois: A‑mhàin an t‑òr, agus an t‑airgead, an t‑umha, an t‑iarann, an staoin, agus an luaidh, Gach nì a dh’fhulaingeas an teine, bheir sibh fa‑near e a dhol tron teine, agus glanar e; gidheadh le uisge an sgaraidh glanar e: agus gach nì nach fulaing an teine, bheir sibh fa‑near e a dhol tron uisge. Agus nighidh sibh ur n‑aodach air an t‑seachdamh là, agus bidh sibh glan, agus na dhèidh sin thig sibh a‑steach don champ. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Gabh àireamh na creiche a thogadh, eadar dhuine agus ainmhidh, thu fhèin, agus Eleàsar an sagart, agus prìomh‐athraichean a’ cho‐chruinneachaidh; Agus roinn a’ chreach na dà earrainn; eadar a’ mhuinntir a ghabh an cogadh orra fhèin, a chaidh a‑mach don chath, agus an co‑chruinneachadh uile: Agus tog cìs don Tighearna o na fir‐chogaidh, a chaidh a‑mach don chath: aon anam à còig ceud, araon de na daoine, agus den bhuar, agus de na h‑asail, agus de na caoraich. Gabh e as an leth‐san, agus thoir e do Eleàsar an sagart mar thabhartas‐togte don Tighearna. Agus as leth chloinn Israeil, gabhaidh tu aon chuibhreann à leth‐cheud, de na daoine, den bhuar, de na h‑asail, agus de na treudan, de gach ainmhidh, agus bheir thu iad do na Lèbhithich, a tha a’ gleidheadh cùram pàillean an Tighearna. Agus rinn Maois agus Eleàsar an sagart mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus b’e an cobhartach, eadhon a’ chuid eile den chreich a ghlac na fir‐chogaidh, sia ceud mìle agus deich is trì‐fichead mìle agus còig mìle caora, Agus trì‐fichead agus dà‑mhìle‐dheug bò, Agus trì‐fichead agus aon mhìle asal, Agus dà‑mhìle‐dheug ar fhichead anam anns an iomlan, de mhnathan do nach b’aithne fear le laighe leis. Agus bha an leth a bu chuibhreann dhaibhsan a chaidh a‑mach a‑chum a’ chogaidh ann an àireamh trì cheud mìle agus seachd‐mìle‐deug ar fhichead agus còig ceud caora; Agus b’i cìs an Tighearna de na caoraich sia ceud agus trì‐fichead agus còig‐deug. Agus b’iad am buar sia‑mìle‐deug ar fhichead: dhiubh seo b’i cìs an Tighearna trì‐fichead is a dhà‐dheug. Agus b’iad na h‑asail deich‐mìle‐ar‑fhichead agus còig ceud: dhiubh seo b’i cìs an Tighearna trì‐fichead agus a h‑aon. Agus b’iad anaman nan daoine sia‑mìle‐deug: dhiubh seo b’i cìs an Tighearna dà‑anam‐dheug ar fhichead. Agus thog Maois a’ chìs, eadhon tabhartas‐togte an Tighearna, do Eleàsar an sagart, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus de leth chloinn Israeil, a roinn Maois on luchd‐cogaidh, (A‑nis b’i an leth a bhuineadh don cho‐chruinneachadh, trì cheud mìle agus seachd‐mìle‐deug ar fhichead agus còig ceud caora, Agus sia‑mìle‐deug ar fhichead bò, Agus deich‐mìle‐ar‑fhichead asal agus còig ceud, Agus sia‑mìle‐deug anam,) Eadhon den leth a bhuineadh do chloinn Israeil, ghabh Maois aon chuibhreann à leth‐cheud eadar dhuine agus ainmhidh, agus thug e iad do na Lèbhithich, a bha a’ gleidheadh cùram pàillean an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus thàinig an luchd‐riaghlaidh a bha os cionn mìltean an t‑sluaigh, na ceannardan air mhìltean, agus na ceannardan air cheudan, am fagas do Mhaois: Agus thubhairt iad ri Maois, Ghabh do sheirbhisich àireamh nam fear‐cogaidh a tha fo ar làimh, agus chan eil duine dhinn air chall. Uime sin, thug sinn tabhartas a‑chum an Tighearna, gach fear na fhuair e de sheudan òir, eadhon slabhraidhean, agus usgraichean, fàinnean, cluas‐fhailean, agus criosan, a dhèanamh rèite airson ar n‑anaman an làthair an Tighearna. Agus ghabh Maois agus Eleàsar an sagart an t‑òr uapa, uile na sheudan obraichte. Agus b’e òr an tabhartais uile a thug iad seachad don Tighearna, o na ceannardan air mhìltean, agus o na ceannardan air cheudan, sia‑mìle‐deug, seachd ceud agus leth‐cheud secel. (Oir ghabh na fir‐chogaidh cobhartach, gach duine dha fhèin.) Agus ghabh Maois agus Eleàsar an sagart an t‑òr o na ceannardan air mhìltean agus air cheudan, agus thug iad e gu pàillean a’ choitheanail, mar chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna. A‑nis bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro‑mhòran sprèidhe: agus nuair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch bha an t‑àite na àite sprèidhe: Agus thàinig clann Ghad, agus clann Reubein, agus labhair iad ri Maois, agus ri Eleàsar an sagart, agus ri uachdarain a’ co‑chruinneachaidh, ag ràdh, Atarot, agus Dibon, agus Iaser, agus Nimrah, agus Hesbon, agus Elealeh, agus Sèbam, agus Nebo, agus Beon; Eadhon an dùthaich a bhuail an Tighearna ro cho‐chruinneachadh Israeil, is fearann e airson sprèidhe, agus tha sprèidh aig do sheirbhisich. Uime sin, arsa iadsan, ma fhuair sinn deagh‐ghean ad shealladh, thugar am fearann seo dod sheirbhisich mar sheilbh, agus na toir sinn a‑null thar Iòrdan. Agus thubhairt Maois ri cloinn Ghad, agus ri cloinn Reubein, An tèid ur bràithrean gu cogadh, agus an suidh sibhse an seo? Agus carson a bheir sibh mì‑mhisneach do chridhe chloinn Israeil, a dhol a‑null don fhearann a thug an Tighearna dhaibh? Mar seo rinn ur n‑athraichean nuair a chuir mi iad o Chadeis‐barnea a dh’amharc na tìre: Nuair a chaidh iad suas gu gleann Escoil, agus a chunnaic iad am fearann, thug iad mì‑mhisneach do chridhe chloinn Israeil, a‑chum nach rachadh iad a‑steach don fhearann a thug an Tighearna dhaibh. Agus las corraich an Tighearna anns an àm sin fhèin, agus mhionnaich e, ag ràdh, Gu cinnteach chan fhaic a h‑aon de na daoine a thàinig a‑nìos as an Eiphit, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, am fearann a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, a chionn nach do lean iad mi gu h‑iomlan: Saor o Chàleb mac Iephuneh an Ceniseach, agus Iosua mac Nuin: oir lean iadsan an Tighearna gu h‑iomlan. Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus chuir e air seachran iad anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don ghinealach sin uile a rinn olc an sealladh an Tighearna. Agus, feuch, tha sibhse air èirigh suas an àite ur n‑athraichean, gineal dhroch dhaoine, a mheudachadh fhathast mòr‐chorraich an Tighearna ri Israel. Oir ma thionndaidheas sibh air falbh o a leantainn‐san, fàgaidh e fhathast uair eile anns an fhàsach iad, agus sgriosaidh sibh an sluagh seo uile. Agus thàinig iad am fagas dha, agus thubhairt iad, Togaidh sinn mainnirean chaorach an seo dar sprèidh, agus bailtean dar cloinn bhig: Ach thèid sinn fhèin deas‐armaichte ro chloinn Israeil, gus an toir sinn iad dan àite; agus nì ar clann bheag còmhnaidh anns na bailtean daingnichte air sgàth luchd‐àiteachaidh na tìre. Cha till sinn dar taighean gus an sealbhaich clann Israeil gach duine dhiubh a oighreachd fhèin. Oir cha sealbhaich sinne maille riùsan an taobh eile de Iòrdan, no thall o sin; a chionn gun do thuit ar n‑oighreachd dhuinne air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear. Agus thubhairt Maois riu, Ma nì sibh an nì seo, ma thèid sibh fo ur n‑airm ron Tighearna gu cogadh, Agus gun tèid sibh uile armaichte thar Iòrdan ron Tighearna, gus am fuadaich e a‑mach a naimhdean as a làthair, Agus gun ceannsaichear am fearann ann am fianais an Tighearna; na dhèidh sin tillidh sibh, agus bidh sibh neo‐choireach an làthair an Tighearna, agus an làthair Israeil, agus bidh am fearann seo na sheilbh agaibh am fianais an Tighearna. Ach mura dèan sibh mar seo, feuch, pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna; agus bithibh cinnteach gum faigh ur peacadh a‑mach sibh. Togaibh bailtean dur cloinn bhig, agus mainnirean dur caoraich; agus dèanaibh an nì a chaidh a‑mach as ur beul. Agus labhair clann Ghad agus clann Reubein ri Maois, ag ràdh, Nì do sheirbhisich mar a tha mo thighearna ag àithneadh. Bidh ar clann bheag, ar mnathan, ar treudan agus ar sprèidh uile an sin ann am bailtean Ghilead: Ach thèid do sheirbhisich thairis, gach fear dhiubh armaichte a‑chum cogaidh, ron Tighearna gu cath, mar a tha mo thighearna ag ràdh. Agus thug Maois àithne dan taobh do Eleàsar an sagart, agus do Iosua mac Nuin, agus do phrìomh‐athraichean treubhan chloinn Israeil: Agus thubhairt Maois riu, Ma thèid clann Ghad agus clann Reubein a‑null maille ribh thar Iòrdan, gach fear dhiubh armaichte gu cath an làthair an Tighearna, agus gun ceannsaichear an tìr romhaibh, an sin bheir sibh dhaibh fearann Ghilead mar sheilbh: Ach mura tèid iad thairis maille ribh armaichte, bidh sealbh aca nur measg fhèin ann an tìr Chanàain. Agus fhreagair clann Ghad, agus clann Reubein, ag ràdh, Mar a thubhairt an Tighearna rid sheirbhisich, mar sin nì sinne. Thèid sinn a‑null armaichte ron Tighearna do thìr Chanàain, a‑chum is gum bi sealbh ar n‑oighreachd againn air an taobh seo de Iòrdan. Agus thug Maois dhaibh, eadhon do chloinn Ghad, agus do chloinn Reubein, agus do leth‐threubh Mhanaseh mhic Iòseiph, rìoghachd Shihoin rìgh nan Amorach, agus rìoghachd Og rìgh Bhasain, an tìr maille ra bailtean anns na crìochan, eadhon bailtean na dùthcha mun cuairt. Agus thog clann Ghad Dibon, agus Atarot, agus Aroer, Agus Atrot, Sophan, agus Iaser, agus Iogbehah, Agus Bet‐nimrah, agus Bethàran, bailtean daingnichte; agus mainnirean airson chaorach. Agus thog clann Reubein Hesbon, agus Elealeh, agus Ciriataim, Agus Nebo, agus Bàal‐meon (air dan ainmean a bhith air an atharrachadh), agus Sibmah: agus thug iad ainmean eile do na bailtean a thog iad. Agus chaidh clann Mhachir mhic Mhanaseh do Ghilead, agus ghlac iad e, agus chuir iad à seilbh an t‑Amorach a bha ann. Agus thug Maois Gilead do Mhachir mac Mhanaseh; agus ghabh e còmhnaidh ann. Agus chaidh Iaer mac Mhanaseh, agus ghlac e a bhailtean beaga, agus thug e Habhot‐iair mar ainm orra. Agus chaidh Nobah agus ghlac e Cenat, agus a bhailtean beaga, agus thug e Nobah mar ainm air, a rèir a ainme fhèin. Is iad seo turasan chloinn Israeil, a chaidh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a rèir an armailtean, fo làimh Mhaois agus Aaroin. Agus sgrìobh Maois an dol a‑mach a rèir an turasan, air àithne an Tighearna: agus is iad seo an turasan, a rèir an dol a‑mach. Agus dh’imich iad o Rameses anns a’ chiad mhìos, air a’ chòigeamh‐là‑deug den chiad mhìos: air an là màireach an dèidh na càisge, chaidh clann Israeil a‑mach le làimh àird ann an sealladh nan Eiphiteach uile. (Oir dh’adhlaic na h‑Eiphitich an ciad‐ghin uile, a bhuail an Tighearna nam measg: air an diathan mar an ceudna chuir an Tighearna breitheanas an gnìomh.) Agus dh’imich clann Israeil à Rameses, agus champaich iad ann an Sucot. Agus dh’imich iad o Shucot, agus champaich iad ann an Etam, a tha ann an iomall an fhàsaich. Agus dh’imich iad o Etam, agus thill iad a‑rìs gu Pihahirot, a tha fa chomhair Bhàal‐sèphoin: agus champaich iad fa chomhair Mhigdol. Agus dh’imich iad o chomhair Phihahirot, agus chaidh iad tro mheadhon na fairge don fhàsach, agus dh’imich iad astar trì làithean ann am fàsach Etaim, agus champaich iad ann am Màrah. Agus dh’imich iad o Mhàrah, agus thàinig iad gu Elim: agus ann an Elim bha dà‑thobar‐dheug uisge, agus deich agus trì‐fichead craobh phailme: agus champaich iad an sin. Agus dh’imich iad o Elim, agus champaich iad làimh ris a’ mhuir ruaidh. Agus dh’imich iad on mhuir ruaidh, agus champaich iad ann am fàsach Shin. Agus dh’imich iad à fàsach Shin, agus champaich iad ann an Dophcah. Agus dh’imich iad o Dhophcah, agus champaich iad ann an Alas. Agus dh’imich iad o Alas, agus champaich iad ann an Rephidim, far nach robh uisge aig an t‑sluagh ri òl. Agus dh’imich iad o Rephidim, agus champaich iad ann am fàsach Shinài. Agus dh’imich iad o fhàsach Shinài, agus champaich iad ann an Cibrot‐hataabhah. Agus dh’imich iad o Chibrot‐hatabhah, agus champaich iad ann an Haserot. Agus dh’imich iad o Haserot, agus champaich iad ann an Ritmah. Agus dh’imich iad o Ritmah, agus champaich iad ann an Rimon‐pares. Agus dh’imich iad o Rimon‐pares, agus champaich iad ann an Libnah. Agus dh’imich iad o Libnah, agus champaich iad ann an Risah. Agus dh’imich iad o Risah, agus champaich iad ann an Cehelatah. Agus dh’imich iad o Chehelatah, agus champaich iad ann an sliabh Shapher. Agus dh’imich iad o shliabh Shapher, agus champaich iad ann an Haradah. Agus dh’imich iad o Haradah, agus champaich iad ann am Machelot. Agus dh’imich iad o Mhachelot, agus champaich iad ann an Tahat. Agus dh’imich iad o Thahat, agus champaich iad ann an Tarah. Agus dh’imich iad o Tharah, agus champaich iad ann am Mitcah. Agus dh’imich iad o Mhitcah, agus champaich iad ann an Hasmonah. Agus dh’imich iad o Hasmonah, agus champaich iad ann am Moserot. Agus dh’imich iad o Mhoserot, agus champaich iad ann am Bene‐iaacan. Agus dh’imich iad o Bhene‐iaacan, agus champaich iad ann an Hor‐hagidgad. Agus dh’imich iad o Hor‐hagidgad, agus champaich iad ann an Iot‐batah. Agus dh’imich iad o Iot‐batah, agus champaich iad ann an Ebronah. Agus dh’imich iad o Ebronah, agus champaich iad ann an Esion‐gaber. Agus dh’imich iad o Esion‐gaber, agus champaich iad ann am fàsach Shin: is e seo Cadeis. Agus dh’imich iad o Chadeis, agus champaich iad ann an sliabh Hor, ann an iomall fearann Edoim. Agus chaidh Aaron an sagart suas gu sliabh Hor, air àithne an Tighearna, agus fhuair e bàs an sin, anns an dà‑fhicheadamh bliadhna an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, air a’ chiad là den chòigeamh mìos. Agus bha Aaron ceud agus fichead agus trì bliadhna a dh’aois, nuair a dh’eug e ann an sliabh Hor. Agus chuala rìgh Arad an Canàanach (a bha a chòmhnaidh anns an àird a deas ann an tìr Chanàain) mu theachd chloinn Israeil. Agus dh’imich iad o shliabh Hor, agus champaich iad ann an Salmonah. Agus dh’imich iad o Shalmonah, agus champaich iad ann am Punon. Agus dh’imich iad o Phunon, agus champaich iad ann an Obot. Agus dh’imich iad o Obot, agus champaich iad ann an Iie‐abarim, ann an crìch Mhòaib. Agus dh’imich iad o Iim, agus champaich iad ann an Dibon‐gad. Agus dh’imich iad o Dhibon‐gad, agus champaich iad ann an Almon‐diblataim. Agus dh’imich iad o Almon‐diblataim, agus champaich iad ann an slèibhtean Abarim, fa chomhair Nebo. Agus dh’imich iad o shlèibhtean Abarim, agus champaich iad ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho. Agus champaich iad làimh ri Iòrdan, o Bhet‐iesimot eadhon gu Abel‐sitim, ann an còmhnardan Mhòaib. Agus labhair an Tighearna ri Maois ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thèid sibh a‑null thar Iòrdan, do thìr Chanàain; An sin fògraidh sibh a‑mach uile luchd‐àiteachaidh na tìre as ur fianais, agus cuiridh sibh as dan dealbhan uile, agus sgriosaidh sibh an coslais leaghte uile, agus fàsaichidh sibh an ionadan àrda uile. Agus cuiridh sibh à seilbh luchd‐àiteachaidh an fhearainn, agus nì sibh còmhnaidh ann: oir thug mise dhuibh am fearann ra shealbhachadh. Agus roinnidh sibh am fearann le crannchur mar oighreachd am measg ur teaghlaichean: dhaibhsan as lìonmhoire bheir sibh an oighreachd as mò, agus dhaibhsan as teirce bheir sibh an oighreachd as lugha: bidh oighreachd gach duine anns an àit anns an tuit a chrannchur; a rèir treubhan ur n‑athraichean sealbhaichidh sibh. Ach mura fògair sibh a‑mach luchd‐àiteachaidh an fhearainn as ur fianais, an sin bidh iadsan dhiubh don leig sibh fuireach nan sgolban nur sùilean, agus nam bioran nur taobhan, agus cuiridh iad campar oirbh anns an fhearann anns am bi sibh a chòmhnaidh. Os bàrr tàrlaidh, mar a smaoinich mi a dhèanamh riùsan, gun dèan mi ribhse. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Aithn do chloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh do thalamh Chanàain (is e seo am fearann a thuiteas oirbh mar oighreachd, eadhon fearann Chanàain maille ra chrìochan), An sin bidh ur ceàrna dheas bho fhàsach Shin, leth ri crìch Edoim, agus is i ur crìoch mu dheas fìor iomall na fairge saillte a làimh na h‑àird an ear. Agus tillidh ur crìoch on taobh mu dheas gu dìreadh Acrabim, agus thèid i air a h‑aghaidh gu Sin; agus bidh a dol a‑mach on taobh mu dheas gu Cadeis‐barnea, agus gabhaidh i roimhpe gu Hasar‐adar, agus thèid i air a h‑aghaidh gu Asmon: Agus bheir a’ chrìoch cuairt o Asmon gu abhainn na h‑Eiphit, agus bidh a dol a‑mach aig an fhairge. Agus a‑thaobh na crìche an iar, bidh agaibh eadhon an fhairge mhòr mar chrìch: bidh a’ chrìoch seo na crìch dhuibh air an làimh an iar. Agus is i seo ur crìoch air an làimh mu thuath: on fhairge mhòir comharraichidh sibh dhuibh fhèin gu sliabh Hor. O shliabh Hor comharraichidh sibh ur crìoch gu dol a‑steach Hamait; agus bidh dol a‑mach na crìche gu Sedad. Agus gabhaidh ur crìoch roimhpe gu Siphron, agus bidh a dol a‑mach aig Hasar‐enan; is i seo ur crìoch mu thuath. Agus comharraichidh sibh ur crìoch air an taobh an ear o Hasar‐enan gu Sepham. Agus thèid a’ chrìoch sìos o Shepham gu Riblah, air an taobh an ear de Ain; agus thèid a’ chrìoch sìos, agus ruigidh i gu taobh fairge Chineret a làimh na h‑àird an ear. Agus thèid a’ chrìoch sìos gu Iòrdan, agus bidh a dol a‑mach aig a’ mhuir shaillte: is e seo ur fearann le a chrìochan mun cuairt. Agus dh’àithn Maois do chloinn Israeil, ag ràdh, Is e seo am fearann a shealbhaicheas sibh le crannchur, a dh’àithn an Tighearna a thoirt do na naoi treubhan, agus don leth‐threubh. Oir fhuair treubh chloinn Reubein an oighreachd, a rèir taigh an athraichean, agus treubh chloinn Ghad a rèir taigh an athraichean; agus fhuair leth‐threubh Mhanaseh an oighreachd. Fhuair an dà threubh agus an leth‐threubh an oighreachd air an taobh seo de Iòrdan am fagas do Iericho, a làimh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Is iad seo ainmean nan daoine a roinneas am fearann dhuibh: Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin. Agus gabhaidh sibh aon cheannard de gach treubh, a roinn an fhearainn mar oighreachd. Agus is iad seo ainmean nan daoine: de threubh Iùdah, Càleb mac Iephuneh. Agus de threubh chloinn Shimeoin, Semuel mac Amihuid. De threubh Bheniàmin, Elidad mac Chisloin. Agus ceannard treubh chloinn Dhan, Buci mac Iogli. Ceannard chloinn Iòseiph, airson treubh chloinn Mhanaseh, Haniel mac Ephoid. Agus ceannard treubh chloinn Ephraim, Cemuel mac Shiphtain. Agus ceannard treubh chloinn Shebuluin, Elisaphan mac Pharnaich. Agus ceannard treubh chloinn Isachair, Paltiel mac Asain. Agus ceannard treubh chloinn Aseir, Ahihud mac Shelomi. Agus ceannard treubh chloinn Naphtali, Pedahel mac Amihuid. Is iad sin iadsan don d’àithn an Tighearna an oighreachd a roinn do chloinn Israeil ann an tìr Chanàain. Agus labhair an Tighearna ri Maois ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho, ag ràdh, Aithn do chloinn Israeil, iad a thabhairt do na Lèbhithich de oighreachd an seilbh, bailtean gu còmhnaidh a ghabhail annta: agus bheir sibh mar an ceudna do na Lèbhithich fearann co‑roinn dam bailtean mun cuairt orra. Agus bidh na bailtean aca gu còmhnaidh a ghabhail annta, agus bidh am fearann co‑roinn airson an sprèidhe, agus airson am maoin, agus airson an ainmhidhean uile. Agus ruigidh fearann co‑roinn nam bailtean, a bheir sibh do na Lèbhithich, a‑mach o bhalla a’ bhaile, mìle làmh‐choille mun cuairt. Agus tomhaisidh sibh on leth a‑muigh den bhaile air an taobh an ear dà mhìle làmh‐choille, agus air an taobh mu dheas dà mhìle làmh‐choille, agus air an taobh an iar dà mhìle làmh‐choille, agus air an taobh mu thuath dà mhìle làmh‐choille; agus bidh am baile anns a’ mheadhon: bidh seo dhaibh na fhearann co‑roinn dam bailtean. Agus am measg nam bailtean a bheir sibh do na Lèbhithich bidh sia bailtean a‑chum dìdein, a dh’òrdaicheas sibh air a shon‐san a mharbhas duine, a‑chum is gun teich e an sin: agus riùsan cuiridh sibh dà bhaile is dà‑fhichead. Mar seo is iad na bailtean sin uile a bheir sibh do na Lèbhithich, ochd agus dà‑fhichead baile: iad sin bheir sibh seachad agus am fearann co‑roinn. Agus bidh na bailtean a bheir sibh seachad de sheilbh chloinn Israeil: uaithesan aig a bheil mòran, bheir sibh mòran; ach uaithesan aig a bheil beagan, bheir sibh beagan: bheir gach aon de a bhailtean do na Lèbhithich, a rèir a oighreachd a tha e a’ sealbhachadh. Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a bhios sibh air teachd thar Iòrdan do thìr Chanàain, An sin òrdaichidh sibh dhuibh fhèin bailtean gu bhith nam bailtean dìdein dhuibh, a‑chum gun teich am marbhaiche an sin, a mharbhas neach ann an ainfhios. Agus bidh iad dhuibh nam bailtean a‑chum dìdein on dìoghaltair; a‑chum nach bàsaich esan a mharbhas duine, gus an seas e an làthair a’ cho‐chruinneachaidh ann am breitheanas. Agus de na bailtean sin a bheir sibh seachad, bidh sia bailtean agaibh a‑chum dìdein. Bheir sibh seachad trì bailtean air an taobh seo de Iòrdan, agus trì bailtean bheir sibh seachad ann an tìr Chanàain, a bhios nam bailtean dìdein. Bidh na sia bailtean sin nan dìdein, araon do chloinn Israeil, agus don choigreach, agus dhàsan a bhios air chuairt nam measg; a‑chum gun teich gach neach an sin, a mharbhas duine gun fhios. Agus ma bhuaileas e e le inneal iarainn (air chor is gum bàsaich e), is mortair e: cuirear gu cinnteach am mortair gu bàs. Agus ma bhuaileas e e le clach a thilgeadh (a dh’fhaodas a bhàs a thoirt), agus gum bàsaich e, is mortair e: cuirear gu cinnteach am mortair gu bàs. No ma bhuaileas e e le làmh‐bhall fiodha (a dh’fhaodas a bhàs a thoirt), agus gum faigh e bàs, is mortair e: cuirear gu cinnteach am mortair gu bàs. Marbhaidh dìoghaltair na fala e fhèin am mortair: nuair a choinnicheas e e, marbhaidh e e. Ach ma bheir e urchair dha tre fhuath, no ma thilgeas e nì sam bith air ann am plaid‐laighe, air chor is gum faigh e bàs; No ma bhuaileas e e le a làimh ann an naimhdeas, air chor is gum faigh e bàs; cuirear esan a bhuail e gun teagamh gu bàs; oir is mortair e: marbhaidh dìoghaltair na fala am mortair, nuair a choinnicheas e e. Ach ma thug e urchair dha gu h‑obann gun naimhdeas, no ma thilg e nì sam bith air gun phlaid‐laighe; No le cloich sam bith, a dh’fhaodas bàs duine a thabhairt, gun e ga fhaicinn, agus gun do thilg e air i, air chor is gum faigh e bàs, agus nach bu nàmhaid dha e, agus nach d’iarr e a chron; An sin bheir an co‑chruinneachadh breith eadar am marbhaiche agus dìoghaltair na fala, a rèir nam breitheanas sin: Agus saoraidh an co‑chruinneachadh am marbhaiche à làimh dìoghaltair na fala, agus cuiridh an co‑chruinneachadh air ais e do bhaile a dhìdein, gus an do theich e: agus fanaidh e ann gu bàs an àrd‐shagairt, a dh’ungadh leis an ola naoimh. Ach ma thig am marbhaiche uair air bith an taobh a‑muigh de chrìch baile a dhìdein, gus an do theich e: Agus gum faigh dìoghaltair na fala e an taobh a‑muigh de chrìochan baile a dhìdein, agus gum marbh dìoghaltair na fala am marbhaiche; cha bhi e ciontach de fhuil: A chionn gum bu chòir dha fuireach ann am baile a dhìdein gu bàs an àrd‐shagairt: ach an dèidh bàs an àrd‐shagairt, tillidh am marbhaiche gu fearann a sheilbhe fhèin. Agus bidh na nithean sin nan reachd breitheanais dhuibh, air feadh ur ginealaichean, nur n‑àitean‐còmhnaidh uile. Ge bè a mharbhas neach sam bith, cuirear am mortair gu bàs le beul fhianaisean: ach cha toir aon fhianais teisteas an aghaidh neach sam bith a‑chum a chur gu bàs. Agus cha ghabh sibh èirig sam bith airson anam mortair a tha ciontach de bhàs, ach cuirear gu cinnteach gu bàs e. Agus cha ghabh sibh èirig sam bith air a shon‐san a theich do bhaile a dhìdein, a‑chum is gun tigeadh e a‑rìs a ghabhail còmhnaidh anns an fhearann gu bàs an t‑sagairt. Mar sin cha truaill sibh am fearann anns a bheil sibh; oir truaillidh fuil am fearann, agus chan eil e an comas am fearann a ghlanadh den fhuil a dhòirteadh ann, ach le fuil an tì a dhòirt i. Na salaichibh, uime sin, am fearann anns am bi sibh a chòmhnaidh, anns a bheil mise am chòmhnaidh; a chionn gu bheil mise an Tighearna am chòmhnaidh am meadhon chloinn Israeil. Agus thàinig prìomh‐athraichean teaghlaichean chloinn Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, de theaghlaichean mic Iòseiph, am fagas, agus labhair iad an làthair Mhaois, agus an làthair nan ceannard, eadhon prìomh‐athraichean chloinn Israeil: Agus thubhairt iad, Dh’àithn an Tighearna dom thighearna am fearann a thoirt mar oighreachd le crannchur do chloinn Israeil, agus dh’àithneadh dom thighearna leis an Tighearna, oighreachd ar bràthar Selophehad a thoirt da nigheanan. Agus ma phòsar iad ri aon de mhic nan treubh eile de chloinn Israeil, an sin bheirear an oighreachd‐san o oighreachd ar n‑athraichean, agus cuirear i ri oighreachd na treubha don gabhar iad: mar sin bheirear i o chrannchur ar n‑oighreachd‐ne. Agus nuair a bhios an Iubile ann do chloinn Israeil, an sin cuirear an oighreachd ri oighreachd na treubha gus an do ghabhaidh iad: mar sin bheirear an oighreachd‐san air falbh o oighreachd treubh ar n‑athraichean. Agus dh’àithn Maois do chloinn Israeil, a rèir facal an Tighearna, ag ràdh, Is ceart a labhair treubh mic Iòseiph. Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna a‑thaobh nigheanan Shelophehaid, ag ràdh, Pòsadh iad an neach as àill leo; a‑mhàin ri teaghlach treubh an athraichean pòsaidh iad. Mar sin chan atharraich oighreachd chloinn Israeil o threubh gu treubh: oir dlùth‐leanaidh gach duine de chloinn Israeil ri oighreachd treubh a athraichean. Agus bidh gach nighean a shealbhaicheas oighreachd ann an treubh sam bith de chloinn Israeil na mnaoi aig aon de theaghlach treubh a h‑athar, a‑chum gum meal clann Israeil, gach duine dhiubh, oighreachd a athraichean. Cha mhò a dh’atharraicheas an oighreachd o aon treubh gu treubh eile; ach dlùth‐leanaidh gach duine de threubhan chloinn Israeil ra oighreachd fhèin. Eadhon mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn nigheanan Shelophehaid: Oir phòsadh Mahlah, Tirsah, agus Meglah, agus Milcah, agus Nòah, nigheanan Shelophehaid, ri mic bràithrean an athar. Phòsadh iad ri fir de theaghlaichean mic Mhanaseh mhic Iòseiph, agus dh’fhan an oighreachd ann an treubh teaghlach an athar. Is iad sin na h‑àitheantan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois do chloinn Israeil ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan, am fagas do Iericho. Is iad seo na briathran a labhair Maois ri Israel uile, air an taobh seo de Iòrdan anns an fhàsach, anns a’ chòmhnard fa chomhair na mara ruaidhe, eadar Paran, agus Tophel, agus Làban, agus Haserot, agus Disahab. (Tha astar aon‐là‑deug o Hòreb, rathad sliabh Sheirm, gu Cadeis‐barnea.) Agus anns an dà‑fhicheadamh bliadhna, anns an aon‐mhìos‐deug, air a’ chiad là den mhìos, labhair Maois ri cloinn Israeil, a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna dha dan taobh; An dèidh dha Sihon rìgh nan Amorach a mharbhadh, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus Og rìgh Bhasain, a bha a chòmhnaidh aig Astarot ann an Edrei, Aig an taobh seo de Iòrdan, ann an tìr Mhòaib, thòisich Maois air an lagh seo a chur an cèill, ag ràdh, Labhair an Tighearna ar Dia rinn ann an Hòreb, ag ràdh, Ghabh sibh còmhnaidh fada gu leòr anns an t‑sliabh seo: Tillibh agus gabhaibh ur turas, agus rachaibh a‑chum sliabh nan Amorach, agus a‑chum nan ionadan uile am fagas dha anns a’ chòmhnard, anns a’ mhonadh, agus anns an t‑srath, agus mu dheas, agus ri taobh na fairge, gu fearann nan Canàanach, agus gu Lebanon, a dh’ionnsaigh na h‑aibhne mòire, abhainn Euphràtes. Feuch, chuir mi an tìr romhaibh; rachaibh a‑steach, agus sealbhaichibh am fearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob, gun tugadh e dhaibh e, agus dan sliochd nan dèidh. Agus labhair mi ribh anns an àm sin, ag ràdh, Chan urrainn mise ur giùlan am aonar: Rinn an Tighearna ur Dia lìonmhor sibh, agus, feuch, tha sibh an‑diugh mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd. (Gun dèanadh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, sibh mìle uair nas lìonmhoire na tha sibh, agus gum beannaicheadh e sibh, mar a gheall e dhuibh!) Cionnas as urrainn mise leam fhèin ur dragh a ghiùlan, agus ur n‑eallach, agus ur còmhstri? Gabhaibh‐se dhuibh fhèin daoine glice agus tuigseach, agus aithnichte nur treubhan, agus nì mise iad nan ceannardan oirbh. Agus fhreagair sibh mi, agus thubhairt sibh, Tha an nì a labhair thu math dhuinne ra dhèanamh. Agus ghabh mi cinn ur treubhan, daoine glice agus aithnichte, agus rinn mi iad nan ceannardan oirbh, nan uachdarain mhìltean, agus nan uachdarain cheudan, agus nan uachdarain leth‐cheudan, agus nan uachdarain dheichnear, agus nan luchd‐riaghlaidh am measg ur treubhan. Agus dh’àithn mi dur britheamhan anns an àm sin, ag ràdh, Eisdibh ris na cùisean a bhios eadar ur bràithrean, agus thugaibh breith cheart eadar gach duine agus a bhràthair, agus an coigreach a tha maille ris. Cha bhi suim agaibh do neach seach a chèile ann am breitheanas; ris a’ bheag èisdidh sibh cho math is ris a’ mhòr; cha bhi athadh oirbh ro ghnùis dhuine, oir is le Dia a’ bhreith: agus a’ chùis a bhios ro‑chruaidh oirbh, bheir sibh am ionnsaigh‐sa, agus èisdidh mise rithe. Agus dh’àithn mi dhuibh anns an àm sin na h‑uile nithean a bu chòir dhuibh a dhèanamh. Agus nuair a dh’fhalbh sinn o Hòreb, chaidh sinn tron fhàsach mhòr agus uamhasach sin uile, a chunnaic sibh air slighe sliabh nan Amorach, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuinn; agus thàinig sinn gu Cadeis‐barnea. Agus thubhairt mi ribh, Tha sibh air teachd gu sliabh nan Amorach, a tha an Tighearna ar Dia a’ tabhairt dhuinn. Feuch, chuir an Tighearna do Dhia am fearann romhad, imich suas, sealbhaich e, a rèir mar a thubhairt an Tighearna Dia d’athraichean riut; na biodh eagal ort, agus na biodh faitcheas ort. Agus thàinig sibh am fagas dhòmhsa, gach aon agaibh, agus thubhairt sibh, Cuireamaid daoine romhainn, agus rannsaicheadh iad a‑mach dhuinn am fearann, agus thugadh iad fios dar n‑ionnsaigh a‑rìs ciod an t‑slighe air an tèid sinn suas, agus ciod na bailtean gus an tig sinn. Agus thaitinn a’ chainnt rium gu math; agus ghabh mi dà‑fhear‐dheug dhibh, aon fhear as gach treubh. Agus thionndaidh iad, agus chaidh iad suas don t‑sliabh, agus thàinig iad gu gleann Escoil, agus rannsaich iad a‑mach e. Agus ghabh iad nan làimh de thoradh an fhearainn, agus thug iad a‑nuas e dar n‑ionnsaigh‐ne, agus thug iad fios dhuinn a‑rìs, agus thubhairt iad, Is math am fearann a tha an Tighearna ar Dia a’ tabhairt dhuinn. Gidheadh, cha b’àill leibh dol suas, ach chuir sibh an aghaidh àithne an Tighearna ur Dia. Agus rinn sibh gearan nur bùthan, agus thubhairt sibh, A chionn gum b’fhuathach leis an Tighearna sinn, thug e a‑mach sinn à tìr na h‑Eiphit, gu ar toirt thairis do làimh nan Amorach, a chur as dhuinn. Càit an tèid sinn suas? Chuir ar bràithrean ar cridhe fo mhì‐mhisnich, ag ràdh, Tha an sluagh nas mò agus nas àirde na sinne; tha na bailtean mòr, agus daingnichte suas gu nèamh, agus os bàrr, chunnaic sinn mic nan Anacach an sin. An sin thubhairt mi ribh, Na biodh geilt oirbh, no eagal romhpa. An Tighearna ur Dia, a tha a’ dol romhaibh, cogaidh esan air ur son, a rèir nan uile nithean a rinn e air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl, Agus anns an fhàsach, far am faca tu cionnas a ghiùlain an Tighearna do Dhia thu, mar a ghiùlaineas duine a mhac, anns an t‑slighe sin uile air an deachaidh sibh, gus an tàinig sibh don àite seo. Gidheadh anns an nì seo cha do chreid sibh an Tighearna ur Dia, A dh’imich romhaibh anns an t‑slighe, a rannsachadh a‑mach àite dhuibh gus ur bùthan a shuidheachadh ann, ann an teine anns an oidhche, a nochdadh dhuibh ciod an t‑slighe air an imicheadh sibh, agus ann an neul anns an là. Agus chuala an Tighearna fuaim ur briathran, agus bha corraich air, agus mhionnaich e, ag ràdh, Gu cinnteach chan fhaic a h‑aon de dhaoine a’ ghinealaich uile seo am fearann math sin, a mhionnaich mise gun tugainn dur n‑athraichean; Saor o Chàleb mac Iephuneh; chì esan e, agus dhàsan bheir mi am fearann air an do shaltair e, agus da chloinn, a chionn gun do lean e an Tighearna gu h‑iomlan. Mar an ceudna, bha fearg air an Tighearna riumsa air ur sgàth, ag ràdh, Cha tèid thusa fhèin a‑steach an sin. Ach Iosua mac Nuin, a tha na sheasamh ad làthair, thèid esan a‑steach an sin. Thoir misneach dha, oir bheir e air Israel a shealbhachadh. Agus ur leanabanan, a thubhairt sibh gum biodh iad nan creich, agus ur clann, aig nach robh anns an là ud eòlas air math seach olc, thèid iadsan a‑steach an sin, agus dhaibhsan bheir mi e, agus sealbhaichidh iad e. Ach air ur son‐se, tillibh, agus gabhaibh ur turas don fhàsach, air slighe na mara ruaidhe. An sin fhreagair sibh agus thubhairt sibh rium, Pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna, thèid sinn suas agus cogaidh sinn, a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuinn. Agus chrioslaich sibh oirbh gach fear agaibh a airm‐chogaidh, agus bha sibh ullamh gu dol suas don t‑sliabh. Agus thubhairt an Tighearna rium, Abair riu, Na rachaibh suas, agus na cogaibh, oir chan eil mise nur measg; air eagal gum buailear sibh an làthair ur naimhdean. Mar seo labhair mi ribh, agus chan èisdeadh sibh, ach rinn sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna; agus chaidh sibh gu h‑an‑dàna suas don t‑sliabh. Agus thàinig na h‑Amoraich, a bha a chòmhnaidh anns an t‑sliabh sin, a‑mach nur n‑aghaidh, agus ruaig iad sibh mar a nì beachan, agus chuir iad as dhuibh ann an Seir, eadhon gu Hormah. Agus thill sibh, agus ghuil sibh an làthair an Tighearna; ach chan èisdeadh an Tighearna ri ur guth, agus cha tugadh e cluas dhuibh. Mar sin dh’fhan sibh ann an Cadeis mòran làithean, a rèir nan làithean a dh’fhan sibh an sin. An sin thill sinn, agus ghabh sinn ar turas don fhàsach, air slighe na mara ruaidhe, mar a labhair an Tighearna riumsa; agus chuartaich sinn sliabh Sheir mòran làithean. Agus labhair an Tighearna rium, ag ràdh, Chuartaich sibh an sliabh seo fada gu leòr; tillibh ri tuath. Agus àithn thusa don t‑sluagh, ag ràdh, Tha sibh gu dol tro chrìch ur bràithrean, clann Esau, a tha a chòmhnaidh ann an Seir, agus bidh eagal orra romhaibh: ach thugaibh aire mhath dhuibh fhèin. Na beanaibh riu; oir cha toir mi a’ bheag dem fearann dhuibh, cha toir uiread is leud troighe; a chionn gun tug mi sliabh Sheir do Esau mar sheilbh. Ceannaichidh sibh biadh uapa le airgead, a‑chum gun ith sibh; agus mar an ceudna, ceannaichidh sibh uisge uapa le airgead, a‑chum gun òl sibh. Oir bheannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làimhe: is aithne dha do thriall tron fhàsach mhòr seo; rè an dà‑fhichead bliadhna seo bha an Tighearna do Dhia maille riut, cha robh uireasbhaidh nì sam bith ort. Agus nuair a chaidh sinn seachad o ar bràithrean, clann Esau, a bha a chòmhnaidh ann an Seir, trìd slighe a’ chòmhnaird o Elat, agus o Esion‐gaber, thill sinn, agus chaidh sinn seachad air slighe fàsach Mhòaib. Agus thubhairt an Tighearna rium, Na buin gu naimhdeil ris na Mòabaich, agus na dèan strì riu ann an cath: oir cha toir mi dhut a’ bheag dem fearann mar sheilbh, a chionn gun tug mi Ar do chloinn Lot mar sheilbh. Bha na h‑Emich roimhe a chòmhnaidh ann, sluagh mòr, agus lìonmhor, agus àrd mar na h‑Anacaich; A mheasadh mar an ceudna nam famhairean mar na h‑Anacaich, ach thug na Mòabaich Emich mar ainm orra. Bha mar an ceudna na Horaich a chòmhnaidh roimhe sin ann an Seir; ach thàinig clann Esau nan dèidh, agus chuir iad as dhaibh as an sealladh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite, mar a rinn Israel ri fearann a sheilbh‐san, a thug an Tighearna dhaibh. A‑nis èiribh suas, thubhairt mise, agus rachaibh thar sruth Shereid; agus chaidh sinn thar sruth Shereid. Agus b’i an ùine anns an tàinig sinn o Chadeis‐barnea, gus an deachaidh sinn thar sruth Shereid, ochd‐bliadhna‑deug ar fhichead; gus an robh ginealach an t‑sluaigh‐chogaidh uile air an caitheamh a‑mach o mheasg an t‑slòigh, mar a mhionnaich an Tighearna dhaibh. Oir da‑rìribh bha làmh an Tighearna nan aghaidh, gu an sgrios o mheasg an t‑sluaigh, gus an do chlaoidheadh iad. Agus thàrladh, nuair a bha na fir‐chogaidh uile air an claoidh, agus air bàsachadh o mheasg an t‑sluaigh, Gun do labhair an Tighearna rium, ag ràdh, Tha thu gu dol thairis an‑diugh tro Ar, crìoch Mhòaib. Agus nuair a thig thu am fagas thall fa chomhair chloinn Amoin, na buin gu naimhdeil riu, cha mhò a bheanas tu riu: oir cha toir mi dhut sealbh sam bith de fhearann chloinn Amoin, a chionn gun tug mi e do chloinn Lot mar sheilbh. Mheasadh sin mar an ceudna na fhearann fhamhairean; ghabh famhairean còmhnaidh ann anns an t‑seann aimsir, agus thug na h‑Amonaich Samsumaich mar ainm orra; Sluagh mòr agus lìonmhor, agus àrd mar na h‑Anacaich; ach sgrios an Tighearna iad romhpa, agus thàinig iad nan dèidh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite: Mar a rinn e ri cloinn Esau a bha a chòmhnaidh ann an Seir, nuair a sgrios e na Horaich romhpa; agus thàinig iad nan dèidh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite, eadhon gus an là‑an‑diugh: Agus na h‑Abhaich a bha a chòmhnaidh ann an Haserim, eadhon gu Gadsa, sgrios na Caphtoraich a thàinig a‑mach à Caphtor iad, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite. Eiribh suas, gabhaibh ur turas, agus rachaibh thar sruth Arnoin: feuch, thug mi dod làimh Sihon an t‑Amorach, rìgh Hesboin, agus a fhearann: tòisich air a shealbhachadh, agus dèan strì ris ann an cath. Air an là‑an‑diugh tòisichidh mi air d’uamhann‐sa agus d’eagal a chur air na cinnich a tha fo nèamh uile, a chluinneas iomradh ort: agus criothnaichidh iad, agus bidh cràdh orra ad làthair. Agus chuir mi teachdairean à fàsach Chedemoit gu Sihon rìgh Hesboin, le briathran sìthe, ag ràdh, Leig dhomh gabhail tro d’fhearann: imichidh mi romham air an rathad mhòr, cha tionndaidh mi aon chuid a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe. Biadh airson airgid reicidh tu rium, a‑chum is gun ith mi, agus uisge airson airgid bheir thu dhomh, a‑chum is gun òl mi; a‑mhàin imichidh mi romham dem chois, (Mar a rinn clann Esau rium, a tha a chòmhnaidh ann an Seir, agus na Mòabaich a tha a chòmhnaidh ann an Ar,) gus an tèid mi thar Iòrdan, don fhearann a tha an Tighearna ar Dia a’ toirt dhuinn. Ach cha leigeadh Sihon, rìgh Hesboin, leinn dol tro a fhearann: oir chruadhaich an Tighearna do Dhia a spiorad, agus rinn e a chridhe rag, a‑chum gun tugadh e thairis e dod làimh, mar a chìthear air an là‑an‑diugh. Agus thubhairt an Tighearna rium, Feuch, thòisich mi air Sihon agus a fhearann a thoirt thairis ad fhianais: gabh sealbh, a‑chum is gum bi a fhearann agad mar oighreachd. An sin thàinig Sihon a‑mach nar n‑aghaidh, e fhèin agus a shluagh uile, a chogadh aig Iahas. Agus thug an Tighearna ar Dia thairis e romhainn, agus bhuail sinn e fhèin, agus a mhic, agus a shluagh uile. Agus ghlac sinn a bhailtean uile anns an àm sin, agus sgrios sinn gu tur fir, agus mnathan, agus clann bheag gach baile; cha d’fhàg sinn a h‑aon a làthair: A‑mhàin ghabh sinn dhuinn fhèin an sprèidh mar chobhartach, agus creach nam bailtean a ghlac sinn. O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus on bhaile a tha làimh ris an t‑sruth, eadhon gu Gilead, cha robh aon bhaile tuilleadh is làidir air ar son; thug an Tighearna ar Dia iad uile thairis dhuinn. A‑mhàin gu fearann chloinn Amoin cha tàinig thu, no gu àite sam bith am fagas do shruth Iaboic, no gus na bailtean am measg nam beann, no gu àite sam bith a thoirmisg an Tighearna ar Dia dhuinn. An sin thill sinn, agus chaidh sinn suas air an t‑slighe gu Basan; agus thàinig Og rìgh Bhasain a‑mach nar n‑aghaidh, e fhèin agus a shluagh uile, gu cath aig Edrei. Agus thubhairt an Tighearna riumsa, Na biodh eagal ort roimhe; oir dod làimh‐sa bheir mise thairis e fhèin, agus a shluagh uile, agus a fhearann; agus nì thu ris mar a rinn thu ri Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh aig Hesbon. Mar sin thug an Tighearna ar Dia thairis dar làimh‐ne mar an ceudna Og rìgh Bhasain, agus a shluagh uile: agus bhuail sinn e, gus nach d’fhàgadh a h‑aon beò aige. Agus ghlac sinn a bhailtean uile anns an àm sin; cha robh baile nach tug sinn uapa, trì‐fichead baile, dùthaich Argoib uile, rìoghachd Og ann am Basan. Bha na bailtean sin uile air an daingneachadh le balla àrd, le geatachan agus le crainn, a thuilleadh air bailtean gun bhalla, ro‑mhòran. Agus sgrios sinn gu tur iad, mar a rinn sinn air Sihon rìgh Hesboin, a’ lèirsgrios fir, mnathan agus clann gach baile. Ach ghabh sinn an sprèidh uile, agus creach nam bailtean mar chobhartach dhuinn fhèin. Agus thug sinn anns an àm sin à làimh dà rìgh nan Amorach am fearann a tha air an taobh seo de Iòrdan, o shruth Arnoin gu sliabh Hermoin: (Thug na Sìdonaich Sirion mar ainm air Hermon: agus thug na h‑Amoraich Senir mar ainm air:) Bailtean a’ chòmhnaird uile, agus Gilead uile, agus Basan uile, gu Salcha agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan: Oir bha Og rìgh Bhasain a‑mhàin a làthair de fhuidheall nam famhairean; feuch, a leabaidh, bu leabaidh iarainn i: nach eil i ann an Rabat chloinn Amoin? B’iad naoi làmhan‐coille a fad, agus ceithir làmhan‐coille a leud, a rèir làmh‐choille duine. Agus am fearann seo, a shealbhaich sinn anns an àm sin, o Aroer, a tha làimh ri sruth Arnoin, agus leth sliabh Ghilead, agus a bhailtean, thug mi do na Reubenich, agus do na Gadaich. Agus a’ chuid eile de Ghilead, agus Basan uile, eadhon rìoghachd Og, thug mi do leth‐threubh Mhanaseh; dùthaich Argoib uile, maille ri Basan uile, don ainm fearann nam famhairean. Ghabh Iair, mac Mhanaseh, dùthaich Argoib uile gu crìochan Ghesuri, agus Mhaachati: agus thug e Basan‐habhot‐iair mar ainm oirre a rèir a ainme fhèin, gus an là‑an‑diugh. Agus thug mi Gilead do Mhachir. Agus do na Reubenich, agus do na Gadaich, thug mi o Ghilead eadhon gu sruth Arnoin, leth a’ ghlinne, agus an t‑iomall, eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin: An còmhnard mar an ceudna, agus Iòrdan, agus a chrìochan, o Chineret, eadhon gu muir a’ chòmhnaird, a’ mhuir shalainn fo Asdot‐pisgah a làimh na h‑àird an ear. Agus dh’àithn mi dhuibh anns an àm sin, ag ràdh, Thug an Tighearna ur Dia dhuibh am fearann seo ra shealbhachadh: thèid sibh a‑null fo ur n‑airm ro ur bràithrean clann Israeil, gach neach a tha foghainteach a‑chum cogaidh. Ach fanaidh ur mnathan, agus ur clann bheag, agus ur sprèidh (oir is aithne dhomh gu bheil mòran sprèidhe agaibh) nur bailtean a thug mi dhuibh; Gus an toir an Tighearna fois dur bràithrean, cho math is dhuibhse, agus gus an sealbhaich iadsan mar an ceudna am fearann a thug an Tighearna ur Dia dhaibh an taobh thall de Iòrdan: agus an sin tillidh gach duine agaibh ga sheilbh, a thug mi dhuibh. Agus dh’àithn mi do Iosua anns an àm sin, ag ràdh, Chunnaic do shùilean na h‑uile nithean a rinn an Tighearna ur Dia ris an dà rìgh sin: mar sin nì an Tighearna ris na rìoghachdan uile gus a bheil thu a’ dol. Cha bhi eagal oirbh romhpa: oir cogaidh an Tighearna ur Dia e fhèin air ur son. Agus ghuidh mi air an Tighearna anns an àm sin, ag ràdh, O Thighearna Dhè, thòisich thu air do mhòrachd agus do làmh chumhachdach a nochdadh dod òglach: oir cò an dia air nèamh no air talamh as urrainn a dhèanamh a rèir d’obrach‐sa, agus a rèir do chumhachd‐sa? Guidheam ort, leig dhomh dol thairis, agus am fearann math sin fhaicinn a tha an taobh thall de Iòrdan, an sliabh math sin, agus Lebanon. Ach bha fearg air an Tighearna rium air ur son‐se, agus cha d’èisd e rium: agus thubhairt an Tighearna rium, Guma leòr leat e; na labhair nas mò rium mun chùis seo. Falbh suas gu mullach Phisgah, agus tog suas do shùilean ris an àird an iar, agus ris an àird a tuath, agus ris an àird a deas, agus ris an àird an ear, agus amhairc led shùilean; oir cha tèid thu thar Iòrdan seo. Ach thoir àithne do Iosua, agus thoir misneach dha, agus neartaich e: oir thèid esan thairis ron t‑sluagh seo, agus bheir e orra am fearann sin a chì thusa a shealbhachadh mar oighreachd. Mar sin ghabh sinn còmhnaidh anns a’ ghleann thall fa chomhair Bhet‐peoir. A‑nis uime sin, èisd, O Israeil, ris na reachdan, agus ris na breitheanais, a tha mise a’ teagasg dhuibh a dhèanamh, a‑chum is gum bi sibh beò, agus gun tèid sibh a‑steach agus gun sealbhaich sibh am fearann a bheir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh. Cha chuir sibh a’ bheag ris an fhacal a tha mise ag àithneadh dhuibh, cha mhò a bheir sibh nì sam bith uaithe, a‑chum is gun glèidh sibh àitheantan an Tighearna ur Dia, a tha mise ag àithneadh dhuibh. Chunnaic ur sùilean ciod a rinn an Tighearna a‑thaobh Bhàal‐peoir: oir na daoine sin uile a lean Bàal‐peor, sgrios an Tighearna ur Dia iad as ur measg. Ach tha sibhse, a lean ris an Tighearna ur Dia, beò gach aon agaibh air an là‑an‑diugh. Feuch, theagaisg mi dhuibh reachdan agus breitheanais, eadhon mar a dh’àithn an Tighearna mo Dhia dhomh, a‑chum is gun dèanadh sibhse mar sin anns an fhearann gus a bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh. Uime sin gleidhibh agus dèanaibh iad; oir is e seo ur gliocas agus ur tuigse ann an sealladh nan cinneach, a chluinneas na reachdan sin uile, agus a their, Gu cinnteach is sluagh glic agus tuigseach an cinneach mòr seo. Oir cia e an cinneach cho mòr, aig a bheil Dia am fagas dhaibh, mar a tha an Tighearna ar Dia‑ne anns na h‑uile nithean airson a bheil sinne a’ gairm air? Agus cia an cinneach cho mòr, aig a bheil reachdan agus breitheanais cho ceart ris an lagh seo uile, a tha mise a’ cur romhaibh air an là‑an‑diugh? A‑mhàin thoir an aire dhut fhèin, agus glèidh d’anam gu dìcheallach, air eagal gun dìochuimhnich thu na nithean sin a chunnaic do shùilean, agus air eagal gun dealaich iad rid chridhe uile làithean do bheatha; ach teagaisg iad dod mhic, agus do mhic do mhac: Gu h‑àraidh an là a sheas thu an làthair an Tighearna do Dhia ann an Hòreb, nuair a thubhairt an Tighearna riumsa, Tionail thugam an sluagh ri chèile, agus bheir mi orra mo bhriathran a chluinntinn, a‑chum gum fòghlaim iad eagal a ghabhail romham rè nan uile làithean a bhios iad beò air an talamh, agus gun teagaisg iad an clann. Agus thàinig sibh an fagas, agus sheas sibh fon t‑sliabh; agus bha an sliabh a’ losgadh le teine gu meadhon nèimh, maille ri duibhre, neòil, agus dubh‐dhorchadas. Agus labhair an Tighearna ribh à meadhon an teine: chuala sibh guth nam briathran, ach coslas sam bith chan fhaca sibh; a‑mhàin chuala sibh guth. Agus chuir e an cèill dhuibh a choicheangal, a dh’àithn e dhuibh a choileanadh, eadhon deich àitheantan; agus sgrìobh e iad air dà chlàr chloiche. Agus dh’àithn an Tighearna dhòmhsa anns an àm sin reachdan agus breitheanais a theagasg dhuibh, a‑chum gun dèanadh sibh iad anns an fhearann a thèid sibh a‑null ga shealbhachadh. Thugaibh uime sin an aire mhath dhuibh fhèin (oir chan fhaca sibh gnè coslais sam bith anns an là air an do labhair an Tighearna ribh ann an Hòreb, à meadhon an teine), Air eagal gun truaill sibh sibh fhèin, agus gun dèan sibh dhuibh fhèin dealbh snaidhte, coslas riochd air bith, coslas fir no mnà, Coslas ainmhidh sam bith a tha air an talamh, coslas eòin sgiathaich air bith a dh’itealaicheas anns an adhar, Coslas nì sam bith a shnàigeas air an làr, coslas èisg air bith a tha anns na h‑uisgeachan fon talamh; Agus air eagal gun tog thu suas do shùilean ri nèamh, agus nuair a chì thu a’ ghrian, agus a’ ghealach, agus na reultan, eadhon slòigh nèimh uile, gun tàirngear thu gu cromadh sìos dhaibh, agus gu adhradh a dhèanamh dhaibh, a roinn an Tighearna do Dhia ris gach cinneach a tha fo nèamh uile. Ach ghabh an Tighearna sibhse, agus thug e a‑mach sibh as an àmhainn iarainn, as an Eiphit, gu bhith nur sluagh airson oighreachd dha fhèin, mar air an là‑an‑diugh. Agus bha fearg aig an Tighearna riumsa air ur son‐se, agus mhionnaich e nach rachainn thar Iòrdan, agus nach rachainn a‑steach don fhearann mhath sin a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut mar oighreachd. Ach is èiginn dhomh bàs fhaotainn anns an fhearann seo, cha tèid mi thar Iòrdan; ach thèid sibhse a‑null, agus sealbhaichidh sibh am fearann math sin. Thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal gun dìochuimhnich sibh coicheangal an Tighearna ur Dia, a rinn e ribh, agus gun dèan sibh dhuibh fhèin dealbh snaidhte, coslas nì air bith a thoirmisg an Tighearna do Dhia dhut: Oir is teine dian‐loisgeach an Tighearna do Dhia; is Dia eudmhor e. Nuair a ghineas tu clann, agus clann cloinne, agus a dh’fhanas sibh fada anns an fhearann, agus a thruailleas sibh sibh fhèin, agus a nì sibh dealbh snaidhte, coslas nì sam bith, agus a nì sibh olc ann an sealladh an Tighearna do Dhia, agus a bhrosnaicheas sibh e gu feirg; Gairmeam nèamh agus talamh mar fhianais nur n‑aghaidh air an là‑an‑diugh, gun tig lèirsgrios oirbh gu h‑aithghearr as an fhearann a‑chum a bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh: cha bhuanaich sibh ur làithean air, ach sgriosar sibh gu tur. Agus sgapaidh an Tighearna sibh am measg nan cinneach, agus fàgar sibh tearc an àireamh am measg nan cinneach, far an toir an Tighearna sibh. Agus an sin nì sibh seirbhis do dhiathan, obair làmhan dhaoine, fiodh agus clach, nach faic, agus nach cluinn, agus nach ith, agus nach fairich fàile. Ach ma dh’iarras tu an Tighearna do Dhia as a sin, amaisidh tu air, ma dh’iarras tu e led uile chridhe, agus led uile anam. Nuair a bhios tu ann an àmhghar, agus a thig na nithean sin uile ort anns na làithean deireannach, ma thilleas tu a‑chum an Tighearna do Dhia, agus ma bhios tu umhail da ghuth: (Oir is Dia tròcaireach an Tighearna do Dhia‑sa ) cha trèig e thu, cha mhò a sgriosas e thu, no a dhìochuimhnicheas e coicheangal d’athraichean, a mhionnaich e dhaibh. Oir fiosraich a‑nis de na làithean a chaidh seachad, a bha romhad, on là air an do chruthaich Dia an duine air an talamh, agus fiosraich o aon iomall de nèamh gus an t‑iomall eile, an robh riamh nì sam bith ann mar an nì mòr seo, no an cualas nì cosmhail ris? An cuala sluagh sam bith guth Dhè a’ labhairt à meadhon an teine, mar a chuala tusa, agus an do mhair iad beò? No an d’fheuch Dia ri dol gu cinneach a ghabhail dha fhèin, o mheasg cinnich eile, le deuchainnean, le comharraidhean, agus le iongantasan, agus le cogadh, agus le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhasan mòra, a rèir nan uile nithean a rinn an Tighearna ur Dia air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl? Dhutsa nochdadh e, a‑chum gum biodh fios agad gur e an Tighearna as Dia ann; chan eil ann ach e. A nèamh thug e ort a ghuth a chluinntinn, a‑chum gun teagaisgeadh e thu; agus air talamh nochd e dhut a theine mòr, agus chuala tu a bhriathran à meadhon an teine. Agus a chionn gun do ghràdhaich e d’athraichean, uime sin thagh e an sliochd nan dèidh, agus thug e thusa a‑mach na shealladh, le a chumhachd mòr, as an Eiphit; A dh’fhuadachadh a‑mach chinneach romhad, as mò agus as cumhachdaiche na thusa, gud thoirt‐sa a‑steach a thoirt dhut am fearainn na oighreachd, mar air an là‑an‑diugh. Biodh agad fios uime sin an‑diugh, agus thoir fa‑near ad chridhe, gur e an Tighearna as Dia ann air nèamh shuas, agus air an talamh a‑bhos: chan eil ann ach e. Gleidhidh tu uime sin a reachdan, agus a àitheantan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus dod chloinn ad dhèidh, agus a‑chum gum buanaich thu do làithean air an fhearann, a bheir an Tighearna do Dhia dhut gu bràth. An sin chuir Maois air leth trì bailtean air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine; A‑chum is gun teicheadh am marbhaiche an sin, a mharbh a choimhearsnach gun fhios dha, agus gun fhuath aige dha anns an aimsir a chaidh seachad: agus gun teicheadh e gu aon de na bailtean sin, agus gum maireadh e beò: Eadhon Beser anns an fhàsach, ann an dùthaich a’ chòmhnaird, de na Reubenich; agus Ramot ann an Gilead, de na Gadaich; agus Golan ann am Basan, de na Manasaich. Agus is e seo an lagh a chuir Maois ro chloinn Israeil. Is iad seo na teisteis, agus na reachdan, agus na breitheanais, a labhair Maois ri cloinn Israeil, nuair a thàinig iad a‑mach as an Eiphit. Air an taobh seo de Iòrdan anns a’ ghleann thall fa chomhair Bhet‐peoir, ann am fearann Shihoin rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, a bhuail Maois agus clann Israeil, an dèidh dhaibh teachd a‑mach as an Eiphit: Agus shealbhaich iad a fhearann, agus fearann Og rìgh Bhasain, dà rìgh nan Amorach, a bha air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine; O Aroer, a tha làimh ri bruaich sruth Arnoin, eadhon gu sliabh Shihoin, as e Hermon; Agus an còmhnard uile air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon gu muir a’ chòmhnaird, fo thobraichean Phisgah. Agus ghairm Maois air Israel uile, agus thubhairt e riu, Eisd, O Israeil, ris na reachdan agus na breitheanais a labhras mi nur cluasan air an là‑an‑diugh, a‑chum gum fòghlaim sibh iad, agus gun glèidh agus gun dèan sibh iad. Rinn an Tighearna ar Dia coicheangal rinn ann an Hòreb. Cha do rinn an Tighearna an coicheangal seo ri ar n‑athraichean, ach rinne, eadhon rinne a tha uile beò an seo air an là‑an‑diugh. Aghaidh ri aghaidh labhair an Tighearna ribh anns an t‑sliabh, à meadhon an teine. (Sheas mise eadar an Tighearna agus sibhse anns an àm sin, a nochdadh dhuibh facal an Tighearna: oir bha eagal oirbh ron teine, agus cha deachaidh sibh suas don t‑sliabh), ag ràdh, Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thusa à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa. Na biodh diathan sam bith eile agad am fhianais. Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte, no coslas air bith a dh’aon nì a tha shuas air nèamh, no a tha shìos air an talamh, no a tha anns na h‑uisgeachan fon talamh. Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air an treas agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi, Agus a’ dèanamh tròcair do mhìltean dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a ghleidheas m’àitheantan. Na tabhair ainm an Tighearna do Dhia ann an dìomhanas: oir cha mheas an Tighearna neochiontach esan a bheir a ainm ann an dìomhanas. Thoir an aire là na sàbaid a naomhachadh, mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut. Sia làithean saothraichidh tu, agus nì thu d’obair uile; Ach air an t‑seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhia: air an là seo cha dèan thu obair sam bith, thu fhèin, no do mhac, no do nighean, no d’òglach, no do bhanoglach, no do dhamh, no d’asal, no aon air bith ded sprèidh, no do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan; a‑chum is gun gabh d’òglach agus do bhanoglach fois cho math riut fhèin. Agus cuimhnich gu robh thu fhèin ad sheirbhiseach ann an tìr na h‑Eiphit, agus gun tug an Tighearna do Dhia a‑mach as a sin thu, le làimh chumhachdaich agus le gàirdean sìnte a‑mach: uime sin dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut an t‑sàbaid a choimhead. Tabhair urram dod athair agus dod mhàthair, mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut; a‑chum gum buanaichear do làithean, agus gun èirich gu math dhut, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut. Na dèan mort. Cha mhò a nì thu adhaltranas. Cha mhò a ghoideas tu. Cha mhò a bheir thu fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich. Cha mhò a mhiannaicheas tu bean do choimhearsnaich, cha mhò a shanntaicheas tu taigh do choimhearsnaich, a fhearann, no a òglach, no a bhanoglach, no a dhamh, no a asal, no nì air bith as led choimhearsnach. Na briathran sin labhair an Tighearna ri ur coitheanal uile anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, an neòil agus an dubh‐dhorchadais, le guth mòr; agus cha do chuir e tuilleadh ris: agus sgrìobh e iad air dà chlàr chloiche, agus thug e dhòmhsa iad. Agus nuair a chuala sibh an guth à meadhon an dorchadais, agus an sliabh a’ losgadh le teine, an sin thàinig sibh am fagas dhòmhsa, eadhon uile cheannardan ur treubhan, agus ur seanairean, Agus thubhairt sibh, Feuch, dh’fhoillsich an Tighearna ar Dia dhuinn a ghlòir, agus a mhòrachd, agus chuala sinn a ghuth à meadhon an teine: chunnaic sinn an‑diugh gun labhair Dia ri duine, agus gum mair e beò. A‑nis uime sin carson a gheibheamaid bàs? Oir loisgidh an teine mòr seo sinn. Ma chluinneas sinn guth an Tighearna ar Dia tuilleadh, an sin bàsaichidh sinn. Oir cò den uile fheòil a chuala guth an Dè bheò a’ labhairt à meadhon an teine, mar a rinn sinne, agus a mhair beò? Theirig‐sa am fagas, agus èisd ris na h‑uile nithean a their an Tighearna ar Dia; agus labhair thusa rinne gach nì a their an Tighearna ar Dia riut, agus èisdidh sinne ris, agus nì sinn e. Agus chuala an Tighearna guth ur briathran, nuair a labhair sibh rium: agus thubhairt an Tighearna rium, Chuala mi guth briathran an t‑sluaigh seo, a labhair iad riut: is math a thubhairt iad gach nì a labhair iad. O gum biodh an gnè cridhe seo annta, gum biodh m’eagal‐sa orra, agus gun gleidheadh iad m’àitheantan uile a‑ghnàth, a‑chum gun èireadh gu math dhaibh, agus dan cloinn gu bràth! Imich, abair riu, Rachaibh dur bùthan a‑rìs. Ach dod thaobh‐sa, seas an seo làimh riumsa, agus labhraidh mi riut na h‑àitheantan uile, agus na reachdan, agus na breitheanais, a theagaisgeas tu dhaibh, a‑chum is gun dèan iad iad anns an fhearann a tha mise a’ tabhairt dhaibh ra shealbhachadh. Bheir sibh an aire, uime sin, gun dèan sibh mar a dh’àithn an Tighearna ur Dia dhuibh: cha chlaon sibh a thaobh a‑chum na làimhe deise no clìthe. Anns gach slighe a dh’àithn an Tighearna ur Dia dhuibh gluaisidh sibh, a‑chum gum bi sibh beò, agus gun èirich gu math dhuibh, agus gum buanaich sibh ur làithean anns an fhearann a shealbhaicheas sibh. A‑nis is iad seo na h‑àitheantan, na reachdan, agus na breitheanais, a dh’àithn an Tighearna ur Dia a theagasg dhuibh, a‑chum gun dèanadh sibh iad anns an fhearann da bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh: A‑chum gum biodh eagal an Tighearna do Dhia ort, gun gleidheadh tu a reachdan uile, agus a àitheantan, a tha mise ag àithneadh dhut, thu fhèin, agus do mhac, agus mac do mhic, uile làithean do bheatha, agus a‑chum gum buanaichear do làithean. Eisd uime sin, O Israeil, agus thoir an aire gun dèan thu seo, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus gum fàs sibh ro‑lìonmhor, mar a gheall an Tighearna Dia d’athraichean dhut, ann am fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus mil. Eisd, O Israeil: An Tighearna ar Dia‑ne, is aon Tighearna e. Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart. Agus bidh na briathran seo, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, ann ad chridhe; Agus teagaisgidh tu iad dod chloinn, agus labhraidh tu orra nuair a shuidheas tu ad thaigh, agus nuair a dh’imicheas tu air an t‑slighe, agus nuair a laigheas tu sìos, agus nuair a dh’èireas tu suas. Agus ceanglaidh tu iad mar chomharradh air do làimh, agus bidh iad mar aodannain eadar do shùilean. Agus sgrìobhaidh tu iad air ursainnean do thaighe, agus air do gheatachan. Agus nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu don fhearann a mhionnaich e dod athraichean, do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, gun tugadh e dhut bailtean mòra agus matha, nach do thog thu fhèin, Agus taighean làn de gach nì math nach do lìon thu, agus tobraichean cladhaichte nach do chladhaich thu, fìonliosan agus liosan‐ola nach do shuidhich thu, nuair a dh’itheas tu agus a bhios tu air do shàsachadh; An sin thoir an aire air eagal gun dìochuimhnich thu an Tighearna, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa. Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort, agus nì thu seirbhis dha, agus mionnaichidh tu air a ainm. Cha tèid sibh an dèidh dhiathan eile de dhiathan an t‑sluaigh a tha mun cuairt oirbh; (Oir tha an Tighearna do Dhia na Dhia eudmhor nur measg;) air eagal gun las fearg an Tighearna do Dhia ad aghaidh, agus gun sgrios e thu o aghaidh na talmhainn. Cha bhrosnaich sibh an Tighearna ur Dia, mar a bhrosnaich sibh e ann am Masah. Gleidhidh sibh gu dìcheallach àitheantan an Tighearna ur Dia, agus a theisteis, agus a reachdan, a dh’àithn e dhut. Agus nì thu an nì sin a tha ceart agus math ann an sealladh an Tighearna; a‑chum is gun èirich gu math dhut, agus gun tèid thu a‑steach, agus gun sealbhaich thu am fearann math a mhionnaich an Tighearna dod athraichean; A thilgeadh a‑mach do naimhdean uile romhad, mar a labhair an Tighearna. Nuair a dh’fhiosraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall do na teisteis, agus do na reachdan, agus do na breitheanais a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuibh? An sin their thu rid mhac, Bha sinn nar tràillean aig Phàraoh anns an Eiphit, agus thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit le làimh chumhachdaich. Agus nochd an Tighearna comharraidhean agus iongantasan mòra agus doilgheasach anns an Eiphit, air Phàraoh, agus air a theaghlach uile, fa chomhair ar sùl; Agus thug e a‑mach sinn as a sin, a‑chum gun tugadh e sinn a‑steach, a thoirt dhuinn an fhearainn a mhionnaich e dar n‑athraichean. Agus dh’àithn an Tighearna dhuinn na reachdan sin uile a dhèanamh, eagal an Tighearna ar Dia a bhith oirnn a‑chum ar maith a‑ghnàth, a‑chum gun gleidheadh e beò sinn, mar air an là‑an‑diugh. Agus bidh e na fhìreantachd dhuinn, ma bheir sinn fa‑near na h‑àitheantan seo uile a dhèanamh, an làthair an Tighearna ar Dia, mar a dh’àithn e dhuinn. Nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu a‑steach don fhearann a‑chum a bheil thu a’ dol ga shealbhachadh, agus a thilgeas e a‑mach romhad mòran chinneach, na Hitich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Peridsich, agus na Hibhich, agus na h‑Iebusaich, seachd cinnich as mò agus as cumhachdaiche na thusa; Agus nuair a bheir an Tighearna do Dhia iad thairis ad làthair, buailidh tu iad, agus cuiridh tu gu tur as dhaibh; cha dèan thu coicheangal sam bith riu, cha mhò a nochdas tu tròcair dhaibh: Cha mhò a nì thu cleamhnas riu; do nighean cha toir thu da mhac‐san, cha mhò a ghabhas tu a nighean‐san dod mhac‐sa. Oir tionndaidhidh iad do mhac o mise a leantainn, a‑chum gun dèan iad seirbhis do dhiathan eile: mar sin lasaidh fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus sgriosaidh e thu gu h‑obann. Ach mar seo buinidh sibh riu: sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan, agus loisgidh sibh an coslais shnaidhte le teine. Oir is sluagh naomh don Tighearna do Dhia thusa: thagh an Tighearna do Dhia thu gu bhith ad shluagh àraidh dha fhèin, os cionn gach sluaigh a tha air aghaidh na talmhainn. Cha do ghràdhaich an Tighearna sibh, cha mhò a thagh e sibh, a chionn gu robh sibh na bu lìonmhoire na sluagh sam bith eile; (oir is sibh a bu teirce de gach uile shluagh;) Ach a chionn gun do ghràdhaich an Tighearna sibh, agus a‑chum gun gleidheadh e na mionnan a mhionnaich e dur n‑athraichean, thug an Tighearna a‑mach sibh le làimh chumhachdaich, agus shaor e thu à taigh nan tràillean, à làimh Phàraoh righ na h‑Eiphit. Biodh fhios agad uime sin, an Tighearna do Dhia gur esan Dia, an Dia fìrinneach, a chumas coicheangal agus tròcair riùsan a ghràdhaicheas e, agus a ghleidheas a àitheantan, gu mìle ginealach; Agus a dhìolas orrasan a dh’fhuathaicheas e, rin aodann, a‑chum an sgrios: cha dèan e moille da thaobh‐san aig a bheil fuath dha; dìolaidh e air ra aodann. Gleidhidh tu uime sin na h‑àitheantan, agus na reachdan, agus na breitheanais, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh a dhèanamh. Uime sin, ma dh’èisdeas sibh ris na breitheanais sin, agus ma choimheadas agus ma nì sibh iad, cumaidh an Tighearna do Dhia riutsa an coicheangal agus an tròcair a mhionnaich e dod athraichean. Agus gràdhaichidh e thu, agus beannaichidh e thu, agus nì e lìonmhor thu: mar an ceudna beannaichidh e toradh do bhronn, agus toradh d’fhearainn, d’arbhar, agus d’fhìon, agus d’ola, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach, anns an fhearann a mhionnaich e dod athraichean a thabhairt dhut. Bidh tu beannaichte os cionn gach sluaigh; cha bhi fireann no boireann neo‐thorrach nur measg, no am measg ur sprèidhe. Agus bheir an Tighearna uat gach eucail, agus cha chuir e ort aon air bith de dhroch ghalaran na h‑Eiphit, as aithne dhut, ach cuiridh e iad orrasan uile leis am fuathach thu. Agus sgriosaidh tu an sluagh sin uile a bheir an Tighearna do Dhia thairis dhut; cha ghabh do shùil truas riu: cha mhò a nì thu seirbhis dan diathan, oir bidh sin na ribe dhut. Ma their thu ad chridhe, Is mò na cinnich sin na mise, cionnas as urrainn mise an cur à seilbh? Cha bhi eagal ort romhpa; ach cuimhnichidh tu gu math ciod a rinn an Tighearna do Dhia ri Phàraoh, agus ris na h‑Eiphitich uile; Na deuchainnean mòra a chunnaic do shùilean, agus na comharraidhean, agus na h‑iongantasan, agus an làmh chumhachdach, agus an gàirdean sìnte a‑mach, leis an tug an Tighearna do Dhia a‑mach thu: mar sin nì an Tighearna do Dhia ris an t‑sluagh uile ro a bheil eagal ort. Os bàrr, cuiridh an Tighearna do Dhia a’ chonnspeach nam measg, gus am bi iadsan a dh’fhàgar, agus a dh’fhalaicheas iad fhèin od ghnùis, air an sgrios. Cha bhi uamhann ort romhpa; oir tha an Tighearna do Dhia nur measg, Dia mòr agus uamhasach. Agus cuiridh an Tighearna do Dhia a‑mach na cinnich sin romhad a lìon beagan is beagan: chan fhaod thu an sgrios a dh’aon bheum, air eagal gum fàs fiadh‐bheathaichean na machrach lìonmhor ort. Ach bheir an Tighearna do Dhia iad thairis dhut, agus sgriosaidh e iad le sgrios mòr, gus an cuirear as dhaibh. Agus bheir e an rìghrean thairis dod làimh, agus sgriosaidh tu an ainm o bhith fo nèamh: cha seas duine sam bith ad aghaidh, gus an cuir thu as dhaibh. Dealbhan snaidhte an diathan loisgidh sibh le teine: cha mhiannaich thu an t‑airgead no an t‑òr a tha orra, cha mhò a ghabhas tu e dhut fhèin, air eagal gun ribear thu leis: oir is gràinealachd e don Tighearna do Dhia. Cha mhò a bheir thu gràinealachd dod thaigh, air eagal gum bi thu ad nì mallaichte cosmhail ris: ach bheir thu fuath iomlan dha, agus gabhaidh tu gràin dheth gu tur, oir is nì mallaichte e. Na h‑àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, bheir sibh an aire gun dèan sibh iad, a‑chum gum bi sibh beò, agus gum fàs sibh lìonmhor, agus gun tèid sibh a‑steach, agus gun sealbhaich sibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean. Agus cuimhnichidh tu an t‑slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu rè an dà‑fhichead bliadhna seo anns an fhàsach, gud irioslachadh, gud dhearbhadh, a‑chum gum biodh fios ciod a bha ann ad chridhe, an gleidheadh tu a àitheantan, no nach gleidheadh. Agus dh’irioslaich e thu, agus thug e ort acras fhulang, agus bheathaich e thu le mana (nì nach b’aithne dhut fhèin, cha mhò a b’aithne dod athraichean e), a‑chum gun tugadh e ort fios a bhith agad nach ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach facal a thig a‑mach à beul an Tighearna bidh duine beò. Cha do chaitheadh d’aodach dhìot le aois, cha mhò a dh’at do chas rè an dà‑fhichead bliadhna seo. Bheir thu mar an ceudna fa‑near ann ad chridhe, mar a smachdaicheas duine a mhac, gur ann mar sin a tha an Tighearna do Dhia gad smachdachadh‐sa. Uime sin gleidhidh tu àitheantan an Tighearna do Dhia, a‑chum gun gluais thu na shlighean, agus gum bi a eagal‐san ort. Oir tha an Tighearna do Dhia gad thabhairt gu fearann math, fearann shruthan uisgeachan, thobraichean, agus dhoimhneachdan a tha ag èirigh suas air feadh ghleann agus air feadh bheann; Fearann cruithneachd, agus eòrna, agus fhìonainean, agus chraobhan fìgis, agus phomgranat, fearann ola na craoibh‐ola, agus meala; Fearann anns an ith thu aran gun ghainne, cha bhi uireasbhaidh nì sam bith ort ann; fearann aig a bheil a chlachan nan iarann, agus as a bheanntan cladhaichear umha. Nuair a dh’itheas tu agus a shàsaichear thu, an sin beannaichidh tu an Tighearna do Dhia airson an fhearainn mhaith a thug e dhut. Thoir an aire nach dìochuimhnich thu an Tighearna do Dhia, air chor is nach glèidh thu a àitheantan agus a bhreitheanais, agus a reachdan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh: Air eagal, nuair a dh’itheas tu, agus a shàsaichear thu, agus a thogas tu taighean matha, agus a chòmhnaicheas tu annta: Agus a dh’fhàsas do bhuar agus do chaoraich, agus a mheudaichear d’airgead agus d’òr, agus a mheudaichear gach nì a tha agad; Gum bi an sin do chridhe air a thogail suas, agus gun dìochuimhnich thu an Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, agus à taigh na daorsa; A threòraich thu tron fhàsach mhòr agus uamhasach sin, far an robh nathraichean loisgeach, agus sgorpionan, agus ionadan tartmhor far nach robh uisge; a thug a‑mach dhut uisge as a’ charraig ailbhinn; A bheathaich thu anns an fhàsach le mana, nach b’aithne dod athraichean, a‑chum gun irioslaicheadh e thu, agus gun dearbhadh e thu, a dhèanamh maith dhut ann ad làithean deireannach; Agus gun abair thu ann ad chridhe, Fhuair mo chumhachd, agus neart mo làimhe, an saoibhreas seo dhomh. Ach cuimhnichidh tu an Tighearna do Dhia: oir is esan a bheir comas dhut beartas fhaghail, a‑chum is gun daingnich e a choicheangal a mhionnaich e dod athraichean, mar air an là‑an‑diugh. Agus tàrlaidh, ma dhìochuimhnicheas tu air chor sam bith an Tighearna do Dhia, agus gun gluais thu an dèidh dhiathan eile, agus gun dèan thu seirbhis dhaibh, agus gun dèan thu adhradh dhaibh, tha mi a’ toirt fianais nur n‑aghaidh an‑diugh, gun sgriosar gu tur sibh. Mar na cinnich a tha an Tighearna a’ sgrios ro ur gnùis, is amhail sin a thèid as dhuibhse; a chionn nach b’àill leibh a bhith umhail do ghuth an Tighearna ur Dia. Eisd, O Israeil: tha thu gu gabhail thar Iòrdan an‑diugh, gu dol a‑steach a shealbhachadh chinneach as mò agus as treasa na thu fhèin, bailtean mòra agus daingnichte suas gu nèamh; Sluagh mòr agus àrd, clann nan Anacach, as aithne dhut, agus mun cuala thu air a ràdh, Cò as urrainn seasamh ro chloinn Anaic? Uime sin tuig thusa an‑diugh, gur e an Tighearna do Dhia an tì a thèid thairis romhad na theine caithteach: cuiridh esan as dhaibh, agus cuiridh e sìos iad ad fhianais: mar sin fògraidh tu a‑mach iad, agus sgriosaidh tu iad gu grad, mar a thubhairt an Tighearna riut. Na labhair ann ad chridhe, an dèidh don Tighearna do Dhia an tilgeadh a‑mach romhad, ag ràdh, Airson m’fhìreantachd fhèin thug an Tighearna a‑steach mi a shealbhachadh an fhearainn seo; ach airson aingidheachd nan cinneach sin tha an Tighearna gam fògradh a‑mach od làthair. Chan ann airson d’fhìreantachd, no airson ionracas do chridhe, a tha thu a’ dol a shealbhachadh am fearainn; ach airson aingidheachd nan cinneach sin tha an Tighearna do Dhia gam fògradh a‑mach od làthair‐sa, agus a‑chum gun coilean e am facal a mhionnaich an Tighearna dod athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob. Tuig, uime sin, nach ann airson d’fhìreantachd‐sa, a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut an fhearainn mhaith seo ra shealbhachadh; oir is sluagh rag‐mhuinealach thu. Cuimhnich, na dìochuimhnich cionnas a bhrosnaich thu an Tighearna do Dhia gu feirg anns an fhàsach: on là anns an deachaidh tu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gus an tàinig sibh don àite seo, bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna. Mar an ceudna ann an Hòreb bhrosnaich sibh an Tighearna gu feirg, air chor is gu robh corraich air an Tighearna ribh a‑chum ur sgrios. Nuair a chaidh mise suas don t‑sliabh a ghabhail nan clàr cloiche, eadhon clàir a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh, an sin dh’fhan mi anns an t‑sliabh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, cha mhò a dh’òl mi uisge: Agus thug an Tighearna dhomh dà chlàr chloiche, sgrìobhte le meur Dhè; agus orra bha sgrìobhte a rèir nan uile bhriathran a labhair an Tighearna ribh anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, ann an là a’ cho‐chruinneachaidh. Agus thàrladh, an ceann dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, gun tug an Tighearna dhòmhsa an dà chlàr chloiche, eadhon clàir a’ choicheangail. Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich sìos gu luath as a seo; oir thruaill do shluagh, a thug thu a‑mach as an Eiphit, iad fhèin: chlaon iad gu grad on t‑slighe a dh’àithn mise dhaibh; rinn iad dhaibh fhèin dealbh leaghte. A bhàrr air seo, labhair an Tighearna rium, ag ràdh, Chunnaic mi an sluagh seo, agus, feuch, is sluagh rag‐mhuinealach iad. Leig dhomh, a‑chum is gun sgrios mi iad, agus gun dubh mi a‑mach an ainm o bhith fo nèamh; agus nì mi dhìotsa cinneach as cumhachdaiche agus as mò na iadsan. Mar sin thill mi, agus thàinig mi a‑nuas on t‑sliabh, agus bha an sliabh a’ losgadh le teine; agus bha dà chlàr a’ choicheangail am dhà làimh. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, bha sibh air peacachadh an aghaidh an Tighearna ur Dia, rinn sibh laogh leaghte dhuibh fhèin: bha sibh air tionndadh a thaobh gu grad as an t‑slighe a dh’àithn an Tighearna dhuibh. Agus ghlac mi an dà chlàr, agus thilg mi as mo dhà làimh iad, agus bhris mi iad fa chomhair ur sùl. Agus thuit mi sìos am fianais an Tighearna, mar air tùs, dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, cha mhò a dh’òl mi uisge, airson ur peacaidhean uile a pheacaich sibh, le olc a dhèanamh ann an sealladh an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg. (Oir bha eagal na feirge orm, agus na ro‑chorraich leis an robh an Tighearna feargach nur n‑aghaidh‐se a‑chum ur sgrios.) Ach dh’èisd an Tighearna rium anns an àm sin mar an ceudna. Agus bha ro‑fhearg air an Tighearna ri Aaron a‑chum a sgrios: agus rinn mi ùrnaigh, mar an ceudna, airson Aaroin anns an àm sin fhèin. Agus ghabh mi ur peacadh, an laogh a rinn sibh, agus loisg mi e le teine, agus phronn mi e, agus mheil mi gu mìn e, eadhon gus an do rinneadh mìn e mar dhuslach; agus thilg mi a dhuslach anns an t‑sruth a thàinig a‑nuas on t‑sliabh. Agus air Taberah, agus aig Masah, agus aig Cibrot‐hataabhah, bhrosnaich sibh an Tighearna gu feirg. Mar an ceudna nuair a chuir an Tighearna sibh o Chadeis‐barnea, ag ràdh, Rachaibh suas, agus sealbhaichibh am fearann a thug mise dhuibh; an sin rinn sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna ur Dia, agus cha do chreid sibh e, cha mhò a dh’èisd sibh ra ghuth. Bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna on là a b’aithne dhòmhsa sibh. Mar seo, thuit mi sìos am fianais an Tighearna dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, mar a thuit mi sìos air tùs: a chionn gun dubhairt an Tighearna gun sgriosadh e sibh. Uime sin, rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna, agus thubhairt mi, O Thighearna Dhè, na sgrios do shluagh fhèin, agus d’oighreachd, a shaor thu trìd do mhòrachd, a thug thu a‑mach as an Eiphit le làimh chumhachdaich. Cuimhnich do sheirbhisich, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob; na amhairc air reasgachd an t‑sluaigh seo, no air an aingidheachd, no air am peacadh; Air eagal gun abair am fearann as an tug thu a‑mach sinn, A chionn nach b’urrainn an Tighearna an toirt a‑steach don fhearann a gheall e dhaibh agus a chionn gu robh fuath aige dhaibh, thug e a‑mach iad gu am marbhadh anns an fhàsach. Gidheadh is iad do shluagh iad, agus d’oighreachd, a thug thu a‑mach led threun neart, agus led ghàirdean sìnte a‑mach. Anns an àm sin thubhairt an Tighearna rium, Snaidh dhut fhèin dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir, agus thig a‑nìos am ionnsaigh‐sa don t‑sliabh, agus dèan dhut àirc fhiodha. Agus sgrìobhaidh mise air na clàir na facail a bha air na ciad chlàir a bhris thu, agus cuiridh tu iad anns an àirc. Agus rinn mi àirc de fhiodh sitim, agus shnaidh mi dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir, agus chaidh mi suas don t‑sliabh, agus an dà chlàr am làimh. Agus sgrìobh e air na clàir, a rèir a’ chiad sgrìobhaidh, na deich àitheantan, a labhair an Tighearna ribh anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, ann an là a’ cho‐chruinneachaidh: agus thug an Tighearna dhòmhsa iad. Agus thill mise, agus thàinig mi a‑nuas on t‑sliabh, agus chuir mi na clàir anns an àirc a rinn mi, agus an sin tha iad, mar a dh’àithn an Tighearna dhomh. Agus dh’imich clann Israeil o Bherot chloinn Iaacain gu Mosera: an sin fhuair Aaron bàs, agus dh’adhlaiceadh e an sin; agus fhritheil Eleàsar a mhac ann an dreuchd an t‑sagairt na àite. As a sin dh’imich iad gu Gudgodah, agus o Ghudgodah gu Iotbat, fearann shruthan uisge. Anns an àm sin chuir an Tighearna air leth treubh Lèbhi, a ghiùlan àirc coicheangal an Tighearna, a sheasamh an làthair an Tighearna gu frithealadh dha, agus a bheannachadh na ainm, gus an là‑an‑diugh. Uime sin chan eil aig Lèbhi roinn no oighreachd maille ra bhràithrean: is e an Tighearna as oighreachd dha, a rèir mar a gheall an Tighearna do Dhia dha. Agus dh’fhan mi anns an t‑sliabh, a rèir na ciad ùine, dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, agus dh’èisd an Tighearna rium mar an ceudna anns an àm sin, agus cha bu toil leis an Tighearna thusa a sgrios. Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich ron t‑sluagh, a‑chum gun tèid iad a‑steach, agus gun sealbhaich iad am fearann, a mhionnaich mi dan athraichean gun tugainn dhaibh. Agus a‑nis, Israeil, ciod a tha an Tighearna do Dhia ag iarraidh ort, ach eagal an Tighearna do Dhia a bhith ort, gluasad na uile shlighean, agus a ghràdhachadh, agus seirbhis a dhèanamh don Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam; Aitheantan an Tighearna a ghleidheadh, agus a reachdan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh airson do leas? Feuch, is leis an Tighearna do Dhia nèamh, agus nèamh nan nèamh, an talamh mar an ceudna, agus gach nì a tha ann. A‑mhàin bha tlachd aig an Tighearna ann ad athraichean gu an gràdhachadh, agus thagh e an sliochd nan dèidh, eadhon sibhse os cionn gach sluaigh, mar air an là‑an‑diugh. Timcheall‐ghearraibh, uime sin, ro‑chraiceann ur cridhe, agus na bithibh rag‐mhuinealach nas mò. Oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia nan dia, agus Tighearna nan tighearnan, Dia mòr, cumhachdach, agus uamhasach, aig nach eil bàidh ri neach seach a chèile, agus nach gabh duais. Tha e a’ cur an gnìomh breitheanas an dìlleachdain agus na bantraich, agus is toigh leis an coigreach, a’ toirt dha bìdh agus aodaich. Uime sin gràdhaichidh sibh an coigreach; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit. Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort; dhàsan nì thu seirbhis, agus ris‐san dlùth‐leanaidh tu, agus air a ainm mionnaichidh tu. Is esan do chliù, agus is esan do Dhia, a rinn air do shon na nithean mòra agus uamhasach ud, a chunnaic do shùilean. Le deich agus trì‐fichead anam chaidh d’athraichean sìos don Eiphit; agus a‑nis rinn an Tighearna do Dhia thu mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd. Air an adhbhar sin, gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, agus gleidhidh tu a chùram, agus a reachdan, agus a bhreitheanais, agus a àitheantan a‑ghnàth. Agus biodh fhios agaibhse an‑diugh: oir cha labhair mi ri ur cloinn do nach b’aithne, agus nach faca, smachdachadh an Tighearna ur Dia, a mhòrachd, a làmh chumhachdach, agus a ghàirdean sìnte a‑mach, Agus a chomharraidhean, agus a ghnìomharan, a rinn e ann am meadhon na h‑Eiphit, ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus ra fhearann uile; Agus ciod a rinn e ri armailt nan Eiphiteach, rin eich, agus rin carbadan; cionnas a thug e air uisge na mara ruaidhe dol tharta nuair a bha iad an tòir oirbh, agus cionnas a sgrios an Tighearna iad gus an là‑an‑diugh; Agus ciod a rinn e dhuibhse anns an fhàsach, gus an tàinig sibh don àite seo; Agus ciod a rinn e ri Datan agus Abiram, mic Eliaib mhic Reubein: cionnas a dh’fhosgail an talamh a bheul, agus a shluig e sìos iad, agus an teaghlaichean agus am bùthan, agus a’ mhaoin uile a bha nan seilbh, am meadhon Israeil uile. Ach chunnaic ur sùilean‐se gnìomharan mòra an Tighearna uile, a rinn e. Uime sin, gleidhidh sibh na h‑àitheantan sin uile a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là‑an‑diugh, a‑chum gum bi sibh làidir agus gun tèid sibh a‑steach agus gun sealbhaich sibh am fearann, gus a bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh; Agus gum buanaich sibh ur làithean anns an fhearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean gun tugadh e dhaibh e, agus dan sliochd, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus mil. Oir chan eil am fearann da bheil thu a’ dol a‑steach ga shealbhachadh mar fhearann na h‑Eiphit, on tàinig sibh a‑mach, far an robh thu a’ cur do shìl, agus ga uisgeachadh led chois, mar lios lusan: Ach am fearann gus a bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh, is fearann bheann agus ghleann e: de fhrasachd nèimh òlaidh e uisge: Fearann de a bheil an Tighearna do Dhia a’ gabhail cùraim; tha sùilean an Tighearna do Dhia air a‑ghnàth, o thoiseach na bliadhna eadhon gu deireadh na bliadhna. Agus tàrlaidh, ma dh’èisdeas sibh gu dùrachdach rim àitheantan‐sa a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là‑an‑diugh, an Tighearna ur Dia a ghràdhachadh, agus seirbhis a dhèanamh dha le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam; Gun toir mise dhuibh uisge ur fearainn na àm fhèin, an ciad uisge agus an t‑uisge deireannach, agus cruinnichidh tu a‑steach d’arbhar, agus d’fhìon, agus d’ola. Agus cuiridh mi feur ad mhachair dod sprèidh, agus ithidh tu, agus sàsaichear thu. Thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal gum meallar ur cridhe, agus gun claon sibh a lethtaobh, agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun dèan sibh adhradh dhaibh; Agus gun las fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus gun druid e suas nèamh, air chor is nach bi uisge sam bith ann, agus nach toir am fearann a thoradh uaithe, agus gun sgriosar gu grad sibh as an fhearann mhath a tha an Tighearna a’ tabhairt dhuibh. Uime sin taisgidh sibh suas iad seo mo bhriathran nur cridhe, agus nur n‑anam, agus ceanglaidh sibh iad mar chomharradh air ur làimh; agus bidh iad mar aodannain eadar ur sùilean. Agus teagaisgidh sibh iad dur cloinn, a’ labhairt orra nuair a shuidheas tu ad thaigh, agus nuair a dh’imicheas tu air an t‑slighe, agus nuair a laigheas tu sìos, agus nuair a dh’èireas tu suas. Agus sgrìobhaidh tu iad air ursainnean doras do thaighe, agus air do gheatachan: A‑chum is gum bi ur làithean lìonmhor, agus làithean ur cloinne, anns an fhearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean a thoirt dhaibh, mar làithean nèimh air an talamh. Oir ma ghleidheas sibh gu dùrachdach na h‑àitheantan seo uile a tha mise ag àithneadh dhuibh a dhèanamh, an Tighearna ur Dia a ghràdhachadh, gluasad na uile shlighean, agus dlùth‐leantainn ris; An sin tilgidh an Tighearna a‑mach na cinnich sin uile romhaibh, agus sealbhaichidh sibh cinnich as mò agus as cumhachdaiche na sibh fhèin. Gach àit air an saltair buinn ur cas, is leibhse: on fhàsach, agus Lebanon, on abhainn, an abhainn Euphràtes, eadhon gus an fhairge as fhaide a‑mach, bidh ur crìoch. Cha seas duine nur n‑aghaidh; air gach fearann air an saltair sibh, cuiridh an Tighearna ur Dia eagal agus geilt‐chrith romhaibh, a rèir mar a thubhairt e ribh. Feuch, tha mise a’ cur fa ur comhair air an là‑an‑diugh beannachadh agus mallachadh; Beannachadh, ma bheir sibh gèill do àitheantan an Tighearna ur Dia, a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là‑an‑diugh; Agus mallachadh, mura toir sibh gèill do àitheantan an Tighearna ur Dia, ach gun claon sibh on t‑slighe a tha mi ag àithneadh dhuibh an‑diugh, a dhol an dèidh dhiathan eile nach b’aithne dhuibh. Agus tàrlaidh, nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu a‑steach don fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh, gun cuir thu am beannachadh air sliabh Gheridsim, agus am mallachadh air sliabh Ebail. Nach eil iad air an taobh eile de Iòrdan, leth ri slighe dol fodha na grèine, ann an tìr nan Canàanach, a tha ag àiteachadh a’ chòmhnaird fa chomhair Ghilgail, làimh ri còmhnardan Mhòreh? Oir thèid sibh thar Iòrdan, a dhol a‑steach a shealbhachadh an fhearainn a tha an Tighearna ur Dia a’ toirt dhuibh, agus sealbhaichidh sibh e, agus gabhaidh sibh còmhnaidh ann. Agus bheir sibh an aire gun dèan sibh na reachdan uile agus na breitheanais, a tha mi a’ cur romhaibh air an là‑an‑diugh. Is iad seo na reachdan agus na breitheanais a bheir sibhse fa‑near gun dèan sibh anns an fhearann a tha an Tighearna, Dia d’athraichean, a’ toirt dhut ga shealbhachadh, uile làithean ur beatha air an talamh. Lèirsgriosaidh sibh na h‑àiteachan uile anns an do rinn na cinnich, a shealbhaicheas sibh, seirbhis dan diathan, air na beanntan àrda, agus air na cnuic, agus fo gach craoibh ghlais. Agus leagaidh sibh sìos an altairean, agus brisidh sibh an carraighean, agus loisgidh sibh an doireachan le teine, agus gearraidh sibh sìos dealbhan snaidhte an diathan, agus sgriosaidh sibh an ainm a‑mach as an àite sin. Cha dèan sibh mar sin ris an Tighearna ur Dia. Ach a dh’ionnsaigh an àit a roghnaicheas an Tighearna ur Dia as ur treubhan uile, a‑chum a ainm a chur an sin, eadhon a dh’ionnsaigh a àite‐còmhnaidh‐san iarraidh sibh, agus gu sin thig thu. Agus bheir sibh gu sin ur tabhartasan‐loisgte, agus ur n‑ìobairtean, agus ur deicheamh, agus tabhartasan‐togte ur làimhe, agus ur bòidean, agus ur saor‐thabhartasan, agus ciad‐ghin ur cruidh agus ur caorach. Agus ithidh sibh an sin an làthair an Tighearna ur Dia, agus nì sibh gàirdeachas anns gach nì ris an cuir sibh ur làmh, sibh fhèin agus ur teaghlaichean, anns an do bheannaich an Tighearna do Dhia thu. Cha dèan sibh a rèir nan uile nithean a tha sinn a’ dèanamh an seo an‑diugh, gach duine an nì a tha ceart na shùilean fhèin. Oir cha tàinig sibh fhathast a dh’ionnsaigh na foise, agus a dh’ionnsaigh na h‑oighreachd a tha an Tighearna ur Dia a’ tabhairt dhuibh. Ach nuair a thèid sibh thar Iòrdan, agus a ghabhas sibh còmhnaidh anns an fhearann a bheir an Tighearna ur Dia dhuibh ra shealbhachadh, agus nuair a bheir e fois dhuibh o ur naimhdean uile mun cuairt, agus a ghabhas sibh còmhnaidh gu tèarainte, An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan‐loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan‐togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna. Agus nì sibh gàirdeachas an làthair an Tighearna ur Dia, sibh fhèin, agus ur mic, agus ur nigheanan, agus ur n‑òglaich, agus ur banoglaich, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh de ur geatachan; do bhrìgh nach eil roinn no oighreachd aige maille ribh. Thoir an aire dhut fhèin, nach ìobair thu d’ìobairtean‐loisgte anns gach àit a chì thu. Ach anns an àit a thaghas an Tighearna as aon ded threubhan, an sin ìobraidh tu d’ìobairtean‐loisgte, agus an sin nì thu na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhut. Gidheadh, faodaidh tu feòil a mharbhadh agus ithe ad gheatachan uile, ge bè nì air a bheil miann aig d’anam, a rèir beannachadh an Tighearna do Dhia a thug e dhut: faodaidh an neòghlan agus an glan ithe dheth; mar den bhoc‐earba, agus den fhiadh. A‑mhàin chan ith sibh an fhuil; air an talamh dòirtidh sibh i mar uisge. Chan fhaod thu deicheamh d’arbhair ithe an taobh a‑staigh ded gheatachan, no d’fhìona, no d’ola, no ciad‐ghin do chruidh no do chaorach, no aon air bith ded bhòidean a bhòidicheas tu, no do shaor‐thabhartasan, no tabhartasan‐togte do làimhe: Ach an làthair an Tighearna do Dhia ithidh tu iad anns an àit a thaghas an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan: agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia anns gach nì ris an cuir thu do làmhan. Thoir an aire dhut fhèin, nach trèig thu an Lèbhitheach am feadh as beò thu air d’fhearann. Nuair a leudaicheas an Tighearna do Dhia do chrìoch, mar a gheall e dhut, agus a their thu, Ithidh mi feòil (a chionn gu bheil d’anam a’ miannachadh feòil ithe), a rèir uile mhiann d’anama faodaidh tu feòil ithe. Ma bhios an t‑àit a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme an sin, ro‑fhada uat, an sin marbhaidh tu ded bhuar, agus ded threud, a thug an Tighearna dhut, mar a dh’àithn mise dhut, agus ithidh tu an taobh a‑staigh ded gheatachan gach nì as miannach led anam. Eadhon mar a dh’ithear an ruadh‐bhoc, agus am fiadh, mar sin ithidh tu e; ithidh an neòghlan agus an glan dheth air an aon dòigh: A‑mhàin thoir an ro‑aire nach ith thu an fhuil: oir is i an fhuil a’ bheatha; agus chan fhaod thu a’ bheatha ithe maille ris an fheòil. Chan ith thu i; air an talamh dòirtidh tu i mar uisge. Chan ith thu i, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus dod chloinn ad dhèidh, nuair a nì thu an nì a tha ceart ann an sùilean an Tighearna. A‑mhàin gabhaidh tu do nithean naomha a tha agad, agus do bhòidean, agus thèid thu don àit a thaghas an Tighearna. Agus ìobraidh tu d’ìobairtean‐loisgte, an fheòil agus an fhuil, air altair an Tighearna do Dhia; agus dòirtear a‑mach fuil d’ìobairtean air altair an Tighearna do Dhia, agus ithidh tu an fheòil. Thoir an aire, agus èisd ris na briathran sin uile a tha mi ag àithneadh dhut, a‑chum gun èirich gu math dhut fhèin, agus dod chloinn ad dhèidh gu bràth, nuair a nì thu an nì a tha math agus ceart ann an sùilean an Tighearna do Dhia. Nuair a ghearras an Tighearna do Dhia as na cinnich romhad, a tha thu a’ dol a‑steach an siud a‑chum an sealbhachadh, agus a thig thu nan àite, agus a ghabhas tu còmhnaidh nam fearann; Thoir an aire dhut fhèin nach ribear thu len leantainn, an dèidh dhaibh a bhith air an sgrios as do làthair, agus nach fiosraich thu mu thimcheall an diathan, ag ràdh, Cionnas a rinn na cinnich sin seirbhis dan diathan? Nì mise mar sin mar an ceudna. Cha dèan thusa mar sin ris an Tighearna do Dhia: oir gach gràinealachd don Tighearna as fuathach leis, rinn iadsan dan diathan; oir eadhon am mic agus an nigheanan loisg iad anns an teine dan diathan. Gach nì a tha mise ag àithneadh dhuibh, thugaibh an aire gun dèan sibh e: cha chuir thu ris, cha mhò a bheir thu nì sam bith uaithe. Ma dh’èireas suas nur measg fàidh, no fear a chì aisling, agus gun toir e dhut comharradh no iongantas, Agus gun tig an comharradh no an t‑iongantas gu crìch, air an do labhair e riut, ag ràdh, Rachamaid an dèidh dhiathan eile, nach b’aithne dhut, agus dèanamaid seirbhis dhaibh: Chan èisd thu ri briathran an fhàidh sin, no ris an fhear sin a chì aisling: oir tha an Tighearna ur Dia gur dearbhadh, a dh’fheuchainn a bheil sibh a’ gràdhachadh an Tighearna ur Dia le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam. An dèidh an Tighearna ur Dia gluaisidh sibh, agus bidh a eagal‐san oirbh, agus gleidhidh sibh a àitheantan, agus èisdidh sibh ra ghuth, agus nì sibh seirbhis dha, agus dlùth‐leanaidh sibh ris. Agus cuirear am fàidh sin, no am fear sin a chì aisling, gu bàs; a chionn gun do labhair e a‑chum sibhse a chur air seachran on Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, agus a dh’fhuasgail sibh à taigh na daorsa, a‑chum d’iomain a‑mach as an t‑slighe anns an d’àithn an Tighearna do Dhia dhut imeachd; mar sin cuiridh tu air falbh an t‑olc as do mheadhon. Ma chuireas do bhràthair, mac do mhàthar, no do mhac fhèin, no do nighean, no bean‐phòsda d’uchd, no do charaid, a tha dhut mar d’anam, impidh ort ann an uaigneas, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhut fhèin no dod athraichean; Eadhon do dhiathan nan cinneach a tha mun cuairt oirbh, am fagas dhut, no fada uat, on dara ceann den talamh eadhon gus an ceann eile den talamh; Chan aontaich thu leis, cha mhò a dh’èisdeas tu ris; cha mhò a ghabhas do shùil truas ris, cha mhò a chaomhnas no a cheileas tu e: Ach cuiridh tu gu cinnteach gu bàs e; bidh do làmh fhèin an tùs air ga mharbhadh, agus an dèidh sin làmh an t‑sluaigh uile. Agus clachaidh tu e le clachan, a‑chum gum bàsaich e; a chionn gun d’iarr e do tharraing on Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa. Agus cluinnidh Israel uile, agus bidh eagal orra, agus cha dèan iad nas mò a leithid seo de ghnìomh aingidh nur measg. Ma chluinneas tu ann an aon ded bhailtean, a thug an Tighearna do Dhia dhut gu còmhnaidh a ghabhail ann, neach air bith, ag ràdh, Chaidh daoine àraidh, clann Bheliail, a‑mach as ur measg, agus bhuair iad luchd‐àiteachaidh am baile, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhuibh; An sin fiosraichidh tu, agus rannsaichidh tu, agus feòraichidh tu gu dùrachdach; agus, feuch, mas fìrinn e, agus gu bheil a’ chùis dearbhte, gun do rinneadh a’ ghràinealachd sin nur measg; Gu cinnteach buailidh tu luchd‐àiteachaidh a’ bhaile sin le faobhar a’ chlaidheimh, ga sgrios gu tur, agus gach nì a tha ann, agus a sprèidh, le faobhar a’ chlaidheimh. Agus cruinnichidh tu a chreach uile gu meadhon a shràide, agus loisgidh tu le teine am baile, agus a chreach uile gu h‑iomlan, airson an Tighearna do Dhia: agus bidh e na thòrr a‑chaoidh; cha togar suas e nas mò. Agus cha lean ri do làimh‐sa a’ bheag den nì mhallaichte; a‑chum gun till an Tighearna o lasair a fheirge, agus gun nochd e tròcair dhut, agus gun dèan e iochd ort, agus gun toir e ort fàs lìonmhor, mar a mhionnaich e dod athraichean; Nuair a dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a dhèanamh an nì a tha ceart ann an sùilean an Tighearna do Dhia. Is sibhse clann an Tighearna ur Dia: cha gheàrr sibh sibh fhèin, cha mhò a nì sibh lomadh air bith eadar ur sùilean airson mairbh: Oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia, agus thagh an Tighearna thu gu bhith ad shluagh sònraichte dha fhèin, thar gach uile chinneach a tha air aghaidh na talmhainn. Chan ith thu nì gràineil sam bith. Is iad seo na beathaichean a dh’itheas sibh: an damh, a’ chaora, agus a’ ghobhar. Am fiadh, agus an ruadh‐bhoc, agus an dathais, agus a’ ghobhar fhiadhaich, agus an t‑earr‐gheal, agus an damh fiadhaich, agus an somar. Agus gach beathach a roinneas an ionga, agus aig a bheil an ionga na dà roinn, agus a chnàmhas a’ chìr am measg nan ainmhidhean, sin ithidh sibh. Gidheadh, iad seo chan ith sibh dhiubhsan a chnàmhas a’ chìr, no dhiubhsan a roinneas an ionga sgoilte, mar an càmhal, agus a’ mhaigheach, agus an coinean; oir cnàmhaidh iad a’ chìr, ach cha roinn iad an ionga: neòghlan tha iad dhuibh. Agus a’ mhuc, a chionn, ged a roinneas i an ionga, nach cnàmh i a’ chìr, tha i neòghlan dhuibh: dem feòil chan ith sibh, agus rin cairbh cha bhean sibh. Iad seo ithidh sibh dhiubhsan uile a tha anns na h‑uisgeachan: gach nì air a bheil itean agus lannan, ithidh sibh; Agus gach nì air nach eil itean agus lannan, chan ith sibh: tha e neòghlan dhuibh. Gach eun glan ithidh sibh. Ach is iad seo iadsan de nach ith sibh: an iolair, agus an cnàimh‐bhristeach, agus an iolair‐uisge. Agus an croman‐gòbhlach, agus an clamhan, agus am fang a rèir a ghnè, Agus gach fitheach a rèir a ghnè, Agus a’ chailleach‐oidhche, agus an t‑seabhag‐oidhche, agus a’ chuach, agus an t‑seabhag a rèir a gnè, Agus a’ chailleach‐oidhche bheag, agus a’ chailleach‐oidhche mhòr, agus an eala, Agus am pelican, agus an iolair‐fhionn, agus an sgarbh, Agus a’ chorra‑bhàn, agus a’ chorra‑ghlas a rèir a gnè, agus an t‑adharcan‐luachrach, agus an ialtag. Agus tha gach nì snàigeach a dh’itealaicheas neòghlan dhuibh: chan ithear iad. Gach eun glan ithidh sibh. Chan ith sibh nì sam bith a bhàsaicheas dheth fhèin: bheir thu e don choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun ith e e; no reic e ris an eilthireach: oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar. Bheir thu seachad gu ceart deicheamh uile chinneas do shìl, a bheir am fearann uaithe o bhliadhna gu bliadhna. Agus ithidh tu am fianais an Tighearna do Dhia, anns an àit a thaghas e a‑chum a ainm a chur an sin, deicheamh d’arbhair, d’fhìona, agus d’ola, agus ciad‐ghin do chruidh, agus do chaorach; a‑chum gum fòghlaim thu eagal an Tighearna do Dhia a bhith ort a‑ghnàth. Agus ma bhios an t‑slighe ro‑fhada dhut, air chor is nach urrainn thu a ghiùlan, a chionn an t‑àit a bhith fada uat, a thaghas an Tighearna do Dhia a chur a ainme an sin, nuair a bheannaicheas an Tighearna do Dhia thu; An sin nì thu airgead dheth, agus ceanglaidh tu suas an t‑airgead ad làimh, agus thèid thu a‑chum an àit a thaghas an Tighearna do Dhia: Agus bheir thu an t‑airgead sin airson gach nì a mhiannaicheas d’anam, airson buair, no airson chaorach, no airson fìona, no airson dibhe làidir, no airson gach nì a mhiannaicheas d’anam: agus ithidh tu an sin an làthair an Tighearna do Dhia, agus nì thu gàirdeachas, thu fhèin, agus do theaghlach. Agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, cha trèig thu e: oir chan eil roinn no oighreachd aige maille riut. Aig crìch trì bliadhna bheir thu a‑mach uile dheicheamh do chinneis air a’ bhliadhna sin fhèin, agus taisgidh tu suas e an taobh a‑staigh ded gheatachan: Agus thig an Lèbhitheach (a chionn nach eil roinn no oighreachd aige maille riut ), agus an coigreach, agus an dìlleachdan agus a’ bhantrach, a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus ithidh iad agus sàsaichear iad; a‑chum gum beannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làimhe a nì thu. An ceann gach seachd bliadhna nì thu fuasgladh. Agus is e seo modh an fhuasglaidh: Gach fear‐fiacha a bheir nì sam bith air iasad da choimhearsnach, fuasglaidh e e; chan iarr e air ais e o a choimhearsnach, no o a bhràthair, a chionn gun goirear fuasgladh an Tighearna dheth. O eilthireach faodaidh tu a iarraidh air ais; ach an nì as leat fhèin a tha aig do bhràthair, fuasglaidh do làmh e; Ach a‑mhàin nuair nach bi uireasbhaidheach sam bith nur measg: oir beannaichidh an Tighearna gu mòr thu anns an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd, ra shealbhachadh: A‑mhàin ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, a thoirt an aire gun dèan thu na h‑àitheantan seo uile a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh. Oir beannaichidh an Tighearna do Dhia thu, mar a gheall e dhut; agus bheir thu air iasad do mhòran chinneach, ach cha ghabh thu air iasad: agus bidh uachdaranachd agad air mòran chinneach, ach cha bhi uachdaranachd acasan ortsa. Ma bhios nur measg duine bochd, aon ded bhràithrean, an taobh a‑staigh aon ded gheatachan, ann ad fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut, cha chruadhaich thu do chridhe, cha mhò a dhruideas tu do làmh od bhràthair bochd; Ach fosglaidh tu do làmh gu farsaing dha, agus gu cinnteach bheir thu air iasad dha nas leòr airson a fheuma, den nì a tha a dh’easbhaidh air. Thoir an aire nach bi smuain ad chridhe aingidh, ag ràdh, Tha an seachdamh bliadhna, bliadhna an fhuasglaidh, am fagas; agus gum bi do shùil olc an aghaidh do bhràthar bhochd, agus nach toir thu a’ bheag dha, agus gun glaodh e ris an Tighearna ad aghaidh, agus gum bi e na pheacadh dhut. Bheir thu dha gu deimhinn, agus cha bhi doilgheas air do chridhe nuair a bheir thu dha; a chionn airson an nì seo gum beannaich an Tighearna do Dhia thu ad obraichean uile, agus anns gach nì ris an cuir thu do làmh. Oir cha bhi an tìr a‑chaoidh gun bhochd: uime sin tha mi ag àithneadh dhut, ag ràdh, Fosglaidh tu do làmh gu farsaing dod bhràthair, dod bhochd, agus dod uireasbhaidheach, ad dhùthaich. Ma reicear riut do bhràthair Eabhraidheach, no ban‐Eabhraidheach, agus gun dèan e seirbhis dhut sia bliadhna; an sin anns an t‑seachdamh bliadhna leigidh tu leis dol saor uat. Agus nuair a chuireas tu e a‑mach saor uat, cha chuir thu air falbh e falamh: Bheir thu dha gu pailt as do threud, agus as d’ùrlar, agus as d’fhìon‐amar; as na nithean sin leis an do bheannaich an Tighearna do Dhia thu, bheir thu dha. Agus cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill ann an tìr na h‑Eiphit; agus shaor an Tighearna do Dhia thu: uime sin tha mi ag àithneadh seo dhut an‑diugh. Ach ma their e riut, Chan fhalbh mi uat (a chionn gur toigh leis thu agus do thaigh, do bhrìgh gu bheil e gu math agad); An sin gabhaidh tu minidh, agus cuiridh tu tro a chluais e anns an doras, agus bidh e na sheirbhiseach dhut gu bràth: agus mar an ceudna rid bhanoglaich nì thu mar sin. Na measar e cruaidh leat, nuair a chuireas tu uat saor e; oir bha e dà uair cho math dhutsa ri seirbhiseach tuarasdail, le seirbhis a dhèanamh dhut sia bliadhna: agus beannaichidh an Tighearna do Dhia thu anns gach nì a nì thu. Gach ciad‐ghin fireann a bheirear am measg do chruidh, agus am measg do threud, naomhaichidh tu don Tighearna do Dhia: cha dèan thu obair sam bith le ciad‐ghin do bhoin, cha mhò a lomas tu ciad‐ghin do chaorach. Am fianais an Tighearna do Dhia ithidh tu e o bhliadhna gu bliadhna, anns an ionad a thaghas an Tighearna, thu fhèin agus do theaghlach. Agus ma bhios gaoid sam bith ann, crùbaiche, no doille, no droch ghaoid sam bith, chan ìobair thu e don Tighearna do Dhia. An taobh a‑staigh ded gheatachan ithidh tu e; ithidh an glan agus an neòghlan co‑ionnan dheth, mar den ruadh‐bhoc, agus mar den fhiadh. A‑mhàin a fhuil chan ith thu: air an talamh dòirtidh tu i mar uisge. Coimhead mìos Abib, agus cumaidh tu a’ chàisg don Tighearna do Dhia: oir anns a’ mhìos Abib thug an Tighearna do Dhia thu a‑mach as an Eiphit anns an oidhche. Uime sin ìobraidh tu a’ chàisg don Tighearna do Dhia, den treud agus den bhuar, anns an ionad a thaghas an Tighearna a‑chum a ainm a chur an sin. Chan ith thu aran gortaichte sam bith leatha: seachd làithean ithidh tu aran neo‐ghortaichte leatha, eadhon aran àmhghair; (oir le cabhaig thàinig thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit;) a‑chum gun cuimhnich thu an là air an tàinig thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, uile làithean do bheatha. Agus chan fhaicear agad aran gortaichte ad chrìochan uile rè sheachd làithean: cha mhò a mhaireas a’ bheag den fheòil a dh’ìobras tu air feasgar anns a’ chiad là, rè na h‑oidhche gu madainn. Chan fhaod thu a’ chàisg ìobradh an taobh a‑staigh aoin air bith ded gheatachan, a bheir an Tighearna do Dhia dhut: Ach aig an àit a thaghas an Tighearna do Dhia a chur a ainme ann, an sin ìobraidh tu a’ chàisg air feasgar, aig dol fodha na grèine, anns an àm anns an tàinig thu a‑mach as an Eiphit. Agus ròistidh agus ithidh tu i anns an àit a thaghas an Tighearna do Dhia: agus tillidh tu anns a’ mhadainn, agus thèid thu dod bhùthan. Sia làithean ithidh tu aran gun ghortachadh; agus air an t‑seachdamh là bidh àrd cho‐chruinneachadh don Tighearna do Dhia: cha dèan thu obair sam bith air. Seachd seachdainean àirmhidh tu dhut fhèin: on àm anns an tòisich thu air a’ chorran a chur anns an arbhar, tòisichidh tu air na seachd seachdainean àireamh. Agus cumaidh tu fèill nan seachdain don Tighearna do Dhia, le tìodhlac saor‐thoil tabhartas do làimhe a bheir thu seachad a rèir mar a bheannaich an Tighearna do Dhia thu. Agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha nur measg, anns an ionad a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme ann. Agus cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill anns an Eiphit: agus coimheadaidh tu, agus nì thu na reachdan seo. Cumaidh tu fèill nam pàillean seachd làithean an dèidh dhut d’arbhar a chruinneachadh a‑steach, agus d’fhìon. Agus nì thu gàirdeachas ad fhèill, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan. Seachd làithean cumaidh tu fèill àraidh don Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas an Tighearna: a chionn gum beannaich an Tighearna do Dhia thu ad chinneas uile, agus ann an obraichean do làmh uile; uime sin nì thu gu deimhinn gàirdeachas. Trì uairean anns a’ bhliadhna taisbeinear d’fhireannaich uile an làthair an Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas e; ann am fèill an arain neo‐ghortaichte, agus ann am fèill nan seachdain, agus ann am fèill nam pàillean: agus cha taisbeinear iad an làthair an Tighearna falamh. Bheir gach duine seachad mar as urrainn e, a rèir beannachadh an Tighearna do Dhia, a thug e dhut. Britheamhan, agus uachdarain nì thu dhut fhèin, an taobh a‑staigh ded gheatachan uile, a bheir an Tighearna do Dhia dhut, air feadh do threubh: agus bheir iad breith air an t‑sluagh le ceart bhreitheanas. Cha dèan thu breitheanas fhiaradh: cha bhi bàidh agad ri neach seach a chèile, cha mhò a ghabhas tu tìodhlac: oir dallaidh an tìodhlac sùilean nan daoine glice, agus fiaraidh e briathran nan ionracan. An nì sin a tha uile‐cheart leanaidh tu, a‑chum gum bi thu beò, agus gun sealbhaich thu am fearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut. Cha suidhich thu dhut fhèin doire chraobhan sam bith làimh ri altair an Tighearna do Dhia, a nì thu dhut fhèin. Cha mhò a chuireas tu suas dhut fhèin dealbh sam bith, nì as fuathach leis an Tighearna do Dhia. Chan ìobair thu don Tighearna do Dhia tarbh, no caora, anns a bheil gaoid, no mì‑mhaise sam bith: oir is gràinealachd sin don Tighearna do Dhia. Ma gheibhear nur measg, an taobh a‑staigh aoin ded gheatachan a bheir an Tighearna do Dhia dhut, fear no bean a rinn aingidheachd ann an sùilean an Tighearna do Dhia, le a choicheangal a bhriseadh, Agus gun deachaidh e agus gun do rinn e seirbhis do dhiathan eile, agus gun do rinn e adhradh dhaibh, aon chuid don ghrèin, no don ghealaich, no do uile armailt nèimh, nach d’àithn mise; Agus gun d’innseadh dhut e, agus gun cuala tu e, agus gun do rannsaich thu gu math, agus, feuch, gur fìor e, agus gu bheil a’ chùis dearbhte, gun do rinneadh a’ ghràinealachd sin ann an Israel; An sin bheir thu a‑mach am fear sin no a’ bhean sin, a rinn an nì aingidh sin, a‑chum do gheatachan, eadhon am fear sin no a’ bhean sin, agus clachaidh tu iad le clachan gus am bàsaich iad. Aig beul dà fhianais, no trì fianaisean, cuirear gu bàs esan a tha toillteanach air bàs: cha chuirear gu bàs e aig beul aon fhianais. Bidh làmhan nam fianaisean air an toiseach, ga chur gu bàs; agus na dhèidh sin làmhan an t‑sluaigh uile: mar sin cuiridh tu an t‑olc air falbh o ur measg. Ma dh’èireas cùis a bhios ro‑chruaidh ort ann am breitheanas, eadar fuil agus fuil, eadar breith agus breith, agus eadar buille agus buille, eadhon cùisean connspaid an taobh a‑staigh ded gheatachan; an sin èiridh tu, agus thèid thu suas don ionad a thaghas an Tighearna do Dhia: Agus thig thu a‑chum nan sagart, nan Lèbhitheach, agus a‑chum a’ bhritheimh a bhios anns na làithean sin, agus fiosraichidh tu; agus nochdaidh iad dhut facal a’ bhreitheanais: Agus nì thu a rèir na breithe a nochdas muinntir an àite sin (a thaghas an Tighearna) dhut, agus bheir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a theagaisgeas iad dhut: A rèir breith an lagha a theagaisgeas iad dhut, agus a rèir a’ bhreitheanais a dh’innseas iad dhut, nì thu: cha chlaon thu on bhreith a nochdas iad dhut, a‑chum na làimhe deise no na làimhe clìthe. Agus an duine a nì gu h‑an‑dàna, agus nach èisd ris an t‑sagart, a sheasas gu frithealadh an sin an làthair an Tighearna do Dhia, no ris a’ bhritheamh, bàsaichidh eadhon an duine sin, agus cuiridh tu an t‑olc air falbh o Israel. Agus cluinnidh an sluagh uile, agus bidh eagal orra, agus cha dèan iad gu h‑an‑dàna nas mò. Nuair a thig thu a‑chum an fhearainn a bheir an Tighearna do Dhia dhut, agus a shealbhaicheas tu e, agus a ghabhas tu còmhnaidh ann, agus a their thu, Cuiridh mi rìgh os mo chionn, mar na cinnich uile a tha mun cuairt orm: Cuiridh tu, air gach aon chor, esan na rìgh os do chionn a thaghas an Tighearna do Dhia; aon o mheasg do bhràithrean cuiridh tu na rìgh os do chionn: chan fhaod thu coigreach a chur os do chionn, nach eil na bhràthair dhut. Ach cha chuir e eich an lìonmhorachd dha fhèin, cha mhò a bheir e air an t‑sluagh tilleadh don Eiphit, a‑chum is gun cuir e eich an lìonmhorachd: do bhrìgh gun dubhairt an Tighearna ribh, Cha till sibh o seo a‑mach nas mò air an t‑slighe sin. Cha mhò a chuireas e mnathan an lìonmhorachd dha fhèin, a‑chum nach claon a chridhe air falbh; cha mhò a mheudaicheas e gu mòr dha fhèin airgead agus òr. Agus nuair a shuidheas e air rìgh‐chathair a rìoghachd, an sin ath‐sgrìobhaidh e dha fhèin an lagh seo ann an leabhar, as an leabhar sin a tha an làthair nan sagart, na Lèbhithich. Agus bidh e aige, agus leughaidh e ann, uile làithean a bheatha: a‑chum gum fòghlaim e eagal an Tighearna a Dhia a bhith air, uile bhriathran an lagha seo a ghleidheadh, agus na reachdan seo, a‑chum an dèanamh: A‑chum nach bi a chridhe air a thogail suas os cionn a bhràithrean, agus nach claon e on àithne a‑chum na làimhe deise no na làimhe clìthe; air chor is gum buanaich e a làithean na rìoghachd, e fhèin agus a chlann ann am meadhon Israeil. Cha bhi aig na sagartan, na Lèbhithich, eadhon uile threubh Lèbhi, roinn sam bith no oighreachd maille ri Israel: ithidh iad tabhartasan an Tighearna, a bheirear suas le teine, agus a oighreachd‐san. Uime sin cha bhi oighreachd sam bith aca am measg am bràithrean: is e an Tighearna fhèin an oighreachd, mar a thubhairt e riu. Agus is e seo dlighe nan sagart on t‑sluagh, uapasan a dh’ìobras ìobairt, mas tarbh no caora e; agus bheir iad don t‑sagart an slinnean, agus na gialan, agus a’ mhaodal. Mar an ceudna ciad‐thoradh d’arbhair, d’fhìona, agus d’ola, agus ciad lomradh do chaorach bheir thu dha: Oir thagh an Tighearna do Dhia e a‑mach as do threubhan uile, gu seasamh a‑chum frithealaidh ann an ainm an Tighearna, e fhèin agus a mhic gu bràth. Agus ma thig Lèbhitheach o aon ded gheatachan a‑mach à Israel uile, far a bheil e air chuairt, agus ma thig e le uile thogradh a inntinn don ionad a thaghas an Tighearna; An sin frithealaidh e ann an ainm an Tighearna a Dhia, mar a bhràithrean uile na Lèbhithich, a tha nan seasamh an sin an làthair an Tighearna. Bidh aca uiread ri chèile ra ithe, a bhàrr air na thig air o reiceadh cuid a chloinne. Nuair a thig thu don fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut, chan fhòghlaim thu a dhèanamh a rèir gràinealachd nan cinneach sin. Chan fhaighear nur measg neach air bith a bheir air a mhac no air a nighinn dol tron teine, no a ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair, no fear‐fàistinneachd, no a ghnàthaicheas droch innleachdan, No seunadair, no neach a dh’fhiosraicheas de leannan‐sìdh, no draoidh, no neach a dh’iarras eòlas o na mairbh. Oir is gràinealachd don Tighearna iadsan uile a nì na nithean sin; agus airson nan gràinealachd sin, tha an Tighearna do Dhia gam fuadachadh a‑mach romhad. Bidh tusa coileanta maille ris an Tighearna do Dhia. Oir dh’èisd na cinnich sin a shealbhaicheas tusa ri speuradairean, agus ri fiosaichean: ach air do shon‐sa, cha do leig an Tighearna do Dhia leat dèanamh mar sin. Togaidh an Tighearna do Dhia suas fàidh dhut od mheadhon fhèin, od bhràithrean, cosmhail riumsa: ris‐san èisdidh sibh; A rèir nan uile nithean a dh’iarr thu on Tighearna do Dhia ann an Hòreb, ann an là a’ cho‐chruinneachaidh, ag ràdh, Na cluinneam‐sa a‑rìs guth an Tighearna mo Dhia, agus na faiceam an teine mòr seo nas mò, a‑chum nach bàsaich mi. Agus thubhairt an Tighearna riumsa, Is math a labhair iad an nì a labhair iad. Togaidh mise suas fàidh dhaibh o mheasg am bràithrean, cosmhail riutsa, agus cuiridh mi mo bhriathran na bheul, agus labhraidh e riu gach nì a dh’àithneas mi dha. Agus tàrlaidh, an duine nach èisd rim bhriathran‐sa a labhras e am ainm, iarraidh mi uaithe e: Ach am fàidh aig am bi de dhànadas facal a labhairt am ainm, nach d’àithn mise dha a labhairt, no a labhras ann an ainm dhiathan eile, gu cinnteach bàsaichidh am fàidh sin. Agus ma their thu ann ad chridhe, Cionnas a dh’aithnicheas sinn am facal nach do labhair an Tighearna? Nuair a labhras fàidh ann an ainm an Tighearna, mura tachair an nì, agus mura tig e gu crìch, is e sin an nì nach do labhair an Tighearna; gu h‑an‑dàna labhair am fàidh e: cha bhi eagal ort roimhe. Nuair a ghearras an Tighearna do Dhia as na cinnich, aig an robh am fearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut, agus a thig thu nan àite, agus a ghabhas tu còmhnaidh nam bailtean, agus nan taighean; Cuiridh tu air leth dhut fhèin trì bailtean am meadhon d’fhearainn, a bheir an Tighearna do Dhia dhut ra shealbhachadh. Deasaichidh tu dhut fhèin slighe, agus roinnidh tu crìochan d’fhearainn, a bheir an Tighearna do Dhia dhut ra shealbhachadh, nan trì earrannan, a‑chum gum faod gach marbhaiche teicheadh an sin. Agus is e seo cor a’ mharbhaiche, a theicheas an sin, a‑chum gum bi e beò: Ge bè a mharbhas a choimhearsnach gun fhios dha, do nach robh fuath aige roimhe: Mar a tha nuair a thèid duine maille ra choimhearsnach don choille a ghearradh fiodha, agus a bheir a làmh buille leis an tuaigh a ghearradh sìos na craoibhe, agus a leumas an ceann bhàrr na coise, agus a thuiteas e air a choimhearsnach, air chor is gum bàsaich e; teichidh e a‑chum aoin de na bailtean sin, agus bidh e beò: Air eagal gun lean dìoghaltair na fala am marbhaiche, am feadh is a tha a chridhe teth, agus gum beir e air, a chionn gu bheil an t‑slighe fada, agus gum marbh e e, ged nach robh e toillteanach air bàs, do bhrìgh nach robh fuath aige dha anns an àm a chaidh seachad. Uime sin tha mi ag àithneadh dhut, ag ràdh, Cuiridh tu air leth dhut fhèin trì bailtean. Agus ma leudaicheas an Tighearna do Dhia do chrìoch, mar a mhionnaich e dod athraichean, agus ma bheir e dhut am fearann uile a gheall e a thoirt dod athraichean; Ma bheir thu an aire na h‑àitheantan sin uile a dhèanamh, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, an Tighearna do Dhia a ghràdhachadh, agus gluasad a‑ghnàth na shlighean; an sin cuiridh tu air leth dhut fhèin trì bailtean eile a thuilleadh air na trì sin; A‑chum nach dòirtear fuil neochiontach ad fhearann, a bheir an Tighearna do Dhia dhut mar oighreachd, agus nach bi mar sin fuil ort. Ach ma tha aig duine sam bith fuath da choimhearsnach, agus gun laigh e am plaid air a shon, agus gun èirich e suas na aghaidh, agus gum buail e gu marbhtach e, air chor is gum faigh e bàs, agus gun teich e gu aon de na bailtean sin; An sin cuiridh seanairean a bhaile fhèin fios uapa, agus bheir iad as a sin e, agus bheir iad thairis e do làimh dìoghaltair na fala, a‑chum gum bàsaich e. Cha ghabh do shùil truas ris: ach cuiridh tu air falbh cionta fala neo‐chiontaich o Israel, a‑chum is gun èirich gu math dhut. Chan atharraich thu crìoch fearann do choimhearsnaich, a shuidhich na sinnsirean ad oighreachd a shealbhaicheas tu, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut ra shealbhachadh. Chan èirich aon fhianais a‑mhàin suas an aghaidh duine airson eucoir sam bith, no airson peacaidh sam bith, ann am peacadh sam bith a pheacaicheas e: aig beul dà fhianais, no aig beul trì fianaisean daingnichear a’ chùis. Ma dh’èireas fianais bhrèige suas an aghaidh duine sam bith, a thoirt fianais na aghaidh air an euceart; An sin seasaidh an dithis dhaoine aig a bheil an connsachadh, am fianais an Tighearna, an làthair nan sagart, agus nam britheamhan a bhios anns na làithean sin: Agus nì na britheamhan rannsachadh geur; agus, feuch, mas fianais bhrèige an fhianais, agus gun tug e fianais bhrèige an aghaidh a bhràthar, An sin nì sibh ris, mar a shaoil esan a dhèanamh ra bhràthair: mar sin cuiridh tu air falbh an t‑olc as ur measg. Agus cluinnidh iadsan a mhaireas agus bidh eagal orra, agus cha dèan iad o sin a‑mach a shamhail seo de olc nur measg. Agus cha ghabh do shùil truas; ach thèid anam airson anama, sùil airson sùla, fiacail airson fiacla, làmh airson làimhe, cas airson coise. Nuair a thèid thu a‑mach gu cath an aghaidh do naimhdean, agus a chì thu eich agus carbadan, agus sluagh as lìonmhoire na thu fhèin, na biodh eagal ort romhpa: oir tha an Tighearna do Dhia maille riut, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit. Agus nuair a dhlùthaicheas sibh ris a’ chath, an sin thig an sagart am fagas, agus labhraidh e ris an t‑sluagh, Agus their e riu, Eisd, O Israeil, tha sibh an‑diugh a’ dol gu cath an aghaidh ur naimhdean: na biodh ur cridhe fann, na biodh eagal oirbh, agus na criothnaichibh, agus na biodh uamhann oirbh air an son; Oir tha an Tighearna ur Dia a’ dol maille ribh, a chogadh air ur son an aghaidh ur naimhdean, a‑chum ur tèarnadh. Agus labhraidh an luchd‐riaghlaidh ris an t‑sluagh, ag ràdh, Cò e am fear a thog taigh nodha, agus nach do choisrig e? Rachadh e agus tilleadh e a‑chum a thaighe, air eagal gum bàsaich e anns a’ chath, agus gun coisrig fear eile e. Agus cò e an duine a shuidhich fìonlios, agus nach d’ith fhathast dheth? Rachadh esan mar an ceudna, agus tilleadh e da thaigh, air eagal gum bàsaich e anns a’ chath, agus gun ith neach eile dheth. Agus cò e an duine a rinn ceangal‐pòsaidh ri mnaoi, agus nach do ghabh da ionnsaigh i? Rachadh e agus tilleadh e da thaigh, air eagal gum bàsaich e anns a’ chath, agus gun gabh neach eile i da ionnsaigh. Agus labhraidh an luchd‐riaghlaidh, a bhàrr air sin, ris an t‑sluagh, agus their iad, Cò e an duine a tha gealtach, agus lag‐chridheach? Rachadh e agus tilleadh e da thaigh, a‑chum nach dèan e cridhe a bhràithrean lag mar a chridhe fhèin. Agus tàrlaidh, nuair a chuireas an luchd‐riaghlaidh crìoch air labhairt ris an t‑sluagh, gun cuir iad ceannardan air na h‑armailtean gus an sluagh a thoirt air an aghaidh. Nuair a thig thu am fagas do bhaile gu cogadh na aghaidh, an sin gairmidh tu sìth dha. Agus tàrlaidh, ma bheir e freagradh na sìthe dhut, agus ma dh’fhosglas e dhut, an sin tàrlaidh, gum bi an sluagh uile a gheibhear ann fo chìs dhut, agus gun dèan iad seirbhis dhut. Agus mura dèan e sìth dhut, ach gun cog e riut, an sin cuiridh tu gu cruaidh na aghaidh. Agus nuair a bheir an Tighearna do Dhia thairis dod làimh e, buailidh tu gach fireannach ann le faobhar a’ chlaidheimh: Ach na mnathan, agus a’ chlann bheag, agus an sprèidh, agus na h‑uile nithean a tha anns a’ bhaile, eadhon a chreach uile, gabhaidh tu dhut fhèin; agus ithidh tu creach do naimhdean, a thug an Tighearna do Dhia dhut. Mar seo nì thu ris na bailtean sin uile a tha ro‑fhada uat, nach eil de bhailtean nan cinneach sin. Ach de bhailtean an t‑sluaigh sin a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd, cha ghlèidh thu nì sam bith beò anns a bheil anail: Ach sgriosaidh tu gu tur iad, eadhon na Hitich, agus na h‑Amoraich, na Canàanaich, agus na Peridsich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut: A‑chum nach teagaisg iad dhut a dhèanamh a rèir an uile ghràinealachd, a rinn iad dan diathan; mar sin pheacaicheadh sibh an aghaidh an Tighearna ur Dia. Nuair a chuireas tu gu cruaidh an aghaidh baile rè ùine fhada, a’ dèanamh cogaidh na aghaidh a‑chum a ghlacadh, cha chuir thu as da chraobhan le tuagh a bhualadh orra: oir faodaidh tu ithe dhiubh, agus cha gheàrr thu sìos iad (oir is i craobh na machrach beatha duine) a‑chum an gnàthachadh ann an cur an aghaidh a’ bhaile. A‑mhàin na craobhan as aithne dhut fhèin nach craobhan bìdh iad, sgriosaidh agus gearraidh tu sìos iad; agus togaidh tu daingnichean an aghaidh a’ bhaile a chogas riut, gus an ceannsaich thu e. Ma gheibhear neach air a mharbhadh anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut ra shealbhachadh, na laighe anns a’ mhachair, agus gun fhios cò a mharbh e; An sin thig do sheanairean agus do bhritheamhan a‑mach, agus tomhaisidh iad a‑chum nam bailtean a tha mun cuairt airsan a mharbhadh: Agus tàrlaidh gun gabh am baile as fhaisge don duine a mharbhadh, eadhon seanairean a’ bhaile sin, agh leis nach do rinneadh obair, nach do tharraing riamh ann an cuing; Agus bheir seanairean a’ bhaile sin an t‑agh sìos do ghleann garbh, nach do threabhadh agus nach do shìol‐chuireadh, agus gearraidh iad an sin amhach an aighe dhith anns a’ ghleann; Agus thig na sagartan, mic Lèbhi, am fagas; (oir iadsan thagh an Tighearna do Dhia gu frithealadh dha fhèin, agus gu beannachadh ann an ainm an Tighearna;) agus a rèir am facail‐san crìochnaichear gach uile chonnsachadh, agus gach uile bhuille. Agus nighidh uile sheanairean a’ bhaile sin as fhaisge don duine a mharbhadh, an làmhan os cionn an aighe den do ghearradh an amhach anns a’ ghleann: Agus freagraidh iad agus their iad, Cha do dhòirt ar làmhan an fhuil seo, cha mhò a chunnaic ar sùilean i. Bi tròcaireach, O Thighearna, dod shluagh Israel, a shaor thu, agus na cuir fuil neochiontach as leth do shluaigh Israel. Agus maithear an fhuil dhaibh. Mar sin cuiridh tu air falbh cionta na fala neochiontaich o ur measg, do bhrìgh gun dèan thu an nì a tha ceart ann an sùilean an Tighearna. Nuair a thèid thu a‑mach gu cogadh an aghaidh do naimhdean, agus gun toir an Tighearna do Dhia thairis iad dod làimh, agus gun dèan thu braighdean dhiubh, Agus gum faic thu am measg nam braighdean bean sgiamhach, agus gu bheil dèidh agad oirre, agus gum bu mhath leat agad i na mnaoi; An sin bheir thu dhachaigh i dod thaigh, agus bearraidh i a ceann, agus bheir i dhith a h‑ìnean; Agus cuiridh i dhith a h‑aodach braighdeanais, agus fanaidh i ad thaigh, agus nì i caoidh airson a h‑athar agus a màthar mìos iomlan: agus an dèidh sin thèid thu a‑steach da h‑ionnsaigh, agus bidh tu ad fhear‐pòsda aice, agus bidh ise na mnaoi agad. Ach mura bi tlachd agad innte, an sin leigidh tu leatha dol far an àill leatha, ach cha reic thu idir air airgead i, cha mhò a nì thu aintighearnas oirre, a chionn gun d’ìslich thu i. Ma bhios aig duine dà mhnaoi, aon dhiubh gràdhaichte agus an aon eile fuathaichte, agus ma rug iad clann dha, araon a’ bhean ghràdhaichte agus a’ bhean fhuathaichte; agus mas leis a’ mhnaoi fhuathaichte an ciad‐ghin mic, An sin tàrlaidh, nuair a bheir e sealbh da mhic air an nì a tha aige, nach fhaod e ciad‐ghin a dhèanamh de mhac na mnà gràdhaichte ro mhac na mnà fuathaichte, as e da‑rìribh an ciad‐ghin: Ach gabhaidh e ri mac na mnà fuathaichte mar an ciad‐ghin, le roinn dhùbailte a thoirt dha de gach nì a tha aige: oir is esan toiseach a neirt, is leis còir a’ chiad‐ghin. Ma bhios aig duine mac reasgach agus ceannairceach, nach gèill do ghuth a athar, no do ghuth a mhàthar, agus nuair a smachdaicheas iad e, nach èisd riu: An sin beiridh a athair agus a mhàthair air, agus bheir iad a‑mach e gu seanairean a’ bhaile, agus gu geata a àite fhèin; Agus their iad ri seanairean a’ bhaile, Tha ar mac seo reasgach agus ceannairceach, cha toir e gèill dar guth; tha e na gheòcair agus na mhisgear. Agus clachaidh uile dhaoine a bhaile e le clachan, a‑chum is gum bàsaich e: mar sin cuiridh tu olc air falbh as ur measg, agus cluinnidh Israel uile, agus bidh eagal orra. Agus ma rinn duine peacadh a tha toillteanach air bàs, agus gum bi e ra chur gu bàs, agus gun croch thu ri craoibh e: Chan fhan a chorp rè na h‑oidhche air a’ chraoibh, ach air gach aon chor adhlaicidh tu e air an là sin fhèin; (oir mallaichte le Dia tha esan a chrochadh;) agus cha salaich thu d’fhearann, a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd. Nuair a chì thu damh do bhràthar no a chaora a’ dol air seachran, chan fhalaich thu thu fhèin uapa; bheir thu air gach aon chor air an ais iad a‑rìs a dh’ionnsaigh do bhràthar. Agus mura bi do bhràthair làimh riut, no mura aithne dhut e, an sin bheir thu e a dh’ionnsaigh do thaighe fhèin, agus bidh e maille riut gus an iarr do bhràthair e, agus bheir thu air ais dha e. Air a’ mhodh cheudna nì thu ra asail, agus mar seo nì thu ra aodach, agus mar seo nì thu ris na h‑uile nithean caillte led bhràthair, a chaill e, agus a fhuair thusa: chan fhaod thu thu fhèin fhalach. Nuair a chì thu asal do bhràthar, no a dhamh, a’ tuiteam sìos air an t‑slighe, chan fhalaich thu thu fhèin uapa: gu cinnteach togaidh tu suas iad maille ris a‑rìs. Cha chaith bean an nì sin as le fear, cha mhò a chuireas fear uime aodach mnà: oir is gràinealachd don Tighearna do Dhia iadsan uile a nì seo. Ma thàrlas do nead eòin a bhith romhad anns an t‑slighe ann an craoibh sam bith, no air làr, mas eòin òga iad, no uibhean, agus a’ mhàthair na suidhe air an àlach, no air na h‑uibhean, cha ghlac thu a’ mhàthair maille ris an àlach: Air gach aon chor leigidh tu leis a’ mhàthair dol as, agus an t‑àlach gabhaidh tu dhut fhèin; a‑chum gun èirich gu math dhut, agus gum buanaich thu do làithean. Nuair a thogas tu taigh nodha, an sin togaidh tu bàrr‐bhalla da mhullach, a‑chum nach toir thu fuil air do thaigh, ma thuiteas duine sam bith o sin. Cha chuir thu d’fhìonlios le iomadh gnè sìl, air eagal gun truaillear toradh do shìl a chuir thu, agus meas d’fhìonlios. Cha dèan thu treabhadh le damh agus le asail maille ri chèile. Cha chuir thu umad aodach measgte, mar de olainn agus de lìon le chèile. Nì thu dhut fhèin fabhran air ceithir cheithreannan d’aodaich leis an còmhdaich thu thu fhèin. Ma ghabhas duine bean, agus gun tèid e a‑steach da h‑ionnsaigh, agus gum fuathaich e i, Agus gun toir e adhbhar cainnte na h‑aghaidh, agus gun tog e suas droch ainm oirre, agus gun abair e, Ghabh mi a’ bhean seo, agus nuair a thàinig mi da h‑ionnsaigh, cha d’fhuair mi na maighdinn i: An sin gabhaidh athair na h‑ighinn, agus a màthair, agus bheir iad a‑mach comharraidhean maighdeanas na h‑ighinn gu seanairean a’ bhaile anns a’ gheata: Agus their athair na h‑ighinn ris na seanairean, Thug mi mo nighean don duine seo na mnaoi, agus tha fuath aige dhi; Agus, feuch, thug e adhbhar cainnte na h‑aghaidh, ag ràdh, Cha d’fhuair mi do nighean na maighdinn; agus gidheadh is iad sin comharraidhean maighdeanas mo nighinn: agus sgaoilidh iad an t‑aodach an làthair seanairean a’ bhaile. Agus gabhaidh seanairean a’ bhaile sin an duine, agus smachdaichidh iad e: Agus cuiridh iad ùnlagh ceud secel airgid air, agus bheir iad do athair na h‑ighinn iad, a chionn gun do thog e droch ainm air òigh de chloinn Israeil; agus bidh i na mnaoi aige: chan fhaod e a cur uaithe ra bheò. Ach ma tha an nì seo fìor, agus nach eil comharraidhean maighdeanais rim faghail don nighinn; An sin bheir iad a‑mach an nighean gu doras taigh a h‑athar, agus clachaidh daoine a baile i le clachan gus am bàsaich i; a chionn gun d’obraich i amaideachd ann an Israel, le strìopachas a dhèanamh ann an taigh a h‑athar: mar sin cuiridh tu air falbh olc as ur measg. Ma gheibhear duine a’ laighe le mnaoi a tha pòsda ri fear, an sin cuirear gu bàs iad le chèile, an duine a laigh leis a’ mhnaoi, agus a’ bhean; mar sin cuiridh tu olc air falbh o Israel. Ma tha nighean, agus i na h‑òigh, fo cheangal‐pòsaidh aig fear, agus gum faigh duine i anns a’ bhaile, agus gun laigh e leatha; An sin bheir sibh a‑mach iad le chèile gu geata a’ bhaile sin, agus clachaidh sibh iad le clachan gus am bàsaich iad; an nighean, a chionn nach do ghlaodh i, agus i a bhith anns a’ bhaile; agus am fear a chionn gun d’ìslich e bean a choimhearsnaich: mar sin cuiridh tu air falbh olc as ur measg. Ach ma gheibh fear anns a’ mhachair nighean a tha fo cheangal‐pòsaidh, agus gun èignich an duine i, agus gun laigh e leatha, an sin cuirear a‑mhàin an duine a laigh leatha gu bàs. Ach air an nighinn cha dèan thu a’ bheag sam bith; chan eil anns an nighinn coire bàis: oir mar nuair a dh’èireas duine suas an aghaidh a choimhearsnaich, agus a mharbhas e e, mar sin tha a’ chùis seo: Oir fhuair e anns a’ mhachair i, agus dh’èigh an nighean a bha fo cheangal‐pòsaidh, agus cha robh neach ann ga teasairginn. Ma gheibh duine nighean a tha na h‑òigh, nach eil fo cheangal‐pòsaidh, agus gun dèan e greim oirre, agus gun laigh e leatha, agus gum faighear iad; An sin bheir am fear a laigh leatha do athair na h‑ighinn leth‐cheud secel airgid, agus bidh i na mnaoi aige; a chionn gun d’ìslich e i, chan fhaod e a cur uaithe ra bheò. Cha ghabh duine da ionnsaigh bean a athar, cha mhò a leigeas e ris còmhdachadh a athar. Cha tèid esan aig a bheil a chlachan air am bruthadh, no a bhall diamhair air a ghearradh dheth, a‑steach do cho‐chruinneachadh an Tighearna. Cha tèid fear dìolain a‑steach do cho‐chruinneachadh an Tighearna; eadhon gu ruig an deicheamh ginealach cha tèid e a‑steach do cho‐chruinneachadh an Tighearna. Cha tèid Amonach no Mòabach a‑steach do cho‐chruinneachadh an Tighearna; eadhon gus an deicheamh ginealach cha tèid iad a‑steach do cho‐chruinneachadh an Tighearna a‑chaoidh; A chionn nach do choinnich iad sibh le aran agus le uisge air an t‑slighe, nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit, agus a chionn gun do thuarasdalaich iad ad aghaidh Balàam mac Bheoir, o Phetor na Mesopotamia, a‑chum do mhallachadh. Gidheadh, chan èisdeadh an Tighearna do Dhia ri Balàam; ach thionndaidh an Tighearna do Dhia dhut am mallachadh gu beannachadh, a chionn gum bu toigh leis an Tighearna do Dhia thu. Chan iarr thu an sìth no an sonas rè d’uile làithean gu bràth. Cha ghabh thu gràin de Edomach, oir is e do bhràthair e: cha ghabh thu gràin de Eiphiteach, a chionn gu robh thu ad choigreach na fhearann. Thèid a’ chlann a ghinear leòsan a‑steach do cho‐chruinneachadh an Tighearna, nan treas ginealach. Nuair a thèid d’fheachd a‑mach an aghaidh do naimhdean, an sin glèidh thu fhèin o gach droch nì. Ma bhios nur measg duine sam bith nach eil glan, a‑thaobh neòghlaine a thàrlas dha anns an oidhche, an sin thèid e a‑mach as a’ champ, cha tig e a‑steach do mheadhon a’ champa: Ach nuair a bhios e dlùth don fheasgar, an sin nighidh e e fhèin le uisge, agus nuair a thèid a’ ghrian fodha, thig e a‑steach do mheadhon a’ champa. Bidh agad àite mar an ceudna an taobh a‑muigh den champ, far an tèid thu a‑mach. Agus bidh pleadhag agad air do chrios, agus nuair a shuidheas tu a‑muigh, cladhaichidh tu leatha, agus tionndaidhidh tu air d’ais, agus falaichidh tu an nì a thig uat. Oir tha an Tighearna do Dhia ag imeachd am meadhon do champa, a‑chum do shaoradh, agus a‑chum do naimhdean a thoirt thairis romhad: uime sin bidh do champ naomh, a‑chum nach faic e nì sam bith neòghlan annad, agus nach till e air falbh uat. Cha toir thu suas da mhaighistir an seirbhiseach a chaidh as ad ionnsaigh o a mhaighistir. Maille riut gabhaidh e còmhnaidh nur measg, anns an àit a thaghas e, an taobh a‑staigh aoin ded gheatachan far an taitniche leis: cha dèan thu fòirneart air. Cha bhi strìopach air bith de nigheanan Israeil, cha mhò a bhios Sòdomach de mhic Israeil. Cha toir thu tuarasdal strìopaich, no luach coin, do thaigh an Tighearna do Dhia airson bòid sam bith; oir tha iad sin eadhon le chèile nan gràinealachd don Tighearna do Dhia. Cha toir thu nì sam bith an coingheall dod bhràthair air riadh; riadh airgid, riadh bìdh, riadh nì sam bith a bheirear an coingheall air riadh. Do choigreach faodaidh tu nì a thoirt an coingheall air riadh, ach dod bhràthair cha toir thu nì sam bith an coingheall air riadh; a‑chum gum beannaich an Tighearna do Dhia thu anns gach nì ris an cuir thu do làmh anns an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh. Nuair a bheir thu bòid don Tighearna do Dhia, cha dèan thu moille na h‑ìocadh: oir gu cinnteach iarraidh an Tighearna do Dhia uat i; agus bhiodh e na pheacadh dhut. Ach ma dh’fhanas tu gun bhòid a thabhairt, cha bhi e na pheacadh dhut. An nì sin a chaidh a‑mach as do bhilean, coimheadaidh agus coileanaidh tu; a rèir mar a bhòidich thu don Tighearna do Dhia, eadhon tabhartas saor‐thoile, a gheall thu led bheul. Nuair a thèid thu a‑steach do fhìonlios do choimhearsnaich, an sin faodaidh tu fìondhearcan ithe mar as miann leat, eadhon do shàth; ach cha chuir thu a’ bheag ad shoitheach. Nuair a thèid thu a‑steach do arbhar do choimhearsnaich, an sin faodaidh tu na diasan a spìonadh led làimh, ach corran cha chuir thu ann an arbhar do choimhearsnaich. Nuair a ghabhas fear bean, agus a phòsas e i, agus gun tachair nach faigh i deagh‐ghean na shùilean, a chionn gun d’fhuair e neòghlaine‐eigin innte; an sin sgrìobhadh e litir‐dhealachaidh dhi, agus thugadh e na làimh i, agus cuireadh e a‑mach as a thaigh i. Agus nuair a dh’fhalbhas i a‑mach as a thaigh, faodaidh i dol agus a bhith na mnaoi aig fear eile. Agus ma dh’fhuathaicheas am fear‐pòsda mu dheireadh seo i, agus gun sgrìobh e litir‐dhealachaidh dhi, agus gun toir e na làimh i, agus gun cuir e a‑mach as a thaigh i; no ma gheibh am fear mu dheireadh bàs, a ghabh i na mnaoi dha fhèin; Chan fhaod a ciad fhear‐pòsda a chuir uaithe i, a gabhail a‑rìs gu bhith na mnaoi dha, an dèidh dhi a bhith air a truailleadh; oir is gràinealachd sin an làthair an Tighearna: agus cha toir thu air an fhearann peacachadh, a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd. Nuair a ghabhas duine bean nuadh, cha tèid e a‑mach gu cogadh, cha mhò a chuirear cùram gnothaich sam bith air: fanaidh e saor aig a thaigh fhèin aon bhliadhna, agus bheir e subhachas da mhnaoi a ghabh e. Cha ghabh duine sam bith a’ chlach‐mhuilinn ìochdarach no uachdarach mar gheall: oir tha e a’ gabhail anam duine mar gheall. Ma gheibhear duine a’ goid aon neach de a bhràithrean de chloinn Israeil, agus ma nì e aintighearnas air, no ma reiceas e e; an sin cuirear gu bàs an gadaiche sin; agus cuiridh tu olc air falbh as ur measg. Thoir an aire, ann am plàigh na luibhre, gun toir thu fa‑near gu dùrachdach, agus gun dèan thu a rèir nan uile nithean a theagaisgeas na sagartan, na Lèbhithich, dhuibh: a rèir mar a dh’àithn mi dhaibh, bheir sibh fa‑near gun dèan sibh. Cuimhnich ciod a rinn an Tighearna do Dhia ri Miriam air an t‑slighe, an dèidh dhuibh teachd a‑mach as an Eiphit. Nuair a bheir thu dod choimhearsnach nì sam bith an coingheall, cha tèid thu a‑steach da thaigh a ghabhail a ghill. A‑muigh seasaidh tu, agus bheir an duine da bheil thu a’ toirt an coingheall, an geall a‑mach dhut. Agus ma bhios an duine bochd, cha chaidil thu le a gheall. Air gach aon chor bheir thu air ais dha an geall a‑rìs, nuair a thèid a’ ghrian fodha, a‑chum gun caidil e na aodach fhèin, agus gum beannaich e thu: agus bidh seo na ionracas dhut an làthair an Tighearna do Dhia. Cha dèan thu fòirneart air seirbhiseach tuarasdail a tha bochd agus uireasbhaidheach, co‑dhiù a tha e ded bhràithrean, no ded choigrich, a tha ann ad fhearann an taobh a‑staigh ded gheatachan. Air a là bheir thu dha a thuarasdal, agus cha tèid a’ ghrian sìos air, oir tha e bochd, agus a’ suidheachadh a chridhe air; air eagal gun glaodh e ad aghaidh ris an Tighearna, agus gum bi e na pheacadh dhut. Cha chuirear na h‑athraichean gu bàs airson na cloinne, cha mhò a chuirear a’ chlann gu bàs airson nan athraichean: cuirear gach duine gu bàs airson a pheacaidh fhèin. Cha chlaon thu breitheanas a’ choigrich, no an dìlleachdain, cha mhò a ghabhas tu aodach bantraich mar gheall. Ach cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill anns an Eiphit, agus gun do shaor an Tighearna do Dhia thu as a sin: uime sin tha mi ag àithneadh dhut an nì seo a dhèanamh. Nuair a bhuaineas tu d’fhoghar ad achadh, agus a dhìochuimhnicheas tu sguab anns an achadh, cha till thu ga togail: airson a’ choigrich, airson an dìlleachdain, agus airson na bantraich bidh i; a‑chum gum beannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làmh. Nuair a chrathas tu do chrann‐ola, cha tèid thu thairis air na geugan a‑rìs: airson a’ choigrich, airson an dìlleachdain, agus airson na bantraich bidh e. Nuair a chruinnicheas tu fìon‐dhearcan d’fhìonlios, cha ghlan thu gu buileach ad dhèidh e; airson a’ choigrich, airson an dìlleachdain, agus airson na bantraich bidh e. Agus cuimhnichidh tu gu robh thu ad thràill ann an tìr na h‑Eiphit: uime sin tha mi ag àithneadh dhut an nì seo a dhèanamh. Ma bhios connsachadh eadar daoine, agus gun tig iad gu breitheanas, a‑chum is gun toir na britheamhan breith orra; an sin saoraidh iad an t‑ionracan, agus dìtidh iad an ciontach. Agus tàrlaidh, mas airidh an duine aingidh a bhith air a bhualadh, gun toir am britheamh air laighe sìos, agus a bhith air a bhualadh na làthair, a rèir a choire, le àireamh àraidh de bhuillean. Dà‑fhichead buille bheir e dha: cha tèid e thairis, air eagal nan rachadh e thairis, agus gum buaileadh e e os an cionn sin le mòran bhuillean, an sin gum biodh do bhràthair tàireil ad shùilean. Cha chuir thu ceangal air beul an daimh nuair a tha e a’ saltairt an arbhair. Nuair a ghabhas bràithrean còmhnaidh maille ri chèile, agus gum faigh aon dhiubh bàs, agus gun duine cloinne aige, cha phòs bean a’ mhairbh a‑mach ri coigreach: thèid a bràthair‐cèile a‑steach da h‑ionnsaigh, agus gabhaidh e dha fhèin i na mnaoi, agus nì e dlighe bràthar‐chèile rithe. Agus èiridh an ciad‐ghin mic a bheireas i suas ann an ainm a bhràthar a tha marbh, a‑chum nach dubhar a‑mach a ainm à Israel. Agus mura toigh leis an duine bean a bhràthar a ghabhail, an sin thèid bean a bhràthar suas don gheata a‑chum nan seanairean, agus their i, Tha mo bhràthair‐cèile a’ diùltadh ainm a thogail suas da bhràthair ann an Israel, chan àill leis dlighe bràthar‐chèile a dhèanamh rium. An sin gairmidh seanairean a’ bhaile air, agus labhraidh iad ris: agus ma sheasas e a‑mach, agus gun abair e, Chan àill leam a gabhail; An sin thig bean a bhràthar da ionnsaigh an làthair nan seanairean, agus fuasglaidh i a bhròg bhàrr a choise, agus tilgidh i smugaid na aodann, agus freagraidh agus their i, Mar seo nìthear ris an duine nach tog suas taigh a bhràthar. Agus goirear a ainm ann an Israel, Taigh an fhir aig a bheil a bhròg fuasgailte. Nuair a bhios daoine ri còmhstri cuideachd, neach ri neach eile, agus gun tig bean aoin dhiubh am fagas a dh’fhuasgladh a fir‐phòsda à làimh an fhir a tha ga bhualadh, agus gun sìn i a‑mach a làmh, agus gun gabh i greim air a bhuill dhiamhair, An sin gearraidh tu dhith a làmh: cha ghabh do shùil truas rithe. Cha bhi agad ann ad mhàla aon chothrom agus cothrom eile, cothrom mòr agus beag. Cha bhi agad ann ad thaigh aon soitheach agus soitheach eile tomhais, soitheach mòr agus beag. Cothrom iomlan agus ceart bidh agad, soitheach‐tomhais iomlan agus ceart bidh agad, a‑chum gum buanaichear do làithean anns an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut. Oir tha iadsan uile a nì na nithean sin, iadsan uile a nì gu h‑eucorach, nan gràinealachd don Tighearna do Dhia. Cuimhnich ciod a rinn Amalec ort anns an t‑slighe, nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit: Cionnas a choinnich e thu anns an t‑slighe, agus a bhuail e a’ chuid a bu deireannaiche dhìot, eadhon iadsan uile a bha lag ad dhèidh, nuair a bha thu fann agus sgìth, agus nach robh eagal Dhè air. Uime sin nuair a bheir an Tighearna do Dhia fois dhut od naimhdean uile mun cuairt, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut mar oighreachd ra shealbhachadh, dubhaidh tu as cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh; cha dìochuimhnich thu e. Agus nuair a thèid thu a‑steach don fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd, agus a shealbhaicheas tu e, agus a ghabhas tu còmhnaidh ann, An sin gabhaidh tu den chiad chuid de uile thoradh na talmhainn, a bheir thu leat ded fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut, agus cuiridh tu ann am basgaid e, agus thèid thu a‑chum an àit a thaghas an Tighearna do Dhia, a chur a ainme an sin. Agus thèid thu a dh’ionnsaigh an t‑sagairt a bhios ann anns na làithean sin, agus their thu ris, Tha mi ag aideachadh air an là‑an‑diugh don Tighearna do Dhia, gun tàinig mi don dùthaich a mhionnaich an Tighearna dar n‑athraichean gun tugadh e dhuinn. Agus gabhaidh an sagart a’ bhasgaid as do làimh, agus cuiridh e sìos i air beulaibh altair an Tighearna do Dhia. Agus freagraidh tu agus their thu an làthair an Tighearna do Dhia, Bu Shirianach air sheòl a bhith caillte m’athair, agus chaidh e sìos don Eiphit, agus bha e air chuairt an sin le beagan cuideachd, agus dh’fhàs e an sin na chinneach mòr, cumhachdach, agus lìonmhor: Agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinn, agus shàraich iad sinn, agus chuir iad daorsa chruaidh oirnn: Agus ghlaodh sinn ris an Tighearna, Dia ar n‑athraichean, agus dh’èisd an Tighearna ri ar guth, agus dh’amhairc e air ar n‑àmhghar, agus ar saothair, agus ar fòirneart: Agus thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhann mòr, agus le comharraidhean, agus le iongantasan: Agus thug e sinn don àite seo, agus thug e dhuinn am fearann seo, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus mil. Agus a‑nis, feuch, thug mi leam ciad‐thoradh an fhearainn a thug thusa, a Thighearna, dhomh. Agus cuiridh tu e am fianais an Tighearna do Dhia, agus nì thu adhradh am fianais an Tighearna do Dhia. Agus nì thu gàirdeachas anns gach nì math a thug an Tighearna do Dhia dhut, agus dod thaigh, thu fhèin, agus an Lèbhitheach, agus an coigreach a bhios nur measg. Nuair a chuireas tu crìoch air deicheamh a thoirt seachad, eadhon uile dheicheamh do chinneis air an treas bliadhna, bliadhna an deichimh, agus a bheir thu e don Lèbhitheach, don choigreach, don dìlleachdan, agus don bhantraich, a‑chum gun ith iad an taobh a‑staigh ded gheatachan agus gun sàsaichear iad; An sin their thu am fianais an Tighearna do Dhia, Thug mi leam na nithean naomha as mo thaigh, agus mar an ceudna thug mi iad don Lèbhitheach, agus don choigreach, don dìlleachdan, agus don bhantraich, a rèir d’àitheantan uile a dh’àithn thu dhomh: cha do bhris mi aon ded àitheantan, cha mhò a dhìochuimhnich mi iad. Cha d’ith mi a’ bheag dhiubh am bhròn, cha mhò a ghabh mi a’ bheag dhiubh gu feum neòghlan sam bith, cha mhò a thug mi a’ bheag dhiubh airson a’ mhairbh: dh’èisd mi ri guth an Tighearna mo Dhia; rinn mi a rèir nan uile nithean a dh’àithn thu dhomh. Amhairc a‑nuas o ionad‐còmhnaidh do naomhachd, o nèamh, agus beannaich do shluagh Israel, agus am fearann a thug thu dhuinn, mar a mhionnaich thu dar n‑athraichean, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus mil. Air an là‑an‑diugh dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut na reachdan agus na breitheanais sin a dhèanamh: uime sin coimheadaidh agus nì thu iad led uile chridhe agus led uile anam. Rinn thu roghainn an‑diugh den Tighearna gu bhith na Dhia dhut, agus gu gluasad na shlighean, agus gu a reachdan a ghleidheadh, agus a àitheantan, agus a bhreitheanais, agus gu èisdeachd ra ghuth. Agus thagh an Tighearna thusa an‑diugh gu bhith ad shluagh sònraichte dha fhèin, mar a gheall e dhut, agus a‑chum gun gleidheadh tu a àitheantan uile; Agus a‑chum gun dèanadh e àrd thu os cionn nan uile chinneach a rinn e, ann an cliù, agus ann an ainm, agus ann an urram; agus a‑chum gum biodh tu ad shluagh naomh don Tighearna do Dhia, mar a labhair e. Agus dh’àithn Maois agus seanairean Israeil don t‑sluagh, ag ràdh, Gleidhibh na h‑àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhuibh an‑diugh. Agus tàrlaidh, air an là anns an tèid sibh thar Iòrdan don fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut, gun cuir thu suas dhut fhèin clachan mòra, agus còmhdaichidh tu thairis le aol iad. Agus sgrìobhaidh tu orra uile bhriathran an lagha seo, nuair a thèid thu thairis, a‑chum is gun tèid thu a‑steach don fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; mar a gheall an Tighearna Dia d’athraichean dhut. Uime sin nuair a thèid sibh thar Iòrdan, cuiridh sibh suas na clachan sin, a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là‑an‑diugh, ann an sliabh Ebail, agus còmhdaichidh tu thairis le aol iad. Agus an sin togaidh tu suas altair don Tighearna do Dhia, altair de chlachan: cha tog thu suas inneal iarainn sam bith orra. De chlachan slàna togaidh tu altair an Tighearna do Dhia, agus bheir thu suas oirre ìobairtean‐loisgte don Tighearna do Dhia. Agus ìobraidh tu ìobairtean‐sìthe, agus ithidh tu an sin, agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia. Agus sgrìobhaidh tu air na clachan uile bhriathran an lagha seo gu ro‑shoilleir. Agus labhair Maois, agus na sagartan, na Lèbhithich, ri Israel uile, ag ràdh, Thoir an aire, agus èisd, O Israeil; air an là‑an‑diugh rinneadh thu ad shluagh don Tighearna do Dhia. Uime sin èisdidh tu ri guth an Tighearna do Dhia, agus nì thu a àitheantan, agus a reachdan, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh. Agus dh’àithn Maois don t‑sluagh air an là sin fhèin, ag ràdh, Seasaidh iad seo air sliabh Gheridsim a bheannachadh an t‑sluaigh, nuair a thèid sibh thar Iòrdan: Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Iòseph, agus Beniàmin: Agus seasaidh iad seo air sliabh Ebail a mhallachadh: Reuben, Gad, agus Aser, agus Sebulun, Dan, agus Naphtali. Agus labhraidh na Lèbhithich, agus their iad ri daoine Israeil uile le guth àrd: Mallaichte gu robh an duine a nì dealbh snaidhte no leaghte, gràinealachd don Tighearna, obair‐làmh an fhir‐cheàirde, agus a chuireas e ann an ionad diamhair: agus freagraidh an sluagh uile, agus their iad, Amen. Mallaichte gu robh esan a nì tàir air a athair no air a mhàthair: agus their an sluagh uile, Amen. Mallaichte gu robh esan a dh’atharraicheas crìoch fearann a choimhearsnaich: agus their an sluagh uile, Amen. Mallaichte gu robh esan a chuireas an dall air seachran anns an t‑slighe: agus their an sluagh uile, Amen. Mallaichte gu robh esan a chlaonas breitheanas a’ choigrich, an dìlleachdain, agus na bantraich: agus their an sluagh uile, Amen. Mallaichte gu robh esan a laigheas le mnaoi a athar, a chionn gu bheil e a’ leigeadh ris còmhdach a athar: agus their an sluagh uile, Amen. Mallaichte gu robh esan a laigheas le ainmhidh sam bith: agus their an sluagh uile, Amen. Mallaichte gu robh esan a laigheas le a phiuthair, nighean a athar, no nighean a mhàthar: agus their an sluagh uile, Amen. Mallaichte gu robh esan a laigheas le a mhàthair‐chèile: agus their an sluagh uile, Amen. Mallaichte gu robh esan a bhuaileas a choimhearsnach gu h‑uaigneach: agus their an sluagh uile, Amen. Mallaichte gu robh esan a ghabhas duais airson duine neo‐chiontach a mharbhadh: agus their an sluagh uile, Amen. Mallaichte gu robh esan nach daingnich uile bhriathran an lagha seo a‑chum an dèanamh: agus their an sluagh uile, Amen. Agus tàrlaidh, ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, a choimhead agus a dhèanamh a àithneantan uile, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun cuir an Tighearna do Dhia suas thu os cionn uile chinnich na talmhainn. Agus thig na beannachdan seo uile ort, agus beiridh iad ort, ma dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia. Beannaichte bidh tu anns a’ bhaile, agus beannaichte bidh tu anns a’ mhachair. Beannaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, agus toradh do sprèidhe, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach. Beannaichte bidh do bhasgaid agus do chuibhreann. Beannaichte bidh tu nuair a thig thu a‑steach, agus beannaichte bidh tu nuair a thèid thu a‑mach. Bheir an Tighearna fa‑near gum bi do naimhdean, a dh’èireas suas ad aghaidh, air am bualadh rod ghnùis: thig iad a‑mach ad aghaidh air aon slighe, agus teichidh iad romhad air seachd slighean. Aithnidh an Tighearna am beannachadh ort ad thaighean‐tasgaidh, agus anns gach nì ris an cuir thu do làmh; agus beannaichidh e thu anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut. Daingnichidh an Tighearna thu ad shluagh naomh dha fhèin, mar a mhionnaich e dhut, ma ghleidheas tu àitheantan an Tighearna do Dhia, agus ma ghluaiseas tu na shlighean. Agus chì uile chinnich na talmhainn gun goirear ainm an Tighearna ort, agus bidh eagal orra romhad. Agus nì an Tighearna saoibhir thu ann am maoin, ann an toradh do chuirp, agus ann an toradh do sprèidhe, agus ann an toradh do thalmhainn, anns an talamh a mhionnaich an Tighearna dod athraichean a thabhairt dhut. Fosglaidh an Tighearna dhut a dheagh ionmhas, na nèamhan a thoirt uisge dod fhearann na àm, agus a bheannachadh uile obraichean do làimhe; agus bheir thu an iasad do mhòran chinneach, agus cha ghabh thu an iasad. Agus nì an Tighearna an ceann dhìot, agus chan e an t‑earball; agus bidh tu a‑mhàin an uachdar, agus cha bhi thu an ìochdar; ma dh’èisdeas tu ri àitheantan an Tighearna do Dhia, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun coimhead agus gun dèan thu iad. Agus cha tèid thu a‑thaobh o aon air bith de na briathran a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum na làimhe deise no a‑chum na làimhe clìthe, a dhol an dèidh dhiathan eile a dhèanamh seirbhis dhaibh. Ach tàrlaidh, mura èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a thoirt fa‑near gun dèan thu a àitheantan agus a reachdan uile, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, gun tig na mallachdan seo uile ort, agus gum beir iad ort. Mallaichte bidh tu anns a’ bhaile, agus mallaichte bidh tu anns a’ mhachair. Mallaichte bidh do bhasgaid agus do chuibhreann. Mallaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach. Mallaichte bidh tu nuair a thig thu a‑steach, agus mallaichte bidh tu nuair a thèid thu a‑mach. Cuiridh an Tighearna ort mallachadh, mì‑shuaimhneas, agus achmhasan, anns gach nì ris an cuir thu do làmh, gu a dhèanamh, gus an sgriosar thu, agus gus an tèid as dhut gu h‑obann, airson aingidheachd do ghnìomharan leis an do thrèig thu mise. Bheir an Tighearna air a’ phlàigh leantainn riut, gus an claoidh e thu bhàrr an fhearainn, da bheil thu a’ dol a‑steach ga shealbhachadh. Buailidh an Tighearna thu le caitheamh agus le fiabhras, agus le ainteas, agus le àrd‐losgadh, agus leis a’ chlaidheamh, agus le seargadh, agus le fuar‐dhealt; agus leanaidh iad thu gus an tèid as dhut. Agus bidh do speuran a tha os do chionn nan umha, agus an talamh a tha fodhad na iarann. Nì an Tighearna uisge d’fhearainn na luaithre agus na dhuslach: o nèamh thig e a‑nuas ort, gus an sgriosar thu. Bheir an Tighearna fa‑near gum buailear thu air beulaibh do naimhdean: thèid thu a‑mach air aon slighe nan aghaidh, agus teichidh tu romhpa air seachd slighean; agus atharraichear thu a‑chum uile rìoghachdan na talmhainn. Agus bidh do chlosach na biadh aig uile eunlaith an adhair, agus aig beathaichean na talmhainn, agus chan fhuadaich duine sam bith air falbh iad. Buailidh an Tighearna thu le neasgaid na h‑Eiphit, agus le ruith fala, agus le càrr, agus le cloimh, de nach bi e an comas do leigheas. Buailidh an Tighearna thu le cuthach, agus le doille, agus le uamhann cridhe. Agus smeuraichidh tu mu mheadhon‐là, mar a smeuraicheas an dall anns an dorchadas, agus cha soirbhich leat ad shlighean: agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart, agus air do chreachadh a‑ghnàth, agus cha teasairg duine sam bith thu. Nì thu ceangal‐pòsaidh ri mnaoi, agus laighidh fear eile leatha: togaidh tu taigh, agus cha ghabh thu còmhnaidh ann: suidhichidh tu fìonlios, agus cha tionail thu a fhìondhearcan. Marbhar do dhamh fa chomhair do shùl, agus chan ith thu dheth: bheirear air falbh d’asal a dh’aindeoin as do làthair, agus cha toirear air a h‑ais dhut i: bheirear do chaoraich dod naimhdean, agus cha bhi neach agad a bheir uapa iad. Bheirear do mhic agus do nigheanan do shluagh eile, agus chì do shùilean, agus fàilnichidh iad le fadal air an son rè an là: agus cha bhi neart sam bith ad làimh. Toradh d’fhearainn, agus do shaothair uile, ithidh cinneach suas nach b’aithne dhut; agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart agus air do bhruthadh an còmhnaidh: Air chor is gum bi thu air mhì‐chèill, airson sealladh do shùl a chì thu. Buailidh an Tighearna thu anns na glùinean, agus anns na casan, le neasgaid chràitich nach gabh a leigheas, o bhonn do choise gu mullach do chinn. Bheir an Tighearna thu fhèin agus do rìgh a chuireas tu os do chionn gu cinneach nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, do fhiodh agus do chloich. Agus bidh tu ad uamhas, ad shamhladh, agus ad lethfhacal, am measg nan uile chinneach gus an treòraich an Tighearna thu. Bheir thu mòran sìl a‑mach don fhearann, ach is beag a chruinnicheas tu a‑steach: oir ithidh an lòcast suas e. Suidhichidh tu fìonliosan agus deasaichidh tu iad, ach chan òl thu den fhìon, cha mhò a chruinnicheas tu na dearcan: oir ithidh a’ chnuimh iad. Bidh croinn‐ola agad air feadh do chrìochan uile, ach chan ung thu thu fhèin leis an ola: oir tilgidh do chrann‐ola a thoradh. Ginidh tu mic agus nigheanan, ach cha mheal thu iad; oir thèid iad am braighdeanas. Do chraobhan uile agus toradh d’fhearainn, millidh an lòcast. Eiridh an coigreach a tha nur measg suas gu ro‑àrd os do chionn: agus thig thusa a‑nuas gu ro‑ìosal. Bheir e an iasad dhut, agus cha toir thusa an iasad dha: bidh esan na cheann, agus bidh tusa ad earball. Agus thig na mallachdan seo uile ort, agus leanaidh iad thu, agus beiridh iad ort, gus an sgriosar thu, a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan agus a reachdan a dh’àithn e dhut: Agus bidh iad ort mar chomharradh agus mar iongantas, agus air do shliochd a‑chaoidh. A chionn nach do rinn thu seirbhis don Tighearna do Dhia le gàirdeachas, agus le subhachas cridhe, airson pailteas nan uile nithean; Uime sin nì thu seirbhis dod naimhdean, a chuireas an Tighearna ad aghaidh, ann an acras, agus ann an tart, agus ann an lomnochdaidh, agus ann an uireasbhaidh nan uile nithean; agus cuiridh e cuing iarainn air do mhuineal, gus an cuir e as dhut. Bheir an Tighearna cinneach ad aghaidh o ionad fada o làimh, o iomall na talmhainn, mar an iolair air iteig: cinneach nach tuig thu an cainnt: Cinneach aig a bheil aghaidh bhorb, nach toir urram do ghnùis an aosmhoir, agus nach dèan iochd ris an òg: Agus ithidh e toradh do sprèidhe, agus toradh d’fhearainn, gus an sgriosar thu: neach nach fàg agad arbhar, fìon, no ola, fàs do chruidh, no treudan do chaorach, gus an cuir e as dhut. Agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan uile, gus am brisear sìos do bhallachan àrda agus daingnichte, anns an robh do dhòigh, air feadh d’fhearainn uile; agus teannaichidh e thu ann ad gheatachan, air feadh d’fhearainn uile a thug an Tighearna do Dhia dhut. Agus ithidh tu toradh do chuirp fhèin, feòil do mhac agus do nigheanan, a thug an Tighearna do Dhia dhut, anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do naimhdean thu: Air chor is an duine a tha maoth nur measg, agus ro‑shòghmhor, gum bi a shùil olc a‑thaobh a bhràthar, agus a‑thaobh bean a uchd fhèin, agus a‑thaobh iarmad a chloinne a dh’fhàgas e: Air chor is nach toir e do aon dhiubh a’ bheag de fheòil a chloinne a dh’itheas e; a chionn nach fàgar a’ bheag aige anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do naimhdean thu ad gheatachan uile. A’ bhean mhaoth agus shòghmhor nur measg, nach dùraigeadh bonn a coise a chur air an talamh a‑thaobh mùirn agus maothalachd, bidh a sùil olc a‑thaobh fear‐pòsda a h‑uchd, agus a‑thaobh a mic, agus a‑thaobh a h‑ighinn, Agus a‑thaobh a’ mhaothrain a thig a‑mach o eadar a casan, agus a‑thaobh a cloinne a bheireas i: oir ithidh i iad a dh’uireasbhaidh nan uile nithean an diamhaireachd anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaich do nàmhaid thu ad gheatachan. Mura toir thu an aire uile bhriathran an lagha seo a dhèanamh, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, a‑chum gum bi eagal an ainm ghlòrmhoir agus uamhasaich seo ort, AN TIGHEARNA DO DHIA: An sin nì an Tighearna do phlàighean iongantach, agus plàighean do shliochd, eadhon plàighean mòra agus maireannach, agus eucailean cràiteach agus fadalach. A bhàrr air seo, bheir e ort uile ghalaran na h‑Eiphit, ron robh eagal ort; agus leanaidh iad riut. Mar an ceudna gach tinneas agus gach plàigh, nach eil sgrìobhte ann an leabhar an lagha seo, iad sin bheir an Tighearna ort, gus an sgriosar thu. Agus fàgar sibh tearc ann an àireamh, an àite gu robh sibh mar reultan nèimh an lìonmhorachd; a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia. Agus tàrlaidh, mar a rinn an Tighearna gàirdeachas os ur cionn a dhèanamh maith dhuibh, agus gu ur dèanamh lìonmhor, mar sin gun dèan an Tighearna gàirdeachas os ur cionn gu ur sgrios, agus gu ur toirt gu neoni: agus spìonar sibh as an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh. Agus sgapaidh an Tighearna thu am measg nan uile chinneach, on dara ceann den talamh eadhon gus an ceann eile den talamh; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean, eadhon do fhiodh agus do chloich. Agus am measg nan cinneach sin chan fhaigh thu suaimhneas sam bith, cha mhò a bhios fois aig bonn do choise: ach bheir an Tighearna dhut an sin cridhe gealtach, agus fàilneachadh shùl, agus doilgheas inntinn. Agus bidh do bheatha crochte ann an amharas fad chomhair; agus bidh eagal ort a là agus a dh’oidhche, agus cha bhi cinnt air bith agad ded bheatha. Anns a’ mhadainn their thu, Och! nach b’e am feasgar e; agus anns an fheasgar their thu, Och! nach b’e a’ mhadainn e; airson eagal do chridhe, leis am bi eagal ort, agus airson sealladh do shùl a chì thu. Agus bheir an Tighearna a‑rìs thu don Eiphit ann an longan, air an t‑slighe mun dubhairt mi riut, Chan fhaic thu a‑rìs i tuilleadh: agus an sin reicear sibh ri ur naimhdean mar thràillean agus mar bhan‐tràillean, agus cha bhi neach ann gu ur ceannach. Is iad sin briathran a’ choicheangail a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a dhèanamh ri cloinn Israeil, ann an tìr Mhòaib, a thuilleadh air a’ choicheangal a rinn e riu ann an Hòreb. Agus thug Maois gairm do Israel uile, agus thubhairt e riu, Chunnaic sibh gach nì a rinn an Tighearna fa chomhair ur sùl ann an tìr na h‑Eiphit, ri Phàraoh, agus ra sheirbhisich uile, agus ra fhearann uile; Na deuchainnean mòra a chunnaic do shùilean, na comharraidhean agus na h‑iongantasan mòra sin; Gidheadh cha tug an Tighearna dhuibh cridhe a thuigsinn, agus sùilean a dh’fhaicinn, agus cluasan a chluinntinn, gus an là‑an‑diugh. Agus threòraich mise sibh dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach; cha do chaitheadh ur n‑aodach dhibh le aois, agus cha do chaitheadh do bhròg le aois bhàrr do choise. Cha d’ith sibh aran, cha mhò a dh’òl sibh fìon, no deoch làidir; a‑chum gum biodh fios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia. Agus nuair a thàinig sibh don àite seo, thàinig Sihon rìgh Hesboin, agus Og rìgh Bhasain, a‑mach nar n‑aghaidh a‑chum catha, agus bhuail sinn iad. Agus ghlac sinn am fearann, agus thug sinn e mar oighreachd do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth‐threubh Mhanaseh. Gleidhibh uime sin briathran a’ choicheangail seo, agus dèanaibh iad, a‑chum gun soirbhich leibh anns gach nì a nì sibh. Tha sibh uile nur seasamh an‑diugh an làthair an Tighearna ur Dia; ceannardan ur treubhan, ur seanairean, agus ur luchd‐riaghlaidh, fir Israeil uile, Ur clann bheag, ur mnathan, agus do choigreach a tha ann ad champ o fhear‐gearraidh d’fhiodha gu fear‐tarraing d’uisge; A‑chum gun rachadh tu ann an coicheangal ris an Tighearna do Dhia, agus na mhionnan‐san, a tha an Tighearna do Dhia a’ dèanamh riut air an là‑an‑diugh: A‑chum gun daingnich e thu an‑diugh mar shluagh dha fhèin, agus gum bi esan dhutsa na Dhia, mar a thubhairt e riut, agus mar a mhionnaich e dod athraichean, do Abrahàm do Isaac, agus do Iàcob. Agus chan ann ribhse a‑mhàin a tha mise a’ dèanamh a’ choicheangail seo, agus nam mionnan seo; Ach ris‐san a tha an seo maille rinn na sheasamh an‑diugh an làthair an Tighearna ar Dia, agus mar an ceudna ris‐san nach eil an seo maille rinn an‑diugh: (Oir is aithne dhuibh cionnas a bha sinn a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit, agus cionnas a thàinig sinn tro mheadhon nan cinneach air an deachaidh sibh seachad: Agus chunnaic sibh an gràinealachdan, agus an iodhalan, fiodh agus clach, airgead agus òr, a bha nam measg:) Air eagal gum biodh nur measg fear, no bean, no teaghlach, no treubh, a chlaonas a chridhe air falbh an‑diugh on Tighearna ar Dia, a dhol a dhèanamh seirbhis do dhiathan nan cinneach sin; air eagal gum biodh nur measg freumh a bheir uaithe mar thoradh nimh agus searbhas; Agus nuair a chluinneas e briathran a’ mhallachaidh seo, an sin gum beannaich e e fhèin na chridhe, ag ràdh, Bidh sìth agam, ged a ghluais mi ann an ana‑miann mo chridhe fhèin, a chur misge ri pathadh: Cha chaomhain an Tighearna e, ach an sin cuiridh fearg an Tighearna, agus a eud, smùid dhiubh an aghaidh an duine sin, agus laighidh gach mallachadh air a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, agus dubhaidh an Tighearna a‑mach a ainm o bhith fo nèamh. Agus sgaraidh an Tighearna e a‑chum uilc, a‑mach à treubhan Israeil uile, a rèir uile mhallachdan a’ choicheangail, a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha seo: Air chor is gun abair an ginealach ri teachd, ur clann a dh’èireas suas nur dèidh, agus an coigreach a thig o thìr fada o làimh, nuair a chì iad plàighean an fhearainn sin, agus a eucailean a leig an Tighearna air; Agus gu bheil a thalamh uile na phronnasg, agus na shalann, agus na losgadh, nach eil e air a chur, no a’ toirt toraidh uaithe, agus nach eil feur sam bith a’ fàs ann, cosmhail ri sgrios Shòdoim agus Ghomorrah, Admah agus Sheboim, a sgrios an Tighearna na fheirg, agus na chorraich; Their eadhon na h‑uile chinnich, Carson a bhuin an Tighearna mar seo ris an fhearann seo? Ciod as ciall do theas na corraich mhòir seo? An sin their daoine, A chionn gun do thrèig iad coicheangal an Tighearna Dia an athraichean, a rinn e riu, nuair a thug e a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit: Oir chaidh iad agus rinn iad seirbhis do dhiathan eile, agus rinn iad adhradh dhaibh, diathan nach b’aithne dhaibh, agus nach tug esan dhaibh: Agus las corraich an Tighearna an aghaidh an fhearainn seo, a thoirt nam mallachdan sin uile air a tha sgrìobhte anns an leabhar seo: Agus spìon an Tighearna a‑mach iad as am fearann ann am feirg, agus ann an corraich, agus ann an lasan ro‑mhòr, agus thilg e iad do dhùthaich eile, mar air an là‑an‑diugh. Buinidh na nithean diamhair don Tighearna ar Dia, ach na nithean a tha foillsichte dhuinne agus dar cloinn a‑chaoidh, a‑chum is gun dèan sinn uile bhriathran an lagha seo. Agus nuair a thig na nithean seo uile ort, am beannachadh agus am mallachadh, a chuir mise romhad, agus a chuimhnicheas tu orra am measg nan cinneach uile a‑chum an d’fhògair an Tighearna do Dhia thu, Agus a thilleas tu a dh’ionnsaigh an Tighearna do Dhia, agus a bheir thu gèill da ghuth, a rèir nan uile nithean a tha mise ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, thu fhèin agus do chlann, led uile chridhe, agus led uile anam; An sin bheir an Tighearna do Dhia air ais do bhraighdeanas, agus nì e iochd riut, agus tillidh e agus cruinnichidh e thu as na h‑uile chinnich a‑chum an do sgap an Tighearna do Dhia thu. Ma dh’fhògradh neach agad gus a’ chuid as iomallaiche de nèamh, as a sin cruinnichidh an Tighearna do Dhia thu, agus as a sin bheir e thu: Agus bheir an Tighearna do Dhia thu don fhearann a shealbhaich d’athraichean, agus sealbhaichidh tu e; agus nì e math dhut, agus bheir e ort fàs lìonmhor os cionn d’athraichean. Agus timcheall‐ghearraidh an Tighearna do Dhia do chridhe, agus cridhe do shliochd, a ghràdhachadh an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, a‑chum gum bi thu beò. Agus cuiridh an Tighearna do Dhia na mallachdan sin uile air do naimhdean, agus orrasan aig a bheil fuath dhut, a rinn geur‐leanmhainn ort. Agus tillidh tu agus bheir thu gèill do ghuth an Tighearna, agus nì thu a àitheantan uile a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh. Agus nì an Tighearna do Dhia pailt thu ann an uile obair do làimhe, ann an toradh do chuirp, agus ann an toradh do sprèidhe, agus ann an toradh d’fhearainn, a‑chum maith: oir nì an Tighearna a‑rìs gàirdeachas os do chionn a‑chum maith, mar a rinn e gàirdeachas os cionn d’athraichean; Ma dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan, agus a reachdan, a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha seo, agus ma thilleas tu a‑chum an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam. Oir an àithne seo a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, chan eil i am falach ort, cha mhò a tha i fada uat. Chan eil i anns na nèamhan, air chor is gun abradh tu, Cò a thèid suas air ar son do na nèamhan, agus a bheir i dar n‑ionnsaigh, a‑chum is gun cluinn sinn i, agus gun dèan sinn i? Cha mhò a tha i an taobh thall den fhairge, air chor is gun abradh tu, Cò a thèid a‑null air ar son thar an fhairge, agus a bheir i dar n‑ionnsaigh a‑chum gun cluinn sinn i, agus gun dèan sinn i? Ach tha am facal ro‑fhagas dhut, ann ad bheul, agus ann ad chridhe, a‑chum gun dèan thu e. Feuch, chuir mi romhad an‑diugh beatha agus math, agus bàs agus olc; A mheud gu bheil mi ag àithneadh dhut an‑diugh an Tighearna do Dhia a ghràdhachadh, gluasad na shlighean, agus a àitheantan a ghleidheadh, agus a reachdan, agus a bhreitheanais, a‑chum gum bi thu beò, agus gum fàs thu lìonmhor agus gum beannaich an Tighearna do Dhia thu anns an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh. Ach ma thionndaidheas do chridhe air falbh agus nach èisd thu, ach gun tàirngear air falbh thu, agus gun dèan thu adhradh do dhiathan eile, agus gun dèan thu seirbhis dhaibh; Tha mi ag innse dhuibh air an là‑an‑diugh gun sgriosar gu cinnteach sibh, agus nach buanaich sibh ur làithean air an fhearann, da bheil thu a’ dol thar Iòrdan, gu gabhail a‑steach ga shealbhachadh. Tha mi a’ gairm nan nèamh agus na talmhainn mar fhianaisean nur n‑aghaidh air an là‑an‑diugh, gun do chuir mi beatha agus bàs fa ur comhair, beannachadh agus mallachadh: uime sin roghnaich beatha, a‑chum gum bi thu fhèin agus do shliochd beò: A‑chum gun gràdhaich thu an Tighearna do Dhia, agus gun toir thu gèill da ghuth, agus gun lean thu ris; (oir is esan do bheatha, agus fad do làithean;) a‑chum gun gabh thu còmhnaidh anns an fhearann a mhionnaich an Tighearna dod athraichean, do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, gun tugadh e dhaibh. Agus chaidh Maois agus labhair e na briathran seo ri Israel uile. Agus thubhairt e riu, Tha mise ceud agus fichead bliadhna a dh’aois air an là‑an‑diugh; chan urrainn mi tuilleadh dol a‑mach agus teachd a‑steach: agus thubhairt an Tighearna rium, Cha tèid thu thar an Iòrdan seo. Thèid an Tighearna do Dhia e fhèin a‑null romhad; sgriosaidh esan na cinnich sin od làthair, agus sealbhaichidh tu iad: agus thèid Iosua a‑null romhad, mar a thubhairt an Tighearna. Agus nì an Tighearna riu mar a rinn e ri Sihon, agus ri Og, rìghrean nan Amorach, agus ri fearann na muinntir sin a sgrios e. Agus bheir an Tighearna thairis iad ro ur gnùis, a‑chum gun dèan sibh riu a rèir gach àithne a dh’àithn mise dhuibh. Bithibh làidir, agus biodh deagh mhisneach agaibh, na biodh eagal oirbh, agus na gabhaibh geilt romhpa: oir is e an Tighearna do Dhia e fhèin a thèid leat; cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu. Agus ghairm Maois air Iosua, agus thubhairt e ris ann an sealladh Israeil uile, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir is tusa a thèid a‑steach leis an t‑sluagh seo don fhearann a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhaibh; agus bheir thu orra a shealbhachadh mar oighreachd. Agus thèid an Tighearna e fhèin romhad; bidh esan maille riut, cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu: na gabh eagal, agus na biodh geilt ort. Agus sgrìobh Maois an lagh seo, agus thug e e do na sagartan, mic Lèbhi, a tha a’ giùlan àirc coicheangal an Tighearna, agus do sheanairean Israeil uile. Agus dh’àithn Maois dhaibh, ag ràdh, Aig ceann gach seachd bliadhna, ann an àm òrdaichte bliadhna an fhuasglaidh, aig fèill nam pàillean, Nuair a thig Israel uile gan taisbeanadh fhèin an làthair an Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas e; leughaidh tu an lagh seo an làthair Israeil uile, nan èisdeachd. Cruinnich an sluagh ri chèile, fir, agus mnathan, agus clann, agus do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun cluinn iad, agus gum fòghlaim iad, agus gum bi eagal an Tighearna ur Dia orra, agus gun toir iad fa‑near uile bhriathran an lagha seo a dhèanamh; Agus gun cluinn an clann do nach b’aithne a’ bheag, agus gum fòghlaim iad eagal an Tighearna ur Dia a bhith orra, am fad agus as beò dhuibh anns an fhearann da bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, tha do làithean a’ dlùthachadh anns am feum thu bàs fhaghail: gairm air Iosua, agus nochdaibh sibh fhèin ann am pàillean a’ choitheanail, a‑chum is gun toir mise àithne dha. Agus chaidh Maois agus Iosua, agus nochd iad iad fhèin ann am pàillean a’ choitheanail. Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin anns a’ phàillean ann am meall neòil: agus sheas am meall neòil os cionn doras a’ phàillein. Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, caidlidh tusa maille rid athraichean; agus èiridh an sluagh seo suas, agus thèid iad le strìopachas an dèidh diathan na tìre coimhich sin da bheil iad a’ dol a‑steach gu fantainn na meadhon, agus trèigidh iad mise, agus brisidh iad mo choicheangal a rinn mi riu. Agus lasaidh mo chorraich nan aghaidh anns an là sin, agus trèigidh mi iad, agus falaichidh mi mo ghnùis uapa, agus ithear suas iad, agus thig mòran olc agus àmhgharan orra, air chor is gun abair iad anns an là sin, Nach ann a chionn nach eil ar Dia nar measg a thàinig na h‑uilc seo oirnn? Agus gu cinnteach falaichidh mise mo ghnùis anns an là sin, airson gach uilc a dh’obraich iad, a chionn gun do thionndaidh iad an dèidh dhiathan eile. A‑nis uime sin sgrìobhaibh‐se dhuibh fhèin an laoidh seo, agus teagaisgibh i do chloinn Israeil: cuir i nam beul, a‑chum gum bi an laoidh seo mar fhianais dhòmhsa an aghaidh chloinn Israeil. Oir nuair a bheir mi a‑steach iad don fhearann a mhionnaich mi dan athraichean, a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil, agus a dh’itheas iad agus a shàsaichear iad, agus a dh’fhàsas iad reamhar; an sin tionndaidhidh iad gu diathan eile, agus nì iad seirbhis dhaibh, agus brosnaichidh iad mi, agus brisidh iad mo choicheangal. Agus tàrlaidh, nuair a thig mòran olc agus àmhgharan orra, gun labhair an laoidh seo mar fhianais nan aghaidh; oir cha dìochuimhnichear i à beul an sliochd: oir is aithne dhomh an smuaintean a tha iad a’ dealbh an‑diugh fhèin, mun tug mi a‑steach iad don fhearann a mhionnaich mi. Sgrìobh uime sin Maois an laoidh seo air an là sin fhèin, agus theagaisg e i do chloinn Israeil. Agus dh’àithn e do Iosua mac Nuin, agus thubhairt e, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir bheir thu clann Israeil don fhearann a mhionnaich mi dhaibh; agus bidh mise maille riut. Agus nuair a chuir Maois crìoch air sgrìobhadh briathran an lagha seo ann an leabhar, gus an do chrìochnaicheadh iad; An sin dh’àithn Maois do na Lèbhithich, a tha a’ giùlan àirc coicheangal an Tighearna, ag ràdh, Gabhaibh leabhar an lagha seo, agus cuiribh e aig taobh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, a‑chum gum bi e an sin mar fhianais ad aghaidh. Oir is aithne dhomh do cheannairc, agus do mhuineal rag: feuch, am feadh is a tha mi fhathast beò maille ribh an‑diugh, bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna; agus cia as mò na sin a bhios sibh an dèidh mo bhàis? Cruinnichibh am ionnsaigh seanairean ur treubhan uile, agus ur luchd‐riaghlaidh, a‑chum is gun labhair mi nan cluasan na briathran seo, agus gun gairm mi na nèamhan agus an talamh mar fhianaisean nan aghaidh. Oir tha fhios agam, an dèidh mo bhàis gun truaill sibh sibh fhèin gu tur, agus gun tèid sibh a thaobh on t‑slighe a dh’àithn mi dhuibh; agus thig olc oirbh anns na làithean deireannach, a chionn gun dèan sibh olc ann an sealladh an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg le obair ur làmh. Agus labhair Maois ann an cluasan uile cho‐chruinneachadh Israeil briathran na laoidhe seo, gus an do chrìochnaicheadh iad. Cluinnibh, O nèamhan, agus labhraidh mi; agus èisdeadh an talamh ri briathran mo bheòil. Silidh mar an t‑uisge mo theagasg, tuitidh mar an drùchd mo chainnt; mar mhìn‐uisge air an lus mhaoth, agus mar fhrasan air an fheur; A chionn gum foillsich mi ainm an Tighearna: thugaibh‐se mòrachd dar Dia‑ne. Is esan a’ charraig, tha a obair iomlan; oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan. Thruaill iad iad fhèin, chan e an smal smal a chloinne‐san: is ginealach coirbte agus fiar iad. An ann mar seo a dh’ìocas sibh don Tighearna, O shluaigh amaidich agus gun chèill? Nach esan d’athair a cheannaich thu? Nach do rinn e thu agus nach do dhaingnich e thu? Cuimhnich na làithean o chian, thoir fa‑near bliadhnachan nan iomadh ginealach: fiosraich ded athair, agus nochdaidh e dhut; ded sheanairean agus innsidh iad dhut. Nuair a roinn an Tì as ro‑àirde do na cinnich an oighreachd, nuair a sgar e mic Adhaimh o chèile, shuidhich e crìochan nan sluagh a rèir àireamh chloinn Israeil: Oir is e a shluagh cuibhreann an Tighearna; is e Iàcob crannchur a oighreachd‐san. Fhuair e ann am fearann fàs e, eadhon ann am fàsach falamh, làn ulfhartaich: threòraich e mun cuairt e, theagaisg e e, ghlèidh e mar ubhal a shùla e. Mar a charaicheas iolair suas a nead, a dh’itealaicheas i os cionn a h‑àlaich, a sgaoileas i a‑mach a sgiathan, a ghabhas i iad, a ghiùlaineas i iad air a sgiathan; Mar sin threòraich an Tighearna na aonar esan, agus cha robh Dia coigreach maille ris. Thug e air marcachd air àitean àrda na talmhainn, a‑chum gun itheadh e toradh an fhearainn, agus thug e air mil a dheoghal as a’ charraig, agus ola as a’ charraig ailbhinn; Im cruidh, agus bainne chaorach, maille ri saill uan agus reitheachan de shìol Bhasain, agus ghobhar, maille ri reamhrachd àirnean a’ chruithneachd; agus dh’òl thu fuil fhìorghlan nam fìondhearc. Ach dh’fhàs Iesurun reamhar, agus bhreab e; tha thu air cinntinn reamhar, tha thu air fàs tiugh, tha thu còmhdaichte le saill: an sin thrèig e an Dia a rinn e, agus rinn e dìmeas air carraig a shlàinte. Bhrosnaich iad e gu eud le diathan eile, le gràinealachdan chuir iad corraich air. Dh’ìobair iad do dheamhain, chan ann do Dhia; do dhiathan nach b’aithne dhaibh, do dhiathan nuadha a dh’ùr‑èirich suas, ro nach robh eagal air ur n‑athraichean. Air a’ charraig a ghin thu tha thu mì‑chuimhneachail, agus tha thu dearmadach air an Dia a dhealbh thu. Agus nuair a chunnaic an Tighearna e, ghabh e gràin dhiubh, airson brosnachadh a mhac agus a nigheanan. Agus thubhairt e, Falaichidh mi mo ghnùis uapa, chì mi ciod as crìoch dhaibh: oir is ginealach ro‑choirbte iad, clann anns nach eil creideamh. Rinn iad eudmhor mise leis an nì nach Dia, bhrosnaich iad mi gu feirg len dìomhanais: agus nì mise eudmhor iadsan leòsan nach eil nan sluagh, brosnaichidh mi iad gu feirg le cinneach amaideach. Oir tha teine air fhadadh am fheirg, agus loisgidh e gu ifrinn ìochdaraich, agus cuiridh e as don talamh le a thoradh, agus cuiridh e ri theine bunaitean nam beann. Càrnaidh mi suas uilc orra, mo shaighdean caithidh mi orra. Claoidhear iad le acras, agus cuirear as dhaibh le teas loisgeach, agus le sgrios searbh: fiaclan fhiadh‐bheathaichean mar an ceudna cuiridh mi orra, maille ri nimh nathraichean an duslaich. On leth a‑muigh sgriosaidh an claidheamh, agus on leth a‑staigh uamhann, araon an t‑òigfhear agus an òigh, an cìochran agus fear na gruaige lèithe. Thubhairt mi, Sgapaidh mi iad gu cùiltean, bheir mi air an cuimhne sgur o mheasg dhaoine: Mura biodh gu robh eagal orm ro chorraich an nàmhaid, air eagal gun giùlaineadh an eascairdean iad fhèin gu mì‑chubhaidh, air eagal gun abradh iad, Is i ar làmh àrd‐ne, agus chan e an Tighearna, a rinn seo uile. Oir is cinneach gun chomhairle iad, cha mhò a tha tuigse annta. O gum biodh iad glic, gun tuigeadh iad seo, gun tugadh iad fa‑near an crìoch dheireannach! Cionnas a chuireadh a h‑aon ruaig air mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle air theicheadh, mura biodh an carraig air an reiceadh, agus mura biodh an Tighearna air an druideadh suas? Oir mar ar carraig‐ne chan eil an carraig‐san, air bhith dar naimhdean fhèin nam britheamhan. Oir de fhìonain Shòdoim tha am fìonain‐san, agus de mhachraichean Ghomorrah: is fìondhearcan mairbhteach am fìondhearcan, tha am bagaidean searbh: Is e nimh nan dràgon am fìon, agus puinsean an‑iochdmhor nan nathraichean nimhe. Nach eil seo air a thasgadh suas agam, air a sheulachadh am ionmhasan? Dhòmhsa buinidh dìoghaltas, agus luigheachd; ri ùine sleamhnaichidh an cas: oir tha là an sgrios am fagas, agus tha na nithean a thig orra a’ dèanamh deifir. Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach, nuair a chì e gun d’fhalbh an neart, agus nach eil neach dhiubh air a dhruideadh suas, no air fhàgail. Agus their e, Càit a bheil an diathan, a’ charraig as an d’earb iad; A dh’ith saill an ìobairtean, a dh’òl fìon an tabhartais‐dibhe? – èireadh iad suas, agus cuidicheadh iad leibh; biodh iad dhuibh nan dìdean. Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh. Oir togaidh mi suas mo làmh gu nèamh, agus their mi, Is beò mise gu sìorraidh. Ma gheuraicheas mi mo chlaidheamh lasrach, agus ma nì mo làmh greim air breitheanas, ìocaidh mi dìoghaltas dom naimhdean, agus bheir mi luigheachd dhaibhsan aig a bheil fuath dhomh. Cuiridh mi air mhisg mo shaighdean le fuil, agus ithidh mo chlaidheamh suas feòil; eadhon le fuil nam marbh, agus nam braighdean, o thoiseach nan dìoghaltas air an nàmhaid. Dèanaibh gàirdeachas, O chinnich, maille ra shluagh‐san: oir dìolaidh e fuil a sheirbhiseach, agus nì e dìoghaltas air a eascairdean, agus bidh e tròcaireach da thìr, agus da shluagh fhèin. Agus thàinig Maois, agus labhair e uile bhriathran na laoidhe seo ann an èisdeachd an t‑sluaigh, e fhèin agus Hosèa mac Nuin. Agus chuir Maois crìoch air na briathran sin uile a labhairt ri Israel uile: Agus thubhairt e riu, Socraichibh ur cridhe air na facail uile air a bheil mise a’ toirt fianais nur measg air an là‑an‑diugh, a dh’àithneas sibh dur cloinn a choimhead, a‑chum gun dèan iad uile bhriathran an lagha seo. Oir cha nì dìomhain e dhuibh, a chionn gur e ur beatha e; agus leis an nì seo buanaichidh sibh ur làithean anns an fhearann a tha sibh a’ dol a‑null thar Iòrdan ga shealbhachadh. Agus labhair an Tighearna ri Maois anns an là sin fhèin, ag ràdh, Imich suas don bheinn seo Abarim, do shliabh Nebo, a tha ann an tìr Mhòaib, a tha fa chomhair Iericho, agus gabh sealladh de thìr Chanàain, a tha mi a’ toirt do chloinn Israeil mar sheilbh; Agus gheibh thu bàs anns an t‑sliabh don tèid thu suas, agus cruinnichear thu a‑chum do dhaoine; mar a fhuair Aaron do bhràthair bàs ann an sliabh Hor, agus a chruinnicheadh e a‑chum a dhaoine: A chionn gun do chiontaich sibh am aghaidh‐sa am measg chloinn Israeil, aig uisgeachan Mheribah‐Cadeis, ann am fàsach Shin; do bhrìgh nach do naomhaich sibh mi am meadhon chloinn Israeil. Gidheadh chì thu am fearann fad chomhair; ach cha tèid thu a‑steach don fhearann a tha mi a’ tabhairt do chloinn Israeil. Agus is e seo am beannachadh leis an do bheannaich Maois, òglach Dhè, clann Israeil ro a bhàs. Agus thubhairt e, Thàinig an Tighearna o Shinài, agus dh’èirich e suas dhaibh o Sheir; dhealraich e a‑mach o shliabh Pharain, agus thàinig e le deich mìle de naoimh: o a dheas làimh chaidh lagh teine a‑mach dhaibh. Seadh, ghràdhaich e an sluagh; tha a naoimh uile ad làimh: agus shuidh iad sìos aig do chasan; gheibh gach neach ded bhriathran. Dh’àithn Maois lagh dhuinn, mar oighreachd do cho‐chruinneachadh Iàcoib. Agus bha e na rìgh ann an Iesurun, nuair a chruinnich ceannardan an t‑sluaigh agus treubhan Israeil an ceann a chèile. Biodh Reuben beò, agus na faigheadh e bàs; agus biodh a dhaoine lìonmhor an àireamh. Agus is e seo beannachadh Iùdah: agus thubhairt e, Eisd, a Thighearna, ri guth Iùdah, agus thoir e a‑chum a shluaigh: biodh a làmhan foghainteach dha, agus bi‑sa ad chòmhnadh aige o a naimhdean. Agus mu Lèbhi thubhairt e, Biodh do Thumin agus d’Urim aig d’aon naomh, a dhearbh thu aig Masah, ris an do rinn thu strì aig uisgeachan Mheribah; A thubhairt ra athair agus ra mhàthair, Chan fhaca mi e; agus cha do ghabh e ra bhràithrean, agus cha d’aithnich e a chlann fhèin: oir choimhead iad d’fhacail, agus ghlèidh iad do choicheangal. Teagaisgidh iad do bhreitheanais do Iàcob, agus do lagh do Israel: cuiridh iad tùis fad chomhair, agus làn ìobairt‐loisgte air d’altair. Beannaich, O Thighearna, a mhaoin, agus gabh ri obair a làmh: buail tro leasraidh na muinntir a dh’èireas na aghaidh, agus na muinntir leis am fuathach e, a‑chum nach èirich iad a‑rìs. Mu Bheniàmin thubhairt e, Gabhaidh aon gràdhach an Tighearna còmhnaidh ann an tèarainteachd làimh ris; agus còmhdaichidh an Tighearna e rè an là uile, agus gabhaidh e còmhnaidh eadar a ghuaillean. Agus mu Iòseph thubhairt e, Beannaichte on Tighearna gu robh a fhearann, a‑thaobh nithean luachmhor nèimh, a‑thaobh an drùchd, agus a‑thaobh na doimhne a tha na laighe shìos, Agus a‑thaobh nan toradh luachmhor a bheirear a‑mach leis a’ ghrèin, agus a‑thaobh nan nithean luachmhor a chuirear a‑mach leis gach mìos. Agus a‑thaobh prìomh nithean nam beann aosda, agus a‑thaobh nithean luachmhor nan sliabh sìorraidh, Agus a‑thaobh nithean luachmhor na talmhainn, agus a làin, agus deagh‐ghean an Tì sin a bha a chòmhnaidh anns a’ phreas: thigeadh am beannachd air ceann Iòseiph, agus air mullach a chinn‐san a sgaradh o a bhràithrean. Mar chiad‐ghin a thairbh tha a sgèimh, agus mar adhaircean nan aon‐adharcach tha a adhaircean‐san: leo seo purraidh e an sluagh le chèile, gu iomallan na talmhainn: agus is iad seo deich mìltean Ephraim, agus is iad seo mìltean Mhanaseh. Agus mu Shebulun thubhairt e, Dèan gàirdeachas, a Shebuluin, ad dhol a‑mach; agus, Isachair, ad bhùthan. Gairmidh iad an sluagh a‑chum na beinne; an sin ìobraidh iad ìobairtean ionracais: oir pailteas nan cuan sùghaidh iad suas, agus ionmhais fhalaichte na gaineimh. Agus mu Ghad thubhairt e, Beannaichte gu robh esan a leudaicheas Gad: mar leòmhann tha e a’ gabhail còmhnaidh, agus reubaidh e an gàirdean maille ri mullach a’ chinn. Agus dheasaich e a’ chiad chuid dha fhèin, a chionn an sin, ann an cuibhreann an lagh‐thabhartair, gun do shuidhicheadh e; agus thàinig e maille ri ceannardan an t‑sluaigh; ceartas an Tighearna chuir e an gnìomh, agus a bhreitheanais ri Israel. Agus mu Dhan thubhairt e, Is cuilean leòmhainn Dan: leumaidh e o Bhasan. Agus mu Naphtali thubhairt e, O Naphtali, sàsaichte le deagh‐ghean, agus làn de bheannachadh an Tighearna, sealbhaich thusa an àird an iar agus an àird a deas. Agus mu Aser thubhairt e, Biodh Aser beannaichte le cloinn; biodh e taitneach da bhràithrean, agus tumadh e a chas ann an ola. Bidh do bhrògan nan iarann agus nan umha; agus mar do làithean is amhlaidh a bhios do neart. Chan eil neach cosmhail ri Dia Iesuruin, a tha a’ marcachd air nèamh ad chòmhnadh, agus na mhòrachd air na speuran. Is e an Dia bithbhuan do thèarmann, agus foidhe tha na gàirdeanan sìorraidh: agus fuadaichidh e a‑mach an nàmhaid romhad, agus their e, Cuir as dha. An sin gabhaidh Israel còmhnaidh gu tèarainte na aonar: bidh tobar Iàcoib air fearann arbhair agus fìona; mar an ceudna silidh a nèamhan a‑nuas drùchd. Is sona thu, O Israeil; cò a tha cosmhail riut, O shluagh a shaoradh leis an Tighearna, sgiath do chòmhnaidh, agus neach as e claidheamh do mhòrachd? Agus gheibhear do naimhdean nam breugairean dhut, agus saltraidh tu air an àitean àrda. Agus chaidh Maois suas o chòmhnardan Mhòaib gu sliabh Nebo, gu mullach Phisgah, a tha thall fa chomhair Iericho: agus nochd an Tighearna dha fearann Ghilead uile gu Dan. Agus Naphtali uile, agus tìr Ephraim, agus Mhanaseh, agus tìr Iùdah uile, gu ruig an fhairge as fhaide a‑mach, Agus an taobh deas, agus còmhnard gleann Iericho, baile nan craobh pailm, gu ruig Sòar. Agus thubhairt an Tighearna ris, Is e seo am fearann a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, ag ràdh, Dod shliochd‐sa bheir mi e: thug mi ortsa a fhaicinn led shùilean, ach da ionnsaigh cha tèid thu thairis. Agus fhuair Maois, òglach an Tighearna, bàs an sin, ann am fearann Mhòaib, a rèir facal an Tighearna. Agus dh’adhlaic e ann an gleann e, ann am fearann Mhòaib, thall fa chomhair Bhet‐peoir: ach chan aithne do dhuine sam bith a uaigh gus an là‑an‑diugh. Agus bha Maois ceud agus fichead bliadhna a dh’aois nuair a fhuair e bàs: cha d’fhàilnich a shùil, cha mhò a thrèig a neart e. Agus ghuil clann Israeil airson Mhaois ann an còmhnardan Mhòaib deich làithean ar fhichead: mar seo chrìochnaicheadh làithean a’ ghuil agus a’ bhròin airson Mhaois. Agus bha Iosua mac Nuin làn de spiorad a’ ghliocais; oir chuir Maois a làmhan air: agus dh’èisd clann Israeil ris, agus rinn iad mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus cha d’èirich fàidh o sin ann an Israel cosmhail ri Maois, neach a b’aithne don Tighearna aghaidh ri aghaidh; Anns na h‑uile chomharraidhean, agus iongantasan a chuir an Tighearna e a dhèanamh ann an tìr na h‑Eiphit, air Phàraoh, agus air a sheirbhisich uile, agus air a fhearann uile, Agus anns an làimh chumhachdaich sin uile, agus anns an uamhas mhòr uile, a dh’obraich Maois ann an sealladh Israeil uile. A‑nis, an dèidh bàs Mhaois, òglach an Tighearna, labhair an Tighearna ri Iosua mac Nuin, fear‐frithealaidh Mhaois, ag ràdh, Tha m’òglach Maois marbh: a‑nis uime sin èirich, gabh thairis air Iòrdan seo, thu fhèin, agus an sluagh seo uile, a dh’ionnsaigh na tìre a tha mise a’ tabhairt dhaibh, eadhon do chloinn Israeil. Gach ionad air an saltair bonn ur coise, sin thug mi dhuibh, mar a thubhairt mi ri Maois. On fhàsach, agus Lebanon seo, eadhon gus an abhainn mhòir, abhainn Euphràtes, tìr nan Hiteach uile, agus gus an fhairge mhòir, leth ri dol fodha na grèine, bidh na chrìch dhuibh. Chan urrainn duine sam bith seasamh ad aghaidh uile làithean do bheatha. Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa: cha dìobair mi thu, agus cha trèig mi thu. Bi làidir, agus ro‑mhisneachail; oir don t‑sluagh seo roinnidh tu mar oighreachd an tìr a mhionnaich mi dan athraichean a thabhairt dhaibh. A‑mhàin bi‑sa làidir agus ro‑mhisneachail, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhut: na tionndaidh uaithe a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, a‑chum gun soirbhich leat anns gach àite don tèid thu. Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd‐smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic. Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu. An sin dh’àithn Iosua do luchd‐riaghlaidh an t‑sluaigh, ag ràdh, Rachaibh tron champ, agus àithnibh don t‑sluagh, ag ràdh, Deasaichibh dhuibh fhèin lòn: oir an ceann trì làithean thèid sibh thar Iòrdan seo, a dhol a‑steach a shealbhachadh na tìre a tha an Tighearna ur Dia a’ toirt dhuibh ra sealbhachadh. Agus ris na Reubenich, agus ris na Gadaich, agus ri leth‐threubh Mhanaseh, labhair Iosua, ag ràdh, Cuimhnichibh am facal a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, ag ràdh, Thug an Tighearna ur Dia fois dhuibh, agus thug e dhuibh an tìr seo. Fanaidh ur mnathan, ur clann bheag, agus ur sprèidh, anns an tìr a thug Maois dhuibh air an taobh seo de Iòrdan; ach thèid sibh fhèin thairis fo ur n‑airm ro ur bràithrean, sibhse uile a tha treun ann an neart, agus cuidichidh sibh leo; Gus an toir an Tighearna fois dur bràithrean, mar a thug e dhuibhse, agus gun sealbhaich iadsan mar an ceudna an tìr a tha an Tighearna ur Dia a’ tabhairt dhaibh: an sin tillidh sibh gu tìr ur seilbhe, agus sealbhaichidh sibh i, eadhon an tìr a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine. Agus fhreagair iad Iosua, ag ràdh, Na h‑uile nithean a dh’àithn thu dhuinne, nì sinn; agus ge bè taobh a chuireas tu sinn, thèid sinn. A rèir mar a dh’èisd sinn ri Maois anns na h‑uile nithean, mar sin èisdidh sinn riutsa: a‑mhàin biodh an Tighearna do Dhia maille riut, mar a bha e maille ri Maois. Gach duine a chuireas an aghaidh d’àithne, agus nach èisd rid bhriathran, anns na h‑uile nithean a dh’àithneas tu dha, cuirear gu bàs e: a‑mhàin bi làidir, agus ro‑mhisneachail. Agus chuir Iosua mac Nuin a‑mach à Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a‑mach gu h‑uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do thaigh strìopaich, dom b’ainm Rahab, agus laigh iad an sin. Agus dh’innseadh do rìgh Iericho, ag ràdh, Feuch, thàinig daoine an seo a‑nochd, de chloinn Israeil, a rannsachadh a‑mach na tìre. Agus chuir rìgh Iericho teachdaire gu Rahab, ag ràdh, Thoir a‑mach na daoine a thàinig ad ionnsaigh, a chaidh a‑steach dod thaigh: oir is ann a rannsachadh a‑mach na tìre uile a thàinig iad. Agus ghabh a’ bhean an dithis dhaoine, agus dh’fhalaich i iad, agus thubhairt i mar seo, Thàinig gun amharas daoine am ionnsaigh, ach cha robh fhios agam cia as a thàinig iad: Agus thachair mu àm druideadh a’ gheata, nuair a bha e dorcha, gun deachaidh na daoine a‑mach: càit an deachaidh na daoine, chan fhios dhomh: leanaibh gu luath air an tòir, oir beiridh sibh orra. Ach bha i air an toirt suas gu mullach an taighe, agus air am falach le cuiseagan an lìn, a leag i an òrdagh air mullach an taighe. Agus lean na daoine air an tòir anns an t‑slighe gu Iòrdan, gu ruig na h‑àthan; agus cho luath is a chaidh a’ mhuinntir a bha air an tòir a‑mach, dhruid iad an geata. Agus mun robh iad air laighe sìos, chaidh i suas dan ionnsaigh air mullach an taighe; Agus thubhairt i ris na daoine, Tha fhios agam gu bheil an Tighearna air toirt dhuibh na tìre, agus gu bheil ur n‑uamhas air tuiteam oirnne, agus gu bheil luchd‐àiteachaidh na tìre uile air leaghadh as le eagal romhaibh: Oir chuala sinne cionnas a thiormaich an Tighearna suas uisge na mara ruaidhe romhaibh, nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit; agus ciod a rinn sibh air dà rìgh nan Amorach, a bha air an taobh eile de Iòrdan, Sihon agus Og, a sgrios sibh gu tur. Agus cho luath is a chuala sinne na nithean sin, leagh ar cridheachan, agus cha d’fhan tuilleadh a’ bheag de mhisnich ann an duine sam bith air ur son‐se: oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia anns na nèamhan shuas, agus air an talamh a‑bhos. A‑nis uime sin guidheam oirbh, mionnaichibh dhomh air an Tighearna, a chionn gun do nochd mi coibhneas dhuibh, gun nochd sibhse mar an ceudna coibhneas do thaigh m’athar‐sa, agus gun toir sibh dhomh comharradh cinnteach; Agus gun glèidh sibh beò m’athair, agus mo mhàthair, agus mo bhràithrean, agus mo pheathraichean, agus na h‑uile a tha aca, agus gun saor sibh ar n‑anaman on bhàs. Agus fhreagair na daoine i, Ar n‑anam‐ne air ur son‐se gu bàs, mura foillsich sibh an gnothach seo againn. Agus tàrlaidh, nuair a bheir an Tighearna dhuinn an tìr, gum buin sinn gu coibhneil agus gu fìrinneach riutsa. An sin leig i sìos iad air còrd tron uinneig: oir bha a taigh air balla a’ bhaile, agus bha i a chòmhnaidh air a’ bhalla. Agus thubhairt i riu, Thugaibh am monadh oirbh, air eagal gun coinnich an luchd‐tòrachd sibh; agus falaichibh sibh fhèin an sin trì làithean, gus am bi an luchd‐tòrachd air tilleadh, agus an dèidh sin faodaidh sibh imeachd air ur slighe. Agus thubhairt na daoine rithe, Bidh sinne neochiontach a‑thaobh iad seo do mhionnan a thug thu oirnn a mhionnachadh. Feuch, nuair a thig sinn don tìr, ceanglaidh tu an stìom seo de shnàth sgàrlaid anns an uinneig tron do leig thu sìos sinn: agus bheir thu d’athair, agus do mhàthair, agus do bhràithrean, agus teaghlach d’athar uile, dhachaigh ad ionnsaigh. Agus tàrlaidh, ge bè neach a thèid a‑mach air dorsan do thaighe don t‑sràid, gum bi a fhuil air a cheann fhèin, agus bidh sinne neochiontach: agus ge bè neach a bhios maille riut anns an taigh, bidh a fhuil air ar ceann‐ne ma bheanas làmh ris. Agus ma dh’fhoillsicheas tu an gnothach seo againn, an sin bidh sinne saor od mhionnan a thug thu oirnn a mhionnachadh. Agus thubhairt ise, A rèir ur briathran mar sin biodh e. Agus chuir i air falbh iad, agus dh’imich iad: agus cheangail i an stìom sgàrlaid anns an uinneig. Agus dh’fhalbh iad, agus thàinig iad don mhonadh, agus dh’fhan iad an sin trì làithean, gus an do thill an luchd‐tòrachd. Agus dh’iarr an luchd‐tòrachd iad air feadh na slighe uile, ach cha d’fhuair iad iad. Mar sin thill an dithis dhaoine, agus chaidh iad sìos on mhonadh, agus chaidh iad thairis, agus thàinig iad gu Iosua mac Nuin, agus dh’innis iad dha gach nì a thachair dhaibh. Agus thubhairt iad ri Iosua, Gu fìrinneach thug an Tighearna thairis dar làimh am fearann uile: oir tha eadhon luchd‐àiteachaidh na tìre uile air leaghadh far comhair. Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn; agus dh’imich iad o Shitim, agus thàinig iad gu Iòrdan, e fhèin agus clann Israeil uile, agus ghabh iad tàmh an sin mun deachaidh iad thairis. Agus an ceann trì làithean, chaidh an luchd‐riaghlaidh tron champ; Agus dh’àithn iad don t‑sluagh, ag ràdh, Nuair a chì sibh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, agus na sagartan, na Lèbhithich, ga giùlan, an sin gluaisidh sibh o ur n‑àite, agus thèid sibh na dèidh. Gidheadh bidh astar eadar sibh agus i, mu thimcheall dà mhìle làmh‐choille de thomhas: na tigibh am fagas dhi, a‑chum gum bi fios na slighe agaibh air am feum sibh imeachd; oir cha do ghabh sibh riamh roimhe an rathad seo. Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Naomhaichibh sibh fhèin; oir a‑màireach nì an Tighearna nithean iongantach nur measg. Agus labhair Iosua ris na sagartan, ag ràdh, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus rachaibh thairis ron t‑sluagh. Agus thog iad suas àirc a’ choicheangail agus chaidh iad ron t‑sluagh. Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, An‑diugh tòisichidh mi air thusa a dhèanamh mòr ann an sealladh Israeil uile, a‑chum gum bi fhios aca, mar a bha mi le Maois, gum bi mi leatsa. Agus bheir thu àithne do na sagartan a tha a’ giùlan àirc a’ choicheangail, ag ràdh, Nuair a bhios sibh air teachd gu oir uisge Iòrdain, ann an Iòrdan seasaidh sibh. Agus thubhairt Iosua ri cloinn Israeil, Thigibh an seo, agus èisdibh ri briathran an Tighearna ur Dia. Agus thubhairt Iosua, Le seo bidh fhios agaibh gu bheil an Dia beò nur measg, agus gum fuadaich e gun teagamh a‑mach romhaibh na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Hibhich, agus na Peridsich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na h‑Iebusaich. Feuch, tha àirc coicheangal Tighearna na talmhainn uile a’ dol thairis romhaibh do Iòrdan. A‑nis uime sin gabhaibh dà‑fhear‐dheug à treubhan Israeil, fear as gach treubh. Agus cho luath is a shocraicheas na sagartan a tha a’ giùlan àirc an Tighearna, Tighearna na talmhainn uile, buinn an cas ann an uisgeachan Iòrdain, bidh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o na h‑uisgeachan a thig a‑nuas on àirde; agus seasaidh iad nan tòrr. Agus nuair a dh’fhalbh an sluagh o am bùthan, gu dol thar Iòrdan, agus na sagartan a’ giùlan àirc a’ choicheangail ron t‑sluagh; Agus nuair a bha iadsan a ghiùlain an àirc air teachd gu Iòrdan, agus a bha casan nan sagart a ghiùlain an àirc air an tumadh ann an oir an uisge (oir tha Iòrdan a’ sruthadh thar a bruachan uile rè an fhogharaidh uile), An sin sheas na h‑uisgeachan a thàinig a‑nuas on àirde, agus dh’èirich iad suas nan tòrr ro‑fhada on bhaile Adam, a tha làimh ri Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn, agus ghearradh as iad; agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho. Agus sheas na sagartan, a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, gu daingeann air talamh tioram am meadhon Iòrdain, agus chaidh na h‑Israeilich uile thairis air talamh tioram gus an robh an sluagh uile air dol thar Iòrdan. Agus nuair a bha an sluagh uile air dol thar Iòrdan, an sin labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh, Gabhaibh dhuibh fhèin dà‑fhear‐dheug as an t‑sluagh, duine as gach treubh: Agus àithnibh dhaibh, ag ràdh, Thugaibh leibh o seo à meadhon Iòrdain, as an àit anns an do sheas casan nan sagart gu daingeann, dà‑chloich‐dheug; agus bheir sibh iad thairis leibh, agus cuiridh sibh iad anns an àite‐tàimh anns an gabh sibh fois a‑nochd. An sin ghairm Iosua air an dà‑fhear‐dheug, a dheasaich e à cloinn Israeil, fear as gach treubh. Agus thubhairt Iosua riu, Rachaibh thairis ro àirc an Tighearna ur Dia gu meadhon Iòrdain, agus togadh gach fear dhibh clach air a ghualainn, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil; A‑chum gum bi seo na chomharradh nur measg, a‑chum nuair a dh’fhiosraicheas ur clann anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall dhuibh leis na clachan seo? An sin gum freagair sibh iad, Gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile ro àirc coicheangal an Tighearna; nuair a chaidh i thar Iòrdan, gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile: agus bidh na clachan seo nan cuimhneachan do chloinn Israeil gu bràth. Agus rinn clann Israel amhail mar a dh’àithn Iosua, agus thog iad suas dà‑chloich‐dheug à meadhon Iòrdain, mar a labhair an Tighearna ri Iosua, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil, agus ghiùlain iad leo thairis iad don àit anns an do ghabh iad tàmh, agus chuir iad sìos an sin iad. Agus chuir Iosua suas dà‑chloich‐dheug am meadhon Iòrdain, anns an ionad anns an do sheas casan nan sagart a ghiùlain àirc a’ choicheangail: agus tha iad an sin gus an là‑an‑diugh. Oir sheas na sagartan a ghiùlain an àirc am meadhon Iòrdain, gus an do chrìochnaicheadh gach nì a dh’àithn an Tighearna do Iosua a labhairt ris an t‑sluagh, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Maois do Iosua: agus rinn an sluagh cabhag, agus chaidh iad thairis. Agus nuair a bha an sluagh uile air dol thairis, an sin chaidh àirc an Tighearna thairis, agus na sagartan, an làthair an t‑sluaigh. Agus chaidh clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth‐threubh Mhanaseh, thairis fo an airm ro chloinn Israeil, mar a labhair Maois riu: Chaidh thairis mu thimcheall dà‑fhichead mìle, deas airson cogaidh, an làthair an Tighearna gu cath, do chòmhnardan Iericho. Air an là sin dh’àrdaich an Tighearna Iosua ann an sealladh Israeil uile, agus bha eagal orra roimhe, mar a bha eagal orra ro Mhaois, uile làithean a bheatha. Agus labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh, Aithn do na sagartan a tha a’ giùlan àirc na Fianais, iad a theachd a‑nìos à Iòrdan. Agus dh’àithn Iosua do na sagartan, ag ràdh, Thigibh a‑nìos à Iòrdan. Agus nuair a bha na sagartan a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna air teachd a‑nìos à meadhon Iòrdain, agus a bha buinn casan nan sagart air an togail suas air an talamh thioram, an sin thill uisgeachan Iòrdain dan àite fhèin, agus chaidh iad thar a bruachan uile, mar a rinn iad roimhe. Agus thàinig an sluagh a‑nìos à Iòrdan air an deicheamh là den chiad mhìos, agus champaich iad ann an Gilgal, anns an iomall a làimh na h‑àird an ear de Iericho. Agus an dà‑chloich‐dheug sin, a thug iad a‑mach à Iòrdan, chuir Iosua suas ann an Gilgal. Agus labhair e ri cloinn Israeil, ag ràdh, Nuair a dh’fhiosraicheas ur clann den athraichean anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall do na clachan seo? An sin bheir sibh fios dur cloinn, ag ràdh, Thàinig Israel thar Iòrdan seo air talamh tioram. Oir thiormaich an Tighearna ur Dia suas uisgeachan Iòrdain romhaibhse, gus an deachaidh sibh thairis, mar a rinn an Tighearna ur Dia air a’ mhuir ruaidh, a thiormaich e suas romhainn, gus an robh sinn air dol thairis; A‑chum gun aithnich sluagh na talmhainn uile làmh an Tighearna, gu bheil i cumhachdach: a‑chum gum bi eagal an Tighearna ur Dia oirbh am feasd. Agus nuair a chuala uile rìghrean nan Amorach, a bha air an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, agus uile rìghrean nan Canàanach, a bha làimh ris an fhairge, gun do thiormaich an Tighearna suas uisgeachan Iòrdain ro chloinn Israeil, gus an deachaidh sinn thairis, leagh an cridhe, agus cha robh spiorad tuilleadh annta, airson chloinn Israeil. Anns an àm sin thubhairt an Tighearna ri Iosua, Dèan dhut fhèin sgeanan geura, agus timcheall‐gheàrr clann Israeil a‑rìs an dara uair. Agus rinn Iosua dha fhèin sgeanan geura, agus thimcheall‐gheàrr e clann Israeil aig cnoc nan ro‑chraiceann. Agus is e seo an t‑adhbhar mun do thimcheall‐gheàrr Iosua: Fhuair an sluagh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a bha nam fireannaich, eadhon na fir‐chogaidh uile, bàs anns an fhàsach air an t‑slighe, an dèidh dhaibh teachd a‑mach as an Eiphit. A‑nis bha an sluagh uile a thàinig a‑mach air an timcheall‐ghearradh; ach an sluagh uile a rugadh anns an fhàsach air an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑mach as an Eiphit, iadsan cha do thimcheall‐gheàrr iad. Oir dh’imich clann Israeil anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don luchd‐cogaidh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a chionn nach tug iad gèill do ghuth an Tighearna: don do mhionnaich an Tighearna nach nochdadh e dhaibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhuinn, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil. Agus an clann‐san, a thog e suas nan àite, iadsan thimcheall‐gheàrr Iosua: oir bha iad neo‐thimcheall‐gheàrrte, a chionn nach do thimcheall‐ghearradh iad air an t‑slighe. Agus nuair a bha an sluagh uile air an timcheall‐ghearradh, dh’fhan iad nan àitean anns a’ champ, gus an robh iad slàn. Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Air an là‑an‑diugh bhuin mi air falbh uaibh masladh na h‑Eiphit: uime sin thugadh Gilgal mar ainm air an àite sin gus an là‑an‑diugh. Agus champaich clann Israeil ann an Gilgal, agus chùm iad a’ chàisg, air a’ cheathramh‐là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ann an còmhnardan Iericho. Agus dh’ith iad de sheann bhàrr an fhearainn air an là màireach an dèidh na càisge, breacagan neo‐ghortaichte, agus sìol cruadhaichte air an là sin fhèin. Agus sguir am mana air an là màireach an dèidh dhaibh ithe de sheann bhàrr an fhearainn; cha mhò a bha mana tuilleadh aig cloinn Israeil, ach dh’ith iad de thoradh fearann Chanàain air a’ bhliadhna sin. Agus nuair a bha Iosua làimh ri Iericho, thog e suas a shùilean agus dh’amhairc e, agus, feuch, sheas duine thall fa chomhair, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh: agus chaidh Iosua da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, An ann leinne a tha thu, no le ar n‑eascairdean? Agus thubhairt e, Chan ann: ach mar cheannard sluagh an Tighearna tha mi a‑nis air teachd. Agus thuit Iosua air a aghaidh air an talamh, agus rinn e adhradh, agus thubhairt e ris, Ciod a tha mo thighearna ag ràdh ra sheirbhiseach? Agus thubhairt ceannard sluagh an Tighearna ri Iosua, Fuasgail do bhròg bhàrr do choise, oir tha an t‑ionad air a bheil thu ad sheasamh, naomh. Agus rinn Iosua mar sin. A‑nis bha Iericho air a dhruideadh suas gu teann, ro chloinn Israeil; cha deachaidh neach air bith a‑mach, agus cha tàinig neach air bith a‑steach. Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Feuch, thug mi dod làimh Iericho, agus a rìgh, agus na daoine treun ann an neart. Agus cuartaichidh sibh am baile, sibhse fheara‑cogaidh uile, agus thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile aon uair: mar seo nì thu air sia làithean. Agus giùlainidh seachd sagartan ron àirc seachd trompaidean de adhaircean reitheachan: agus air an t‑seachdamh là thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile seachd uairean, agus sèididh na sagartan leis na trompaidean. Agus nuair a nì iad fuaim fhada le adhaircean nan reitheachan, agus nuair a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin èighidh an sluagh uile le iolaich mhòir, agus tuitidh balla a’ bhaile sìos o a bhunadh, agus thèid an sluagh suas, gach duine dìreach roimhe. Agus ghairm Iosua mac Nuin air na sagartan, agus thubhairt e riu, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus giùlaineadh seachd sagartan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna. Agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Gabhaibh air ur n‑aghaidh, agus cuartaichibh am baile, agus gabhadh esan a tha fo airm air aghaidh ro àirc an Tighearna. Agus nuair a labhair Iosua ris an t‑sluagh, ghabh na seachd sagartan, a’ giùlan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan, air an aghaidh ron Tighearna, agus shèid iad leis na trompaidean; agus lean àirc coicheangal an Tighearna iad. Agus chaidh na daoine armaichte ro na sagartan a shèid leis na trompaidean, agus thàinig a’ chuid eile den t‑sluagh an dèidh na h‑àirce, na sagartan a’ gabhail air an aghaidh, agus a’ sèideadh leis na trompaidean. Agus dh’àithn Iosua don t‑sluagh, ag ràdh, Cha dèan sibh iolach, agus cha dèan sibh fuaim sam bith le ur guth, cha mhò a thèid facal sam bith a‑mach as ur beul, gus an là anns an abair mise ribh, Dèanaibh iolach; an sin nì sibh iolach. Mar sin chuartaich àirc an Tighearna am baile, a’ dol ma thimcheall aon uair: agus thàinig iad don champ, agus ghabh iad tàmh anns a’ champ. Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus thog na sagartan suas àirc an Tighearna. Agus dh’imich air an aghaidh a‑ghnàth seachd sagartan, a’ giùlan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna, agus shèid iad leis na trompaidean: agus dh’imich an sluagh armaichte romhpa, ach thàinig a’ chuid eile den t‑sluagh an dèidh àirc an Tighearna, na sagartan a’ gabhail air an aghaidh, agus a’ sèideadh leis na trompaidean. Agus air an dara là chuartaich iad am baile aon uair, agus thill iad don champ: mar seo rinn iad air sia làithean. Agus air an t‑seachdamh là dh’èirich iad gu moch mu bhriseadh na fàire, agus chuartaich iad am baile air an dòigh cheudna, seachd uairean: a‑mhàin air an là sin chuartaich iad am baile seachd uairean. Agus air an t‑seachdamh uair shèid na sagartan leis na trompaidean, agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Dèanaibh iolach; oir thug an Tighearna dhuibh am baile. Agus bidh am baile mallaichte, e fhèin agus gach nì a tha ann, don Tighearna: a‑mhàin bidh Rahab an strìopach beò, i fhèin agus iadsan uile a tha maille rithe anns an taigh, a chionn gun d’fhalaich i na teachdairean a chuir sinn uainn. Agus sibhse, air gach aon chor gleidhibh sibh fhèin on nì mhallaichte, air eagal gun dèan sibh sibh fhèin mallaichte, nuair a ghabhas sibh den nì mhallaichte, agus gun dèan sibh camp Israeil na mhallachadh, agus gun cuir sibh e fo bhuaireas. Ach tha an t‑airgead uile, agus an t‑òr, agus na soithichean umha agus iarainn, coisrigte don Tighearna: thig iad a‑steach do ionmhas an Tighearna. Agus rinn an sluagh iolach nuair a shèid na sagartan leis na trompaidean: agus nuair a chuala an sluagh fuaim na trompaid, agus a dh’èigh an sluagh le iolaich mhòir, an sin thuit am balla sìos gu làr; agus chaidh an sluagh suas don bhaile, gach duine dìreach roimhe, agus ghlac iad am baile. Agus lèirsgrios iad gach nì a bha anns a’ bhaile, eadar fhear agus bhean, òg agus shean, agus dhamh, agus chaora, agus asal, le faobhar a’ chlaidheimh. Ach ris an dithis fhear a rannsaich a‑mach an tìr thubhairt Iosua, Rachaibh a‑steach do thaigh na strìopaich, agus thugaibh a‑mach as a sin a’ bhean, agus gach nì a tha aice, mar a mhionnaich sibh dhi. Agus chaidh na h‑òganaich a bha nan luchd‐rannsachaidh a‑steach, agus thug iad a‑mach Rahab, agus a h‑athair, agus a màthair, agus a bràithrean, agus gach nì a bha aice; agus thug iad a‑mach a dìlsean uile, agus chuir iad an taobh a‑muigh de champ Israeil iad. Agus loisg iad am baile le teine, agus gach nì a bha ann: a‑mhàin an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na soithichean umha agus iarainn, chuir iad ann an ionmhas taigh an Tighearna. Agus ghlèidh Iosua Rahab an strìopach beò, agus teaghlach a h‑athar, agus gach nì a bha aice: agus tha i na còmhnaidh ann an Israel gus an là‑an‑diugh, a chionn gun d’fhalaich i na teachdairean a chuir Iosua a rannsachadh a‑mach Iericho. Agus chuir Iosua fo mhionnan iad anns an àm sin, ag ràdh, Mallaichte gu robh an duine an làthair an Tighearna, a dh’èireas agus a thogas am baile seo Iericho: na chiad‐ghin leagaidh e a bhunachar, agus na mhac as òige cuiridh e suas a gheatachan. Mar seo bha an Tighearna maille ri Iosua, agus sgaoileadh a iomradh‐san air feadh na tìre uile. Ach rinn clann Israeil cionta anns an nì mhallaichte: oir ghabh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, de threubh Iùdah, cuid den nì mhallaichte: agus las fearg an Tighearna an aghaidh chloinn Israeil. Agus chuir Iosua daoine o Iericho gu Ai, a tha làimh ri Betabhen, air an taobh an ear de Bhetel, agus labhair e riu, ag ràdh, Rachaibh suas, agus rannsaichibh a‑mach an tìr. Agus chaidh na daoine suas, agus rannsaich iad a‑mach Ai. Agus thill iad gu Iosua, agus thubhairt iad ris, Na rachadh an sluagh uile suas; ach rachadh mu thimcheall dà mhìle, no trì mìle fear suas, agus buaileadh iad Ai: na toir air an t‑sluagh uile saothrachadh an sin; oir chan eil ann dhiubh ach beagan. Agus chaidh suas an sin den t‑sluagh mu thimcheall trì mìle fear; agus theich iad ro fhir Ai. Agus bhuail fir Ai dhiubh mu thimcheall sia‑fir‐dheug ar fhichead: oir chuir iad an ruaig orra o chomhair a’ gheata eadhon gu Sebarim, agus bhuail iad anns an dol sìos iad; uime sin leagh cridhe an t‑sluaigh, agus dh’fhàs e mar uisge. Agus reub Iosua a aodach, agus thuit e gu làr air a aghaidh ro àirc an Tighearna, gu tràth feasgair, e fhèin agus seanairean Israeil, agus chuir iad duslach air an cinn. Agus thubhairt Iosua, Och! a Thighearna Dhè, carson a thug thu idir an sluagh seo thar Iòrdan gar toirt thairis do làimh nan Amorach, a‑chum ar sgrios? O b’fheàrr gu robh sinn toilichte, agus gu robh sinn air gabhail còmhnaidh air an taobh eile de Iòrdan! O Thighearna, ciod a their mi nuair a thionndaidheas Israel an cùl rin naimhdean? Oir cluinnidh na Canàanaich, agus uile luchd‐àiteachaidh na tìre, agus iadhaidh iad mun cuairt oirnn, agus gearraidh iad as ar n‑ainm on talamh: agus ciod a nì thu rid ainm mòr? Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Eirich suas; carson a laigheas tu mar seo air d’aghaidh? Pheacaich Israel, agus bhris iad mar an ceudna mo choicheangal a dh’àithn mi dhaibh; oir ghabh iad eadhon den nì mhallaichte, agus mar an ceudna ghoid iad, agus mar an ceudna cheil iad, agus chuir iad eadhon am measg an àirneis fhèin e. Uime sin cha b’urrainn clann Israeil seasamh ron naimhdean, ach thionndaidh iad an cùl rin naimhdean, a chionn gu robh iad mallaichte. Cha bhi mise maille ribh tuilleadh, mura sgrios sibh an nì mallaichte as ur measg. Eirich suas, naomhaich an sluagh, agus abair, Naomhaichibh sibh fhèin airson an là màireach; oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Tha nì mallaichte ad mheadhon, O Israeil: chan urrainn thu seasamh rod naimhdean gus an cuir sibh air falbh an nì mallaichte as ur measg. Anns a’ mhadainn, uime sin, bheirear cuideachd sibh a rèir ur treubhan: agus an treubh a ghabhas an Tighearna, thig e a rèir a theaghlaichean; agus thig an teaghlach a ghabhas an Tighearna, a rèir a thaighean; agus thig an taigh a ghabhas an Tighearna, a lìon fear is fear. Agus esan a ghlacar leis an nì mhallaichte, loisgear le teine e fhèin agus gach nì a tha aige; a chionn gun do bhris e coicheangal an Tighearna, agus gun do rinn e amaideachd ann an Israel. Uime sin dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus thug e leis Israel a rèir an treubhan; agus ghabhadh treubh Iùdah. Agus thug e leis teaghlach Iùdah; agus ghabh e teaghlach nan Sarhitheach: agus thug e leis teaghlach nan Sarhitheach a lìon fear is fear; agus ghabhadh Sabdi. Agus thug e leis a thaigh, a lìon fear is fear; agus ghabhadh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, de threubh Iùdah. Agus thubhairt Iosua ri Achan, A mhic, thoir, guidheam ort, glòir don Tighearna, Dia Israeil, agus dèan aidmheil dha; agus innis dhomh a‑nis ciod a rinn thu, na falaich uam e. Agus fhreagair Achan Iosua, agus thubhairt e, Gu deimhinn pheacaich mi an aghaidh an Tighearna, Dia Israeil, agus mar seo agus mar seo rinn mi. Nuair a chunnaic mi am measg na creiche earradh bhrèagha Bhàbilonach, agus dà cheud secel airgid, agus geinn òir anns an robh leth‐cheud secel de chudthrom, an sin shanntaich mi iad, agus ghabh mi iad; agus feuch, tha iad falaichte anns an talamh ann am meadhon mo bhùtha, agus an t‑airgead fodha. Mar sin chuir Iosua teachdairean uaithe, agus ruith iad don bhùth, agus feuch bha e falaichte na bhùth, agus an t‑airgead fodha. Agus thug iad leo iad à meadhon a’ bhùtha, agus thug iad gu Iosua iad, agus gu clann Israeil uile, agus sgaoil iad a‑mach iad am fianais an Tighearna. Agus ghabh Iosua, agus Israel uile maille ris, Achan mac Sherah, agus an t‑airgead, agus an earradh, agus an geinn òir, agus a mhic, agus a nigheanan, agus a dhaimh, agus a asail, agus a chaoraich, agus a bhùth, agus gach nì a bha aige; agus thug iad do ghleann Achoir iad. Agus thubhairt Iosua, Carson a chuir thu dragh oirnn? Cuiridh an Tighearna dragh ortsa an‑diugh. Agus chlach clann Israeil uile e le clachan, agus loisg iad le teine iad, an dèidh dhaibh an clachadh le clachan. Agus thog iad suas càrn mòr chlach air a mhuin gus an là‑an‑diugh. Agus thill an Tighearna o ghairge a chorraich: uime sin thugadh gleann Achoir mar ainm air an àite sin, gus an là‑an‑diugh. Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal, agus na bi fo gheilt; gabh an sluagh‐cogaidh uile maille riut, agus èirich, imich suas gu Ai: feuch, thug mi thairis dod làimh rìgh Ai, agus a shluagh, agus a bhaile, agus a fhearann. Agus nì thu ri Ai agus ra rìgh mar a rinn thu ri Iericho agus ra rìgh: a‑mhàin a chreach, agus a sprèidh, gabhaidh sibh mar chobhartach dhuibh fhèin. Cuir daoine ann am feall‐fhalach an aghaidh a’ bhaile air a chùlaibh. Agus dh’èirich Iosua agus an sluagh‐cogaidh uile, a dhol suas an aghaidh Ai: agus thagh Iosua a‑mach deich‐mìle‐fichead fear treun ann an neart, agus chuir e air falbh iad anns an oidhche. Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Feuch, nì sibh feall‐fhalach an aghaidh a’ bhaile, eadhon air cùl a’ bhaile: na rachaibh ro‑fhada on bhaile, ach bithibh uile deas: Agus thèid mise, agus an sluagh uile a tha maille rium, dlùth don bhaile: agus nuair a thig iad a‑mach nar coinneamh, mar air tùs, teichidh sinne romhpa. (Oir thig iad a‑mach nar dèidh) gus an tarraing sinn iad on bhaile: oir their iad, Tha iad a’ teicheadh romhainn, mar air tùs: uime sin teichidh sinne romhpa. An sin èiridh sibhse on fheall‐fhalach, agus glacaidh sibh am baile: oir bheir an Tighearna ur Dia nur làimh e. Agus nuair a ghlacas sibh am baile, cuiridh sibh am baile ri theine: a rèir àithne an Tighearna nì sibh. Feuch, dh’àithn mise dhuibh. Uime sin chuir Iosua a‑mach iad; agus dh’fhalbh iad a dhèanamh feall‐fhalaich, agus dh’fhan iad eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar de Ai: ach dh’fhan Iosua an oidhche sin am measg an t‑sluaigh. Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’àireamh e an sluagh, agus chaidh e suas, e fhèin agus seanairean Israeil, ron t‑sluagh gu Ai. Agus chaidh an sluagh‐cogaidh uile suas, a bha maille ris, agus chaidh iad am fagas, agus thàinig iad fa chomhair a’ bhaile, agus champaich iad air an taobh mu thuath de Ai: a‑nis bha gleann eadar iad agus Ai. Agus ghabh e mu thimcheall còig mìle fear agus chuir e iad a dhèanamh feall‐fhalaich eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar den bhaile. Agus nuair a shuidhich iad an sluagh, eadhon am feachd uile a bha air an taobh mu thuath den bhaile, agus an luchd feall‐fhalaich air an taobh an iar den bhaile, chaidh Iosua anns an oidhche sin do mheadhon a’ ghlinne. Agus nuair a chunnaic rìgh Ai sin, rinn iad cabhag agus dh’èirich iad gu moch; agus chaidh fir a’ bhaile a‑mach gu cath an aghaidh Israeil, e fhèin agus a shluagh uile, ann an àm suidhichte, fa chomhair a’ chòmhnaird: ach cha robh fhios aige gu robh luchd feall‐fhalaich na aghaidh air cùl a’ bhaile. Agus rinn Iosua agus Israel uile mar gum buailte iad romhpa, agus theich iad rathad an fhàsaich. Agus ghairmeadh an sluagh uile a bha ann an Ai an ceann a chèile gu dol air an tòir, agus chaidh iad air tòir Iosua, agus thàirngeadh on bhaile iad. Agus cha d’fhàgadh duine ann an Ai, no ann am Betel, nach deachaidh a‑mach an dèidh Israeil: agus dh’fhàg iad am baile fosgailte, agus chaidh iad air tòir Israeil. Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Sìn a‑mach an t‑sleagh a tha ad làimh rathad Ai; oir bheir mise ad làimh e. Agus shìn Iosua a‑mach an t‑sleagh a bha aige na làimh, a dh’ionnsaigh a’ bhaile. Agus dh’èirich na daoine a bha ris an fheall‐fhalach gu grad as an àite, agus ruith iad cho luath is a shìn e a‑mach a làmh: agus chaidh iad a‑steach don bhaile, agus ghlac iad e, agus rinn iad cabhag, agus chuir iad am baile ri theine. Agus nuair a sheall fir Ai nan dèidh, chunnaic iad, agus, feuch, chaidh deatach a’ bhaile suas gu nèamh, agus cha robh comas aca teicheadh an taobh seo no an taobh ud: agus thionndaidh an sluagh a theich don fhàsach air an ais air an luchd‐tòrachd. Agus nuair a chunnaic Iosua agus Israel uile gun do ghlac luchd na feall‐fhalaich am baile, agus gun deachaidh deatach a’ bhaile suas, an sin thill iad, agus bhuail iad fir Ai. Agus chaidh iadsan a‑mach as a’ bhaile nan aghaidh; mar sin bha iad ann am meadhon Israeil, cuid air an taobh seo, agus cuid air an taobh ud: agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàgadh aon dhiubh beò, no aon gu dol as. Agus ghlac iad rìgh Ai beò, agus thug iad e gu Iosua. Agus nuair a chuir Israel crìoch air uile luchd‐àiteachaidh Ai a mharbhadh, anns a’ mhachair, anns an fhàsach don do chuir iad an ruaig orra, agus nuair a thuit iad uile le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuireadh as dhaibh, an sin thill na h‑Israelich uile gu Ai, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh. Agus bha ann dhiùbhsan uile a thuit air an là sin, eadar fhir agus mhnathan, dà‑mhìle‐dheug, eadhon muinntir Ai uile: Oir cha do tharraing Iosua a làmh air a h‑ais, a shìn e a‑mach leis an t‑sleagh, gus an do lèirsgrios e luchd‐àiteachaidh Ai uile. A‑mhàin sprèidh agus creach a’ bhaile sin ghabh Israel mar chobhartach dhaibh fhèin, a rèir facal an Tighearna a dh’àithn e do Iosua. Agus loisg Iosua Ai, agus rinn e na chàrn e gu bràth, na fhàsach gus an là‑an‑diugh. Agus rìgh Ai chroch e air crann gu àm an fheasgair: agus mu dhol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas a chorp on chrann, agus thilg iad e aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus thog iad air càrn mòr chlach, a tha an làthair gus an là‑an‑diugh. An sin thog Iosua altair don Tighearna, Dia Israeil, air sliabh Ebail, Mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, do chloinn Israeil, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar‐lagha Mhaois, altair de chlachan slàna, air nach do thog duine sam bith suas iarann; agus thug iad suas oirre ìobairtean‐loisgte don Tighearna, agus dh’ìobair iad tabhartasan‐sìth. Agus sgrìobh e an sin air na clachan dùblachadh lagh Mhaois, a sgrìobh e an làthair chloinn Israeil. Agus sheas Israel uile, agus an seanairean, agus an luchd‐riaghlaidh, agus am britheamhan, air an taobh seo den àirc, agus air an taobh ud, an làthair nan sagart, na Lèbhithich, a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, an coigreach cho math ris‐san a rugadh nam measg; leth dhiubh thall fa chomhair sliabh Gheridsim, agus leth dhiubh thall fa chomhair sliabh Ebail: mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, a‑chum sluagh Israeil a bheannachadh air tùs. Agus an dèidh sin leugh e uile bhriathran an lagha, na beannachdan agus na mallachdan, a rèir nan uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha. Cha robh facal de na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, nach do leugh Iosua an làthair co‑chruinneachadh Israeil uile, agus nam ban, agus na cloinne bige, agus nan coigreach a bha a’ fantainn nam measg. Agus nuair a chuala na rìghrean uile a bha air an taobh seo de Iòrdan, anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard, agus ann an uile oirthir na fairge mòire thall fa chomhair Lebanoin, an t‑Hiteach, agus an t‑Amorach, an Canàanach, am Peridseach, an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach seo: Chruinnich iad an ceann a chèile a chogadh ri Iosua, agus ri Israel, le aon rùn. Agus nuair a chuala luchd‐àiteachaidh Ghibeoin ciod a rinn Iosua ri Iericho agus ri Ai, Rinn iadsan mar an ceudna gu seòlta, agus chaidh iad agus leig iad orra gum bu teachdairean iad, agus ghabh iad seann saic air an asail, agus fìon‐shearragan a bha sean agus reubte, agus ceangailte suas; Agus brògan a bha sean agus càraichte air an casan, agus seann aodach orra; agus bha aran an lòin uile tioram agus liath. Agus chaidh iad a dh’ionnsaigh Iosua don champ gu Gilgal, agus thubhairt iad ris, agus ri fir Israeil, Thàinig sinne o dhùthaich fad as; a‑nis uime sin dèanaibh coicheangal rinn. Agus thubhairt fir Israeil ris na Hibhich, Theagamh gu bheil sibh a chòmhnaidh nar measg, agus cionnas a dh’fhaodas sinne coicheangal a dhèanamh ribh? Agus thubhairt iad ri Iosua, Is sinne do sheirbhisich. Agus thubhairt Iosua riu, Cò sibh? Agus cia as a thàinig sibh? Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich ro‑fhada air astar thàinig do sheirbhisich, air sgàth ainm an Tighearna do Dhia: oir chuala sinn a iomradh‐san, agus gach nì a rinn e anns an Eiphit, Agus gach nì a rinn e ri dà rìgh nan Amorach, a bha an taobh thall de Iòrdan, ri Sihon rìgh Hesboin, agus ri Og rìgh Bhasain, a bha aig Astarot; Uime sin labhair ar seanairean agus uile luchd‐àiteachaidh ar dùthcha rinn, ag ràdh, Gabhaibh lòn nur làimh airson an turuis, agus rachaibh nan coinneamh, agus abraibh riu, Is sinne ur seirbhisich: agus a‑nis dèanaibh coicheangal rinn. An t‑aran seo againn ghabh sinn teth airson ar lòin a‑mach as ar taighean, anns an là anns an tàinig sinn a‑mach gu dol dur n‑ionnsaigh‐se; ach a‑nis, feuch, tha e tioram agus liath: Agus na searragan fìona seo a lìon sinn, bha iad nuadh, agus, feuch, tha iad reubte: agus tha ar n‑aodach seo agus ar brògan air fàs sean, le ro‑fhad na slighe. Agus ghabh na daoine dem biadh, agus cha d’iarr iad comhairle o bheul an Tighearna. Agus rinn Iosua sìth riu, agus rinn e coicheangal riu, a leigeil leo a bhith beò: agus mhionnaich uachdarain a’ cho‐chruinneachaidh dhaibh. Agus thachair an ceann trì làithean, an dèidh dhaibh coicheangal a dhèanamh riu, gun cuala iad gum b’iad an coimhearsnaich iad, agus gu robh iad a chòmhnaidh nam measg. Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat‐iearim. Agus cha do bhuail clann Israeil iad a chionn gun do mhionnaich uachdarain a’ cho‐chruinneachaidh dhaibh air an Tighearna, Dia Israeil. Agus rinn an co‑chruinneachadh uile gearan an aghaidh nan uachdaran. Ach thubhairt na h‑uachdarain uile ris a’ cho‐chruinneachadh uile, Mhionnaich sinn dhaibh air an Tighearna, Dia Israeil; agus uime sin chan fhaod sinn beantainn riu. Seo nì sinn riu; leigidh sinn eadhon leo a bhith beò, a‑chum nach bi fearg Dhè nar n‑aghaidh, airson nam mionnan a mhionnaich sinn dhaibh. Agus thubhairt na h‑uachdarain riu, Leigibh leo a bhith beò; ach biodh iad nan luchd‐gearraidh fiodha, agus nan luchd‐tarraing uisge don cho‐chruinneachadh uile, mar a gheall na h‑uachdarain dhaibh. Agus ghairm Iosua orra, agus labhair e riu, ag ràdh, Carson a mheall sibh sinn, ag ràdh, Tha sinn ro‑fhada uaibh, nuair a tha sibh a chòmhnaidh nar measg? A‑nis uime sin tha sibh mallaichte, agus cha saorar neach air bith dhibh o bhith nur tràillean, agus nur luchd‐gearraidh fiodha, agus nur luchd‐tarraing uisge airson taigh mo Dhè. Agus fhreagair iad Iosua, agus thubhairt iad, Do bhrìgh gun d’innseadh gu cinnteach dod sheirbhisich cionnas a dh’àithn an Tighearna do Dhia da òglach Maois am fearann uile a thoirt dhuibh, agus luchd‐àiteachaidh na tìre uile a sgrios romhaibh, uime sin bha eagal mòr ar n‑anaman oirnn romhaibh, agus rinn sinn an nì seo. Agus a‑nis, feuch, tha sinn ad làimh: mar a mheasar math agus ceart leatsa a dhèanamh rinn, dèan. Agus mar seo rinn e riu, agus shaor e iad à làimh chloinn Israeil; agus cha do mharbh iad iad. Agus rinn Iosua iad anns an là sin fhèin nan luchd‐gearraidh fiodha, agus nan luchd‐tarraing uisge don cho‐chruinneachadh agus do altair an Tighearna, eadhon gus an là‑an‑diugh, anns an ionad a roghnaicheadh. Agus nuair a chuala Adoni‐sedec, rìgh Ierusaleim, gun do ghlac Iosua Ai, agus gun do lèirsgrios e e; mar a rinn e ri Iericho agus ra rìgh, mar sin gun do rinn e ri Ai agus ra rìgh; agus gun do rinn luchd‐àiteachaidh Ghibeoin sìth ri Israel, agus gu robh iad nam measg; Ghabh iad eagal mòr, do bhrìgh gum bu bhaile mòr Gibeon, mar aon de na bailtean rìoghail, agus do bhrìgh gum bu mhò e na Ai, agus gu robh a dhaoine uile treun. Uime sin chuir Adoni‐sedec, rìgh Ierusaleim, fios gu Hoham rìgh Hebroin, agus gu Piram rìgh Iarmuit, agus gu Iaphia rìgh Lachis, agus gu Debir rìgh Egloin, ag ràdh, Thigibh a‑nìos am ionnsaigh‐sa, agus cuidichibh leam, a‑chum gum buail sinn Gibeon: oir rinn e sìth ri Iosua, agus ri cloinn Israeil. Uime sin chruinnich còig rìghrean nan Amorach, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, rìgh Egloin, iad fhèin an ceann a chèile, agus chaidh iad suas, iad fhèin agus an slòigh uile, agus champaich iad fa chomhair Ghibeoin, agus chog iad na aghaidh. Agus chuir fir Ghibeoin fios gu Iosua, don champ gu Gilgal, ag ràdh, Na dèanadh do làmh moille od sheirbhisich: thig a‑nìos dar n‑ionnsaigh gu grad, agus saor sinn, agus cuidich leinn: oir tha rìghrean nan Amorach uile a tha nan còmhnaidh anns na beanntan air cruinneachadh ri chèile nar n‑aghaidh. Agus chaidh Iosua suas o Ghilgal, e fhèin, agus an sluagh‐cogaidh uile maille ris, agus na fir threuna uile. Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal romhpa; oir thug mise thairis dod làimh iad: cha seas duine dhiubh romhad. Uime sin thàinig Iosua orra gu h‑obann: rè na h‑oidhche chaidh e suas o Ghilgal. Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet‐horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah. Agus nuair a bha iad a’ teicheadh ro Israel, agus iad air leathad Bhet‐horoin, thilg an Tighearna clachan mòra orra a‑nuas o nèamh gu Hasecah, agus fhuair iad bàs: bu lìonmhoire iadsan a bhàsaich leis na clachan‐meallain na iadsan a mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh. An sin labhair Iosua ris an Tighearna, anns an là anns an tug an Tighearna suas na h‑Amoraich ro chloinn Israeil, agus thubhairt e am fianais Israeil, A ghrian, air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, air gleann Aialoin. Agus stad a’ ghrian, agus sheas a’ ghealach, gus an do dhìol an sluagh iad fhèin air an naimhdean. Nach eil seo sgrìobhte ann an leabhar Iaseir? Agus stad a’ ghrian am meadhon nèimh, agus cha do rinn i cabhag gu dol fodha mu thimcheall là iomlain. Agus cha robh là sam bith cosmhail ris an là sin, roimhe no na dhèidh, anns an d’èisd an Tighearna ri guth duine; oir chog an Tighearna airson Israeil. Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, don champ gu Gilgal; Ach theich na còig rìghrean ud, agus dh’fhalaich iad iad fhèin ann an uaimh ann am Macedah. Agus dh’innseadh do Iosua, ag ràdh, Fhuaireadh na còig rìghrean falaichte ann an uaimh ann am Macedah. Agus thubhairt Iosua, Caraichibh clachan mòra air beul na h‑uamha, agus cuiribh daoine làimh rithe gan gleidheadh. Agus na stadaibh‐se, ach rachaibh air tòir ur naimhdean, agus buailibh iadsan as deireannaiche dhiubh, na leigibh leo dol a‑steach dam bailtean; oir thug an Tighearna ur Dia iad thairis dur làimh. Agus nuair a chuir Iosua agus clann Israeil crìoch air am marbhadh le àr ro‑mhòr, gus an do chuireadh as dhaibh, chaidh a’ chuid a mhair dhiubh a‑steach do na bailtean daingnichte. Agus thill an sluagh uile don champ gu Iosua aig Macedah ann an sìth: cha do ghluais neach a theanga an aghaidh duine sam bith de chloinn Israeil. An sin thubhairt Iosua, Fosglaibh beul na h‑uamha, agus thugaibh a‑mach am ionnsaigh na còig rìghrean ud as an uaimh. Agus rinn iad mar sin, agus thug iad a‑mach na còig rìghrean ud da ionnsaigh as an uaimh, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, agus rìgh Egloin. Agus nuair a thug iad a‑mach na rìghrean sin gu Iosua, ghairm Iosua air fir Israeil uile, agus thubhairt e ri ceannardan nam fear‐cogaidh a chaidh maille ris, Thigibh am fagas, cuiribh ur casan air muinealan nan rìgh sin. Agus thàinig iad am fagas, agus chuir iad an casan air am muinealan. Agus thubhairt Iosua riu, Na biodh eagal oirbh agus na bithibh fo gheilt, bithibh làidir agus biodh deagh mhisneach agaibh; oir mar seo nì an Tighearna ri ur naimhdean uile ris a bheil sibh a’ cogadh. Agus an dèidh sin bhuail Iosua iad, agus mharbh e iad, agus chroch e iad air còig croinn: agus bha iad an crochadh air na croinn gu feasgar. Agus an àm dol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas iad o na croinn, agus thilg iad iad anns an uaimh anns an d’fhalaich iad iad fhèin, agus chuir iad clachan mòra am beul na h‑uamha, a tha an làthair gus a’ cheart là seo. Agus air an là sin fhèin ghlac Iosua Macedah, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh sgrios e gu tur, iadsan agus gach anam a bha ann; cha d’fhàg e neach air bith beò: agus rinn e ri rìgh Mhacedah mar a rinn e ri rìgh Iericho. An sin chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Mhacedah gu Libnah, agus chog e an aghaidh Libnah. Agus thug an Tighearna thairis e mar an ceudna, agus a rìgh, do làimh Israeil, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus na h‑anaman uile a bha ann: cha d’fhàg e neach air bith beò ann, ach rinn e ra rìgh mar a rinn e ri rìgh Iericho. Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Libnah gu Lachis, agus champaich e na aghaidh agus chog e na aghaidh. Agus thug an Tighearna thairis Lachis do làimh Israeil, agus ghlac e e air an dara là, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus gach anam a bha ann, a rèir nan uile nithean a rinn e air Libnah. An sin thàinig Horam rìgh Ghèseir a‑nìos a chuideachadh Lachis; agus bhuail Iosua e agus a shluagh, gus nach d’fhàg e aon air bith beò aige. Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, o Lachis gu Eglon, agus champaich iad na aghaidh, agus chog iad na aghaidh: Agus ghlac iad e air an là sin fhèin, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus gach anam a bha ann sgrios e gu tur anns an là sin, a rèir nan uile nithean a rinn e ri Lachis. Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, suas o Eglon gu Hebron, agus chog iad na aghaidh: Agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus gach anam a bha ann: cha d’fhàg e aon air bith beò, a rèir nan uile nithean a rinn e ri Eglon, ach sgrios e gu tur e, agus gach anam a bha ann. Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, gu Debir, agus chog e na aghaidh: Agus ghlac e e, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus lèirsgrios iad gach anam a bha ann; cha d’fhàg e aon air bith beò: mar a rinn e ri Hebron, mar sin rinn e ri Debir agus ra rìgh: agus mar a rinn e ri Libnah, agus ra rìgh. Agus bhuail Iosua tìr nam beann uile, agus na h‑àird a deas, agus a’ chòmhnaird, agus nan tobar, agus an rìghrean uile: cha d’fhàg e aon air bith beò, ach lèirsgrios e gach neach anns an robh anail, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil. Agus bhuail Iosua iad o Chadeis‐barnea gu ruig Gàsa, agus tìr Ghòsein uile gu ruig Gibeon. Agus na rìghrean sin uile, agus am fearann, ghlac Iosua a dh’aon tarraing, do bhrìgh gun do chog an Tighearna Dia Israeil airson Israeil. Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, don champ gu Gilgal. Agus nuair a chuala Iabin rìgh Hasoir na nithean sin, chuir e fios gu Iobab rìgh Mhadoin, agus gu rìgh Shimroin, agus gu rìgh Achsaiph, Agus a dh’ionnsaigh nan rìgh a bha mu thuath anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard mu dheas de Chinerot, agus anns a’ ghleann, agus ann an crìochan Dhoir, air an làimh an iar; Agus a dh’ionnsaigh a’ Chanàanaich air an làimh an ear agus an làimh an iar, agus a dh’ionnsaigh an Amoraich agus an Hitich, agus a’ Pheridsich, agus an Iebusaich anns na beanntan, agus a dh’ionnsaigh an Hibhich fo Hermon, ann an tìr Mhispeh. Agus chaidh iad a‑mach, iad fhèin agus am feachd uile maille riu, sluagh lìonmhor, eadhon mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd, le eich agus carbadan ro‑lìonmhor. Agus nuair a bha na rìghrean sin uile air coinneachadh a chèile, thàinig iad agus champaich iad cuideachd aig uisgeachan Mheroim, a chogadh an aghaidh Israeil. Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na biodh eagal ort romhpa; oir a‑màireach, mun àm seo, bheir mise suas iad uile marbh am fianais Israeil: gearraidh tu iosgaidean an each, agus loisgidh tu an carbadan le teine. Agus thàinig Iosua, agus an sluagh cogaidh uile maille ris, orra aig uisgeachan Mheroim gu h‑obann, agus bhuail iad orra. Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot‐maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò. Agus rinn Iosua riu mar a dh’iarr an Tighearna air: gheàrr e iosgaidean an each, agus loisg e an carbadan le teine. Agus thill Iosua anns an àm sin air ais, agus ghlac e Hasor, agus bhuail e a rìgh leis a’ chlaidheamh: oir b’e Hasor roimhe sin ceann nan rìoghachdan sin uile. Agus bhuail iad na h‑anaman uile a bha ann le faobhar a’ chlaidheimh gan lèirsgrios: cha d’fhàgadh aon anns an robh anail; agus loisg e Hasor le teine. Agus uile bhailtean nan rìgh sin, agus an rìghrean uile, ghlac Iosua, agus bhuail e iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus sgrios e gu tur iad, mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna. Ach a‑thaobh nam bailtean sin uile a sheas a‑ghnàth nan neart, cha do loisg Israel aon dhiubh sin, saor o Hasor a‑mhàin; sin loisg Iosua. Agus uile chreach nam bailtean sin, agus an sprèidh, ghabh clann Israeil mar chobhartach dhaibh fhèin; ach bhuail iad gach duine le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuir iad as dhaibh; cha d’fhàg iad neach air bith anns an robh anail. Mar a dh’àithn an Tighearna da òglach Maois, mar sin dh’àithn Maois do Iosua, agus mar sin rinn Iosua: cha d’fhàg e nì gun dèanamh de na h‑uile a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Mar sin ghlac Iosua am fearann sin uile, na slèibhtean, agus an tìr mu dheas uile, agus fearann Ghòsein uile, agus an gleann, agus an còmhnard, agus sliabh Israeil, agus a ghleann; O shliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir, eadhon gu Bàal‐gad ann an gleann Lebanoin, fo shliabh Hermoin: agus an rìghrean uile ghlac e, agus bhuail e iad, agus mharbh e iad. Rè ùine fhada rinn Iosua cogadh ris na rìghrean sin uile. Cha robh baile mòr air bith a rinn sìth ri cloinn Israeil, saor o na Hibhich, luchd‐àiteachaidh Ghibeoin; càch uile ghlac iad ann an cath. Oir b’ann on Tighearna a bha e an cridheachan a chruadhachadh a‑chum gun tigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a‑chum gun sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhaibh, ach gun cuireadh e as dhaibh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus anns an àm sin thàinig Iosua, agus gheàrr e as na h‑Anacaich o na slèibhtean, o Hebron, o Dhebir, o Anab, agus o bheanntan Iùdah uile, agus o bheanntan Israeil uile: sgrios Iosua gu tur iad lem bailtean. Cha d’fhàgadh aon de na h‑Anacaich ann am fearann chloinn Israeil; a‑mhàin ann an Gàsa, ann an Gat, agus ann an Asdod, dh’fhàgadh iad. Mar sin ghlac Iosua an tìr uile, a rèir nan uile a thubhairt an Tighearna ri Maois, agus thug Iosua i mar oighreachd do chloinn Israeil, ann an earrannan a rèir an treubhan. Agus fhuair an tìr fois o chogadh. A‑nis is iad seo rìghrean an fhearainn a bhuail clann Israeil; agus shealbhaich iad am fearann air taobh eile Iòrdain leth ri èirigh na grèine, o shruth Arnoin gu sliabh Hermoin, agus an còmhnard uile air an làimh an ear: Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus a riaghlaich o Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus o mheadhon an t‑srutha, agus leth Ghilead eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin: Agus an còmhnard gu muir Chineroit a làimh na h‑àird an ear, agus gu muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn a làimh na h‑àird an ear, an t‑slighe gu Bet‐iesimot; agus on àird a deas, fo Asdot‐pisgah: Agus crìoch Og rìgh Bhasain, a bha de iarmad nam famhairean a bha a chòmhnaidh ann an Astarot, agus ann an Edrei, Agus a rìghich ann an sliabh Hermoin, agus ann an Salcah, agus ann am Basan uile, gu crìch nan Gesurach agus nam Maachatach, agus leth Ghilead, crìoch Shihoin, rìgh Hesboin: Iadsan bhuail Maois, òglach an Tighearna, agus clann Israeil; agus thug Maois, òglach an Tighearna, e mar sheilbh do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth‐threubh Mhanaseh. Agus is iad seo rìghrean na tìre a bhuail Iosua agus clann Israeil air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar, o Bhàal‐gad ann an gleann Lebanoin, eadhon gu sliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir: a thug Iosua do threubhan Israeil mar sheilbh, a rèir an roinnean: Anns na beanntan, agus anns na gleanntan, agus anns na còmhnardan, agus anns na tobraichean, agus anns an fhàsach, agus anns an tìr mu dheas: na Hitich, na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, na Peridsich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich: Rìgh Iericho, aon; rìgh Ai, a tha làimh ri Betel, aon; Rìgh Ierusaleim, aon; rìgh Hebroin, aon; Rìgh Iarmuit, aon; rìgh Lachis, aon; Rìgh Egloin, aon; rìgh Ghèseir, aon; Rìgh Dhebir, aon; rìgh Ghedeir, aon; Rìgh Hormah, aon; rìgh Araid, aon; Rìgh Libnah, aon; rìgh Adulaim, aon; Rìgh Mhacedah, aon; rìgh Bheteil, aon; Rìgh Thapuah, aon; rìgh Hepheir, aon; Rìgh Apheic, aon; rìgh Lasaroin, aon; Rìgh Mhadoin, aon; rìgh Hasoir, aon; Rìgh Shimron‐meroin, aon; rìgh Achsaiph, aon; Rìgh Thaanaich, aon; rìgh Mhegido, aon; Rìgh Chedeis, aon; rìgh Iocneaim o Charmel, aon; Rìgh Dhoir, ann an crìch Dhoir, aon; rìgh chinneach Ghilgail, aon; Rìgh Thirsah, aon; na rìghrean uile, deich‐ar‑fhichead agus aon. A‑nis bha Iosua sean agus air teachd air aghaidh ann am bliadhnachan; agus thubhairt an Tighearna ris, Tha thusa sean agus air teachd air d’aghaidh ann am bliadhnachan, agus tha fhathast ro‑mhòran fearainn ra shealbhachadh. Is e seo am fearann a tha fhathast an làthair; uile chrìochan nam Philisteach agus Gesuri uile, O Shihor, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, eadhon gu crìch Ecroin mu thuath, a mheasar don Chanàanach: còig tighearnan nam Philisteach; na Gàsataich, agus na h‑Asdodaich, na h‑Escalonaich, na Gitich, agus na h‑Ecronaich, agus na h‑Abhaich: On taobh mu dheas, uile fhearann nan Canàanach, agus Mearah, a tha làimh ris na Sìdonaich, gu Aphec, gu crìch nan Amorach; Agus fearann nan Gibleach, agus Lebanon uile leth ri èirigh na grèine, o Bhàal‐gad fo shliabh Hermoin, gu ruig an dol a‑steach do Hamat: Uile luchd‐àiteachaidh nam beann o Lebanon gu Misrephot‐maim, agus na Sìdonaich uile, iadsan fògraidh mi a‑mach ro chloinn Israeil; a‑mhàin roinn e le crannchur do na h‑Israelich mar oighreachd, mar a dh’àithn mise dhut. A‑nis uime sin, roinn am fearann seo mar oighreachd do na naoi treubhan, agus do leth‐threubh Mhanaseh; Maille ris an leth‐threubh eile fhuair na Reubenich agus na Gadaich an oighreachd‐san a thug Maois dhaibh an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon mar a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh; O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus còmhnard Mhedebah uile gu Dibon; Agus uile bhailtean Shihoin, rìgh nan Amorach, a rìghich ann an Hesbon, gu crìch chloinn Amoin; Agus Gilead, agus crìoch nan Gesurach, agus nam Maachatach, agus sliabh Hermoin uile, agus Basan uile gu Salcah; Uile rìoghachd Og ann am Basan, a rìghich ann an Astarot agus ann an Edrei, a mhair de iarmad nam famhairean: oir iad sin bhuail Maois, agus dh’fhògair e a‑mach iad. Gidheadh, cha d’fhògair clann Israeil a‑mach na Gesuraich, no na Maachataich; ach tha na Gesuraich agus na Maachataich nan còmhnaidh am measg nan Israelach gus an là‑an‑diugh. A‑mhàin do threubh Lèbhi cha tug e oighreachd sam bith; is iad ìobairtean an Tighearna Dia Israeil, a bheirear suas le teine, an oighreachd‐san, mar a thubhairt e riu. Agus thug Maois do threubh chloinn Reubein oighreachd a rèir an teaghlaichean: Agus bha an crìoch o Aroer a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus an còmhnard uile gu Medebah; Hesbon, agus a bhailtean uile a tha anns a’ chòmhnard; Dibon, agus Bamot‐bàal, agus Bet‐ball‐meon, Agus Iahasa, agus Cedemot, agus Mephaat, Agus Ciriataim, agus Sibmah, agus Saret‐sahar ann an sliabh a’ ghlinne, Agus Bet‐peor, agus Asdod‐pisgah, agus Bet‐iesimot, Agus uile bhailtean a’ chòmhnaird, agus uile rìoghachd Shihoin, rìgh nan Amorach, a rìghich ann an Hesbon, a bhuail Maois maille ri ceannardan Mhidiain, Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus Hur, agus Rebah, cinn‐fheadhna Shihoin, a bha a chòmhnaidh anns an tìr. Balàam mar an ceudna, mac Bheoir, am fiosaiche, mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh nam measg‐san a mharbhadh leo. Agus b’i crìoch chloinn Reubein, Iòrdan agus a crìoch‐se. B’i sin oighreachd chloinn Reubein a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga. Agus thug Maois oighreachd do threubh Ghad, eadhon do chloinn Ghad a rèir an teaghlaichean. Agus b’i an crìoch Iaser, agus uile bhailtean Ghilead, agus leth fearann chloinn Amoin, gu Aroer a tha fa chomhair Rabah: Agus o Hesbon gu Ramat‐mhispeh, agus Betonim; agus o Mhahanaim gu crìch Dhebir; Agus anns a’ ghleann, Betaram, agus Bet‐nimrah, agus Sucot, agus Saphon, a’ chuid eile de rìoghachd Shihoin rìgh Hesboin, Iòrdan agus a crìoch, eadhon gu oir fairge Chineret, air taobh eile Iòrdain a làimh na h‑àird an ear. B’i sin oighreachd chloinn Ghad, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga. Agus thug Maois oighreachd do leth‐threubh Mhanaseh: agus b’i seo sealbh leth‐threubh chloinn Mhanaseh, a rèir an teaghlaichean. Agus bha an crìoch o Mhahanaim, Basan uile, uile rìoghachd Og rìgh Bhasain, agus uile bhailtean Iair, a tha ann am Basan, trì‐fichead baile mòr: Agus leth Ghilead, agus Astarot, agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan, bhuin iad do chloinn Mhachir mhic Mhanaseh, eadhon do leth chloinn Mhachir, a rèir an teaghlaichean. Is iad sin na dùthchannan a roinn Maois mar oighreachd ann an còmhnardan Mhòaib, air an taobh eile de Iòrdan làimh ri Iericho, air an taobh an ear. Ach do threubh Lèbhi cha tug Maois oighreachd: b’e an Tighearna Dia Israeil e fhèin an oighreachd‐san, mar a thubhairt e riu. Agus is iad seo na dùthchannan a fhuair clann Israeil mar oighreachd ann an tìr Chanàain, a roinn Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn‐fheadhna athraichean treubhan chloinn Israeil mar oighreachd dhaibh. Le crannchur bha an oighreachd, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois, do na naoi treubhan agus an leth‐threubh. Oir bha Maois air tabhairt oighreachd do dhà threubh, agus do leth‐threubh, air an taobh eile de Iòrdan: ach do na Lèbhithich cha tug e oighreachd sam bith nam measg. Oir bha clann Iòseiph nan dà threubh, Manaseh agus Ephraim: uime sin cha tug iad roinn sam bith do na Lèbhithich anns an fhearann, saor o bhailtean gu còmhnaidh a ghabhail annta, maille rim fearann co‑roinn dan sprèidh, agus dam maoin. Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil, agus roinn iad am fearann. An sin thàinig clann Iùdah gu Iosua ann an Gilgal; agus thubhairt Càleb mac Iephuneh an Ceniseach ris, Tha fhios agad air an nì a thubhairt an Tighearna ri Maois, òglach Dhè, am thaobh‐sa, agus ad thaobh fhèin, ann an Cadeis‐barnea. Dà‑fhichead bliadhna a dh’aois bha mise nuair a chuir Maois, òglach Dhè, mi o Chadeis‐barnea, a rannsachadh a‑mach an fhearainn; agus thug mi air ais fios da ionnsaigh, mar a bha e ann am chridhe. Gidheadh, thug mo bhràithrean, a chaidh suas maille rium, air cridhe an t‑sluaigh leaghadh: ach lean mise gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia. Agus mhionnaich Maois air an là sin, ag ràdh, Gu cinnteach bidh am fearann, air an do shaltair do chas, agad fhèin mar oighreachd, agus aig do chloinn gu bràth; a chionn gun do lean thu gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia. Agus a‑nis, feuch, ghlèidh an Tighearna mi beò, mar a thubhairt e, na còig agus an dà‑fhichead bliadhna seo, eadhon o labhair an Tighearna am facal seo ri Maois, am feadh a dh’imich clann Israeil anns an fhàsach; agus a‑nis, feuch, tha mi an‑diugh ceithir‐fichead agus còig bliadhna a dh’aois. Fhathast tha mi cho làidir an‑diugh is a bha mi anns an là anns an do chuir Maois uaithe mi: mar a bha mo neart an sin, mar sin tha mo neart a‑nis, a‑chum cogaidh, agus a dhol a‑mach, agus a theachd a‑steach. A‑nis uime sin thoir dhomh a’ bheinn seo, mun do labhair an Tighearna anns an là ud; (oir chuala tu anns an là ud cionnas a bha na h‑Anacaich an sin, agus gu robh na bailtean mòr agus daingnichte;) ma thàrlas gum bi an Tighearna leam, an sin fògraidh mi a‑mach iad, mar a thubhairt an Tighearna. Agus bheannaich Iosua e, agus thug e do Chàleb mac Iephuneh Hebron mar oighreachd. Rinneadh uime sin Hebron na oighreachd do Chàleb mac Iephuneh, an Ceniseach, gus an là‑an‑diugh, a chionn gun do lean e gu h‑iomlan an Tighearna Dia Israeil. Agus b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat‐arba; bha an t‑Arba seo na dhuine mòr am measg nan Anacach. Agus bha fois aig an tìr o chogadh. B’e seo uime sin crannchur treubh chloinn Iùdah a rèir an teaghlaichean, eadhon gu crìch Edoim, gu fàsach Shin ri deas on chuid as fhaide a‑mach den iomall dheas. Agus bha an crìoch mu dheas o thràigh na mara salainn, on lùib a tha ag amharc ri deas. Agus chaidh i a‑mach a dh’ionnsaigh an taoibh mu dheas gu uchdaich Acrabim, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Sin, agus chaidh i suas air an taobh mu dheas gu Cadeis‐barnea, agus chaidh i air a h‑aghaidh gu Hesron, agus chaidh i suas gu Adar, agus ghabh i mun cuairt gu Carcaa. Uaithe sin ghabh i a dh’ionnsaigh Asmoin, agus chaidh i a‑mach gu Abhainn na h‑Eiphit, agus bha dol a‑mach na crìche sin aig a’ mhuir: bidh seo agaibh na crìch mu dheas. Agus b’i a’ chrìoch an ear a’ mhuir shalainn, eadhon gu ceann Iòrdain: agus bha a’ chrìoch air an taobh mu thuath o lùib na mara, aig a’ chuid a b’fhaide a‑mach de Iòrdan. Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Beth‐oglah, agus ghabh i air a h‑aghaidh air an taobh mu thuath de Bhet‐arabah; agus chaidh a’ chrìoch suas gu cloich Bhohain mhic Reubein. Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Debir o ghleann Achoir, agus ri tuath ag amharc ri Gilgal, a tha fa chomhair uchdach Aduimim, a tha air taobh deas na h‑aibhne; agus chaidh a’ chrìoch thairis gu uisgeachan En‑semeis, agus bha a’ dol a‑mach aig En‑rogel. Agus chaidh a’ chrìoch suas gu gleann mac Hinoim, gu taobh deas an Iebusaich; (is e sin Ierusalem:) agus chaidh a’ chrìoch suas gu mullach na beinne, a tha ro ghleann Hinoim, air an làimh an iar, a tha aig ceann gleann nam famhairean ri tuath. Agus thàirngeadh a’ chrìoch o mhullach an t‑slèibh gu tobar uisge Nephtoah, agus chaidh i a‑mach gu bailtean sliabh Ephroin, agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Bàalah; (is e sin Ciriat‐iearim.) Agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt o Bhàalah air an làimh an iar gu sliabh Sheir, agus ghabh i thairis gu taobh sliabh Iearim (is e sin Chesalon), air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu Bet‐semes, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Timnah: Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach gu taobh Ecroin ri tuath; agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Sicron, agus ghabh i thairis air sliabh Bhàalah, agus chaidh i a‑mach gu Iabneel: agus bha dol a‑mach na crìche aig a’ mhuir. Agus bha a’ chrìoch an iar gus an fhairge mhòir agus a h‑oirthir: b’i sin crìoch chloinn Iùdah mun cuairt, a rèir an teaghlaichean. Agus do Chàleb mac Iephuneh, thug e roinn am measg chloinn Iùdah, a rèir àithne an Tighearna do Iosua, eadhon baile Arbah, athair Anaic: (is e sin Hebron). Agus dh’fhògair Càleb a‑mach as a sin triùir mhac Anaic, Sesai, agus Ahiman, agus Talmai, clann Anaic. Agus chaidh e suas o sin gu luchd‐àiteachaidh Dhebir: agus b’e ainm Dhebir roimhe Ciriat‐sepher. Agus thubhairt Càleb, Esan a bhuaileas Ciriat‐sepher, agus a ghlacas e, dhàsan bheir mi Achsah mo nighean na mnaoi. Agus ghlac Otniel, mac Chenais, bràthair Chàleib, e: agus thug e dha Achsah a nighean na mnaoi. Agus thàrladh, nuair a thàinig i da ionnsaigh, gun do bhrosnaich i e gu achadh iarraidh air a h‑athair: agus theirinn i bhàrr a h‑asail, agus thubhairt Càleb rithe, Ciod a b’àill leat? Agus fhreagair ise, Thoir dhomh beannachadh; oir thug thu dhomh fearann mu dheas, thoir dhomh mar an ceudna tobraichean uisge; agus thug e dhi na tobraichean uachdarach, agus na tobraichean ìochdarach. B’i sin oighreachd treubh chloinn Iùdah, a rèir an teaghlaichean. Agus b’iad na bailtean a b’fhaide a‑mach, le treubh chloinn Iùdah, leth ri crìch Edoim mu dheas, Cabseel, agus Eder, agus Iagur, Agus Cinah, agus Dimonah, agus Adsadah, Agus Cedes, agus Hasor, agus Itnan, Siph, agus Telem, agus Bealot, Agus Hasor, Hadatah, agus Ceriot, agus Hesron (is e sin Hasor), Amam, agus Sema, agus Moladah, Agus Hsaar‐gadah, agus Hesmon, agus Bet‐palet, Agus Hasar‐sual, agus Beer‐sèba, agus Bis‐iotiah, Bàalah, agus Iim, agus Asem, Agus Eltolad, agus Chesil, agus Hormah, Agus Siclag, agus Madmanah, agus Sansanah, Agus Lebaot, agus Silhim, agus Ain, agus Rimon: b’iad na mòr‐bhailtean uile naoi‐ar‑fhichead, maille rim bailtean beaga. Agus anns a’ chòmhnard, Estaol, agus Soreah, agus Asnah, Agus Sanòah, agus Enganim, Tapuah, agus Enam, Iarmut, agus Adulam, Sochoh, agus Asecah, Agus Sàraim, agus Aditaim, agus Gederah, agus Gederotaim; ceithir mòr‐bhailtean deug lem bailtean beaga. Senan, agus Hadasah, agus Migdal‐gad, Agus Dilean, agus Mispeh, agus Iocteel, Lachis, agus Boscat, agus Eglon, Agus Cabon, agus Lahmas, agus Citlis, Agus Gederot, Bet‐dagon, agus Nàamah, agus Macedah: sia mòr‐bhailtean deug lem bailtean beaga. Libnah, agus Eter, agus Asan, Agus Iiphtah, agus Asnah, agus Nesib, Agus Ceilah, agus Achsib, agus Maresah: naoi bailtean mòra lem bailtean beaga. Ecron le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga. O Ecron, eadhon gus an fhairge, iadsan uile a bha làimh ri Asdod, lem bailtean beaga. Asdod le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, Gàsah le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, gu abhainn na h‑Eiphit, agus an fhairge mhòir, eadhon a crìch. Agus anns na beanntan, Samir, agus Iatir, agus Socoh, Agus Danah, agus Ciriat‐sanah, eadhon Debir, Agus Anab, agus Estemoh, agus Anim, Agus Gòsen, agus Holon, agus Giloh: aon mhòr‐bhaile deug lem bailtean beaga. Arab, agus Dumah, agus Esean, Agus Ianum, agus Bet‐tapuah, agus Aphecah, Agus Humtah, agus Ciriat‐arbah (is e sin Hebron), agus Sior; naoi bailtean mòra lem bailtean beaga. Maon, Carmel, agus Siph, agus Iutah, Agus Iesreel, agus Iocdeam, agus Sanòah, Càin, Gibeah, agus Timnah: deich bailtean mòra lem bailtean beaga. Halhul, Bet‐sur, agus Gedor, Agus Maarat, agus Betanot, agus Eltecon: sia bailtean mòra lem bailtean beaga. Ciriat‐bàal (is e sin Ciriat‐iearim), agus Rabah: dà bhaile mhòr lem bailtean beaga. Anns an fhàsach, Bet‐arabah, Midin, agus Secacah, Agus Nibsan, agus baile an t‑salainn, agus En‑gedi: sia bailtean mòra lem bailtean beaga. A‑thaobh nan Iebusach, luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh. Agus chaidh crannchur chloinn Iòseiph a‑mach o Iòrdan làimh ri Iericho gu uisgeachan Iericho air an làimh an ear, a dh’ionnsaigh an fhàsaich a’ dol suas o Iericho gu sliabh Bheteil, Agus tha e a’ dol a‑mach o Bhetel gu Luds, agus a’ gabhail seachad gu crìochan Archi gu Atarot, Agus a’ gabhail sìos a làimh na h‑àird an iar gu crìch Iaphleti, gu crìch Bhet‐horoin ìochdaraich, agus gu Gèser: agus tha a dhol a‑mach aig an fhairge. Mar sin ghabh clann Iòseiph, Manaseh, agus Ephraim, an oighreachd. Agus bha crìoch chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean, mar seo: b’i eadhon crìoch an oighreachd air an làimh an ear Atarot‐adar, gu Bet‐horon uachdarach: Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach a dh’ionnsaigh na fairge, gu Michmetah air an taobh mu thuath; agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt a làimh na h‑àird an ear gu Taanot‐siloh, agus ghabh i seachad air an taobh an ear gu Ianohah: Agus chaidh i sìos o Ianohah gu Atarot, agus gu Naarat, agus thàinig i gu Iericho, agus chaidh i a‑mach aig Iòrdan. Chaidh a’ chrìoch a‑mach o Thapuah a làimh na h‑àird an iar gu sruth Chanah; agus bha a dol a‑mach aig an fhairge. B’i sin oighreachd treubh chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean. Agus bha na bailtean mòra a chuireadh air leth do chloinn Ephraim, am measg oighreachd chloinn Mhanaseh, na bailtean mòra uile lem bailtean beaga. Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs. Bha mar an ceudna crannchur aig treubh Mhanaseh (oir b’esan ciad‐ghin Iòseiph ), eadhon aig Machir, ciad‐ghin Mhanaseh, athair Ghilead; a chionn gum b’fhear‐cogaidh e: uime sin bha Gilead agus Basan aige. Bha mar an ceudna crannchur aig a’ chuid eile de chloinn Mhanaseh a rèir an teaghlaichean; aig cloinn Abieseir, agus aig cloinn Heleic, agus aig cloinn Asrieil, agus aig cloinn Shecheim, agus aig cloinn Hepheir, agus aig cloinn Shemida: b’iad sin clann‐mhac Mhanaseh mhic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean. Ach aig Selophehad mac Hepheir, mhic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, cha robh mic, ach nigheanan: agus is iad seo ainmean a nigheanan, Mahlah, agus Nòah, Hoglah, Milcah, agus Tirsah. Agus thàinig iad am fagas an làthair Eleàsair, an sagart, agus an làthair Iosua mhic Nuin, agus an làthair nan uachdaran, ag ràdh, Dh’àithn an Tighearna do Mhaois oighreachd a thoirt dhuinne am measg ar bràithrean: uime sin a rèir àithne an Tighearna, thug e dhaibh oighreachd am measg bràithrean an athar. Agus thuit air Manaseh deich cuibhreannan, a thuilleadh air fearann Ghilead agus Bhasain, a bha air an taobh eile de Iòrdan, A chionn gu robh aig nigheanan Mhanaseh oighreachd am measg a chuid mhac; agus bha fearann Ghilead aig a’ chuid eile de mhic Mhanaseh. Agus bha crìoch Mhanaseh o Aser gu Michmetah, a tha fa chomhair Shecheim, agus chaidh a’ chrìoch air a h‑aghaidh air an làimh dheis gu luchd‐àiteachaidh En‑tapuah. A‑nis bha aig Manaseh fearann Thapuah: ach Tapuah air crìch Mhanaseh bu le cloinn Ephraim. Agus chaidh a’ chrìoch sìos gu sruth Chanah mu dheas den t‑sruth: bha bailtean sin Ephraim am measg bailtean Mhanaseh; bha mar an ceudna crìoch Mhanaseh air an taobh mu thuath den t‑sruth, agus bha a dol a‑mach aig an fhairge. An taobh mu dheas bu le Ephraim, agus an taobh mu thuath bu le Manaseh, agus b’i an fhairge a chrìoch, agus choinnich iad a chèile ann an Aser air an taobh mu thuath, agus ann an Isachar air an taobh an ear. Agus bha aig Manaseh ann an Isachar agus ann an Aser, Bet‐sean agus a bhailtean, agus Ibleam agus a bhailtean, agus luchd‐àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, agus luchd‐àiteachaidh En‑doir agus a bhailtean, agus luchd‐àiteachaidh Thaanaich agus a bhailtean, agus luchd‐àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean; eadhon trì dùthchannan. Gidheadh cha b’urrainn clann Mhanaseh luchd‐àiteachaidh nam bailtean sin fhògradh a‑mach; ach b’àill leis na Canàanaich còmhnaidh a ghabhail anns an tìr sin. Gidheadh thàrladh, nuair a dh’fhàs clann Israeil làidir, gun do chuir iad na Canàanaich fo chìs; ach cha d’fhògair iad gu tur a‑mach iad. Agus labhair clann Iòseiph ri Iosua, ag ràdh, Carson nach tug thu dhòmhsa ach aon chrannchur agus aon chuibhreann rin sealbhachadh, agus gur sluagh mòr mi, agus gun do bheannaich an Tighearna mi gus a seo? Agus fhreagair Iosua iad, Mas sluagh mòr thu, imich suas don choilltich, agus geàrr sìos dhut fhèin àit an sin ann am fearann nam Peridseach agus nam famhairean, ma tha sliabh Ephraim ro chumhang dhut. Agus thubhairt clann Iòseiph, Cha leòr an sliabh dhuinne; agus tha aig na Canàanaich uile a tha a chòmhnaidh ann am fearann a’ ghlinne carbadan iarainn, an dà chuid acasan a tha am Bet‐sean agus na bhailtean, agus acasan a tha an gleann Iesreeil. Agus labhair Iosua ri taigh Iòseiph, ri Ephraim, agus ri Manaseh, ag ràdh, Is sluagh mòr thu, agus tha cumhachd mòr agad; cha bhi agad aon chrannchur a‑mhàin. Ach bidh an sliabh agadsa, oir is coille e; agus gearraidh tu sìos i: agus bidh a dhol a‑mach agad: oir fògraidh tu a‑mach na Canàanaich, ged tha carbadan iarainn aca, agus ged tha iad làidir. Agus chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile aig Siloh, agus chuir iad suas pàillean a’ choitheanail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr romhpa. Agus bha fhathast am measg chloinn Israeil seachd treubhan nach d’fhuair an oighreachd. Agus thubhairt Iosua ri cloinn Israeil, Cia fhad a tha sibh mall a dhol a shealbhachadh an fhearainn, a thug an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh? Thugaibh a‑mach dhòmhsa as ur measg triùir dhaoine as gach treubh; agus cuiridh mi uam iad, agus èiridh iad, agus thèid iad tron fhearann, agus tàirngidh iad e a rèir an oighreachd‐san, agus thig iad am ionnsaigh‐sa a‑rìs. Agus roinnidh iad e na sheachd earrannan: fanaidh Iùdah na chrìch fhèin air an taobh mu dheas, agus fanaidh taigh Iòseiph na chrìch fhèin air an taobh mu thuath. Uime sin tàirngidh sibh am fearann na sheachd earrannan, agus bheir sibh an tarraing an seo am ionnsaigh‐sa, a‑chum gun tilg mi croinn air ur son an seo an làthair an Tighearna ar Dia. Ach chan eil aig na Lèbhithich roinn sam bith nur measg, oir is i sagartachd an Tighearna an oighreachd‐san: agus fhuair Gad, agus Reuben, agus leth‐threubh Mhanaseh, an oighreachd‐san an taobh thall de Iòrdan air an làimh an ear, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh. Agus dh’èirich na daoine, agus dh’fhalbh iad: agus dh’àithn Iosua dhaibhsan a chaidh a tharraing an fhearainn, ag ràdh, Imichibh, agus rachaibh tron fhearann, agus tàirngibh e, agus thigibh a‑rìs am ionnsaigh‐sa, a‑chum gun tilg mi an seo croinn air ur son, an làthair an Tighearna ann an Siloh. Agus dh’imich na daoine, agus chaidh iad tron fhearann, agus tharraing iad e a rèir a bhailtean na sheachd earrannan, ann an leabhar, agus thàinig iad gu Iosua don champ aig Siloh. Agus thilg Iosua croinn air an son ann an Siloh, an làthair an Tighearna: agus an sin roinn Iosua am fearann do chloinn Israeil, a rèir an roinnean. Agus thàinig crannchur treubh chloinn Bheniàmin a‑mach a rèir an teaghlaichean: agus chaidh crìoch an crannchuir a‑mach eadar clann Iùdah agus clann Iòseiph. Agus bha an crìoch air an taobh mu thuath o Iòrdan; agus chaidh a’ chrìoch suas gu taobh Iericho air an taobh mu thuath, agus chaidh i suas tron mhonadh a làimh na h‑àird an iar, agus bha a dol a‑mach aig fàsach Bhet‐abhen. Agus chaidh a’ chrìoch thairis o sin gu Luds, gu taobh Luds (is e sin Betel ) ri deas, agus chaidh a’ chrìoch sìos gu Atarot‐adar, am fagas don t‑sliabh a tha air an taobh dheas de Bhet‐horon ìochdarach. Agus thàirngeadh a’ chrìoch o sin, agus chuartaich i oisean na mara ri deas, on t‑sliabh a tha fa chomhair Bhet‐horoin ri deas: agus bha a dol a‑mach aig Ciriat‐bàal (is e sin Ciriat‐iearim), baile le cloinn Iùdah. B’i sin a’ cheàrn an iar. Agus bha a’ cheàrn mu dheas o cheann Chiriat‐iearim, agus chaidh a’ chrìoch a‑mach air an làimh an iar, agus ghabh i a‑mach gu tobar uisgeachan Nephtoah. Agus chaidh a’ chrìoch sìos gu ceann na beinne, a tha fa chomhair gleann mac Hinoim, a tha ann an gleann nam famhairean air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu gleann Hinoim, gu taobh Iebusi air an làimh dheis, agus ghabh i sìos gu En‑rogel. Agus thàirngeadh i on taobh mu thuath, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu En‑semes, agus chaidh i a‑mach a dh’ionnsaigh Ghelilot, a tha thall fa chomhair uchdach Adumim, agus ghabh i sìos gu cloich Bhohain mhic Reubein. Agus ghabh i air a h‑aghaidh a‑chum an taoibh thall fa chomhair Arabah mu thuath, agus chaidh i sìos gu Arabah; Agus ghabh a’ chrìoch thairis gu taobh Bhet‐hoglah mu thuath; agus bha dol a‑mach na crìche aig an lùib mu thuath den mhuir shalainn, aig ceann Iòrdain mu dheas. B’i sin a’ chrìoch mu dheas. Agus b’i Iòrdan a’ chrìoch air an làimh an ear. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, le a crìochan mun cuairt a rèir an teaghlaichean. A‑nis b’iad bailtean mòra treubh chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean, Iericho agus Bet‐hoglah, agus gleann Chesis, Agus Bet‐arabah, agus Semaraim, agus Betel, Agus Abhim, agus Parah, agus Ophrah, Agus Chephar‐haamonai, agus Ophni, agus Gabah: dà mhòr‐bhaile dheug lem bailtean beaga. Gibeon, agus Ramah, agus Beerot, Agus Mispeh, agus Chephirah, agus Mosah, Agus Rechem, agus Irpeel, agus Taralah, Agus Selah, Eleph, agus Iebusi (is e sin Ierusalem), Gibeat, agus Ciriat: ceithir mòr‐bhailtean deug lem bailtean beaga. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean. Agus thàinig an dara crannchur a‑mach do Shimeon, eadhon do threubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean: agus bha an oighreachd‐san am meadhon oighreachd chloinn Iùdah. Agus bha aca nan oighreachd, Beer‐sèbah, agus Sèbah, agus Moladah, Agus Hasar‐sual, agus Balah, agus Asem, Agus Eltolad, agus Betul, agus Hormah, Agus Siclag, agus Bet‐maracabot, agus Hasar‐susah, Agus Bet‐lebaot, agus Saruhen: trì mòr‐bhailtean deug agus am bailtean beaga. Ain, Remon, agus Eter, agus Asan: ceithir bailtean mòra lem bailtean beaga. Agus na bailtean beaga uile a bha mu thimcheall nam bailtean mòra sin, gu Balat‐beer‐ramat, mu dheas. B’i sin oighreachd treubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean. A‑mach à crannchur chloinn Iùdah bha oighreachd chloinn Shimeoin: oir bha cuibhreann chloinn Iùdah ro‑mhòr dhaibh; uime sin bha aig cloinn Shimeoin an oighreachd ann am meadhon an oighreachd‐san. Agus thàinig an treas crannchur a‑mach airson chloinn Shebuluin, a rèir an teaghlaichean: agus bha crìoch an oighreachd‐san gu Sarid. Agus chaidh an crìoch suas a dh’ionnsaigh na fairge, agus Maralah, agus ràinig i gu Dabaset, agus ràinig i gu ruig an sruth a tha fa chomhair Iocneaim; Agus thill i o Shared a làimh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, gu crìch Chislot‐taboir; agus an sin tha i a’ dol a‑mach gu Daberat, agus a’ dol suas gu Iaphia, Agus o sin a’ gabhail thairis air an làimh an ear gu Gitah‐hepher, gu Itah‐casin, agus a’ dol a‑mach gu Remon‐metoar gu Neah; Agus tha a’ chrìoch a’ dol mun cuairt mu thuath gu Hanaton; agus tha a dol a‑mach ann an gleann Iiphtah‐el; Agus Catat, agus Nahalal, agus Simron, agus Idalah, agus Betlehem: dà mhòr‐bhaile dheug lem bailtean beaga. B’i sin oighreachd chloinn Shebuluin, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra sin lem bailtean beaga. Thàinig an ceathramh crannchur a‑mach do Isachar, airson chloinn Isachair, a rèir an teaghlaichean. Agus b’i an crìoch Iesreel, agus Chesulot, agus Sunem, Agus Hapharim, agus Sihon, agus Anaharat, Agus Rabit, agus Cision, agus Abes, Agus Remet, agus Enganim, agus Enhadah, agus Bet‐pases; Agus tha a’ chrìoch a’ ruigheachd gu Tabor, agus Sahasimah, agus Bet‐semes, agus bha dol a‑mach an crìche aig Iòrdan: sia mòr‐bhailtean deug lem bailtean beaga. B’i sin oighreachd treubh chloinn Isachair, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga. Agus thàinig an còigeamh crannchur a‑mach do threubh chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean. Agus b’i an crìoch Helcat, agus Hali, agus Beten, agus Achsaph, Agus Alamelech, agus Amad, agus Miseal; agus tha i a’ ruigheachd gu Carmel air an làimh an iar, agus gu Sihor‐libnat; Agus a’ tilleadh leth ri èirigh na grèine gu Bet‐dagon, agus a’ ruigheachd gu Sebulun, agus gu gleann Iiphtah‐el, leth ris an taobh mu thuath de Bhet‐emec, agus Neiel, agus a’ dol a‑mach gu Cabul air an làimh chlì; Agus Hebron, agus Rehob, agus Hamon, agus Canah, eadhon gu Sìdon mòr: Agus an sin tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Ramah, agus gus am mòr‐bhaile daingnichte Tìrus, agus tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Hosah; agus tha a dol a‑mach aig an fhairge on oirthir gu Achsib; Umah mar an ceudna, agus Aphec, agus Rehob: dà mhòr‐bhaile ar fhichead lem bailtean beaga. Is i sin oighreachd treubh chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra sin lem bailtean beaga. Thàinig an siathamh crannchur a‑mach do chloinn Naphtali, eadhon do chloinn Naphtali, a rèir an teaghlaichean. Agus bha an crìoch o Heleph, o Alon gu Sahananim, agus Adami, Neceb, agus Iabneel, gu Lacum; agus bha a dol a‑mach gu Iòrdan. Agus an sin tha a’ chrìoch a’ tilleadh an iar gu Asnot‐tabor, agus a’ dol a‑mach o sin gu Hucoc, agus tha i a’ ruigheachd gu Sebulun air an taobh mu dheas, agus a’ ruigheachd gu Aser air an taobh an iar, agus gu bruachan Iòrdain leth ri èirigh na grèine. Agus is iad na mòr‐bhailtean daingnichte Sidim, Ser, agus Hamat, Racat, agus Cineret, Agus Adamah, agus Ramah, agus Hasor, Agus Cedes, agus Edrei, agus En‑hasor, Agus Iron, agus Migdal‐el, Horem, agus Bet‐hanat, agus Bet‐semes; naoi mòr‐bhailtean deug lem bailtean beaga. Is i sin oighreachd treubh chloinn Naphtali, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga. Agus thàinig an seachdamh crannchur a‑mach do threubh chloinn Dhain, a rèir an teaghlaichean. Agus b’i crìoch an oighreachd Sora, agus Estaol, agus Ir‑semes, Agus Saalabin, agus Aialon, agus Ietlah, Agus Elon, agus Timnatah, agus Ecron, Agus Elteceh, agus Gibeton, agus Bàalat, Agus Iehud, agus Bene‐berac, agus Gat‐rimon, Agus Me‑iarcon, agus Racon, maille ris a’ chrìch fa chomhair Iapho. Agus chaidh crìoch chloinn Dhain a‑mach ro ghann dhaibh: uime sin chaidh clann Dhain suas agus chog iad an aghaidh Leseim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus shealbhaich iad e, agus ghabh iad còmhnaidh ann, agus thug iad Dan mar ainm air Lesem, a rèir ainm an athar Dan. Is i sin oighreachd treubh chloinn Dhain, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra sin lem bailtean beaga. Nuair a chuir iad crìoch air an fhearann a roinn mar oighreachd a rèir an crìochan, thug clann Israeil oighreachd do Iosua mac Nuin nam measg: A rèir facal an Tighearna, thug iad dha am baile a dh’iarr e, eadhon Timnat‐serah ann an sliabh Ephraim, agus thog e am baile, agus ghabh e còmhnaidh ann. Is iad sin na h‑oighreachdan a roinn Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn athraichean treubhan chloinn Israeil, mar oighreachd le crannchur, ann an Siloh an làthair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail. Mar sin chuir iad crìoch air an fhearann a roinn. Agus labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh, Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Sònraichibh dhuibh fhèin bailtean dìdein, mun do labhair mi ribh le làimh Mhaois; A‑chum gun teich am marbhaiche, a mharbhas neach ann an aineolas agus gun fhios dha, an sin: agus bidh iad nan dìdein dhuibh o dhìoghaltair na fala. Agus nuair a sheasas esan a theicheas a dh’ionnsaigh aon de na bailtean sin, aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus a chuireas e a chùis an cèill ann an cluasan seanairean a’ bhaile sin, gabhaidh iad a‑steach e don bhaile dan ionnsaigh, agus bheir iad àite dha a‑chum gun gabh e còmhnaidh nam measg. Agus nuair a thèid dìoghaltair na fala an tòir air, an sin cha toir iad suas am marbhaiche da làimh; a chionn gun do bhuail e a choimhearsnach gun fhios dha, agus gun fhuath aige dha anns an aimsir roimhe sin. Agus gabhaidh e còmhnaidh anns a’ bhaile sin, gus an seas e an làthair a’ cho‐chruinneachaidh a‑chum breitheanais, agus gu bàs an àrd‐shagairt a bhios ann anns na làithean sin: an sin tillidh am marbhaiche, agus thig e da bhaile fhèin, agus da thaigh fhèin, don bhaile on do theich e. Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat‐arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah. Agus air taobh eile Iòrdain, làimh ri Iericho air an làimh an ear, shònraich iad Beser anns an fhàsach air a’ chòmhnard à treubh Reubein, agus Ramot ann an Gilead à treubh Ghad, agus Golan ann am Basan à treubh Mhanaseh. B’iad sin na bailtean a shònraicheadh airson chloinn Israeil uile, agus airson a’ choigrich a tha air chuairt nam measg, a‑chum ge bè a mharbhadh neach ann an aineolas, gun teicheadh e an sin, agus nach bàsaicheadh e le làimh dìoghaltair na fala, gus an seasadh e an làthair a’ cho‐chruinneachaidh. An sin thàinig cinn athraichean nan Lèbhitheach am fagas do Eleàsar an sagart, agus do Iosua mac Nuin, agus do chinn athraichean treubhan chloinn Israeil; Agus labhair iad riu aig Siloh ann an tìr Chanàain, ag ràdh, Dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois bailtean a thoirt dhuinn gu còmhnaidh a ghabhail annta, lem fearann co‑roinn dar sprèidh. Agus thug clann Israeil do na Lèbhithich, as an oighreachd, air àithne an Tighearna, na bailtean seo agus am fearann co‑roinn. Agus thàinig an crannchur a‑mach airson teaghlaichean nan Cohatach; agus bha aig cloinn Aaroin, an sagart, a bha de na Lèbhitich, le crannchur à treubh Iùdah, agus à treubh Shimeoin, agus à treubh Bheniàmin, trì‐bailtean‐deug. Agus bha aig a’ chuid eile de chloinn Chohait le crannchur à teaghlaichean treubh Ephraim, agus à treubh Dhain, agus à leth‐threubh Mhanaseh, deich bailtean. Agus bha aig cloinn Ghersoin le crannchur, à teaghlaichean treubh Isachair, agus à treubh Aseir, agus à treubh Naphtali, agus à leth‐threubh Mhanaseh ann am Basan, trì‐bailtean‐deug. Bha aig cloinn Mherari, a rèir an teaghlaichean, à treubh Reubein, agus à treubh Ghad, agus à treubh Shebuluin, dà‑bhaile‐dheug. Agus thug clann Israeil le crannchur do na Lèbhitich na bailtean sin lem fearann co‑roinn, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois. Agus thug iad a‑mach à treubh chloinn Iùdah, agus à treubh chloinn Shimeoin, na bailtean seo a tha air an ainmeachadh, A bha aig cloinn Aaroin de theaghlaichean nan Cohatach, muinntir a bha de chloinn Lèbhi: (oir bu leòsan an ciad chrannchur). Agus thug iad dhaibh mòr‐bhaile Arba, athair Anaic (eadhon Hebron) ann an sliabh Iùdah, maille ra fhearann co‑roinn mun cuairt air. Ach fearann a’ mhòr‐bhaile, agus a bhailtean beaga, thug iad do Chàleb mac Iephuneh mar a sheilbh. Mar seo thug iad do chloinn Aaroin, an sagart, Hebron maille ra fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Libnah le a fhearann co‑roinn. Agus Iatir le a fhearann co‑roinn, agus Estemoah le a fhearann co‑roinn, Agus Holon le a fhearann co‑roinn, agus Debir le a fhearann co‑roinn, Agus Ain le a fhearann co‑roinn, agus Iutah le a fhearann co‑roinn, agus Bet‐semes le a fhearann co‑roinn: naoi bailtean as an dà threubh sin. Agus à treubh Bheniàmin, Gibeon le a fhearann co‑roinn, Gebah le a fhearann co‑roinn, Anatot le a fhearann co‑roinn, agus Almon le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean. B’iad uile bhailtean chloinn Aaroin, na sagartan, trì‐bailtean‐deug lem fearann co‑roinn. Agus bha aig teaghlaichean chloinn Chohait, na Lèbhithich, a mhair de chloinn Chohait, eadhon acasan, bailtean an crannchuir à treubh Ephraim. Oir thug iad dhaibh Sechem le a fhearann co‑roinn ann an sliabh Ephraim, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Gèser le a fhearann co‑roinn. Agus Cibsaim le a fhearann co‑roinn, agus Bet‐horon le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean. Agus à treubh Dhain, Elteceh le a fhearann co‑roinn, Gibeton le a fhearann co‑roinn, Aialon le a fhearann co‑roinn: Gat‐rimon le a fhearann co‑roinn, ceithir bailtean. Agus à leth‐threubh Mhanaseh, Taanach le a fhearann co‑roinn, agus Gat‐rimon le a fhearann co‑roinn: dà bhaile. B’iad na bailtean uile lem fearann co‑roinn deich, airson teaghlaichean chloinn Chohait a mhair gun an oighreachd fhaghail. Agus do chloinn Ghersoin de theaghlaichean nan Lèbhitheach, à leth eile treubh Mhanaseh, thug iad Golan ann am Basan le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Bees‐tèrah, le a fhearann co‑roinn: dà bhaile. Agus à treubh Isachair, Cison le a fhearann co‑roinn, Dabareh le a fhearann co‑roinn, Iarmut le a fhearann co‑roinn, En‑ganim le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean. Agus à treubh Aseir, Misal le a fhearann co‑roinn, Abdon le a fhearann co‑roinn, Helcat le a fhearann co‑roinn, agus Rehob le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean. Agus à treubh Naphtali, Cedes ann an Galilee le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Hamot‐dor le a fhearann co‑roinn, agus Cartan le a fhearann co‑roinn: trì bailtean. B’iad uile bhailtean nan Gersonach a rèir an teaghlaichean, trì‐bailtean‐deug lem fearann co‑roinn. Agus do theaghlaichean chloinn Mherari, a’ chuid eile de na Lèbhithich, à treubh Shebuluin, Iocneam le a fhearann co‑roinn, agus Cartah le a fhearann co‑roinn, Dimnah le a fhearann co‑roinn, Nahalal le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean. Agus à treubh Reubein, Beser le a fhearann co‑roinn, agus Iahasah le a fhearann co‑roinn, Cedemot le a fhearann co‑roinn, agus Mephaat le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean. Agus à treubh Ghad, Ramot ann an Gilead le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Mahanaim le a fhearann co‑roinn, Hesbon le a fhearann co‑roinn, Iaser le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean anns an iomlan. Mar sin b’iad na bailtean uile airson chloinn Mherari, a rèir an teaghlaichean, a mhair de theaghlaichean nan Lèbhitheach, a rèir an crannchuir, dà‑bhaile‐dheug. B’iad uile bhailtean nan Lèbhitheach, an taobh a‑staigh de sheilbh chloinn Israeil, ochd bailtean agus dà‑fhichead lem fearann co‑roinn. Bha na bailtean sin gach aon lem fearann co‑roinn man timcheall: mar seo bha na bailtean sin uile. Agus thug an Tighearna do Israel am fearann uile a mhionnaich e a thoirt dan athraichean; agus shealbhaich iad e, agus ghabh iad còmhnaidh ann. Agus thug an Tighearna dhaibh fois mun cuairt, a rèir nan uile nithean a mhionnaich e dan athraichean; agus cha do sheas duine den naimhdean uile romhpa; thug an Tighearna thairis an naimhdean uile dan làimh. Cha d’fhàilnich a’ bheag de gach nì math a labhair an Tighearna ri taigh Israeil: thàinig an t‑iomlan gu crìch. An sin ghairm Iosua na Reubenich, agus na Gadaich, agus leth‐threubh Mhanaseh, Agus thubhairt e riu, Ghlèidh sibh na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, agus thug sibh gèill dom ghuth‐sa anns na h‑uile nithean a dh’àithn mi dhuibh. Cha d’fhàg sibh ur bràithrean rè mhòrain de làithean gus an là‑an‑diugh, ach ghlèidh sibh cùram àithne an Tighearna ur Dia. Agus a‑nis thug an Tighearna ur Dia fois dur bràithrean, mar a gheall e dhaibh; a‑nis uime sin tillibh, agus rachaibh dur pàilleanan, agus gu fearann ur seilbh, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh thall de Iòrdan. Ach thugaibh ro‑aire gun coilean sibh an àithne agus an lagh, a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, gràdh a thoirt don Tighearna ur Dia, agus gluasad na uile shlighean, agus a àitheantan a ghleidheadh, agus dlùth‐leantainn ris, agus seirbhis a dhèanamh dha le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam. Mar sin bheannaich Iosua iad, agus chuir e air falbh iad: agus chaidh iad dam pàilleanan. A‑nis do aon leth‐threubh Mhanaseh, thug Maois sealbh ann am Basan; ach don leth‐threubh eile dhiubh thug Iosua sealbh am measg am bràithrean air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar. Agus cuideachd, nuair a chuir Iosua air falbh iad dam pàilleanan, an sin bheannaich e iad. Agus labhair e riu, ag ràdh, Le mòr shaoibhreas tillibh dur pàilleanan, agus le ro‑mhòran sprèidhe, le airgead, agus le òr, agus le umha, agus le iarann, agus le ro‑mhòran aodaich; roinnibh creach ur naimhdean ri ur bràithrean. Agus thill clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth‐threubh Mhanaseh, agus dh’fhalbh iad o chloinn Israeil à Siloh, a tha ann an tìr Chanàain, gu dol do thìr Ghilead, gu fearann an seilbhe, a shealbhaich iad, a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois. Agus nuair a thàinig iad gu crìochan Iòrdain, a tha ann an tìr Chanàain, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth‐threubh Mhanaseh altair an sin làimh ri Iòrdan, altair mhòr ri amharc oirre. Agus chuala clann Israeil air a ràdh, Feuch, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth‐threubh Mhanaseh, altair thall fa chomhair tìr Chanàain, ann an crìochan Iòrdain, far an tàinig clann Israeil thairis. Agus nuair a chuala clann Israeil seo, chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile iad fhèin an ceann a chèile aig Siloh, gu dol suas a chogadh nan aghaidh. Agus chuir clann Israeil a dh’ionnsaigh cloinn Reubein, agus a dh’ionnsaigh cloinn Ghad, agus gu leth‐threubh Mhanaseh, do thìr Ghilead, Phinehas mac Eleàsair an sagart; Agus deich ceannardan maille ris, ceannard de gach prìomh‐thaigh, air feadh uile threubhan Israeil, agus b’e gach fear dhiubh ceann taigh an athraichean, air feadh mìltean Israeil. Agus thàinig iad gu cloinn Reubein, agus gu cloinn Ghad, agus gu leth‐threubh Mhanaseh, gu tìr Ghilead, agus labhair iad riu, ag ràdh, Mar seo tha co‑chruinneachadh an Tighearna uile ag ràdh, Ciod e an cionta seo a rinn sibh an aghaidh Dia Israeil, tilleadh air falbh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail dhuibh fhèin, a‑chum ceannairc a dhèanamh an‑diugh an aghaidh an Tighearna? An ro‑bheag dhuinn cionta Pheoir, o nach eil sinn air ar glanadh gus an là‑an‑diugh, (agus airson an robh plàigh ann an co‑chruinneachadh an Tighearna,) Ach gun tilleadh sibh air falbh an‑diugh on Tighearna a leantainn? Agus tàrlaidh, do bhrìgh gu bheil sibh a’ dèanamh ceannairc an‑diugh an aghaidh an Tighearna, a‑màireach gun las a fhearg an aghaidh uile cho‐chruinneachadh Israeil. Gidheadh, ma tha fearann ur seilbhe neòghlan, rachaibh thairis do fhearann sealbh an Tighearna, far a bheil pàillean an Tighearna a chòmhnaidh, agus gabhaibh sealbh nar measg‐ne: ach na dèanaibh ceannairc an aghaidh an Tighearna, no ceannairc nar n‑aghaidh‐ne, le altair a thogail dhuibh fhèin, a thuilleadh air altair an Tighearna ar Dia. Nach do rinn Achan mac Sherah cionta anns an nì mhallaichte, agus thuit fearg air uile cho‐chruinneachadh Israel? Agus cha b’e an duine sin na aonar a bhàsaich na chionta. An sin fhreagair clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth‐threubh Mhanaseh, agus thubhairt iad ri ceannardan mìltean Israeil, Aig an Tighearna Dia nan diathan, aig an Tighearna Dia nan diathan e fhèin tha fhios, agus aig Israel bidh fhios, mas ann an ceannairc, no ann an easaontas an aghaidh an Tighearna, (mas ann, na saor sinn an‑diugh,) A thog sinne dhuinn fhèin altair, gu tilleadh air falbh on Tighearna a leantainn, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairt‐loisgte, no tabhartais‐bìdh, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairtean thabhartas‐sìth, an sin agradh an Tighearna fhèin e; Agus mura ann air eagal an nì seo a rinn sinn e, ag ràdh, Anns an àm ri teachd dh’fhaodadh ur clann‐se labhairt ri ar cloinn‐ne, ag ràdh, Ciod ur gnothach‐se ris an Tighearna Dia Israeil? Oir rinn an Tighearna Iòrdan na crìch eadar sinne agus sibhse, a chlann Reubein, agus a chlann Ghad; chan eil agaibhse cuibhreann air bith anns an Tighearna: mar seo bheir ur clann‐se air ar cloinn‐ne sgur de eagal an Tighearna a bhith orra. Uime sin thubhairt sinn, Gabhamaid a‑nis mu altair a thogail dhuinn fhèin, chan ann airson tabhartais‐loisgte, no airson ìobairt; Ach a‑chum gum bi i na fianais eadar sinne agus sibhse, agus ar sliochd nar dèidh, a‑chum gun dèan sinn seirbhis an Tighearna na làthair le ar tabhartasan‐loisgte, agus le ar n‑ìobairtean, agus le ar tabhartasan‐sìth, a‑chum nach abair ur clann‐se ri ar cloinn‐ne anns an àm ri teachd, Chan eil cuibhreann agaibh anns an Tighearna. Uime sin thubhairt sinn, gun tachair e, nuair a their iad seo rinne, no ri ar sliochd anns an àm ri teachd, gum bi againn ri ràdh a‑rìs, Faicibh samhladh altair an Tighearna, a rinn ar n‑athraichean, chan ann airson thabhartas‐loisgte, no airson ìobairtean; ach is fianais i eadar sinne agus sibhse. Guma fada e uainne ceannairc a dhèanamh an aghaidh an Tighearna, agus tilleadh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail airson thabhartas‐loisgte, airson thabhartasan‐bìdh, no airson ìobairtean, seach altair an Tighearna ar Dia, a tha air beulaibh a’ phàillein. Agus nuair a chuala Phinehas an sagart, agus ceannardan a’ cho‐chruinneachaidh, agus cinn mìltean Israeil a bha maille ris, na briathran a labhair clann Reubein, agus clann Ghad, agus clann Mhanaseh, thaitinn e riu. Agus thubhairt Phinehas mac Eleàsair an sagart ri cloinn Reubein, agus ri cloinn Ghad, agus ri cloinn Mhanaseh, An‑diugh tha fhios againn gu bheil an Tighearna nar measg, a chionn nach do rinn sibh an cionta seo an aghaidh an Tighearna: a‑nis shaor sibh clann Israeil à làimh an Tighearna. Agus thill Phinehas mac Eleàsair an sagart, agus na ceannardan, o chloinn Reubein, agus o chloinn Ghad, à tìr Ghilead gu tìr Chanàain, gu cloinn Israeil, agus thug iad fios dan ionnsaigh a‑rìs. Agus thaitinn a’ chùis ri cloinn Israeil, agus bheannaich clann Israeil Dia, agus cha robh rùn aca dol suas nan aghaidh gu cath, a sgrios na tìre anns an robh clann Reubein agus Ghad nan còmhnaidh. Agus thug clann Reubein agus clann Ghad Ed mar ainm air an altair: oir bidh i na fianais eadarainn, gur e an Tighearna as Dia ann. Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan. Agus ghairm Iosua da ionnsaigh Israel uile, an seanairean, agus an ceannardan, agus am britheamhan, agus an luchd‐riaghlaidh, agus thubhairt e riu, Tha mise sean, agus air teachd air m’aghaidh ann am bliadhnachan: Agus chunnaic sibh gach nì a rinn an Tighearna ur Dia ris na cinnich sin uile air ur son‐se: oir is e an Tighearna ur Dia e fhèin a chog air ur son. Faicibh, roinn mi dhuibh le crannchur na cinnich sin a mhaireas, gu bhith nan oighreachd dur treubhan, o Iòrdan, maille ris na cinnich uile a gheàrr mi as, eadhon gus an fhairge mhòir air an taobh an iar. Agus an Tighearna ur Dia, fuadaichidh esan iad as ur fianais, agus iomainidh e iad a‑mach as ur sealladh; agus sealbhaichidh sibh am fearann aca, mar a gheall an Tighearna ur Dia dhuibh. Bithibh‐se uime sin ro‑mhisneachail a ghleidheadh agus a dhèanamh nan uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar‐lagha Mhaois, a‑chum nach till sibh a lethtaobh uaithe, a dh’ionnsaigh na làimh deise, no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe: A‑chum nach tig sibh air feadh nan cinneach sin, na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus nach luaidh sibh ainm an diathan, agus nach mionnaich sibh orra, agus nach dèan sibh seirbhis dhaibh, agus nach crom sibh sibh fhèin dhaibh: Ach dlùth‐leanaibh ris an Tighearna ur Dia, mar a rinn sibh gus an là‑an‑diugh. Oir dh’fhuadaich an Tighearna a‑mach as ur fianais cinnich mhòra agus threuna: ach dur taobh‐se, cha b’urrainn duine sam bith seasamh romhaibh gus an là‑an‑diugh. Cuiridh aon fhear dhibh an teicheadh air mìle: oir is e an Tighearna ur Dia e fhèin a chogas air ur son, mar a gheall e dhuibh. Thugaibh, uime sin, aire mhath dhuibh fhèin, gun gràdhaich sibh an Tighearna ur Dia. No ma thèid sibh air chor sam bith air ur n‑ais, agus ma leanas sibh ri fuidheall nan cinneach sin, eadhon na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus ma nì sibh cleamhnas riu, agus ma thèid sibh a‑steach dan ionnsaigh, agus iadsan dur n‑ionnsaigh‐se: Biodh fios cinnteach agaibh nach fuadaich an Tighearna ur Dia tuilleadh aon air bith de na cinnich sin a‑mach romhaibh; ach bidh iad dhuibh nan ribe, agus nan ceap‐tuislidh, agus nan sgiùrsadh nur taobhan, agus nam bioran nur sùilean, gus an tèid as dhuibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh. Agus, feuch, tha mise an‑diugh a’ dol air slighe na talmhainn uile, agus tha fhios agaibh fhèin nur n‑uile chridhe, agus nur n‑uile anam, nach d’fhàilnich aon nì de na nithean matha sin uile a labhair an Tighearna ur Dia dur taobh; thàinig iad gu lèir gu crìch dhuibhse, cha d’fhàilnich aon nì dhiubh. Uime sin tàrlaidh, mar a thàinig na h‑uile nithean matha oirbh, a gheall an Tighearna ur Dia dhuibh, mar sin gun toir an Tighearna oirbh na h‑uile nithean olca, gus an sgrios e sibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh. Nuair a bhriseas sibh coicheangal an Tighearna ur Dia, a dh’àithn e dhuibh, agus a thèid sibh, agus a nì sibh seirbhis do dhiathan eile, agus a chromas sibh sibh fhèin dhaibh, an sin lasaidh fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus thèid as dhuibh gu grad bhàrr an fhearainn mhaith a thug e dhuibh. Agus chruinnich Iosua treubhan Israeil uile gu Sechem, agus ghairm e air seanairean Israeil, agus air an ceannardan, agus air am britheamhan, agus air an luchd‐riaghlaidh; agus nochd iad iad fhèin am fianais Dhè. Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh uile, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Air taobh thall na h‑aibhne, anns an t‑seann aimsir, chòmhnaich ur n‑athraichean, eadhon Tèrah, athair Abrahàim, agus athair Nachoir: agus rinn iad seirbhis do dhiathan eile. Agus thug mi ur n‑athair Abrahàm o thaobh thall na h‑aibhne, agus threòraich mi e tro thìr Chanàain uile, agus rinn mi a shliochd lìonmhor, agus thug mi dha Isaac. Agus thug mi do Isaac Iàcob agus Esau: agus thug mi do Esau sliabh Sheir ra shealbhachadh; ach chaidh Iàcob agus a chlann sìos don Eiphit. Chuir mi Maois mar an ceudna agus Aaron a‑mach, agus bhuail mi an Eiphit, a rèir an nì sin a rinn mi na meadhon: agus an dèidh sin thug mi sibhse a‑mach. Agus thug mi ur n‑athraichean as an Eiphit: agus thàinig sibh a dh’ionnsaigh na fairge; agus lean na h‑Eiphitich ur n‑athraichean le carbadan agus marc‐shluagh gus a’ mhuir ruaidh. Agus nuair a ghlaodh iad ris an Tighearna, chuir e dorchadas eadar sibhse agus na h‑Eiphitich, agus thug e a’ mhuir orrasan, agus dh’fhalaich e iad; agus chunnaic ur sùilean ciod a rinn mi anns an Eiphit: agus ghabh sibh còmhnaidh anns an fhàsach ùine fhada. Agus thug mi sibh do fhearann nan Amorach, a bha a chòmhnaidh air an taobh thall de Iòrdan; agus chog iad ribh: agus thug mi thairis iad dur làimh, agus shealbhaich sibh am fearann: oir sgrios mise iad as ur fianais. An sin dh’èirich Balac mac Shipoir, rìgh Mhòaib, agus chog e an aghaidh Israeil, agus chuir e fios, agus ghairm e Balàam mac Bheoir, a‑chum sibhse a mhallachadh. Ach chan èisdinn‐sa ri Balàam; uime sin da‑rìribh bheannaich e sibh: mar sin shaor mi sibh as a làimh. Agus chaidh sibh thar Iòrdan, agus thàinig sibh gu Iericho: agus chog fir Iericho nur n‑aghaidh, na h‑Amoraich, agus na Peridsich, agus na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Girgasaich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich; agus thug mi thairis iad dur làimh. Agus chuir mi a’ chonnsbeach romhaibh, a dh’fhuadaich iad a‑mach as ur fianais eadhon dà rìgh nan Amorach; ach chan ann led chlaidheamh, no led bhogha. Agus thug mi dhuibh fearann anns nach do shaothraich sibh, agus bailtean nach do thog sibh, agus ghabh sibh còmhnaidh annta; de fhìonliosan agus de liosan‐ola nach do shuidhich sibh, tha sibh ag ithe. A‑nis uime sin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann an treibhdhireas agus ann am fìrinn, agus cuiribh uaibh na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis air taobh thall na h‑aibhne, agus anns an Eiphit, agus dèanaibh seirbhis don Tighearna. Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon‐sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna. Agus fhreagair an sluagh, agus thubhairt iad, Guma fada e uainne an Tighearna a thrèigsinn, gu seirbhis a dhèanamh do dhiathan eile; Oir an Tighearna ar Dia, is esan a thug a‑nìos sinne agus ar n‑athraichean à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa, agus a rinn na comharraidhean mòra sin nar sealladh, agus a ghlèidh sinn anns an uile shlighe air an d’imich sinn, agus am measg nan uile shlògh trìd an deachaidh sinn: Agus dh’fhògair an Tighearna a‑mach romhainn na slòigh uile, eadhon na h‑Amoraich a bha a chòmhnaidh anns an tìr; uime sin nì sinne mar an ceudna seirbhis don Tighearna, oir is esan ar Dia. Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna; oir is Dia ro‑naomh e; is Dia eudmhor e; cha lagh e ur n‑easaontais, no ur peacaidhean. Ma thrèigeas sibh an Tighearna, agus ma nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, an sin tillidh e agus nì e olc oirbh, agus claoidhidh e sibh, an dèidh dha math a dhèanamh dhuibh. Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Chan eadh, ach nì sinne seirbhis don Tighearna. Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Is fianaisean sibh nur n‑aghaidh fhèin, gun do thagh sibh dhuibh fhèin an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha. Agus thubhairt iad, Is fianaisean sinn. A‑nis uime sin cuiribh air falbh, (arsa esan,) na diathan coimheach a tha nur measg, agus aomaibh ur cridhe ris an Tighearna Dia Israeil. Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Don Tighearna ar Dia nì sinn seirbhis, agus ra ghuth‐san èisdidh sinn. Mar sin rinn Iosua coicheangal ris an t‑sluagh air an là sin: agus shuidhich e dhaibh reachd agus riaghailt ann an Sechem. Agus sgrìobh Iosua na briathran seo ann an leabhar lagh Dhè, agus ghabh e clach mhòr, agus chuir e suas i an sin fo dharaig, a bha làimh ri ionad naomh an Tighearna. Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh uile, Feuch, bidh a’ chlach seo na fianais dhuinn; oir chuala i uile bhriathran an Tighearna a labhair e rinn: bidh i uime sin na fianais nur n‑aghaidh‐se, air eagal gun àicheadh sibh ur Dia. Agus leig Iosua leis an t‑sluagh imeachd, gach duine da oighreachd fhèin. Agus an dèidh nan nithean sin, fhuair Iosua mac Nuin, òglach an Tighearna, bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois. Agus dh’adhlaic iad e ann an crìch a oighreachd fhèin ann an Timnat‐serah, a tha ann an sliabh Ephraim air an taobh mu thuath de shliabh Ghaais. Agus rinn Israel seirbhis don Tighearna uile làithean Iosua, agus uile làithean nan seanair a mhair beò an dèidh Iosua, agus dom b’aithne uile obraichean an Tighearna, a rinn e airson Israeil. Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Iòseiph, a thug clann Israeil a‑nìos as an Eiphit, ann an Sechem, ann am mìr fearainn a cheannaich Iàcob o mhic Hamoir, athair Shecheim, airson ceud bonn airgid; agus bha e na oighreachd aig cloinn Iòseiph. Agus fhuair Eleàsar mac Aaroin bàs, agus dh’adhlaic iad e ann an sliabh a bu le Phinehas a mhac, a thugadh dha ann an sliabh Ephraim. A‑nis an dèidh bàs Iosua, dh’fhiosraich clann Israeil den Tighearna, ag ràdh, Cò a thèid suas air ar son an aghaidh nan Canàanach air tùs, a chogadh nan aghaidh? Agus thubhairt an Tighearna, Thèid Iùdah suas: feuch, thug mi an tìr thairis da làimh. Agus thubhairt Iùdah ri Simeon a bhràthair, Thig a‑nìos maille riumsa dom chrannchur, a‑chum gun cog sinn an aghaidh nan Canàanach, agus thèid mise mar an ceudna maille riutsa dod chrannchur‐sa. Agus chaidh Simeon maille ris. Agus chaidh Iùdah suas; agus thug an Tighearna na Canàanaich agus na Peridsich thairis dan làimh: agus mharbh iad dhiubh ann am Besec deich mìle fear. Agus fhuair iad Adoni‐besec ann am Besec; agus chog iad na aghaidh, agus bhuail iad na Canàanaich agus na Peridsich. Ach theich Adoni‐besec, agus lean iad e, agus ghlac iad e, agus gheàrr iad dheth òrdagan a làmh agus a chas. Agus thubhairt Adoni‐besec, Thionail trì‐fichead agus deich rìghrean, aig an robh òrdagan an làmh agus an cas air an gearradh dhiubh, am biadh fom bhòrd‐sa: mar a rinn mi, mar sin dhìol Dia orm. Agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs an sin. A‑nis chog clann Iùdah an aghaidh Ierusaleim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus chuir iad am baile ri theine. Agus an dèidh sin, chaidh clann Iùdah sìos a chogadh an aghaidh nan Canàanach, a bha a chòmhnaidh anns a’ mhonadh, agus anns an àird a deas, agus anns a’ chòmhnard. Agus chaidh Iùdah an aghaidh nan Canàanach a bha a chòmhnaidh ann an Hebron, (a‑nis b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat‐arba,) agus mharbh iad Sesai, agus Ahiman, agus Talmai. Agus a sin chaidh e an aghaidh luchd‐àiteachaidh Dhebir: (agus b’e ainm Dhebir roimhe Ciriat‐sepher:) Agus thubhairt Càleb, Esan a bhuaileas Ciriat‐sepher, agus a ghlacas e, dhàsan bheir mi Achsah mo nighean na mnaoi. Agus ghlac Otniel mac Chenais, bràthair a b’òige Chàleib, e: agus thug e dha Achsah a nighean na mnaoi. Agus nuair a thàinig i da ionnsaigh, bhrosnaich i e gu achadh iarraidh o a h‑athair: agus theirinn i bhàrr a h‑asail; agus thubhairt Càleb rithe, Ciod as àill leat? Agus thubhairt i ris, Thoir dhomh beannachadh: oir thug thu dhomh fearann ri deas: thoir dhomh mar an ceudna tobraichean uisge. Agus thug Càleb dhi na tobraichean uachdarach, agus na tobraichean ìochdarach. Agus chaidh clann a’ Chenich, athair‐cèile Mhaois, suas à baile nan craobh‐pailme, maille ri cloinn Iùdah, do fhàsach Iùdah, a tha air an taobh mu dheas de Arad; agus chaidh iad agus ghabh iad còmhnaidh am measg an t‑sluaigh. Agus chaidh Iùdah maille ri Simeon a bhràthair, agus bhuail iad na Canàanaich a bha nan còmhnaidh ann an Sephat, agus sgrios iad gu tur e: (agus thugadh Hormah mar ainm air a’ bhaile:) Agus ghlac Iùdah Gàsa agus a chrìochan, agus Ascelon agus a chrìochan, agus Ecron agus a chrìochan. Agus bha an Tighearna maille ri Iùdah; agus ghabh e sealbh air a’ mhonadh, ach cha b’urrainn e luchd‐àiteachaidh an t‑sratha fhògradh a‑mach, a chionn gu robh carbadan iarainn aca. Agus thug iad Hebron do Chàleb, mar a thubhairt Maois: agus dh’fhuadaich e as a sin triùir mhac Anaic. Agus cha do chuir clann Bheniàmin a‑mach na h‑Iebusaich a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem; ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Bheniàmin ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh. Agus chaidh taigh Iòseiph mar an ceudna suas an aghaidh Bheteil: agus bha an Tighearna maille riu. Agus chuir taigh Iòseiph daoine a rannsachadh a‑mach Bheteil: (a‑nis b’e ainm a’ bhaile roimhe Luds ). Agus chunnaic an luchd‐bratha duine a’ teachd a‑mach as a’ bhaile, agus thubhairt iad ris, Feuch dhuinn, guidheamaid ort, an rathad a‑steach don bhaile, agus nochdaidh sinn tròcair dhut. Agus nuair a dh’fheuch e dhaibh an rathad a‑steach don bhaile, bhuail iad am baile le faobhar a’ chlaidheimh: ach leig iad air falbh an duine agus a theaghlach uile. Agus chaidh an duine do fhearann nan Hiteach, agus thog e baile, agus thug e Luds mar ainm air: is e seo a ainm gus an là‑an‑diugh. Cha mhò a dh’fhògair Manaseh a‑mach luchd‐àiteachaidh Bhet‐seain agus a bhailtean, no Thaanaich agus a bhailtean, no luchd‐àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, no luchd‐àiteachaidh Ibleaim agus a bhailtean, no luchd‐àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean: ach b’àill leis na Canàanaich còmhnaidh a ghabhail anns an fhearann sin. Agus thàrladh, nuair a dh’fhàs Israel làidir, gun do chuir iad na Canàanaich fo chìs; ach cha d’fhuadaich iad gu buileach a‑mach iad. Cha mhò a dh’fhuadaich Ephraim a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg ann an Gèser. Cha mhò a dh’fhuadaich Sebulun a‑mach luchd‐àiteachaidh Chitroin no luchd‐àiteachaidh Nahaloil: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg, agus bha iad fo chìs dhaibh. Cha mhò a dh’fhuadaich Aser a‑mach luchd‐àiteachaidh Acho, no luchd‐àiteachaidh Shìdoin, no Achlaib, no Achsib, no Helbah, no Aphic, no Rehoib: Ach ghabh na h‑Aserich còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd‐àiteachaidh na tìre; oir cha d’fhuadaich iad a‑mach iad. Cha mhò a dh’fhuadaich Naphtali a‑mach luchd‐àiteachaidh Bhet‐semeis, no luchd‐àiteachaidh Bhet‐anait; ach ghabh e còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd‐àiteachaidh na tìre: gidheadh bha luchd‐àiteachaidh Bhet‐semeis agus Bhet‐anait fo chìs dhaibh. Agus dh’èignich na h‑Amoraich clann Dhain don t‑sliabh: oir cha leigeadh iad leo teachd a‑nuas don ghleann. Ach b’àill leis na h‑Amoraich còmhnaidh a ghabhail ann an sliabh Hereis ann an Aialon, agus ann an Saalbim: gidheadh bhuadhaich làmh taigh Iòseiph, agus bha iad fo chìs dhaibh. Agus bha crìoch nan Amorach o uchdaich Acrabim, on charraig, agus suas o sin. Agus thàinig aingeal an Tighearna a‑nìos o Ghilgal gu Bochim, agus thubhairt e, Thug mi a‑nìos sibh as an Eiphit, agus thug mi a‑steach sibh don fhearann a mhionnaich mi dur n‑athraichean; agus thubhairt mi, Cha bhris mi mo choicheangal ribh gu bràth. Agus cha dèan sibh coicheangal sam bith ri luchd‐àiteachaidh na tìre seo; tilgidh sibh sìos an altairean: ach cha tug sibh gèill dom ghuth: carson a rinn sibh seo? Uime sin mar an ceudna thubhairt mi, Chan fhuadaich mi a‑mach iad romhaibh; ach bidh iad mar bhioran nur taobhan, agus bidh an diathan nan ribe dhuibh. Agus nuair a labhair aingeal an Tighearna na briathran sin ri cloinn Israeil uile, thog an sluagh suas an guth, agus ghuil iad. Agus ghairm iad ainm an àite sin Bochim: agus dh’ìobair iad an sin don Tighearna. Agus nuair a leig Iosua leis an t‑sluagh imeachd, chaidh clann Israeil, gach duine da oighreachd, a ghabhail seilbh air an fhearann. Agus rinn an sluagh seirbhis don Tighearna rè uile làithean Iosua, agus uile làithean nan seanair a mhair beò an dèidh Iosua, a chunnaic uile obraichean mòra an Tighearna, a rinn e airson Israeil. Agus fhuair Iosua mac Nuin, òglach an Tighearna, bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois. Agus dh’adhlaic iad e ann an crìch a oighreachd fhèin ann an Timnat‐heres, ann an sliabh Ephraim, air an taobh mu thuath de shliabh Ghaais. Agus chruinnicheadh mar an ceudna an ginealach sin uile a‑chum an athraichean: agus dh’èirich ginealach eile suas nan dèidh, do nach b’aithne an Tighearna, no na h‑obraichean a rinn e airson Israeil. Agus rinn clann Israeil olc ann an sealladh an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim. Agus thrèig iad an Tighearna Dia an athraichean, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, agus lean iad diathan eile, de dhiathan an t‑sluaigh a bha mun cuairt orra, agus chrom iad iad fhèin sìos dhaibh, agus bhrosnaich iad an Tighearna gu corraich. Agus thrèig iad an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàal agus do Astarot. Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean a chreach iad, agus reic e iad do làimh an naimhdean mun cuairt, air chor is nach b’urrainn iad na b’fhaide seasamh an làthair an naimhdean. Ge bè taobh a chaidh iad a‑mach, bha làmh an Tighearna nan aghaidh a‑chum uilc, mar a thubhairt an Tighearna, agus mar a mhionnaich an Tighearna dhaibh: agus bha iad ann an teinn ro‑mhòir. Gidheadh thog an Tighearna suas britheamhan, a shaor iad à làimh na muinntir sin a chreach iad. Gidheadh chan èisdeadh iad rim britheamhan, ach chaidh iad le strìopachas an dèidh dhiathan eile, agus chrom iad iad fhèin dhaibh: thill iad gu grad as an t‑slighe anns an d’imich an athraichean, a’ toirt gèill do àitheantan an Tighearna: cha do rinn iadsan mar sin. Agus nuair a thog an Tighearna suas dhaibh britheamhan, an sin bha an Tighearna leis a’ bhritheamh, agus shaor e iad à làimh an naimhdean, rè uile làithean a’ bhritheimh: oir ghabh an Tighearna truas dhiubh airson an osnaich o làthair na muinntir sin a rinn ainneart orra, agus a shàraich iad. Agus nuair a bha am britheamh marbh, thill iad, agus thruaill iad iad fhèin nas mò na an athraichean, ann an leantainn dhiathan eile, gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu cromadh sìos dhaibh; cha do sguir iad on gnìomharan fhèin, no on slighe eas‐umhail. Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil; agus thubhairt e, A chionn gun do bhris an sluagh seo mo choicheangal a dh’àithn mi dan athraichean, agus nach d’èisd iad rim ghuth, Cha chuir mise mar an ceudna, à seo suas, duine sam bith a‑mach romhpa, de na cinnich a dh’fhàg Iosua nuair a fhuair e bàs; A‑chum leòsan gun dearbh mi Israel, an glèidh iad slighe an Tighearna, a dh’imeachd innte, mar a ghlèidh an athraichean i, no nach glèidh. Uime sin dh’fhàg an Tighearna na cinnich sin, gun am fuadachadh a‑mach gu grad; agus cha tug e thairis iad do làimh Iosua. A‑nis is iad seo na cinnich a dh’fhàg an Tighearna a dhearbhadh Israeil leo; (eadhon a’ mheud de Israel do nach b’aithne cogaidhean Chanàain uile; A‑mhàin a‑chum gum b’aithne do ghinealaichean chloinn Israeil cogadh a theagasg dhaibh, air bheag sam bith dhaibhsan do nach b’aithne a’ bheag dheth roimhe;) Eadhon còig tighearnan nam Philisteach, agus na Canàanaich uile, agus na Sìdonaich, agus na Hibhich a bha a chòmhnaidh ann an sliabh Lebanoin, o shliabh Bhàal‐hermoin gu dol a‑steach Hamait. Agus bha iad gu Israel a dhearbhadh leo, a dh’aithneachadh an èisdeadh iad ri àitheantan an Tighearna, a dh’àithn e dan athraichean le làimh Mhaois. Agus ghabh clann Israeil còmhnaidh am measg nan Canàanach, nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach: Agus ghabh iad an nigheanan gu bhith nam mnathan aca, agus thug iad an nigheanan fhèin dam mic‐san; agus rinn iad seirbhis dan diathan. Agus rinn clann Israeil olc ann an sùilean an Tighearna, agus dhìochuimhnich iad an Tighearna an Dia, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim, agus do Astarot. Uime sin, las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus reic e iad do làimh Chusan‐risataim rìgh Mhesopotamia: agus rinn clann Israeil seirbhis do Chusan‐risataim ochd bliadhna. Agus nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, thog an Tighearna suas fear‐saoraidh do chloinn Israeil, a shaor iad, eadhon Otniel mac Chenais, bràthair a b’òige Chàleib. Agus bha spiorad an Tighearna air, agus thug e breith air Israel, agus chaidh e a‑mach a chogadh: agus thug an Tighearna thairis da làimh Cusan‐risataim, rìgh Mhesopotamia; agus bhuadhaich a làmh an aghaidh Chusan‐risataim. Agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna: agus fhuair Otniel mac Chenais bàs. Agus rinn clann Israeil olc a‑rìs ann an sùilean an Tighearna: agus neartaich an Tighearna Eglon rìgh Mhòaib an aghaidh Israeil, a chionn gun do rinn iad olc ann an sùilean an Tighearna. Agus chruinnich e da ionnsaigh clann Amoin, agus Amalec, agus chaidh e agus bhuail e Israel, agus shealbhaich iad baile nan craobh‐pailme. Agus rinn clann Israeil seirbhis do Eglon rìgh Mhòaib ochd‐bliadhna‑deug. Ach nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, thog an Tighearna suas dhaibh fear‐saoraidh, Ehud mac Ghera, Beniàmineach, duine ciotach: agus leis‐san chuir clann Israeil tìodhlac gu Eglon rìgh Mhòaib. Ach rinn Ehud dha fhèin claidheamh, aig an robh dà fhaobhar, làmh‐choille air fad; agus cheangail e e fo a aodach, air a shliasaid dheis. Agus thug e an tìodhlac gu Eglon rìgh Mhòaib: agus bha Eglon na dhuine ro‑reamhar. Agus nuair a chuir e crìoch air an tìodhlac a thoirt seachad, chuir e air falbh an sluagh a ghiùlain an tìodhlac. Ach thill e fhèin a‑rìs o na clach‐shlocan a bha làimh ri Gilgal, agus thubhairt e, Tha gnothach uaigneach agam riut, O a rìgh. Agus thubhairt esan, Bi ad thosd. Agus chaidh iadsan uile a sheas làimh ris a‑mach uaithe. Agus chaidh Ehud a‑steach da ionnsaigh; agus bha e na shuidhe ann an seòmar‐samhraidh, a bha aige dha fhèin a‑mhàin: agus thubhairt Ehud, Tha teachdaireachd agam o Dhia ad ionnsaigh. Agus dh’èirich e suas as a chathair. Agus chuir Ehud a‑mach a làmh chlì, agus thug e an claidheamh o a shliasaid dheis, agus shàth e na bhroinn e. Agus chaidh an dòrn‐chur a‑steach mar an ceudna an dèidh na lainne, agus dhùin an t‑saill air an lainn; oir cha do tharraing e an claidheamh as a bhroinn: agus thàinig an salchar a‑mach. An sin chaidh Ehud a‑mach tron fhor‐dhoras, agus dhùin e dorsan an t‑seòmair air, agus ghlais e iad. Nuair a chaidh e a‑mach, thàinig a sheirbhisich: agus nuair a chunnaic iad, feuch, gu robh dorsan an t‑seòmair glaiste, thubhairt iad, Gu cinnteach tha e a’ còmhdachadh a chas na sheòmar‐samhraidh. Agus dh’fheith iad gus an robh nàire orra: agus, feuch, cha d’fhosgail e dorsan an t‑seòmair; uime sin ghabh iad iuchair, agus dh’fhosgail iad iad: agus, feuch, bha an tighearna air tuiteam sìos marbh air an talamh. Agus chaidh Ehud as, nuair a bha iadsan fo amhluadh; agus chaidh e seachad air na clach‐shlocan, agus chaidh e as gu Seirat. Agus nuair a bha e air teachd, shèid e trompaid ann an sliabh Ephraim, agus chaidh clann Israeil sìos maille ris on t‑sliabh, agus esan romhpa. Agus thubhairt e riu, Leanaibh mise; oir thug an Tighearna ur naimhdean, na Mòabaich, thairis dur làimh. Agus chaidh iad sìos na dhèidh, agus ghlac iad àthan Iòrdain leth ri Mòab, agus cha do leig iad duine thairis. Agus mharbh iad de Mhòab, anns an àm sin, mu thimcheall deich mìle fear, sultmhor uile, agus nan daoine gaisgeil uile: agus cha deachaidh duine air bith as. Mar sin cheannsaicheadh Mòab air an là sin fo làimh Israeil. Agus bha fois aig an tìr ceithir‐fichead bliadhna. Agus na dhèidh‐san bha Samgar mac Anait, a mharbh de na Philistich sia ceud fear le luirg‐iomain dhamh: agus shaor esan Israel mar an ceudna. Agus rinn clann Israeil olc a‑rìs ann an sùilean an Tighearna, nuair a bha Ehud marbh. Agus reic an Tighearna iad do làimh Iabin rìgh Chanàain, a rìghich ann an Hasor; agus b’e ceannard a shluaigh Sisera, a bha a chòmhnaidh ann an Haroset nan cinneach. Agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna: oir bha naoi ceud carbad iarainn aige; agus rinn e ainneart air cloinn Israeil gu ro‑mhòr rè fichead bliadhna. Agus thug Deborah, ban‐fhàidh, bean Lapidoit, breith air Israel anns an àm sin. Agus bha i a chòmhnaidh fo chraoibh‐phailme Dheborah, eadar Ramah agus Betel, ann an sliabh Ephraim: agus chaidh clann Israeil suas da h‑ionnsaigh airson breitheanais. Agus chuir i fios, agus ghairm i Barac, mac Abinoaim, a‑mach à Cedes‐naphtali, agus thubhairt i ris, Nach d’àithn an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus tarraing gu sliabh Thaboir, agus thoir leat deich mìle fear de chloinn Naphtali, agus de chloinn Shebuluin; Agus tàirngidh mise ad ionnsaigh gu sruth Chisoin, Sisera, ceannard armailtean Iabin, le a charbadan agus a mhòr‐shluagh; agus bheir mi thairis e dod làimh? Agus thubhairt Barac rithe, Ma thèid thusa leam, an sin thèid mi; ach mura tèid thu leam, cha tèid. Agus thubhairt i, Gu cinnteach thèid mi leat: gidheadh cha bhi an turas a ghabhas tu a‑chum do chliù; oir do làimh mnà reicidh an Tighearna Sisera. Agus dh’èirich Deborah, agus chaidh i maille ri Barac gu Cedes. Agus ghairm Barac Sebulun agus Naphtali gu Cedes; agus chaidh e suas da chois le deich mìle fear: agus chaidh Deborah suas maille ris. A‑nis sgar Heber an Ceneach, a bha de chloinn Hobaib, athair‐cèile Mhaois, e fhèin o na Cenich, agus shuidhich e a bhùth gu ruig còmhnard Shanaim, a tha làimh ri Cedes. Agus dh’innis iad do Shisera gun deachaidh Barac mac Abinoaim suas gu sliabh Thaboir. Agus chruinnich Sisera ri chèile a charbadan uile, eadhon naoi ceud carbad iarainn, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Hasoret nan cinneach, gu sruth Chisoin. Agus thubhairt Deborah ri Barac, Eirich; oir is e seo an là anns an tug an Tighearna Sisera thairis dod làimh: nach eil an Tighearna air dol a‑mach romhad? Agus chaidh Barac sìos o shliabh Thaboir, agus deich mìle fear na dhèidh. Agus sgrios an Tighearna Sisera, agus a charbadan uile, agus a shluagh uile, le faobhar a’ chlaidheimh ro Bharac: agus theirinn Sisera sìos o a charbad, agus theich e as da chois. Ach lean Barac an dèidh nan carbad, agus an dèidh an t‑sluaigh, gu Haroset nan cinneach: agus thuit sluagh Shisera uile le faobhar a’ chlaidheimh: cha d’fhàgadh uiread is a h‑aon dhiubh. Gidheadh theich Sisera da chois gu bùth Iaeil, bean Hebeir an Ceneach; oir bha sìth eadar Iabin rìgh Hasoir agus taigh Hebeir an Ceneach. Agus chaidh Iael a‑mach an coinneamh Shisera, agus thubhairt i ris, Tionndaidh a‑steach, mo thighearna, tionndaidh a‑steach am ionnsaigh‐sa; na biodh eagal ort. Agus nuair a thionndaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh don bhùth, chòmhdaich i e le brat. Agus thubhairt e rithe, Thoir dhomh, guidheam ort, beagan uisge ra òl, oir tha tart orm: agus dh’fhosgail i searrag bhainne, agus thug i deoch dha, agus chòmhdaich i e. A‑rìs thubhairt e rithe, Seas ann an doras a’ bhùtha, agus ma thig duine agus gum feòraich e dhìot, agus gun abair e, A bheil duine sam bith an seo? An sin their thusa, Chan eil. An sin ghabh Iael, bean Hebeir, tarrang den phàillean, agus ghlac i òrd na làimh, agus chaidh i gu sàmhach a‑steach da ionnsaigh, agus bhuail i an tarrang na lethcheann, agus shàth i anns an talamh i; (oir bha e trom na chadal agus sgìth;) agus fhuair e bàs. Agus, feuch, nuair a bha Barac an tòir air Sisera, thàinig Iael a‑mach na choinneamh, agus thubhairt i ris, Thig, agus feuchaidh mise dhut am fear a tha thu ag iarraidh. Agus nuair a chaidh e a‑steach da bùth, feuch, bha Sisera na laighe marbh, agus an tarrang na lethcheann. Mar sin cheannsaich Dia air an là sin Iabin rìgh Chanàain am fianais chloinn Israeil. Agus shoirbhich le làimh chloinn Israeil, agus bha i trom air Iabin rìgh Chanàain, gus an do chuir iad as do Iabin rìgh Chanàain. Agus chan Deborah, agus Barac mac Abinoaim, air an là sin, ag ràdh, A chionn gun do ghabh Israel dìoghaltas, a chionn gun do thairg an sluagh iad fhèin gu toileach, molaibh‐se an Tighearna. Eisdibh, a rìghrean; thugaibh aire, a cheannardan: canaidh mise, mise fhèin, don Tighearna; canaidh mi don Tighearna Dia Israeil. A Thighearna, nuair a chaidh thu a‑mach à Seir, nuair a shiubhail thu a‑mach à tìr Edoim, chriothnaich an talamh, agus shil na nèamhan; shil na neòil mar an ceudna uisge. Leagh na slèibhtean o làthair an Tighearna, Sinài sin fhèin o làthair an Tighearna, Dia Israeil. Ann an làithean Shamgair mhic Anait, ann an làithean Iaeil, bha na rathaidean mòra gun tathaich, agus dh’imich an luchd‐turais air rathaidean seachranach. Sguir luchd‐àiteachaidh nam bailtean ann an Israel, sguir iad gus an d’èirich mise Deborah, gus an d’èirich mise am mhàthair ann an Israel. Thagh iad diathan nuadha; an sin bha cogadh anns na geatachan: an robh sgiath no sleagh rim faicinn am measg dà‑fhichead mìle ann an Israel? Tha mo chridhe le uachdarain Israeil, a thairg iad fhèin gu toileach am measg an t‑sluaigh. Beannaichibh an Tighearna. Sibhse a tha a’ marcachd air asail gheala, sibhse a tha nur suidhe am breitheanas, agus a’ siubhal an ròid, labhraibh. Iadsan a tha air an saoradh o fhuaim nam fear‐bogha ann an ionadan tarraing an uisge, an sin aithrisidh iad gnìomharan cothromach an Tighearna, eadhon na gnìomharan cothromach a‑thaobh luchd‐àiteachaidh a bhailtean ann an Israel: an sin thèid sluagh an Tighearna sìos a dh’ionnsaigh nan geatachan. Dùisg, dùisg, a Dheborah; dùisg, dùisg; can òran: èirich, a Bharaic, agus thoir do bhruid ann am braighdeanas, thusa a mhic Abinoaim. An sin thug e airsan a mhaireas tighearnas a bhith aige air na h‑uaislean am measg an t‑sluaigh: thug an Tighearna ormsa tighearnas a bhith agam os cionn nan cumhachdach. A Ephraim bha freumh dhiubh an aghaidh Amaleic; ad dhèidh‐sa, a Bheniàmin, am measg do sluaigh: à Machir thàinig a‑nuas lagh‐thabhairtairean, agus à Sebulun iadsan a làimhsicheas peann an sgrìobhadair. Agus bha ceannardan Isachair le Deborah, eadhon Isachar, agus mar an ceudna Barac: don ghleann chuireadh esan sìos da chois. Airson roinnean Reubein bha smuaintean mòra cridhe. Carson a dh’fhuirich thu am measg cròthan nan caorach, a chluinntinn mèilich nan treud? Airson roinnean Reubein bha smuaintean mòra cridhe. Dh’fhan Gilead an taobh thall de Iòrdan: agus carson a dh’fhuirich Dan ann an longan? Dh’fhan Aseir air tràigh na fairge, agus na bheàrnan ghabh e còmhnaidh. Bu shluagh Sebulun agus Naphtali a chuir an anaman ann an cunnart gu bàs ann an àitean àrda an fhearainn. Thàinig na rìghrean agus chog iad; an sin chog rìghrean Chanàain ann an Taanach làimh ri uisgeachan Mhegido; cha do ghabh iad buannachd air bith airgid. O nèamh chog na reultan; on slighean àrda chog iad an aghaidh Shisera. Sguab sruth Chisoin air falbh iad, an seann sruth sin, sruth Chisoin. O m’anam, shaltair thu sìos neart. An sin bhruthadh iongannan nan each le leumnaich, leumnaich an aona cumhachdaich. Mallaichibh‐se Meros, (thubhairt aingeal an Tighearna); mallaichibh gu mòr a luchd‐àiteachaidh: a chionn nach tàinig iad gu còmhnadh an Tighearna, gu còmhnadh an Tighearna an aghaidh nan cumhachdach. Beannaichte os cionn bhan bidh Iael bean Hebeir, an Ceneach; beannaichte bidh i os cionn bhan anns a’ bhùth. Dh’iarr e uisge, thug i dha bainne; ann an soitheach uasal thug i an làthair ìm. Chuir i a làmh ris an tarraing, a làmh dheas ri òrd an luchd‐obrach: agus leis an òrd bhuail i Sisera; bhuail i a cheann, agus lot i, agus shàth i tro a lethcheann. Aig a casan chrom e, thuit e, laigh e sìos: aig a casan chrom e, thuit e; far an do chrom e, an sin thuit e sìos marbh. A‑mach air uinneig dh’amhairc màthair Shisera, agus ghlaodh i tron chlèith, Carson a tha a charbad cho fada a’ teachd? Carson a tha rothan a charbaid a’ dèanamh moille? Fhreagair a ban‐tighearnan glice i, seadh, thug i freagradh dhi fhèin. Nach d’fhuair iad, nach eil iad a’ roinn na creiche? Maighdeann no dhà do gach fear? Creach iomadh‐dathach do Shisera, creach iomadh‐dathach de obair snàthaide, iomadh‐dathach de obair snàthaide air gach taobh, airson muinealan na muinntir sin a ghlacas a’ chreach? Mar sin rachadh as dod naimhdean uile, a Thighearna; ach biodh iadsan leis an ionmhainn e mar a’ ghrian nuair a thèid i a‑mach na neart. Agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna. Agus rinn clann Israeil olc ann an sùilean an Tighearna, agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Mhidiain rè seachd bliadhna. Agus bhuadhaich làmh Mhidiain an aghaidh Israeil: agus air sgàth nam Midianach rinn clann Israeil dhaibh fhèin na sluic a tha anns na beanntan, agus na h‑uamhan, agus na daingnichean làidir. Agus thachair, nuair a chuir clann Israeil sìol, gun tàinig na Midianaich a‑nìos, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear, thàinig eadhon iadsan a‑nìos nan aghaidh. Agus champaich iad nan aghaidh, agus mhill iad toradh na talmhainn, gus an tig thu gu Gàsa: agus cha d’fhàg iad teachd‐an‑tìr sam bith do Israel, aon chuid caora, no bò, no asal. Oir thàinig iad a‑nìos len sprèidh, agus lem bùthan, agus thàinig iad mar na lòcaist air lìonmhorachd; oir bha an dà chuid iad fhèin agus an càmhail gun àireamh: agus chaidh iad a‑steach don tìr a‑chum a milleadh. Agus thugadh Israel gu bochdainn ro‑mhòir leis na Midianaich; agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna. Agus nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna airson nam Midianach, Chuir an Tighearna fàidh a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thug mi a‑nìos sibh on Eiphit, agus thug mi a‑mach sibh à taigh na daorsa; Agus shaor mi sibh à làimh nan Eiphiteach, agus à làimh nan uile a rinn fòirneart oirbh, agus dh’fhuadaich mi a‑mach iad romhaibh, agus thug mi dhuibh am fearann: Agus thubhairt mi ribh, Is mise an Tighearna ur Dia; na biodh eagal diathan nan Amorach oirbh, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nam fearann: ach cha d’èisd sibh rim ghuth. Agus thàinig aingeal an Tighearna agus shuidh e fo dharaig a bha ann an Ophrah, a bhuin do Iòas an t‑Abiesrach: agus bha a mhac Gideon a’ bualadh arbhair ann an amar‐bruthaidh an fhìona, ga fhalach o na Midianaich. Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Tha an Tighearna maille riut, a dhuine thrèin ann an neart. Agus thubhairt Gideon ris, Och mo thighearna, ma tha an Tighearna maille rinn, carson a thàinig seo uile oirnn? Agus càit a bheil a mhìorbhailean uile a dh’innis ar n‑athraichean dhuinn, ag ràdh, Nach tug an Tighearna sinn a‑nìos on Eiphit? Ach a‑nis thrèig an Tighearna sinn, agus thug e thairis sinn do làimh nam Midianach. Agus dh’amhairc an Tighearna air, agus thubhairt e, Imich ann ad neart seo, agus saoraidh tu Israel o làimh nam Midianach: nach do chuir mise uam thu? Agus thubhairt e ris, Och mo Thighearna, cia leis a shaoras mise Israel? Feuch, tha mo theaghlach bochd ann am Manaseh, agus is mise as lugha ann an taigh m’athar. Agus thubhairt an Tighearna ris, Gu cinnteach bidh mise maille riut, agus buailidh tu na Midianaich mar aon duine. Agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh‐ghean ad shùilean, an sin nochd comharradh dhomh gur tusa a tha a’ labhairt rium. Na falbh à seo, guidheam ort, gus an tig mi ad ionnsaigh, agus gun toir mi a‑mach mo thìodhlac, agus gun cuir mi ad làthair e. Agus thubhairt e, fanaidh mi gus an tig thu a‑rìs. Agus chaidh Gideon a‑steach, agus dheasaich e meann de na gobhair, agus ephah fhlùir na bhreacagan neo‐ghortaichte: an fheòil chuir e ann am basgaid, agus an sùgh chuir e ann am poit, agus thug e a‑mach iad da ionnsaigh fon daraig, agus chuir e na làthair iad. Agus thubhairt aingeal Dhè ris, Gabh an fheòil, agus na breacagan neo‐ghortaichte, agus cuir iad air a’ charraig seo, agus taom a‑mach an sùgh. Agus rinn e mar sin. An sin chuir aingeal an Tighearna a‑mach bàrr a’ bhata a bha na làimh, agus bhean e ris an fheòil, agus ris na breacagan neo‐ghortaichte; agus dh’èirich teine suas as a’ charraig, agus loisg e an fheòil, agus na breacagan neo‐ghortaichte. An sin chaidh aingeal an Tighearna as a shealladh. Agus nuair a thuig Gideon gum b’e aingeal an Tighearna a bha ann, thubhairt Gideon, Och, a Thighearna Dhè! a chionn gum faca mi aingeal an Tighearna aghaidh ri aghaidh. Agus thubhairt an Tighearna ris, Sìth dhut; na biodh eagal ort: chan fhaigh thu bàs. Agus thog Gideon altair an sin don Tighearna, agus thug e Iehòbhah‐salom mar ainm oirre: gus an là‑an‑diugh tha i fhathast ann an Ophrah nan Abiesrach. Agus air an oidhche sin fhèin thubhairt an Tighearna ris, Gabh an tarbh òg aig d’athair, agus an dara tarbh a tha seachd bliadhna a dh’aois, agus tilg sìos altair Bhàail a tha aig d’athair, agus geàrr sìos an doire a tha làimh rithe; Agus tog altair don Tighearna do Dhia air mullach na carraige seo, ann an òrdagh, agus gabh an dara tarbh, agus thoir suas ìobairt‐loisgte le fiodh an doire a ghearras tu sìos. An sin ghabh Gideon deichnear dhaoine de a sheirbhisich, agus rinn e mar a thubhairt an Tighearna ris: agus thàrladh, a chionn gu robh eagal teaghlach a athar air, agus daoine a’ bhaile, air chor is nach b’urrainn e a dhèanamh anns an là, gun do rinn e anns an oidhche e. Agus nuair a dh’èirich daoine a’ bhaile gu moch anns a’ mhadainn, feuch, bha altair Bhàail air a tilgeadh sìos, agus bha an doire a bha làimh rithe air a ghearradh sìos, agus bha an dara tarbh air ìobradh air an altair a thogadh. Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Cò a rinn an nì seo? Agus nuair a dh’fhiosraich agus a rannsaich iad, thubhairt iad, Is e Gideon mac Iòais a rinn an nì seo. An sin thubhairt daoine a’ bhaile ri Iòas, Thoir a‑mach do mhac, a‑chum gum bàsaich e, a chionn gun do thilg e sìos altair Bhàail, agus gun do gheàrr e sìos an doire a bha làimh rithe. Agus thubhairt Iòas riùsan uile a sheas na aghaidh, An tagair sibh airson Bhàail? An saor sibh e? Esan a thagras air a shon, cuirear gu bàs e, am feadh as i a’ mhadainn a tha fhathast ann: mas dia e, tagradh e air a shon fhèin, a chionn gun do thilgeadh sìos a altair. Uime sin, air an là sin fhèin, thug e Ierubàal mar ainm air, ag ràdh, Tagradh Bàal na aghaidh, a chionn gun do thilg e sìos a altair. An sin bha na Midianaich uile, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear, air cruinneachadh ri chèile, agus chaidh iad a‑null, agus champaich iad ann an gleann Iesreeil. Ach thàinig spiorad an Tighearna air Gideon, agus shèid e trompaid, agus ghairm e Abieser na dhèidh. Agus chuir e teachdairean air feadh Mhanaseh uile, a chruinnicheadh mar an ceudna na dhèidh: agus chuir e teachdairean gu Aser, agus gu Sebulun, agus gu Naphtali; agus thàinig iad a‑nìos nan coinneamh. Agus thubhairt Gideon ri Dia, Ma shaoras tu Israel lem làimh‐sa, mar a thubhairt thu, Feuch, cuiridh mi lomradh olla air an ùrlar‐bhualaidh; agus ma bhios an drùchd air an lomradh a‑mhàin, agus tiormachd air an talamh uile, an sin bidh fios agam gun saor thu Israel lem làimh, mar a thubhairt thu. Agus bha e mar sin: oir dh’èirich e gu moch air an là màireach, agus theannaich e an lomradh cuideachd, agus dh’fhàisg e an drùchd as an lomradh, làn cuaiche de uisge. Agus thubhairt Gideon ri Dia, Na biodh do chorraich teth am aghaidh, agus labhraidh mi a‑mhàin an aon uair seo: leig dhomh dearbhadh, guidheam ort, an uair seo a‑mhàin leis an lomradh; biodh a‑nis tiormachd air an lomradh a‑mhàin, agus air an talamh uile biodh drùchd. Agus rinn Dia mar sin air an oidhche sin: agus bha tiormachd air an lomradh a‑mhàin, agus air an talamh uile bha drùchd. An sin dh’èirich Ierubàal, eadhon Gideon, agus an sluagh uile a bha maille ris, suas gu moch, agus champaich iad làimh ri tobar Haroid: agus bha feachd nam Midianach air an taobh mu thuath dhiubh, làimh ri sliabh Mhòreh, anns a’ ghleann. Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Tha an sluagh a tha maille riut tuilleadh is lìonmhor gu mise a thoirt nam Midianach nan làimh, air eagal gun dèanadh Israel uaill am aghaidh, ag ràdh, Shaor mo làmh fhèin mi. Agus a‑nis uime sin gairm ann an cluasan an t‑sluaigh, ag ràdh, Ge bè neach air a bheil eagal agus geilt, tilleadh e, agus imicheadh e gu moch o shliabh Ghilead. Agus thill den t‑sluagh dà mhìle ar fhichead, agus dh’fhan deich mìle. Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Tha an sluagh fhathast tuilleadh is lìonmhor; thoir sìos iad a dh’ionnsaigh an uisge, agus dearbhaidh mise dhut iad an sin: agus tàrlaidh, ge bè fear mun abair mise riut, Thèid am fear seo maille riut, gun tèid esan maille riut; agus ge bè fear mun abair mi riut, Cha tèid am fear seo maille riut, nach tèid esan ann. Mar sin thug e sìos an sluagh a dh’ionnsaigh an uisge: agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Gach aon a dh’imlicheas an t‑uisge le a theangaidh, mar a dh’imlicheas cù, cuiridh tu esan air leth; mar an ceudna gach aon a chromas sìos air a ghlùinean a dh’òl. Agus b’e àireamh na muinntir a dh’imlich, a’ cur an làimhe rim beul, trì cheud fear: ach chrom a’ chuid eile uile den t‑sluagh sìos air an glùinean a dh’òl uisge. Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Leis an trì cheud fear seo a dh’imlich, saoraidh mise sibh, agus bheir mi na Midianaich thairis dod làimh: agus rachadh am mòr‐shluagh uile, gach duine da àite fhèin. Agus ghabh an sluagh lòn nan làimh, agus an trompaidean: agus gach fear eile de Israel chuir e air falbh gach aon da bhùth, agus ghlèidh e an trì cheud fear seo. Agus bha sluagh Mhidiain fodha anns a’ ghleann. Agus air an oidhche sin fhèin thubhairt an Tighearna ris, Eirich, falbh sìos a dh’ionnsaigh an fheachd, oir thug mise thairis e dod làimh. Ach ma tha eagal ort dol sìos, falbh‐sa agus Phurah d’òglach sìos a dh’ionnsaigh an fheachd: Agus cluinnidh tu ciod a their iad; agus na dhèidh sin neartaichear do làmhan, agus thèid thu sìos a dh’ionnsaigh an fheachd. An sin chaidh e sìos maille ri Phurah a òglach gu taobh a‑muigh nan daoine armaichte a bha anns an fheachd. Agus bha na Midianaich, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear uile nan laighe anns a’ ghleann mar na lòcaist air lìonmhorachd; agus bha an càmhail gun àireamh, mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge air lìonmhorachd. Agus nuair a thàinig Gideon, feuch, bha duine ag innse aislinge da chompanach, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi aisling, agus, feuch, thàinig breacag de aran eòrna car air char a‑steach do champ Mhidiain, agus thàinig i gu bùth, agus bhuail i e, agus thuit e, agus thilg i bun‐os‑cionn e, agus thuit am bùth sìos. Agus fhreagair a chompanach, agus thubhairt e, Cha nì sam bith seo ach claidheamh Ghideoin mhic Iòais, duine de Israel: thug Dia thairis da làimh‐san Midian, agus an sluagh uile. Agus nuair a chuala Gideon aithris na h‑aislinge, agus a h‑eadar‐mhìneachadh, rinn e adhradh; agus thill e gu feachd Israeil, agus thubhairt e, Eiribh, oir thug an Tighearna thairis dur làimh feachd Mhidiain. Agus roinn e an trì cheud fear nan trì cuideachdan, agus chuir e trompaid ann an làimh gach aoin dhiubh, maille ri soithichean falamh, agus lòchrain anns na soithichean. Agus thubhairt e riu, Amhaircibh ormsa, agus dèanaibh‐se mar an ceudna: agus, feuch, nuair a thig mi gu taobh a‑muigh a’ champa, tàrlaidh, mar a nì mise, mar sin gun dèan sibhse. Nuair a shèideas mise le trompaid, mi fhèin agus iadsan uile a tha maille rium, an sin sèidibh‐se na trompaidean mar an ceudna mu thimcheall a’ champa uile, agus abraibh, Claidheamh an Tighearna agus Ghideoin. Mar sin thàinig Gideon agus an ceud fear a bha maille ris gu taobh a‑mach a’ champa, ann an toiseach na faire meadhonaich; agus cha robh iad ach air ùr‑shuidheachadh na faire: agus shèid iad na trompaidean, agus bhris iad na soithichean a bha nan làimh. Agus shèid na trì cuideachdan na trompaidean, agus bhris iad na soithichean, agus chùm iad na lòchrain nan làimh chlì, agus na trompaidean nan làimh dheis gu sèideadh leò: agus ghlaodh iad, Claidheamh an Tighearna agus Ghideoin. Agus sheas iad, gach duine na àite fhèin, mu thimcheall a’ champa: agus bhriseadh am feachd uile, agus ghlaodh iad, agus theich iad. Agus shèid an trì cheud na trompaidean, agus chuir an Tighearna claidheamh gach duine an aghaidh a chompanaich, eadhon air feadh an fheachd uile; agus theich an sluagh gu Betsitah ann an Sererat, agus gu crìch Abeil‐meholah, làimh ri Tabat. Agus chruinnicheadh fir Israeil ri chèile à Naphtali, agus à Aser, agus à Manaseh uile, agus chaidh iad air tòir nam Midianach. Agus chuir Gideon teachdairean air feadh sliabh Ephraim uile, ag ràdh, Thigibh a‑nuas an aghaidh nam Midianach, agus glacaibh romhpa na h‑uisgeachan gu Bet‐barah agus Iòrdan. An sin chruinnicheadh fir Ephraim uile ri chèile, agus ghlac iad na h‑uisgeachan gu Bet‐barah agus Iòrdan. Agus ghlac iad dà cheannard nam Midianach, Oreb agus Seeb; agus mharbh iad Oreb air carraig Oreib, agus Seeb mharbh iad aig amar‐bruthaidh fìon Sheeib, agus chaidh iad air tòir Mhidiain, agus thug iad cinn Oreib agus Sheeib gu Gideon air an taobh eile de Iòrdan. Agus thubhairt fir Ephraim ris, Ciod e an nì seo a rinn thu oirnn, nach do ghairm thu oirnn nuair a chaidh thu a chogadh an aghaidh nam Midianach? Agus throid iad ris gu geur. Agus thubhairt e riu, Ciod a‑nis a rinn mise an coimeas ribhse? Nach fheàrr dìoghlam fìondhearcan Ephraim na fìonfhoghar Abieseir? Thug Dia thairis dur làimh ceannardan Mhidiain, Oreb agus Seeb: agus ciod a b’urrainn mise a dhèanamh an coimeas ribhse? An sin thraogh am fearg ris, nuair a thubhairt e sin. Agus thàinig Gideon gu Iòrdan, agus chaidh e thairis, e fhèin agus an trì cheud fear a bha maille ris, sgìth, gidheadh air an tòir. Agus thubhairt e ri fir Shucoit, Thugaibh, guidheam oirbh, buileannan arain don t‑sluagh a tha gam leantainn; oir tha iad sgìth, agus tha mi air tòir Shèba agus Shalmuna, rìghrean Mhidiain. Agus thubhairt ceannardan Shucoit, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ann ad làimh, gun tugamaid aran dod armailt? Agus thubhairt Gideon, Uime sin nuair a bheir an Tighearna Sèba agus Salmuna thairis dom làimh, an sin reubaidh mi ur feòil le sgitheach an fhàsaich, agus le drisean. Agus chaidh e suas a sin gu Penuel, agus labhair e riùsan air a’ mhodh cheudna: agus fhreagair daoine Phenueil e, mar a fhreagair daoine Shucoit. Agus labhair e cuideachd ri daoine Phenueil, ag ràdh, Nuair a thig mi a‑rìs ann an sìth, brisidh mi sìos an tùr seo. A‑nis bha Sèba agus Salmuna ann an Carcor, agus an slòigh maille riu, mu thimcheall còig‐mìle‐deug fear, an t‑iomlan a dh’fhàgadh de shlòigh clann na h‑àird an ear uile: oir thuit ceud agus fichead mìle fear a tharraing claidheamh. Agus chaidh Gideon suas air slighe na muinntir a tha nan còmhnaidh ann am bùthan, air an làimh an ear de Nobah, agus de Iogbehah, agus bhuail e an sluagh; oir bha an sluagh gun umhail. Agus nuair a theich Sèba agus Salmuna, chaidh e air an tòir, agus ghlac e dà rìgh Mhidiain, Sèba agus Salmuna, agus chuir e geilt air an t‑sluagh uile. Agus thill Gideon mac Iòais on chath ro èirigh na grèine. Agus ghlac e òigfhear de dhaoine Shucoit, agus dh’fhiosraich e dheth: agus sgrìobh e dha ainmean ceannardan Shucoit, agus a sheanairean, trì‐fichead agus seachd‐fir‐dheug. Agus thàinig e gu fir Shucoit, agus thubhairt e, Feuchaibh, Sèba agus Salmuna a thilg sibh orm, ag ràdh, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ad làimh‐sa, gun tugamaid aran dod dhaoine a tha sgìth? Agus ghlac e seanairean a’ bhaile, agus ghabh e sgitheach an fhàsaich agus drisean, agus leò seo reub e fir Shucoit. Agus leag e sìos tùr Phenueil, agus mharbh e fir a’ bhaile. An sin thubhairt e ri Sèba agus ri Salmuna, Ciod a’ ghnè dhaoine a mharbh sibh ann an Tabor? Agus fhreagair iad, Mar tha thusa, is amhail a bha iadsan; gach aon cosmhail ri cloinn rìgh. Agus thubhairt e, B’iad sin mo bhràithrean‐sa, mic mo mhàthar: mar as beò an Tighearna, nan do ghlèidh sibh beò iadsan, cha mharbhainn‐sa sibhse. Agus thubhairt e ri Ieter a chiad‐ghin, Eirich, marbh iad: ach cha do tharraing an t‑òganach a chlaidheamh; oir bha eagal air, a chionn gu robh e fhathast na òganach. An sin thubhairt Sèba agus Salmuna, Eirich fhèin, agus buail oirnn: oir mar an duine, tha a neart. Agus dh’èirich Gideon, agus mharbh e Sèba agus Salmuna, agus thug e leis na h‑usgraichean a bha air amhaichean an càmhal. An sin thubhairt fir Israeil ri Gideon, Bi‑sa ad uachdaran oirnn, thu fhèin, agus do mhac, agus mac do mhic mar an ceudna: oir shaor thu sinn à làimh Mhidiain. Agus thubhairt Gideon riu, Cha bhi mise am uachdaran oirbh, cha mhò a bhios mo mhac na uachdaran oirbh; bidh an Tighearna na uachdaran oirbh. Agus thubhairt Gideon riu, Dh’iarrainn aon athchuinge oirbh, gun tugadh gach duine dhibh cluas‐fhàinnean a chreiche dhomh: (oir bha cluas‐fhàinnean òir aca, a chionn gum b’Ismaelich iad ). Agus fhreagair iad, Bheir sinne gu toileach dhut iad. Agus sgaoil iad aodach, agus thilg iad an sin, gach duine cluas‐fhàinnean a chreiche. Agus b’e cudthrom nan cluas‐fhàinnean òir a dh’iarr e mìle agus seachd ceud secel òir, a thuilleadh air usgraichean, agus cluigeinean, agus aodach corcair a bha air rìghrean Mhidiain, agus a thuilleadh air na slabhraidhean a bha air amhaichean an càmhal. Agus rinn Gideon èphod dheth, agus chuir e i na bhaile fhèin, eadhon ann an Ophrah; agus chaidh Israel uile an sin le strìopachas na dèidh; agus rinneadh sin na ribe do Ghideon agus da thaigh. Mar seo chìosnaicheadh Midian ro chloinn Israeil, agus cha do thog iad an ceann tuilleadh: agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna ann an làithean Ghideoin. Agus chaidh Ierubàal mac Iòais, agus ghabh e còmhnaidh na thaigh fhèin. Agus bha aig Gideon deichnear agus trì‐fichead mac a thàinig o a leasraidh fhèin; oir bha mòran bhan aige. Agus a choileabach a bha ann an Sechem, rug ise mar an ceudna mac dha, air an tug e Abimelech mar ainm. Agus fhuair Gideon mac Iòais bàs ann an deagh sheann aois, agus dh’adhlaiceadh e ann an uaigh Iòais, a athair, ann an Ophrah nan Abiesrach. Agus cho luath is a fhuair Gideon bàs, thill clann Israeil a‑rìs, agus chaidh iad le strìopachas an dèidh Bhàalim, agus rinn iad Bàal‐berit na dhia dhaibh fhèin. Agus cha do chuimhnich clann Israeil an Tighearna an Dia, a shaor iad à làimh an naimhdean uile air gach taobh: Cha mhò a nochd iad coibhneas do thaigh Ierubàail, eadhon Gideon, a rèir a’ mhathais sin uile a nochd e do Israel. Agus chaidh Abimelech mac Ierubàail do Shechem, gu bràithrean a mhàthar, agus labhair e riu, agus ri teaghlach taigh athair a mhàthar uile, ag ràdh, Labhraibh, guidheam oirbh, ann an cluasan maithean Shecheim uile, Cia dhiubh as fheàrr dhuibh, trì‐fichead agus deichnear fear (eadhon mic Ierubàail uile) a bhith nan uachdarain oirbh, no aon fhear a bhith na uachdaran oirbh? Cuimhnichibh mar an ceudna gur mise ur cnàimh agus ur feòil. Agus labhair bràithrean a mhàthar uime ann an cluasan maithean Shecheim uile na briathran sin uile: agus dh’aom an cridheachan an dèidh Abimeleich; oir thubhairt iad, Is e ar bràthair e. Agus thug iad dha trì‐fichead agus deich buinn airgid à taigh Bhàail‐bherit, leis an do thuarasdalaich Abimelech daoine faoine agus aotrom, a lean e. Agus chaidh e gu taigh a athar ann an Ophrah, agus mharbh e a bhràithrean, mic Ierubàail, eadhon deichnear agus trì‐fichead fear, air aon chloich: gidheadh, dh’fhàgadh Iotam, am mac a b’òige aig Ierubàal; oir dh’fhalaich e e fhèin. Agus chruinnich maithean Shecheim uile ri chèile, agus taigh Mhilo uile, agus chaidh iad agus rinn iad Abimelech na rìgh, làimh ri còmhnard a’ charraigh a bha ann an Sechem. Agus nuair a dh’innis iad seo do Iotam, chaidh e agus sheas e air mullach sliabh Gheridsim, agus thog e suas a ghuth, agus ghlaodh e, agus thubhairt e riu, Eisdibh riumsa, sibhse a mhaithean Shecheim, a‑chum gun èisd Dia ribhse. Chaidh na craobhan a‑mach air àm àraidh a dh’ungadh rìgh os an cionn fhèin, agus thubhairt iad ris a’ chrann‐ola, Bi‑sa ad rìgh oirnn. Ach thubhairt an crann‐ola riu, Am fàgainn‐sa mo reamhrachd, leis a bheil iad leamsa a’ toirt urraim do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhith air m’àrdachadh os cionn nan craobh? Agus thubhairt na craobhan ris a’ chrann‐fhìge, Thig‐sa agus bi ad rìgh oirnn. Ach thubhairt an crann‐fìge riu, Am fàgainn‐sa mo mhìlseachd, agus mo dheagh mheas, agus an rachainn gu bhith air m’àrdachadh os cionn nan craobh? Agus thubhairt na craobhan ris an fhìonain, Thig‐sa, agus bi ad rìgh oirnn. Agus thubhairt an fhìonain riu, Am fàgainn‐sa m’fhìon, a tha a’ toirt subhachais do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhith air m’àrdachadh os cionn nan craobh? An sin thubhairt na craobhan uile ris an dris, Thig‐sa, agus bi ad rìgh oirnn. Agus thubhairt an dris ris na craobhan, Mas e is da‑rìribh gun ung sibh mise am rìgh oirbh, thigibh, cuiribh ur dòchas am sgàil‐sa: agus mura dèan sibh seo, thigeadh teine a‑mach as an dris, agus loisgeadh e seudair Lebanoin. A‑nis uime sin, ma rinn sibh gu fìrinneach agus gu treibhdhireach nuair a rinn sibh Abimelech na rìgh, agus ma bhuin sibh gu math ri Ierubàal agus ra thaigh, agus ma rinn sibh ris a rèir toillteanas a làmh: (Oir chog m’athair‐sa air ur son, agus chuir e a anam ann an cunnart mòr, agus shaor e sibh a làimh Mhidiain; Agus tha sibh air èirigh suas an aghaidh taigh m’athar‐sa an‑diugh, agus mharbh sibh a mhic, trì‐fichead agus deichnear fear, air aon chloich, agus rinn sibh Abimelech, mac a bhan‐oglaich, na rìgh os cionn maithean Shecheim, a chionn gur e ur bràthair e:) Uime sin, ma bhuin sibh gu fìrinneach agus gu treibhdhireach ri Ierubàal agus ra thaigh an‑diugh, dèanaibh gàirdeachas ann an Abimelech, agus dèanadh esan mar an ceudna gàirdeachas annaibh‐se: Ach mura do rinn sibh mar sin, thigeadh teine a‑mach o Abimelech, agus loisgeadh e maithean Shecheim, agus taigh Mhilo; agus thigeadh teine a‑mach o mhaithean Shecheim, agus o thaigh Mhilo, agus loisgeadh e Abimelech. Agus ruith Iotam air falbh, agus theich e, agus chaidh e gu Beer, agus ghabh e còmhnaidh an sin, air eagal Abimeleich, a bhràthair. Agus rìghich Abimelech trì bliadhna air Israel. Agus chuir Dia droch spiorad eadar Abimelech agus maithean Shecheim; agus bhuin maithean Shecheim gu fealltach ri Abimelech: A‑chum gun tigeadh an t‑ainneart a rinneadh air deichnear agus trì‐fichead mac Ierubàail, agus gun laigheadh am fuil air Abimelech am bràthair, a mharbh iad; agus air maithean Shecheim, a neartaich a làmhan ann am marbhadh a bhràithrean. Agus chuir maithean Shecheim luchd feall‐fhalaich air a shon air mullaichean nam beann, agus rinn iad reubainn air gach neach a chaidh seachad orra anns an t‑slighe sin: agus dh’innseadh sin do Abimelech. Agus thàinig Gaal mac Ebeid agus a bhràithrean, agus chaidh iad thairis gu Sechem; agus chuir maithean Shecheim an dòchas ann. Agus chaidh iad a‑mach don fhearann, agus chruinnich iad toradh am fìonliosan, agus bhrùth iad na fìon‐dhearcan, agus rinn iad gàirdeachas, agus chaidh iad a‑steach do thaigh an diathan, agus dh’ith agus dh’òl iad, agus mhallaich iad Abimelech. Agus thubhairt Gaal mac Ebeid, Cò e Abimelech, agus cò e Sechem, gun dèanamaid‐ne seirbhis dha? Nach e mac Ierubàail e, agus Sebul, ceannard a shlòigh? Dèanaibh seirbhis do dhaoine Hamoir, athair Shecheim; oir carson a dhèanamaid seirbhis dhàsan? Agus b’e mo ghuidhe gun tugte an sluagh seo dom làimh‐sa! An sin dh’atharraichinn Abimelech. Agus thubhairt e ri Abimelech, Meudaich d’armailt, agus thig a‑mach. Agus nuair a chuala Sebul, uachdaran a’ bhaile, briathran Ghaail mhic Ebeid, las a chorraich. Agus chuir e teachdairean gu Abimelech os ìosal, ag ràdh, Feuch, thàinig Gaal mac Ebeid, agus a bhràithrean, do Shechem; agus, feuch, tha iad a’ teannachadh a’ bhaile ad aghaidh. A‑nis uime sin, èirich suas anns an oidhche, thu fhèin agus an sluagh a tha maille riut, agus dèan feall‐fhalach anns an fhearann: Agus anns a’ mhadainn mu èirigh na grèine, èiridh tu gu moch, agus bheir thu ionnsaigh air a’ bhaile: agus, feuch, nuair a thig e fhèin agus an sluagh a tha maille ris a‑mach ad aghaidh, an sin nì thu orra mar a bhios ad chomas. Agus dh’èirich Abimelech suas, agus an sluagh uile a bha maille ris, anns an oidhche, agus rinn iad feall‐fhalach an aghaidh Shecheim, nan ceithir cuideachdan. Agus chaidh Gaal mac Ebeid a‑mach, agus sheas e ann an dol a‑steach geata a’ bhaile. Agus dh’èirich Abimelech, agus an sluagh a bha maille ris, on fheall‐fhalach. Agus nuair a chunnaic Gaal an sluagh, thubhairt e ri Sebul, Feuch, tha sluagh a’ teachd a‑nuas o mhullach nam beann. Agus thubhairt Sebul ris, Tha thu a’ faicinn sgàil nam beann mar dhaoine. Agus labhair Gaal a‑rìs, agus thubhairt e, Feuch, tha sluagh a’ teachd a‑nuas o mheadhon na tìre, agus tha cuideachd eile a’ teachd air an aghaidh rathad còmhnard Mhehonenim. An sin thubhairt Sebul ris, Càit a‑nis a bheil do bheul, leis an dubhairt thu, Cò e Abimelech gun dèanamaid seirbhis dha? Nach e seo an sluagh air an do rinn thu tàir? Falbh a‑mach, guidheam ort a‑nis, agus cog riu. Agus chaidh Gaal a‑mach ro mhaithean Shecheim, agus chog e ri Abimelech. Agus chuir Abimelech an ruaig air, agus theich e roimhe; agus thuit mòran a chaidh a leònadh, eadhon gu ruig dol a‑steach a’ gheata. Agus ghabh Abimelech còmhnaidh ann an Arumah: agus dh’fhuadaich Sebul a‑mach Gaal agus a bhràithrean, a‑chum nach gabhadh iad còmhnaidh ann an Sechem. Agus air an là màireach chaidh an sluagh a‑mach don mhachair; agus dh’innis iad sin do Abimelech. Agus ghabh e an sluagh, agus roinn e iad nan trì cuideachdan, agus rinn e feall‐fhalach anns a’ mhachair, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha an sluagh air dol a‑mach as a’ bhaile; agus dh’èirich e nan aghaidh, agus bhuail e iad. Agus thug Abimelech agus a’ chuideachd a bha maille ris ionnsaigh, agus sheas iad ann an dol a‑steach geata a’ bhaile; agus thug an dà chuideachd eile ionnsaigh orrasan uile a bha anns a’ mhachair, agus bhuail iad iad. Agus chog Abimelech an aghaidh a’ bhaile rè an là sin: agus ghlac e am baile, agus mharbh e an sluagh a bha ann, agus leag e sìos am baile, agus chuir e le salann e. Agus nuair a chuala uile mhuinntir tùr Shecheim sin, chaidh iad a‑steach do dhaingneach taigh an dè, Berit. Agus dh’innseadh do Abimelech gu robh uile mhuinntir tùr Shecheim air cruinneachadh ri chèile. Agus chaidh Abimelech suas gu sliabh Shalmoin, e fhèin agus an sluagh uile a bha maille ris; agus ghlac Abimelech tuagh na làimh, agus gheàrr e sìos geug o na craobhan, agus ghabh e i, agus chuir e air a ghualainn i, agus thubhairt e ris an t‑sluagh a bha maille ris, An nì a chunnaic sibh mise a’ dèanamh, greasaibh, dèanaibh mar a rinn mise. Agus gheàrr mar an ceudna an sluagh uile sìos gach duine a gheug, agus lean iad Abimelech, agus chuir iad ris an daingneach iad, agus chuir iad an daingneach ri theine orra: mar sin fhuair daoine tùr Shecheim bàs uile mar an ceudna, mu thimcheall mìle fear agus bean. An sin chaidh Abimelech gu Tebes, agus champaich e an aghaidh Thebeis, agus ghlac e e. Ach bha tùr làidir ann am meadhon a’ bhaile, agus gu sin theich na fir agus na mnathan uile, agus muinntir a’ bhaile uile, agus dhùin iad orra fhèin e, agus chaidh iad suas air mullach an tùir. Agus thàinig Abimelech gu ruig an tùr, agus chog e na aghaidh, agus dhlùthaich e ri doras an tùir a‑chum a losgadh le teine. Agus thilg bean àraidh mìr de chloich‐mhuillinn air ceann Abimeleich, agus bhris i a chlaigeann. An sin ghairm e gu luath air an òganach a bha ag iomchar a arm, agus thubhairt e ris, Tarraing do chlaidheamh, agus marbh mi, air eagal gun abair iad umam, Mharbh bean e. Agus shàth an t‑òganach aige troimhe e, agus fhuair e bàs. Agus nuair a chunnaic fir Israeil gun d’fhuair Abimelech bàs, dh’imich iad gach fear da àite fhèin. Agus dhìol Dia olc Abimeleich, a rinn e air a athair, le a thrì‐fichead agus a dheichnear bhràithrean a mharbhadh. Agus uile olc daoine Shecheim dhìol Dia air an ceann fhèin: agus thàinig orra mallachadh Iotaim mhic Ierubàail. Agus dh’èirich an dèidh Abimeleich, a shaoradh Israeil, Tola mac Phuah mhic Dhodo, duine de Isachar; agus bha e a chòmhnaidh ann an Samir ann an sliabh Ephraim. Agus thug e breith air Israel trì‐bliadhna‑fichead: agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samir. Agus na dhèidh‐san dh’èirich Iair, Gileadach, agus thug e breith air Israel dà bhliadhna ar fhichead. Agus bha deich‐ar‑fhichead mac aige, a mharcaich air deich‐ar‑fhichead asal òg; agus bha deich‐ar‑fhichead baile aca, air an tugadh Habhot‐iair mar ainm gu ruig an là‑an‑diugh, a tha ann an tìr Ghilead. Agus fhuair Iair bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Camon. Agus rinn clann Israeil a‑rìs olc ann an sùilean an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim, agus do Astarot, agus do dhiathan Shiria, agus do dhiathan Shìdoin, agus do dhiathan Mhòaib, agus do dhiathan chloinn Amoin, agus do dhiathan nam Philisteach; agus thrèig iad an Tighearna, agus cha do rinn iad seirbhis dha. Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh nam Philisteach, agus do làimh chloinn Amoin. Agus chlaoidh agus rinn iad fòirneart air cloinn Israeil anns an àm sin rè ochd‐bliadhna‑deug, air cloinn Israeil uile a bha air an taobh eile de Iòrdan, ann an tìr nan Amorach, a tha ann an Gilead. Agus chaidh clann Amoin thar Iòrdan a chogadh mar an ceudna an aghaidh Iùdah, agus an aghaidh Bheniàmin, agus an aghaidh taigh Ephraim; agus bha Israel ann an teanntachd ro‑mhòir. Agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, ag ràdh, Pheacaich sinn ad aghaidh, an dà chuid a chionn gun do thrèig sinn ar Dia, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim. Agus thubhairt an Tighearna ri cloinn Israeil, Nach do shaor mise sibh o na h‑Eiphitich, agus o na h‑Amoraich, o chloinn Amoin, agus o na Philistich? Rinn mar an ceudna na Sìdonaich, agus na h‑Amalecich, agus na Maonaich fòirneart oirbh, agus ghlaodh sibh riumsa, agus shaor mi sibh as an làimh. Gidheadh thrèig sibh mi, agus rinn sibh seirbhis do dhiathan eile: uime sin cha saor mi sibh nas mò. Rachaibh agus gairmibh air na diathan a roghnaich sibh: saoradh iad sibh ann an àm ur teanntachd. Agus thubhairt clann Israeil ris an Tighearna, Pheacaich sinn; dèan‐sa rinn a rèir gach nì a tha math ad shùilean; a‑mhàin saor sinn, guidheamaid ort, air an là‑an‑diugh. Agus chuir iad air falbh na diathan coimheach as am measg, agus rinn iad seirbhis don Tighearna: agus bha doilgheas air a anam airson truaighe Israeil. An sin ghairmeadh clann Amoin cuideachd, agus champaich iad ann an Gilead: agus chruinnich clann Israeil iad fhèin an ceann a chèile, agus champaich iad ann am Mispeh. Agus thubhairt an co‑chruinneachadh, uachdarain Ghilead, gach aon ri chèile, Cia am fear sin a thòisicheas ri cogadh an aghaidh chloinn Amoin? Bidh esan na cheann air uile luchd‐àiteachaidh Ghilead. A‑nis bha Iephtah an Gileadach treun ann an neart, agus bu mhac strìopaich e: agus ghin Gilead Iephtah. Agus rug bean Ghilead mic dha; agus dh’fhàs mic a mhnà suas, agus thilg iad a‑mach Iephtah, agus thubhairt iad ris, Chan fhaigh thu oighreachd ann an taigh ar n‑athar‐ne, oir is mac mnà coimhich thu. An sin theich Iephtah o a bhràithrean, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Thoib: agus chruinnicheadh daoine faoine gu Iephtah, agus chaidh iad a‑mach maille ris. Agus an ceann làithean àraidh, chog clann Amoin ri Israel. Agus nuair a chog clann Amoin ri Israel, chaidh seanairean Ghilead a thoirt Iephtah à tìr Thoib: Agus thubhairt iad ri Iephtah, Thig agus bi ad cheannard oirnn, agus cogaidh sinn an aghaidh chloinn Amoin. Agus thubhairt Iephtah ri seanairean Ghilead, Nach d’fhuathaich sibh mi, agus nach do thilg sibh a‑mach mi à taigh m’athar? Agus carson a thàinig sibh am ionnsaigh a‑nis, nuair a tha sibh ann an teanntachd? Agus thubhairt seanairean Ghilead ri Iephtah, Uime sin thill sinn a‑nis ad ionnsaigh, a‑chum gun tèid thu maille rinn, agus gun cog thu an aghaidh chloinn Amoin, agus gum bi thu ad cheann oirnn, eadhon air uile luchd‐àiteachaidh Ghilead. Agus thubhairt Iephtah ri seanairean Ghilead, Ma bheir sibh air m’ais mi a chogadh an aghaidh chloinn Amoin, agus gun toir an Tighearna thairis iad am fhianais, am bi mise am cheann oirbh? Agus thubhairt seanairean Ghilead ri Iephtah, Biodh an Tighearna na fhianais eadarainn, gun dèan sinne mar sin, a rèir d’fhacail. Agus chaidh Iephtah maille ri seanairean Ghilead, agus rinn an sluagh e na cheann orra, agus na cheannard. Agus labhair Iephtah a bhriathran uile an làthair an Tighearna ann am Mispeh. Agus chuir Iephtah teachdairean a dh’ionnsaigh rìgh chloinn Amoin, ag ràdh, Ciod e do ghnothach‐sa riumsa, gun tàinig thu am aghaidh a chogadh ann am thìr? Agus thubhairt rìgh chloinn Amoin ri teachdairean Iephtah, A chionn gun do ghlac Israel m’fhearann nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit, o Arnon gu ruig Iaboc, agus gu ruig Iòrdan: a‑nis uime sin thoir thusa air ais e ann an sìth. Agus chuir Iephtah a‑rìs teachdairean a dh’ionnsaigh rìgh chloinn Amoin; Agus thubhairt e ris, Mar seo tha Iephtah ag ràdh, Cha do ghlac Israel fearann Mhòaib, no fearann chloinn Amoin: Ach nuair a thàinig Israel a‑nìos as an Eiphit, agus a ghluais iad tron fhàsach gu ruig a’ mhuir ruadh, agus a thàinig iad gu Cadeis; An sin chuir Israel teachdairean gu rìgh Edoim, ag ràdh, Leig dhuinn, guidheamaid ort, dol tro d’fhearann: ach chan èisdeadh rìgh Edoim agus mar an ceudna chuir iad teachdairean gu rìgh Mhòaib: ach cha d’aontaich e: agus dh’fhan Israel ann an Cadeis. An sin ghluais iad tron fhàsach, agus chuartaich iad tìr Edoim, agus tìr Mhòaib, agus thàinig iad o thaobh na h‑àird an ear de thìr Mhòaib, agus champaich iad air an taobh eile de Arnon, ach cha tàinig iad an taobh a‑staigh de chrìch Mhòaib; oir b’e Arnon crìoch Mhòaib. Agus chuir Israel teachdairean gu Sihon rìgh nan Amorach, rìgh Hesboin; agus thubhairt Israel ris, Leig dhuinn, guidheamaid ort, gabhail tro d’fhearann dar n‑àite fhèin. Ach cha d’earb Sihon ri Israel gabhail tro a chrìch: ach chruinnich Sihon a shluagh uile cuideachd, agus champaich iad ann an Iahas; agus chog e ri Israel. Agus thug an Tighearna, Dia Israeil, Sihon agus a shluagh uile thairis do làimh Israeil, agus bhuail iad iad: agus shealbhaich Israel uile fhearann nan Amorach, luchd‐àiteachaidh na tìre sin. Agus shealbhaich iad uile chrìochan nan Amorach, o Arnon gu ruig Iaboc, agus on fhàsach gu ruig Iòrdan. Agus a‑nis thilg an Tighearna Dia Israeil a‑mach na h‑Amoraich à fianais a shluaigh Israel, agus am bu chòir dhuitsa dol nan seilbh‐san? An nì sin a bheir do dhia Chemos dhut ra shealbhachadh, nach sealbhaich thusa e? Agus ge bè neach a thilg an Tighearna ar Dia‑ne a‑mach romhainn, na sheilbh‐san thèid sinne. Agus a‑nis a bheil thusa nas fheàrr na Balac, mac Shipoir, rìgh Mhòaib? An do rinn esan riamh strì ri Israel, agus an do chog e riamh nan aghaidh, Nuair a ghabh Israel còmhnaidh ann an Hesbon agus na bhailtean, agus ann an Aroer agus na bhailtean, agus anns na bailtean uile a tha làimh ri Arnon, rè trì cheud bliadhna? Agus carson nach do bhuin sibh air an ais iad anns an àm sin? Uime sin cha do pheacaich mise ad aghaidh, ach tha thusa a’ dèanamh eucoir ormsa le cogadh am aghaidh: thugadh an Tighearna, am Britheamh, breith an‑diugh eadar clann Israeil agus clann Amoin. Gidheadh cha d’èisd rìgh chloinn Amoin ri briathran Iephtah, a chuir e da ionnsaigh. Agus thàinig spiorad an Tighearna air Iephtah; agus chaidh e thairis gu Gilead agus Manaseh, agus o sin chaidh e thairis gu Mispeh Ghilead, agus o Mhispeh Ghilead chaidh e thairis gu cloinn Amoin. Agus bhòidich Iephtah bòid don Tighearna, agus thubhairt e, Ma bheir thu gu cinnteach clann Amoin thairis dom làimh, An sin tàrlaidh, ge bè nì a thig a‑mach à dorsan mo thaighe am choinneamh, nuair a thilleas mi ann an sìth o chloinn Amoin, gu cinnteach gur leis an Tighearna e, agus ìobraidh mi e dha na ìobairt‐loisgte. Agus chaidh Iephtah thairis gu cloinn Amoin a chogadh nan aghaidh; agus thug an Tighearna thairis iad da làimh. Agus bhuail e iad o Aroer, eadhon gus an tig thu gu Minit, fichead baile, agus gu còmhnard nam fìonlios, le àr ro‑mhòr. Mar seo dh’irioslaicheadh clann Amoin am fianais chloinn Israeil. Agus thàinig Iephtah gu Mispeh da thaigh, agus, feuch, thàinig a nighean a‑mach na choinneamh le tiompanan agus le dannsan, agus b’i a aon leanabh‐cloinne i: cha robh aige mac no nighean ach i. Agus nuair a chunnaic e i, reub e a aodach, agus thubhairt e, Och, mo nighean! Is ro‑ìosal a leag thu mi, agus is aon thu dhiùbhsan a tha gam chlaoidh: oir dh’fhosgail mi mo bheul don Tighearna, agus chan fhaod mi dol air m’ais. Agus thubhairt ise ris, Athair, ma dh’fhosgail thu do bheul don Tighearna, dèan riumsa a rèir an nì a thàinig a‑mach as do bheul, o rinn an Tighearna dìoghaltas air do shon‐sa air do naimhdean, eadhon air cloinn Amoin. Agus thubhairt i ra h‑athair, Dèanar an nì seo air mo shon‐sa: Leigear leam dà mhìos a‑chum gun imich mi suas agus sìos air na beanntan, agus gun dèan mi caoidh airson m’òigheachd, mi fhèin agus mo bhana‑chompanaich. Agus thubhairt e, Imich. Agus leig e air falbh i rè dà mhìos: agus chaidh i maille ra ban‐chompanaich, agus rinn i caoidh airson a h‑òigheachd air na beanntan. Agus ann an ceann dà mhìos, thill i a dh’ionnsaigh a h‑athar, agus rinn e rithe a rèir a bhòide a bhòidich e: agus cha robh aithne aice air fear. Agus bha e na ghnàth ann an Israel, Gun rachadh nigheanan Israeil o bhliadhna gu bliadhna a dhèanamh caoidh airson nighean Iephtah, an Gileadach, ceithir làithean anns a’ bhliadhna. Agus chruinnicheadh fir Ephraim an ceann a chèile, agus chaidh iad thairis mu thuath, agus thubhairt iad ri Iephtah, Carson a chaidh thu thairis a chogadh an aghaidh chloinn Amoin, agus nach do ghairm thu oirnne gu dol maille riut? Loisgidh sinn do thaigh ort le teine. Agus thubhairt Iephtah riu, Bha agamsa agus aig mo shluagh còmhstri mhòr ri cloinn Amoin; agus nuair a ghairm mi oirbh, cha do shaor sibh mi as an làimh. Agus nuair a chunnaic mi nach do shaor sibh mi, chuir mi m’anam am làimh, agus chaidh mi a‑null an aghaidh chloinn Amoin, agus thug an Tighearna thairis iad dom làimh: carson, matà, a tha sibh air teachd a‑nìos am ionnsaigh‐sa an‑diugh, a chogadh am aghaidh? An sin chruinnich Iephtah cuideachd fir Ghilead uile, agus chog e ri Ephraim: agus bhuail fir Ghilead Ephraim, a chionn gun dubhairt iad, Is luchd‐fuadain de Ephraim sibhse, a Ghileadacha, am measg Ephraim agus am measg Mhanaseh. Agus ghlac na Gileadaich àthan Iòrdain air na h‑Ephraimich: agus nuair a thubhairt na h‑Ephraimich sin a chaidh as, Leig dhomh dol thairis, thubhairt fir Ghilead ris, An Ephraimeach thu? Ma thubhairt esan, Chan eadh; An sin thubhairt iadsan ris, Abair a‑nis Schibolet; agus thubhairt esan Sibolet: oir cha b’urrainn e a ràdh gu ceart. An sin ghabh iad e, agus mharbh iad e aig àthan Iòrdain; agus thuit anns an àm sin de na h‑Ephraimich a dhà agus dà‑fhichead mìle. Agus thug Iephtah breith air Israel sia bliadhna. An sin fhuair Iephtah an Gileadach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an aon de bhailtean Ghilead. Agus na dhèidh‐san thug Ibsan o Bhetlehem breith air Israel. Agus bha deich‐ar‑fhichead mac aige, agus deich‐ar‑fhichead nighean, a chuir e a‑mach uaithe, agus ghabh e deich‐ar‑fhichead nighean a‑steach da ionnsaigh airson a mhac. Agus thug e breith air Israel seachd bliadhna. Agus fhuair Ibsan bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann am Betlehem. Agus na dhèidh‐san thug Elon, an Sebulonach, breith air Israel: agus thug e breith air Israel deich bliadhna. Agus fhuair Elon an Sebulonach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Aialon, ann an tìr Shebuloin. Agus na dhèidh‐san thug Abdon mac Hileil, Piratonach, breith air Israel. Agus bha dà‑fhichead mac aige, agus deich‐ar‑fhichead mac a mhac, a mharcaich air deich agus trì‐fichead asal òg: agus thug e breith air Israel ochd bliadhna. Agus fhuair Abdon mac Hileil am Piratonach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann am Piraton, ann an tìr Ephraim, ann an sliabh nan Amaleceach. Agus rinn clann Israeil olc a‑rìs ann an sùilean an Tighearna; agus thug an Tighearna thairis iad do làimh nam Philisteach dà‑fhichead bliadhna. Agus bha duine àraidh de Shorah, de theaghlach nan Danach, dom b’ainm Manòah; agus bha a bhean neo‐thorrach, agus cha do rug i clann. Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin don mhnaoi, agus thubhairt e rithe, Feuch a‑nis, tha thu aimrid, agus cha do rug thu fhathast clann: ach fàsaidh tu torrach, agus beiridh tu mac. A‑nis, matà, thoir an aire, guidheam ort, agus na òl fìon no deoch làidir, agus na ith nì air bith neòghlan: Oir, feuch, fàsaidh tu torrach, agus beiridh tu mac; agus cha tig ealtainn sam bith air a cheann: oir bidh an leanabh na Nàsarach do Dhia on bhroinn; agus tòisichidh e air Israel a shaoradh à làimh nam Philisteach. Agus thàinig a’ bhean agus dh’innis i da fear, ag ràdh, Thàinig òglach Dhè am ionnsaigh, agus a ghnùis mar ghnùis aingeal Dhè, ro‑uamhasach: ach cha d’fheòraich mi dheth cia as a bha e, agus cha d’innis e dhomh a ainm. Ach thubhairt e rium, Feuch, fàsaidh tu torrach, agus beiridh tu mac; agus a‑nis na òl fìon no deoch làidir, agus na ith nì air bith neòghlan: oir bidh an leanabh na Nàsarach do Dhia on bhroinn gu là a bhàis. An sin ghuidh Manòah air an Tighearna, agus thubhairt e, O mo Thighearna, thigeadh, guidheam ort, òglach Dhè, a chuir thu uat, a‑rìs dar n‑ionnsaigh, agus teagaisgeadh e dhuinn ciod a nì sinn ris an leanabh a bheirear. Agus dh’èisd Dia ri guth Mhanòah; agus thàinig aingeal Dhè a‑rìs a dh’ionnsaigh na mnà, agus i na suidhe anns an achadh: ach cha robh Manòah a fear maille rithe. Agus rinn a’ bhean cabhag, agus ruith i, agus dh’innis i da fear, agus thubhairt i ris, Feuch, chunnaic mi an duine a thàinig am ionnsaigh air an là roimhe. Agus dh’èirich Manòah, agus chaidh e an dèidh a mhnà, agus thàinig e a dh’ionnsaigh an duine, agus thubhairt e ris, An tusa an duine a labhair ris a’ mhnaoi? Agus thubhairt esan, Is mi. Agus thubhairt Manòah, A‑nis thigeadh do bhriathran gu crìch: cionnas a dh’òrdaicheas sinn mun leanabh, agus ciod a nì sinn ris? Agus thubhairt aingeal an Tighearna ri Manòah, O gach nì a thubhairt mise ris a’ mhnaoi coimheadadh i i fhèin. De nì sam bith a thig on chrann‐fhìona na itheadh i, agus fìon no deoch làidir na òladh i, agus nì sam bith neòghlan na itheadh i: gach nì a dh’àithn mise dhi, coimheadadh i. Agus thubhairt Manòah ri aingeal an Tighearna, Leig dhuinn, guidheamaid ort, do ghleidheadh, agus deasaichidh sinn fad chomhair meann de na gobhair. Agus thubhairt aingeal an Tighearna ri Manòah, Ged ghlèidh thu mi, chan ith mi ded aran; agus ma bheir thu suas ìobairt‐loisgte, don Tighearna bheir thu suas i; oir cha robh fhios aig Manòah gum b’e aingeal an Tighearna e. Agus thubhairt Manòah ri aingeal an Tighearna, Ciod as ainm dhut; a‑chum, nuair a thig do bhriathran gu crìch, gun toir sinn urram dhut? Agus thubhairt aingeal an Tighearna ris, Carson a tha thu mar seo a’ fiosrachadh a‑thaobh m’ainme‐sa, agus gu bheil e diamhair? Agus ghabh Manòah meann de na gobhair, maille ri tabhartas‐bìdh, agus dh’ìobair e e air carraig don Tighearna: agus b’iongantach an nì a rinn an t‑aingeal, agus Manòah agus a bhean ag amharc air: Oir nuair a dh’èirich an lasair bhàrr na h‑altarach suas gu nèamh, chaidh aingeal an Tighearna suas ann an lasair na h‑altarach; agus nuair a chunnaic Manòah agus a bhean sin, thuit iad air an aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn. (Ach cha d’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin tuilleadh do Mhanòah agus da mhnaoi.) An sin bha fhios aig Manòah gum b’e aingeal an Tighearna e. Agus thubhairt Manòah ra mhnaoi, Gu cinnteach gheibh sinn bàs, oir chunnaic sinn Dia. Ach thubhairt a bhean ris, Nam bu toil leis an Tighearna ar marbhadh, cha ghabhadh e o ar làimh ìobairt‐loisgte agus tabhartas‐bìdh, agus cha nochdadh e dhuinn na nithean seo uile, agus mar air an àm seo, cha chuireadh e an cèill dhuinn a leithid seo de nithean. Agus rug a’ bhean leanabh, agus thug i Samson mar ainm air: agus dh’fhàs an leanabh, agus bheannaich an Tighearna e. Agus thòisich spiorad an Tighearna ra bhrosnachadh air uairean ann an camp Dhain, eadar Sorah agus Estaol. Agus chaidh Samson sìos gu Timnat; agus chunnaic e bean ann an Timnat de nigheanan nam Philisteach. Agus thàinig e a‑nìos, agus dh’innis e da athair agus da mhàthair, agus thubhairt e, Chunnaic mi bean ann an Timnat de nigheanan nam Philisteach; agus a‑nis faighibh i dhòmhsa na mnaoi. An sin thubhairt a athair agus a mhàthair ris, Nach eil bean air bith am measg nigheanan do bhràithrean, no am measg mo shluaigh uile, gun rachadh tu a ghabhail mnà de na Philistich neo‐thimcheall‐gheàrrte? Agus thubhairt Samson ra athair, Faigh dhomh i; oir tha i taitneach am shùilean. Ach cha robh fhios aig a athair agus a mhàthair gum b’ann on Tighearna a bha e, gun d’iarr e fàth an aghaidh nam Philisteach: oir anns an àm sin bha uachdaranachd aig na Philistich os cionn Israeil. Uime sin chaidh Samson sìos, agus a athair agus a mhàthair, gu Timnat, agus thàinig iad gu fìonliosan Thimnait; agus, feuch, bha leòmhann òg a’ beucaich na aghaidh. Agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus reub e e mar a reubadh e meann, agus cha robh nì air bith na làimh: ach cha d’innis e da athair no da mhàthair ciod a rinn e. Agus chaidh e sìos agus labhair e ris a’ mhnaoi; agus bha i taitneach ann an sùilean Shamsoin. Agus an dèidh làithean àraidh, thill e a‑chum a gabhail, agus chaidh e a lethtaobh a dh’fhaicinn closach an leòmhainn; agus, feuch, bha sgaoth bheach ann an closaich an leòmhainn, agus mil. Agus ghabh e dhith na làmhan, agus chaidh e air aghaidh ag ithe, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a athar agus a mhàthar, agus thug e dhaibh, agus dh’ith iad: ach cha d’innis e dhaibh gum b’ann à closaich an leòmhainn a thug e a’ mhil. Agus chaidh a athair sìos a dh’ionnsaigh na mnà: agus rinn Samson an sin cuirm; oir mar sin bu ghnàth leis na daoine òga a dhèanamh. Agus nuair a chunnaic iad e, thug iad deich‐ar‑fhichead companach gu bhith maille ris. Agus thubhairt Samson riu, Cuiridh mi a‑nis tòimhseachan a‑mach dhuibh: ma chuireas sibh gu cinnteach an cèill dhomh e an taobh a‑staigh de sheachd làithean na cuirme, agus gum faigh sibh a‑mach e, an sin bheir mise dhuibh deich‐ar‑fhichead brat‐lìn, agus deich‐ar‑fhichead culaidh aodaich: Ach mura urrainn sibh a chur an cèill dhomh, an sin bheir sibhse dhòmhsa deich‐ar‑fhichead brat‐lìn, agus deich‐ar‑fhichead culaidh aodaich. Agus thubhairt iad ris, Cuir a‑mach do thòimhseachan, agus gun cluinn sinn e. Agus thubhairt esan riu, As an fhear a dh’itheas thàinig a‑mach biadh, agus as an fhear gharg thàinig a‑mach mìlsead. Agus cha b’urrainn iad an tòimhseachan fhuasgladh ann an trì làithean. Agus air an t‑seachdamh là thubhairt iad ri mnaoi Shamsoin, Meall d’fhear, a‑chum gun innis e dhuinn an tòimhseachan, air eagal gun loisg sinn thu fhèin agus taigh d’athar le teine: an ann gu sealbh a ghabhail anns na bheil againn a ghairm thu oirnn? Nach ann? Agus ghuil bean Shamsoin na fhianais, agus thubhairt i, Tha a‑mhàin fuath agad orm, agus chan eil gràdh agad dhomh: chuir thu a‑mach tòimhseachan do chloinn mo shluaigh, agus cha d’innis thu dhòmhsa e. Agus thubhairt esan rithe, Feuch, cha d’innis mi e dom athair no dom mhàthair, agus an innis mi dhutsa e? Agus ghuil i na làthair rè nan seachd làithean a bha a’ chuirm aca: agus air an t‑seachdamh là dh’innis e dhi, a chionn gun do chuir i gu teann ris: agus dh’innis ise an tòimhseachan do chloinn a sluaigh. Agus thubhairt daoine a’ bhaile ris air an t‑seachdamh là, ro laighe na grèine, Ciod as mìlse na mil, agus ciod as gairge na leòmhann? Agus thubhairt esan riu, Mura biodh sibh air treabhadh lem agh‐sa, chan fhaigheadh sibh a‑mach mo thòimhseachan. Agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus chaidh e sìos gu Ascelon, agus mharbh e dhiubh deich‐ar‑fhichead fear, agus ghabh e am faobh, agus thug e culaidhean aodaich dhaibhsan a dh’fhuasgail an tòimhseachan: agus las a fhearg, agus chaidh e suas gu taigh a athar. Ach thugadh bean Shamsoin da chompanach a bha mar charaid aige. Agus an dèidh làithean àraidh, ann an àm foghar a’ chruithneachd, chaidh Samson a dh’fhaicinn a mhnà le meann de na gobhair; agus thubhairt e, Thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh mo mhnà don t‑seòmar. Ach cha leigeadh a h‑athair leis dol a‑steach. Agus thubhairt a h‑athair, Gu deimhinn shaoil mi gun d’fhuathaich thu gu tur i, agus thug mi i dod chompanach: nach eil a piuthar as òige nas maisiche na i? Bitheadh i a‑nis agad na h‑àite. Agus thubhairt Samson man timcheall, A‑nis bidh mi nas neochiontaiche na na Philistich, ged nì mi olc orra. Agus chaidh Samson, agus ghlac e trì cheud sionnach, agus ghabh e leusan teine, agus thionndaidh e earball ri earball, agus chuir e leus teine anns a’ mheadhon eadar dà earball. Agus nuair a chuir e na leusan ri theine, leig e air falbh iad am measg arbhar nam Philisteach, agus loisg e an dà chuid na h‑adagan agus mar an ceudna an t‑arbhar a bha na sheasamh, maille ris na fìonliosan agus ris na liosan‐ola. An sin thubhairt na Philistich, Cò a rinn seo? Agus dh’innseadh dhaibh, Samson, cliamhainn an Timnataich, a chionn gun do ghabh esan a bhean, agus gun tug e i da chompanach. Agus chaidh na Philistich suas, agus loisg iad i fhèin agus a h‑athair le teine. Agus thubhairt Samson riu, Ged a rinn sibh mar seo, gidheadh dìolaidh mise mi fhèin oirbh, agus na dhèidh sin sguiridh mi. Agus bhuail e iad muin air mhuin le àr mòr: agus chaidh e sìos agus ghabh e còmhnaidh ann an uaimh carraig Etaim. Agus chaidh na Philistich suas, agus champaich iad ann an Iùdah, agus sgaoil iad iad fhèin ann an Lehi. Agus thubhairt fir Iùdah, Carson a thàinig sibh a‑nìos nar n‑aghaidh‐ne? Agus thubhairt iadsan, A cheangal Shamsoin thàinig sinn a‑nìos, a dhèanamh air mar a rinn esan oirnne. Uime sin chaidh trì mìle fear de Iùdah sìos gu uaimh carraig Etaim, agus thubhairt iad ri Samson, Nach eil fhios agad gu bheil na Philistich nan uachdarain oirnne? Agus ciod e seo a rinn thu oirnn? Agus thubhairt esan riu, Mar a rinn iadsan ormsa, mar sin rinn mise orrasan. Agus thubhairt iad ris, A‑chum thusa a cheangal tha sinn air teachd a‑nuas, a‑chum gun toir sinn thairis thu do làimh nam Philisteach. Agus thubhairt Samson riu, Thugaibh ur mionnan dhomh nach tionndaidh sibh fhèin orm. Agus fhreagair iad e, ag ràdh, Cha bhuail: ach ceanglaidh sinn thu gu teann, agus bheir sinn thairis thu dan làimh, ach gu cinnteach cha mharbh sinn thu. Agus cheangail iad e le dà chòrd nodha, agus thug iad a‑nìos e on charraig. Agus nuair a thàinig e gu Lehi, rinn na Philistich iolach a’ dol na choinneamh: agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus dh’fhàs na cùird a bha air a ghàirdeanan mar lìon a loisgeadh le teine, agus dh’fhuasgladh a cheanglaichean bhàrr a làmhan. Agus fhuair e cnàimh‐peircill ùr asail, agus chuir e a‑mach a làmh, agus ghlac e e, agus bhuail e leis mìle fear. Agus thubhairt Samson, Le cnàimh‐peircill asail, dùn air dhùn, le cnàimh‐peircill asail mharbh mi mìle fear. Agus nuair a sguir e de labhairt, thilg e an cnàimh‐peircill as a làimh, agus thug e Ramat‐lehi mar ainm air an àite sin. Agus bha tart mòr air, agus ghairm e air an Tighearna, agus thubhairt e, Thug thu an t‑saorsa mhòr seo do làimh do sheirbhisich: agus a‑nis am faigh mi bàs le tart, agus an tuit mi ann an làimh nan neo‐thimcheall‐gheàrrte? Agus sgoilt Dia lag a bha ann an Lehi, agus thàinig uisge as; agus dh’òl e, agus thàinig a spiorad a‑rìs, agus dh’ath‐bheothaicheadh e: uime sin thug e En‑hacore mar ainm air, a tha ann an Lehi gu ruig an là‑an‑diugh. Agus thug e breith air Israel ann an làithean nam Philisteach fichead bliadhna. Agus chaidh Samson gu Gàsa, agus chunnaic e an sin strìopach, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh. Agus dh’innseadh do na Gàsaich, ag ràdh, Thàinig Samson an seo. Agus chuartaich iad e, agus rinn iad feall‐fhalach air a shon rè na h‑oidhche ann an geata a’ bhaile, agus bha iad tosdach rè na h‑oidhche, ag ràdh, Nuair a thig solas na maidne, marbhaidh sinn e. Agus laigh Samson gu meadhon‐oidhche, agus dh’èirich e mu mheadhon‐oidhche, agus ghabh e còmhlaichean geata a’ bhaile, agus an dà phost, agus thug e leis iad maille ris na crainn, agus chuir e air a ghuaillean iad, agus thug e suas iad gu mullach slèibhe a tha fa chomhair Hebroin. Agus na dhèidh sin ghràdhaich e bean ann an gleann Shoreic, dom b’ainm Delilah. Agus chaidh tighearnan nam Philisteach suas da h‑ionnsaigh, agus thubhairt iad rithe, Meall e, agus faic càit a bheil a neart mòr a’ laighe, agus cionnas a bhuadhaicheas sinn air, air chor is gun ceangail sinn e a‑chum a cheannsachadh; agus bheir sinn dhut, gach aon againn, mìle agus ceud bonn airgid. Agus thubhairt Delilah ri Samson, Innis dhomh, guidheam ort, càit a bheil do neart mòr a’ laighe, agus cionnas a dh’fhaodas tu a bhith air do cheangal a‑chum do cheannsachadh. Agus thubhairt Samson rithe, Ma cheanglas iad mi le seachd goid ùra nach do thiormaicheadh, an sin bidh mi anfhann, agus bidh mi mar dhuine eile. An sin thug tighearnan nam Philisteach suas da h‑ionnsaigh seachd goid ùra nach do thiormaicheadh, agus cheangail i e leo. (A‑nis bha daoine ri feall‐fhalach a’ fantainn maille rithe anns an t‑seòmar.) Agus thubhairt i ris, Na Philistich ort, a Shamsoin. Agus bhris e na goid, mar a bhrisear snàthainn ascaird nuair a bheanas e ri teine: agus cha d’fhuaireas fios a neirt. Agus thubhairt Delilah ri Samson, Feuch, mheall thu mi, agus dh’innis thu dhomh breugan: a‑nis innis dhomh, guidheam ort, cionnas a dh’fhaodas tu a bhith air do cheangal. Agus thubhairt esan rithe, Ma cheanglas iad mi gu teann le cùird ùra nach do ghnàthaicheadh riamh, an sin bidh mi anfhann, agus bidh mi mar dhuine eile. Agus ghabh Delilah cùird ùra, agus cheangail i e leo, agus thubhairt i ris, Na Philistich ort, a Shamsoin. (Agus bha luchd feall‐fhalaich a’ fantainn anns an t‑seòmar.) Agus bhris e iad bhàrr a ghàirdeanan mar shnàthainn. Agus thubhairt Delilah ri Samson, Gu ruige seo mheall thu mi, agus dh’innis thu dhomh breugan: innis dhomh cionnas a dh’fhaodas tu a bhith air do cheangal. Agus thubhairt esan rithe, Ma dh’fhigheas tu seachd duail mo chinn maille ris an eige. Agus dhaingnich i iad leis a’ phinne, agus thubhairt i ris, Na Philistich ort, a Shamsoin. Agus mhosgail e as a chadal, agus thug e air falbh leis pinne na garmainn agus an eige. Agus thubhairt ise ris, Cionnas as urrainn thu a ràdh, Tha gràdh agam dhut, nuair nach eil do chridhe leam? Na trì uairean seo mheall thu mi, agus cha d’innis thu dhomh càit a bheil do neart mòr a’ laighe. Agus nuair a chuir i gu teann ris gach aon là le a briathran, agus a cho‐èignich i e, bha a anam air a chràdh gu bàs. An sin dh’innis e dhi a chridhe uile, agus thubhairt e rithe, Ealtainn cha tàinig riamh air mo cheann; oir bu Nàsarach do Dhia mi o bhroinn mo mhàthar: ma bhearrar mi, an sin falbhaidh mo neart uam, agus fàsaidh mi anfhann, agus bidh mi mar gach duine eile. Agus nuair a chunnaic Delilah gun d’innis e dhi a chridhe uile, chuir i fios, agus ghairm i air tighearnan nam Philisteach, ag ràdh, Thigibh a‑nìos an aon uair seo, oir dh’innis e dhomh a chridhe uile. An sin thàinig tighearnan nam Philisteach a‑nìos da h‑ionnsaigh, agus thug iad airgead a‑nìos nan làimh. Agus thug i air cadal air a glùinean; agus ghairm i air fear, agus thug i air seachd duail a chinn a bhearradh dheth; agus thòisich i air a cheannsachadh, agus dh’fhalbh a neart uaithe. Agus thubhairt i, Na Philistich ort, a Shamsoin. Agus mhosgail e as a chadal, agus thubhairt e, Thèid mi a‑mach, mar air uairean eile, agus crathaidh mi mi fhèin: oir cha robh fhios aige gun d’imich an Tighearna uaithe. Ach ghlac na Philistich e, agus chuir iad a‑mach a shùilean; agus thug iad sìos e gu Gàsa, agus cheangail iad e le geimhlean umha, agus bha e a’ bleith ann an taigh a’ phrìosain. Gidheadh thòisich falt a chinn air fàs a‑rìs, an dèidh dha a bhith air a bhearradh. Agus chruinnich tighearnan nam Philisteach iad fhèin an ceann a chèile a dh’ìobradh ìobairt mhòir dan dia Dàgon, agus a dhèanamh gàirdeachais: oir thubhairt iad, Thug ar dia thairis Samson ar nàmhaid dar làimh. Agus nuair a chunnaic an sluagh e, mhol iad an dia: oir thubhairt iad, Thug ar dia thairis dar làimh ar nàmhaid, agus fear‐millidh ar dùthcha, a mharbh mòran dhinn. Agus nuair a bha an cridheachan subhach, thubhairt iad, Gairmibh air Samson, a‑chum gun dèan e fearas‐chuideachd dhuinn. Agus ghairm iad air Samson à taigh a’ phrìosain; agus rinn e fearas‐chuideachd nan làthair: agus chuir iad e eadar na puist. Agus thubhairt Samson ris an òganach a ghabh greim de a làimh, Leig dhomh na puist a làimhseachadh air a bheil an taigh na sheasamh, a‑chum gun leig mi mo thaic riu. A‑nis bha an taigh làn dhaoine agus bhan; agus bha uile thighearnan nam Philisteach an sin: agus bha air mullach an taighe mu thimcheall trì mìle fear agus bean, a bha ag amharc nuair a rinn Samson fearas‐chuideachd. Agus ghairm Samson air an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna Dhè, cuimhnich orm, guidheam ort, agus neartaich mi, guidheam ort, a‑mhàin an aon uair seo, O Dhè, a‑chum gum bi mi dìolta a dh’aon tarraing air na Philistich airson mo dhà shùl. Agus ghabh Samson greim den dà phost mheadhonach air an robh an taigh na sheasamh, agus ris an robh e an taic, de a h‑aon dhiubh le a làimh dheis, agus den aon eile le a làimh chlì. Agus thubhairt Samson, Faigheam bàs maille ris na Philistich. Agus chrom e e fhèin le a uile neart; agus thuit an taigh air na tighearnan, agus air an t‑sluagh uile a bha ann: agus bha na mairbh a mharbh e aig a bhàs na bu lìonmhoire na iadsan a mharbh e na bheatha. Agus chaidh a bhràithrean agus taigh a athar uile sìos, agus ghabh iad e, agus thug iad suas e, agus dh’adhlaic iad e eadar Sorah agus Estaol, ann an àit‐adhlaic Mhanòah, a athair: agus thug e breith air Israel fichead bliadhna. Agus bha duine de shliabh Ephraim, dom b’ainm Micah. Agus thubhairt e ra mhàthair, Am mìle agus an ceud secel airgid, a thugadh air falbh uat, mun do mhallaich thu, agus mun do labhair thu cuideachd ann am chluasan‐sa, feuch, tha an t‑airgead agamsa; ghabh mise e. Agus thubhairt a mhàthair, Guma beannaichte thusa on Tighearna, a mhic. Agus nuair a thug e air ais am mìle agus an ceud secel airgid da mhàthair, thubhairt a mhàthair, Naomhaich mi gu h‑iomlan an t‑airgead don Tighearna om làimh airson mo mhic, a dhèanamh deilbh shnaidhte, agus deilbh leaghte: a‑nis, matà, bheir mi air ais dhut e. Agus thug e air ais an t‑airgead da mhàthair; agus ghabh a mhàthair dà cheud secel airgid, agus thug i iad don òr‑cheàrd, agus rinn esan dhiubh dealbh snaidhte agus dealbh leaghte: agus bha iad ann an taigh Mhicah. Agus bha aig an duine Micah taigh dhiathan, agus rinn e èphod, agus teraphim, agus choisrig e aon de a mhic, agus bha e aige na shagart. Anns na làithean sin cha robh rìgh air bith ann an Israel: rinn gach fear an nì sin a bha ceart na shùilean fhèin. Agus bha òganach o Bhetlehem Iùdah, de theaghlach Iùdah, a bha na Lèbhitheach, agus bha e air chuairt an sin. Agus dh’imich an duine as a’ bhaile o Bhetlehem Iùdah, a dhol air chuairt far am faigheadh e àite: agus thàinig e gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, a’ dol air aghaidh air a thuras. Agus thubhairt Micah ris, Cia as a tha thu air teachd? Agus thubhairt esan ris, Is Lèbhitheach mise o Bhetlehem Iùdah, agus tha mi a’ triall air chuairt far am faigh mi àite. Agus thubhairt Micah ris, Fan maille riumsa, agus bi dhòmhsa ad athair agus ad shagart, agus bheir mi dhut deich secel airgid anns a’ bhliadhna, agus culaidh aodaich, agus do bhiadh. Agus chaidh an Lèbhitheach a‑steach. Agus bha an Lèbhitheach toilichte còmhnaidh a ghabhail maille ris an duine, agus bha an t‑òganach dha mar aon de a mhic. Agus choisrig Micah an Lèbhitheach; agus bha an t‑òganach aige na shagart, agus bha e ann an taigh Mhicah. Agus thubhairt Micah, A‑nis tha fhios agam gun dèan an Tighearna math dhomh, a chionn gu bheil Lèbhitheach agam na shagart. Anns na làithean sin cha robh rìgh air bith ann an Israel: agus anns na làithean sin dh’iarr treubh nan Danach dhaibh fhèin oighreachd anns an gabhadh iad còmhnaidh; oir gu ruig an là sin cha do thuit an oighreachd uile orra am measg treubhan Israeil. Agus chuir clann Dhain còignear den teaghlach on crìochan, daoine treuna, o Shorah agus o Estaol, a ghabhail beachd air an tìr, agus ga rannsachadh a‑mach; agus thubhairt iad riu, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr. Agus thàinig iad gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, agus dh’fhan iad an sin rè na h‑oidhche. Nuair a bha iad aig taigh Mhicah, dh’aithnich iad guth an òganaich, an Lèbhitheach; agus thionndaidh iad a‑steach an sin, agus thubhairt iad ris, Cò a thug an seo thu? Agus ciod a tha thu a’ dèanamh an seo? Agus ciod a tha agad an seo? Agus thubhairt esan riu, Mar seo agus mar seo rinn Micah rium, agus thuarasdalaich e mi, agus tha mi aige am shagart. Agus thubhairt iad ris, Iarr comhairle, guidheamaid ort, air Dia, a‑chum gum bi fhios againn an soirbhich leinn nar slighe air a bheil sinn ag imeachd. Agus thubhairt an sagart riu, Imichibh ann an sìth: an làthair an Tighearna tha ur slighe air a bheil sibh ag imeachd. Agus dh’imich an còignear fhear, agus thàinig iad gu Lais, agus chunnaic iad an sluagh a bha ann, a’ gabhail còmhnaidh gun umhail, a rèir gnàth nan Sìdonach, sàmhach agus neo‐umhaileach; agus cha robh uachdaran air bith anns an tìr a chuireadh gu nàire iad ann an nì air bith: oir bha iad fada o na Sìdonaich, agus cha robh gnothach aca ri duine air bith. Agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bràithrean gu Sorah agus Estaol; agus thubhairt am bràithrean riu, Ciod a tha sibh ag ràdh? Agus thubhairt iad, Eiribh agus rachamaid suas nan aghaidh; oir chunnaic sinne an tìr, agus, feuch, tha i ro‑mhath; agus a bheil sibhse nur tàmh? Na bithibh leisg gu imeachd, agus gu dol a‑steach a shealbhachadh na tìre. Nuair a thèid sibh, thig sibh a‑steach a dh’ionnsaigh sluaigh neo‐umhailich, agus do thìr ro‑fharsaing; oir thug Dia thairis dur làimh i; àit anns nach eil uireasbhaidh nì air bith a tha air an talamh. Agus chaidh à sin de theaghlach nan Danach, à Sorah agus à Estaol, sia ceud fear, crioslaichte le innealan cogaidh. Agus chaidh iad suas, agus champaich iad ann an Ciriat‐iearim, ann an Iùdah: uime sin thugadh Mahaneh‐dan mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh; feuch, tha e air cùlaibh Chiriat‐iearim. Agus chaidh iad seachad o sin gu sliabh Ephraim, agus thàinig iad gu taigh Mhicah. An sin fhreagair an còignear fhear a chaidh a ghabhail beachd air tìr Lais, agus thubhairt iad rim bràithrean, A bheil fhios agaibh gu bheil anns na taighean sin èphod, agus teraphim, agus dealbh snaidhte, agus dealbh leaghte? A‑nis, matà, smaoinichibh ciod a nì sibh. Agus thionndaidh iad gus a sin, agus thàinig iad gu taigh an òganaich, an Lèbhitheach, eadhon gu taigh Mhicah, agus chuir iad fàilte air. Agus sheas an sia ceud fear crioslaichte le innealan cogaidh, a bha de chloinn Dhain, aig dol a‑steach a’gheata. Agus chaidh an còignear fhear suas a chaidh a ghabhail beachd air an tìr, agus thàinig iad a‑steach an sin, agus ghabh iad an dealbh snaidhte, agus an èphod, agus an teraphim, agus an dealbh leaghte: agus sheas an sagart aig dol a‑steach a’ gheata, agus an sia ceud fear a bha crioslaichte le innealan cogaidh. Agus nuair a chaidh iad sin a‑steach do thaigh Mhicah, agus a ghabh iad an dealbh snaidhte, an èphod, agus an teraphim, agus an dealbh leaghte, an sin thubhairt an sagart riu, Ciod a tha sibh a’ dèanamh? Agus thubhairt iadsan ris, Bi ad thosd, cuir do làmh air do bheul, agus falbh maille rinne, agus bi dhuinn ad athair agus ad shagart: an fheàrr dhut a bhith ad shagart do thaigh aon duine, na thu a bhith ad shagart do threubh agus do theaghlach ann an Israel? Agus bha cridhe an t‑sagairt subhach; agus ghabh e an èphod, agus an teraphim, agus an dealbh snaidhte, agus chaidh e ann am meadhon an t‑sluaigh. Agus thionndaidh iad, agus dh’imich iad, agus chuir iad a’ chlann bheag, agus an sprèidh, agus gach nì luachmhor romhpa. Agus nuair a bha iad astar fada o thaigh Mhicah, chruinnich na fir a bha anns na taighean a bha làimh ri taigh Mhicah iad fhèin an ceann a chèile, agus chaidh iad air tòir chloinn Dhain. Agus ghlaodh iad ri cloinn Dhain; agus thionndaidh iadsan an aghaidh; agus thubhairt iad ri Micah, Ciod a tha a’ teachd riut, gu bheil thu a’ teachd le a leithid seo de chuideachd? Agus thubhairt esan, Mo dhiathan a rinn mi thug sibh leibh, agus an sagart, agus dh’fhalbh sibh romhaibh; agus ciod a tha agamsa tuilleadh? Agus ciod e seo a tha sibh ag ràdh riu, Ciod a tha a’ teachd riut? Agus thubhairt clann Dhain ris, Na cluinnear do ghuth nar measg, air eagal gum buail daoine feargach nan spiorad ort, agus gun caill thu d’anam fhèin, agus anaman do theaghlaich. Agus dh’imich clann Dhain air an slighe; agus nuair a chunnaic Micah gu robh iad tuilleadh is làidir air a shon, thionndaidh e agus thill e da thaigh. Agus ghabh iad na nithean a rinn Micah, agus an sagart a bha aige, agus thàinig iad gu Lais, a dh’ionnsaigh sluaigh a bha sàmhach agus neo‐umhaileach: agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus loisg iad am baile le teine. Agus cha robh fear‐saoraidh ann, a chionn gu robh e fada o Shìdon, agus nach robh gnothach aca ri duine sam bith: agus bha e anns a’ ghleann a tha làimh ri Bet‐rehob: agus thog iad baile, agus ghabh iad còmhnaidh ann. Agus thug iad Dan mar ainm air a’ bhaile, a rèir ainm Dhain, an athair, a rugadh do Israel: gidheadh b’e Lais ainm a’ bhaile an toiseach. Agus chuir clann Dhain suas dhaibh fhèin an dealbh snaidhte: agus bha Ionatan mac Ghersoim mhic Mhanaseh, e fhèin agus a mhic, nan sagartan do threubh Dhain, gu ruig là braighdeanas na tìre. Agus chuir iad suas dhaibh fhèin dealbh snaidhte Mhicah, a rinn e, rè na h‑ùine a bha taigh Dhè ann an Siloh. Agus anns na làithean sin, nuair nach robh rìgh air bith ann an Israel, bha Lèbhitheach àraidh air chuairt air taobh sliabh Ephraim, a ghabh da ionnsaigh coileabach o Bhetlehem Iùdah. Agus rinn a choileabach siùrsachd na aghaidh, agus dh’fhalbh i uaithe gu taigh a h‑athar gu Betlehem Iùdah, agus bha i an sin ceithir mìosan iomlan. Agus dh’èirich a fear, agus chaidh e na dèidh, a‑chum gun labhradh e ra cridhe, agus gun tugadh e air a h‑ais i, agus a òganach maille ris, agus dà asal, agus thug i a‑steach e do thaigh a h‑athar; agus nuair a chunnaic athair na h‑ighinn e, chaidh e le gàirdeachas na choinneamh. Agus ghlèidh a athair‐cèile, athair na h‑ighinn e, agus dh’fhan e maille ris trì làithean: agus dh’ith agus dh’òl iad, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche an sin. Agus air a’ cheathramh là, nuair a dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, dh’èirich esan suas gu imeachd: agus thubhairt athair na h‑ighinn ra chliamhain, Neartaich do chridhe le greim arain, agus na dhèidh sin imichidh sibh. Agus shuidh iad sìos le chèile, agus dh’ith iad cuideachd, agus dh’òl iad: oir thubhairt athair na h‑ighinn ris an duine, Bi toilichte, guidheam ort, agus fan rè na h‑oidhche, agus biodh do chridhe subhach. Agus nuair dh’èirich an duine suas gu imeachd, rinn a athair‐cèile dian‐earail air; uime sin dh’fhan e an sin an oidhche sin a‑rìs. Agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn air a’ chòigeamh là gu imeachd: agus thubhairt athair na h‑ighinn, Neartaich do chridhe, guidheam ort. Agus dh’fhan iad gu dèidh a’ mheadhon‐là, agus dh’ith iad le chèile. Agus nuair a dh’èirich an duine suas gu imeachd, e fhèin, agus a choileabach, agus a òganach, thubhairt a athair‐cèile, athair na h‑ighinn ris, Feuch, a‑nis tha an là a’ tarraing gu feasgar; fanaibh, guidheam ort, rè na h‑oidhche: feuch, tha an là a’ dlùthachadh ra chrìch; fan an seo rè na h‑oidhche, agus biodh do chridhe subhach; agus a‑màireach èiridh sibh gu moch a‑chum ur turais, agus thèid thu dhachaigh. Ach cha b’àill leis an duine fantainn an oidhche sin, ach dh’èirich e suas agus dh’imich e, agus thàinig e air aghaidh fa chomhair Iebuis (is e sin Ierusalem): agus bha maille ris dà asal len dìollaidean; bha mar an ceudna a choileabach maille ris. Agus nuair a bha iad làimh ri Iebus, chaitheadh an là gu mòr; agus thubhairt an t‑òganach ra mhaighistir, Thig, guidheam ort, agus tionndaidheamaid a‑steach do bhaile seo nan Iebusach, agus fanamaid rè na h‑oidhche ann. Agus thubhairt a mhaighistir ris, Cha tionndaidh sinn a‑steach an seo gu baile coigrich, nach eil de chloinn Israeil, ach gabhaidh sinn thairis gu Gibeah. Agus thubhairt e ra òganach, Thig, agus tàirngeamaid am fagas do aon de na h‑àitean sin gu fantainn rè na h‑oidhche, ann an Gibeah, no ann an Ramah. Agus ghabh iad thairis, agus dh’imich iad; agus chaidh a’ ghrian sìos orra làimh ri Gibeah, a bhuineas do Bheniàmin. Agus thionndaidh iad a lethtaobh an sin, gu dol a‑steach a dh’fhantainn rè na h‑oidhche ann an Gibeah: agus nuair a chaidh e a‑steach, shuidh e sìos ann an sràid a’ bhaile; oir cha robh duine sam bith a ghabh iad da thaigh gu fantainn rè na h‑oidhche. Agus, feuch, thàinig seann duine o a obair a‑mach as an fhearann mu fheasgar, a bha mar an ceudna o shliabh Ephraim, agus bha e air chuairt ann an Gibeah; ach bu Bheniàminich daoine an àite. Agus nuair a thog e suas a shùilean, chunnaic e duine a bha air thuras ann an sràid a’ bhaile: agus thubhairt an seann duine, Càit a bheil thu a’ dol? Agus cia as a tha thu air teachd? Agus thubhairt e ris, Tha sinn a’gabhail thairis o Bhetlehem Iùdah a dh’ionnsaigh taobh sliabh Ephraim, as a bheil mise: agus chaidh mi do Bhetlehem Iùdah, ach tha mi a‑nis a’ dol gu taigh an Tighearna, agus chan eil duine air bith ann a ghabhas mi da thaigh. Gidheadh, tha an dà chuid fodar agus innlinn ann airson ar n‑asal, agus tha mar an ceudna aran agus fìon ann air mo shon‐sa, agus airson do bhanoglaich, agus airson an òganaich a tha maille rid sheirbhisich: chan eil easbhaidh nì air bith oirnn. Agus thubhairt an seann duine, Sìth gu robh maille riut: gidheadh, biodh d’easbhaidh gu lèir ormsa; a‑mhàin na fan anns an t‑sràid rè na h‑oidhche. Agus thug e a‑steach e da thaigh, agus thug e innlinn do na h‑asail: agus nigh iad an casan, agus dh’ith agus dh’òl iad. Ach nuair a bha iad a’ dèanamh an cridhe subhach, feuch, chuartaich daoine a’ bhaile, daoine a bu mhic do Bhelial, an taigh mun cuairt, agus bhuail iad aig an doras, agus labhair iad ri maighistir an taighe, an seann duine, ag ràdh, Thoir a‑mach an duine a thàinig a dh’ionnsaigh do thaighe, a‑chum gun aithnich sinn e. Agus chaidh an duine, maighistir an taighe, a‑mach dan ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Na dèanaibh, mo bhràithrean, na dèanaibh, guidheam oirbh, cho olc; an dèidh don duine seo teachd a dh’ionnsaigh mo thaighe‐sa, na dèanaibh an nì gràineil seo. Feuch, mo nighean, maighdeann, agus a choileabach, iadsan bheir mi a‑mach a‑nis, agus ìslichibh‐se iad, agus dèanaibh riu an nì sin a tha nur sùilean: ach air an duine seo na dèanaibh nì cho gràineil. Ach chan èisdeadh na daoine ris: agus rug an duine air a choileabach, agus thug e a‑mach i dan ionnsaigh; agus dh’aithnich iad i, agus mhì‐ghnàthaich iad i rè na h‑oidhche gu madainn: agus aig briseadh na fàire leig iad air falbh i. Agus thàinig a’ bhean ann an sgarthanaich an là, agus thuit i sìos aig doras taigh an duine, far an robh a tighearna, gus an robh solas ann. Agus dh’èirich a tighearna anns a’ mhadainn, agus dh’fhosgail e doras an taighe, agus chaidh e a‑mach gu imeachd air a shlighe: agus, feuch, bha a’ bhean, a choileabach, air tuiteam sìos aig doras an taighe, agus a làmhan air an stairsnich. Agus thubhairt e rithe, Eirich, agus imicheamaid; ach cha tug i freagradh air bith. Agus ghabh e i air asail, agus dh’èirich an duine suas, agus chaidh e da àite fhèin. Agus nuair a thàinig e da thaigh, ghabh e sgian, agus rug e air a choileabach, agus roinn e i, maille ra cnàmhan, na dà‑mhìr‐dheug, agus chuir e i gu uile chrìochan Israeil. Agus thubhairt gach neach a chunnaic e, Cha do rinneadh agus chan fhacas nì air bith cosmhail ri seo, on là anns an tàinig clann Israeil a‑nìos à tìr na h‑Eiphit gus an là an‑diugh: beachdaichibh air, gabhaibh comhairle, agus labhraibh. An sin chaidh clann Israeil uile a‑mach, agus chruinnicheadh an coitheanal ri chèile mar aon duine, o Dhan gu Beersèba, agus o thìr Ghilead, a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh. Agus nochd prìomh‐dhaoine an t‑sluaigh uile, eadhon treubhan Israeil uile, iad fhèin ann an coitheanal sluagh Dhè, ceithir cheud mìle coisiche a tharraing claidheamh. (A‑nis chuala clann Bheniàmin gun deachaidh clann Israeil suas gu Mispeh.) Agus thubhairt clann Israeil, Innsibh cionnas a bha an t‑olc seo. Agus fhreagair an Lèbhitheach, fear na mnà a mharbhadh, agus thubhairt e, Gu Gibeah, a bhuineas do Bheniàmin, thàinig mise agus mo choileabach, gu fantainn ann rè na h‑oidhche: Agus dh’èirich fir Ghibeah am aghaidh, agus chuartaich iad an taigh mun cuairt orm anns an oidhche: mi fhèin b’àill leo a mharbhadh, agus air mo choileabach rinn iad èiginn, agus tha i marbh. Agus rug mi air mo choileabach, agus gheàrr mi i na mìrean, agus chuir mi i air feadh uile fhearann oighreachd Israeil: oir rinn iad cionta agus gràinealachd ann an Israel. Feuch, is clann Israeil sibh uile; thugaibh seachad an seo ur facal agus ur comhairle. Agus dh’èirich an sluagh uile mar aon duine, ag ràdh, Cha tèid neach air bith dhinn da bhùth, agus cha tionndaidh neach air bith dhinn a‑steach da thaigh: Ach a‑nis seo an nì a nì sinn ri Gibeah: thèid sinn suas le crannchur na aghaidh. Agus gabhaidh sinn deich fir as a’ cheud air feadh uile threubhan Israeil, agus ceud as a’ mhìle, agus mìle as na deich mìle, a thoirt lòin a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, a‑chum gun dèan iad, nuair a thig iad gu Gibeah Bheniàmin, a rèir na gràinealachd uile a rinn iadsan ann an Israel. Mar sin chruinnicheadh fir Israeil uile an aghaidh a’ bhaile, ceangailte ri chèile mar aon duine. Agus chuir treubhan Israeil daoine air feadh uile threubhan Bheniàmin, ag ràdh, Ciod e an t‑olc seo a rinneadh nur measg? A‑nis, matà, thugaibh thairis dhuinn na daoine, clann Bheliail, a tha ann an Gibeah, a‑chum gun cuir sinn gu bàs iad, agus gun cuir sinn air falbh olc o Israel. Ach chan èisdeadh clann Bheniàmin ri guth am bràithrean, clann Israeil: Ach chruinnich clann Bheniàmin iad fhèin an ceann a chèile as na bailtean gu Gibeah, a‑chum dol a‑mach gu cath an aghaidh chloinn Israeil. Agus dh’àirmheadh clann Bheniàmin anns an àm sin as na bailtean, sia‑mìle‐ar‑fhichead fear a tharraing claidheamh, a bhàrr air luchd‐àiteachaidh Ghibeah. Dh’àirmheadh seachd ceud fear taghte am measg an t‑sluaigh seo uile, seachd ceud fear taghte clì‐làmhach: thilgeadh gach aon dhiubh seo clach à crann‐tabhaill air leud ròineige, agus cha mhearachdaicheadh e. Agus dh’àirmheadh clann Israeil air leth o Bheniàmin, ceithir cheud mìle fear a tharraing claidheamh: b’fhir‐chogaidh iad seo uile. Agus dh’èirich clann Israeil, agus chaidh iad suas gu taigh Dhè, agus dh’fhiosraich iad de Dhia, agus thubhairt iad, Cò dhinn a thèid suas air tùs gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin? Agus thubhairt an Tighearna, Thèid Iùdah suas air tùs. Agus dh’èirich clann Israeil anns a’ mhadainn, agus champaich iad an aghaidh Ghibeah. Agus chaidh fir Israeil a‑mach gu cath an aghaidh Bheniàmin; agus chuir fir Israeil iad fhèin ann an òrdagh catha nan aghaidh aig Gibeah. Agus thàinig clann Bheniàmin a‑mach à Gibeah, agus sgrios iad sìos gu làr de chloinn Israeil air an là sin, dà mhìle ar fhichead fear. Agus ghabh an sluagh, fir Israeil, misneach dhaibh fhèin, agus chuir iad a‑rìs an cath ann an òrdagh, far an do chuir iad iad fhèin an òrdagh air a’ chiad là. (Agus chaidh clann Israeil suas, agus ghuil iad am fianais an Tighearna gu feasgar, agus dh’fhiosraich iad den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a‑rìs gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas na aghaidh.) Agus thàinig clann Israeil am fagas an aghaidh chloinn Bheniàmin an dara là. Agus chaidh Beniàmin a‑mach nan aghaidh à Gibeah an dara là, agus sgrios iad de chloinn Israeil a‑rìs ochd‐mìle‐deug fear sìos gu làr; tharraing iad seo uile claidheamh. Agus chaidh clann Israeil uile agus an sluagh uile suas, agus thàinig iad gu taigh Dhè, agus ghuil iad, agus shuidh iad an sin am fianais an Tighearna, agus thraisg iad air an là sin gu feasgar, agus dh’ìobair iad ìobairtean‐loisgte agus ìobairtean‐sìthe am fianais an Tighearna. Agus dh’fhiosraich clann Israeil den Tighearna, (oir bha àirc coicheangal Dhè an sin anns na làithean sin; Agus sheas Phinehas, mac Eleàsair mhic Aaroin, na làthair anns na làithean sin,) ag ràdh, An tèid mi fhathast a‑rìs a‑mach gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair, no an sguir mi? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas; oir a‑màireach bheir mise thairis iad dod làimh. Agus chuir Israel luchd feall‐fhalaich mun cuairt air Gibeah. Agus chaidh clann Israeil suas an aghaidh chloinn Bheniàmin air an treas là, agus chuir iad iad fhèin ann an òrdagh catha an aghaidh Ghibeah, mar air uairean eile. Agus chaidh clann Bheniàmin a‑mach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thàirngeadh air falbh iad on bhaile; agus thòisich iad air cuid den t‑sluagh a bhualadh agus a mharbhadh, mar air uairean eile, anns na rathaidean mòra, de a bheil aon a’ dol suas gu taigh Dhè, agus aon gu Gibeah anns an fhearann, mu thimcheall deich‐fir‐fhichead de Israel. Agus thubhairt clann Bheniàmin, Tha iad air am bualadh sìos romhainn, mar air tùs. Ach thubhairt clann Israeil, Teicheamaid, agus tàirngeamaid iad on bhaile gu ruig na rathaidean mòra. Agus dh’èirich clann Israeil uile suas as an àite, agus chuir iad iad fhèin ann an òrdagh catha ann am Bàal‐tàmar: agus thàinig luchd feall‐fhalaich Israeil a‑mach as an àitean, eadhon o uchdaich Ghibeah. Agus thàinig an aghaidh Ghibeah deich mìle fear taghte a‑mach à Israel uile, agus bha an cath cruaidh: ach cha robh fhios aca gu robh olc am fagas dhaibh. Agus bhuail an Tighearna Beniàmin am fianais Israeil: agus sgrios clann Israeil de Bheniàmin air an là sin còig‐mìle‐fichead agus ceud fear; tharraing iad seo uile claidheamh. Agus chunnaic clann Bheniàmin gun do bhuaileadh iad: oir thug fir Israeil àite do na Beniàminich, a chionn gun d’earb iad ris an luchd feall‐fhalaich a shuidhich iad làimh ri Gibeah. Agus rinn an luchd feall‐fhalaich cabhag, agus ruith iad a‑steach air Gibeah; agus tharraing an luchd feall‐fhalaich air an aghaidh, agus bhuail iad am baile uile le faobhar a’ chlaidheimh. A‑nis bha comharradh suidhichte eadar fir Israeil agus an luchd feall‐fhalaich, gun tugadh iad air lasair mhòir le deataich èirigh suas as a’ bhaile. Agus nuair a chaidh fir Israeil air an ais anns a’ chath, thòisich Beniàmin air fir Israeil a bhualadh, agus mharbh iad dhiubh mu thimcheall deich‐ar‑fhichead fear: oir thubhairt iad, Gu cinnteach tha iad air am bualadh sìos romhainn, mar anns a’ chiad chath. Agus nuair a thòisich an lasair air èirigh suas as a’ bhaile, maille ri meall deataich, dh’amhairc na Beniàminich air an cùlaibh, agus, feuch, dh’èirich deatach a’ bhaile suas gu nèamh. Agus nuair a thill fir Israeil a‑rìs, bha uamhas air fir Bheniàmin; oir chunnaic iad gu robh olc air teachd orra. Uime sin thionndaidh iad an aghaidh am fianais chloinn Israeil ri slighe an fhàsaich; ach rug an cath orra: agus iadsan a thàinig a‑mach as na bailtean sgrios iad nam meadhon. Chuartaich iad na Beniàminich air gach taobh, ruaig iad iad, shaltair iad orra gun spàirn thall fa chomhair Ghibeah, leth ri èirigh na grèine. Agus thuit de Bheniàmin ochd‐mìle‐deug fear; iad uile nan daoine treuna. Agus thill iad, agus theich iad a dh’ionnsaigh an fhàsaich gu carraig Rimoin, agus dhìoghlaim iad dhiubh air na rathaidean mòra còig mìle fear; agus lean iad gu cruaidh iad gu ruig Gidom, agus mharbh iad dhiubh dà mhìle fear. Agus b’iadsan uile a thuit de Bheniàmin air an là sin, còig mìle ar fhichead fear a tharraing claidheamh; iad uile nan daoine treuna. Ach thill sia ceud fear, agus theich iad don fhàsach gu carraig Rimoin, agus dh’fhan iad ann an carraig Rimoin ceithir mìosan. Agus thill clann Israeil air an ais air cloinn Bheniàmin, agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, araon daoine gach baile, agus an sprèidh, agus gach nì air bith a fhuaireadh ann: mar an ceudna chuir iad ri theine na bailtean uile don tàinig iad. A‑nis mhionnaich fir Israeil ann am Mispeh, ag ràdh, Cha toir fear air bith againn nighean do Bheniàmin na mnaoi. Agus thàinig an sluagh gu taigh Dhè, agus dh’fhan iad an sin gu feasgar am fianais Dhè, agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad gu goirt; Agus thubhairt iad, Carson, O Thighearna Dhè Israeil, a thàinig an nì seo gu crìch ann an Israel, gum biodh an‑diugh aon treubh a dh’easbhaidh air Israel? Agus air an là màireach dh’èirich an sluagh gu moch, agus thog iad an sin altair, agus dh’ìobair iad ìobairtean‐loisgte agus ìobairtean‐sìthe. Agus thubhairt clann Israeil, Cò am measg uile threubhan Israeil nach tàinig a‑nìos maille ris a’ choitheanal a dh’ionnsaigh an Tighearna? Oir rinn iad mionnan mòra ma thimcheall‐san nach tigeadh a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh, ag ràdh, Cuirear gu cinnteach gu bàs e. Agus ghabh clann Israeil aithreachas a‑thaobh Bheniàmin, am bràthair, agus thubhairt iad, Ghearradh air falbh an‑diugh aon treubh o Israel. Cionnas a nì sinn airson bhan dhaibhsan a mhair, agus gun do mhionnaich sinn air an Tighearna, nach toir sinn dhaibh de ar nigheanan mar mhnathan? Agus thubhairt iad, Cia an aon de threubhan Israeil nach tàinig a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh? Agus, feuch, cha tàinig duine don champ o Iabes‐ghilead a dh’ionnsaigh a’ choitheanail. Oir dh’àirmheadh an sluagh agus, feuch, cha robh neach air bith an sin de luchd‐àiteachaidh Iabeis‐ghilead. Agus chuir an coitheanal an sin dà‑mhìle‐dheug fear dhiùbhsan a bu trèine, agus dh’àithn iad dhaibh, ag ràdh, Falbhaidh agus buailibh luchd‐àiteachaidh Iabeis‐ghilead le faobhar a’ chlaidheimh, maille ris na mnathan agus ris a’ chloinn. Agus seo an nì a nì sibh, sgriosaidh sibh gu tur gach fireannach, agus gach bean a laigh le fireannach. Agus fhuair iad am measg luchd‐àiteachaidh Iabeis‐ghilead ceithir cheud maighdeann òg, aig nach robh aithne air fear le laighe le fireannach sam bith: agus thug iad don champ iad gu Siloh, a tha ann an tìr Chanàain. Agus chuir an coitheanal uile daoine uapa, agus labhair iad ri cloinn Bheniàmin a bha ann an carraig Rimoin, agus ghairm iad orra ann an sìth. Agus thàinig Beniàmin a‑rìs anns an àm sin; agus thug iad dhaibh mnathan a ghlèidh iad beò de mhnathan Iabeis‐ghilead: gidheadh cha d’fhuair iad na bu leòr mar sin. Agus ghabh an sluagh aithreachas a‑thaobh Bheniàmin, a chionn gun do rinn an Tighearna briseadh ann an treubhan Israeil. Agus thubhairt seanairean a’ choitheanail, Cionnas a nì sinn airson bhan dhaibhsan a mhair, oir sgriosadh na mnathan a‑mach à Beniàmin? Agus thubhairt iad, Tha oighreachd ann air an son‐san a chaidh as de Bheniàmin: agus cha sgriosar treubh à Israel. Gidheadh, chan fhaod sinn mnathan a thoirt dhaibh de ar nigheanan fhèin; oir mhionnaich clann Israeil, ag ràdh, Mallaichte gu robh esan a bheir bean do Bheniàmin. An sin thubhairt iad, Feuch, tha fèill an Tighearna ann an Siloh gach bliadhna, anns an àit a tha air an taobh mu thuath de Bhetel, air an taobh an ear den rathad mhòr a tha a’ dol suas o Bhetel gu Sechem, agus air an taobh mu dheas de Lebonah. Uime sin dh’àithn iad do chloinn Bheniàmin, ag ràdh, Falbhaibh, agus dèanaibh feall‐fhalach anns na fìon‐liosan; Agus seallaibh, agus, feuch, ma thig nigheanan Shiloh a‑mach a dhannsa ann an dannsan, an sin thigibh‐se a‑mach as na fìonliosan, agus glacaibh gach fear dhibh a bhean de nigheanan Shiloh, agus rachaibh gu tìr Bheniàmin. Agus tàrlaidh nuair a thig an athraichean no am bràithrean dar n‑ionnsaigh‐ne a dhèanamh gearain, gun abair sinn riu, Bithibh bàidheil riu air ar son‐ne, a chionn nach do ghlèidh sinn do gach fear a bhean anns a’ chogadh, oir cha tug sibhse dhaibh anns an àm seo, air chor is gum biodh sibh ciontach. Agus rinn clann Bheniàmin mar sin, agus ghabh iad mnathan dhaibh fhèin a rèir an àireimh, dhiùbhsan a bha a’ dannsa, a ghlac iad; agus chaidh iad agus thill iad a dh’ionnsaigh an oighreachd, agus thog iad suas na bailtean, agus ghabh iad còmhnaidh annta. Agus dh’imich clann Israeil as a sin anns an àm sin, gach duine a dh’ionnsaigh a thrèibhe, agus a dh’ionnsaigh a theaghlaich, agus chaidh iad a‑mach as a sin gach duine a dh’ionnsaigh a oighreachd fhèin. Anns na làithean sin cha robh rìgh air bith ann an Israel: rinn gach duine an nì sin a bha ceart na shùilean fhèin. A‑nis ri linn nam britheamhan, bha gort anns an tìr: agus chaidh duine àraidh de Bhetlehem Iùdah gu bhith air chuairt ann am fearann Mhòaib, e fhèin agus a bhean, agus a dhithis mhac. Agus b’e ainm an duine Elimelech, agus ainm a mhnà Naòmi, agus ainm a dhithis mhac, Mahlon agus Chilean, Ephrataich de Bhetlehem Iùdah: agus thàinig iad gu fearann Mhòaib, agus dh’fhan iad an sin. Agus fhuair Elimelech, fear Naòmi, bàs; agus dh’fhàgadh ise agus a dithis mhac. Agus ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de na ban‐Mhòabaich: b’e ainm aoin dhiubh Orpah, agus ainm na mnà eile Rut: agus ghabh iad còmhnaidh an sin mu thimcheall deich bliadhna. Agus fhuair mar an ceudna Mahlon agus Chilean le chèile bàs; agus dh’fhàgadh a’ bhean as eugmhais a dithis mhac, agus as eugmhais a fir. Agus dh’èirich i suas maille ra ban‐chliamhainnean, a‑chum gun tilleadh i o fhearann Mhòaib; oir chuala i ann am fearann Mhòaib gun d’amhairc an Tighearna air a shluagh le aran a thabhairt dhaibh. Uime sin chaidh i a‑mach as an àite anns an robh i, agus a dà bhan‐chliamhainn maille rithe; agus dh’imich iad air an t‑slighe gu dol air an ais do thìr Iùdah. Agus thubhairt Naòmi ra dà bhan‐chliamhainn, Falbhaibh, tilleadh gach aon agaibh do thaigh a màthar; gum buineadh an Tighearna gu coibhneil ribh, mar a bhuin sibhse riùsan nach maireann, agus riumsa. Gun tugadh an Tighearna dhuibh gum faigh sibh fois, gach aon dhibh ann an taigh a fir. An sin phòg i iad: agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad. Agus thubhairt iad rithe, Gu cinnteach maille riutsa tillidh sinne a dh’ionnsaigh do shluaigh. Agus thubhairt Naòmi, Tillibh, mo nigheanan; carson a thèid sibh maille riumsa? A bheil fhathast mic agamsa am innibh, gu bhith agaibh nam fir? Tillibh, mo nigheanan; imichibh; oir tha mise tuilleadh is sean gu fear a bhith agam: nan abrainn, Tha dòchas agam, nam biodh fear agam eadhon a‑nochd, agus mar an ceudna gum beirinn mic, Am feitheadh sibh riu gus an cinneadh iad? Am fanadh sibh air an son gun fhir a bhith agaibh? Na dèanaibh sin, mo nigheanan; oir tha mi ro‑dhuilich air ur son‐se, gun deachaidh làmh an Tighearna a‑mach am aghaidh‐sa. Agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad a‑rìs: agus phòg Orpah a màthair‐chèile, ach dhlùth‐lean Rut rithe. Agus thubhairt i, Feuch, tha do phiuthar‐chèile air tilleadh a dh’ionnsaigh a sluaigh, agus a dh’ionnsaigh a diathan; till thusa an dèidh do pheathar‐chèile. Agus thubhairt Rut, Na iarr orm d’fhàgail, no tilleadh o bhith gad leantainn: oir ge bè taobh a thèid thusa, thèid mise; agus far an gabh thusa tàmh, gabhaidh mise tàmh: is e do shluagh‐sa mo shluagh‐sa, agus do Dhia‑sa mo Dhia‑sa. Far am faigh thusa bàs, gheibh mise bàs, agus an sin adhlaicear mi. Gun dèanadh an Tighearna mar sin ormsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma chuireas ach am bàs dealachadh eadar mise agus thusa. Nuair a chunnaic i gu robh i suidhichte air dol maille rithe, an sin sguir i de labhairt rithe. Agus dh’imich iad le chèile gus an tàinig iad gu Betlehem. Agus nuair a bha iad air teachd gu Betlehem, ghluaiseadh am baile uile man timcheall, agus thubhairt iad, An i seo Naòmi? Agus thubhairt ise riu, Na abraibh Naòmi rium: abraibh Màra rium; oir bhuin an t‑Uile‐chumhachdach gu ro‑gheur rium. Chaidh mi a‑mach làn, agus thug an Tighearna air m’ais mi falamh. Carson, matà, a their sibh Naòmi rium, agus gun tug an Tighearna fianais am aghaidh, agus gun do chuir an t‑Uile‐chumhachdach fo àmhghar mi? Mar sin thill Naòmi, agus Rut, a’ bhan‐Mhòabach, bean a mic, maille rithe, a thill à fearann Mhòaib: agus thàinig iad gu Betlehem ann an toiseach na buain‐eòrna. Agus bha aig Naòmi caraid a‑thaobh a fir, duine cumhachdach aig an robh mòr‐bheartas, de theaghlach Elimeleich, agus b’e a ainm Bòas. Agus thubhairt Rut, a’ bhan‐Mhòabach, ri Naòmi, Leig dhomh a‑nis dol don achadh, agus diasan arbhair a dhìoghlam an dèidh an tì sin aig am faigh mi deagh‐ghean na shùilean. Agus thubhairt i rithe, Falbh, mo nighean. Agus dh’fhalbh i, agus thàinig i, agus dhìoghlaim i anns an achadh an dèidh nam buanaichean; agus thachair dhi dol air earrainn den achadh a bu le Bòas, a bha de theaghlach Elimeleich. Agus, feuch, thàinig Bòas o Bhetlehem, agus thubhairt e ris na buanaichean, Gu robh an Tighearna maille ribh: agus fhreagair iadsan, Gum beannaicheadh an Tighearna thusa. An sin thubhairt Bòas ra òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, Cò leis an òg‑bhean seo? Agus fhreagair an t‑òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, agus thubhairt e, Is i seo an òg‑bhean Mhòabach, a thàinig air a h‑ais maille ri Naòmi à fearann Mhòaib: Agus thubhairt ise, Guidheam ort, leig dhomh dìoghlam, agus tional am measg nan sguab an dèidh nam buanaichean: agus thàinig i, agus dh’fhuirich i eadhon on mhadainn gus a‑nis, ach gun d’fhan i tamall beag a‑staigh. An sin thubhairt Bòas ri Rut, Nach cluinn thu, mo nighean? Na gabh a dhìoghlam ann an achadh eile, agus na falbh à seo, ach fan an seo làimh rim ghruagaichean‐sa. Biodh do shùilean air an achadh a bhuaineas iad, agus falbh thusa nan dèidh. Nach d’àithn mise do na h‑òganaich gun bheantainn riut? Agus nuair a bhios ìotadh ort, falbh a dh’ionnsaigh nan soithichean, agus òl den uisge a tharraing na h‑òganaich. An sin thuit i air a h‑aghaidh, agus chrom i i fhèin gu làr, agus thubhairt i ris, Carson a fhuair mi deagh‐ghean ad shùilean, gun cuireadh tu eòlas orm, agus mi am bhan‐choigrich? Agus fhreagair Bòas, agus thubhairt e rithe, Dh’innseadh gu h‑iomlan dhòmhsa gach nì a rinn thu dod mhàthair‐chèile an dèidh bàs d’fhir, agus mar a dh’fhàg thu d’athair agus do mhàthair, agus an tìr anns an do rugadh tu, agus a tha thu air teachd a dh’ionnsaigh sluaigh nach b’aithne dhut roimhe seo. Gun dìoladh an Tighearna do shaothair, agus gu robh do dhuais iomlan on Tighearna Dia Israeil, fo sgiathan an tàinig thu a chur do dhòchais. Agus thubhairt ise, Faigheam deagh‐ghean ad shùilean, mo Thighearna, do bhrìgh gun tug thu sòlas dhomh, agus gun do labhair thu gu coibhneil rid bhanoglaich, ged nach eil mi cosmhail ri aon ded ghruagaichean‐sa. Agus thubhairt Bòas rithe, Aig àm bìdh thig thusa an seo, agus ith den aran, agus tum do ghreim anns an fhìon‐gheur. Agus shuidh i ri taobh nam buanaichean: agus shìn e dhi sìol cruadhaichte, agus dh’ith i, agus shàsaicheadh i, agus dh’fhàg i fuidheall. Agus nuair a dh’èirich i suas gu dìoghlam, dh’àithn Bòas da òganaich, ag ràdh, Eadhon am measg nan sguab dìoghlaimeadh i, agus na cuiribh nàire oirre. Agus cuideachd leigibh de ur deòin le cuid de na dlaghan tuiteam air a son, agus fàgaibh iad a‑chum gun dìoghlaim i iad, agus na tugaibh achmhasan dhi. Mar sin dhìoghlaim i anns an achadh gu feasgar, agus bhuail i as na dhìoghlaim i, agus bha ann mu thimcheall ephah eòrna. Agus thog i suas e, agus chaidh i don bhaile, agus chunnaic a màthair‐chèile na dhìoghlaim i; agus chuir i an làthair, agus thug i dhi na dh’fhàg i, an dèidh dhi a bhith sàsaichte. Agus thubhairt a màthair‐chèile rithe, Càit an do dhìoghlaim thu an‑diugh? Agus càit an do shaothraich thu? Beannaichte gu robh an tì a chuir eòlas ort. Agus dh’innis i da màthair‐chèile cò aig a shaothraich i, agus thubhairt i, Is e ainm an duine aig an do shaothraich mi an‑diugh, Bòas. Agus thubhairt Naòmi ra ban‐chliamhainn, Beannaichte gu robh esan on Tighearna nach do leig dheth a choibhneas do na beòthan agus do na mairbh. Agus thubhairt Naòmi rithe, Tha an duine dlùth an dàimh dhuinn; is aon e de ar dìlsean as fhaisge. Agus thubhairt Rut, a’ bhan‐Mhòabach, Mar an ceudna thubhairt e riumsa, Làimh rim òganaich‐sa fanaidh tu, gus an crìochnaich iad m’fhoghar uile. Agus thubhairt Naòmi ri Rut a ban‐chliamhainn, Is fheàrr dhut, mo nighean, dol a‑mach maille ra ghruagaichean, a‑chum nach coinnich iad thu ann an achadh sam bith eile. Dh’fhan i uime sin làimh ri gruagaichean Bhòais a dhìoghlam, gus an do chrìochnaicheadh foghar an eòrna, agus foghar a’ chruithneachd; agus ghabh i còmhnaidh maille ra màthair‐chèile. An sin thubhairt Naòmi a màthair‐chèile rithe, Mo nighean, nach iarr mise suaimhneas dhutsa, a‑chum gun èirich gu math dhut? Agus a‑nis nach eil Bòas de ar dìlsean, aig an robh thu maille ra ghruagaichean? Feuch, bidh e a’ fasgnadh eòrna a‑nochd air an ùrlar‐bhualaidh. Uime sin nigh thu fhèin, agus ung thu fhèin, agus cuir do thrusgan ort, agus gabh sìos don ùrlar‐bhualaidh: ach na dèan thu fhèin aithnichte don duine, gus an sguir e a dh’ithe agus a dh’òl. Agus nuair a laigheas e sìos, bheir thu fa‑near an t‑àit anns an laigh e, agus thèid thu agus rùisgidh tu a chasan, agus laighidh tu sìos; agus innsidh e dhut ciod a nì thu. Agus thubhairt i rithe, Gach nì a tha thu ag ràdh rium nì mise. Agus chaidh i sìos don ùrlar‐bhualaidh, agus rinn i a rèir gach nì a dh’àithn a màthair‐chèile dhi. Agus nuair a dh’ith agus a dh’òl Bòas, agus a bha a chridhe subhach, chaidh e a laighe sìos aig ceann an dùn arbhair: agus thàinig i gu sàmhach, agus rùisg i a chasan, agus laigh i sìos. Agus nuair a bha e mu mheadhon‐oidhche, bha eagal air an duine, agus thionndaidh e e fhèin; agus, feuch, bean na laighe aig a chasan. Agus thubhairt e, Cò thusa? Agus fhreagair i, Is mise Rut, do bhanoglach: sgaoil uime sin iomall d’aodaich air do bhanoglaich, oir is fear‐dàimh thu. Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh thusa on Tighearna, mo nighean; nochd thu tuilleadh coibhneis mu dheireadh na an toiseach, do bhrìgh nach deachaidh tu an dèidh òigfhir, bochd no beartach. Agus a‑nis, mo nighean, na biodh eagal ort; gach nì a tha thu ag iarraidh, nì mi dhut; oir tha fhios aig uile bhaile mo shluaigh gur bean shubhailceach thu. Agus a‑nis tha e fìor gur fear‐dàimh dhut mise; gidheadh tha fear‐dàimh as fhaisge dhut na mi. Fan a‑nochd, agus anns a’ mhadainn ma nì e riut dlighe fir‐dàimh, tha sin gu math, dèanadh e dlighe fir‐dàimh; ach mura bi e toileach dlighe fir‐dàimh a dhèanamh riut, an sin nì mise dlighe fir‐dàimh riut, mar as beò an Tighearna: laigh sìos gu madainn. Agus laigh i sìos aig a chasan gu madainn: agus dh’èirich i mun robh e an comas do dhuine duine eile aithneachadh. Agus thubhairt e, Na biodh fhios aig neach air bith gun tàinig bean a‑steach don ùrlar‐bhualaidh. Mar an ceudna thubhairt e, Thoir an seo am brat a tha agad umad, agus cùm e. Agus chùm i e, agus thomhais e sia tomhaisean eòrna, agus chuir e oirre iad: agus chaidh i a‑steach don bhaile. Agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh a màthar‐chèile, thubhairt i, Cò thusa, mo nighean? Agus dh’innis i dhi gach nì a rinn an duine dhi. Agus thubhairt i, Na sia tomhaisean eòrna seo thug e dhomh; oir thubhairt e rium, Na imich falamh a dh’ionnsaigh do mhàthar‐chèile. Agus thubhairt ise, Fuirich, mo nighean, gus am bi fhios agad cionnas a dh’èireas don chùis: oir cha bhi an duine aig fois gus an crìochnaich e an gnothach an‑diugh. An sin chaidh Bòas suas a dh’ionnsaigh a’ gheata, agus shuidh e sìos an sin: agus, feuch, bha am fear‐dàimh mun do labhair Bòas a’ dol seachad, agus thubhairt e ris, Ho, a leithid seo de fhear! Thig a lethtaobh, suidh sìos an seo. Agus thàinig e a lethtaobh, agus shuidh e sìos. Agus ghabh e deichnear dhaoine de sheanairean a’ bhaile, agus thubhairt e, Suidhibh sìos an seo. Agus shuidh iad sìos. Agus thubhairt e ris an fhear‐dhàimh, Tha Naòmi, a thàinig air a h‑ais à fearann Mhòaib, gu earrann den achadh a bu le ar bràthair Elimelech a reic; Agus smaoinich mi air fios a thoirt dhut, ag ràdh, Ceannaich e am fianais an luchd‐àiteachaidh, agus am fianais seanairean mo shluaigh: ma dh’fhuasgaileas tu e, fuasgail e: ach mura fuasgail thu e, innis dhomh, a‑chum gum bi fhios agam: oir chan eil neach air bith ann gu fhuasgladh ach thusa, agus mise ad dhèidh‐sa. Agus thubhairt esan, Fuasglaidh mise e. An sin thubhairt Bòas, Anns an là anns an ceannaich thu an t‑achadh o làimh Naòmi, feumaidh tu cuideachd a cheannach o Rut, a’ bhan‐Mhòabach, bean a’ mhairbh, a thogail suas ainm a’ mhairbh air a oighreachd‐san. Agus thubhairt am fear‐dàimh, Chan fhaod mi fhuasgladh dhomh fhèin, air eagal gum mill mi m’oighreachd fhèin: fuasgail thusa mo chòir dhut fhèin, oir chan fhaod mise a fuasgladh. A‑nis b’e seo o shean an gnàth ann an Israel a‑thaobh fuasglaidh, agus a‑thaobh iomlaid, a dhaingneachadh gach nì: chuireadh duine dheth a bhròg, agus bheireadh e da choimhearsnach i: agus bha seo mar fhianais ann an Israel. Uime sin thubhairt am fear‐dàimh ri Bòas, Ceannaich air do shon fhèin e: agus chuir e dheth a bhròg. Agus thubhairt Bòas ris na seanairean agus ris an t‑sluagh uile, Is fianaisean sibhse an‑diugh gun do cheannaich mise gach nì a bu le Elimelech, agus gach nì a bu le Chileon, agus le Mahlon, à làimh Naòmi. Agus mar an ceudna Rut, a’ bhan‐Mhòabach, bean Mhahloin, cheannaich mi dhomh fhèin gu bhith na mnaoi agam, a thogail suas ainm a’ mhairbh air a oighreachd, a‑chum nach gearrar as ainm a’ mhairbh à meadhon a bhràithrean, agus o gheata a àite fhèin: is fianaisean sibhse an‑diugh. Agus thubhairt an sluagh uile a bha anns a’ gheata, agus na seanairean, Is fianaisean sinn: gun dèanadh an Tighearna a’ bhean a tha a’ teachd a dh’ionnsaigh do thaighe mar Rachel agus mar Lèah, a thog suas le chèile taigh Israeil: agus dèan thusa gu cubhaidh ann an Ephratah, agus bi cliùiteach ann am Betlehem: Agus bidh do thaigh mar thaigh Phareis (a rug Tàmar do Iùdah,) den t‑sliochd a bheir an Tighearna dhut on mhnaoi òig seo. Agus ghabh Bòas Rut, agus bha i aige na mnaoi: agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh, agus thug an Tighearna torrachas dhi, agus rug i mac. Agus thubhairt na mnathan ri Naòmi, Beannaichte gu robh an Tighearna nach d’fhàg thusa an‑diugh gun fhear‐dàimh, a‑chum gum bi a ainm cliùiteach ann an Israel. Agus bidh e dhut na fhear ath‐nuadhachadh do bheatha, agus na fhear‐altraim do sheann aois, oir is i do bhan‐chliamhainn, aig a bheil gràdh dhut, as fheàrr dhut na seachd mic, a rug e. Agus ghabh Naòmi an leanabh, agus chuir i na h‑uchd e, agus bha i na banaltram aige. Agus thug na ban‐choimhearsnaich ainm air, ag ràdh, Rugadh mac do Naòmi; agus thug iad Obed mar ainm air: Is esan athair Iese, athair Dhaibhidh. A‑nis is iad seo ginealaichean Phareis: Ghin Phares Hesron. Agus ghin Hesron Ram, agus ghin Ram Aminadab. Agus ghin Aminadab Nahson, agus ghin Nahson Salmon. Agus ghin Salmon Bòas, agus ghin Bòas Obed. Agus ghin Obed Iese, agus ghin Iese Daibhidh. A‑nis bha duine àraidh o Ramataim‐sophim, o shliabh Ephraim, agus b’e a ainm Elcanah, mac Ierohaim, mhic Elihu, mhic Thohu, mhic Shuph, Ephratach. Agus bha dithis bhan aige: ainm mnà dhiubh Hanah, agus ainm na mnà eile Peninah. Agus aig Peninah bha clann, ach aig Hanah cha robh clann. Agus thàinig an duine seo a‑nìos as a bhaile gach bliadhna, a dhèanamh adhraidh agus a dh’ìobradh do Thighearna nan sluagh ann an Siloh: agus bha dà mhac Eli, Hophni agus Phinehas, sagartan an Tighearna, an sin. Agus nuair a thàinig an t‑àm anns an d’ìobair Elcanah, thug e da mhnaoi Peninah, agus da mic uile agus da nigheanan, cuibhreannan. Ach do Hanah thug e cuibhreann dhùbailte; oir ghràdhaich e Hanah; ach dhruid an Tighearna a brù. Agus bhrosnaich a h‑eascaraid i mar an ceudna gu feirg, a thoirt oirre gearan a dhèanamh, a chionn gun do dhruid an Tighearna a brù. Agus mar sin rinn e gach bliadhna nuair a thàinig i a‑nìos do thaigh an Tighearna, mar sin bhrosnaich i i. Uime sin ghuil i, agus chan itheadh i. An sin thubhairt Elcanah a fear rithe, A Hanah, carson a tha thu a’ gul? Agus carson a tha do chridhe air a chràdh? Nach fheàrr mise dhut na deich mic? Agus dh’èirich Hanah suas an dèidh dhaibh ithe ann an Siloh, agus an dèidh dhaibh òl: (a‑nis bha Eli an sagart na shuidhe air cathair làimh ri ursainn ann an teampall an Tighearna:) Agus bha i air a cràdh na h‑anam, agus rinn i ùrnaigh ris an Tighearna, agus ghuil i gu goirt. Agus bhòidich i bòid, agus thubhairt i, O Thighearna nan sluagh, ma dh’amhairceas tu da‑rìribh air àmhghar do bhanoglaich, agus gun cuimhnich thu orm, agus nach dìochuimhnich thu do bhanoglach, ach gun toir thu dod bhanoglaich leanabh gille, an sin bheir mi e don Tighearna rè uile làithean a bheatha, agus cha tèid ealtainn air a cheann. Agus nuair a bhuanaich i ri ùrnaigh an làthair an Tighearna, thug Eli fa‐near a beul. A‑nis bha Hanah a’ labhairt na cridhe; bha a bilean a‑mhàin a’ gluasad, ach cha chualas a guth: uime sin shaoil Eli gu robh i air mhisg. Agus thubhairt Eli rithe, Cia fhada a bhios tu air mhisg? Cuir air falbh d’fhìon uat. Agus fhreagair Hanah agus thubhairt i, Chan eadh, mo thighearna; is bean mise a tha tùirseach am spiorad; aon chuid fìon no deoch làidir cha d’òl mi, ach dhòirt mi a‑mach m’anam an làthair an Tighearna. Na meas do bhanoglach mar nighean do Bhelial: oir is ann à ro‑mheud mo ghearain agus mo dhoilgheis a labhair mi gus a‑nis. An sin fhreagair Eli agus thubhairt e, Imich ann an sìth: agus gun tugadh Dia Israeil dhut d’iarrtas a dh’iarr thu air. Agus thubhairt ise, Faigheadh do bhanoglach deagh‐ghean ad shùilean. Agus dh’imich a’ bhean roimhpe, agus dh’ith i, agus cha robh a gnùis na b’fhaide dubhach. Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus rinn iad adhradh an làthair an Tighearna, agus thill iad, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh an taighe gu Ramah: agus dh’aithnich Elcanah a bhean Hanah, agus chuimhnich an Tighearna oirre. Uime sin thàrladh, nuair a thàinig an t‑àm mun cuairt, an dèidh do Hanah fàs torrach, gun do rug i mac; agus thug i Samuel mar ainm air, ag ràdh, Do bhrìgh gun d’iarr mi e air an Tighearna. Agus chaidh an duine Elcanah, agus a thaigh uile, suas a dh’ìobradh don Tighearna na h‑ìobairt bhliadhnail, agus a choileanadh a bhòide. Agus cha deachaidh Hanah suas; oir thubhairt i ra fear, Cha tèid mise suas gus an cuirear an leanabh bhàrr na cìche, agus an sin bheir mi leam e, a‑chum gun taisbeanar e am fianais an Tighearna, agus gum fan e an sin gu bràth. Agus thubhairt Elcanah a fear rithe, Dèan mar as math leat; fan gus an cuir thu bhàrr na cìche e; a‑mhàin daingnicheadh an Tighearna a fhacal. Agus dh’fhan a’ bhean, agus thug i cìoch da leanabh, gus an do chuir i bhàrr na cìche e. Agus nuair a chuir i bhàrr na cìche e, thug i suas leatha e, maille ri trì‐bhliadhnach tairbh, agus aon ephah de mhin mhìn, agus searrag fhìona, agus thug i e do thaigh an Tighearna ann an Siloh: agus bha an leanabh òg. Agus mharbh iad an tarbh, agus thug iad an leanabh a dh’ionnsaigh Eli. Agus thubhairt i, Mo thighearna, mar as beò d’anam, mo thighearna, is mise a’ bhean a sheas làimh riut an seo a’ dèanamh ùrnaigh ris an Tighearna. Airson an leinibh seo rinn mi ùrnaigh; agus thug an Tighearna dhomh m’iarrtas a dh’iarr mi air: Agus uime sin thug mi seachad gu saor e don Tighearna: rè uile làithean a bheatha thugadh seachad e don Tighearna. Agus rinn e adhradh don Tighearna an sin. Agus rinn Hanah ùrnaigh, agus thubhairt i, Tha mo chridhe a’ dèanamh gàirdeachais anns an Tighearna; dh’àrdaicheadh m’adharc anns an Tighearna; rinneadh mo bheul farsaing os cionn mo naimhdean, do bhrìgh gu bheil mi aoibhneach ann ad shlàinte‐sa. Chan eil neach air bith naomh mar an Tighearna; oir chan eil neach ann ach thu, agus chan eil carraig ann mar ar Dia‑ne. Na labhraibh nas mò cho ro‑uaibhreach; na tigeadh àrdan a‑mach as ur beul; oir is Dia eòlais an Tighearna, agus leis‐san tha gnìomharan air an cothromachadh. Tha boghannan nan daoine treuna air am briseadh agus tha iadsan a thuislich air an crioslachadh le neart. Iadsan a bha làn, airson arain thuarasdalaich iad iad fhèin; agus iadsan a bha acrach, sguir iad de bhith mar sin: ise a bha roimhe neo‐thorrach, rug i seachdnar; agus ise aig an robh mòran cloinne, dh’fhàs i fann. Is e an Tighearna a mharbhas agus a bheothaicheas: bheir e sìos a dh’ionnsaigh na h‑uaighe, agus bheir e a‑nìos. Is e an Tighearna a nì bochd, agus a nì beartach: leagaidh e sìos, agus togaidh e suas. Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra. Casan a naomh gleidhidh e, agus bidh na h‑aingidh tosdach ann an dorchadas; oir le neart cha bhuadhaich duine sam bith. Brisear nam bloighdean eascairdean an Tighearna: as na nèamhan nì e tàirneanach orra: bheir an Tighearna breith air crìochan na talmhainn; agus bheir e neart da rìgh, agus àrdaichidh e adharc a Aoin ungte fhèin. Agus dh’imich Elcanah gu Ramah da thaigh; agus fhritheil an leanabh don Tighearna am fianais Eli, an sagart. A‑nis bu mhic do Bhelial mic Eli; cha b’aithne dhaibh an Tighearna. Agus b’e gnàth nan sagart leis an t‑sluagh, nuair a dh’ìobradh duine sam bith ìobairt, gun tigeadh òglach an t‑sagairt, nuair a bha an fheòil ga bruith, agus greimiche‐feòla thrì meur na làimh; Agus bhuaileadh e anns an aghann e, no anns a’ choire bheag, no anns a’ choire mhòr, no anns a’ phoit; gach nì a bheireadh an greimiche‐feòla suas, ghabhadh an sagart air a shon fhèin: mar sin rinn iad ann an Siloh, ris na h‑Israelich uile a thàinig an sin. Mar an ceudna mun loisgeadh iad an t‑saill, thigeadh òglach an t‑sagairt, agus theireadh e ris an duine a dh’ìobair, Thoir feòil ga ròstadh don t‑sagart: oir cha ghabh e uat feòil bhruith, ach amh. Agus nan abradh duine sam bith ris, Na dearmadadh iad an t‑saill a losgadh air ball, agus an sin gabh dhut fhèin mar as miann led anam; an sin fhreagradh e, Chan eadh, ach bheir thu dhomh a‑nis; agus mura tabhair, gabhaidh mi a dh’aindeoin. Uime sin bha peacadh nan òganach ro‑mhòr am fianais an Tighearna; oir rinn daoine tarcais air ìobairt an Tighearna. Ach fhritheil Samuel an làthair an Tighearna, agus e na leanabh, air a chrioslachadh le èphod de lìon‐aodach. Agus rinn a mhàthair dha còta beag, agus thug i da ionnsaigh e o bhliadhna gu bliadhna, nuair a chaidh i suas maille ra fear a dh’ìobradh na h‑ìobairt bhliadhnail. Agus bheannaich Eli Elcanah agus a bhean, agus thubhairt e, Gun tugadh an Tighearna dhut sliochd on mhnaoi seo, airson an tìodhlaic a thug i seachad don Tighearna. Agus chaidh iad dan àite fhèin. Agus dh’amhairc an Tighearna air Hanah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i trì mic, agus dà nighinn. Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas am fianais an Tighearna. A‑nis bha Eli ro‑shean, agus chuala e gach nì a rinn a mhic ri Israel uile, agus cionnas a laigh iad leis na mnathan a chruinnich aig doras pàillean a’ choitheanail. Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ dèanamh a leithid seo de nithean? Oir tha mi a’ cluinntinn a‑thaobh ur droch ghnìomharan on t‑sluagh seo uile. Na dèanaibh mar seo, mo mhic: oir cha sgeul math a tha mi a’ cluinntinn, gu bheil sibh a’ toirt air sluagh an Tighearna dol air seachran. Ma pheacaicheas duine an aghaidh duine eile, bheir am britheamh breith air: ach ma pheacaicheas duine an aghaidh an Tighearna, cò a ghuidheas air a shon? Gidheadh cha d’èisd iadsan ri guth an athar, do bhrìgh gum bu toigh leis an Tighearna am marbhadh. (Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas, agus bha e taitneach araon don Tighearna agus do dhaoine.) Agus thàinig duine le Dia a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An d’fhoillsich mise gu soilleir mi fhèin do thaigh d’athar, nuair a bha iad anns an Eiphit, ann an taigh Phàraoh? Agus an do thagh mi e à treubhan Israeil uile gu bhith na shagart agam, a dh’ìobradh air m’altair, a losgadh tùis, a dh’iomchar èphoid am fhianais? Agus an tug mi do thaigh d’athar na tabhartasan uile a bheirear suas le teine le cloinn Israeil? Carson a tha sibh a’ dèanamh tàir air m’ìobairt, agus air mo thabhartas a dh’àithn mi ann am àite‐còmhnaidh, agus a tha thu a’ toirt urraim dod mhic os mo chionn‐sa, gu sibh fhèin a dhèanamh reamhar le rogha uile thabhartasan mo shluaigh Israel? Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh‐sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh. Feuch, tha na làithean a’ teachd anns an geàrr mi dhìot do ghàirdean, agus gàirdean taigh d’athar, air chor is nach bi seann duine ad thaigh. Agus chì thu nàmhaid ann am àite‐còmhnaidh‐sa anns an uile shaoibhreas a bheir Dia do Israel: agus cha bhi seann duine ad thaigh‐sa gu bràth. Agus an duine sin agad nach geàrr mi as om altair, bidh e a chlaoidh do shùl, agus a chràdh do chridhe: agus bàsaichidh uile ghineal do thaighe ann an trèine an neirt. Agus bidh seo na chomharradh dhut, a thig air do dhithis mhac, air Hophni agus Phinehas ann an aon là bàsaichidh iad le chèile. Agus togaidh mi suas dhomh fhèin sagart dìleas, a nì mar a tha e ann am chridhe, agus ann am inntinn; agus togaidh mi dha taigh seasmhach, agus imichidh e am fianais m’aoin ungte gu bràth. Agus tàrlaidh gun tig gach neach a dh’fhàgar ad thaigh a chromadh sìos dha airson mìr airgid, agus greim arain; agus their e, Cuir mi, guidheam ort, ann an aon de dhreuchdan nan sagart, a‑chum gun ith mi greim arain. Agus fhritheil an leanabh Samuel don Tighearna, am fianais Eli: agus bha facal an Tighearna luachmhor anns na làithean sin; cha robh taisbeanadh follaiseach ann. Agus thàrladh anns an àm sin, nuair a bha Eli na laighe na àite: (agus thòisich a shùilean air fàilneachadh: cha b’urrainn e faicinn gu math;) Agus mun deachaidh lòchran Dhè as, nuair a bha Samuel na laighe ann an teampall an Tighearna, far an robh àirc Dhè; Gun do ghairm an Tighearna air Samuel; agus fhreagair esan, Tha mi an seo. Agus ruith e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm. Agus thubhairt esan, Cha do ghairm mise ort: till, laigh sìos. Agus dh’fhalbh e agus laigh e sìos. Agus ghairm an Tighearna a‑rìs air Samuel. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm, Agus fhreagair esan, Cha do ghairm mise ort, a mhic; till, laigh sìos. A‑nis cha b’aithne do Shamuel fhathast an Tighearna, agus cha d’fhoillsicheadh facal an Tighearna fhathast dha. Agus ghairm an Tighearna fhathast air Samuel an treas uair. Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm. Agus thuig Eli gum b’e an Tighearna a ghairm air an leanabh. Uime sin thubhairt Eli ri Samuel, Falbh, laigh sìos; agus ma ghairmeas e ort, an sin their thu, Labhair, a Thighearna, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn. Agus dh’fhalbh Samuel, agus laigh e sìos na àite fhèin. Agus thàinig an Tighearna, agus sheas e, agus ghairm e mar air na h‑uairean eile, A Shamueil, a Shamueil. An sin fhreagair Samuel, Labhair, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn. Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Feuch, nì mi nì ann an Israel, a nì gaoir ann an dà chluais gach neach a chluinneas e. Anns an là sin coileanaidh mi an aghaidh Eli na nithean sin uile a labhair mi mu thimcheall a thaighe: tòisichidh mi agus crìochnaichidh mi. Oir dh’innis mi dha gun toir mi breith air a thaigh gu bràth, airson na h‑aingidheachd air a bheil e fiosrach; a chionn gun tug a mhic masladh dhòmhsa, agus nach do chaisg esan iad. Agus uime sin mhionnaich mi do thaigh Eli, nach glanar as aingidheachd taigh Eli le ìobairt no le tabhartas gu bràth. Agus laigh Samuel gu madainn, agus dh’fhosgail e dorsan taigh an Tighearna: agus bha eagal air Samuel an taisbeanadh innse do Eli. An sin ghairm Eli air Samuel, agus thubhairt e, A Shamueil, a mhic. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo. Agus thubhairt e, Ciod an nì a chaidh a ràdh riut? Na ceil ormsa e, guidheam ort: gun dèanadh Dia mar sin riut, agus tuilleadh mar an ceudna, ma cheileas tu nì air bith orm, de gach nì a chaidh a ràdh riut. Agus dh’innis Samuel dha na h‑uile nithean, agus cha do cheil e nì sam bith air. Agus thubhairt esan, Is e an Tighearna a tha ann; an nì sin a tha math na shùilean nì e. Agus dh’fhàs Samuel suas, agus bha an Tighearna maille ris, agus cha do leig e do aon air bith de a fhacail tuiteam a dh’ionnsaigh an làir. Agus bha fhios aig Israel uile, o Dhan gu ruig Beer‐sèba, gun d’òrdaicheadh Samuel na fhàidh don Tighearna. Agus thaisbeineadh an Tighearna a‑rìs ann an Siloh; oir dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Shamuel ann an Siloh, le facal an Tighearna. Agus thàinig facal Shamueil a dh’ionnsaigh Israeil uile. A‑nis chaidh Israel a‑mach an aghaidh nam Philisteach gu cath, agus champaich iad làimh ri Eben‐eser: agus champaich na Philistich ann an Aphec. Agus tharraing na Philistich iad fhèin suas an òrdagh blàir an aghaidh Israeil: agus chuireadh an cath, agus bhuaileadh Israel ro na Philistich: agus mharbh iad anns a’ chath anns a’ mhachair mu thimcheall ceithir mìle fear. Agus nuair a thàinig an sluagh don champ, thubhairt seanairean Israeil, Carson a bhuail an Tighearna sinn an‑diugh an làthair nam Philisteach? Thugamaid dar n‑ionnsaigh à Siloh àirc coicheangal an Tighearna, a‑chum nuair a thig i nar measg gun saor i sinn à làimh ar naimhdean. Agus chuir an sluagh daoine gu Siloh, a‑chum gun tugadh iad à sin àirc coicheangal Tighearna nan sluagh, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban: agus bha dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, an sin maille ri àirc coicheangal Dhè. Agus nuair a thàinig àirc coicheangal an Tighearna don champ, dh’èigh Israel uile le iolaich mhòir, agus fhreagair an talamh don fhuaim. Agus chuala na Philistich fuaim na h‑iolaich, agus thubhairt iad, Ciod as ciall do fhuaim na h‑iolaich mhòir seo ann an camp nan Eabhraidheach? Agus thuig iad gu robh àirc an Tighearna air teachd don champ. Agus bha eagal air na Philistich, oir thubhairt iad, Tha diathan air teachd don champ: agus thubhairt iad, Mo thruaighe sinne! oir cha robh a leithid seo de nì riamh roimhe ann: Mo thruaighe sinne! Cò a shaoras sinn à làimh nan diathan cumhachdach sin? Is iad sin na diathan a bhuail na h‑Eiphitich leis gach plàigh, agus a rinn nithean iongantach anns an fhàsach. Bithibh làidir, agus bithibh fearail, O sibhse Philistich, a‑chum nach bi sibh nur tràillean aig na h‑Eabhraidhich, mar a bha iadsan nan tràillean agaibhse: bithibh matà fearail, agus cogaibh. Agus chog na Philistich; agus bhuaileadh Israeil, agus theich gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha: agus bha àr ro‑mhòr ann; oir thuit de Israel deich‐mìle‐fichead coisiche. Agus ghlacadh àirc Dhè; agus fhuair dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, bàs. Agus ruith duine de Bheniàmin a‑mach as an armailt, agus thàinig e gu Siloh air an là sin fhèin, agus a aodach air a reubadh, agus duslach air a cheann. Agus nuair a thàinig e, feuch, bha Eli na shuidhe air cathair làimh ris an t‑slighe, a’ coimhead: oir bha a chridhe air chrith airson àirc Dhè. Agus nuair a thàinig an duine don bhaile, agus a dh’innis e e, dh’èigh am baile uile. Agus nuair a chuala Eli fuaim na h‑èighich, thubhairt e, Ciod as ciall do fhuaim na conghair seo? Agus rinn an duine cabhag, agus thàinig e, agus dh’innis e do Eli. A‑nis bha Eli ochd‐bliadhna‑deug agus ceithir‐fichead a dh’aois; agus bha a shùilean mall, air chor is nach faiceadh e gu math. Agus thubhairt an duine ri Eli, Is mise esan a thàinig a‑mach as an armailt, agus theich mise an‑diugh as an armailt. Agus thubhairt esan, Ciod a thachair, a mhic? Agus fhreagair an teachdaire agus thubhairt e, Theich Israel ro na Philistich, agus mar an ceudna bha àr mòr am measg an t‑sluaigh, agus mar an ceudna tha do dhithis mhac, Hophni agus Phinehas, marbh, agus ghlacadh àirc Dhè. Agus nuair a dh’ainmich e àirc Dhè, thuit e bhàrr na cathrach an comhair a chùil làimh ris a’ gheata, agus bhriseadh a amhach, agus fhuair e bàs; oir bha e na sheann duine, agus trom. Agus thug e breith air Israel dà‑fhichead bliadhna. Agus bha a bhan‐chliamhainn, bean Phinehais, torrach, dlùth do bhith air a h‑asaid: agus nuair a chuala i an sgeul gun do ghlacadh àirc Dhè, agus gu robh a h‑athair‐cèile marbh, agus a fear, chrom i i fhèin, agus rug i mac; oir thàinig a saothair‐chloinne oirre. Agus mu àm a bàis, thubhairt na mnathan a bha a’ seasamh làimh rithe, Na biodh eagal ort, oir rug thu mac. Ach cha do fhreagair ise, cha mhò a thug i fa‑near e. Agus thug i Ichabod mar ainm air an leanabh, ag ràdh, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel: (do bhrìgh gun do ghlacadh àirc Dhè, agus airson a h‑athar‐cèile agus a fir:) Agus thubhairt i, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel; oir ghlacadh àirc Dhè. Agus ghabh na Philistich àirc Dhè, agus thug iad leo i o Eben‐eser gu Asdod. An sin ghabh na Philistich àirc Dhè, agus thug iad i do thaigh Dhàgoin, agus shuidhich iad i làimh ri Dàgon. Agus nuair a dh’èirich muinntir Asdoid gu moch air an là màireach, feuch, bha Dàgon air tuiteam air a aghaidh a dh’ionnsaigh an làir fa chomhair àirc an Tighearna: agus ghabh iad Dàgon, agus chuir iad a‑rìs e na àite fhèin. Agus nuair a dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn air an là màireach, feuch, bha Dàgon air tuiteam air a aghaidh a dh’ionnsaigh an làir fa chomhair àirc an Tighearna: agus bha ceann Dhàgoin, agus dà bhois a làmh air an gearradh dheth aig an stairsnich: dh’fhàgadh a‑mhàin com Dhàgoin aige. Uime sin cha saltair sagartan Dhàgoin, no neach air bith a thèid a‑steach do thaigh Dhàgoin, air stairsnich Dhàgoin ann an Asdod gus an là‑an‑diugh. Ach bha làmh an Tighearna trom air muinntir Asdoid, agus sgrios e iad, agus bhuail e iad le neasgaidean fala, eadhon Asdod agus a chrìochan. Agus nuair a chunnaic daoine Asdoid gu robh e mar sin, thubhairt iad, Chan fhan àirc Dia Israeil maille rinne; oir tha a làmh trom oirnn agus air Dàgon ar Dia. Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Ciod a nì sinn ri àirc Dia Israeil? Agus fhreagair iadsan, Thugar àirc Dia Israeil mun cuairt gu Gat. Agus thug iad mun cuairt àirc Dia Israeil gu Gat. Agus nuair a thug iad mun cuairt i, bha làmh an Tighearna an aghaidh a’ bhaile le sgrios ro‑mhòr, agus bha neasgaidean fala aca nan àitean diamhair. Uime sin chuir iad air falbh àirc Dhè gu Ecron; agus nuair a bha àirc Dhè air teachd gu Ecron, dh’èigh na h‑Ecronaich, ag ràdh, Thug iad mun cuairt dar n‑ionnsaigh‐ne àirc Dia Israeil gu sinn fhèin a mharbhadh agus ar sluagh. Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach, agus thubhairt iad, Cuiribh air falbh àirc Dia Israeil, agus rachadh i air a h‑ais da h‑àite fhèin, a‑chum nach marbh i sinn fhèin agus ar sluagh: oir bha sgrios bàis anns a’ bhaile uile; bha làmh Dhè ro‑throm an sin. Agus na daoine nach do bhàsaich bhuaileadh iad le neasgaidean fala; agus chaidh èigheach a’ bhaile suas gu nèamh. Agus bha àirc an Tighearna ann am fearann nam Philisteach seachd mìosan. Agus ghairm na Philistich air na sagartan agus air na fiosaichean, ag ràdh, Ciod a nì sinn ri àirc an Tighearna? Thugaibh fios dhuinn cionnas a chuireas sinn air falbh i da h‑àite fhèin. Agus thubhairt iadsan, Ma chuireas sibh air falbh àirc Dia Israeil, na cuiribh uaibh falamh i; ach air gach uile chor ìocaibh dha tabhartas‐easaontais: an sin slànaichear sibh, agus bidh fhios agaibh carson nach do thill a làmh uaibh. An sin thubhairt iad, Ciod an tabhartas‐easaontais a dh’ìocas sinn dha? Agus fhreagair iadsan, Còig neasgaidean òir, agus còig luchan òir, a rèir àireamh tighearnan nam Philisteach; oir bha aon phlàigh oirbh uile, agus air ur tighearnan. Uime sin nì sibh dealbhan ur neasgaidean, agus dealbhan ur luchan, a tha a’ milleadh na tìre; agus bheir sibh glòir do Dhia Israeil: theagamh gun aotromaich e a làmh dhibh, agus de ur diathan, agus de ur tìr. Carson uime sin a chruadhaicheas sibh ur cridhe, mar a chruadhaich na h‑Eiphitich agus Phàraoh an cridhe, nuair a rinn e gu h‑iongantach nam measg, nach do leig iad an sluagh air falbh, agus dh’imich iad? A‑nis uime sin dèanaibh feun nodha, agus gabhaibh dà mhart‐bhainne, air nach deachaidh cuing: agus ceanglaidh sibh na mairt ris an fheun, agus bheir sibh an laoigh dhachaigh uapa: Agus gabhaidh sibh àirc an Tighearna, agus cuiridh sibh i air an fheun; agus cuiridh sibh na seudan òir, a dh’ìocas sibh dha mar thabhartas‐easaontais, ann an cobhan ra taobh; agus cuiridh sibh air falbh i, a‑chum gun imich i. Agus chì sibh, ma thèid i suas rathad a crìche fhèin gu Bet‐semes, an sin rinn e an t‑olc mòr seo oirnn: ach mura tèid, an sin bidh fhios againn nach i a làmh‐san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirnn. Agus rinn na daoine mar sin; agus ghabh iad dà mhart‐bhainne agus cheangail iad ris an fheun iad, agus dhruid iad an laoigh a‑staigh: Agus chuir iad àirc an Tighearna air an fheun, agus an cobhan leis na luchan òir, agus dealbhan an neasgaidean fala. Agus ghabh na mairt an rathad dìreach gu slighe Bhet‐semeis; air an rathad mhòr dh’imich iad, a’ geumnaich mar a dh’imich iad, agus cha do thionndaidh iad a lethtaobh a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe; agus chaidh tighearnan nam Philisteach nan dèidh gu crìch Bhet‐semeis. Agus bha muinntir Bhet‐semeis a’ buain an cruithneachd anns a’ ghleann; agus thog iad suas an sùilean, agus chunnaic iad an àirc, agus rinn iad gàirdeachas nuair a chunnaic iad i. Agus thàinig am feun gu achadh Iosua, am Bet‐semeseach, agus sheas e an sin, far an robh clach mhòr; agus sgoilt iad fiodh an fheuna, agus thug iad suas na mairt nan ìobairt‐loisgte don Tighearna. Agus thug na Lèbhithich sìos àirc an Tighearna, agus an cobhan a bha maille rithe, anns an robh na seudan òir, agus chuir iad air a’ chloich mhòir iad: agus thug daoine Bhet‐semeis suas tabhartasan‐loisgte, agus dh’ìobair iad ìobairtean an là sin fhèin don Tighearna. Agus nuair a chunnaic còig tighearnan nam Philisteach e, thill iad gu Ecron anns an là sin fhèin. Agus is iad seo na neasgaidean òir, a dh’ìoc na Philistich mar thabhartas‐easaontais don Tighearna: airson Asdoid aon, airson Ghàsa aon, airson Asceloin aon, airson Ghat aon, airson Ecroin aon; Agus na luchan òir, a rèir àireamh uile bhailtean nam Philisteach a bhuineadh do na còig tighearnan, araon bhailtean daingnichte agus bhailtean gun bhalla, eadhon gu ruig a’ chlach mhòr, air an do chuir iad sìos àirc an Tighearna, clach a tha an làthair gus an là‑an‑diugh ann an achadh Iosua, am Bet‐semeseach. Ach bhuail e daoine Bhet‐semeis, a chionn gun do sheall iad air àirc an Tighearna; bhuail e eadhon den t‑sluagh trì‐fichead agus deichnear fhear: agus rinn an sluagh caoidh, do bhrìgh gun do bhuail an Tighearna cuid den t‑sluagh le plàigh mhòir. Agus thubhairt daoine Bhet‐semeis, Cò as urrainn seasamh an làthair an Tighearna, an Dia naomh seo? Agus cò a dh’ionnsaigh an tèid i suas uainne? Agus chuir iad teachdairean a dh’ionnsaigh luchd‐àiteachaidh Chiriat‐iearim, ag ràdh, Thug na Philistich air a h‑ais àirc an Tighearna; thigibh a‑nuas, thugaibh suas i dur n‑ionnsaigh. Agus thàinig daoine Chiriat‐iearim, agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus thug iad a‑steach i do thaigh Abinadaib ann an Gibeah, agus naomhaich iad a mhac Eliàsar, a ghleidheadh àirc an Tighearna. Agus thàrladh, on là a dh’fhan an àirc ann an Ciriat‐iearim, gu robh an aimsir fada, oir bha fichead bliadhna ann; agus rinn taigh Israeil uile caoidh an dèidh an Tighearna. Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach. An sin chuir clann Israeil air falbh Bàalim agus Astarot, agus rinn iad seirbhis don Tighearna a‑mhàin. Agus thubhairt Samuel, Cruinnichibh Israel uile gu Mispeh, agus nì mise ùrnaigh air ur son ris an Tighearna. Agus chruinnich iad an ceann a chèile gu Mispeh, agus tharraing iad uisge, agus dhòirt iad a‑mach e an làthair an Tighearna, agus thraisg iad air an là sin, agus thubhairt iad an sin, Pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna. Agus thug Samuel breith air cloinn Israeil ann am Mispeh. Agus chuala na Philistich gu robh clann Israeil air cruinneachadh an ceann a chèile gu Mispeh, agus chaidh tighearnan nam Philisteach suas an aghaidh Israeil; agus nuair a chuala clann Israeil e, bha eagal orra ro na Philistich. Agus thubhairt clann Israeil ri Samuel, Na sguir de ghlaodhaich ris an Tighearna ar Dia air ar son, a‑chum gun saor e sinn à làimh nam Philisteach. Agus ghabh Samuel uan deoghail, agus thug e suas e uile mar ìobairt‐loisgte don Tighearna; agus ghlaodh Samuel ris an Tighearna airson Israeil, agus chuala an Tighearna e. Agus nuair a bha Samuel a’ toirt suas na h‑ìobairt‐loisgte, tharraing na Philistich am fagas gu cath an aghaidh Israeil: ach rinn an Tighearna tàirneanach le fuaim mhòir anns an là sin air na Philistich, agus chlaoidh e iad: agus bhuaileadh iad ro Israel. Agus chaidh fir Israeil a‑mach à Mispeh, agus ruaig iad na Philistich, agus bhuail iad iad, gus an tàinig iad fo Bhet‐car. An sin ghabh Samuel clach, agus shuidhich e i eadar Mispeh agus Sen; agus thug e Eben‐eser mar ainm oirre, agus thubhairt e, Gu ruige seo chuidich an Tighearna leinn. Agus dh’irioslaicheadh na Philistich, agus cha tàinig iad tuilleadh gu crìch Israeil: agus bha làmh an Tighearna an aghaidh nam Philisteach uile làithean Shamueil. Agus thugadh na bailtean a ghlac na Philistich o Israel air an ais do Israel, o Ecron eadhon gu Gat; agus shaor Israel an crìochan à làimh nam Philisteach; agus bha sìth eadar Israel agus na h‑Amoraich. Agus thug Samuel breith air Israel rè uile làithean a bheatha. Agus chaidh e o bhliadhna gu bliadhna mun cuairt gu Betel, agus Gilgal, agus Mispeh, agus thug e breith air Israel anns na h‑àitean sin uile. Agus bha a theachd air ais gu Ramah, oir an sin bha a thaigh; agus an sin thug e breith air Israel, agus an sin thog e altair don Tighearna. A‑nis nuair a bha Samuel aosda, chuir e a mhic nam britheamhan os cionn Israeil. Agus b’e ainm a chiad‐ghin mic Ioel, agus ainm a dhara mic Abiah: bha iad nam britheamhan ann am Beer‐sèba. Agus cha do ghluais a mhic na shlighean‐san, ach chlaon iad an dèidh buannachd, agus ghabh iad duais, agus dh’fhiar iad breitheanas. An sin chruinnich uile sheanairean Israeil iad fhèin an ceann a chèile, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh Shamueil gu Ramah. Agus thubhairt iad ris, Feuch, tha thusa air fàs aosda, agus chan eil do mhic a’ gluasad ann ad shlighean: a‑nis matà dèan dhuinne rìgh gu breith a thoirt oirnn, mar na cinnich uile. Ach mhì‐thaitinn an nì ri Samuel, nuair a thubhairt iad, Thoir dhuinn rìgh gu breith a thoirt oirnn: agus rinn Samuel ùrnaigh ris an Tighearna. Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd ri guth an t‑sluaigh anns gach nì a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a‑chum nach rìoghaichinn os an cionn. A rèir nan uile obraichean a rinn iad on là anns an tug mi a‑nìos iad as an Eiphit gu ruig an là‑an‑diugh, leis an do thrèig iad mi, agus an do rinn iad seirbhis do dhiathan eile, mar seo tha iad a’ dèanamh mar an ceudna riutsa. A‑nis uime sin èisd rin guth: gidheadh bheir thu gu cinnteach fianais nan aghaidh, agus cuiridh tu an cèill dhaibh lagh an rìgh a rìoghaicheas os an cionn. Agus dh’innis Samuel uile bhriathran an Tighearna don t‑sluagh, a bha ag iarraidh rìgh air. Agus thubhairt e, Seo mar a bhios lagh an rìgh a rìoghaicheas os ur cionn: Gabhaidh e ur mic, agus òrdaichidh e dha fhèin iad a‑chum a charbad, agus gu bhith nam marcaichean aige, agus gu ruith ro a charbadan; Agus gan cur nan ceannardan dha fhèin air mhìltean, agus nan ceannardan air leth‐cheudan, agus a threabhadh a fhearainn, agus a bhuain a fhoghair, agus a dhèanamh innealan‐cogaidh air a shon, agus innealan airson a charbad. Agus gabhaidh e ur nigheanan a dhèanamh ola‑ungaidh cùbhraidh, agus gu bhith nam ban‐chòcairean, agus nam ban‐fhuineadairean. Agus gabhaidh e ur n‑achaidhean agus ur fìonliosan, agus ur liosan‐ola, eadhon a’ chuid as fheàrr dhiubh, agus bheir e iad da òglaich. Agus gabhaidh e an deicheamh de ur sìol, agus de ur fìonliosan, agus bheir e da luchd‐dreuchd e, agus da òglaich. Agus gabhaidh e ur n‑òglaich‐se agus ur banoglaich, agus na h‑òganaich as fheàrr agaibh, agus ur n‑asail, agus cuiridh e a‑chum a obrach fhèin iad. Gabhaidh e an deicheamh de ur caoraich: agus bidh sibh nur seirbhisich aige. Agus glaodhaidh sibh a‑mach anns an là sin o làthair ur rìgh a thagh sibh dhuibh fhèin; agus chan èisd an Tighearna ribh anns an là sin. Gidheadh, dhiùlt an sluagh èisdeachd ri guth Shamueil, agus thubhairt iad, Chan eadh; ach bidh rìgh againne os ar cionn: Agus bidh sinne mar an ceudna mar na cinnich uile, agus bheir ar rìgh breith oirnn, agus thèid e a‑mach romhainn, agus cuiridh e ar cathan. Agus chuala Samuel uile bhriathran an t‑sluaigh, agus dh’aithris e iad ann an cluasan an Tighearna. Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd rin guth, agus dèan rìgh dhaibh. Agus thubhairt Samuel ri fir Israeil, Rachaibh, gach duine dhibh, da bhaile fhèin. Agus bha duine de Bheniàmin dom b’ainm Cis, mac Abieil, mhic Sheroir, mhic Bhechorait, mhic Aphiah, Beniàmineach, duine treun ann an neart. Agus bha mac aige dom b’ainm Saul, rogha òigfhir, agus e tlachdmhor; agus cha robh am measg chloinn Israeil fear a bu tlachdmhoire na e: o a ghuaillean agus o sin suas b’àirde e na an sluagh uile. Agus chailleadh asail Chis, athair Shauil; agus thubhairt Cis ra mhac, Saul, Thoir leat a‑nis aon de na h‑òganaich, agus èirich, falbh, iarr na h‑asail. Agus chaidh e tro mhonadh Ephraim, agus chaidh e tro thìr Shalisa, ach cha d’fhuair iad iad: an sin chaidh e tro thìr Shalaim, agus cha robh iad an sin: agus chaidh e tro thìr nam Beniàmineach, ach cha d’fhuair iad iad. Agus nuair a thàinig iad gu tìr Shuph, thubhairt Saul ra òganach a bha maille ris, Thig agus tilleamaid, air eagal gun leig m’athair dheth a chùram mu na h‑asail, agus gum bi smuairean air mar timcheall‐ne. Agus thubhairt esan ris, Feuch a‑nis, tha duine le Dia anns a’ bhaile seo, agus is duine urramach e; thig gach nì a their e gu cinnteach gu crìch: a‑nis matà rachamaid an sin; theagamh gun innis e dhuinn ar slighe air an còir dhuinn gluasad. An sin thubhairt Saul ra òganach, Ach, feuch, ma thèid sinn, ciod a bheir sinn a dh’ionnsaigh òglach Dhè? Oir chaitheadh an t‑aran nar soithichean, agus chan eil tìodhlac ann gu a thoirt a dh’ionnsaigh òglach Dhè: ciod matà a nì sinn? Agus fhreagair an t‑òganach Saul a‑rìs, agus thubhairt e, Feuch, tha agam an seo am làimh an ceathramh cuid de shecel airgid: sin bheir mi do òglach Dhè, agus innsidh e dhuinn ar slighe. (O shean ann an Israel, nuair a rachadh duine a dh’fhiosrachadh de Dhia, mar seo labhradh e: Thigibh, agus rachamaid a dh’ionnsaigh an fhir‐sheallaidh; oir esan ris an abrar a‑nis fàidh, o shean theirte fear‐seallaidh ris.) An sin thubhairt Saul ra òganach, Is math a labhair thu; thig, imicheamaid: agus dh’imich iad don bhaile, far an robh òglach Dhè. Agus nuair a chaidh iad suas uchdach a’ bhaile, fhuair iad gruagaichean a’ dol a‑mach a tharraing uisge, agus thubhairt iad riu, A bheil am fear‐seallaidh an seo? Agus fhreagair iadsan iad, agus thubhairt iad, Tha; feuch, tha e romhaibh: dèanaibh cabhag a‑nis, oir an‑diugh tha e air teachd don bhaile, oir tha ìobairt aig an t‑sluagh an‑diugh anns an ionad àrd. Nuair a thèid sibh a‑steach don bhaile, air ball gheibh sibh e, mun tèid e suas don ionad àrd a dh’ithe: oir chan ith an sluagh gus an tig e, a chionn gum beannaich e an ìobairt, agus an dèidh sin ithidh iadsan a chuireadh. A‑nis uime sin rachaibh suas, oir mun àm seo gheibh sibh e. Agus chaidh iad suas don bhaile: agus nuair a bha iad a’ dol a‑steach gu meadhon a’ bhaile, feuch, thàinig Samuel a‑mach nan coinneamh, gu dol suas don ionad àrd. A‑nis dh’innis an Tighearna ann an cluais Shamueil là mun tàinig Saul, ag ràdh, Mun àm seo a‑màireach cuiridh mi ad ionnsaigh duine à tìr Bheniàmin, agus ungaidh tu e na cheannard air mo shluagh Israel, agus saoraidh e mo shluagh à làimh nam Philisteach; oir dh’amhairc mi air mo shluagh, a chionn gun tàinig an glaodh am ionnsaigh. Agus nuair a chunnaic Samuel Saul, thubhairt an Tighearna ris, Feuch an duine mun do labhair mi riut: rìoghaichidh esan os cionn mo shluaigh. An sin thàinig Saul am fagas do Shamuel anns a’ gheata, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, càit a bheil taigh an fhir‐sheallaidh? Agus fhreagair Samuel Saul, agus thubhairt e, Is mise am fear‐seallaidh: gabh suas romham don ionad àrd, agus ithidh sibh maille riumsa an‑diugh; agus leigidh mi leat falbh anns a’ mhadainn, agus gach nì a tha ann ad chridhe innsidh mi dhut. Agus a‑thaobh nan asal agad a chailleadh o chionn trì làithean, na suidhich d’inntinn orra, oir fhuaireadh iad: agus cò air a bheil uile dhèigh Israeil? Nach ann ortsa, agus air uile thaigh d’athar? Agus fhreagair Saul agus thubhairt e, Nach Beniàmineach mise den treubh as lugha ann an Israel? Agus nach e mo theaghlach as lugha de uile theaghlaichean treubh Bheniàmin? Carson uime sin a tha thu a’ labhairt riumsa air an dòigh seo? Agus ghabh Samuel Saul agus a òganach, agus thug e a‑steach iad don t‑seòmar‐chuirm, agus thug e àite‐suidhe dhaibh aig ceann‐toisich nan daoine a chaidh a chuireadh, agus iad mu thimcheall deich‐fir‐fhichead. Agus thubhairt Samuel ris a’ chòcaire, Thoir dhomh a’ chuibhreann a thug mi dhut mun dubhairt mi riut, Cuir làimh riut i. Agus thog an còcaire an slinnean, agus an nì a bha air, agus chuir e fa chomhair Shauil e, agus thubhairt Samuel, Feuch, cuir an nì sin a dh’fhàgadh air do bheulaibh, agus ith: oir a dh’ionnsaigh an àma seo ghleidheadh dhut e, o thubhairt mi, Thug mi cuireadh don t‑sluagh. Agus dh’ith Saul maille ri Samuel air an là sin. Agus nuair a thàinig iad a‑nuas on ionad àrd don bhaile, labhair Samuel ri Saul air mullach an taighe. Agus dh’èirich iad gu moch: agus mu bhriseadh na fàire, ghairm Samuel air Saul gu mullach an taighe, ag ràdh, Eirich, a‑chum gun leig mi air falbh thu. Agus dh’èirich Saul, agus chaidh iad a‑mach le chèile, e fhèin agus Samuel. Agus nuair a bha iad a’ dol sìos gu iomall a’ bhaile, thubhairt Samuel ri Saul, Abair ris an òganach dol air aghaidh romhainn, (agus chaidh e air aghaidh,) ach seas thusa tamall, agus cuiridh mi an cèill dhut facal Dhè. An sin ghabh Samuel còrn ola, agus dhòirt e air a cheann e, agus phòg e e, agus thubhairt e, Nach ann a chionn gun d’ung an Tighearna thu gu bhith ad cheannard air a oighreachd fhèin? Nuair a dh’imicheas tu an‑diugh uamsa, an sin gheibh thu dithis dhaoine làimh ri uaigh Racheil, ann an crìch Bheniàmin ann an Selsah: agus their iad riut, Fhuaireadh na h‑asail a chaidh thu a dh’iarraidh; agus, feuch, leig d’athair dheth cùram nan asal, agus tha smuairean air mur timcheall‐se, ag ràdh, Ciod a nì mi airson mo mhic? An sin thèid thu air d’aghaidh as a sin, agus thig thu a dh’ionnsaigh còmhnard Thaboir, agus coinnichidh tu an sin triùir dhaoine a’ dol suas a dh’ionnsaigh Dhè gu Betel, aon dhiubh a’ giùlan trì minn, agus aon eile a’ giùlan trì buileannan arain, agus aon eile a’ giùlan searrag fhìona: Agus cuiridh iad fàilte ort, agus bheir iad dhut dà bhuileann arain, agus gabhaidh tu as an làimh iad. Na dhèidh sin thig thu gu cnoc Dhè, far a bheil freiceadain nam Philisteach: agus tàrlaidh, nuair a thig thu an sin don bhaile, gun coinnich thu cuideachd fhàidhean a’ teachd a‑nuas on ionad àrd, le saltair, agus tiompan, agus pìob, agus clàrsach romhpa, agus iad ri fàidheadaireachd: Agus tùirlingidh Spiorad an Tighearna ort, agus nì thu fàidheadaireachd maille riùsan, agus tionndaidhear thu ad dhuine eile. Agus nuair a thig na comharraidhean sin ort, nì thu mar a fhreagras a’ chùis dhut, oir bidh Dia maille riut. Agus thèid thu sìos romhamsa gu Gilgal; agus, feuch, thèid mise sìos ad ionnsaigh, a thoirt suas thabhartasan‐loisgte, agus a dh’ìobradh ìobairtean thabhartasan‐sìth; seachd làithean fanaidh tu, gus an tig mise ad ionnsaigh, agus gun toir mi fios dhut ciod a nì thu. Agus nuair a thionndaidh e a chùl gu falbh o Shamuel, thug Dia dha cridhe eile, agus thàinig na comharraidhean sin uile gu crìch air an là sin fhèin. Agus thàinig e o sin don chnoc; agus, feuch, choinnich cuideachd fhàidhean e; agus thùirling spiorad Dhè air, agus rinn e fàidheadaireachd nam measg. A‑nis nuair a chunnaic iadsan uile a ghabh eòlas air roimhe, feuch, gun do rinn e fàidheadaireachd maille ris na fàidhean, an sin thubhairt an sluagh gach aon ri chèile, Ciod e seo a thàinig air mac Chis? A bheil Saul cuideachd am measg nam fàidhean? Agus fhreagair duine as an àite sin, agus thubhairt e, Ach cò e an athair? Uime sin bha e na ghnàth‐fhacal, A bheil Saul cuideachd am measg nam fàidhean? Agus nuair a chuir e crìoch air fàidheadaireachd a dhèanamh, thàinig e don ionad àrd. Agus thubhairt bràthair‐athar Shauil ris, agus ra òganach, Càit an deachaidh sibh? Agus thubhairt esan, A dh’iarraidh nan asal: agus nuair a chunnaic sinn nach robh iad rim faotainn, thàinig sinn gu Samuel. Agus thubhairt bràthair‐athar Shauil, Innis dhomh, guidheam ort, ciod a thubhairt Samuel ribh. Agus thubhairt Saul ri bràthair a athar, Dh’innis e dhuinn gu cinnteach gun d’fhuaireadh na h‑asail; ach a‑thaobh na rìoghachd, cha d’innis e dha ciod a thubhairt Samuel. Agus ghairm Samuel an sluagh ri chèile a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh; Agus thubhairt e ri cloinn Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thug mi a‑nìos Israel as an Eiphit, agus shaor mi sibh à làimh nan Eiphiteach, agus à làimh nan rìoghachdan uile, a bha a’ dèanamh ainneirt oirbh: Gidheadh, chuir sibhse an‑diugh cùl ri ur Dia, esan a shaor sibh o ur n‑uilc agus ur teanntachdan gu lèir: agus thubhairt sibh, Chan eadh, ach cuiridh tu rìgh os ar cionn. A‑nis uime sin, nochdaibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, a rèir ur treubhan, agus a rèir ur mìltean. Agus nuair a thug Samuel air uile threubhan Israeil teachd am fagas, ghabhadh treubh Bheniàmin. Agus nuair a thug e air treubh Bheniàmin teachd am fagas a rèir an teaghlaichean, ghabhadh teaghlach Mhatri: agus nuair a thug e air teaghlach Mhatri teachd am fagas a lìon fear agus fear, ghabhadh Saul mac Chis: agus nuair a dh’iarr iad e, cha d’fhuaireadh e. Uime sin dh’fhiosraich iad fhathast den Tighearna, an tigeadh an duine fhathast an sin; agus fhreagair an Tighearna, Feuch, dh’fhalaich e e fhèin am measg na h‑àirneis. Agus ruith iad, agus thug iad à sin e: agus nuair a sheas e ann am meadhon an t‑sluaigh, bha e na b’àirde na an sluagh uile, o a ghuaillean agus o sin suas. Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh uile, Am faic sibh esan a thagh an Tighearna, nach eil neach cosmhail ris am measg an t‑sluaigh uile? Agus rinn an sluagh uile iolach, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh. An sin dh’innis Samuel don t‑sluagh lagh na rìoghachd, agus sgrìobh e ann an leabhar e, agus thaisg e suas am fianais an Tighearna e: agus leig Samuel an sluagh uile air falbh, gach duine da thaigh. Agus chaidh Saul mar an ceudna dhachaigh gu Gibeah, agus chaidh maille ris daoine treuna, aig an do bhean Dia rin cridhe. Ach thubhairt mic Bheliail, Cionnas a shaoras am fear seo sinn? Agus rinn iad dìmeas air, agus cha tug iad tìodhlac sam bith da ionnsaigh: ach dh’fhan esan na thosd. An sin chaidh Nahas an t‑Amonach suas, agus champaich e an aghaidh Iabeis‐ghilead: agus thubhairt uile dhaoine Iabeis ri Nahas, Dèan coicheangal rinn, agus nì sinne seirbhis dhut. Agus fhreagair Nahas an t‑Amonach iad, Air a’ chumha seo nì mi coicheangal ribh, gun spìon mi a‑mach gach sùil dheas agaibh, agus gun cuir mi am masladh seo air Israel uile. Agus thubhairt seanairean Iabeis ris, Thoir dhuinn dàil seachd làithean, a‑chum gun cuir sinn teachdairean gu uile chrìochan Israeil; agus mura bi neach sam bith gu ar saoradh, an sin thèid sinn a‑mach ad ionnsaigh. An sin thàinig na teachdairean gu Gibeah Shauil, agus dh’innis iad an sgeul ann an cluasan an t‑sluaigh: agus thog an sluagh uile suas an guth, agus ghuil iad. Agus, feuch, thàinig Saul an dèidh a’ bhuair as a’ mhachair; agus thubhairt Saul, Ciod a thàinig air an t‑sluagh, gu bheil iad a’ gul? Agus dh’innis iad dha sgeul dhaoine Iabeis. Agus thùirling spiorad Dhè air Saul nuair a chuala e an sgeul sin, agus lasadh a fhearg gu mòr. Agus ghabh e cuing dhamh, agus gheàrr e sìos nam mìrean iad, agus chuir e iad air feadh uile chrìochan Israeil le làimh theachdairean, ag ràdh, Ge bè nach tig a‑mach an dèidh Shauil agus an dèidh Shamueil, mar seo nìthear ra dhaimh: agus thuit eagal an Tighearna air an t‑sluagh, agus thàinig iad a‑mach mar aon duine. Agus nuair a chaidh an àireamh leis ann am Besec, bha ann de chloinn Israeil trì cheud mìle, agus de fhir Iùdah deich‐mìle‐fichead. Agus thubhairt iad ris na teachdairean a thàinig, Mar seo their sibh ri fir Iabeis‐ghilead, A‑màireach, nuair a dh’fhàsas a’ ghrian teth, bidh cobhair agaibh. Agus thàinig na teachdairean, agus dh’innis iad sin do fhir Iabeis; agus bha aoibhneas orra. Uime sin thubhairt fir Iabeis, A‑màireach thèid sinn a‑mach dur n‑ionnsaigh, agus nì sibh rinn a rèir gach nì as àill leibh. Agus air an là màireach chuir Saul an sluagh nan trì buidhnean; agus thàinig iad gu meadhon an fheachda ann am faire na maidne, agus bhuail iad na h‑Amonaich gus an d’fhàs an là teth: agus sgapadh iadsan a mhair, air chor is nach d’fhàgadh dithis dhiubh cuideachd. Agus thubhairt an sluagh ri Samuel, Cò a thubhairt, Cha rìghich Saul os ar cionn? Thugaibh an seo na daoine a‑chum gun cuir sinn gu bàs iad. Agus thubhairt Saul, Cha chuirear duine gu bàs air an là seo; oir an‑diugh dh’obraich an Tighearna saorsa ann an Israel. An sin thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Thigibh, agus rachamaid do Ghilgal, agus ath‐nuadhaicheamaid an sin an rìoghachd. Agus chaidh an sluagh uile gu Gilgal, agus rinn iad Saul an sin na rìgh am fianais an Tighearna ann an Gilgal; agus dh’ìobair iad an sin ìobairtean thabhartas‐sìthe am fianais an Tighearna: agus rinn Saul an sin agus fir Israeil uile gàirdeachas mòr. Agus thubhairt Samuel ri Israel uile, Feuch, dh’èisd mi ri ur guth anns gach nì a thubhairt sibh rium, agus rinn mi rìgh os ur cionn. Agus a‑nis, feuch, tha an rìgh ag imeachd romhaibh: agus tha mise aosmhor agus air fàs liath, agus, feuch, tha mo mhic maille ribh: agus ghluais mise nur fianais om òige gus an là‑an‑diugh. Feuch, tha mi an seo; thugaibh fianais am aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair a Aoin ungte: cò esan on tug mi a dhamh? Agus cò esan on tug mi a asal? Agus cò esan air an do rinn mi foill? Cò esan o a làimh an do ghabh mi duais, a‑chum mo shùilean a dhalladh leatha? Agus aisigidh mi dhuibh. Agus thubhairt iadsan, Cha do rinn thu foill oirnne, cha mhò a ghabh thu nì air bith o làimh aon duine. Agus thubhairt e riu, Tha an Tighearna na fhianais nur n‑aghaidh, agus tha a Aon ungte na fhianais an‑diugh, nach d’fhuair sibh am làimh‐sa nì sam bith. Agus fhreagair iadsan, Tha e na fhianais. Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Is e an Tighearna a thog suas Maois agus Aaron, agus a thug ur n‑athraichean a‑nìos à tìr na h‑Eiphit. A‑nis uime sin seasaibh, a‑chum gun toir mi breith oirbh an làthair an Tighearna, a‑thaobh uile ghnìomharan cearta an Tighearna, a rinn e dhuibhse agus dur n‑athraichean. Nuair a thàinig Iàcob a‑steach don Eiphit, agus a ghlaodh ur n‑athraichean ris an Tighearna, an sin chuir an Tighearna dan ionnsaigh Maois agus Aaron, a thug ur n‑athraichean a‑mach as an Eiphit, agus a thug orra còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo. Agus nuair a dhìochuimhnich iad an Tighearna an Dia, thug e thairis iad do làimh Shisera, ceannard armailt Hasoir, agus do làimh nam Philisteach, agus do làimh rìgh Mhòaib; agus chog iad nan aghaidh. Agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, do bhrìgh gun do thrèig sinn an Tighearna, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim agus Astarot; ach a‑nis saor sinn à làimh ar naimhdean, agus nì sinn seirbhis dhut. Agus chuir an Tighearna uaithe Ierubàal, agus Barac, agus Iephtah, agus Samuel, agus shaor e sibh à làimh ur naimhdean air gach taobh, agus ghabh sibh còmhnaidh gu tèarainte. Agus nuair a chunnaic sibh gun tàinig Nahas, rìgh chloinn Amoin, nur n‑aghaidh, thubhairt sibh riumsa, Chan eadh, ach rìoghaichidh rìgh os ar cionn: nuair a b’e an Tighearna ur Dia ur rìgh. A‑nis uime sin, feuch an rìgh a thagh sibh, agus a dh’iarr sibh: agus feuch, chuir an Tighearna rìgh os ur cionn. Ma bhios eagal an Tighearna oirbh, agus ma nì sibh seirbhis dha, agus ma dh’èisdeas sibh ra ghuth, agus nach dèan sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bidh sibh fhèin tèarainte, agus mar an ceudna an rìgh a rìoghaicheas os ur cionn an dèidh an Tighearna ur Dia. Ach mura èisd sibh ri guth an Tighearna, agus gun dèan sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bidh làmh an Tighearna nur n‑aghaidh‐se, mar a bha i an aghaidh ur n‑athraichean. A‑nis uime sin seasaibh agus faicibh an nì mòr seo, a nì an Tighearna fa chomhair ur sùl. Nach eil foghar a’ chruithneachd ann an‑diugh? Gairmidh mise air an Tighearna, agus cuiridh e a‑nuas tàirneanach agus uisge, a‑chum gun tuig agus gum faic sibh gu bheil ur n‑olc mòr, a rinn sibh ann an sealladh an Tighearna, le rìgh iarraidh dhuibh fhèin. Agus ghairm Samuel air an Tighearna; agus chuir an Tighearna a‑nuas tàirneanach agus uisge air an là sin: agus ghabh an sluagh uile eagal mòr ron Tighearna, agus ro Shamuel. Agus thubhairt an sluagh uile ri Samuel, Dèan ùrnaigh airson do sheirbhiseach ris an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bàsaich sinn: oir chuir sinn ri ar peacaidhean uile an t‑olc seo, rìgh iarraidh dhuinn fhèin. Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh: (rinn sibh an t‑olc seo uile: gidheadh na tionndaidhibh a thaobh on Tighearna a leantainn, ach dèanaibh seirbhis don Tighearna le ur n‑uile chridhe; Agus na tionndaidhibh a thaobh an dèidh nithean faoine, nach bi a‑chum tairbhe dhuibh, agus nach saor sibh; oir is faoineas iad:) Oir cha trèig an Tighearna a shluagh, air sgàth a mhòr‐ainme fhèin; do bhrìgh gum bu toigh leis an Tighearna ur dèanamh nur sluagh dha fhèin. Ach air mo shon‐sa, nar leigeadh Dia gum peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur de dhèanamh ùrnaigh air ur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t‑slighe mhath agus cheart. A‑mhàin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann am fìrinn le ur n‑uile chridhe: oir faicibh cia mòr na nithean a rinn e air ur son. Ach ma bhuanaicheas sibh ann an droch dhèanadas, sgriosar araon sibh fhèin agus ur rìgh. Bha Saul deich‐bliadhna‑fichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà bhliadhna os cionn Israeil. An sin thagh Saul dha fhèin trì mìle fear de Israel, den robh dà mhìle maille ri Saul ann am Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille ri Ionatan ann an Gibeah Bheniàmin: agus a’ chuid eile den t‑sluagh chuir e gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha. Agus bhuail Ionatan freiceadan nam Philisteach a bha ann an Geba; agus chuala na Philistich sin: agus shèid Saul an trompaid air feadh na tìre uile, ag ràdh, Cluinneadh na h‑Eabhraidhich. Agus chuala Israel uile iomradh gun do bhuail Saul freiceadan nam Philisteach, agus mar an ceudna gu robh Israel air am meas gràineil leis na Philistich: agus ghairmeadh an sluagh an ceann a chèile an dèidh Shauil gu Gilgal. Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile gu cogadh ri Israel, deich‐mìle‐fichead carbad, agus sia mìle marcaiche, agus sluagh mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd: agus thàinig iad a‑nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h‑àird an ear o Bhet‐abhen. Nuair a chunnaic fir Israeil gu robh iad ann an teanntachd, a chionn gun do dhlùthaich an armailtean riu, an sin dh’fhalaich an sluagh iad fhèin ann an uamhan, agus ann an droighnich, agus ann an creagan, agus ann an daingnichean, agus ann an sluic. Agus chaidh cuid de na h‑Eabhraidhich thar Iòrdan gu tìr Ghad, agus Ghilead: ach bha Saul fhathast ann an Gilgal, agus bha an sluagh na dhèidh uile air chrith. Agus dh’fheith e seachd làithean, gu ruig an t‑àm àraidh a shuidhich Samuel: ach cha tàinig Samuel gu Gilgal: agus sgapadh an sluagh uaithe. Agus thubhairt Saul, Thugaibh am ionnsaigh an seo ìobairt‐loisgte, agus tabhartasan‐sìthe. Agus thug e suas an ìobairt‐loisgte. Agus cho luath is a chuir e crìoch air an ìobairt‐loisgte a thoirt suas, feuch, thàinig Samuel; agus chaidh Saul a‑mach na choinneamh a‑chum gum beannaicheadh e dha. Agus thubhairt Samuel, Ciod a rinn thu? Agus fhreagair Saul, A chionn gum faca mi gu robh an sluagh air an sgapadh uam, agus nach tàinig thu an taobh a‑staigh den àm shuidhichte, agus gun do chruinnich na Philistich iad fhèin an ceann a chèile gu Michmas; Uime sin thubhairt mi, A‑nis thig na Philistich a‑nuas orm gu Gilgal, agus cha do chuir mi athchuinge a dh’ionnsaigh an Tighearna: rinn mi èiginn uime sin orm fhèin, agus thug mi suas an ìobairt‐loisgte. Agus thubhairt Samuel ri Saul, Rinn thu gu h‑amaideach: cha do ghlèidh thu àithne an Tighearna do Dhia, a dh’àithn e dhut; oir a‑nis dhaingnicheadh an Tighearna do rìoghachd air Israel gu bràth. Ach a‑nis cha seas do rìoghachd: dh’iarr an Tighearna dha fhèin duine a rèir a chridhe fhèin, agus dh’àithn an Tighearna dha a bhith na cheannard air a shluagh, a chionn nach do ghlèidh thusa an nì a dh’àithn an Tighearna dhut. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e suas o Ghilgal gu Gibeah Bheniàmin: agus ghabh Saul àireamh an t‑sluaigh a bha an làthair maille ris, mu thimcheall sia ceud fear. Agus dh’fhan Saul, agus a mhac Ionatan, agus an sluagh a bha an làthair maille riu, ann an Gibeah Bheniàmin: ach champaich na Philistich ann am Michmas. Agus thàinig an luchd‐millidh a‑mach à camp nam Philisteach nan trì cuideachdan: thionndaidh aon chuideachd dhiubh don t‑slighe a dh’ionnsaigh Ophrah, gu tìr Shauil: Agus thionndaidh cuideachd eile don t‑slighe a dh’ionnsaigh Bhet‐horoin: agus thionndaidh cuideachd eile do shlighe na crìche, a tha ag amharc ri gleann Sheboim, a dh’ionnsaigh an fhàsaich. A‑nis cha d’fhuaireadh gobha ann an tìr Israeil uile: (oir thubhairt na Philistich, Air eagal gun dèan na h‑Eabhraidhich dhaibh fhèin claidheamhan no sleaghan:) Uime sin chaidh na h‑Israelich uile sìos a dh’ionnsaigh nam Philisteach, gach duine a gheurachadh a shuic, agus a chaibe, agus a thuaighe, agus a phiocaid. Gidheadh bha eighe aca airson nam piocaidean, agus airson nan soc, agus airson nan trì‐mheurach, agus airson nan tuaghan, agus a gheurachadh nam bior. Mar sin thachair e ann an là a’ chatha, nach d’fhuaireadh aon chuid claidheamh no sleagh ann an làimh neach sam bith den t‑sluagh, a bha maille ri Saul agus Ionatan: ach fhuaireadh aig Saul agus aig a mhac Ionatan. Agus chaidh freiceadan nam Philisteach a‑mach gu bealach Mhichmais. A‑nis air là àraidh thubhairt Ionatan mac Shauil ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis gu freiceadan nam Philisteach, a tha air an taobh thall: ach cha d’innis e da athair. Agus dh’fhan Saul anns a’ chuid a b’fhaide a‑mach de Ghibeah, fo chraoibh pomgranait a tha ann am Migron: agus bha an sluagh a bha maille ris mu thimcheall sia ceud fear; Agus bha Ahiah mac Ahituib, bràthair Ichaboid, mac Phinehais, mhic Eli, sagart an Tighearna, ann an Siloh ag iomchar èphoid. Ach cha robh fhios aig an t‑sluagh gun d’fhalbh Ionatan. Agus eadar na bealaichean, air an d’iarr Ionatan dol thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nam Philisteach, bha creag gheur air aon taobh, agus creag gheur air an taobh eile: agus b’e ainm creige dhiubh Boses, agus ainm na creige eile Seneh. Bha suidheachadh creige dhiubh o thuath fa chomhair Mhichmais, agus suidheachadh na creige eile o dheas fa chomhair Ghibeah. Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nan daoine neo‐thimcheall‐gheàrrte ud: theagamh gun obraich an Tighearna air ar son; oir chan eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan. Agus thubhairt fear‐iomchair a airm ris, Dèan gach nì a tha ann ad chridhe; tionndaidh thu fhèin; feuch, tha mise maille riut a rèir do chridhe. An sin thubhairt Ionatan, Feuch, thèid sinn thairis a dh’ionnsaigh nan daoine ud, agus nochdaidh sinn sinn fhèin dhaibh. Ma their iad mar seo rinn, Fanaibh gus an tig sinn dur n‑ionnsaigh; an sin seasaidh sinne nar n‑àite, agus cha tèid sinn suas dan ionnsaigh. Agus ma their iad mar seo, Thigibh a‑nìos dar n‑ionnsaigh‐ne; an sin thèid sinn suas, oir thug an Tighearna thairis iad dar làimh: agus bidh seo na chomharradh dhuinn. Agus nochd iad le chèile iad fhèin do fhreiceadan nam Philisteach: agus thubhairt na Philistich, Feuch, tha na h‑Eabhraidhich a’ teachd a‑mach as na tuill anns an d’fhalaich iad iad fhèin. Agus fhreagair fir an fhreiceadain Ionatan agus fear‐iomchair a airm, agus thubhairt iad, Thigibh a‑nìos dar n‑ionnsaigh‐ne, agus nochdaidh sinne dhuibh nì. Agus thubhairt Ionatan ri fear‐iomchair a airm, Thig a‑nìos am dhèidh; oir thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil. Agus chaidh Ionatan suas air a làmhan agus air a chasan, agus fear‐iomchair a airm na dhèidh: agus thuit iad ro Ionatan, agus mharbh fear‐iomchair a airm na dhèidh. Agus bha an ciad àr sin a rinn Ionatan agus fear‐iomchair a airm mu thimcheall fichead fear, an taobh a‑staigh mar gum b’ann de leth‐acair fhearainn, a dh’fhaodadh cuing dhamh a threabhadh ann an là. Agus bha ball‐chrith anns an fheachd anns a’ mhachair, agus am measg an t‑sluaigh uile: bha crith mar an ceudna air an fhreiceadan agus air an luchd‐millidh fhèin, agus chriothnaich an talamh; agus bha i na crith ro‑mhòir. Agus dh’amhairc luchd‐faire Shauil ann an Gibeah Bheniàmin; agus, feuch, leagh am mòr‐shluagh as, agus dh’fhalbh iad a’ bualadh sìos a chèile. An sin thubhairt Saul ris an t‑sluagh a bha maille ris, Gabhaibh àireamh a‑nis agus faicibh cò a dh’fhalbh uainn. Agus, nuair a chaidh an àireamh, feuch, cha robh Ionatan agus fear‐iomchair a airm an sin. Agus thubhairt Saul ri Ahiah, Thoir an seo àirc Dhè; oir bha àirc Dhè anns an àm sin maille ri cloinn Israeil. Agus nuair a bha Saul a’ labhairt ris an t‑sagart, chaidh a’ chonghair a bha ann am feachd nam Philisteach air a h‑aghaidh; agus thubhairt Saul ris an t‑sagart, Tarraing air a h‑ais do làmh. Agus chruinnich Saul agus an sluagh uile a bha maille ris iad fhèin an ceann a chèile, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh a’ chatha; agus, feuch, bha claidheamh gach fir an aghaidh a choimhearsnaich, agus bha amhluadh ro‑mhòr ann. Agus na h‑Eabhraidhich a bha maille ris na Philistich roimhe sin, a chaidh suas maille riu don champ on tìr mun cuairt, thionndaidh iadsan mar an ceudna gu bhith leis na h‑Israelich, a bha maille ri Saul agus Ionatan. Agus nuair a chuala na fir sin uile de Israel, a dh’fhalaich iad fhèin ann an sliabh Ephraim, gun do theich na Philistich, dhlùth‐lean iadsan mar an ceudna nan dèidh anns a’ chath. Mar sin shaor an Tighearna Israel air an là sin: agus chaidh an cath thairis gu Bet‐abhen. Agus thàinig fir Israeil am fagas air an là sin, agus chuir Saul an sluagh fo mhionnan, ag ràdh, Mallaichte gu robh am fear a dh’itheas biadh gu feasgar, a‑chum gun dìolar mi air mo naimhdean: agus cha do bhlais neach air bith den t‑sluagh biadh. Agus thàinig an sluagh uile gu coille, agus bha mil air aghaidh na machrach. Agus nuair a thàinig an sluagh don choille, feuch, shil a’ mhil sìos; ach cha do chuir duine sam bith a làmh a dh’ionnsaigh a bheòil; oir bha eagal nam mionnan air an t‑sluagh. Ach cha chuala Ionatan nuair a chuir a athair an sluagh fo na mionnan: uime sin shìn e a‑mach bàrr na slaite a bha na làimh, agus thum e i ann an cìr mheala, agus chuir e a làmh gu a bheul, agus shoillsicheadh a shùilean. An sin fhreagair fear den t‑sluagh agus thubhairt e, Chuir d’athair an sluagh fo mhionnan teann, ag ràdh, Mallaichte gu robh an duine a dh’itheas biadh an‑diugh. Agus bha an sluagh air fannachadh. An sin thubhairt Ionatan, Chuir m’athair an tìr fo bhuaireas: faicibh, guidheam oirbh, cionnas a tha mo shùilean‐sa air an soillseachadh, do bhrìgh gun do bhlais mi beagan den mhil seo. Cia mò gu mòr, nam biodh an sluagh air ithe gu saor an‑diugh de chreich an naimhdean, a fhuair iad? Oir nach biodh a‑nis àr na bu mhò am measg nam Philisteach? Agus bhuail iad air an là sin na Philistich o Mhichmas gu Aialon: agus bha an sluagh air fannachadh gu mòr. Agus leum an sluagh air a’ chreich, agus ghabh iad caoraich, agus buar, agus laoigh, agus mharbh iad air an talamh iad: agus dh’ith an sluagh iad leis an fhuil. Agus dh’innis iad do Shaul, ag ràdh, Feuch, tha an sluagh a’ peacachadh an aghaidh an Tighearna, le ithe maille ris an fhuil. Agus thubhairt esan, Pheacaich sibh: caraichibh am ionnsaigh an‑diugh clach mhòr. Agus thubhairt Saul, Sgaoilibh sibh fhèin am measg an t‑sluaigh, agus abraibh riu, Thugaibh am ionnsaigh an seo gach duine a dhamh, agus gach duine a chaora, agus marbhaibh iad an seo agus ithibh; agus na peacaichibh an aghaidh an Tighearna le ithe maille ris an fhuil. Agus thug an sluagh uile gach duine a dhamh leis air an oidhche sin, agus mharbh iad an sin iad. Agus thog Saul altair don Tighearna. B’i sin a’ chiad altair a thog e don Tighearna. Agus thubhairt Saul, Rachamaid sìos an dèidh nam Philisteach anns an oidhche, agus creachamaid iad gu solas na maidne, agus na fàgamaid fear dhiubh. Agus thubhairt iadsan, Dèan gach nì as math leat. An sin thubhairt an sagart, Thigeamaid am fagas an seo a dh’ionnsaigh Dhè. Agus dh’iarr Saul comhairle air Dia, An tèid mi sìos an dèidh nam Philisteach? An toir thu thairis iad do làimh Israeil? Ach cha do fhreagair e e air an là sin. Agus thubhairt Saul, Thigibh am fagas an seo, sibhse uile mhaithean an t‑sluaigh, agus biodh fhios agaibh, agus faicibh, càit an robh am peacadh seo an‑diugh. Oir mar as beò an Tighearna a shaor Israel, ged robh e ann am mhac Ionatan, gu cinnteach gheibh e bàs. Ach cha do fhreagair duine e den t‑sluagh uile. An sin thubhairt e ri Israel uile, Bithibh‐se air aon taobh, agus bidh mise agus mo mhac Ionatan air an taobh eile. Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Dèan an nì as math leat. Uime sin thubhairt Saul ris an Tighearna Dia Israeil, Thoir seachad crannchur cothromach. Agus ghabhadh Saul agus Ionatan; ach chaidh an sluagh as. Agus thubhairt Saul, Tilgibh crannchur eadar mise agus mo mhac Ionatan. Agus ghabhadh Ionatan. An sin thubhairt Saul ri Ionatan, Innis dhomh ciod a rinn thu. Agus dh’innis Ionatan dha, agus thubhairt e, Gu deimhinn le bàrr na slaite a bha am làimh bhlais mi beagan meala, agus, feuch, am faigh mi bàs? Agus thubhairt Saul, Gun dèanadh Dia mar sin, agus tuilleadh mar an ceudna, oir gu cinnteach gheibh thu bàs, a Ionatain. Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Am faigh Ionatan bàs, a dh’obraich an t‑saorsa mhòr seo ann an Israel? Nar leigeadh Dia: mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròineag de fhalt a chinn gu làr; oir maille ri Dia dh’obraich e an‑diugh. Uime sin shaor an sluagh Ionatan, agus cha d’fhuair e bàs. An sin chaidh Saul suas o leantainn nam Philisteach: agus dh’fhalbh na Philistich dan àite fhèin. Agus ghabh Saul an rìoghachd os cionn Israeil, agus chog e air gach làimh an aghaidh a naimhdean gu lèir, an aghaidh Mhòaib, agus an aghaidh chloinn Amoin, agus an aghaidh Edoim, agus an aghaidh rìghrean Shobah, agus an aghaidh nam Philisteach: agus ge bè taobh a thionndaidh e, chlaoidh e iad. Agus thog e sluagh, agus bhuail e na h‑Amalecich, agus shaor e Israel à làimh na muinntir a bha gam milleadh. A‑nis b’iad mic Shauil Ionatan, agus Isui, agus Melchi‐sua: agus b’iad seo ainmean a dhithis nighean; ainm na ciad‐ghin Merab, agus ainm na h‑ighinn a b’òige Michal. Agus b’e ainm bean Shauil Ahinoam, nighean Ahimahais: agus b’e ainm ceannard a shluaigh Abner mac Neir, bràthair‐athar Shauil. Agus b’e Cis athair Shauil: agus b’e Ner athair Abneir, mac Abieil. Agus bha cogadh dian an aghaidh nam Philisteach rè uile làithean Shauil: agus nuair a chìtheadh Saul fear làidir sam bith no fear treun sam bith, ghabhadh e da ionnsaigh e. Agus thubhairt Samuel ri Saul, Chuir an Tighearna mi gu thusa ungadh ad rìgh os cionn a shluaigh, os cionn Israeil: a‑nis uime sin èisd ri briathran an Tighearna. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Is cuimhne leam ciod a rinn na h‑Amalecich air na h‑Israelich, cionnas a chuir iad nan aghaidh anns an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit. A‑nis falbh, agus buail na h‑Amalecich, agus sgrios gu tur gach nì a tha aca, agus na caomhain iad; ach marbh araon fear agus bean, leanabh agus cìochran, damh agus caora, càmhal agus asal. Agus chruinnich Saul an sluagh an ceann a chèile, agus dh’àireamh e iad ann an Telaim, dà cheud mìle coisiche, agus deich mìle fear de Iùdah. Agus thàinig Saul gu baile le Amalec, agus rinn e feall‐fhalach anns a’ ghleann. Agus thubhairt Saul ris na Cenich, Falbhaibh, imichibh à seo, rachaibh sìos o mheasg nan Amaleceach, air eagal gun sgrios mi sibh maille riu: oir nochd sibhse coibhneas do chloinn Israeil uile nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit. Uime sin dh’imich na Cenich o mheasg nan Amaleceach. Agus bhuail Saul na h‑Amalecich o Habhilah gus an tig thu gu Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit. Agus ghlac e Agag, rìgh nan Amaleceach, beò, agus sgrios e an sluagh uile le faobhar a’ chlaidheimh. Agus chaomhain Saul agus an sluagh Agag, agus a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, agus de na beathaichean reamhar, agus de na h‑uain, agus de gach nì a bha math, agus cha b’àill leo an sgrios gu tur; ach gach nì a bha tàireil agus suarach, sin sgrios iad gu tur. An sin thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh Shamueil, ag ràdh, Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche. Agus nuair a dh’èirich Samuel gu moch a choinneachadh Shauil anns a’ mhadainn, dh’innseadh do Shamuel, ag ràdh, Thàinig Saul gu Carmel, agus, feuch, chuir e suas dha fhèin clach‐chuimhneachain, agus dh’imich e mun cuairt, agus ghabh e air aghaidh, agus chaidh e sìos gu Gilgal. Agus thàinig Samuel gu Saul; agus thubhairt Saul ris, Beannaichte gu robh thusa on Tighearna; choilean mise àithne an Tighearna. Agus thubhairt Samuel, Ciod as ciall matà do mhèilich nan caorach seo ann am chluasan, agus do gheumnaich a’ chruidh a tha mi a’ cluinntinn? Agus thubhairt Saul, O na h‑Amalecich thug iad iad; oir chaomhain an sluagh a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia; agus a’ chuid eile sgrios sinn gu tur. An sin thubhairt Samuel ri Saul, Fuirich, agus innsidh mi dhut ciod a thubhairt an Tighearna riumsa a‑nochd. Agus thubhairt e ris, Abair romhad. Agus thubhairt Samuel, Nuair a bha thu beag ad shùilean fhèin nach do rinneadh thu ad cheann air treubhan Israeil? Agus dh’ung an Tighearna thu ad rìgh os cionn Israeil. Agus chuir an Tighearna thu air thuras, agus thubhairt e, Falbh, agus sgrios gu tur na peacaich, na h‑Amalecich, agus cog nan aghaidh gus an cuir thu as dhaibh. Carson matà nach d’èisd thu ri guth an Tighearna, ach a leum thu air a’ chreich, agus a rinn thu olc ann an sùilean an Tighearna? Agus thubhairt Saul ri Samuel, Seadh, dh’èisd mi ri guth an Tighearna, agus dh’imich mi air an t‑slighe air an do chuir an Tighearna mi, agus thug mi leam Agag, rìgh Amaleic, agus sgrios mi gu tur na h‑Amalecich: Ach ghabh an sluagh den chreich, caoraich agus buar, toiseach nan nithean a bu chòir a bhith air an sgrios gu tur, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia ann an Gilgal. Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan‐loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan. Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal‐adhraidh tha rag‐mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh. Agus thubhairt Saul ri Samuel, Pheacaich mi, oir bhris mi àithne an Tighearna agus do bhriathran‐sa; a chionn gu robh eagal orm ron t‑sluagh, agus gun d’èisd mi rin guth. A‑nis uime sin, guidheam ort, lagh mo pheacadh, agus till maille rium, a‑chum gun dèan mi adhradh don Tighearna. Agus thubhairt Samuel ri Saul, Cha till mi maille riut; oir chuir thu cùl ri facal an Tighearna, agus chuir an Tighearna cùl riutsa o bhith ad rìgh air Israel. Agus nuair a thionndaidh Samuel mun cuairt gu falbh, rug e air oir a fhallainge, agus reubadh i. Agus thubhairt Samuel ris, Reub an Tighearna rìoghachd Israeil dhìotsa an‑diugh, agus thug e i dod choimhearsnach, as fheàrr na thusa. Agus mar an ceudna cha dèan Neart Israeil breug, agus cha ghabh e aithreachas; oir cha duine e gun gabhadh e aithreachas. An sin thubhairt e, Pheacaich mi; gidheadh a‑nis thoir urram dhomh, guidheam ort, am fianais seanairean mo shluaigh, agus am fianais Israeil, agus till maille rium, a‑chum gun dèan mi adhradh don Tighearna do Dhia. Agus thill Samuel an dèidh Shauil; agus rinn Saul adhradh don Tighearna. An sin thubhairt Samuel, Thugaibh an seo am ionnsaigh‐sa Agag rìgh nan Amaleceach: agus thàinig Agag da ionnsaigh gu suilbhir. Agus thubhairt Agag, Gu cinnteach chaidh searbhas a’ bhàis seachad. Agus thubhairt Samuel, Mar a rinn do chlaidheamh‐sa mnathan gun chlann, mar sin bidh do mhàthair gun chlann am measg bhan. Agus thug Samuel fa‑near Agag a ghearradh sìos na mhìrean am fianais an Tighearna ann an Gilgal. An sin dh’imich Samuel gu Ramah; agus chaidh Saul suas da thaigh gu Gibeah Shauil. Agus cha tàinig Samuel tuilleadh a dh’fhaicinn Shauil gu là a bhàis; gidheadh, rinn Samuel bròn airson Shauil: agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e Saul na rìgh air Israel. Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin. Agus thubhairt Samuel, Cionnas a dh’fhalbhas mi? Oir cluinnidh Saul, agus marbhaidh e mi. Agus thubhairt an Tighearna, Thoir agh leat, agus abair, A dh’ìobradh don Tighearna thàinig mi. Agus gairm air Iese a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte, agus bheir mise fios dhut ciod a nì thu: agus ungaidh tu dhòmhsa esan a dh’ainmicheas mi dhut. Agus rinn Samuel an nì sin a labhair an Tighearna, agus thàinig e gu Betlehem: agus chriothnaich seanairean a’ bhaile ra theachd, agus thubhairt iad, An ann an sìth a tha thu a’ teachd? Agus thubhairt esan, Ann an sìth: a dh’ìobradh don Tighearna thàinig mi: naomhaichibh sibh fhèin, agus thigibh maille rium a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte. Agus naomhaich e Iese agus a mhic, agus ghairm e iad a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte. Agus nuair a thàinig iad, dh’amhairc e air Eliab, agus thubhairt e, Gu cinnteach am fianais an Tighearna tha a aon ungte‐san. Ach thubhairt an Tighearna ri Samuel, Na amhairc air a ghnùis, no air àirde a phearsa, a chionn gun do chuir mise cùl ris; oir chan fhaic an Tighearna mar a chì duine; oir amhaircidh an duine air coslas an taoibh a‑muigh, ach amhaircidh an Tighearna a‑steach air a’ chridhe. An sin ghairm Iese air Abinadab, agus thug e air gabhail seachad fa chomhair Shamueil: agus thubhairt e, Cha mhò a thagh an Tighearna e seo. An sin thug Iese air Samah dol seachad: agus thubhairt e, Cha mhò a thagh an Tighearna e seo. An sin thug Iese air seachdnar de a mhic dol seachad fa chomhair Shamueil: agus thubhairt Samueil ri Iese, Cha do thagh an Tighearna iad seo. Agus thubhairt Samuel ri Iese, A bheil do mhic uile an seo? Agus thubhairt esan, Dh’fhàgadh fhathast am mac as òige, agus, feuch, tha e ag ionaltradh nan caorach. Agus thubhairt Samuel ri Iese, Cuir fios air, agus thoir an seo e: oir cha suidh sinn sìos gus an tig e an seo. Agus chuir e fios air, agus thug e a‑steach e: a‑nis bha e ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis, agus maiseach ri amharc air. Agus thubhairt an Tighearna, Eirich, ung e; oir is e seo esan. Agus ghabh Samuel an còrn ola, agus dh’ung e e am measg a bhràithrean: agus thùirling spiorad an Tighearna air Daibhidh, on là sin a‑mach. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e gu Ramah. Ach dh’fhalbh spiorad an Tighearna o Shaul, agus chuir droch spiorad on Tighearna buaireas air. Agus thubhairt seirbhisich Shauil ris, Feuch a‑nis, tha droch spiorad o Dhia a’ cur buaireis ort. Thugadh a‑nis ar tighearna àithne dod sheirbhisich a tha ann ad fhianais, gun iarr iad a‑mach duine a chluicheas gu h‑ealanta air clàrsaich: agus nuair a bhios an droch spiorad o Dhia ort, an sin cluichidh esan le a làimh, agus bidh tusa gu math. Agus thubhairt Saul ra sheirbhisich, Faighibh a‑nis dhomh duine a chluicheas gu math, agus thugaibh am ionnsaigh e. An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear‐cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris. Uime sin chuir Saul teachdairean a dh’ionnsaigh Iese, agus thubhairt e, Cuir am ionnsaigh Daibhidh do mhac, a tha maille ris na caoraich. Agus ghabh Iese asal luchdaichte le aran, agus searrag fhìona, agus meann de na gobhair, agus chuir e iad le làimh Dhaibhidh a mhac a dh’ionnsaigh Shauil. Agus thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh Shauil, agus sheas e na fhianais; agus ghràdhaich e gu mòr e, agus bha e aige na fhear‐iomchair a arm. Agus chuir Saul teachdaire a dh’ionnsaigh Iese, ag ràdh, Seasadh, guidheam ort, Daibhidh am fhianais; oir fhuair e deagh‐ghean am shùilean. Agus nuair a bha an droch spiorad o Dhia air Saul, an sin ghabh Daibhidh clàrsach, agus chluich e le a làimh: agus bha fois aig Saul, agus bha e gu math; oir dh’fhalbh an droch spiorad uaithe. A‑nis chruinnich na Philistich an slòigh an ceann a chèile gu cath, agus chruinnicheadh iad aig Sochoh, a bhuineas do Iùdah; agus champaich iad eadar Sochoh agus Asecah, ann an Ephes‐damim. Agus chruinnicheadh Saul agus fir Israeil an ceann a chèile, agus champaich iad ann an gleann Elah, agus chuir iad an cath an òrdagh an aghaidh nam Philisteach. Agus sheas na Philistich air sliabh air aon taobh, agus sheas Israel air sliabh air an taobh eile: agus bha gleann eatorra. Agus thàinig curaidh a‑mach à camp nam Philisteach, dom b’ainm Goliath o Ghat, anns an robh sia làmhan‐coille agus rèis air àirde. Agus bha clogaid umha air a cheann, agus bha e air èideadh le lùirich mhàilich; agus b’e cudthrom na lùiriche còig mìle secel umha. Agus bha caiseart umha air a chasan, agus targaid umha eadar a ghuaillean. Agus bha crann a shleagha mar gharman figheadair; agus bha ann an ceann a shleagha sia ceud secel iarainn; agus bha fear a’ giùlan sgèithe ag imeachd roimhe. Agus sheas e, agus ghlaodh e ri slòigh Israeil, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ teachd a‑mach gu ur cath a chur an òrdagh? Nach Philisteach mise, agus nach seirbhisich sibhse do Shaul? Taghaibh dhuibh fhèin fear, agus thigeadh e a‑nuas am ionnsaigh‐sa. Mas urrainn e còmhrag riumsa, agus ma mharbhas e mi, an sin bidh sinne nar seirbhisich agaibhse; ach ma bheir mise buaidh air‐san, agus gum marbh mi e, an sin bidh sibhse nur seirbhisich againne, agus nì sibh seirbhis dhuinn. Agus thubhairt am Philisteach, Tha mi a’ toirt dùbhlain do shlòigh Israeil an‑diugh; faighibh dhòmhsa fear, a‑chum gun dèan sinn còmhrag ri chèile. Nuair a chuala Saul agus Israel uile bhriathran sin an Philistich, bha iad fo uamhas, agus fo eagal mòr. A‑nis b’e Daibhidh mac an Ephrataich sin o Bhetlehem Iùdah, dom b’ainm Iese; agus bha ochdnar mhac aige; agus bha an duine ann an làithean Shauil na sheann duine, air teachd air aghaidh ann an aois. Agus dh’imich an triùir mhac a bu shine aig Iese, agus chaidh iad an dèidh Shauil a‑chum a’ chogaidh; agus b’iad ainmean a thriùir mhac a chaidh a dh’ionnsaigh a’ chogaidh, Eliab an ciad‐ghin, agus na dhèidh‐san Abinadab, agus an treas mac Samah. Agus b’e Daibhidh am mac a b’òige: agus chaidh an triùir a bu shine an dèidh Shauil. Ach dh’fhalbh Daibhidh agus thill e o Shaul, a dh’ionaltradh caoraich a athar ann am Betlehem. Agus tharraing am Philisteach am fagas anns a’ mhadainn agus mu fheasgar, agus nochd e e fhèin dà‑fhichead là. Agus thubhairt Iese ri Daibhidh a mhac, Gabh a‑nis airson do bhràithrean ephah den t‑sìol chruadhaichte seo, agus na deich buileannan seo, agus ruith don champ a dh’ionnsaigh do bhràithrean; Agus giùlain na deich mulchagan càise seo a dh’ionnsaigh ceannard am mìle‐san, agus seall cionnas a tha do bhràithrean, agus gabh an geall. A‑nis bha Saul agus iadsan, agus fir Israeil uile, ann an gleann Elah, a’ cogadh ris na Philistich. Agus dh’èirich Daibhidh gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’fhàg e na caoraich aig fear‐gleidhidh, agus thug e leis, agus dh’imich e, mar a dh’àithn Iese dha; agus thàinig e don chlais‐bhlàir nuair a bha an armailt a’ dol a‑mach a dh’ionnsaigh a’ chatha, agus a rinn iad iolach a‑chum a’ chatha: Oir chuir Israel agus na Philistich iad fhèin an òrdagh catha, armailt an aghaidh armailt. Agus dh’fhàg Daibhidh an t‑uidheam a chuir e dheth ann an làimh fear‐gleidhidh an uidheim, agus ruith e a dh’ionnsaigh na h‑armailt, agus thàinig e, agus chuir e fàilte air a bhràithrean. Agus nuair a bha e a’ labhairt riu, feuch, thàinig an curaidh dom b’ainm Goliath, am Philisteach o Ghat, a‑nìos à armailt nam Philisteach, agus labhair e a rèir nam briathran ceudna: agus chuala Daibhidh iad. Agus nuair a chunnaic fir Israeil uile an duine, theich iad roimhe, agus bha eagal mòr orra. Agus thubhairt fir Israeil, Am faca sibh am fear seo a tha air teachd a‑nìos? Gu cinnteach is ann a thoirt dùbhlain do Israel a tha e air teachd a‑nìos: agus ge bè fear a mharbhas e, nì an rìgh saoibhir e le mòr‐shaoibhreas, agus bheir e dha a nighean, agus nì e taigh a athar saor ann an Israel. Agus thubhairt Daibhidh ris na daoine a sheas làimh ris, ag ràdh, Ciod a nìthear don duine a mharbhas am Philisteach seo, agus a bheir air falbh am masladh o Israel? Oir cò e am Philisteach neo‐thimcheall‐gheàrrte seo, gun tugadh e dùbhlan do armailtean an Dè bheò? Agus fhreagair an sluagh e air an dòigh seo, ag ràdh, Mar seo nìthear don duine a mharbhas e. Agus chuala Eliab, a bhràthair a bu shine, nuair a labhair e ris na daoine: agus las fearg Eliaib an aghaidh Dhaibhidh, agus thubhairt e, Carson a thàinig thu a‑nuas an seo? Agus cò aige a dh’fhàg thu am beagan chaorach sin anns an fhàsach? Tha mi fiosrach air d’uabhar agus olcas do chridhe; oir is ann a dh’fhaicinn a’ chatha a thàinig thu a‑nuas. Agus thubhairt Daibhidh, Ciod a rinn mi a‑nis? Nach eil adhbhar air? Agus thionndaidh e uaithe‐san a dh’ionnsaigh fir eile, agus labhair e air an dòigh cheudna: agus fhreagair an sluagh e a‑rìs a rèir na ciad dòigh. Agus nuair a chualas na briathran a labhair Daibhidh, dh’aithris iad am fianais Shauil iad: agus chuir e fios air. Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Na fannaicheadh cridhe duine sam bith air a shon‐san: thèid do sheirbhiseach agus cogaidh e ris an Philisteach seo. Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Chan urrainn thusa dol an aghaidh an Philistich seo a chogadh ris: oir chan eil annadsa ach òganach, agus tha esan na fhear‐cogaidh o a òige. Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Bha do sheirbhiseach ag ionaltradh caoraich a athar, agus thàinig leòmhann, agus math‐ghamhainn, agus thug e uan as an treud: Agus chaidh mi a‑mach na dhèidh, agus bhuail mi e, agus shaor mi as a bheul e. Agus nuair a dh’èirich e am aghaidh, rug mi air fheusaig air, agus bhuail mi e, agus mharbh mi e. Araon an leòmhann agus am math‐ghamhainn mharbh do sheirbhiseach: agus bidh am Philisteach neo‐thimcheall‐gheàrrte seo mar aon diùbh‐san, do bhrìgh gun tug e dùbhlan do armailtean an Dè bheò. Mar an ceudna thubhairt Daibhidh, An Tighearna a shaor mise à màg an leòmhainn, agus à màg a’ mhath‐ghamhainn, saoraidh esan mi à làimh an Philistich seo. Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Falbh, agus gu robh an Tighearna maille riut. Agus chuir Saul a èideadh fhèin air Daibhidh, agus chuir e clogad umha air a cheann; mar an ceudna chuir e lùireach air. Agus chrioslaich Daibhidh a chlaidheamh air uachdar a èididh, agus dh’fheuch e ri imeachd, oir cha do chleachd e iad: agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Chan urrainn mi imeachd leo seo, oir cha do chleachd mi iad. Agus chuir Daibhidh dheth iad. Agus ghabh e a bhata na làimh, agus thagh e dha fhèin còig clachan mìne on t‑sruth, agus chuir e iad ann am màla buachaille a bha aige, eadhon ann an sporan, agus bha a chrann‐tabhaill na làimh: agus tharraing e am fagas don Philisteach. Agus thàinig am Philisteach air aghaidh agus tharraing e am fagas do Dhaibhidh; agus fear‐iomchair a sgèithe roimhe. Agus nuair a dh’amhairc am Philisteach agus a chunnaic e Daibhidh, rinn e dìmeas air, a chionn gu robh e na òganach, agus ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis. Agus thubhairt am Philisteach ri Daibhidh, An cù mise gun tigeadh tu am ionnsaigh le bataichean? Agus mhallaich am Philisteach Daibhidh ann an ainm a dhiathan. Agus thubhairt am Philisteach ri Daibhidh, Thig am ionnsaigh‐sa, agus bheir mi d’fheòil do eunlaith an adhair agus do bheathaichean na machrach. An sin thubhairt Daibhidh ris an Philisteach, Tha thusa a’ teachd am ionnsaigh‐sa le claidheamh, agus le sleagh, agus le sgèith; ach tha mise a’ teachd ad ionnsaigh‐sa ann an ainm Tighearna nan sluagh, Dia armailtean Israeil, don tug thusa dùbhlan. Air an là‑an‑diugh bheir an Tighearna thairis thu dom làimh‐sa, agus buailidh mi thu, agus buinidh mi dhìot do cheann, agus bheir mi closaichean feachd nam Philisteach air an là‑an‑diugh do eunlaith an adhair, agus do fhiadh‐bheathaichean na talmhainn; a‑chum gum bi fhios aig an talamh uile gu bheil Dia ann an Israel. Agus bidh fhios aig a’ choitheanal seo uile nach ann le claidheamh no le sleagh a shaoras an Tighearna: oir is leis an Tighearna an cath, agus bheir e sibhse dar làimh‐ne. Agus nuair a dh’èirich am Philisteach, agus a thàinig e agus a tharraing e am fagas an coinneamh Dhaibhidh, an sin rinn Daibhidh cabhag, agus ruith e a dh’ionnsaigh na h‑armailt an coinneamh an Philistich. Agus chuir Daibhidh a làmh na mhàla, agus ghabh e as a sin clach, agus thilg e as a chrann‐tabhaill, agus bhuail e am Philisteach ann an clàr a aodainn: agus chaidh a’ chlach a‑steach ann an clàr a aodainn, agus thuit e air a aghaidh a dh’ionnsaigh an làir. Mar sin thug Daibhidh buaidh air an Philisteach le crann‐tabhaill agus le cloich; agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e: ach cha robh claidheamh ann an làimh Dhaibhidh. Uime sin ruith Daibhidh agus sheas e air an Philisteach, agus ghlac e a chlaidheamh, agus tharraing e as a thruaill e, agus mharbh e e, agus gheàrr e dheth a cheann leis. Agus nuair a chunnaic na Philistich gu robh an gaisgeach marbh, theich iad. Agus dh’èirich fir Israeil agus Iùdah, agus rinn iad iolach, agus chaidh iad air tòir nam Philisteach, gus an tig thu gu gleann agus gu geatachan Ecroin: agus thuit iadsan a bha leònte de na Philistich air an t‑slighe gu Sàraim, eadhon gu ruig Gat, agus gu ruig Ecron. Agus thill clann Israeil o ruagadh nam Philisteach, agus chreach iad an camp. Agus ghabh Daibhidh ceann an Philistich, agus thug e leis e gu Ierusalem: ach chuir e a armachd na bhùth. Agus nuair a chunnaic Saul Daibhidh a’ dol a‑mach an aghaidh an Philistich, thubhairt e ri Abner, ceannard an t‑sluaigh, Abneir, cò dom mac an t‑òganach seo? Agus thubhairt Aber, Mar as beò d’anam, O a rìgh, chan eil fhios agam. Agus thubhairt an rìgh, Feòraich thusa cò dom mac an t‑òganach seo. Agus nuair a thill Daibhidh o mharbhadh an Philistich, ghabh Abner e, agus thug e am fianais Shauil e, le ceann an Philistich na làimh. Agus thubhairt Saul ris, Cò dom mac thu, òganaich? Agus fhreagair Daibhidh, Is mi mac do sheirbhisich Iese, am Betlehemeach. Agus thàrladh nuair a chuir e crìoch air labhairt ri Saul, gun do cheangladh anam Ionatain ri anam Dhaibhidh, agus ghràdhaich Ionatan e mar a anam fhèin. Agus ghabh Saul da ionnsaigh e air an là sin, agus cha do leig e leis tilleadh nas mò gu taigh a athar. An sin rinn Ionatan agus Daibhidh coicheangal, do bhrìgh gun do ghràdhaich e e mar a anam fhèin. Agus chuir Ionatan dheth fhèin an fhallaing a bha air, agus thug e do Dhaibhidh i, agus a èideadh eadhon gu a chlaidheamh, agus gu a bhogha, agus gu a chrios. Agus chaidh Daibhidh a‑mach gach taobh a chuir Saul e, agus ghiùlain e e fhèin gu glic: agus chuir Saul e os cionn nam fear‐cogaidh; agus bha e taitneach ann an sùilean an t‑sluaigh uile, agus mar an ceudna ann an sùilean seirbhisich Shauil. Agus nuair a bha iad a’ teachd an dèidh do Dhaibhidh tilleadh o mharbhadh an Philistich, thàinig na mnathan a‑mach à uile bhailtean Israeil, a’ seinn agus a’ dannsa an coinneamh an rìgh Saul, le tiompanan, le gàirdeachas, agus le innealan‐ciùil trì‐theudach. Agus fhreagair na mnathan a chèile nuair a bha iad a’ seinn, agus thubhairt iad, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean. Agus bha Saul ro‑fheargach, agus mhì‐thaitinn an ràdh sin ris; agus thubhairt e, Thug iad do Dhaibhidh deich mìltean, agus dhòmhsa cha tug iad ach mìltean; agus ciod tuilleadh a dh’fhaodas a bhith aige ach an rìoghachd? Agus chùm Saul sùil air Daibhidh on là sin, agus o sin a‑mach. Agus air an là màireach thàinig an droch spiorad o Dhia air Saul, agus rinn e fàidheadaireachd ann am meadhon an taighe; agus chluich Daibhidh le a làimh, mar air uairean eile: agus bha sleagh ann an làimh Shauil. Agus thilg Saul an t‑sleagh, agus thubhairt e, Buailidh mi Daibhidh leatha gu ruig am balla: ach tharraing Daibhidh as a làthair dà uair. Agus bha eagal air Saul ro Dhaibhidh, do bhrìgh gu robh an Tighearna maille ris, agus gun d’imich e o Shaul. Uime sin chuir Saul air falbh uaithe e, agus rinn e na cheannard dha fhèin os cionn mìle e; agus chaidh e a‑mach, agus thàinig e a‑steach ron t‑sluagh. Agus ghiùlain Daibhidh e fhèin gu glic na shlighean uile; agus bha an Tighearna maille ris. Agus nuair a chunnaic Saul gun do ghiùlain e e fhèin gu ro‑ghlic, bha eagal air roimhe. Ach ghràdhaich Israel uile agus Iùdah Daibhidh, do bhrìgh gun deachaidh e a‑mach agus gun tàinig e a‑steach romhpa. Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Feuch, mo nighean as sine, Merab, ise bheir mi dhut na mnaoi: a‑mhàin bi thusa gaisgeil air mo shon‐sa, agus cuir cathan an Tighearna: oir thubhairt Saul, Na biodh mo làmh‐sa air, ach biodh làmh nam Philisteach air. Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Cò mise, agus ciod i mo bheatha, no teaghlach m’athar ann an Israel, gum bithinn am chliamhainn aig an rìgh? Ach anns an àm anns am bu chòir do Mherab nighean Shauil a bhith air a tabhairt do Dhaibhidh, thugadh i do Adriel am Meholatach na mnaoi. Agus ghràdhaich Michal, nighean Shauil, Daibhidh; agus dh’innis iad sin do Shaul, agus thaitinn an nì ris. Agus thubhairt Saul, Bheir mi dha i, a‑chum gum bi i dha na ribe, agus gum bi làmh nam Philisteach na aghaidh. Uime sin thubhairt Saul ri Daibhidh, Le aon den dithis bidh tu ad chliamhainn agamsa an‑diugh. Agus dh’àithn Saul da sheirbhisich, ag ràdh, Labhraibh ri Daibhidh an uaigneas, ag ràdh, Feuch, tha tlachd aig an rìgh annad, agus tha gràdh aig a sheirbhisich uile dhut: a‑nis uime sin bi‑sa ad chliamhainn aig an rìgh. Agus labhair seirbhisich Shauil na briathran seo ann an cluasan Dhaibhidh: agus thubhairt Daibhidh, An nì faoin nur sùilean‐se a bhith ann an cleamhnas ri rìgh, agus nach eil annamsa ach duine bochd, agus fo dhìmeas? Agus dh’innis seirbhisich Shauil dha, ag ràdh, Air an dòigh seo labhair Daibhidh. Agus thubhairt Saul, Mar seo their sibh ri Daibhidh, Chan eil an rìgh ag iarraidh dubhairidh sam bith, ach ceud ro‑chraiceann de na Philistich, gu bhith dìolta air naimhdean an rìgh. Ach shaoil Saul gun tugadh e air Daibhidh tuiteam le làimh nam Philisteach. Agus nuair a dh’innis a sheirbhisich do Dhaibhidh na briathran sin, thaitinn e ri Daibhidh a bhith na chliamhainn aig an rìgh: agus cha do chrìochnaicheadh na làithean. Uime sin dh’èirich Daibhidh, agus dh’imich e fhèin agus a dhaoine, agus mharbh e de na Philistich dà cheud fear; agus thug Daibhidh leis an ro‑chraicnean, agus thug iad nan làn àireamh iad don rìgh, a‑chum gum biodh e na chliamhainn aig an rìgh: agus thug Saul dha Michal a nighean na mnaoi. Agus chunnaic Saul, agus bha fhios aige gu robh an Tighearna maille ri Daibhidh, agus gun do ghràdhaich Michal nighean Shauil e. Agus bha fhathast an tuilleadh eagail air Saul ro Dhaibhidh; agus bha Saul na nàmhaid do Dhaibhidh an còmhnaidh. An sin chaidh ceannardan nam Philisteach a‑mach: agus an dèidh dhaibh dol a‑mach, ghiùlain Daibhidh e fhèin na bu ghlice na uile sheirbhisich Shauil: agus bha a ainm ro‑urramach. Agus labhair Saul ra mhac Ionatan, agus ra sheirbhisich uile, iad a mharbhadh Daibhidh. Ach bha tlachd mòr aig Ionatan mac Shauil ann an Daibhidh: agus dh’innis Ionatan do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha m’athair Saul ag iarraidh do mharbhadh; a‑nis uime sin, guidheam ort, thoir an aire dhut fhèin anns a’ mhadainn, agus fan ann an àite diamhair, agus falaich thu fhèin. Agus thèid mise a‑mach, agus seasaidh mi làimh rim athair anns a’ mhachair anns am bi thu, agus labhraidh mi mud thimcheall rim athair; agus an nì a chì mi, sin innsidh mi dhut. Agus labhair Ionatan math mu Dhaibhidh ra athair Saul, agus thubhairt e ris, Na peacaicheadh an rìgh an aghaidh a sheirbhisich, an aghaidh Dhaibhidh; do bhrìgh nach do pheacaich esan ad aghaidh‐sa, agus do bhrìgh gu robh a obraichean dod thaobh‐sa ro‑mhath: Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo‐chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar? Agus dh’èisd Saul ri guth Ionatain; agus mhionnaich Saul, Mar as beò an Tighearna, cha mharbhar e. Agus ghairm Ionatan air Daibhidh, agus chuir Ionatan an cèill dha na briathran sin uile: agus thug Ionatan Daibhidh a dh’ionnsaigh Shauil, agus bha e na fhianais mar a bha e roimhe. Agus bha cogadh a‑rìs ann: agus chaidh Daibhidh a‑mach, agus chog e ris na Philistich, agus bhuail e iad le àr mòr; agus theich iad roimhe. Agus bha an droch spiorad on Tighearna air Saul nuair a shuidh e na thaigh, agus a shleagh na làimh: agus chluich Daibhidh le a làimh. Agus dh’iarr Saul Daibhidh a bhualadh gu ruig am balla leis an t‑sleagh; ach tharraing e air falbh à làthair Shauil, agus bhuail e an t‑sleagh a‑steach anns a’ bhalla: agus theich Daibhidh, agus chaidh e as air an oidhche sin. Agus chuir Saul teachdairean a dh’ionnsaigh taigh Dhaibhidh, ga choimhead agus ga mharbhadh anns a’ mhadainn: agus dh’innis Michal a bhean do Dhaibhidh e, ag ràdh, Mura teasairg thu d’anam a‑nochd, a‑màireach cuirear gu bàs thu. Agus leig Michal sìos Daibhidh tro uinneig: agus dh’fhalbh e, agus theich e, agus chaidh e as. Agus ghabh Michal dealbh, agus chuir i anns an leabaidh e, agus chuir i adhartan de fhionnadh ghobhar fo a cheann, agus chòmhdaich i le aodach e. Agus nuair a chuir Saul teachdairean a ghlacadh Dhaibhidh, thubhairt i, Tha e tinn. Agus chuir Saul na teachdairean a‑rìs a dh’fhaicinn Dhaibhidh, ag ràdh, Thugaibh a‑nìos anns an leabaidh am ionnsaigh‐sa e, a‑chum gum marbh mi e. Agus nuair a thàinig na teachdairean a‑steach, feuch, bha dealbh anns an leabaidh, agus adhartan de fhionnadh ghobhar fo a cheann. Agus thubhairt Saul ri Michal, Carson a mheall thu mi mar seo, agus a chuir thu air falbh mo nàmhaid, air chor is gun deachaidh e as? Agus fhreagair Michal Saul, Thubhairt e rium, Leig dhomh imeachd; carson a mharbhainn thu? Agus theich Daibhidh, agus chaidh e as, agus thàinig e a dh’ionnsaigh Shamueil gu Ramah, agus dh’innis e dha gach nì a rinn Saul ris: agus dh’imich esan agus Samuel, agus ghabh iad còmhnaidh ann an Naiot. Agus dh’innseadh do Shaul, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh aig Naiot ann an Ramah. Agus chuir Saul teachdairean a ghlacadh Dhaibhidh: agus nuair a chunnaic iad cuideachd nam fàidhean ri fàidheadaireachd, agus Samuel na sheasamh mar air a shuidheachadh os an cionn, bha spiorad Dhè air teachdairean Shauil, agus rinn iadsan fàidheadaireachd mar an ceudna. Agus nuair a dh’innseadh sin do Shaul, chuir e uaithe mar an ceudna teachdairean eile, agus rinn iadsan cuideachd fàidheadaireachd. Agus chuir Saul teachdairean a‑rìs an treas uair, agus rinn iadsan cuideachd fàidheadaireachd. An sin chaidh e fhèin mar an ceudna gu Ramah, agus thàinig e gu tobar mòr a tha ann an Sechu, agus dh’fheòraich e, agus thubhairt e, Càit a bheil Samuel, agus Daibhidh? Agus thubhairt aon, Feuch, tha iad aig Naiot ann an Ramah. Agus chaidh e an sin gu Naiot ann an Ramah: agus bha spiorad Dhè air‐san mar an ceudna, agus chaidh e air aghaidh, agus rinn e fàidheadaireachd, gus an tàinig e gu Naiot ann an Ramah. Agus chuir esan cuideachd a aodach dheth, agus rinn e fàidheadaireachd am fianais Shamueil air an dòigh cheudna: agus laigh e sìos lomnochd rè an là sin agus rè na h‑oidhche. Uime sin their iad, A bheil Saul mar an ceudna am measg nam fàidhean? Agus theich Daibhidh o Naiot ann an Ramah, agus thàinig e, agus thubhairt e am fianais Ionatain, Ciod a rinn mi? Ciod e m’euceart, agus ciod e mo pheacadh am fianais d’athar, gu bheil e ag iarraidh m’anama? Agus thubhairt esan ris, Nar leigeadh Dia; chan fhaigh thu bàs: feuch, cha dèan m’athair nì air bith mòr no beag nach foillsich e dhòmhsa; agus carson a dh’fhalaicheadh m’athair uamsa an nì seo? Cha bhi e mar sin. Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig d’athair gun d’fhuair mise deagh‐ghean ad shùilean, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air seo, air eagal gum bi doilgheas air: ach gu deimhinn mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan eil ach ceum eadar mise agus am bàs. An sin thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Ge bè nì a dh’iarras d’anam, eadhon sin nì mise dhut. Agus thubhairt Daibhidh ri Ionatan, Feuch, tha a’ ghealach nuadh ann a‑màireach, agus bu chòir dhòmhsa suidhe maille ris an rìgh gu biadh; ach leig air falbh mi, a‑chum gum falaich mi mi fhèin anns a’ mhachair gu feasgar an treas là. Ma dh’ionndrainneas d’athair idir mi, an sin their thu, Dh’iarr Daibhidh gu dùrachdach cead ormsa gu ruith do Bhetlehem, a bhaile fhèin; oir tha ìobairt bhliadhnail an sin airson an teaghlaich uile. Ma their e mar seo, Ro‑mhath; bidh sìth aig do sheirbhiseach: ach ma bhios fearg ro‑mhòr air, an sin bi cinnteach gu bheil olc air a shònrachadh leis. Uime sin buinidh tu gu coibhneil rid sheirbhiseach; oir thug thu air do sheirbhiseach coicheangal an Tighearna a dhèanamh riut: gidheadh, ma tha olc annamsa, marbh fhèin mi; oir carson a bheireadh tu mi a dh’ionnsaigh d’athar? Agus thubhairt Ionatan, Guma fada sin uat; oir ma bhios fios gu cinnteach agamsa gu bheil olc air a shònrachadh lem athair gu teachd ortsa, an sin nach innis mise dhut e? An sin thubhairt Daibhidh ri Ionatan, Cò a dh’innseas dhomh, ma fhreagras d’athair thu gu garg? Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Thig, agus rachamaid a‑mach don mhachair. Agus chaidh iad a‑mach le chèile don mhachair. Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Gun dèanadh an Tighearna, Dia Israeil, nuair a dh’fhidireas mi m’athair mun àm seo a‑màireach, no air an treas là, agus, feuch, ma bhios math ann a‑thaobh Dhaibhidh, agus nach cuir mi an sin fios ad ionnsaigh‐sa, agus nach foillsich mi dhut e; Gun dèanadh an Tighearna mar sin, agus nas ro‑mhò ri Ionatan: ach mas toil lem athair olc a dhèanamh ort, an sin foillsichidh mi dhut e, agus cuiridh mi air falbh thu, agus imichidh tu an sìth; agus gu robh an Tighearna maille riut, mar a bha e maille rim athair‐sa. Agus chan e a‑mhàin, ma bhios mi fhathast beò, gun nochd thu dhomh coibhneas an Tighearna, a‑chum nach faigh mi bàs: Ach cuideachd cha gheàrr thu as do choibhneas om thaigh gu bràth: cha gheàrr, eadhon nuair a ghearras an Tighearna as naimhdean Dhaibhidh, gach aon dhiubh bhàrr aghaidh na talmhainn. Mar sin rinn Ionatan coicheangal ri taigh Dhaibhidh, ag ràdh, Gun agradh an Tighearna e eadhon o làimh naimhdean Dhaibhidh. Agus thug Ionatan air Daibhidh mionnachadh a‑rìs, a chionn gun do ghràdhaich e e: oir ghràdhaich e e mar a ghràdhaich e a anam fhèin. An sin thubhairt Ionatan ris, A‑màireach tha a’ ghealach nuadh ann; agus ionndrainnear thu, a chionn gum bi d’àite‐suidhe falamh. Agus nuair a dh’fhanas tu gus an treas là, thèid thu sìos gu grad, agus thig thu a dh’ionnsaigh an àit anns an d’fhalaich thu thu fhèin, nuair a bha an gnothach an làimh, agus fanaidh tu aig a’ chloich Esel. Agus tilgidh mise trì saighdean ra taobh, mar gun tilginn air comharradh. Agus, feuch, cuiridh mi òganach uam, ag ràdh, Falbh, faigh a‑mach na saighdean. Ma their mi gu cinnteach ris an òganach, Feuch, tha na saighdean air an taobh seo dhìot, gabh iad; an sin thig thusa: oir tha sìth ann dhut, agus chan eil olc sam bith, mar as beò an Tighearna. Ach ma their mi mar seo ris an òganach, Feuch, tha na saighdean air an taobh thall dhìot; imich thusa, oir chuir an Tighearna air falbh thu. Agus a‑thaobh a’ ghnothaich mun do labhair mise agus thusa, feuch, gu robh an Tighearna eadar mise agus thusa gu bràth. Uime sin dh’fhalaich Daibhidh e fhèin anns a’ mhachair: agus nuair a thàinig a’ ghealach nuadh, shuidh an rìgh sìos gu biadh ithe. Agus shuidh an rìgh air a chathair fhèin, mar air uairean eile, eadhon air cathair làimh ris a’ bhalla: agus dh’èirich Ionatan, agus shuidh Abner ri taobh Shauil: agus bha àite Dhaibhidh falamh. Gidheadh, cha do labhair Saul a’ bheag sam bith air an là sin: oir thubhairt e leis fhèin, Thàinig nì‑eigin air, chan eil e glan: gu cinnteach chan eil e glan. Agus thachair an là màireach, an dara là den mhìos, gu robh àite Dhaibhidh falamh: agus thubhairt Saul ra mhac Ionatan, Carson nach tàinig mac Iese gu biadh, aon chuid an‑dè no an‑diugh? Agus fhreagair Ionatan Saul, Dh’iarr Daibhidh gu dùrachdach cead ormsa dol do Bhetlehem: Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, guidheam ort, oir tha ìobairt aig ar teaghlach anns a’ bhaile; agus dh’àithn mo bhràthair dhomh a bhith an sin: agus a‑nis, ma fhuair mi deagh‐ghean ad shùilean, leig dhomh imeachd, guidheam ort, agus mo bhràithrean fhaicinn: uime sin cha tàinig e gu bòrd an rìgh. An sin las fearg Shauil an aghaidh Ionatain, agus thubhairt e ris, A mhic na mnà crosda ceannaircich, nach eil fhios agamsa gun do thagh thu mac Iese a‑chum do mhaslaidh fhèin, agus a‑chum masladh lomnochdaidh do mhàthar? Oir cho fada is a bhios mac Iese beò air an talamh, cha daingnichear thusa no do rìoghachd: uime sin a‑nis cuir fios air, agus thoir am ionnsaigh e, oir gu cinnteach gheibh e bàs. Agus fhreagair Ionatan a athair Saul, agus thubhairt e, Carson a chuirear gu bàs e? Ciod a rinn e? Agus thilg Saul sleagh air, a‑chum a bhualadh: le sin bha fios aig Ionatan gu robh e suidhichte le a athair Daibhidh a chur gu bàs. Uime sin dh’èirich Ionatan on bhòrd ann am feirg ro‑mhòir, agus cha d’ith e biadh sam bith air an dara là den mhìos: oir bha e fo dhoilgheas airson Dhaibhidh, a chionn gun tug a athair masladh dha. Agus anns a’ mhadainn chaidh Ionatan a‑mach don mhachair aig an àm a shuidhicheadh ri Daibhidh, agus òganach beag maille ris. Agus thubhairt e ra òganach, Ruith, faigh a‑nis a‑mach na saighdean a thilg mi. Agus nuair a ruith an t‑òganach, thilg e saighead thairis air. Agus nuair a thàinig an t‑òganach gu àite na saighde a thilg Ionatan, ghlaodh Ionatan an dèidh an òganaich, agus thubhairt e, Nach eil an t‑saighead air do thaobh thall? Ghlaodh Ionatan mar an ceudna an dèidh an òganaich, Luathaich, dèan cabhag, na stad. Agus thionail òganach Ionatain suas na saighdean, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a mhaighistir. Ach cha robh fhios aig an òganach air nì sam bith; bha fhios a‑mhàin aig Daibhidh agus Ionatan air a’ chùis. Agus thug Ionatan a armachd da òganach, agus thubhairt e ris, Falbh, thoir don bhaile iad. Agus cho luath is a dh’fhalbh an t‑òganach, dh’èirich Daibhidh à àite mu dheas, agus thuit e air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus chrom e e fhèin trì uairean: agus phòg iad a chèile, agus ghuil iad le chèile; ach ghuil Daibhidh na bu mhò. Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Imich an sìth, do bhrìgh gun do mhionnaich sinn le chèile ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Gu robh an Tighearna eadar mise agus thusa, agus eadar mo shliochd‐sa agus do shliochd‐sa gu bràth. Agus dh’èirich e agus dh’imich e: agus chaidh Ionatan don bhaile. An sin thàinig Daibhidh gu Nob, a dh’ionnsaigh Ahimeleich an sagart: agus bha eagal air Ahimeleich a’ coinneachadh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Carson a tha thu ad aonar, agus nach eil duine sam bith maille riut? Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech an sagart, Dh’àithn an rìgh gnothach dhòmhsa, agus thubhairt e rium, Na biodh fios aig duine sam bith a‑thaobh a’ ghnothaich ma bheil mise gad chur uam, agus a dh’àithn mi dhut: agus dh’òrdaich mi dom òganaich dol a dh’ionnsaigh a leithid seo agus a leithid siud de àite. A‑nis uime sin ciod a tha fod làimh? Thoir dhomh còig buileannan arain am làimh, no ge bè nì a tha an làthair. Agus fhreagair an sagart Daibhidh, agus thubhairt e, Chan eil aran coitcheann sam bith fom làimh, ach tha aran coisrigte ann; ma ghlèidh na h‑òganaich iad fhèin air bheag sam bith o mhnathan. Agus fhreagair Daibhidh an sagart, agus thubhairt e ris, Gu deimhinn chumadh mnathan uainne na trì làithean seo, o thàinig mise a‑mach, agus tha soithichean nan òganach naomh; agus tha an t‑aran coitcheann air chor, eadhon ged naomhaicheadh e an‑diugh anns an t‑soitheach. Uime sin thug an sagart dha aran naomh; oir cha robh aran sam bith an sin ach aran na fianais, a thugadh à fianais an Tighearna, gu aran teth a chur sìos anns an là anns an tugadh air falbh e. A‑nis bha duine àraidh de sheirbhisich Shauil an sin air an là sin, air a chumail an làthair an Tighearna; agus b’e a ainm Doeg, Edomach, am fear a b’àirde de na buachaillean a bhuineadh do Shaul. Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech, Agus nach eil an seo fod làimh sleagh no claidheamh? Oir cha tug mi aon chuid mo chlaidheamh no m’airm eile leam, a chionn gu robh gnothach an rìgh cabhagach. Agus thubhairt an sagart, Claidheamh Gholiath, am Philisteach, a mharbh thu ann an gleann Elah, feuch, tha e an seo paisgte ann an aodach air cùlaibh na h‑èphoid: ma ghabhas tu sin dhut fhèin, gabh e; oir chan eil claidheamh sam bith eile ach e an seo. Agus thubhairt Daibhidh, Chan eil a leithid eile ann, thoir dhomh e. Agus dh’èirich Daibhidh, agus theich e air an là sin à fianais Shauil, agus chaidh e gu Achis rìgh Ghat. Agus thubhairt seirbhisich Achis ris, Nach e seo Daibhidh, rìgh na tìre? Nach ann ma thimcheall‐san a chan iad le chèile ann an dannsan, ag ràdh, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean? Agus thaisg Daibhidh suas na briathran sin na chridhe, agus bha eagal mòr air ro Achis rìgh Ghat. Agus dh’atharraich e a ghiùlan nam fianais, agus leig e air fhèin a bhith air a’ chuthach nan làmhan, agus sgrìob e air còmhlachan a’ gheata, agus leig e le a shileadh tuiteam sìos air a fheusaig. An sin thubhairt Achis ra sheirbhisich, Feuch, chì sibh gu bheil an duine air a’ chuthach: carson matà a thug sibh am ionnsaigh‐sa e? A bheil feum agamsa air daoine air a’ chuthach, gun tugadh sibh am fear seo gu bhith air a’ chuthach am làthair? An tig am fear seo a‑steach dom thaigh‐sa? Dh’imich Daibhidh air an adhbhar sin as a sin, agus chaidh e as gu uaimh Adulaim: agus nuair a chuala a bhràithrean agus taigh a athar uile e, chaidh iad sìos an sin da ionnsaigh. Agus chruinnich da ionnsaigh gach duine a bha an teanntachd, agus gach duine a bha fo fhiachan, agus gach duine a bha fo smuairean na inntinn; agus bha e na cheannard orra: agus bha maille ris mu thimcheall ceithir cheud fear. Agus chaidh Daibhidh as a sin gu Mispeh Mhòaib, agus thubhairt e ri rìgh Mhòaib, Thigeadh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a‑mach, agus biodh iad maille ribh, gus am bi fhios agam ciod a nì Dia air mo shon. Agus thug e iad am fianais rìgh Mhòaib; agus dh’fhan iad maille ris rè nan làithean uile a bha Daibhidh ann an daingneach. Agus thubhairt am fàidh Gad ri Daibhidh, Na fan anns an daingneach; falbh, agus imich romhad gu tìr Iùdah. An sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thàinig e gu coillteach Hareit. Agus chuala Saul gum facas Daibhidh agus na daoine a bha maille ris, (a‑nis dh’fhan Saul ann an Gibeah fo chraoibh ann an Ramah, agus a shleagh na làimh, agus a sheirbhisich uile nan seasamh làimh ris,) Agus thubhairt Saul ra sheirbhisich a sheas làimh ris, Eisdibh a‑nis, a Bheniàmineacha; eadhon dhuibhse uile an toir mac Iese achaidhean agus fìonliosan, agus an dèan e sibh uile nur ceannardan air mhìltean, agus nur ceannardan air cheudan; Gun deachaidh sibh uile ann an co‑bhainn am aghaidh‐sa, agus nach eil neach ann a chuireas an cèill dhomh gu bheil mo mhac air dèanamh coicheangail ri mac Iese; agus nach eil neach agaibh a tha duilich air mo shon, no a chuireas an cèill dhomh gun do dhùisg mo mhac mo sheirbhiseach am aghaidh, a dhèanamh feall‐fhalaich, mar air an là‑an‑diugh? An sin fhreagair Doeg an t‑Edomach, (a bha na sheasamh maille ri seirbhisich Shauil,) agus thubhairt e, Chunnaic mi mac Iese a’ teachd gu Nob, a dh’ionnsaigh Ahimeleich mhic Ahituib. Agus dh’fhiosraich e air a shon den Tighearna, agus thug e biadh dha, agus thug e dha claidheamh Gholiath am Philisteach. An sin chuir an rìgh fios air Ahimelech an sagart, mac Ahituib, agus taigh a athar uile, na sagartan a bha ann an Nob: agus thàinig iad uile a dh’ionnsaigh an rìgh. Agus thubhairt Saul, Eisd a‑nis, a mhic Ahituib. Agus fhreagair esan, Tha mi an seo, mo thighearna. Agus thubhairt Saul ris, Carson a chaidh sibh ann an co‑bhainn am aghaidh‐sa, thusa agus mac Iese, do bhrìgh gun tug thu dha aran agus claidheamh, agus gun d’fhiosraich thu de Dhia air a shon, a‑chum gun èireadh e suas am aghaidh, a dhèanamh feall‐fhalaich, mar air an là‑an‑diugh? An sin fhreagair Ahimelech an rìgh, agus thubhairt e, Agus cò am measg do sheirbhiseach uile a tha cho fìrinneach ri Daibhidh, a tha na chliamhainn aig an rìgh, agus a dh’imicheas air d’iarrtas, agus a tha urramach ann ad thaigh? An do thòisich mi air an là sin air Dia fhiosrachadh air a shon? Guma fada sin uam: na cuireadh an rìgh nì sam bith as leth a sheirbhisich, no as leth taigh m’athar uile; oir cha robh fhios aig do sheirbhiseach air nì sam bith dheth seo uile, beag no mòr. Agus thubhairt an rìgh, Gu cinnteach gheibh thu bàs, Ahimeleich, thu fhèin agus uile thaigh d’athar. Agus thubhairt an rìgh ris na gillean‐ruith a sheas làimh ris, Tionndaidhibh agus marbhaibh sagartan an Tighearna; a chionn gu bheil mar an ceudna an làmh‐san maille ri Daibhidh, agus a chionn gu robh fhios aca gun do theich e, agus nach do chuir iad an cèill dhòmhsa e. Ach cha b’àill le seirbhisich an rìgh an làmh a shìneadh a‑mach gu bualadh air sagartan an Tighearna. Agus thubhairt an rìgh ri Doeg, Tionndaidh thusa, agus buail air na sagartan. Agus thionndaidh Doeg an t‑Edomach, agus bhuail e air na sagartan; agus mharbh e air an là sin ceithir‐fichead agus còig fir a dh’iomchair èphod de lìon‐aodach. Agus bhuail e Nob, baile nan sagart, le faobhar a’ chlaidheimh, eadar fhear agus bhean, leanabh agus chìochran, agus dhamh, agus asal, agus chaora, le faobhar a’ chlaidheimh. Agus chaidh aon de mhic Ehimeleich mhic Ahituib as, dom b’ainm Abiatar, agus theich e an dèidh Dhaibhidh. Agus dh’innis Abiatar do Dhaibhidh gun do mharbh Saul sagartan an Tighearna. Agus thubhairt Daibhidh ri Abiatar, Bha fhios agam air an là anns an robh Doeg an t‑Edomach an sin, gu cinnteach gun innseadh e do Shaul: is mise a b’adhbhar bàis gach neach de thaigh d’athar. Fan thusa maille riumsa; na biodh eagal ort: oir esan a dh’iarras m’anam‐sa iarraidh e d’anam‐sa: ach maille riumsa bidh tu fo dhìdean. An sin dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, Feuch, tha na Philistich a’ cogadh an aghaidh Cheilah, agus tha iad a’ creachadh nan ùrlar‐bualaidh. Uime sin dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mise, agus am buail mi na Philistich sin? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Falbh, agus buail na Philistich, agus saor Ceilah. Agus thubhairt daoine Dhaibhidh ris, Feuch, tha eagal oirnne an seo ann an Iùdah; cia mò gu mòr, matà, ma thèid sinn gu Ceilah an aghaidh armailtean nam Philisteach? An sin dh’fhiosraich Daibhidh a‑rìs den Tighearna. Agus fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, Eirich, falbh sìos gu Ceilah; oir bheir mise na Philistich thairis dod làimh. Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine gu Ceilah, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus thug e leis an sprèidh, agus bhuail e iad le àr mòr; mar sin shaor Daibhidh luchd‐àiteachaidh Cheilah. (A‑nis nuair a theich Abiatar mac Ahimeleich a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Ceilah, chaidh e sìos le èphod na làimh.) Agus dh’innseadh do Shaul gun tàinig Daibhidh gu Ceilah; agus thubhairt Saul, Thug Dia thairis dom làimh e: oir dhruideadh a‑steach e le dol a‑steach do bhaile gheatachan agus chrann. Agus ghairm Saul an sluagh uile a‑chum cogaidh, a dhol sìos gu Ceilah a chuartachadh Dhaibhidh agus a dhaoine. Agus bha fhios aig Daibhidh gu robh Saul gu diamhair a’ dealbhadh uilc na aghaidh; agus thubhairt e ri Abiatar an sagart, Thoir an seo an èphod. Agus thubhairt Daibhidh, A Thighearna Dhè Israeil, chuala do sheirbhiseach gu cinnteach gu bheil Saul ag iarraidh teachd gu Ceilah, a sgrios a’ bhaile air mo shon‐sa. An toir luchd‐àiteachaidh Cheilah mise thairis da làimh? An tig Saul a‑nuas mar a chuala do sheirbhiseach? A Thighearna Dhè Israeil, guidheam ort, innis dod sheirbhiseach. Agus thubhairt an Tighearna. Thig e a‑nuas. An sin thubhairt Daibhidh, An toir luchd‐àiteachaidh Cheilah mise agus mo dhaoine thairis do làimh Shauil? Agus thubhairt an Tighearna, Bheir iad thairis thu. An sin dh’èirich Daibhidh agus a dhaoine, a bha mu thimcheall sia ceud, agus chaidh iad a‑mach à Ceilah, agus dh’imich iad an taobh a dh’fhaodadh iad imeachd. Agus dh’innseadh do Shaul gun deachaidh Daibhidh as à Ceilah, agus leig e dheth dol a‑mach. Agus dh’fhan Daibhidh anns an fhàsach ann an daingnichean làidir, agus dh’fhan e ann an sliabh am fàsach Shiph: agus dh’iarr Saul e gach aon là, ach cha tug Dia thairis da làimh e. Agus chunnaic Daibhidh gu robh Saul air dol a‑mach a dh’iarraidh a anama; agus bha Daibhidh ann am fàsach Shiph ann an coille. Agus dh’èirich Ionatan mac Shauil, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh don choille, agus neartaich e a làmh ann an Dia. Agus thubhairt e ris, Na biodh eagal ort; oir chan fhaigh làmh Shauil m’athair‐sa thu, agus rìoghaichidh tu os cionn Israeil, agus is mise as fhaisge a bhios dhut; agus cuideachd tha fhios aig m’athair Saul air sin. Agus rinn iadsan nan dithis coicheangal am fianais an Tighearna: agus dh’fhan Daibhidh anns a’ choille, agus dh’imich Ionatan da thaigh fhèin. An sin chaidh na Siphich suas a dh’ionnsaigh Shauil gu Gibeah, ag ràdh, Nach eil Daibhidh ga fhalach fhèin maille rinne ann an daingnichean anns a’ choille, ann an sliabh Hachilah, a tha air an taobh deas de Iesimon? A‑nis uime sin, a rèir uile mhiann d’anama, O a rìgh, thig da‑rìribh a‑nuas, agus is e ar cuid‐ne a thoirt thairis do làimh an rìgh. Agus thubhairt Saul, Beannaichte gu robh sibhse on Tighearna, oir ghabh sibh truas rium. Imichibh, guidheam oirbh, ullaichibh fhathast, agus biodh fios agaibh, agus faicibh a àit anns an gnàth leis a bhith, agus cò a chunnaic an sin e: oir dh’innseadh dhomh gu bheil e a’ dèanamh gu ro‑sheòlta. Faicibh matà, agus biodh fios agaibh air gach àite‐falaich anns a bheil e ga fhalach fhèin, agus thigibh am ionnsaigh a‑rìs le fios cinnteach, agus thèid mise maille ribh: agus an sin, ma bhios e anns an tìr, rannsaichidh mise a‑mach e air feadh uile mhìltean Iùdah. Agus dh’èirich iad, agus chaidh iad gu Siph ro Shaul: ach bha Daibhidh agus a dhaoine ann am fàsach Mhaoin, anns a’ chòmhnard air an taobh deas de Iesimon. Agus chaidh Saul agus a dhaoine ga iarraidh; agus dh’innis iad sin do Dhaibhidh: uime sin thàinig e a‑nuas gu carraig, agus dh’fhan e ann am fàsach Mhaoin. Agus nuair a chuala Saul sin, chaidh e air tòir Dhaibhidh ann am fàsach Mhaoin. Agus chaidh Saul air an taobh seo den t‑sliabh, agus Daibhidh agus a dhaoine air an taobh eile den t‑sliabh: agus rinn Daibhidh cabhag gu imeachd air falbh ro Shaul: oir chuartaich Saul agus a dhaoine Daibhidh agus a dhaoine, a‑chum an glacadh. Ach thàinig teachdaire a dh’ionnsaigh Shauil, ag ràdh, Dèan cabhag agus thig; oir bhris na Philistich a‑steach air an tìr. Uime sin thill Saul o dhol air tòir Dhaibhidh, agus chaidh e an aghaidh nam Philisteach: air an adhbhar sin thug iad Selah‐hamah‐lecot mar ainm air an àite sin. Agus chaidh Daibhidh suas as a sin, agus ghabh e còmhnaidh ann an daingnichean làidir En‑gedi. Agus nuair a bha Saul air tilleadh o leantainn nam Philisteach, dh’innseadh dha, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh ann am fàsach En‑gedi. An sin ghabh Saul trì mìle fear taghte à Israel uile, agus chaidh e a dh’iarraidh Dhaibhidh agus a dhaoine air aghaidh creagan nam fiadh‐ghobhar. Agus thàinig e a dh’ionnsaigh mainnirean nan caorach làimh ris an t‑slighe, far an robh uaimh: agus chaidh Saul a‑steach a chòmhdachadh a chas: agus dh’fhan Daibhidh agus a dhaoine ann an taobhan na h‑uamha. Agus thubhairt daoine Dhaibhidh ris, Feuch, an là mun dubhairt an Tighearna riut, Feuch, bheir mi thairis do nàmhaid dod làimh, a‑chum gun dèan thu ris mar as àill leat. An sin dh’èirich Daibhidh, agus gheàrr e air falbh iomall fallaing Shauil os ìosal. Agus na dhèidh sin bhuail cridhe Daibhidh e, a chionn gun do gheàrr e air falbh iomall fallaing Shauil. Agus thubhairt e ra dhaoine, Nar leigeadh Dia gun dèanainn‐sa an nì seo rim thighearna, aon ungte an Tighearna, mo làmh a shìneadh a‑mach na aghaidh, o is e aon ungte an Tighearna e. Agus chaisg Daibhidh a dhaoine leis na briathran sin, agus cha do leig e leo èirigh an aghaidh Shauil. Ach dh’èirich Saul suas as an uaimh, agus dh’imich e air a shlighe. Agus dh’èirich Daibhidh suas an dèidh sin, agus chaidh e a‑mach as an uaimh, agus ghlaodh e an dèidh Shauil, ag ràdh, Mo thighearna, a rìgh. Agus nuair a dh’amhairc Saul na dhèidh, chrom Daibhidh e fhèin air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd. Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Carson a tha thu ag èisdeachd ri briathran dhaoine, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh ag iarraidh do chron? Feuch, air an là‑an‑diugh chunnaic do shùilean cionnas a thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh anns an uaimh: agus dh’iarr cuid orm do mharbhadh, ach chaomhain mo shùil thu, agus thubhairt mi, Cha chuir mi mo làmh a‑mach an aghaidh mo thighearna; oir is e aon ungte an Tighearna e. Agus faic, O athair, eadhon faic iomall d’fhallainge am làimh: do bhrìgh nuair a gheàrr mi air falbh iomall d’fhallainge nach do mharbh mi thu, biodh fhios agad agus faic nach eil aon chuid olc no easaontas am làimh, agus nach do pheacaich mi ad aghaidh; gidheadh tha thu a’ sealg air m’anam, a‑chum a ghlacadh. Gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa, agus gun dìoladh an Tighearna mise ort: ach cha bhi mo làmh‐sa ort. Mar a their gnàth‐fhacal nan sean‐fhear, O na h‑aingidh thig aingidheachd; ach cha bhi mo làmh‐sa ort. Cò an dèidh an tàinig rìgh Israeil a‑mach? Cò air a bheil thu an tòir? An dèidh coin mhairbh, an dèidh deargainne? Uime sin biodh an Tighearna na bhritheamh, agus thugadh e breith eadar mise agus thusa, agus faiceadh e, agus tagradh e mo chùis, agus saoradh e mi as do làimh. Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air na briathran sin a labhairt ri Saul, an sin thubhairt Saul, An e seo do ghuth, a mhic, a Dhaibhidh? Agus thog Saul suas a ghuth, agus ghuil e. Agus thubhairt e ri Daibhidh, Is tusa as fìrinniche na mise; oir dhìol thusa math dhòmhsa, ach dhìol mise olc dhutsa. Agus nochd thu an‑diugh cionnas a bhuin thu gu math rium; do bhrìgh, nuair a thug an Tighearna thairis mi dod làimh, nach do mharbh thu mi. Oir nuair a gheibh duine a nàmhaid, an leig e as gu math e? Uime sin gun dìoladh an Tighearna math dhutsa airson na rinn thu dhòmhsa an‑diugh. Agus a‑nis, feuch, tha fhios agam gum bi thu gu cinnteach ad rìgh, agus gun daingnichear rìoghachd Israeil ad làimh: Uime sin mionnaich dhòmhsa air an Tighearna nach geàrr thu as mo shliochd am dhèidh, agus nach sgrios thu m’ainm à taigh m’athar. Agus mhionnaich Daibhidh do Shaul: agus chaidh Saul dhachaigh; ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas don daingneach. Agus fhuair Samuel bàs: agus chruinnich na h‑Israelich uile an ceann a chèile, agus rinn iad caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e na thaigh ann an Ramah. Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e sìos gu fàsach Pharain. Agus bha duine ann am Maon aig an robh a shealbh ann an Carmel; agus bha an duine ro‑mhòr, agus bha trì mìle caora aige, agus mìle gobhar: agus bha e a’ lomairt a chaorach ann an Carmel. A‑nis b’e ainm an duine Nàbel, agus ainm a mhnà Abigail; agus bha i na mnaoi aig an robh deagh‐thuigse, agus maiseach na dealbh; ach bha an duine iargalta agus olc na ghnìomharan; agus bha e de thaigh Chàleib. Agus chuala Daibhidh anns an fhàsach gu robh Nàbel a’ lomairt a chaorach. Agus chuir Daibhidh uaithe deichnear òganach; agus thubhairt Daibhidh ris na h‑òganaich, Gabhaibh suas gu Carmel, agus rachaibh a dh’ionnsaigh Nàbeil, agus cuiribh fàilte air am ainm‐sa. Agus mar seo their sibh, Slàn gu robh thu: agus sìth gu robh dhut fhèin, agus sìth dod thaigh, agus sìth do gach nì a tha agad. Agus a‑nis chuala mi gu bheil luchd‐lomairt chaorach agad: a‑nis do bhuachaillean‐sa, a bha maille rinn, cha do rinn sinn cron orra, cha mhò a dh’ionndrainneadh nì sam bith leo rè na h‑aimsir a bha iad ann an Carmel. Feòraich ded òganaich, agus innsidh iad dhut: faigheadh, matà, na h‑òganaich deagh‐ghean ad shùilean, oir air là math thàinig sinn: thoir, guidheam ort, dod sheirbhisich agus dod mhac Daibhidh ge bè nì a thig a dh’ionnsaigh do làimhe. Agus nuair a thàinig òganaich Dhaibhidh, labhair iad ri Nàbel a rèir nam briathran sin uile ann an ainm Dhaibhidh, agus bha iad nan tosd. Agus fhreagair Nàbel seirbhisich Dhaibhidh, agus thubhairt e, Cò e Daibhidh, agus cò e mac Iese? Is lìonmhor seirbhisich anns na làithean seo a tha a’ briseadh air falbh, gach duine dhiubh, o a mhaighistir. An gabh mise matà m’aran, agus m’uisge, agus m’fheòil a mharbh mi airson mo luchd‐lomairt, agus an tabhair mi e do dhaoine nach aithne dhomh cia as a tha iad? Uime sin thionndaidh òganaich Dhaibhidh air an slighe, agus thill iad, agus thàinig iad agus dh’innis iad dha a rèir nam briathran sin uile. Agus thubhairt Daibhidh ra dhaoine, Cuiribh gach duine a chlaidheamh air. Agus chuir gach duine dhiubh a chlaidheamh air: agus chuir Daibhidh mar an ceudna a chlaidheamh air: agus chaidh suas an dèidh Dhaibhidh mu thimcheall ceithir cheud fear, agus dh’fhan dà cheud maille ris an àirneis. Ach dh’innis fear de na h‑òganaich do Abigail bean Nàbeil, ag ràdh, feuch, chuir Daibhidh teachdairean as an fhàsach a chur fàilte air ar maighistir, agus thug e ana‑cainnt dhaibh. Ach bha na daoine ro‑mhath dhuinn, agus cha do rinneadh cron oirnn, cha mhò a dh’ionndrainn sinn nì sam bith rè na h‑aimsir a bha sinn maille riu, nuair a bha sinn anns an fhearann. Bha iad nam balla dhuinn araon a dh’oidhche agus a là, rè na h‑aimsir a bha sinn maille riu ag ionaltradh nan caorach. A‑nis, air an adhbhar sin biodh fhios agad agus smaoinich ciod a nì thu; oir shònraicheadh olc an aghaidh ar maighistir, agus an aghaidh a thaighe uile: agus is mac do Bhelial esan, air chor is nach faod neach labhairt ris. An sin rinn Abigail cabhag, agus ghabh i dà cheud buileann arain, agus dà shearraig fhìona, agus còig caoraich air an deasachadh, agus còig tomhaisean de shìol cruadhaichte, agus ceud bagaid de fhìondhearcan tiormaichte, agus dà cheud meall de fhìgean; agus chuir i air asail iad. Agus thubhairt i ra h‑òganaich, Rachaibh air ur n‑aghaidh romham: feuch, tha mi a’ teachd nur dèidh: ach cha d’innis i sin da fear Nàbel. Agus nuair a bha i a’ marcachd air an asail, agus a’ teachd a‑nuas ann am fasgadh an t‑slèibh, feuch, thàinig Daibhidh agus a dhaoine a‑nuas na còmhdhail; agus choinnich i iad. A‑nis thubhairt Daibhidh, Gu cinnteach is ann gu dìomhain a ghlèidh mise gach nì a bha aig an fhear seo anns an fhàsach, air chor is nach d’ionndrainneadh nì air bith de gach nì a bhuineadh dha; oir dhìol esan olc dhòmhsa an èirig maith. Gun dèanadh Dia mar sin ri naimhdean Dhaibhidh, agus tuilleadh mar an ceudna, ma dh’fhàgas mise dhiubhsan uile a tha aige gu ruig a’ mhadainn, aon air bith a nì uisge ri balla. Agus nuair a chunnaic Abigail Daibhidh, rinn i cabhag agus theirinn i bhàrr na h‑asail, agus thuit i sìos air a h‑aghaidh am fianais Dhaibhidh, agus chrom i i fhèin gu làr, Agus thuit i aig a chasan, agus thubhairt i, Ormsa, eadhon ormsa, mo thighearna, biodh an cionta seo, agus labhradh, guidheam ort, do bhanoglach ann ad èisdeachd, agus cluinn briathran do bhanoglaich. Na tugadh mo thighearna, guidheam ort, fa‑near an duine seo le Belial, eadhon Nàbel; oir a rèir a ainme, mar sin tha e: is e Nàbel a ainm, agus tha amaideachd maille ris: ach chan fhaca mise, do bhanoglach, òganaich mo thighearna, a chuir thu uat. A‑nis uime sin, mo thighearna, mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, a chionn gun do chùm an Tighearna thusa o theachd a dhòrtadh fala, agus o thu fhèin a dhìoladh led làimh fhèin; a‑nis uime sin mar Nàbel biodh do naimhdean, agus iadsan a dh’iarras olc dom thighearna. Agus a‑nis am beannachadh seo, a thug do bhanoglach a dh’ionnsaigh mo thighearna, thugar e eadhon do na h‑òganaich a tha a’ siubhal an cois mo thighearna. Maith, guidheam ort, cionta do bhanoglaich; oir nì an Tighearna gu cinnteach taigh seasmhach dom thighearna, do bhrìgh gu bheil mo thighearna a’ cur chathan an Tighearna, agus nach d’fhuaireadh olc annad o thùs do làithean. Gidheadh dh’èirich duine gu dol air do thòir, agus a dh’iarraidh d’anama: ach bidh anam mo thighearna air a cheangal suas ann an ceanglachan na beatha aig an Tighearna do Dhia; agus anaman do naimhdean, iadsan tilgidh e a‑mach, mar à meadhon croinn‐tabhaill. Agus nuair a nì an Tighearna dom thighearna a rèir gach maith a labhair e mud thimcheall, agus a dh’òrdaicheas e thu ad uachdaran os cionn Israeil, Cha bhi seo a‑chum doilgheis dhut, no a‑chum oilbheum cridhe dom thighearna, gun do dhòirt thu fuil gun adhbhar, agus gun do dhìol mo thighearna e fhèin: ach nuair a bhuineas an Tighearna gu math rim thighearna, an sin cuimhnich air do bhanoglaich. Agus thubhairt Daibhidh ri Abigail, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia Israeil, a chuir thusa an‑diugh am choinneamh‐sa: Agus beannaichte gu robh do chomhairle, agus beannaichte gu robh thu fhèin, a chùm mise an‑diugh o theachd a dhòrtadh fala, agus o mi fhèin a dhìoladh lem làimh fhèin. Oir gu deimhinn, mar as beò an Tighearna Dia Israeil, a chùm mise o chron a dhèanamh ort, mura biodh tu air dèanamh cabhaig, agus air teachd am choinneamh, gu cinnteach chan fhàgte do Nàbel gu solas na maidne neach sam bith a nì uisge ri balla. Uime sin ghabh Daibhidh as a làimh na thug i da ionnsaigh, agus thubhairt e rithe, Gabh suas ann an sìth a dh’ionnsaigh do thaighe: faic, dh’èisd mi rid ghuth, agus ghabh mi rid ghnùis. Agus thàinig Abigail a dh’ionnsaigh Nàbeil; agus, feuch, bha cuirm aige na thaigh mar chuirm rìgh; agus bha cridhe Nàbeil subhach an taobh a‑staigh dheth, oir bha e gu mòr air mhisg: uime sin cha d’innis i dha a’ bheag no a’ mhòr gu solas na maidne. Ach anns a’ mhadainn, nuair a chaidh am fìon à Nàbel, agus a dh’innis a bhean dha na nithean sin, bhàsaich a chridhe an taobh a‑staigh dheth, agus bha e mar chloich. Agus mu thimcheall deich làithean na dhèidh sin bhuail an Tighearna Nàbel, agus fhuair e bàs. Agus nuair a chuala Daibhidh gun d’fhuair Nàbel bàs, thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna a thagair cùis mo mhaslaidh o làimh Nàbeil agus a chùm a sheirbhiseach o olc: oir thionndaidh an Tighearna aingidheachd Nàbeil air a cheann fhèin. Agus chuir Daibhidh teachdairean uaithe, agus labhair e ri Abigail, a‑chum a gabhail dha fhèin na mnaoi. Agus nuair a thàinig seirbhisich Dhaibhidh a dh’ionnsaigh Abigail gu Carmel, labhair iad rithe, ag ràdh, Chuir Daibhidh sinn ad ionnsaigh a‑chum do ghabhail thuige ad mhnaoi. Agus dh’èirich i, agus chrom i i fhèin air a h‑aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt i, Feuch, biodh do bhanoglach na h‑innilt a nighe casan seirbhisich mo thighearna. Agus rinn Abigail cabhag, agus dh’èirich i, agus mharcaich i air asail, agus còignear ghruagach aice ag imeachd na dèidh; agus lean i teachdairean Dhaibhidh, agus bha i na mnaoi aige. Ghabh Daibhidh cuideachd Ahinoam o Iesreel; agus bha iad mar an ceudna le chèile nam mnathan aige. Oir thug Saul a nighean Michal, bean Dhaibhidh, do Phalti mac Lais, a bha de Ghalim. Agus thàinig na Siphich a dh’ionnsaigh Shauil gu Gibeah, ag ràdh, Nach eil Daibhidh ga fhalach fhèin ann an sliabh Hachilah fa chomhair Iesimoin? An sin dh’èirich Saul, agus chaidh e sìos gu fàsach Shiph, agus maille ris trì mìle fear taghte de Israel, a dh’iarraidh Dhaibhidh ann am fàsach Shiph. Agus champaich Saul ann an sliabh Hachilah, a tha fa chomhair Iesimoin air an t‑slighe: ach dh’fhan Daibhidh anns an fhàsach, agus chunnaic e gun tàinig Saul na dhèidh don fhàsach. Uime sin chuir Daibhidh a‑mach luchd‐rannsachaidh, agus thuig e gun tàinig Saul da‑rìribh. Agus dh’èirich Daibhidh, agus thàinig e a dh’ionnsaigh an àit anns an do champaich Saul; agus chunnaic Daibhidh an t‑àit anns an robh Saul na laighe, agus Abner mac Neir, ceannard a armailte: agus laigh Saul an taobh a‑staigh den chlais‐bhlàir, agus champaich an sluagh ma thimcheall. An sin fhreagair Daibhidh, agus thubhairt e ri Ahimelech an Hiteach, agus ri Abisai mac Sheruiah, bràthair Ioaib, ag ràdh, Cò a thèid sìos maille riumsa a dh’ionnsaigh Shauil don champ? Agus thubhairt Abisai, Thèid mise sìos maille riut. Uime sin thàinig Daibhidh agus Abisai a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh anns an oidhche; agus, feuch, laigh Saul na chadal an taobh a‑staigh den chlais‐bhlàir, agus a shleagh sàthte anns an talamh aig a cheann‐adhairt: ach laigh Abner agus an sluagh mun cuairt air. An sin thubhairt Abisai ri Daibhidh, Thug Dia thairis do nàmhaid an‑diugh dod làimh: a‑nis uime sin, leig leam a bhualadh, guidheam ort, leis an t‑sleagh a dh’ionnsaigh na talmhainn aon uair, agus cha bhuail mi e an dara uair. Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, Na marbh e; oir cò a shìneas a‑mach a làmh an aghaidh aon ungte an Tighearna, agus a bhios neo‐chiontach? Thubhairt Daibhidh mar an ceudna, Mar as beò an Tighearna, buailidh an Tighearna e, no thig a là anns am faigh e bàs, no thèid e sìos don chath agus tuitidh e. Nar leigeadh an Tighearna gun sìninn‐sa a‑mach mo làmh an aghaidh aon ungte an Tighearna: ach a‑nis gabh, guidheam ort, an t‑sleagh a tha aig a cheann‐adhairt agus an soitheach uisge, agus bitheamaid ag imeachd. Agus ghabh Daibhidh an t‑sleagh agus an soitheach‐uisge o cheann‐adhairt Shauil, agus dh’imich iad romhpa, agus cha robh neach ann a chunnaic sin, no aig an robh fios air, no a mhosgail; oir bha iad uile nan cadal, do bhrìgh gun do thuit cadal trom on Tighearna orra. An sin chaidh Daibhidh thairis don taobh eile, agus sheas e air mullach slèibh fad as, le astar mòr eatorra: Agus ghlaodh Daibhidh ris an t‑sluagh, agus ri Abner mac Neir, ag ràdh, Nach freagair thu, Abneir? Agus fhreagair Abner, agus thubhairt e, Cò thusa, a tha a’ glaodhaich ris an rìgh? Agus thubhairt Daibhidh ri Abner, Nach fear treun thusa, agus cò as cosmhail riut ann an Israel? Carson matà nach do choimhead thu do thighearna, an rìgh, oir thàinig aon den t‑sluagh a‑steach a mharbhadh an rìgh, do thighearna? Chan eil an nì seo math a rinn thu: mar as beò an Tighearna, tha sibh a’ toilltinn a’ bhàis, do bhrìgh nach do ghlèidh sibh ur maighistir, aon ungte an Tighearna: agus a‑nis faic càit a bheil sleagh an rìgh, agus an soitheach‐uisge, a bha aig a cheann‐adhairt. Agus dh’aithnich Saul guth Dhaibhidh, agus thubhairt e, An e seo do ghuth‐sa, a mhic, a Dhaibhidh? Agus thubhairt Daibhidh, Is e mo ghuth‐sa a tha ann, mo thighearna, a rìgh. Agus thubhairt e, Carson a tha mo thighearna air tòir a’ sheirbhisich, oir ciod a rinn mi, no ciod an t‑olc a tha ann am làimh? A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile. A‑nis, matà, na tuiteadh m’fhuil a dh’ionnsaigh na talmhainn ann am fianais an Tighearna; oir thàinig rìgh Israeil a‑mach a dh’iarraidh deargainne, mar a ruaigeas fear cearc‐choille anns na beanntan. An sin thubhairt Saul, Pheacaich mi: till, a mhic, a Dhaibhidh, oir cha dèan mi cron ort tuilleadh, a chionn gu robh m’anam luachmhor ad shùilean an‑diugh: feuch, rinn mi gu h‑amaideach, agus chaidh mi air seachran gu ro‑mhòr. Agus fhreagair Daibhidh agus thubhairt e, Feuch, sleagh an rìgh: agus thigeadh aon de na h‑òganaich a nall agus gabhadh e i. Agus ìocadh an Tighearna do gach neach a rèir a ionracais agus a fhìreantachd: oir thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh‐sa, ach cha b’àill leam mo làmh a shìneadh a‑mach an aghaidh aon ungte an Tighearna. Agus, feuch, mar a mheasadh d’anam‐sa gu mòr leamsa an‑diugh, mar sin biodh m’anam‐sa air a mheas gu mòr leis an Tighearna, agus saoradh e mi as gach gàbhadh. Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Beannaichte gu robh thusa, a mhic, a Dhaibhidh: an dà chuid nì thu nithean mòra, agus mar an ceudna bheir thu gu cinnteach buaidh. Agus dh’imich Daibhidh air a shlighe, agus thill Saul da àite fhèin. Agus thubhairt Daibhidh na chridhe, A‑nis tuitidh mi là‑eigin an làimh Shauil: chan eil nì air bith as fheàrr dhomh na mi a dhol as gu luath do dhùthaich nam Philisteach, a‑chum gun leig Saul dheth mise iarraidh nas mò ann an crìch air bith de Israeil, agus gun tèid mi as o a làimh. Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e thairis agus an sia ceud fear a bha maille ris, a dh’ionnsaigh Achis mhic Mhaoich, rìgh Ghat. Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh maille ri Achis ann an Gat, e fhèin agus a dhaoine, gach fear le a theaghlach, Daibhidh agus a dhà mhnaoi, Ahinoam a’ bhan‐Iesreeleach, agus Abigail a’ bhan‐Charmeleach, bean Nàbeil. Agus dh’innseadh do Shaul gun do theich Daibhidh gu Gat; agus cha d’iarr e nas mò air a shon. Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Ma fhuair mi a‑nis deagh‐ghean ad shùilean, thugar dhomh àit ann am baile‐eigin anns an dùthaich, a‑chum gun gabh mi còmhnaidh an sin: oir carson a ghabhadh do sheirbhiseach còmhnaidh anns a’ bhaile rìoghail maille riutsa? An sin thug Achis dha Siclag air an là sin: uime sin buinidh Siclag do rìghrean Iùdah gus an là‑an‑diugh. Agus b’e fad na h‑aimsir a dh’fhan Daibhidh ann an dùthaich nam Philisteach, bliadhna iomlan agus ceithir mìosan. Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas, agus bhris iad a‑steach air na Gesuraich, agus na Geserich, agus na h‑Amalecich: oir b’iadsan o shean luchd‐àiteachaidh na tìre, mar a thèid thu gu Sur, eadhon gu tìr na h‑Eiphit. Agus bhuail Daibhidh an tìr, agus cha d’fhàg e fear no bean beò; agus thug e leis na caoraich, agus am buar, agus na h‑asail, agus na càmhail, agus an t‑aodach; agus thill e, agus thàinig e gu Achis. Agus thubhairt Achis, Càit an do bhris sibh a‑steach an‑diugh? Agus thubhairt Daibhidh, Air an taobh deas de Iùdah, agus air an taobh deas de na Ierahmeelich, agus air an taobh deas de na Cenich. Agus fear no bean cha do leig Daibhidh as beò, a thoirt sgeula gu Gat, ag ràdh, Air eagal gun innseadh iad oirnn, ag ràdh, Mar seo rinn Daibhidh. Agus mar seo bha a sheòl rè na h‑aimsir a dh’fhan e ann an dùthaich nam Philisteach. Agus chreid Achis Daibhidh, ag ràdh, Thug e air a shluagh Israel gràin mhòr a ghabhail dheth: uime sin bidh e na sheirbhiseach agamsa gu bràth. Agus anns na làithean sin chruinnich na Philistich an armailtean an ceann a chèile a‑chum cogaidh, a chur catha ri Israel: agus thubhairt Achis ri Daibhidh, Biodh fhios gu cinnteach agad gun tèid thu a‑mach maille riumsa a‑chum catha, thu fhèin agus do dhaoine. Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Gu deimhinn bidh fhios agad ciod a nì do sheirbhiseach. Agus thubhairt Achis ri Daibhidh, Uime sin nì mi fear‐gleidhidh mo chinn dhìot gu bràth. A‑nis fhuair Samuel bàs, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ann an Ramah, na bhaile fhèin: agus chuir Saul air falbh iadsan aig an robh leannain‐shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr. Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile, agus thàinig iad agus champaich iad ann an Sunem: agus chruinnich Saul Israel uile an ceann a chèile, agus champaich iad ann an Gilbòa. Agus nuair a chunnaic Saul feachd nam Philisteach, bha eagal air, agus chriothnaich a chridhe gu mòr. Agus nuair a dh’fhiosraich Saul den Tighearna, cha do fhreagair an Tighearna e, aon chuid le aislingean, no le Urim, no le fàidhean. An sin thubhairt Saul ra sheirbhisich, Iarraibh dhòmhsa bean aig a bheil leannan‐sìdh, agus thèid mi da h‑ionnsaigh, agus fiosraichidh mi dhith. Agus thubhairt a sheirbhisich ris, Feuch, tha bean aig a bheil leannan‐sìdh ann an En‑dor. Agus chuir Saul e fhèin ann an riochd eile, agus chuir e air aodach eile agus dh’imich e, agus dithis dhaoine maille ris, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh na mnà anns an oidhche; agus thubhairt e, Dèan fiosachd dhòmhsa, guidheam ort, leis an leannan‐shìdh, agus tog suas dhomh esan a dh’ainmicheas mi dhut. Agus thubhairt a’ bhean ris, Feuch, tha fhios agad ciod a rinn Saul, cionnas a gheàrr e as iadsan aig an robh leannain‐shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr: carson, matà, a tha thu a’ leagadh ribe airson m’anama, a‑chum mo chur gu bàs? Agus mhionnaich Saul dhi air an Tighearna, ag ràdh, Mar as beò an Tighearna, cha tachair olc sam bith dhut airson an nì seo. An sin thubhairt a’ bhean, Cò a thogas mi a‑nìos dhut? Agus thubhairt esan, Tog a‑nìos dhomh Samuel. Agus nuair a chunnaic a’ bhean Samuel, ghlaodh i le guth àrd; agus labhair a’ bhean ri Saul, ag ràdh, Carson a mheall thu mi, oir is tu Saul? Agus thubhairt an rìgh rithe, Na biodh eagal ort: oir ciod a chunnaic thu? Agus thubhairt a’ bhean ri Saul, Chunnaic mi diathan a’ teachd a‑nìos as an talamh. Agus thubhairt e rithe, Ciod e a choslas? Agus thubhairt ise, Tha seann duine air teachd a‑nìos, agus e còmhdaichte le fallaing. Agus dh’aithnich Saul gum b’e Samuel a bha ann, agus chrom e e fhèin air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd dha. Agus thubhairt Samuel ri Saul, Carson a chuir thu dragh orm lem thoirt a‑nìos? Agus fhreagair Saul, Tha mi ann an teanntachd mhòir; oir tha na Philistich a’ cogadh am aghaidh, agus dhealaich Dia rium, agus chan eil e a’ toirt freagraidh dhomh nas mò, aon chuid le fàidhean no le aislingean: uime sin ghairm mi ortsa gu fios a thoirt dhomh ciod a nì mi. An sin thubhairt Samuel, Carson matà a tha thu a’ fiosrachadh dhìomsa, agus gun do dhealaich an Tighearna riut, agus gu bheil e a‑nis air fàs na nàmhaid dhut? Agus rinn an Tighearna dha mar a labhair e tromhamsa; oir reub an Tighearna an rìoghachd as do làimh, agus thug e i dod choimhearsnach, do Dhaibhidh. Do bhrìgh nach d’èisd thu ri guth an Tighearna, agus nach do chuir thu an gnìomh a chorraich gharg an aghaidh Amaleic; uime sin rinn an Tighearna an nì seo riut air an là‑an‑diugh. Agus bheir an Tighearna mar an ceudna Israel maille riutsa thairis do làimh nam Philisteach: agus a‑màireach bidh tusa agus do mhic maille riumsa: bheir an Tighearna mar an ceudna feachd Israeil thairis do làimh nam Philisteach. An sin air ball thuit Saul sìnte air an talamh, agus bha e fo eagal ro‑mhòr airson briathran Shamueil, agus cha robh neart air bith ann; oir cha d’ith e aran rè an là no rè na h‑oidhche sin. Agus thàinig a’ bhean a dh’ionnsaigh Shauil, agus chunnaic i gu robh e fo uamhann mòr, agus thubhairt i ris, Feuch, thug do bhanoglach gèill dod ghuth, agus chuir mi m’anam am làimh, agus dh’èisd mi rid bhriathran a labhair thu rium: A‑nis uime sin, guidheam ort, èisd thusa mar an ceudna ri guth do bhanoglaich, agus cuiream greim arain fad chomhair, agus ith e, agus bidh neart agad, nuair a dh’imicheas tu air do shlighe. Ach dhiùlt esan, agus thubhairt e, Chan ith mi: ach cho‐èignich a sheirbhisich agus mar an ceudna a’ bhean e; agus dh’èisd e rin guth: agus dh’èirich e on talamh, agus shuidh e air an leabaidh. Agus bha aig a’ mhnaoi laogh biadhte anns an taigh, agus rinn i cabhag agus mharbh i e: agus ghabh i min mhìn, agus dh’fhuin i i, agus rinn i aran neo‐ghortaichte dhith: Agus chuir i iad fa chomhair Shauil, agus fa chomhair a sheirbhiseach, agus dh’ith iad: an sin dh’èirich iad suas, agus dh’imich iad air an oidhche sin fhèin. A‑nis chruinnich na Philistich am feachd uile gu Aphec: agus champaich na h‑Israelich làimh ri tobar a tha ann an Iesreel. Agus chaidh tighearnan nam Philisteach air an aghaidh nan ceudan agus nam mìltean: ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine air an aghaidh air dheireadh maille ri Achis. An sin thubhairt ceannardan nam Philisteach, Ciod a tha na h‑Eabhraidhich sin a’ dèanamh an seo? Agus thubhairt Achis ri ceannardan nam Philisteach, Nach e seo Daibhidh, seirbhiseach Shauil, rìgh Israeil, a bha maille riumsa na làithean seo, no na bliadhnachan seo, agus cha d’fhuair mi cron sam bith ann on là anns an tàinig e am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh? Agus bha fearg air ceannardan nam Philisteach ris; agus thubhairt ceannardan nam Philisteach ris, Thoir air an fhear seo tilleadh, a‑chum gun tèid e a‑rìs da àit a dh’òrdaich thu dha, agus na rachadh e sìos maille rinne don chath, air eagal gum bi e na nàmhaid againn anns a’ chath: oir cia leis a dhèanadh e a rèite ra mhaighstir? Nach ann le cinn nan daoine sin? Nach e seo Daibhidh, mun do chan iad le chèile ann an dannsan, ag ràdh, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean? An sin ghairm Achis air Daibhidh, agus thubhairt e ris, Gu deimhinn, mar as beò an Tighearna, bha thu dìreach, agus is taitneach am shùilean‐sa do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach maille rium anns a’ champ; oir cha d’fhuair mi olc annad, on là anns an tàinig thu am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh; gidheadh, ann an sùilean nan rìghrean chan eil thu taitneach. A‑nis matà till, agus imich ann an sìth, a‑chum nach dèan thu nì a tha olc ann an sùilean tighearnan nam Philisteach. Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Ach ciod a rinn mi, agus ciod a fhuair thu ann ad sheirbhiseach on chiad là a bha mi maille riut gu ruig an là‑an‑diugh, nach faod mi dol a chogadh an aghaidh naimhdean mo thighearna, an rìgh? Agus fhreagair Achis agus thubhairt e ri Daibhidh, Tha fhios agam gu bheil thu math; ann am shùilean‐sa tha thu mar aingeal Dhè: gidheadh, thubhairt tighearnan nam Philisteach, Cha tèid e suas maille rinne don chath. A‑nis matà èirich gu moch anns a’ mhadainn maille ri seirbhisich do mhaighstir, a thàinig maille riut; agus cho luath is a dh’èireas sibh anns a’ mhadainn, agus a bhios solas agaibh, imichibh. Uime sin rinn Daibhidh agus a dhaoine moch‐eirigh a‑chum gum falbhadh iad anns a’ mhadainn, agus gun tilleadh iad gu tìr nam Philisteach; agus chaidh na Philistich suas gu Iesreel. Agus nuair a bha Daibhidh agus a dhaoine air teachd gu Siclag air an treas là, bhris na h‑Amalecich a‑steach air an taobh deas, agus air Siclag; agus bhuail iad Siclag, agus loisg iad e le teine; Agus thug iad leo nam braighdean na mnathan a bha ann: cha do mharbh iad neach air bith, aon chuid beag no mòr, ach thug iad leo iad, agus dh’imich iad air an slighe. Agus thàinig Daibhidh agus a dhaoine don bhaile, agus, feuch, bha e loisgte le teine; agus thugadh am mnathan, agus am mic, agus an nigheanan, air falbh ann am braighdeanas. An sin thog Daibhidh agus an sluagh a bha maille ris an guth, agus ghuil iad, gus nach robh neart annta gu gul na b’fhaide. Agus thugadh dà mhnaoi Dhaibhidh air falbh nam braighdean, Ahinoam a’ bhan‐Iesreeleach, agus Abigail bean Nàbeil, an Carmeleach. Agus bha Daibhidh ann an teanntachd mhòir; oir labhair an sluagh ma chlachadh, do bhrìgh gu robh anam an t‑sluaigh uile air a chràdh, gach duine airson a chuid mhac, agus airson a nigheanan: ach ghabh Daibhidh misneach dha fhèin anns an Tighearna a Dhia. Agus thubhairt Daibhidh ri Abiatar an sagart, mac Ahimeleich, Thoir am ionnsaigh an seo, guidheam ort, an èphod; agus thug Abiatar an èphod an sin a dh’ionnsaigh Dhaibhidh. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi air tòir na buidhne seo? Am beir mi orra? Agus fhreagair esan e, Falbh air an tòir; oir gu cinnteach beiridh tu orra, agus saoraidh tu an t‑iomlan. Agus dh’imich Daibhidh, e fhèin agus an sia ceud fear a bha maille ris, agus thàinig iad gu ruig an sruth Besor, far an d’fhan iadsan a dh’fhàgadh nan dèidh. Agus chaidh Daibhidh air an tòir, e fhèin agus ceithir cheud fear: ach dh’fhan dà cheud fear nan dèidh, a bha cho sgìth is nach b’urrainn iad dol thar an t‑sruth Besor. Agus fhuair iad Eiphiteach anns a’ mhachair, agus thug iad e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thug iad dha aran, agus dh’ith e; agus thug iad air uisge òl; Agus thug iad dha mìr de mheall fhìgean, agus dà bhagaid de fhìon‐dhearcan tiormaichte; agus nuair a dh’ith e thàinig a spiorad a‑rìs da ionnsaigh: oir cha d’ith e aran agus cha d’òl e uisge rè trì làithean agus trì oidhchean. Agus thubhairt Daibhidh ris, Cò leis thu, agus cia as a thàinig thu? Agus thubhairt esan, Is òganach Eiphiteach mi, seirbhiseach do Amaleceach; agus dh’fhàg mo mhaighistir mi, do bhrìgh gu robh mi tinn o chionn trì làithean. Bhris sinn a‑steach air taobh deas nan Cereteach, agus air a’ chrìch a bhuineas do Iùdah, agus air taobh deas Chàleib, agus loisg sinn Siclag le teine. Agus thubhairt Daibhidh ris, An toir thu sìos mi a dh’ionnsaigh na buidhne sin? Agus thubhairt esan, Mionnaich dhomh air Dia, nach marbh thu mi, agus nach toir thu thairis mi do làimh mo mhaighistir, agus bheir mi sìos thu a dh’ionnsaigh na buidhne sin. Agus mhionnaich Daibhidh dha. Agus nuair a thug e sìos e, feuch, sgaoileadh iad air aghaidh na tìre uile, ag ithe agus ag òl, agus a’ dannsa, airson na creiche mòire uile a thug iad leo à tìr nam Philisteach, agus à tìr Iùdah. Agus bhuail Daibhidh iad o bhriseadh na fàire gu ruig feasgar an là màireach; agus cha deachaidh duine dhiubh as, ach ceithir cheud òganach a mharcaich air càmhail, agus a theich. Agus shaor Daibhidh gach nì a thug na h‑Amalecich leo: agus shaor Daibhidh a dhà mhnaoi. Agus cha robh nì air bith a dhìth orra, aon chuid beag no mòr, mic no nigheanan, no creach, no nì air bith a thug iad leo: bhuin Daibhidh gach nì air ais. Agus ghabh Daibhidh an treud uile, agus am buar: agus dh’imich iad ron sprèidh seo, agus thubhairt iad, Is i seo creach Dhaibhidh. Agus thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh an dà cheud fear, a bha cho sgìth is nach b’urrainn iad Daibhidh a leantainn, agus air an tug iad fantainn aig an t‑sruth Besor: agus chaidh iad a‑mach an coinneamh an t‑sluaigh a bha maille ris: agus nuair a thàinig Daibhidh am fagas don t‑sluagh, chuir e fàilte orra. An sin fhreagair na droch dhaoine uile, agus daoine Bheliail, dhiubhsan a chaidh maille ri Daibhidh, agus thubhairt iad, Do bhrìgh nach deachaidh iad maille rinne, cha toir sinn dhaibh a’ bheag den chreich a shaor sinn, ach a‑mhàin do gach duine a bhean agus a chlann, a‑chum gun toir iad leo iad, agus gun imich iad. An sin thubhairt Daibhidh, Cha dèan sibh mar sin, mo bhràithrean, ris na thug an Tighearna dhuinn, a ghlèidh sinn, agus a thug a’ bhuidheann a thàinig nar n‑aghaidh thairis dar làimh. Agus cò a dh’èisdeas ribh anns a’ chùis seo? Ach mar chuibhreann an tì a thèid sìos don chath, mar sin bidh cuibhreann an tì a dh’fhanas maille ris an àirneis; bidh an cuibhreann co‑ionann. Agus bha e mar sin on là sin a‑mach gun do rinn e na lagh e agus na riaghailt aig Israel gus an là‑an‑diugh. Agus nuair a thàinig Daibhidh gu Siclag, chuir e cuid den chreich a dh’ionnsaigh seanairean Iùdah, eadhon a dh’ionnsaigh a chàirdean, ag ràdh, Feuch, tìodhlac dhuibh de chreich naimhdean an Tighearna: Dhaibhsan a bha ann am Betel, agus dhaibhsan a bha ann an Ramot mu dheas, agus dhaibhsan a bha ann an Iater, Agus dhaibhsan a bha ann an Aroer, agus dhaibhsan a bha ann an Siphmot, agus dhaibhsan a bha ann an Estemoa, Agus dhaibhsan a bha ann an Rachal, agus dhaibhsan a bha ann am bailtean nan Ierahmeeleach, agus dhaibhsan a bha ann am bailtean nan Ceneach, Agus dhaibhsan a bha ann an Hormah, agus dhaibhsan a bha ann an Atach, Agus dhaibhsan a bha ann an Hebron, agus do na h‑àitean a bha ann an Hebron, agus do na h‑àitean sin uile anns am bu ghnàth le Daibhidh agus a dhaoine tathaich. A‑nis chog na Philistich an aghaidh Israeil; agus theich fir Israeil o fhianais nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbh ann an sliabh Ghilbòa. Agus lean na Philistich Saul agus a mhic gu teann; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil. Agus dh’fhàs an cath cruaidh an aghaidh Shauil, agus bhuail na fir‐bhogha air; agus lotadh gu mòr e leis na fir‐bhogha. An sin thubhairt Saul ri fear‐iomchair a airm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo‐thimcheall‐gheàrrte sin, agus gun sàth iad tromham, agus gun toir iad masladh dhomh. Ach cha b’àill le fear‐iomchair a airm sin a dhèanamh, oir bha eagal mòr air: uime sin ghabh Saul claidheamh, agus thuit e air. Agus nuair a chunnaic fear‐iomchair a airm gu robh Saul marbh, thuit esan mar an ceudna air a chlaidheamh, agus fhuair e bàs maille ris. Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriùir mhac, agus fear‐iomchair a airm, agus a dhaoine uile air an là sin fhèin maille ri chèile. Agus nuair a chunnaic fir Israeil, a bha air taobh a’ ghlinne, agus iadsan a bha air an taobh seo de Iòrdan, gun do theich fir Israeil, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, thrèig iad na bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus ghabh iad còmhnaidh annta. Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a thriùir mhac air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa. Agus gheàrr iad dheth a cheann, agus rùisg iad a armachd dheth, agus chuir iad fios gu tìr nam Philisteach mun cuairt, ga chur an cèill ann an taigh an diathan brèige, agus am measg an t‑sluaigh. Agus chuir iad a armachd ann an taigh Astaroit: agus spàrr iad a chorp ri balla Bhet‐sain. Agus nuair a chuala luchd‐àiteachaidh Iabeis‐ghilead an nì sin a rinn na Philistich ri Saul, Dh’èirich na daoine treuna uile, agus dh’imich iad rè na h‑oidhche, agus thug iad corp Shauil, agus cuirp a chuid mhac, o bhalla Bhet‐sain, agus thàinig iad gu Iabes, agus loisg iad an sin iad. Agus ghabh iad an cnàimhean, agus dh’adhlaic iad iad fo chraoibh ann an Iabes, agus thraisg iad seachd làithean. A‑nis an dèidh bàs Shauil, thill Daibhidh o àr nan Amaleceach, agus dh’fhan Daibhidh ann an Siclag dà là. Agus air an treas là, feuch, thàinig duine as a’ champ o Shaul, agus a aodach reubte, agus ùir air a cheann: agus nuair a thàinig e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air an talamh, agus rinn e ùmhlachd. Agus thubhairt Daibhidh ris, Cia as a tha thu air teachd? Agus thubhairt esan ris, A camp Israeil theich mi. Agus thubhairt Daibhidh ris, Ciod a thachair? Innis dhomh, guidheam ort. Agus fhreagair e, Theich an sluagh on chath, agus cuideachd tha mòran den t‑sluagh air tuiteam agus marbh; agus mar an ceudna tha Saul agus a mhac Ionatan marbh. Agus thubhairt Daibhidh ris an òganach a dh’innis dha, Cionnas a tha fhios agad gu bheil Saul agus a mhac Ionatan marbh? Agus thubhairt an t‑òganach a dh’innis dha, Thachair dhòmhsa a bhith air sliabh Ghilbòa, agus, feuch, bha Saul a’ leigeil a thaice ra shleagh, agus, feuch, lean na carbadan agus am marc‐shluagh gu dian na dhèidh. Agus nuair a dh’amhairc e na dhèidh, chunnaic e mise, agus ghairm e orm: agus fhreagair mi, Tha mi an seo. Agus thubhairt e rium, Cò thusa? Agus fhreagair mise e, Is Amaleceach mi. Thubhairt e rium a‑rìs, Seas orm, guidheam ort, agus marbh mi: oir ghlac teanntachd mi, do bhrìgh gu bheil mo bheatha fhathast gu h‑iomlan annam. Agus sheas mi air, agus mharbh mi e, a chionn gu robh fhios agam nach biodh e beò an dèidh dha tuiteam; agus ghabh mi an crùn a bha air a cheann, agus an làmh‐fhail a bha air a ghàirdean, agus thug mi an seo iad a dh’ionnsaigh mo thighearna. An sin rug Daibhidh air a aodach, agus reub e e, agus mar an ceudna na daoine uile a bha maille ris. Agus rinn iad caoidh, agus ghuil iad, agus thraisg iad gu feasgar, airson Shauil, agus airson a mhic Ionatan, agus airson sluagh an Tighearna, agus airson taigh Israeil, do bhrìgh gun do thuit iad leis a’ chlaidheamh. Agus thubhairt Daibhidh ris an òganach a dh’innis dha, Cia as dhutsa? Agus fhreagair esan, Is mac coigrich Amalecich mi. Agus thubhairt Daibhidh ris, Cionnas nach robh eagal ort do làmh a shìneadh a‑mach a mharbhadh aon ungte an Tighearna? Agus ghairm Daibhidh air aon de na h‑òganaich, agus thubhairt e, Thig am fagas, agus leum air. Agus bhuail e e, agus fhuair e bàs. Agus thubhairt Daibhidh ris, Biodh d’fhuil air do cheann fhèin, oir thug do bheul fianais ad aghaidh, ag ràdh, Mharbh mi aon ungte an Tighearna. Agus rinn Daibhidh caoidh leis a’ chumha seo os cionn Shauil, agus os cionn a mhic Ionatan: (Agus dh’àithn e gun ionnsaicheadh iad do chloinn Iùdah tilgeadh le bogha: feuch, tha e sgrìobhte ann an leabhar Iaseir;) O mhaise Israeil, air do lotadh air d’àitean àrda! Cionnas a thuit na cumhachdaich! Na innsibh e ann an Gat, na cuiribh an cèill e ann an sràidean Asceloin; air eagal gum bi nigheanan nam Philisteach aoibhneach, air eagal gun dèan nigheanan nan neo‐thimcheall‐gheàrrte luathghaire. A shlèibhtean Ghilbòa, na biodh drùchd no uisge oirbh; no oirbhse, achaidhean thabhartas; oir an sin thilgeadh gu tàireil air falbh sgiath nan cumhachdach, sgiath Shauil, mar nach biodh e ungte le ola. O fhuil nam marbh, o shaill nan cumhachdach, cha do thionndaidh bogha Ionatain air ais; agus cha do thill claidheamh Shauil gu faoin. Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treasa iad na leòmhainn. A nigheanan Israeil, guilibh airson Shauil, a dh’èidich sibh ann an sgàrlaid le aoibhneas, a chuir òr‑ghreus air ur n‑aodach. Cionnas a thuit na cumhachdaich am meadhon a’ chatha! O, a Ionatain, air d’àitean àrda mharbhadh thu! Tha cràdh orm air do shon, mo bhràthair, a Ionatain: ro‑thaitneach bha thu dhòmhsa: b’iongantach do ghràdh dhòmhsa, a’ toirt barrachd air gràdh nam ban. Cionnas a thuit na cumhachdaich, agus a chaidh as do airm a’ chogaidh! Agus na dhèidh seo dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas gu aon de bhailtean Iùdah? Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh suas. Agus thubhairt Daibhidh, Càit an tèid mi suas? Agus thubhairt esan, Gu Hebron. Agus chaidh Daibhidh suas an sin, agus mar an ceudna a dhà mhnaoi, Ahinoam a’ bhan‐Iesreeleach, agus Abigail bean Nàbeil, an Carmeleach. Agus a dhaoine a bha maille ris thug Daibhidh suas leis, gach fear le a theaghlach; agus ghabh iad còmhnaidh ann am bailtean Hebroin. Agus thàinig daoine Iùdah, agus dh’ung iad an sin Daibhidh na rìgh os cionn taigh Iùdah. Agus dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, B’iad daoine Iabeis‐ghilead a dh’adhlaic Saul. Agus chuir Daibhidh teachdairean a dh’ionnsaigh daoine Iabeis‐ghilead, agus thubhairt e riu, Beannaichte gu robh sibh on Tighearna, a‑thaobh gun do nochd sibh an coibhneas seo dur tighearna, do Shaul, agus gun d’adhlaic sibh e. Agus a‑nis, gun nochdadh an Tighearna coibhneas dhuibhse, agus fìrinn: agus dìolaidh mise mar an ceudna am maitheas seo dhuibh, do bhrìgh gun do rinn sibh an nì seo. A‑nis uime sin biodh ur làmhan air an neartachadh, agus bithibh gaisgeil; oir tha ur tighearna Saul marbh, agus mar an ceudna dh’ung taigh Iùdah mise am rìgh os an cionn. Ach ghabh Abner mac Neir, ceannard armailt Shauil, Isboset mac Shauil, agus thug e thairis e gu Mahanaim: Agus rinn e e na rìgh air Gilead, agus air na h‑Asuraich, agus air Iesreel, agus air Ephraim, agus air Beniàmin, agus air Israel uile. Dà‑fhichead bliadhna a dh’aois bha Isboset mac Shauil nuair a thòisich e air rìoghachadh os cionn Israeil, agus rìghich e dà bhliadhna: ach lean taigh Iùdah Daibhidh. Agus b’e àireamh nan làithean a bha Daibhidh na rìgh ann an Hebron air taigh Iùdah, seachd bliadhna agus sia mìosan. Agus chaidh Abner mac Neir, agus seirbhisich Isboseit mhic Shauil a‑mach o Mhahanaim gu Gibeon. Agus chaidh Ioab mac Sheruiah agus seirbhisich Dhaibhidh a‑mach, agus choinnich iad a chèile aig lochan Ghibeoin: agus shuidh iad sìos, iad seo air aon taobh den lochan, agus iad siud air an taobh eile den lochan. Agus thubhairt Abner ri Ioab, Eireadh na h‑òganaich a‑nis, agus dèanadh iad fearas‐chuideachd nar fianais. Agus thubhairt Ioab, Eireadh iad. An sin dh’èirich suas agus chaidh thairis dà‑fhear‐dheug ann an àireamh de Bheniàmin, a bhuineadh do Isboset mac Shauil, agus dà‑fhear‐dheug de sheirbhisich Dhaibhidh. Agus rug gach fear dhiubh air ceann a chompanaich, agus shàth e a chlaidheamh ann an lethtaobh a chompanaich, agus thuit iad sìos cuideachd: uime sin thugadh mar ainm air an àite sin Helcat‐hasurim, a tha ann an Gibeon. Agus bha cath ro‑chruaidh ann air an là sin: agus bhuaileadh Abner agus fir Israeil fa chomhair seirbhisich Dhaibhidh. Agus bha trì mic Sheruiah an sin, Ioab, agus Abisai, agus Asahel: agus bha Asahel cho luath da chois ri boc‐earba na machrach. Agus chaidh Asahel air tòir Abneir; agus cha do chlaon e na shiubhal a dh’ionnsaigh na làimh deise no na làimhe clìthe, o dhol an dèidh Abneir. An sin dh’amhairc Abner na dhèidh, agus thubhairt e, An tusa Asahel? Agus fhreagair esan, Is mi. Agus thubhairt Abner ris, Tionndaidh a dh’ionnsaigh do làimhe deise no a dh’ionnsaigh do làimhe clìthe, agus glac aon de na h‑òganaich, agus gabh ad ionnsaigh armachd. Ach cha b’àill le Asahel tionndadh o esan a leantainn. Agus thubhairt Abner a‑rìs ri Asahel, Tionndaidh o mise a leantainn; carson a bhuailinn thu gu làr? Cionnas an sin a thogainn suas m’aghaidh ri Ioab, do bhràthair? Gidheadh dhiùlt esan tionndadh; uime sin bhuail Abner e le eàrr na sleagh fon chòigeamh aisne, agus thàinig an t‑sleagh a‑mach air a chùlaibh; agus thuit e an sin, agus fhuair e bàs anns an àite sin fhèin: agus iadsan uile a thàinig a dh’ionnsaigh an àit anns an do thuit Asahel sìos agus anns an d’fhuair e bàs, dh’fhan iad nan seasamh. Chaidh Ioab mar an ceudna agus Abisai air tòir Abneir: agus laigh a’ ghrian nuair a thàinig iad gu sliabh Amah, a tha fa chomhair Ghiah, air slighe fàsach Ghibeoin. Agus chruinnich clann Bheniàmin iad fhèin an ceann a chèile gu dol an dèidh Abneir, agus bha iad nan aon bhuidhinn, agus sheas iad air mullach cnuic. An sin ghlaodh Abner ri Ioab, agus thubhairt e, An sgrios an claidheamh gu bràth? Nach eil fhios agad gum bi searbhas ann fa dheireadh? Cia fhad a bhios e, matà, mun abair thu ris an t‑sluagh tilleadh o leantainn am bràithrean? Agus thubhairt Ioab, Mar as beò Dia, mura biodh tu air labhairt, gu deimhinn an sin anns a’ mhadainn rachadh an sluagh suas gach fear o leantainn a bhràthar. Uime sin shèid Ioab trompaid, agus stad an sluagh uile, agus cha deachaidh iad nas mò air tòir Israeil, agus cha do chog iad nas mò. Agus dh’imich Abner agus a dhaoine air feadh a’ chòmhnaird rè na h‑oidhche sin, agus chaidh iad thar Iòrdan, agus chaidh iad tro Bhitron uile, agus thàinig iad gu Mahanaim. Agus thill Ioab o dhol an dèidh Abneir: agus nuair a chruinnich e an sluagh uile an ceann a chèile, dh’ionndrainneadh de sheirbhisich Dhaibhidh naoi‐fir‐dheug agus Asahel. Ach bhuail seirbhisich Dhaibhidh de Bheniàmin, agus de dhaoine Abneir, trì cheud agus trì‐fichead fear, a fhuair bàs. Agus thog iad leo Asahel, agus dh’adhlaic iad e ann an àit‐adhlacaidh a athar, a bha ann am Betlehem: agus dh’imich Ioab agus a dhaoine rè na h‑oidhche, agus thàinig iad gu Hebron mu bhriseadh na fàire. A‑nis bha cogadh fada eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh: ach bha Daibhidh a’ sìor dhol air aghaidh ann an neart, agus taigh Shauil a’ sìor dhol an laige. Agus rugadh do Dhaibhidh mic ann an Hebron: agus b’e a chiad‐ghin Amnon, ri Ahinoam, a’ bhan‐Iesreeleach: Agus a dhara mac Chiliab, ri Abigail bean Nàbail, an Carmeleach: agus an treas mac Absalom, mac Mhaacah, nighean Thalmai, rìgh Ghesuir: Agus an ceathramh mac Adoniah, mac Hagit: agus an còigeamh mac Sephatiah, mac Abitail: Agus an siathamh mac Itream, ri Eglah, bean Dhaibhidh. Rugadh iad sin do Dhaibhidh ann an Hebron. A‑nis nuair a bha cogadh eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh, rinn Abner e fhèin làidir ann an taigh Shauil. Agus bha coileabach aig Saul, dom b’ainm Rispah, nighean Aiah: agus thubhairt Isboset ri Abner, Carson a chaidh thu a‑steach a dh’ionnsaigh coileabach m’athar? An sin bha fearg mhòr air Abner airson briathran Isboseit, agus thubhairt e, An ceann coin mise, a bhuineas do Iùdah? Tha mi a’ nochdadh coibhneis an‑diugh do thaigh Shauil, d’athair, da bhràithrean, agus da chàirdean, agus cha tug mi thairis thusa do làimh Dhaibhidh; gidheadh tha thusa a’ cur coire as mo leth an‑diugh a‑thaobh na mnà seo. Mar sin gun dèanadh Dia ri Abner, agus tuilleadh mar an ceudna, mar a mhionnaich an Tighearna do Dhaibhidh, mura dèan mise eadhon mar sin ris‐san; An rìoghachd atharrachadh o thaigh Shauil, agus rìgh‐chathair Dhaibhidh a chur suas os cionn Israeil, agus os cionn Iùdah, o Dhan eadhon gu Beersèba. Agus cha b’urrainn e Abner a fhreagairt aon fhacal a‑rìs, a chionn gu robh eagal air roimhe. Agus chuir Abner teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh na àite fhèin, ag ràdh, Cia leis an tìr? Ag ràdh mar an ceudna, Dèan do choicheangal riumsa, agus, feuch, bidh mo làmh leat, gu Israel uile a thionndadh ad ionnsaigh. Agus thubhairt esan, Ro‑mhath; nì mise coicheangal riut: ach aon nì tha mi ag iarraidh ort, eadhon nach faic thu mo ghnùis, mura toir thu leat air tùs Michal nighean Shauil, nuair a thig thu gam fhaicinn. Agus chuir Daibhidh teachdairean gu Isboset mac Shauil, ag ràdh, Tabhair dhomh mo bhean Michal, a cheangail mi rium fhèin ann am pòsadh airson ceud ro‑chraiceann de na Philistich. Agus chuir Isboset fios oirre, agus thug e o a fear i, eadhon o Phaltiel mac Lais. Agus dh’imich a fear maille rithe, a’ gul na dèidh gu Bahurim: an sin thubhairt Abner ris, Falbh, till. Agus thill e. Agus rinn Abner còmhradh ri seanairean Israeil, ag ràdh, Anns an aimsir roimhe seo dh’iarr sibh Daibhidh a bhith na rìgh os ur cionn. A‑nis matà dèanaibh e; oir labhair an Tighearna mu Dhaibhidh, ag ràdh, Le làimh mo sheirbhisich Daibhidh saoraidh mi mo shluagh Israel à làimh nam Philisteach, agus à làimh an naimhdean uile. Agus labhair Abner mar an ceudna ann an cluasan Bheniàmin: agus chaidh Abner mar an ceudna a labhairt ann an cluasan Dhaibhidh ann an Hebron gach nì a bha taitneach ann an sùilean Israeil, agus ann an sùilean taigh Bheniàmin uile. Agus thàinig Abner a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron agus fichead fear maille ris: agus rinn Daibhidh cuirm do Abner agus do na daoine a bha maille ris. Agus thubhairt Abner ri Daibhidh, Eiridh mi, agus falbhaidh mi, agus cruinnichidh mi Israel uile a dh’ionnsaigh mo thighearna, an rìgh, a‑chum gun dèan iad coicheangal riut, agus gun rìghich thu os cionn gach nì as miann led anam: agus chuir Daibhidh Abner air falbh, agus dh’imich e ann an sìth. Agus, feuch, thàinig seirbhisich Dhaibhidh agus Ioab o ruagadh buidhne, agus thug iad creach mhòr leo: (ach cha robh Abner maille ri Daibhidh ann an Hebron; oir chuir e air falbh e, agus dh’imich e ann an sìth.) Agus nuair a thàinig Ioab agus an armailt uile a bha maille ris, dh’innis iad do Ioab, ag ràdh, Thàinig Abner mac Neir a dh’ionnsaigh an rìgh, agus chuir e air falbh e, agus dh’imich e ann an sìth. An sin thàinig Ioab a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt e, Ciod e a rinn thu? Feuch, thàinig Abner ad ionnsaigh; carson seo a chuir thu air falbh e, agus gun amharas dh’imich e? Is aithne dhut Abner mac Neir, gur ann gu do mhealladh a thàinig e, agus gu fios fhaghail air do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, agus gu fios fhaghail air gach nì a tha thu a’ dèanamh. Agus nuair a thàinig Ioab a‑mach o Dhaibhidh, chuir e teachdairean an dèidh Abneir, a thug air ais e o thobar Shirah: ach cha robh fhios aig Daibhidh air. Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel. Agus na dhèidh sin nuair a chuala Daibhidh e, thubhairt e, Tha mise agus mo rìoghachd neochiontach an làthair an Tighearna gu bràth o fhuil Abneir mhic Neir. Fanadh i air ceann Ioaib, agus air taigh a athar uile, agus na biodh a dhìth air taigh Ioaib neach air am bi silteach, no a bhios na lobhar, no dan èiginn siubhal le bata, no a thuiteas air claidheamh, no air am bi easbhaidh arain. Mar sin mharbh Ioab agus a bhràthair, Abisai, Abner, a chionn gun do chuir esan gu bàs am bràthair Asahel aig Gibeon anns a’ chath. Agus thubhairt Daibhidh ri Ioab, agus ris an t‑sluagh uile a bha maille ris, Reubaibh ur n‑aodach, agus cuiribh sac‐aodach umaibh, agus dèanaibh caoidh ro Abner. Agus lean rìgh Daibhidh fhèin an giùlan. Agus dh’adhlaic iad Abner ann an Hebron: agus thog an rìgh suas a ghuth, agus ghuil e aig uaigh Abneir; agus ghuil an sluagh uile. Agus rinn an rìgh caoidh os cionn Abneir, agus thubhairt e, An ann mar a bhàsaicheas amadan a bhàsaich Abner? Cha do cheangladh do làmhan, agus cha do chuireadh do chasan ann an geimhlean: mar a thuiteas duine ro dhaoine aingidh, mar sin thuit thusa. Agus ghuil an sluagh uile a‑rìs os a chionn. Agus nuair a thàinig an sluagh uile a thoirt air Daibhidh biadh ithe, am feadh is a b’e an là fhathast a bha ann, mhionnaich Daibhidh, ag ràdh, Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma bhlaiseas mi aran no nì air bith eile, gus an tèid a’ ghrian fodha. Agus thug an sluagh uile fa‑near e, agus bha e taitneach nan sùilean, mar a bha gach nì a rinn an rìgh taitneach ann an sùilean an t‑sluaigh uile: Oir thuig an sluagh uile agus Israel uile air an là sin nach ann on rìgh a bha e Abner mac Neir a chur gu bàs. Agus thubhairt an rìgh ra sheirbhisich, Nach eil fhios agaibh gun do thuit uachdaran agus duine mòr an‑diugh ann an Israel? Agus tha mise an‑diugh anfhann ged tha mi ungte am rìgh; agus tha na daoine sin, mic Sheruiah, ro chruaidh air mo shon: dìolaidh an Tighearna do fhear‐dèanaimh an uilc a rèir a aingidheachd. Agus nuair a chuala mac Shauil gun d’fhuair Abner bàs ann an Hebron, dh’fhàs a làmhan fann, agus bha Israel uile fo bhuaireas. Agus bha aig mac Shauil dithis fhear a bha nan ceannardan air buidhnean; b’e ainm aoin dhiubh Baanah, agus ainm an fhir eile Rechab, mic Rimoin am Beerotach, de chloinn Bheniàmin: (oir mheasadh Beerot mar an ceudna de Bheniàmin: Agus theich na Beerotaich gu Gitaim, agus tha iad nan luchd‐cuairt an sin gu ruig an là‑an‑diugh:) Agus bha aig Ionatan mac Shauil mac a bha bacach, agus a bha còig bliadhna a dh’aois nuair a thàinig an sgeul mu Shaul agus Ionatan à Iesreel; agus thog a bhanaltram leatha e, agus theich i: agus nuair a rinn i cabhag gu teicheadh, thuit esan, agus rinneadh bacach e; agus b’e a ainm Mephiboset. Agus dh’imich mic Rimoin am Beerotach, Rechab agus Baanah, agus thàinig iad mu theas an là gu taigh Isboseit, a bha na laighe air leabaidh mu mheadhon‐là. Agus, feuch, thàinig iad air an aghaidh gu meadhon an taighe, mar gum biodh iad gu cruithneachd a thoirt leo, agus bhuail iad e fon chòigeamh aisne: agus chaidh Rechab agus a bhràthair Baanah as: Oir nuair a thàinig iad a‑steach don taigh, bha esan na laighe air a leabaidh na sheòmar‐cadail, agus bhuail iad e, agus mharbh iad e, agus chuir iad an ceann dheth, agus thug iad leo a cheann, agus dh’imich iad romhpa air slighe an fhàsaich rè na h‑oidhche. Agus thug iad ceann Isboseit a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus thubhairt iad ris an rìgh, Feuch, ceann Isboseit mhic Shauil do nàmhaid, a dh’iarr d’anam; agus thug an Tighearna dom thighearna, an rìgh, dìoghaltas air an là‑an‑diugh air Saul agus air a shliochd. Agus fhreagair Daibhidh Rechab agus Baanah a bhràthair, mic Rimoin am Beerotach, agus thubhairt e riu, Mar as beò an Tighearna, a shaor m’anam as gach uile airc, Nuair a dh’innis neach dhomh, ag ràdh, Feuch, tha Saul marbh (agus e a’ meas gu robh e a’ toirt deagh sgeòil leis) rug mi air, agus mharbh mi e ann an Siclag, nuair a shaoil e gun tugainn luigheachd dha airson a sgeòil: Nach mò gu mòr, nuair a mharbh daoine aingidh duine ionraic na thaigh fhèin air a leabaidh? Agus a‑nis nach iarr mi a fhuil‐san air ur làimh‐se, agus nach toir mi bhàrr na talmhainn sibh? Agus dh’àithn Daibhidh da òganaich, agus mharbh iad iad, agus gheàrr iad dhiubh an làmhan agus an casan, agus chroch iad suas iad os cionn an tobair ann an Hebron; agus ghabh iad ceann Isboseit, agus dh’adhlaic iad e ann an àit‐adhlacaidh Abneir ann an Hebron. An sin thàinig uile threubhan Israeil a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus labhair iad, ag ràdh, Feuch, is sinne do chnàimh agus d’fheòil. Mar an ceudna roimhe seo, nuair a bha Saul na rìgh os ar cionn, bu tusa an tì a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel: agus thubhairt an Tighearna riut, Beathaichidh tu mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air Israel. Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron, agus rinn rìgh Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel. Bha Daibhidh deich‐bliadhna‑fichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà‑fhichead bliadhna. Ann an Hebron rìghich e os cionn Iùdah seachd bliadhna agus sia mìosan; agus ann an Ierusalem rìghich e trì‐bliadhna‑deug ar fhichead os cionn Israeil uile agus Iùdah. Agus dh’imich an rìgh agus a dhaoine gu Ierusalem, a dh’ionnsaigh nan Iebusach, luchd‐àiteachaidh na tìre, a labhair ri Daibhidh, ag ràdh, Cha tig thu a‑steach an seo mura toir thu air falbh na doill agus na bacaich; ag ràdh, Cha tig Daibhidh a‑steach an seo. Gidheadh, ghlac Daibhidh daingneach Shioin: is e sin baile Dhaibhidh. Agus thubhairt Daibhidh air an là sin, Ge bè neach a ruigeas a’ chlais‐uisge, agus a bhuaileas na h‑Iebusaich, agus na bacaich, agus na doill, air a bheil fuath aig anam Dhaibhidh, bidh esan na cheannard: uime sin thubhairt iad, Cha tig an dall agus am bacach a‑steach don taigh. Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an daingneach, agus thug e Baile Dhaibhidh mar ainm air; agus thog Daibhidh aitreabh mun cuairt, o Mhilo agus air an taobh a‑staigh. Agus chaidh Daibhidh air aghaidh, a’ fàs mòr; agus bha an Tighearna Dia nan sluagh maille ris. Agus chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus saoir, agus clachairean; agus thog iad taigh do Dhaibhidh. Agus thuig Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaich e a rìoghachd airson a shluaigh Israel. Agus ghabh Daibhidh dha fhèin tuilleadh choileabach agus bhan à Ierusalem, an dèidh dha teachd à Hebron: agus rugadh fhathast mic agus nigheanan do Dhaibhidh. Agus is iad seo an ainmean‐san, a rugadh dha ann an Ierusalem: Samuah, agus Sobab, agus Nàtan, agus Solamh, Agus Ibner, agus Elisua, agus Nepheg, agus Iaphia, Agus Elisama, agus Eliada, agus Eliphalet. Ach nuair a chuala na Philistich gun d’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, thàinig na Philistich uile a‑nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh; agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e sìos don daingneach. Agus thàinig na Philistich, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a dh’ionnsaigh nam Philisteach? An toir thu thairis iad dom làimh? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Gabh suas; oir gu cinnteach bheir mi thairis na Philistich dod làimh. Agus thàinig Daibhidh gu Bàal‐perasim, agus bhuail Daibhidh iad an sin, agus thubhairt e, Bhris an Tighearna o chèile mo naimhdean am fhianais, mar bhriseadh uisgeachan. Uime sin thug e Bàal‐perasim mar ainm air an àite sin. Agus dh’fhàg iad an sin an dealbhan, agus loisg Daibhidh agus a dhaoine iad. Agus thàinig na Philistich a‑nìos a‑rìs, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim. Agus nuair a dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, thubhairt e, Cha tèid thu suas; ach gabh mun cuairt air an cùlaibh, agus thig orra fa chomhair craobhan nan smeur. Agus nuair a chluinneas tu fuaim siubhail ann am mullach craobhan nan smeur, an sin gluaisidh tu thu fhèin; oir an sin thèid an Tighearna a‑mach romhad, a bhualadh feachd nam Philisteach. Agus rinn Daibhidh mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna dha: agus bhuail e na Philistich o Theba, gus an tig thu gu Gaser. Agus chruinnich Daibhidh fhathast an ceann a chèile fir thaghte Israeil uile, deich‐mìle‐fichead. Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Bhàal Iùdah, a thabhairt suas à sin àirc Dhè, air an gairmear ainm Tighearna nan sluagh, a ghabhas còmhnaidh eadar na ceruban. Agus chuir iad àirc Dhè air feun nodha, agus thug iad i à taigh Abinadaib a bha ann an Gibeah: agus dh’iomain Usah agus Ahio, mic Abinadaib, am feun nodha maille ri àirc Dhè. Agus dh’imich Ahio ron àirc. Agus chluich Daibhidh agus taigh Israeil uile am fianais an Tighearna, air gach inneal‐ciùil de fhiodh giuthais, eadhon air clàrsaichean, agus air saltairean, agus air nabalan, agus air tiompanan, agus air ciombalan. Agus nuair a thàinig iad gu ùrlar‐bualaidh Nachoin, chuir Usah a‑mach a làmh a dh’ionnsaigh àirc Dhè, agus ghabh e greim dhith: oir chuir na daimh air chrith i. Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Usah, agus bhuail Dia an sin e airson a dhànadais; agus fhuair e bàs an sin làimh ri àirc Dhè. Agus bha doilgheas air Daibhidh, do bhrìgh gun do rinn an Tighearna briseadh air Usah: agus thug e Peres‐usah mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh. Agus bha eagal air Daibhidh ron Tighearna air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a thig àirc an Tighearna am ionnsaigh‐sa? Agus cha b’àill le Daibhidh àirc an Tighearna a thionndadh da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh: ach thug Daibhidh a lethtaobh i gu taigh Obed‐edoim an Giteach. Agus dh’fhan àirc an Tighearna ann an taigh Obed‐edoim an Giteach trì mìosan: agus bheannaich an Tighearna Obed‐edom agus a thaigh uile. Agus dh’innseadh do rìgh Daibhidh, ag ràdh, Bheannaich an Tighearna taigh Obed‐edoim, agus gach nì a bhuineas dha, airson àirc Dhè. Uime sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e a‑nìos àirc Dhè à taigh Obed‐edoim gu baile Dhaibhidh le gàirdeachas. Agus nuair a dh’imich iadsan a ghiùlain àirc an Tighearna sia ceuman, dh’ìobair e tairbh agus beathaichean reamhar. Agus dhanns Daibhidh le a uile neart am fianais an Tighearna, agus bha Daibhidh crioslaichte le èphod lìn‐aodaich. Agus thug Daibhidh agus uile thaigh Israeil a‑nìos àirc an Tighearna le iolaich, agus le fuaim trompaide. Agus nuair a bha àirc an Tighearna a’ teachd a‑steach gu baile Dhaibhidh, dh’amhairc Michal nighean Shauil tro uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ leumnaich agus a’ dannsa am fianais an Tighearna, agus rinn i tàir air na cridhe. Agus thug iad a‑steach àirc an Tighearna, agus chuir iad suas i na h‑àite, ann am meadhon a’ phàillein a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug Daibhidh suas ìobairtean‐loisgte am fianais an Tighearna, agus ìobairtean‐sìthe. Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air ìobairtean‐loisgte a thoirt suas, agus ìobairtean‐sìthe, bheannaich e an sluagh ann an ainm Tighearna nan sluagh. Agus roinn e air an t‑sluagh uile, eadhon air uile cho‐chruinneachadh Israeil, eadar fhir agus mhnathan, do gach neach breacag arain, agus mìr math feòla, agus cupan fìona: agus dh’fhalbh an sluagh uile, gach neach da thaigh fhèin. Agus thill Daibhidh a bheannachadh a theaghlaich: agus thàinig Michal nighean Shauil a‑mach an coinneamh Dhaibhidh, agus thubhairt i, Cia urramach a bha rìgh Israeil an‑diugh, a rùisg e fhèin an‑diugh ann an sùilean banoglaich a sheirbhiseach, mar a rùisgeas aon de na daoine aotrom e fhèin! Agus thubhairt Daibhidh ri Michal, Is ann a bha e am fianais an Tighearna, a thagh mise rod athair, agus ro a thaigh uile, a‑chum m’òrdachadh am cheannard air sluagh an Tighearna, air Israel: uime sin chluich mise am fianais an Tighearna. Agus bidh mi fhathast nas tàireile na seo, agus bidh mi ìosal am shùilean fhèin; agus aig na banoglaich mun do labhair thu, acasan gheibh mi urram. Agus cha robh duine‐cloinne aig Michal nighean Shauil gu là a bàis. Agus nuair a shuidh an rìgh na thaigh, agus a thug an Tighearna fois dha o a naimhdean uile mun cuairt, Thubhairt an rìgh ri Nàtan am fàidh, Feuch a‑nis, tha mise am chòmhnaidh ann an taigh seudair, ach tha àirc Dhè na còmhnaidh an taobh a‑staigh de chùirteanan. Agus thubhairt Nàtan ris an rìgh, Falbh, dèan gach nì a tha ann ad chridhe; oir tha an Tighearna maille riut. Agus air an oidhche sin fhèin thàinig facal an Tighearna gu Nàtan, ag ràdh, Falbh agus innis dom òglach Daibhidh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An tog thusa taigh dhòmhsa, a‑chum gun gabhainn còmhnaidh ann? Oir cha do ghabh mise còmhnaidh ann an taigh on là anns an tug mi a‑nìos clann Israeil as an Eiphit, eadhon gus an là‑an‑diugh, ach bha mi ag imeachd ann am bùth agus ann am pàillean. Anns gach àite don d’imich mi maille ri cloinn Israeil uile, an do labhair mi facal ri aon air bith de bhritheamhan Israeil, don d’àithn mi mo shluagh Israel a bheathachadh, ag ràdh, Carson nach tog sibh dhòmhsa taigh seudair? A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mise thu o mhainnir nan caorach, o bhith a’ leantainn nan caorach, gu bhith ann ad cheannard air mo shluagh, air Israel: Agus bha mi maille riut anns gach àite don deachaidh tu, agus gheàrr mi às do naimhdean uile od fhianais, agus rinn mi dhut ainm mòr, mar ainm nan daoine mòra a tha air an talamh. Agus òrdaichidh mi àite airson mo shluaigh Israel, agus suidhichidh mi iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh nan àite fhèin, agus cha ghluaisear iad nas mò: agus cha sàraich clann na h‑aingidheachd iad tuilleadh mar air tùs, Agus on àm anns an d’àithn mi britheamhan a bhith os cionn mo shluaigh Israel: agus bheir mi dhut fois od naimhdean gu lèir. Mar an ceudna tha an Tighearna ag innse dhut gun dèan an Tighearna taigh dhut. Agus nuair a choileanar do làithean, agus a chaidleas tu maille rid athraichean, togaidh mi suas do shliochd ad dhèidh, a thig a‑mach à d’innibh; agus daingnichidh mi a rìoghachd. Togaidh esan taigh dom ainm‐sa, agus daingnichidh mise rìgh‐chathair a rìoghachd gu bràth. Bidh mi am athair aigesan, agus bidh esan na mhac agamsa: ma nì e aingidheachd, smachdaichidh mi e le slait dhaoine, agus le buillean clann nan daoine: Ach chan imich mo thròcair air falbh uaithe, mar a thug mi air falbh i o Shaul, a chuir mi air falbh od fhianais‐sa. Agus bidh do thaigh seasmhach, agus do rìoghachd gu bràth am fhianais‐sa: bidh do rìgh‐chathair daingeann gu bràth. A rèir nam briathran seo uile, agus a rèir an taisbeanaidh seo uile, mar sin labhair Nàtan ri Daibhidh. An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo? Agus bu bheag an nì seo fhathast ad shùilean‐sa, a Thighearna Dhè: ach labhair thu mar an ceudna a‑thaobh taigh do sheirbhisich rè aimsir fhada ri teachd: agus an e seo gnàth duine, a Thighearna Dhè? Agus ciod tuilleadh a dh’fhaodas Daibhidh a ràdh riut? Oir is aithne dhut do sheirbhiseach, a Thighearna Dhè. Airson d’fhacail, agus a rèir do chridhe fhèin, rinn thu na nithean mòra seo uile, a thoirt air do sheirbhiseach eòlas a ghabhail orra. Uime sin tha thu mòr, a Thighearna Dhè: oir chan eil neach ann cosmhail riut, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan. Agus cia an cinneach air thalamh cosmhail rid shluagh‐sa, cosmhail ri Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha fhèin, agus a dhèanamh ainme dha fhèin, agus a dhèanamh air an son nithean mòra agus uamhasach, airson do thìre, am fianais do shluaigh a shaor thu dhut fhèin as an Eiphit, o na cinnich agus on diathan? Oir dhaingnich thu dhut fhèin do shluagh Israel, gu bhith nan sluagh dhut gu bràth; agus tha thusa, a Thighearna, ad Dhia aca. Agus a‑nis, a Thighearna Dhè, am facal a labhair thu a‑thaobh do sheirbhisich, agus a‑thaobh a thaighe, dèan seasmhach e gu bràth; agus dèan mar a thubhairt thu. Agus àrdaichear d’ainm gu bràth, ag ràdh, Is e Tighearna nan sluagh as Dia os cionn Israeil: agus biodh taigh do sheirbhisich Daibhidh daingeann ad fhianais: Oir dh’fhoillsich thusa, a Thighearna nan sluagh, a Dhè Israeil, dod sheirbhiseach, ag ràdh, Togaidh mi taigh dhut; uime sin fhuair do sheirbhiseach na chridhe an ùrnaigh seo a dhèanamh riut. Agus a‑nis, a Thighearna Dhè, is tu fhèin Dia, agus is iad do bhriathran an fhìrinn, agus gheall thu am maitheas seo dod sheirbhiseach: A‑nis uime sin gum bu toigh leat taigh do sheirbhisich a bheannachadh, a‑chum gum mair e gu bràth ad fhianais: oir labhair thusa e, a Thighearna Dhè, agus led bheannachadh beannaichear taigh do sheirbhisich gu bràth. Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad: agus ghlac Daibhidh Metegamah à làimh nam Philisteach. Agus bhuail e na Mòabaich, agus thomhais e iad le còrd, gan tilgeadh sìos gu làr: eadhon le dà chòrd thomhais e a thabhairt bàis, agus le aon chòrd iomlan a ghleidheadh beò. Agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tìodhlacan leo. Bhuail Daibhidh mar an ceudna Hadadeser mac Rehoib, rìgh Shobah, nuair a chaidh e a chosnadh a chrìche air a h‑ais aig abhainn Euphràtes. Agus thug Daibhidh uaithe mìle carbad, agus seachd ceud marcaiche, agus fichead mìle coisiche: agus gheàrr Daibhidh speirean eich nan carbad uile, ach dh’fhàg e dhiubh dìol ceud carbad. Agus nuair a thàinig Sirianaich Dhamascais a chuideachadh le Hadadeser rìgh Shobah, bhuail Daibhidh de na Sirianaich dà mhìle ar fhichead fear. An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascais: agus bha na Sirianaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad leo tìodhlacan: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e. Agus ghabh Daibhidh na sgiathan òir a bha aig seirbhisich Hadadeseir, agus thug e iad gu Ierusalem. Agus o Bhetah, agus o Bherotai, bailtean Hadadeseir, thug rìgh Daibhidh ro‑mhòran umha. Nuair a chuala Toi rìgh Hamait gun do bhuail Daibhidh sluagh Hadadeseir uile, An sin chuir Toi a mhac Ioram gu rìgh Daibhidh, a chur fàilte air, agus ga bheannachadh, a chionn gun do chog e ri Hadadeser, agus gun do bhuail e e: (oir bha cogadh aig Hadadeser ri Toi:) agus na làimh bha soithichean airgid, agus soithichean òir, agus soithichean umha. Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus ris an òr a choisrig e o na h‑uile chinnich a cheannsaich e; O Shiria, agus o Mhòab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec, agus o chreich Hadadeseir, mhic Rehoib, rìgh Shobah. Agus fhuair Daibhidh ainm dha fhèin, nuair a thill e o bhualadh nan Edomach ann an gleann an t‑salainn, ochd‐mìle‐deug fear. Agus chuir e freiceadain ann an Edom: air feadh Edoim uile chuir e freiceadain; agus bha na h‑Edomaich uile nan seirbhisich aig Daibhidh: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e. Agus rìghich Daibhidh air Israel uile; agus rinn Daibhidh breitheanas agus ceartas da shluagh uile. Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h‑armailte; agus bha Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh; Agus bha Sadoc mac Ahituib, agus Ahimelech mac Abiatair nan sagartan, agus Seraiah na sgrìobhaiche; Agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach agus nam Peleteach: agus bha mic Dhaibhidh nan àrd uachdarain. Agus thubhairt Daibhidh, A bheil fhathast neach air bith a dh’fhàgadh de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas airson Ionatain? Agus bha aig taigh Shauil seirbhiseach dam b’ainm Siba: agus nuair a ghairm iad e a‑chum Dhaibhidh, thubhairt an rìgh ris, An tusa Siba? Agus thubhairt esan, Is e do sheirbhiseach a tha ann. Agus thubhairt an rìgh, Nach eil fhathast neach air bith de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas Dhè? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Tha fhathast mac aig Ionatan a tha bacach. Agus thubhairt an rìgh ris, Càit a bheil e? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Feuch, tha e ann an taigh Mhachir, mac Amieil, ann an Lo‑debar. Agus chuir rìgh Daibhidh fios air, agus thug e e à taigh Mhachir, mac Amieil, o Lo‑debar. A‑nis nuair a thàinig Mephiboset, mac Ionatain, mac Shauil, a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air aghaidh, agus rinn e ùmhlachd. Agus thubhairt Daibhidh, A Mhephiboset! Agus fhreagair esan, Feuch, do sheirbhiseach. Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd‐sa an còmhnaidh. Agus chrom e e fhèin, agus thubhairt e, Cò e do sheirbhiseach, gun amhairceadh tusa air cù marbh, cosmhail riumsa? An sin ghairm an rìgh air Siba, òglach Shauil, agus thubhairt e ris, Gach nì a bhuineadh do Shaul, agus da thaigh uile, thug mi do mhac do mhaighistir. Agus treabhaidh tusa am fearann air a shon, thu fhèin, agus do mhic, agus do sheirbhisich, agus bheir thu a‑steach an toradh a‑chum gum bi biadh aig mac do mhaighistir a dh’itheas e: ach ithidh Mephiboset, mac do mhaighistir, aran an còmhnaidh air mo bhòrd‐sa. A‑nis bha aig Siba còig‐mic‐dheug agus fichead seirbhiseach. An sin thubhairt Siba ris an rìgh, A rèir gach nì a dh’àithn mo thighearna an rìgh da sheirbhiseach, mar sin nì do sheirbhiseach: a‑thaobh Mhephiboset, ithidh esan aig a bhòrd‐san, mar aon de mhic an rìgh. Agus bha aig Mephiboset mac òg dom b’ainm Micah: agus bha iadsan uile a ghabh còmhnaidh ann an taigh Shiba nan seirbhisich do Mhephiboset. Agus chòmhnaich Mephiboset ann an Ierusalem; oir dh’ith e an còmhnaidh aig bòrd an rìgh: agus bha e bacach air a dhà chois. Agus na dhèidh seo fhuair rìgh chloinn Amoin bàs, agus rìghich a mhac Hanun na àite. An sin thubhairt Daibhidh, Nochdaidh mi coibhneas do Hanun mac Nahais, mar a nochd a athair‐san dhòmhsa. Agus chuir Daibhidh uaithe a sheirbhisich, a thoirt sòlais dha airson a athar. Agus thàinig seirbhisich Dhaibhidh a‑steach do thìr chloinn Amoin. Agus thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, an tighearna, An saoil thu gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd‐sòlais? Nach ann a rannsachadh a’ bhaile, agus a ghabhail beachd air, agus ga sgrios, a chuir Daibhidh a sheirbhisich ad ionnsaigh? Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bheàrr e dhiubh leth am feusaig, agus gheàrr e an aodach anns a’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad. Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh chuir e daoine nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh. Agus nuair a chunnaic clann Amoin gu robh iad gràineil am fianais Dhaibhidh, chuir clann Amoin teachdairean uapa, agus thuarasdalaich iad Sirianaich Bhet‐rehoib, agus Sirianaich Shoba, fichead mìle coisiche, agus o rìgh Mhaacah mìle fear, agus o Istob dà‑mhìle‐dheug fear. Agus nuair a chuala Daibhidh sin, chuir e a‑mach Ioab, agus uile shluagh nan daoine treuna. Agus thàinig clann Amoin a‑mach, agus chuir iad an cath an òrdagh aig dol a‑steach a’ gheata: agus bha Sirianaich Shoba, agus Rehoib, agus Istoib, agus Mhaacah, leo fhèin anns a’ mhachair. Agus nuair a chunnaic Ioab gu robh aghaidh a’ chatha ris air a bheulaibh agus air a chùlaibh, thagh e a‑mach cuid de uile dhaoine taghte Israeil, agus chuir e ann an òrdagh catha iad an aghaidh nan Sirianach: Agus a’ chuid eile den t‑sluagh thug e thairis do làimh a bhràthar Abisai, a‑chum gun cuireadh e an òrdagh iad an aghaidh chloinn Amoin. Agus thubhairt e, Ma bhios na Sirianaich nas treasa na mise, an sin nì thusa còmhnadh riumsa; ach ma bhios clann Amoin nas treasa na thusa an sin thig mise a dhèanamh còmhnaidh leatsa. Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè; agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean. Agus thàinig Ioab am fagas, agus an sluagh a bha maille ris, gu cath an aghaidh nan Sirianach: agus theich iad roimhe. Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do theich na Sirianaich, an sin theich iadsan mar an ceudna ro Abisai, agus chaidh iad a‑steach don bhaile: agus thill Ioab o chloinn Amoin, agus thàinig e gu Ierusalem. Agus nuair a chunnaic na Sirianaich gun do bhuaileadh iad ro Israel, chruinnich iad iad fhèin an ceann a chèile. Agus chuir Hadadeser fios uaithe, agus thug e a‑mach na Sirianaich a bha air an taobh thall den abhainn, agus thàinig iad gu Helam; agus chaidh Sobach, ceannard armailt Hadareseir, romhpa. Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chruinnich e Israel uile an ceann a chèile, agus chaidh e thar Iòrdan, agus thàinig e gu Helam; agus chuir na Sirianaich iad fhèin an òrdagh catha an aghaidh Dhaibhidh, agus chog iad ris. Agus theich na Sirianaich ro Israel; agus mharbh Daibhidh de na Sirianaich fir sheachd ceud carbad, agus dà‑fhichead mìle marcaiche; agus bhuail e Sobach, ceannard an armailte, a fhuair bàs an sin. Agus nuair a chunnaic na rìghrean uile, a bha nan seirbhisich aig Hadareser, gun do bhuaileadh iad ro Israel, rinn iad sìth ri Israel, agus rinn iad seirbhis dhaibh. Agus bha eagal air na Sirianaich còmhnadh a dhèanamh tuilleadh ri cloinn Amoin. Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cath, chuir Daibhidh uaithe Ioab, agus a sheirbhisich maille ris, agus Israel uile, agus sgrios iad clann Amoin, agus theannaich iad Rabah: ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem. Agus thachair e mu fheasgar gun d’èirich Daibhidh bhàrr a leapa, agus gu robh e a’ spaisdearachd air mullach taigh an rìgh: agus on mhullach chunnaic e bean ga nighe fhèin: agus bha a’ bhean ro‑mhaiseach ri sealltainn oirre. Agus chuir Daibhidh fios, agus dh’fheòraich e mu thimcheall na mnà: agus thubhairt neach, Nach i seo Bat‐sèba nighean Eliam, bean Uriah an t‑Hiteach? Agus chuir Daibhidh uaithe teachdairean, agus ghabh e i; agus thàinig i a‑steach da ionnsaigh, agus laigh e leatha; (oir bha i air a glanadh o a neòghlaine;) agus thill i da taigh fhèin. Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus chuir i fios uaipe, agus dh’innis i do Dhaibhidh, agus thubhairt i, Tha mi torrach. Agus chuir Daibhidh fios uaithe gu Ioab, ag ràdh, Cuir am ionnsaigh Uriah an t‑Hiteach. Agus chuir Ioab Uriah a dh’ionnsaigh Dhaibhidh. Agus nuair a thàinig Uriah da ionnsaigh, dh’fheòraich Daibhidh dheth cionnas a bha Ioab, agus cionnas a bha an sluagh, agus cionnas a chaidh an cogadh air aghaidh. Agus thubhairt Daibhidh ri Uriah, Imich sìos dod thaigh, agus nigh do chasan. Agus chaidh Uriah a‑mach à taigh an rìgh, agus chuireadh na dhèidh lòn bìdh on rìgh. Ach laigh Uriah aig doras taigh an rìgh, maille ri uile sheirbhisich a thighearna, agus cha deachaidh e sìos da thaigh. Agus nuair a dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, Cha deachaidh Uriah sìos da thaigh, thubhairt Daibhidh ri Uriah, Nach ann od thuras a thàinig thu? Carson matà nach deachaidh tu sìos dod thaigh? Agus thubhairt Uriah ri Daibhidh, Tha an àirc, agus Israel, agus Iùdah a’ fantainn ann am pàilleanan; agus tha mo thighearna, Ioab, agus seirbhisich mo thighearna, air campachadh air aghaidh na machrach; an tèid mise matà a‑steach dom thaigh, a dh’ithe, agus a dh’òl, agus a laighe lem mhnaoi? Mar as beò thusa, agus mar as beò d’anam, cha dèan mi an nì seo. Agus thubhairt Daibhidh ri Uriah, Fan an seo mar an ceudna an‑diugh, agus a‑màireach leigidh mi leat imeachd. Agus dh’fhan Uriah ann an Ierusalem an là sin, agus an là màireach. Agus ghairm Daibhidh air, agus dh’ith agus dh’òl e na fhianais, agus chuir e air mhisg e; ach chaidh e a‑mach mu fheasgar a laighe na leabaidh maille ri seirbhisich a thighearna, agus da thaigh fhèin cha deachaidh e sìos. Agus anns a’ mhadainn sgrìobh Daibhidh litir a dh’ionnsaigh Ioaib, agus chuir e i le làimh Uriah. Agus sgrìobh e anns an litir, ag ràdh, Cuiribh Uriah mu choinneamh a’ chatha as dèine, agus tillibh fhèin o a chùlaibh, a‑chum gum buailear e, agus gum faigh e bàs. Agus nuair a ghabh Ioab beachd air a’ bhaile, dh’òrdaich e Uriah a dh’ionnsaigh àite anns an robh fhios aige gu robh daoine gaisgeil. Agus chaidh fir a’ bhaile a‑mach, agus chog iad ri Ioab; agus thuit cuid den t‑sluagh, de sheirbhisich Dhaibhidh; agus fhuair Uriah an t‑Hiteach bàs mar an ceudna. An sin chuir Ioab fios uaithe, agus dh’innis e do Dhaibhidh gach nì a thachair anns a’ chath: Agus dh’àithn e don teachdaire, ag ràdh, Nuair a chuireas tu crìoch air gach nì a thachair anns a’ chath innse don rìgh, Agus ma thachras gun èirich fearg an rìgh, agus gun abair e riut, Carson a chaidh sibh teann air a’ bhaile a chathachadh? Nach robh fhios agaibh gun tilgeadh iad on bhalla? Cò a bhuail Abimelech mac Ierubeseit? Nach do thilg bean mìr de chloich‐mhuilinn air on bhalla, air chor is gun d’fhuair e bàs ann an Tebes? Carson a chaidh sibh teann air a’ bhalla? An sin their thusa, Tha do sheirbhiseach, Uriah an t‑Hiteach, marbh mar an ceudna. Agus dh’imich an teachdaire, agus thàinig agus dh’innis e do Dhaibhidh gach nì mun do chuir Ioab air falbh e. Agus thubhairt an teachdaire ri Daibhidh, Gu deimhinn bhuadhaich na daoine oirnn, agus thàinig iad a‑mach dar n‑ionnsaigh anns a’ mhachair agus chuir sinn an ruaig orra eadhon gu dol a‑steach a’ gheata. Agus thilg na fir‐bhogha air do sheirbhisich on bhalla, agus tha cuid de sheirbhisich an rìgh marbh, agus tha do sheirbhiseach, Uriah an t‑Hiteach, marbh mar an ceudna. An sin thubhairt Daibhidh ris an teachdaire, Mar seo their thu ri Ioab, Na biodh an nì seo olc ad shùilean; oir cuiridh an claidheamh as do aon duine cho math is do dhuine eile: dèan do chath nas treasa an aghaidh a’ bhaile, agus sgrios e, agus thoir misneach dha. Agus nuair a chuala bean Uriah gun d’fhuair a fear Uriah bàs, rinn i caoidh airson a fir. Agus nuair a bha am bròn thairis, chuir Daibhidh fios oirre, agus thug e i a dh’ionnsaigh a thaighe, agus bha i na mnaoi aige, agus rug i mac dha: ach bha an nì a rinn Daibhidh olc ann an sùilean an Tighearna. Agus chuir an Tighearna Nàtan a dh’ionnsaigh Dhaibhidh; agus nuair a thàinig e da ionnsaigh, thubhairt e ris, Bha dithis fhear ann an aon bhaile, fear dhiubh beartach, agus am fear eile bochd. Aig an duine bheartach bha ro‑mhòran chaorach agus cruidh: Ach aig an duine bhochd cha robh nì sam bith ach aon uan beag boireann a cheannaich e agus a bheathaich e: agus dh’fhàs e suas maille ris fhèin, agus maille ra chloinn; dh’ith e de a ghreim fhèin, agus dh’òl e as a chupan fhèin, agus laigh e na uchd, agus bha e dha mar nighinn. Agus thàinig fear‐turais a dh’ionnsaigh an duine bheartaich, agus chaomhain e gabhail de a chaoraich fhèin, agus de a chrodh fhèin, a dheasachadh airson an fhir‐turais a thàinig da ionnsaigh, ach ghabh e uan an duine bhochd, agus dheasaich e e don fhear a thàinig da ionnsaigh. Agus las fearg Dhaibhidh an aghaidh an duine gu mòr; agus thubhairt e ri Nàtan, Mar as beò an Tighearna, gu cinnteach cuirear gu bàs am fear a rinn an nì seo: Agus dìolaidh e an t‑uan ceithir uairean, do bhrìgh gun do rinn e an nì seo, agus a chionn nach do chaomhain e. Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Is tusa an duine. Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Dh’ung mise thu ad rìgh os cionn Israeil, agus shaor mi thu à làimh Shauil: Agus thug mi dhut taigh do mhaighistir, agus mnathan do mhaighistir ann ad uchd, agus thug mi dhut taigh Israeil agus Iùdah; agus nam bu bheag sin, bheirinn dhut cuideachd an leithid seo agus an leithid siud de nithean. Carson a rinn thu tàir air àithne an Tighearna, le olc a dhèanamh na fhianais? Uriah an Hiteach bhuail thu leis a’ chlaidheamh, agus a bhean ghabh thu na mnaoi dhut fhèin, agus esan mharbh thu le claidheamh chloinn Amoin. A‑nis uime sin cha dealaich an claidheamh rid thaigh gu bràth, do bhrìgh gun do rinn thu tàir orm, agus gun do ghabh thu bean Uriah an t‑Hiteach gu bhith na mnaoi dhut fhèin. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, togaidh mise suas olc ann ad aghaidh as do thaigh fhèin; agus gabhaidh mi do mhnathan fa chomhair do shùl, agus bheir mi iad dod choimhearsnach, agus laighidh e led mhnathan ann an sealladh na grèine seo: Oir rinn thusa e gu diamhair; ach nì mise an nì seo am fianais Israeil uile, agus am fianais na grèine. Agus thubhairt Daibhidh ri Nàtan, Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna. Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Mar an ceudna chuir an Tighearna air falbh do pheacadh: chan fhaigh thu bàs. Gidheadh, a chionn leis a’ ghnìomh seo gun tug thu air naimhdean an Tighearna mòr‐thàir a dhèanamh air, gheibh mar an ceudna am mac a rugadh dhut gu cinnteach bàs. Agus dh’fhalbh Nàtan da thaigh fhèin: agus bhuail an Tighearna an leanabh a rug bean Uriah do Dhaibhidh, agus bha e ro‑thinn. Uime sin ghuidh Daibhidh air Dia airson an leinibh; agus thraisg Daibhidh, agus chaidh e a‑steach, agus laigh e rè na h‑oidhche air an talamh. Agus thàinig seanairean a thaighe da ionnsaigh, ga thogail suas on talamh: ach cha b’àill leis, cha mhò a dh’ith e aran maille riu. Agus air an t‑seachdamh là fhuair an leanabh bàs; agus bha eagal air seirbhisich Dhaibhidh innse dha gu robh an leanabh marbh: oir thubhairt iad, Feuch, nuair a bha an leanabh fhathast beò, labhair sinn ris, agus chan èisdeadh e ri ar guth: cionnas matà, ma dh’innseas sinn dha gu bheil an leanabh marbh, a chràidheas e e fhèin? Ach nuair a chunnaic Daibhidh gu robh a sheirbhisich ri cagarsaich, thuig Daibhidh gu robh an leanabh marbh: uime sin thubhairt Daibhidh ra sheirbhisich, A bheil an leanabh marbh? Agus thubhairt iadsan, Tha e marbh. An sin dh’èirich Daibhidh on talamh, agus dh’ionnlaid agus dh’ung e e fhèin, agus mhùth e a aodach, agus chaidh e a‑steach do thaigh an Tighearna, agus rinn e adhradh: an sin thàinig e da thaigh fhèin, agus nuair a dh’iarr e, chuir iad aran fa chomhair, agus dh’ith e. An sin thubhairt a sheirbhisich ris, Ciod e an nì seo a rinn thu? Airson an leinibh, nuair a bha e beò, thraisg thu agus ghuil thu: ach nuair a dh’eug an leanabh, dh’èirich thu agus dh’ith thu aran. Agus thubhairt esan, Nuair a bha an leanabh fhathast beò, thraisg mi agus ghuil mi: oir thubhairt mi, Cò aig a bheil fhios nach gabh Dia truas rium, agus nach mair an leanabh beò? Ach a‑nis o fhuair e bàs, carson a thraisginn? An urrainn mi a thabhairt air ais tuilleadh? Thèid mise da ionnsaigh‐san, ach cha till esan am ionnsaigh‐sa. Agus thug Daibhidh sòlas da mhnaoi Bat‐sèba, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh, agus laigh e leatha: agus rug i mac, agus thug e Solamh mar ainm air; agus ghràdhaich an Tighearna e. Agus chuir e fios le làimh an fhàidh Nàtan, agus thug e Iedidiah mar ainm air, airson an Tighearna. Agus chog Ioab an aghaidh Rabah chloinn Amoin, agus ghlac e am baile rìoghail. Agus chuir Ioab teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thubhairt e, Chog mi an aghaidh Rabah, agus ghlac mi baile nan uisgeachan. A‑nis uime sin cruinnich a’ chuid eile den t‑sluagh, agus campaich an aghaidh a’ bhaile, agus glac e, air eagal gun glac mise am baile, agus gun toirear m’ainm fhèin air. Agus chruinnich Daibhidh an sluagh uile cuideachd, agus chaidh e gu Rabah, agus chog e na aghaidh, agus ghlac e e. Agus thug e crùn an rìgh bhàrr a chinn, (agus b’e a chudthrom tàlann òir, maille ris na clachan luachmhor,) agus chuireadh e air ceann Dhaibhidh: agus thug e a‑mach creach a’ bhaile ann am mòr‐phailteas. Agus thug e a‑mach an sluagh a bha ann, agus chuir e iad fo shàbhan, agus fo innealan‐bualaidh iarainn, agus fo thuaghan iarainn, agus thug e orra dol tro àth nan clachan‐creadha; agus mar seo rinn e ri uile bhailtean chloinn Amoin. Agus thill Daibhidh agus an sluagh uile gu Ierusalem. Agus thachair an dèidh seo gu robh aig Absalom mac Dhaibhidh piuthar mhaiseach dom b’ainm Tàmar; agus ghràdhaich Amnon mac Dhaibhidh i. Agus bha Amnon ann an airc cho mòr is gun d’fhàs e tinn airson a pheathar Tàmar; oir b’òigh i, agus bha e cruaidh ann an sùilean Amnoin nì sam bith a dhèanamh oirre. Ach bha aig Amnon caraid dom b’ainm Ionadab, mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh: agus bha Ionadab na dhuine ro‑sheòlta. Agus thubhairt e ris, Carson a tha thusa, agus gur mac don rìgh thu, tana mar seo o là gu là? Nach innis thu dhòmhsa? Agus thubhairt Amnon ris, Tha gràdh agam air Tàmar, piuthar mo bhràthar Absalom. Agus thubhairt Ionadab ris, Laigh sìos air do leabaidh, agus leig ort a bhith tinn; agus nuair a thig d’athair gad fhaicinn, their thu ris, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tàmar, agus thugadh i biadh dhomh, agus deasaicheadh i am biadh am fhianais, a‑chum gum faic mi e, agus gun ith mi as a làimh e. Agus laigh Amnon sìos, agus leig e air a bhith tinn; agus nuair a thàinig an rìgh ga fhaicinn, thubhairt Amnon ris an rìgh, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tàmar, agus dèanadh i dà bhreacaig am fhianais, a‑chum gun ith mi as a làimh. An sin chuir Daibhidh fios dhachaigh a dh’ionnsaigh Thàmair, ag ràdh, Imich a‑nis gu taigh do bhràthar, Amnon, agus deasaich dha biadh. Agus chaidh Tàmar do thaigh a bràthar, Amnon, (agus bha esan na laighe,) agus ghabh i min mhìn, agus thaoisinn i i, agus rinn i breacagan na fhianais, agus bhruith i na breacagan. Agus ghabh i aghann, agus thaom i a‑mach iad na fhianais, ach dhiùlt esan ithe. Agus thubhairt Amnoin, Thugaibh a‑mach gach duine uam; agus thug iad a‑mach gach duine uaithe. Agus thubhairt Amnon ri Tàmar, Thoir am biadh a‑steach don t‑seòmar, a‑chum gun ith mi as do làimh. Agus ghabh Tàmar na breacagan a rinn i, agus thug i iad don t‑seòmar a dh’ionnsaigh a bràthar, Amnon. Agus nuair a thug i iad da ionnsaigh a‑chum an ithe, rug e oirre, agus thubhairt e rithe, Thig, laigh leam, a phiuthar. Agus fhreagair i e, Chan eadh, a bhràthair, na èignich mi; oir cha chòir a leithid seo a bhith air a dhèanamh ann an Israel: na dèan‐sa an amaideachd seo. Agus mise, càit an cuir mi air falbh mo mhasladh? Agus air do shon‐sa, bidh tu mar aon de na h‑amadain ann an Israel: a‑nis uime sin labhair, guidheam ort, ris an rìgh; oir cha chùm e uat mi. Gidheadh, chan èisdeadh esan ra guth; ach a chionn gum bu treasa e na ise, dh’èignich e i, agus laigh e leatha. An sin dh’fhuathaich Amnon i le fuath ro‑mhòr, air chor is gum bu mhò am fuath leis an d’fhuathaich e i na an gràdh leis an do ghràdhaich e i: agus thubhairt Amnon rithe, Eirich, bi ag imeachd. Agus thubhairt ise ris, Na biodh e mar sin, a bhràthair; oir is mò an t‑olc seo nam chur air falbh na an t‑olc eile a rinn thu orm: ach chan èisdeadh esan rithe. An sin ghairm e air a òglach a fhritheil dha, agus thubhairt e, Cuir a‑nis a’ bhean seo a‑mach uam, agus cuir an crann air an doras na dèidh. Agus bha trusgan iomadh‐dathach oirre; oir le a leithid seo de dheise bha nigheanan an rìgh, a bha nan òighean, air an sgeadachadh. An sin thug a sheirbhiseach a‑mach i, agus chrann e an doras na dèidh. Agus chuir Tàmar luath air a ceann, agus reub i an trusgan iomadh‐dathach a bha oirre, agus chuir i a làmh air a ceann, agus chaidh i air falbh a’ glaodhaich. Agus thubhairt a bràthair Absalom rithe, An robh do bhràthair Amnon maille riut? Ach a‑nis, a phiuthar, bi ad thosd; is e do bhràthair e; na cuireadh an nì seo smuairean ort. Agus dh’fhan Tàmar gu h‑aonaranach ann an taigh a bràthar Absalom. Ach nuair a chuala rìgh Daibhidh na nithean seo uile, bha fearg ro‑mhòr air. Agus cha do labhair Absalom ri Amnon aon chuid olc no math: oir dh’fhuathaich Absalom Amnon, a chionn gun d’èignich e a phiuthar Tàmar. Agus thachair an dèidh dà bhliadhna iomlan gu robh aig Absalom luchd‐lomairt chaorach ann am Bàal‐hasor, a tha làimh ri Ephraim: agus thug Absalom cuireadh do mhic an rìgh uile. Agus thàinig Absalom a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt e, Feuch a‑nis, tha luchd‐lomairt chaorach aig do sheirbhiseach; thigeadh, guidheam ort, an rìgh agus a sheirbhisich maille rid sheirbhiseach. Agus thubhairt an rìgh ri Absalom, Chan eadh, a mhic, na rachamaid uile a‑nis, a‑chum nach bi sinn trom ort. Agus chuir e impidh air: gidheadh cha b’àill leis imeachd, ach bheannaich e e. An sin thubhairt Absalom, Mura tig thu fhèin, thigeadh, guidheam ort, mo bhràthair Amnon maille rinn. Agus thubhairt an rìgh, Carson a rachadh e maille riut? Ach chuir Absalom impidh air; agus leig e le Amnon agus mic an rìgh uile dol maille ris. A‑nis dh’àithn Absalom da òglaich, ag ràdh, Thugaibh fa‑near a‑nis nuair a bhios cridhe Amnoin subhach le fìon, agus nuair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? Bithibh misneachail, agus bithibh treun. Agus rinn òglaich Absaloim ri Amnon mar a dh’àithn Absalom: an sin dh’èirich mic an rìgh uile, agus chaidh gach fear dhiubh air a mhuileid, agus theich iad. Agus nuair a bha iad air an t‑slighe, thàinig sgeul a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Bhuail Absalom mic an rìgh uile, agus cha d’fhàgadh aon dhiubh beò. An sin dh’èirich an rìgh, agus reub e a aodach, agus laigh e air an talamh; agus sheas a sheirbhisich uile làimh ris len aodach reubte. Agus fhreagair Ionadab mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh, agus thubhairt e, Na smaoinicheadh mo thighearna gun do mharbh iad na h‑òganaich uile, mic an rìgh; oir tha Amnon a‑mhàin marbh: oir le Absalom shuidhicheadh an nì seo, on là anns an d’èignich e a phiuthar Tàmar. Agus a‑nis na gabhadh mo thighearna an rìgh an nì thuige da chridhe, a’ smaoineachadh gu bheil mic an rìgh uile marbh; oir tha Amnon a‑mhàin marbh. Ach theich Absalom. Agus thog an t‑òganach a bha a’ gleidheadh na faire a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha mòran sluaigh a’ teachd air an t‑slighe air a chùlaibh o thaobh an t‑slèibh. Agus thubhairt Ionadab ris an rìgh, Feuch, tha mic an rìgh a’ teachd: a rèir facal do sheirbhisich, mar sin tha e. Agus cho luath is a sguir e de labhairt, feuch, thàinig mic an rìgh, agus thog iad suas an guth agus ghuil iad: agus ghuil mar an ceudna an rìgh, agus a sheirbhisich uile, le gul ro‑mhòr. Ach theich Absalom, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Thalmai, mac Amihuid, rìgh Ghesuir: agus chuala Daibhidh sin, agus rinn e caoidh airson a mhic gach aon là. Mar sin theich Absalom, agus chaidh e do Ghesur, agus bha e an sin trì bliadhna. Agus mhiannaich anam rìgh Daibhidh dol a‑mach a dh’ionnsaigh Absaloim: oir fhuair e comhfhurtachd a‑thaobh bàs Amnoin. Agus thuig Ioab, mac Sheruiah, gu robh cridhe an rìgh air Absalom. Agus chuir Ioab fios gu Tecòah, agus thug e as a sin bean ghlic, agus thubhairt e rithe, Leig ort a bhith ri bròn, guidheam ort, agus cuir ort a‑nis aodach bròin, agus na ung thu fhèin le ola, ach bi mar mhnaoi a tha a‑nis fada ri bròn airson mairbh: Agus thèid thu a dh’ionnsaigh an rìgh, agus labhraidh tu ris air an dòigh seo. Agus chuir Ioab na facail na beul. Agus thàinig a’ bhean o Thecòah a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thuit i air a h‑aghaidh gu làr, agus rinn i ùmhlachd, agus thubhairt i, Cobhair orm, a rìgh! Agus thubhairt an rìgh rithe, Ciod a tha a’ tighinn riut? Agus fhreagair ise, Gu deimhinn is bantrach mi; oir fhuair m’fhear bàs. Agus bha aig do bhanoglaich dithis mhac, agus chaidh iad a‑mach air a chèile anns an achadh, agus cha robh neach ann a chuireadh eatorra: agus bhuail fear dhiubh am fear eile, agus mharbh e e. Agus, feuch, dh’èirich an teaghlach uile an aghaidh do bhanoglaich, agus thubhairt iad, Thoir seachad esan a bhuail a bhràthair, a‑chum gum marbh sinn e airson anam a bhràthar a mharbh e, agus gum marbh sinn an t‑oighre mar an ceudna: agus mar sin mùchaidh iad m’èibhleag a dh’fhàgadh, air chor is nach fàg iad aig m’fhear aon chuid ainm no iarmad air aghaidh na talmhainn. Agus thubhairt an rìgh ris a’ mhnaoi, Imich a dh’ionnsaigh do thaighe, agus bheir mise àithne mud thimcheall. Agus thubhairt a’ bhean o Thecòah ris an rìgh, Ormsa, a thighearna, a rìgh, biodh am peacadh, agus air taigh m’athar; agus biodh an rìgh agus a rìgh‐chathair neo‐chiontach. Agus thubhairt an rìgh, Ge bè neach a their nì sam bith riut, thoir am ionnsaigh‐sa e, agus cha bhean e riut nas mò. An sin thubhairt ise, Cuimhnicheadh, guidheam ort, an rìgh an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bi dìoghaltairean na fala lìonmhor gu sgrios, agus nach marbh iad mo mhac. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròinneag de fhalt do mhic gu làr. An sin thubhairt a’ bhean, Labhradh, guidheam ort, do bhanoglach aon fhacal rim thighearna, an rìgh. Agus thubhairt esan, Abair romhad. Agus thubhairt a’ bhean, Carson matà a smaoinich thu a leithid seo de nì an aghaidh sluagh Dhè? Oir tha an rìgh a’ labhairt an nì seo mar neach a tha ciontach, a chionn nach eil an rìgh a’ toirt a fhògarraich air ais. Oir bàsaichidh sinn gu deimhinn, agus tha sinn mar uisge a dhòirteadh air an talamh, agus nach cruinnichear a‑rìs: gidheadh chan àill le Dia beatha a thoirt air falbh, ach smaoinichidh e air meadhonan a‑chum nach fògair e a fhògarrach gu tur uaithe. Agus a‑nis gu bheil mi air teachd a labhairt rim thighearna an rìgh mun nì seo, is ann a chionn gun do chuir an sluagh eagal orm: agus thubhairt do bhanoglach, Labhraidh mi a‑nis ris an rìgh: theagamh gun dèan an rìgh iarrtas a bhanoglaich. Oir èisdidh an rìgh, a shaoradh a bhanoglaich à làimh an duine, leis am b’àill mi fhèin agus mo mhac a sgrios le chèile a‑mach à oighreachd Dhè. An sin thubhairt do bhanoglach, Bidh facal mo thighearna an rìgh a‑nis sòlasach: oir mar aingeal Dhè, mar sin tha mo thighearna an rìgh a thuigsinn maith agus uilc: agus bidh an Tighearna do Dhia maille riut. Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Na ceil orm, guidheam ort, an nì a dh’fheòraicheas mi dhìot. Agus thubhairt a’ bhean, Labhradh a‑nis mo thighearna an rìgh. Agus thubhairt an rìgh, Nach eil làmh Ioaib maille riut anns an nì seo uile? Agus fhreagair a’ bhean agus thubhairt i, Mar as beò d’anam, a thighearna, a rìgh, chan eil claonadh sam bith a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe ann an nì air bith a labhair mo thighearna, an rìgh: oir do sheirbhiseach Ioab, is esan a chuir ann am beul do bhanoglaich na briathran seo uile: A thoirt mun cuairt a leithid seo de chainnt, rinn do sheirbhiseach Ioab an nì seo: agus tha mo thighearna glic, a rèir gliocas aingeal Dhè, a thuigsinn gach nì a tha air an talamh. Agus thubhairt an rìgh ri Ioab, Feuch a‑nis, rinn mi an nì seo: imich matà, thoir air ais an t‑òganach Absalom. Agus thuit Ioab air a aghaidh gu làr, agus chrom e e fhèin, agus bheannaich e don rìgh: agus thubhairt Ioab, An‑diugh tha fhios aig do sheirbhiseach gun d’fhuair mi deagh‐ghean ad shùilean, mo thighearna, a rìgh; oir rinn an rìgh iarrtas a sheirbhisich. Agus dh’èirich Ioab agus chaidh e gu Gesur, agus thug e Absalom gu Ierusalem. Agus thubhairt an rìgh, Tilleadh e a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin, agus na faiceadh e mo ghnùis‐sa. Agus thill Absalom a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin, agus chan fhaca e gnùis an rìgh. Ach ann an Israel uile cha robh duine cho maiseach ri Absalom: bha e ri mholadh gu mòr: o bhonn a choise gu ruig mullach a chinn cha robh smal air bith air. Agus nuair a bheàrr e falt a chinn, (oir b’ann aig ceann gach bliadhna a bheàrr e e; a chionn gu robh e trom air, uime sin bheàrr e e,) chothromaich e falt a chinn aig dà cheud secel, a rèir tomhas an rìgh. Agus rugadh do Absalom triùir mhac, agus aon nighean dom b’ainm Tàmar: bha i na mnaoi sgiamhaich na gnùis. Agus ghabh Absalom còmhnaidh ann an Ierusalem dà bhliadhna iomlan, agus chan fhaca e gnùis an rìgh. Uime sin chuir Absalom fios air Ioab, a‑chum a chur a dh’ionnsaigh an rìgh; ach cha b’àill leis teachd da ionnsaigh: agus nuair a chuir e fios a‑rìs an dara uair, cha b’àill leis teachd. Uime sin thubhairt e ra sheirbhisich, Faicibh achadh Ioaib làimh rim achadh‐sa, agus eòrna aige an sin; rachaibh, agus cuiribh ri theine e. Agus chuir seirbhisich Absaloim an t‑achadh ri theine. An sin dh’èirich Ioab, agus thàinig e a dh’ionnsaigh Absaloim da thaigh, agus thubhairt e ris, Carson a chuir do sheirbhisich m’achadh ri theine? Agus fhreagair Absalom Ioab, Feuch, chuir mi fios ad ionnsaigh, ag ràdh, Thig an seo, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh an rìgh, a ràdh, Carson a thàinig mi o Ghesur? Bu mhath dhòmhsa gum bithinn fhathast an sin: a‑nis matà faiceam gnùis an rìgh; agus ma tha eu‑ceart sam bith annam, thugadh e fa‑near mo mharbhadh. Uime sin thàinig Ioab a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’innis e sin dha: agus ghairm e air Absalom, agus thàinig e a dh’ionnsaigh an rìgh, agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr am fianais an rìgh; agus phòg an rìgh Absalom. Agus an dèidh seo dh’ullaich Absalom dha fhèin carbadan, agus eich, agus leth‐cheud fear gu ruith roimhe. Agus dh’èirich Absalom gu moch, agus sheas e làimh ri slighe a’ gheata; agus nuair a thigeadh neach air bith aig an robh cùis‐lagha a dh’ionnsaigh an rìgh a‑chum breitheanais, an sin ghairmeadh Absalom air, agus theireadh e, Ciod am baile as a bheil thu? Agus theireadh esan, O aon de threubhan Israeil tha do sheirbhiseach. Agus theireadh Absalom ris, Feuch, tha d’fhacail math agus ceart; ach chan eil neach air bith ann air òrdachadh leis an rìgh gu èisdeachd riut. Theireadh Absalom cuideachd, O nach robh mise air mo shuidheachadh am bhritheamh anns an tìr, a‑chum am ionnsaigh‐sa gun tigeadh gach duine aig a bheil còmhstri no cùis‐lagha, agus dhèanainn ceartas dha! Agus nuair a thigeadh duine sam bith am fagas dha a dhèanamh ùmhlachd dha, chuireadh e a‑mach a làmh, agus bheireadh e air, agus phògadh e e. Agus air an dòigh seo rinn Absalom ri Israel uile a thàinig a‑chum breitheanais a dh’ionnsaigh an rìgh: agus ghoid Absalom cridheachan daoine Israeil. Agus an ceann ceithir bliadhna thubhairt Absalom ris an rìgh, Leig dhomh imeachd, guidheam ort, agus mo bhòid a dhìoladh a bhòidich mi don Tighearna ann an Hebron. Oir bhòidich do sheirbhiseach bòid nuair a bha mi am chòmhnaidh ann an Gesur ann an Siria, ag ràdh, Ma bheir an Tighearna mi gu dearbh a‑rìs gu Ierusalem, an sin nì mi seirbhis don Tighearna. Agus thubhairt an rìgh ris, Imich ann an sìth. Agus dh’èirich e, agus chaidh e gu Hebron. Ach chuir Absalom luchd‐bratha air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Cho luath is a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin their sibh, Tha Absalom na rìgh ann an Hebron. Agus maille ri Absalom chaidh dà cheud fear a‑mach à Ierusalem, a ghairmeadh, agus dh’imich iad ann an treibhdhireas an cridhe, agus cha robh fhios nì sam bith aca. Agus chuir Absalom fios air Ahitophel an Gilonach, comhairliche Dhaibhidh, o a bhaile, eadhon o Ghiloh, nuair a bha e ag ìobradh ìobairtean: agus bha a’ cheannairc làidir; oir bha an sluagh a’ sìor dhol an lìonmhorachd maille ri Absalom. Agus thàinig teachdaire a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha cridheachan fir Israeil an dèidh Absaloim. Agus thubhairt Daibhidh ra sheirbhisich uile a bha maille ris ann an Ierusalem, Eiribh, agus teicheamaid; oir mura dèan sinn sin, cha bhi dol as againn o aghaidh Absaloim; greasaibh agus imichibh, air eagal gun dèan e cabhag, agus gum beir e oirnn, agus gun tarraing e olc oirnn, agus gum buail e am baile le faobhar a’ chlaidheimh. Agus thubhairt seirbhisich an rìgh ris an rìgh, A rèir gach nì as àill lem thighearna, an rìgh, feuch, nì do sheirbhisich. Agus chaidh an rìgh a‑mach, agus a theaghlach uile na dhèidh: a‑mhàin dh’fhàg an rìgh deichnear bhan a bha nan coileabaich aige, a ghleidheadh an taighe. Agus chaidh an rìgh a‑mach, agus an sluagh uile na dhèidh, agus dh’fhan iad ann an àit a bha fad as. Agus chaidh a sheirbhisich uile thairis làimh ris; agus chaidh na Ceretich uile, agus na Peletich uile, agus na Gitich uile, sia ceud fear a thàinig na dhèidh o Ghat, thairis ron rìgh. Agus thubhairt an rìgh ri Itai an Giteach, Carson a tha thusa mar an ceudna a’ dol maille rinne? Till gud àite, agus fan maille ris an rìgh; oir is coigreach thu, agus mar an ceudna fògarrach od àite fhèin. An‑dè a‑mhàin thàinig thu, agus an‑diugh an toir mise ort dol air faondradh maille rinne? Oir thèid mise an taobh a tha mi gu dol: till thusa, agus thoir air an ais do bhràithrean leat; agus gun nochdadh an Tighearna dhut tròcair agus fìrinn. Agus fhreagair Itai an rìgh, agus thubhairt e, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò mo thighearna, an rìgh, gu cinnteach ge bè àit anns am bi mo thighearna, an rìgh, mas ann a‑chum bàis no a‑chum beatha, eadhon an sin bidh do sheirbhiseach. An sin thubhairt Daibhidh ri Itai, Imich, agus gabh thairis. Agus chaidh Itai an Giteach thairis, agus a dhaoine uile, agus a’ chlann bheag uile a bha maille ris. Agus ghuil an tìr uile le guth àrd, agus chaidh an sluagh uile thairis; chaidh an rìgh cuideachd thairis air sruth Chidroin, agus chaidh an sluagh uile thairis an làimh na slighe don fhàsach. Agus, feuch, bha Sadoc mar an ceudna, agus na Lèbhithich uile maille ris, a’ giùlan àirc coicheangal Dhè, agus shuidhich iad àirc Dhè: agus chaidh Abiatar suas, gus an do sguir an sluagh uile de dhol a‑mach as a’ bhaile. Agus thubhairt an rìgh ri Sadoc, Thoir air a h‑ais àirc Dhè don bhaile; ma gheibh mi deagh‐ghean ann an sùilean an Tighearna bheir e air m’ais mi, agus nochdaidh e dhomh e fhèin, agus a àite‐còmhnaidh. Ach ma their e mar seo, Chan eil tlachd agam annad; feuch, tha mise an seo, dèanadh e rium mar as math leis. Thubhairt an rìgh mar an ceudna ri Sadoc an sagart, Nach fear‐seallaidh thusa? Till don bhaile ann an sìth, agus Ahimas do mhac fhèin, agus Ionatan mac Abiatair, ur dithis mhac maille ribh. Faicibh, fanaidh mise ann an còmhnardan an fhàsaich, gus an tig facal uaibhse a thoirt fios dhomh. Uime sin thug Sadoc agus Abiatar àirc Dhè a‑rìs gu Ierusalem; agus dh’fhan iad an sin. Agus chaidh Daibhidh suas ri uchdaich Sliabh nan Crann‐ola, a’ dol suas agus a’ gul, agus a cheann còmhdaichte, agus e ag imeachd cas‐ruisgte: agus chòmhdaich an sluagh uile a bha maille ris, gach fear dhiubh, a cheann, agus chaidh iad suas, ag imeachd agus a’ gul. Agus dh’innis neach do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Ahitophel am measg an luchd‐ceannairc maille ri Absalom. Agus thubhairt Daibhidh, Tionndaidh, a Thighearna, guidheam ort, comhairle Ahitopheil gu amaideachd. Agus nuair a thàinig Daibhidh gu mullach an t‑slèibh, far an do rinn e adhradh do Dhia, feuch, thàinig Husai an t‑Arcach na choinneamh, le a chòta reubte, agus ùir air a cheann. Agus thubhairt Daibhidh ris, Ma thèid thu thairis maille riumsa, an sin bidh tu ad eallaich orm. Ach ma thilleas tu don bhaile, agus ma their thu ri Absalom, Bidh mise am sheirbhiseach dhut, a rìgh; bu sheirbhiseach dod athair mi gu ruige seo, agus a‑nis bidh mi mar an ceudna am sheirbhiseach dhutsa; an sin bheir thu air mo shon‐sa comhairle Ahitopheil gu neoni. Agus nach eil maille riut an sin Sadoc agus Abiatar na sagartan? Agus gach facal a chluinneas tu à taigh an rìgh, innsidh tu e do Shadoc agus do Abiatar na sagartan. Feuch, tha an sin maille riu an dithis mhac, Ahimaas mac Shadoic, agus Ionatan mac Abiatar: len làimh‐san cuiridh sibh am ionnsaigh‐sa gach facal a chluinneas sibh. Uime sin thàinig Husai caraid Dhaibhidh don bhaile, agus thàinig Absalom gu Ierusalem. Agus nuair a chaidh Daibhidh beagan thar mullach an t‑slèibh, feuch, thàinig Siba, òglach Mhephiboset, na choinneamh le dà asail air an dìollaideachadh, agus dà cheud buileann arain orra, agus ceud bagaid de fhìondhearcan tiormaichte, agus ceud de mheas samhraidh, agus searrag fhìona. Agus thubhairt an rìgh ri Siba, Ciod as ciall dhut leo sin? Agus thubhairt Siba, Tha na h‑asail airson teaghlach an rìgh a‑chum marcachd; agus an t‑aran agus am meas samhraidh airson nan òganach a‑chum an ithe; agus am fìon, a‑chum gun òl esan a bhios sgìth anns an fhàsach. Agus thubhairt an rìgh, Agus càit a bheil mac do mhaighistir? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Feuch, tha e a’ fantainn ann an Ierusalem: oir thubhairt e, An‑diugh aisigidh taigh Israeil dhòmhsa rìoghachd m’athar. An sin thubhairt an rìgh ri Siba, Feuch, is leatsa gach nì a bha aig Mephiboset. Agus thubhairt Siba, Tha mi le mòr‐ùmhlachd a’ guidhe ort gum faigh mi deagh‐ghean ad shùilean, a thighearna, a rìgh. Agus nuair a thàinig rìgh Daibhidh gu Bahurim, feuch, à sin thàinig a‑mach duine de theaghlach taigh Shauil, dom b’ainm Simei, mac Ghera; thàinig e a‑mach, a’ teachd air aghaidh agus a’ mallachadh. Agus thilg e clachan air Daibhidh, agus air seirbhisich rìgh Daibhidh uile; agus bha an sluagh uile, agus na daoine treuna uile, air a làimh dheis agus air a làimh chlì. Agus mar seo thubhairt Simei nuair a mhallaich e e, Thig a‑mach, thig a‑mach, thusa a dhuine fhuileachdaich, agus a dhuine le Belial: Dhìol an Tighearna ortsa uile fhuil taigh Shauil, an àit an do rìghich thu; agus thug an Tighearna an rìoghachd do làimh do mhic Absalom: agus, feuch, ghlacadh thu ann ad olc fhèin, a chionn gur duine fuileachdach thu. An sin thubhairt Abisai mac Sheruiah ris an rìgh, Carson a mhallaicheadh an cù marbh seo mo thighearna, an rìgh? Leig dhomh dol a‑null, guidheam ort, agus a cheann a thoirt dheth. Agus thubhairt an rìgh, Ciod e mo ghnothach‐sa ribhse, a mhaca Sheruiah? Leigibh leis mallachadh, a chionn gun dubhairt an Tighearna ris, Mallaich Daibhidh: agus cò a their, Carson a rinn thu mar seo? Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, agus ra sheirbhisich uile, Feuch, mo mhac, a thàinig a‑mach à m’innibh, ag iarraidh m’anama; agus cia mòr as mò a‑nis a dh’fhaodas am Beniàmineach seo? Leigibh leis, agus mallaicheadh e, oir dh’iarr an Tighearna air. Theagamh gun amhairc an Tighearna air m’àmhghar, agus gun dìol an Tighearna dhomh math airson a mhallachaidh air an là‑an‑diugh. Agus nuair a dh’imich Daibhidh agus a dhaoine air an t‑slighe, dh’imich Simei air slios an t‑slèibh làimh ris, a’ dol air aghaidh agus a’ mallachadh, agus thilg e clachan agus ùir air. Agus thàinig an rìgh agus an sluagh uile a bha maille ris, sgìth; agus leig iad an anail an sin. Agus thàinig Absalom, agus uile shluagh fir Israeil, gu Ierusalem, agus Ahitophel maille ris. Agus nuair a thàinig Husai an t‑Arcach, caraid Dhaibhidh, a dh’ionnsaigh Absaloim, thubhairt Husai ri Absalom, Guma fada beò an rìgh, guma fada beò an rìgh. Agus thubhairt Absalom ri Husai, An e seo do choibhneas rid charaid? Carson nach deachaidh tu maille rid charaid? Agus thubhairt Husai ri Absalom, Chan eadh; ach ge bè neach a thaghas an Tighearna, agus an sluagh seo, agus fir Israeil uile, leis‐san bidh mise, agus maille ris fanaidh mi. Agus anns an dara àite, cò dha a dhèanainn seirbhis? Nach ann an làthair a mhic? Mar a rinn mi seirbhis ann an làthair d’athar, mar sin bidh mi ad làthair‐sa. An sin thubhairt Absalom ri Ahitophel, Thugaibh comhairle nur measg ciod a nì sinn. Agus thubhairt Ahitophel ri Absalom, Gabh a‑steach a dh’ionnsaigh coileabaich d’athar, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe; agus cluinnidh Israel uile gu bheil thu air fàs gràineil dod athair, agus neartaichear làmhan gach neach a tha maille riut. Agus sgaoil iad bùth do Absalom air mullach an taighe; agus chaidh Absalom a‑steach a dh’ionnsaigh coileabaich a athar ann an sealladh Israeil uile. Agus bha comhairle Ahitopheil a thug e seachad anns na làithean sin mar gum fiosraicheadh duine de fhacal Dhè: mar sin bha uile chomhairle Ahitopheil araon aig Daibhidh agus aig Absalom. Agus thubhairt Ahitophel ri Absalom, Leig dhomh a‑nis dà‑mhìle‐dheug fear a thaghadh a‑mach, agus èiridh mi, agus thèid mi air tòir Dhaibhidh a‑nochd: Agus thig mi air nuair a tha e sgìth agus lag‐làmhach, agus cuiridh mi eagal air: agus teichidh an sluagh uile a tha maille ris, agus buailidh mi an rìgh a‑mhàin. Agus bheir mi air an ais an sluagh uile ad ionnsaigh‐sa: tha an duine a tha thu ag iarraidh mar gun tilleadh an t‑iomlan: agus bidh an sluagh uile ann an sìth. Agus thaitinn a’ chainnt ri Absalom, agus ri seanairean Israeil uile. Agus thubhairt Absalom, Gairm a‑nis mar an ceudna air Husai an t‑Arcach, agus cluinneamaid mar an ceudna ciod a their esan. Agus thàinig Husai a dh’ionnsaigh Absaloim, agus labhair Absalom ris, ag ràdh, Air an dòigh seo labhair Ahitophel: an dèan sinn a rèir a fhacail, no nach dèan? Labhair thusa. Agus thubhairt Husai ri Absalom, Chan eil a’ chomhairle a thug Ahitophel math air an uair seo. Oir, arsa Husai, is aithne dhut d’athair agus a dhaoine, gur daoine treuna iad agus tha iad air am feargachadh nan spiorad, mar mhath‐ghamhainn on tugadh a cuileanan anns a’ mhachair: agus is fear‐cogaidh d’athair, agus cha ghabh e tàmh maille ris an t‑sluagh. Feuch, tha e a‑nis am falach ann an sloc‐eigin, no ann an àit‐eigin eile: agus tachraidh, nuair a thuiteas cuid dhiubh an toiseach, ge bè neach a chluinneas e, gun abair e, Tha àr am measg an t‑sluaigh a tha a’ leantainn Absaloim. Agus esan mar an ceudna a tha na dhuine treun, aig a bheil a chridhe mar chridhe leòmhainn, leaghaidh e gu tur, oir tha fhios aig Israel uile gur duine treun d’athair, agus gur daoine treuna iadsan a tha maille ris. Air an adhbhar sin is i mo chomhairle‐sa gun cruinnichear Israeil uile ad ionnsaigh, o Dhan eadhon gu Beersèba, mar a’ ghaineamh a tha làimh ris an fhairge air lìonmhorachd, agus gun tèid thu fhèin maille riu don chath. Agus thig sinn air ge bè àit am faighear e, agus tuitidh sinn air mar a thuiteas an drùchd air an talamh: agus chan fhàgar dheth fhèin, agus de na fir uile a tha maille ris, eadhon aon. Agus ma thèid e a‑steach do bhaile, an sin bheir fir Israeil uile cùird leo a dh’ionnsaigh a’ bhaile sin, agus tàirngidh sinn e don abhainn, gus nach fàgar an sin aon chlach bheag. Agus thubhairt Absalom agus fir Israeil uile, Is fheàrr comhairle Husai an t‑Arcach na comhairle Ahitopheil: oir dh’òrdaich an Tighearna comhairle mhath Ahitopheil a thoirt gu neoni, a‑chum gun tugadh an Tighearna olc air Absalom. An sin thubhairt Husai ri Sadoc agus ri Abiatar na sagartan, Mar seo agus mar seo chomhairlich Ahitophel Absalom agus seanairean Israeil; agus mar seo agus mar seo chomhairlich mise. A‑nise uime sin cuiribh fios gu grad, agus innsibh do Dhaibhidh ag ràdh, Na fan a‑nochd ann an còmhnardan an fhàsaich, ach gabh thairis gu luath, air eagal gun sluigear suas an rìgh, agus an sluagh uile a tha maille ris. Agus dh’fhan Ionatan agus Ahimaas làimh ri En‑rogel; (oir chan fhaodadh iad a bhith air am faicinn a’ dol a‑steach don bhaile:) agus chaidh cailinn agus dh’innis i dhaibh; agus chaidh iadsan agus dh’innis iad do rìgh Daibhidh. Gidheadh chunnaic òganach iad, agus dh’innis e do Absalom: ach dh’imich iadsan le chèile gu luath, agus thàinig iad gu taigh duine ann am Bahurim, aig an robh tobar na chùirt, agus chaidh iad sìos an sin. Agus ghabh a’ bhean còmhdach agus sgaoil i e air beul an tobair, agus chuir i gràn meilte air; agus cha d’aithnicheadh an nì. Agus nuair a thàinig seirbhisich Absaloim a dh’ionnsaigh na mnà don taigh, thubhairt iad, Càit a bheil Ahimaas agus Ionatan? Agus thubhairt a’ bhean riu, Chaidh iad thairis air an t‑sruthan uisge. Agus nuair a dh’iarr iad, agus nach d’fhuair iad, thill iad gu Ierusalem. Agus nuair a dh’fhalbh iad, thàinig iadsan a‑nìos as an tobar, agus chaidh iad agus dh’innis iad do rìgh Daibhidh, agus thubhairt iad ri Daibhidh, Eiribh, agus rachaibh gu grad thar an uisge; oir mar seo chomhairlich Ahitophel nur n‑aghaidh‐se. Agus dh’èirich Daibhidh, agus an sluagh uile a bha maille ris, agus chaidh iad thar Iòrdan gu solas na maidne, gus nach robh aon dhiubh nach deachaidh thar Iòrdan. Agus nuair a chunnaic Ahitophel nach do ghabhadh a chomhairle, chuir e dìollaid air a asail, agus dh’èirich e, agus dh’imich e a dh’ionnsaigh a thaighe, da bhaile fhèin, agus thug e àitheantan da theaghlach, agus chroch e e fhèin, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit‐adhlacaidh a athar. An sin thàinig Daibhidh gu Mahanaim; agus chaidh Absalom thar Iòrdan, e fhèin agus fir Israeil uile maille ris. Agus rinn Absalom Amasa na cheannard air an t‑sluagh an àite Ioaib: agus b’e Amasa mac duine dom b’ainm Itra Israeleach, a chaidh a‑steach gu Abigail nighean Nahais, piuthar Sheruiah, màthair Ioaib. Agus champaich Israel agus Absalom ann am fearann Ghilead. Agus nuair a thàinig Daibhidh gu Mahanaim, thug Sobi mac Nahais o Rabah chloinn Amoin, agus Machir mac Amieil o Loidebar, agus Barsillai an Giledach o Rogelim, Leapaichean, agus cuachan, agus soithichean creadha, agus cruithneachd, agus eòrna, agus min mhìn, agus gràn cruadhaichte, agus pònair, agus gall‐pheasair, agus peasair chruadhaichte, Agus mil, agus ìm, agus caoraich, agus càise cruidh airson Dhaibhidh, agus airson an t‑sluaigh a bha maille ris, a‑chum an ithe, oir thubhairt iad. Tha an sluagh acrach, agus sgìth, agus ìotmhor anns an fhàsach. Agus dh’àireamh Daibhidh an sluagh a bha maille ris, agus chuir e ceannardan mhìltean agus ceannardan cheudan os an cionn. Agus chuir Daibhidh a‑mach trian den t‑sluagh fo làimh Ioaib, agus trian fo làimh Abisai mhic Sheruiah, bràthair Ioaib, agus trian fo làimh Itai an Giteach: agus thubhairt an rìgh ris an t‑sluagh, Gu deimhinn thèid mi fhèin mar an ceudna a‑mach maille ribh. Ach fhreagair an sluagh, Cha tèid thu a‑mach: oir ma theicheas sinne, cha ghabh iad suim dhinn; agus ma bhàsaicheas ar leth, cha ghabh iad suim dhinn; ach a‑nis tha thusa mar dheich mìle dhinne: uime sin a‑nis is fheàrr gun dèanadh tusa còmhnadh rinn a‑mach as a’ bhaile. Agus thubhairt an rìgh riu, An nì sin a tha ceart nur sùilean, nì mise. Agus sheas an rìgh làimh ris a’ gheata, agus thàinig an sluagh uile a‑mach nan ceudan agus nam mìltean. Agus dh’àithn an rìgh do Ioab, agus do Abisai, agus do Itai, ag ràdh, Buinibh gu sèimh air mo sgàth‐sa ris an òganach, ri Absalom. Agus chuala an sluagh uile nuair a dh’àithn an rìgh do na ceannardan uile a‑thaobh Absaloim. Agus chaidh an sluagh a‑mach don mhachair an aghaidh Israeil: agus bha an cath ann an coille Ephraim. Agus mharbhadh an sin sluagh Israeil ro sheirbhisich Dhaibhidh; agus bha an sin air an là sin àr mòr fichead mìle fear: Oir bha an cath sin air sgaoileadh air aghaidh na tìre uile; agus chuir a’ choille as do thuilleadh sluaigh air an là sin na chuir an claidheamh. Agus thachair Absalom air seirbhisich Dhaibhidh; agus bha Absalom a’ marcachd air muileid, agus chaidh a’ mhuileid a‑steach fo gheugan tiugha craoibh mhòir daraich, agus ghlacadh a cheann anns a’ chraoibh dharaich, agus chrochadh e eadar nèamh agus talamh; agus dh’imich a’ mhuileid a bha fodha roimhpe. Agus chunnaic duine àraidh seo, agus dh’innis e do Ioab, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi Absalom crochte ann an craoibh dharaich. Agus thubhairt Ioab ris an duine a dh’innis dha, Agus, feuch, chunnaic thu e, agus carson nach do bhuail thu e an sin gu làr, agus bheirinn‐sa dhut deich seceil airgid agus crios? Agus thubhairt an duine ri Ioab, Ged gheibhinn‐sa mìle secel airgid ann am làimh, cha chuirinn mo làmh a‑mach an aghaidh mac an rìgh: oir nar n‑èisdeachd dh’àithn an rìgh dhutsa, agus do Abisai, agus do Itai, ag ràdh, Gleidhibh dhomh an t‑òganach Absalom. No dhèanainn eucoir an aghaidh m’anama fhèin: oir chan eil nì air bith am falach air an rìgh, agus sheasadh tusa fhèin am aghaidh. An sin thubhairt Ioab, Chan fhaod mise fuireach mar seo maille riut. Agus ghabh e trì gathan na làimh, agus shàth e iad an cridhe Absaloim, nuair a bha e fhathast beò ann am meadhon na craoibhe daraich. Agus chuartaich deichnear òganach a bha ag iomchar arm Ioaib Absalom, agus bhuail iad e, agus mharbh iad e. Agus shèid Ioab an trompaid, agus thill an sluagh o ruagadh Israeil, oir chùm Ioab air an ais an sluagh. Agus ghabh iad Absalom, agus thilg iad e ann an sloc mòr anns a’ choille, agus chuir iad càrn ro‑mhòr chlach air: agus theich Israel uile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha. A‑nis ghabh Absalom, nuair a bu bheò e, agus chuir e suas dha fhèin carragh, a tha ann an gleann an rìgh: oir thubhairt e, Chan eil mac agam a chumail m’ainme air chuimhne: agus thug e a ainm fhèin air a’ charragh; agus theirear ris gu ruig an là‑an‑diugh, Clach‐chuimhneachain Absaloim. An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic, Leig dhomh ruith a‑nis, agus sgeul a thoirt a dh’ionnsaigh an rìgh gun do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean. Agus thubhairt Ioab ris, Cha toir thu sgeul leat an‑diugh, ach bheir thu sgeul leat là eile: ach an‑diugh cha toir thu sgeul leat, a chionn gu bheil mac an rìgh marbh. Agus thubhairt Ioab ri Cusi, Falbh, innis don rìgh ciod a chunnaic thu. Agus chrom Cusi e fhèin do Ioab, agus ruith e. An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic a‑rìs ri Ioab, Ach gidheadh, leig dhòmhsa, guidheam ort, ruith mar an ceudna an dèidh Chusi. Agus thubhairt Ioab, Carson a ruitheadh tusa, a mhic, agus nach d’fhuaireadh sgeul sam bith dhut? Ach gidheadh, arsa esan, leig dhomh ruith. Agus thubhairt e ris, Ruith. Agus ruith Ahimaas rathad a’ chòmhnaird, agus chaidh e seachad air Cusi. Agus shuidh Daibhidh eadar an dà gheata: agus chaidh am fear‐faire suas gu mullach a’ gheata, air a’ bhalla; agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, duine a’ ruith na aonar. Agus ghlaodh am fear‐faire, agus dh’innis e don rìgh. Agus thubhairt an rìgh, Ma tha e na aonar, tha sgeul aige na bheul. Agus dh’imich e air aghaidh, agus thàinig e am fagas. Agus chunnaic am fear‐faire duine eile a’ ruith; agus ghlaodh am fear‐faire ris an dorsair, agus thubhairt e, Feuch, tha duine eile a’ ruith na aonar. Agus thubhairt an rìgh, Tha esan mar an ceudna a’ toirt sgeòil. Agus thubhairt am fear‐faire, Tha mi a’ faicinn ruith a’ chiad duine mar ruith Ahimaas mhic Shadoic. Agus thubhairt an rìgh, Is duine math esan, agus is ann le sgeul math a tha e a’ teachd. Agus ghlaodh Ahimaas, agus thubhairt e ris an rìgh, Tha gach nì gu math. Agus chrom e e fhèin sìos don rìgh air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a thug thairis na daoine a thog an làmhan suas an aghaidh mo thighearna, an rìgh. Agus thubhairt an rìgh, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Ahimaas, Nuair a chuir Ioab air falbh seirbhiseach an rìgh, agus mise do sheirbhiseach, chunnaic mi buaireas mòr, ach cha robh fhios agam ciod e. Agus thubhairt an rìgh ris, Tionndaidh a lethtaobh, agus seas an seo. Agus thionndaidh e a lethtaobh, agus sheas e. Agus, feuch, thàinig Cusi: agus thubhairt Cusi, Bheirear sgeul dom thighearna an rìgh, gun do shaor an Tighearna thusa an‑diugh à làimh nan uile a dh’èirich suas ad aghaidh. Agus thubhairt an rìgh ri Cusi, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Cusi, Gu robh naimhdean mo thighearna an rìgh, agus iadsan uile a dh’èirich suas ad aghaidh a dhèanamh do chroin, mar a tha an t‑òganach sin. Agus ghluaiseadh an rìgh gu mòr, agus chaidh e suas don t‑seòmar os cionn a’ gheata, agus ghuil e: agus ag imeachd dha, thubhairt e mar seo. A mhic, Absaloim! A mhic, a mhic, Absaloim! O nach mise fhèin a fhuair bàs air do shon, Absaloim, a mhic, a mhic! Agus dh’innseadh do Ioab, Feuch, tha an rìgh a’ gul agus a’ caoidh airson Absaloim. Agus bha a’ bhuaidh air an là sin air a tionndadh gu caoidh don t‑sluagh uile; oir chuala an sluagh ga ràdh air an là sin, Tha an rìgh fo thùirse airson a mhic. Agus ghoid an sluagh air an là sin a‑steach don bhaile, mar a ghoideas sluagh air falbh agus iad fo nàire, nuair a theicheas iad ann an cath. Ach dh’fhalaich an rìgh a aghaidh, agus ghlaodh an rìgh le guth àrd, A mhic, Absaloim! Absaloim, a mhic, a mhic! Agus thàinig Ioab a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don taigh, agus thubhairt e, Chuir thu nàire an‑diugh air aghaidhean do sheirbhiseach uile, a shaor d’anam an‑diugh, agus anaman do mhac, agus do nighean, agus anaman do bhan, agus anaman do choileabach; A chionn gu bheil gràdh agad dhaibhsan aig a bheil fuath dhut, agus gu bheil fuath agad dhaibhsan aig a bheil gràdh dhut: oir nochd thu an‑diugh nach eil suim agad de cheannardan, no de sheirbhisich: oir tha mi a’ tuigsinn an‑diugh, nam biodh Absalom beò, agus nam bitheamaid‐ne uile marbh an‑diugh, an sin gum biodh e ceart ann ad shùilean. A‑nis uime sin èirich, falbh a‑mach, agus labhair gu coibhneil rid sheirbhisich: oir bheir mise mo mhionnan air an Tighearna, mura tèid thu a‑mach, nach fan duine maille riut a‑nochd: agus bidh sin nas miosa dhut na gach olc a thàinig ort od òige gus a‑nis. An sin dh’èirich an rìgh, agus shuidh e anns a’ gheata. Agus dh’innis iad don t‑sluagh uile, ag ràdh, Feuch, tha an rìgh na shuidhe anns a’ gheata: agus thàinig an sluagh uile am fianais an rìgh. Agus theich Israel, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha. Agus bha an sluagh uile ri connsachadh air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Theasairg an rìgh sinn à làimh ar naimhdean, agus shaor e sinn à làimh nam Philisteach, agus a‑nis tha e air teicheadh as an tìr ro Absalom. Agus fhuair Absalom, a dh’ung sinn os ar cionn, bàs anns a’ chath: a‑nis matà carson a tha sibh tosdach mun rìgh a thoirt air ais? Agus chuir rìgh Daibhidh fios gu Sadoc agus gu Abiatar na sagartan, ag ràdh, Labhraibh ri seanairean Iùdah ag ràdh, Carson a tha sibhse air dheireadh a thoirt an rìgh air ais da thaigh? (agus gun tàinig cainnt Israeil uile a dh’ionnsaigh an rìgh da thaigh.) Is sibhse mo bhràithrean, is sibh mo chnàmhan agus m’fheòil: carson matà a tha sibh air dheireadh a thoirt an rìgh air ais? Agus ri Amasa their sibh, Nach tusa mo chnàimh, agus m’fheòil? Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura bi thusa ann ad cheannard air an t‑sluagh am làthair‐sa an còmhnaidh an àite Ioaib. Agus dh’aom e cridheachan fir Iùdah uile, mar chridhe aon duine; air chor is gun do chuir iad am fios seo a dh’ionnsaigh an rìgh, Till fhèin, agus do sheirbhisich uile. Uime sin thill an rìgh, agus thàinig e gu Iòrdan: agus thàinig Iùdah gu Gilgal, a dhol an coinneamh an rìgh, gus an rìgh a thoirt thar Iòrdan. Agus ghreas Simei mac Ghera, Beniàmineach, a bha o Bhahurim, air, agus thàinig e a‑nuas maille ri fir Iùdah an coinneamh rìgh Daibhidh. Agus bha mìle fear de Bheniàmin maille ris, agus Siba, òglach taigh Shuail, agus a chòig‐mic‐dheug, agus a fhichead seirbhiseach maille ris; agus chaidh iad thar Iòrdan ron rìgh. Agus chaidh bàt’‐aisig a‑null a thoirt teaghlach an rìgh thairis, agus a dhèanamh an nì a bu mhath leis. Agus thuit Simei mac Ghera sìos am fianais an rìgh, nuair a thàinig e thar Iòrdan; Agus thubhairt e ris an rìgh, Na cuireadh mo thighearna euceart as mo leth, agus na cuimhnich an nì a rinn do sheirbhiseach gu h‑an‑dligheach air an là anns an deachaidh mo thighearna, an rìgh, a‑mach à Ierusalem, air chor is gun gabhadh an rìgh ga chridhe e. Oir tha fhios aig do sheirbhiseach gun do pheacaich mi: uime sin, feuch, thàinig mi an‑diugh an ciad duine de thaigh Iòseiph uile, a dhol sìos an coinneamh mo thighearna, an rìgh. Ach fhreagair Abisai mac Sheruiah, agus thubhairt e, Nach cuirear air a shon seo Simei gu bàs, a chionn gun do mhallaich e aon ungte an Tighearna? Agus thubhairt Daibhidh, Ciod e mo ghnothach‐sa ribhse, a mhaca Sheruiah, gum biodh sibh an‑diugh nur n‑eascairdean dhomh? An cuirear an‑diugh duine sam bith gu bàs ann an Israel? Oir nach eil fhios agam gu bheil mi an‑diugh am rìgh os cionn Israeil? Agus thubhairt an rìgh ri Simei, Chan fhaigh thu bàs: agus mhionnaich an rìgh dha. Agus thàinig Mephiboset, mac Shauil, a‑nuas an coinneamh an rìgh, agus cha do dheasaich e a chasan, agus cha do chuir e snas air a fheusaig, agus cha do nigh e a aodach on là anns an do thriall an rìgh, gus an là anns an tàinig e a‑rìs ann an sìth. Agus nuair a thàinig e gu Ierusalem an coinneamh an rìgh, an sin thubhairt an rìgh ris, Carson nach deachaidh tu maille riumsa, a Mhephiboset? Agus fhreagair esan, A thighearna, a rìgh, mheall mo sheirbhiseach mi: oir thubhairt do sheirbhiseach, Cuiridh mi dìollaid dhomh fhèin air asail, agus marcaichidh mi oirre, agus thèid mi a dh’ionnsaigh an rìgh, a chionn gu bheil do sheirbhiseach bacach. Agus chùl‐chàin esan do sheirbhiseach rim thighearna an rìgh; ach tha mo thighearna an rìgh mar aingeal Dhè: dèan uime sin an nì sin a tha math ad shùilean. Oir cha robh teaghlach m’athar uile ach nan daoine marbha am fianais mo thighearna an rìgh; gidheadh chuir thu do sheirbhiseach nam measg‐san a dh’ith aig do bhòrd fhèin: ciod matà a’ chòir a tha agamsa tuilleadh air glaodhaich nas mò ris an rìgh? Agus thubhairt an rìgh ris, Carson a labhras tu nas mò mud ghnothaichean? Thubhairt mise, Roinnidh tusa agus Siba am fearann. Agus thubhairt Mephiboset ris an rìgh, Is eadh, gabhadh e an t‑iomlan, o thàinig mo thighearna an rìgh a‑rìs ann an sìth da thaigh fhèin. Agus thàinig Barsillai an Gileadach a‑nuas o Rogelim, agus chaidh e thar Iòrdan maille ris an rìgh, a‑chum a chur thar Iòrdan. A‑nis bha Barsillai na dhuine ro‑shean, ceithir‐fichead bliadhna a dh’aois: agus thug esan lòn don rìgh nuair a dh’fhan e ann am Mahanaim; oir bu duine ro‑mhòr e. Agus thubhairt an rìgh ri Barsillai, Thig‐sa thairis maille rium, agus beathachidh mi thu maille rium fhèin ann an Ierusalem. Agus thubhairt Barsillai ris an rìgh, Cia fad a tha agamsa ri bhith beò, gun rachainn suas maille ris an rìgh gu Ierusalem? Tha mi an‑diugh ceithir‐fichead bliadhna a dh’aois: an urrainn mise aithneachadh eadar math agus olc? An urrainn do sheirbhiseach na dh’itheas no na dh’òlas mi a bhlasad? An urrainn mise tuilleadh guth fhear agus bhan a sheinneas a chluinntinn? Carson matà a bhiodh do sheirbhiseach fhathast na èire air mo thighearna an rìgh? Thèid do sheirbhiseach rè ùine bhig thar Iòrdan maille ris an rìgh: agus carson a dhìoladh an rìgh sin dhòmhsa le a leithid seo de luigheachd? Leig led sheirbhiseach, guidheam ort, tilleadh air ais, a‑chum gum faigh mi bàs ann am bhaile fhèin, làimh ri uaigh m’athar agus mo mhàthar: ach, feuch, rachadh do sheirbhiseach Chimham thairis maille rim thighearna an rìgh, agus dèan ris na bhios math ann ad shùilean. Agus fhreagair an rìgh, Thèid Chimham thairis maille rium, agus nì mi dha na bhios math ann ad shùilean; agus ge bè a dh’iarras tusa orm, nì mi e dhut. Agus chaidh an sluagh uile thar Iòrdan, agus chaidh an rìgh thairis: agus phòg an rìgh Barsillai, agus bheannaich e e; agus thill e da àite fhèin. An sin chaidh an rìgh air aghaidh gu Gilgal, agus chaidh Chimham air aghaidh maille ris: agus thug sluagh Iùdah uile thairis an rìgh, agus mar an ceudna leth sluagh Israeil. Agus, feuch, thàinig fir Israeil uile a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt iad ris an rìgh, Carson a ghoid ar bràithrean, fir Iùdah, thu air falbh, agus a thug iad an rìgh agus a theaghlach, agus daoine Dhaibhidh uile maille ris, thar Iòrdan? Agus fhreagair fir Iùdah uile fir Israeil, A chionn gu bheil an rìgh fagas an dàimh dhuinne: carson matà a tha fearg oirbhse airson an nì seo? An d’ith sinn a’ bheag on rìgh? No an tug e tìodhlac sam bith dhuinn? Agus fhreagair fir Israeil fir Iùdah, agus thubhairt iad, Tha deich earrannan againne anns an rìgh, agus tha mar an ceudna tuilleadh còir againn ann an Daibhidh na tha agaibhse: carson matà a rinn sibh tàir oirnne? Agus nach b’e ar gnothach‐ne an toiseach ar rìgh a thabhairt air ais? Agus bu ghairge briathran fir Iùdah na briathran fir Israeil. Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil. Agus chaidh gach duine de Israel suas o bhith an dèidh Dhaibhidh, agus lean iad Sèba mac Bhichri: ach dhlùth‐lean daoine Iùdah rin rìgh, o Iòrdan eadhon gu Ierusalem. Agus thàinig Daibhidh da thaigh ann an Ierusalem; agus ghabh an rìgh an deichnear bhan, a choileabaich, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe, agus chuir e ann an gainntir iad, agus bheathaich e iad, ach cha deachaidh e a‑steach dan ionnsaigh; agus bha iad air an druideadh suas gu là am bàis, a’ caitheamh am beatha ann am bantrachas. An sin thubhairt an rìgh ri Amasa, Cruinnich dhòmhsa fir Iùdah an ceann trì làithean, agus seas fhèin an seo. Agus dh’fhalbh Amasa a chruinneachadh fir Iùdah: ach dh’fhan e na b’fhaide na an t‑àm suidhichte a shònraich esan dha. Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, A‑nis nì Sèba mac Bhichri tuilleadh croin dhuinn na rinn Absalom: gabh thusa seirbhisich do thighearna, agus falbh air a thòir, air eagal gum faigh e dha fhèin bailtean daingnichte, agus gun tèid e as uainn. Agus chaidh a‑mach na dhèidh fir Ioaib, agus na Ceretich, agus na Peletich, agus na fir threuna uile: agus chaidh iad a‑mach à Ierusalem, a dhol air tòir Shèba mac Bhichri. Nuair a bha iad aig a’ chloich mhòir a tha ann an Gibeon, thàinig Amasa romhpa. Agus bha Ioab crioslaichte le fallaing a chuir e uime, agus oirre sin crios le claidheamh ceangailte air a leis na thruaill; agus nuair a chaidh e air aghaidh, thuit e aisde. Agus thubhairt Ioab ri Amasa, A bheil thu slàn, a bhràthair? Agus ghlac Ioab le a dheas làimh Amasa air a fheusaig, a thabhairt pòige dha. Ach cha tug Amasa fa‑near an claidheamh a bha ann an làimh Ioaib: agus bhuail e leis e fon chòigeamh aisne, agus leig e a‑mach a mhionach a dh’ionnsaigh an làir, agus cha do bhuail e a‑rìs e; agus fhuair e bàs. Agus chaidh Ioab, agus a bhràthair Abisai, air tòir Shèba mhic Bhichri. Agus sheas fear de òganaich Ioaib làimh ris, agus thubhairt e, Esan leis an ionmhainn Ioab, agus esan a tha le Daibhidh, leanadh e Ioab. Agus bha Amasa ga aonairt fhèin ann am fuil am meadhon an rathaid mhòir. Agus nuair a chunnaic an duine gun d’fhan an sluagh uile nan seasamh, dh’atharraich e Amasa on rathad mhòr don achadh, agus thilg e aodach air, nuair a chunnaic e gun d’fhan gach neach a thàinig làimh ris nan seasamh. Nuair a dh’atharraicheadh e on rathad mhòr, chaidh an sluagh uile air an aghaidh an dèidh Ioaib, a dhol air tòir Shèba mhic Bhichri. Agus chaidh e air feadh uile threubhan Israeil gu Abel ‐bhetmaacah, agus na Berich uile: agus chruinnicheadh iad an ceann a chèile, agus chaidh iad mar an ceudna na dhèidh. Agus thàinig iad, agus theannaich iad e, ann an Abel‐bhetmaacah, agus chuir iad suas tòrr an aghaidh a’ bhaile, agus sheas e làimh ris a’ bhalla: agus rinn an sluagh uile a bha maille ri Ioab an dìcheall air a’ bhalla a leagadh sìos. An sin ghlaodh bean ghlic a‑mach as a’ bhaile, Eisdibh, èisdibh, abraibh, guidheam oirbh, ri Ioab, Thig am fagas an seo, agus labhraidh mi riut. Agus nuair a thàinig e am fagas dhi, thubhairt a’ bhean, An tu Ioab? Agus fhreagair esan, Is mi. An sin thubhairt i ris, Eisd ri briathran do bhanoglaich. Agus fhreagair esan, Tha mi ag èisdeachd. An sin labhair i, ag ràdh, Gu cinnteach labhair iad an toiseach, ag ràdh, Gu deimhinn iarraidh iad sìth air Abel: agus mar sin crìochnaichidh iad an gnothach. Is aon mise dhiubhsan a tha sìochail agus fìrinneach ann an Israel: ach tha thusa ag iarraidh baile, agus màthair ann an Israel, a sgrios, Carson a shluigeas tu suas oighreachd an Tighearna? Agus fhreagair Ioab agus thubhairt e, Guma fada, fada sin uamsa, gun sluiginn suas, no gun sgriosainn. Chan ann mar sin a tha an gnothach: ach thog duine de shliabh Ephraim, don ainm Sèba mac Bhichri, a làmh suas an aghaidh an rìgh, an aghaidh Daibhidh: thugaibh esan a‑mhàin thairis, agus imichidh mi on bhaile. Agus thubhairt a’ bhean ri Ioab, Feuch, tilgear a cheann ad ionnsaigh thar a’ bhalla. An sin chaidh a’ bhean a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh uile na gliocas: agus gheàrr iad ceann Shèba mhic Bhichri dheth, agus thilg iad a‑mach e a dh’ionnsaigh Ioaib: agus shèid e trompaid, agus chaidh iad air falbh on bhaile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha. Agus thill Ioab do Ierusalem a dh’ionnsaigh an rìgh. A‑nis bha Ioab os cionn armailtean Israeil uile: agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach, agus os cionn nam Peleteach: Agus bha Adoram os cionn na cìse: agus bha Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh: Agus bha Sebha na sgrìobhaiche: agus b’iad Sadoc agus Abiatar na sagartan: Agus mar an ceudna bha Ira an t‑Iaireach na àrd fhear‐riaghlaidh aig Daibhidh. Agus bha gorta ann an làithean Dhaibhidh, rè trì bliadhna, bliadhna an dèidh bliadhna. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, agus fhreagair an Tighearna, Is ann airson Shauil, agus airson a thaighe fhuileachdaich a tha i, a chionn gun do mharbh e na Gibeonaich. Agus ghairm an rìgh air na Gibeonaich, agus thubhairt e riu; (a‑nis cha robh na Gibeonaich de chloinn Israeil, ach de iarmad nan Amorach: agus thug clann Israeil mionnan dhaibh: agus dh’iarr Saul am marbhadh, na eud airson chloinn Israeil agus Iùdah:) Uime sin thubhairt Daibhidh ris na Gibeonaich, Ciod a nì mi air ur son? Agus cia leis a nì mi an rèite, a‑chum gum beannaich sibh oighreachd an Tighearna? Agus thubhairt na Gibeonaich ris, Cha bhi againne airgead no òr o Shaul, no o a thaigh; agus air ar son‐ne cha mharbh thu duine sam bith ann an Israel. Agus thubhairt esan, An nì a their sibh, nì mise dhuibh. Agus fhreagair iad an rìgh, An duine a chuir as dhuinn, agus a smaoinich nar n‑aghaidh sinn a bhith air ar sgrios, air chor is nach fanamaid ann an crìch air bith de Israel; Thugar dhuinn seachdnar de a mhic‐san, agus crochaidh sinn suas iad don Tighearna, ann an Gibeah Shauil, a thagh an Tighearna. Agus thubhairt an rìgh, Bheir mi dhuibh iad. Ach chaomhain an rìgh Mephiboset mac Ionatain mhic Shauil, airson mionnan an Tighearna, a bha eatorra, eadar Daibhidh agus Ionatan mac Shauil. Ach ghabh an rìgh dà mhac Rispah nighean Aiah, a rug i do Shaul, Armoni agus Mephiboset; agus còignear mhac Mheroib, nighean Shauil, a rug i do Adriel mac Bharsillai am Meholatach: Agus thug e thairis iad do làimh nan Gibeonach, agus chroch iad iad anns an t‑sliabh am fianais an Tighearna; agus thuit an t‑seachdnar sin cuideachd, agus chuireadh gu bàs iad ann an ciad làithean an fhogharaidh, ann an toiseach fogharadh an eòrna. Agus ghabh Rispah nighean Aiah sac‐aodach, agus sgaoil i dhi fhèin e air a’ charraig, o thoiseach an fhogharaidh gus an do shil uisge orra o nèamh: agus cha do leig i le eunlaith an adhair fois a ghabhail orra anns an là, no do fhiadh‐bheathaichean na machrach anns an oidhche. Agus dh’innseadh do Dhaibhidh ciod a rinn Rispah, nighean Aiah, coileabach Shauil. Agus dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e o dhaoine Iabeis‐ghilead cnàmhan Shauil, agus cnàmhan a mhic, Ionatan, a ghoid iad o shràid Bhet‐sain, far an do chroch na Philistich iad, anns an là air an do mharbh na Philistich Saul ann an Gilbòa: Agus thug e a‑nìos as a sin cnàmhan Shauil, agus cnàmhan Ionatain, a mhac: agus chruinnich iad cnàmhan na muinntir a chrochadh. Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Shauil, agus a mhic Ionatan, ann an tìr Bheniàmin ann an Selah, ann an àit‐adhlacaidh Chis, a athair. Agus rinn iad gach nì a dh’àithn an rìgh: agus na dhèidh sin bha Dia rèidh ris an tìr. Agus bha cogadh aig na Philistich fhathast ri Israel; agus chaidh Daibhidh sìos agus a sheirbhisich maille ris, agus chog iad ris na Philistich; agus dh’fhàs Daibhidh sgìth. Agus thubhairt Isbi‐benob, a bha de shliochd an fhamhair, (agus aig am b’e cudthrom ceann a shleagha trì cheud secel umha, agus e crioslaichte le crios nodha,) gum marbhadh e Daibhidh. Ach rinn Abisai mac Sheruiah còmhnadh ris, agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e. An sin mhionnaich fir Dhaibhidh dha, ag ràdh, Cha tèid thu a‑mach nas mò maille rinne gu cath, a‑chum nach cuir thu as lòchran Israeil. Agus na dhèidh seo bha cath a‑rìs ann an Gob ris na Philistich: an sin bhuail Sibechai, an Husatach, Saph, a bha de shliochd an fhamhair. Agus bha a‑rìs cath ann an Gob ris na Philistich: agus bhuail Elhanan, mac Iare‐oregim, Lahmi, bràthair Gholiath an Giteach; agus bha crann a shleagha mar gharmain figheadair. Agus bha fhathast cath ann an Gat, far an robh fear de mheudachd mhòir, agus sia meòir aige air gach làimh, agus sia meòir air gach cois, ceithir‐ar‑fhichead an àireamh; agus rugadh esan mar an ceudna don fhamhair. Agus nuair a thug e dùbhlan do Israel, mharbh Ionatan, mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh, e. Rugadh a’ cheathrar sin don fhamhair ann an Gat, agus thuit iad le làimh Dhaibhidh, agus le làimh a sheirbhiseach. Agus labhair Daibhidh ris an Tighearna briathran na laoidh seo, anns an là air an do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean uile, agus à làimh Shauil: Agus thubhairt e, Is e an Tighearna mo charraig, agus mo dhaingneach, agus mo shlànaighear. Is e Dia mo charraig; earbaidh mi as: mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd agus mo dhìdean: m’fhear‐saoraidh, o ainneart saoraidh tusa mi. Gairmidh mi air an Tighearna, as airidh air cliù; agus om naimhdean saorar mi. Oir chuartaich tonnan a’ bhàis mi: chuir tuiltean dhroch dhaoine eagal orm. Dh’iadh cùird ifrinn mum thimcheall: ghabh lìontan a’ bhàis romham. Ann am airc ghairm mi air an Tighearna, agus rim Dhia ghlaodh mi, agus chuala e o a theampall mo ghuth, agus ràinig mo ghlaodh a chluasan. Agus chrathadh agus chriothnaich an talamh: ghluaiseadh bunaitean nan nèamh agus chrathadh iad, a chionn gu robh fearg air. Chaidh deatach suas o a shròin, agus loisg teine as a bheul: lasadh èibhlean leis. Agus lùb e a nèamhan, agus thàinig e a‑nuas; agus dorchadas fo a chasan. Agus mharcaich e air cerub, agus chaidh e air iteig: agus dh’itealaich e air sgiathan na gaoithe. Agus rinn e dorchadas na phàilleanan ma thimcheall, co‑chruinneachadh nan uisgeachan, neòil thiugha nan speur. Leis an dealradh a bha fa chomhair lasadh èibhlean teine. Rinn an Tighearna tàirneanach o na nèamhan, agus leig an Tì as àirde a ghuth a‑mach. Agus chuir e a‑mach saighdean, agus sgap e iad; dealanach, agus chlaoidh e iad. Agus leigeadh ris aigeann na fairge, nochdadh bunaitean an domhain, le achmhasan an Tighearna, le sèideadh anail a shròine. Chuir e a‑nuas on àird, ghlac e mi; tharraing e mi à mòran uisgeachan. Shaor e mi om nàmhaid làidir, uapasan a dh’fhuathaich mi; oir bu treasa iad na mise. Ghabh iad romham ann an là m’àmhghair: ach b’e an Tighearna mo chùl‐taice. Agus thug e a‑mach mi gu ionad farsaing: shaor e mi, a chionn gun do ghabh e tlachd annam. Thug an Tighearna luigheachd dhomh a rèir m’ionracais: a rèir glaine mo làmh dhìol e dhomh. Oir ghlèidh mi slighean an Tighearna, agus om Dhia cha do chlaon mi gu h‑aingidh. Oir bha a bhreitheanais uile ann am fhianais: agus a reachdan cha do chuir mi uam. Agus bha mi ionraic na fhianais, agus ghlèidh mi mi fhèin om aingidheachd. Uime sin dhìol an Tighearna dhomh a rèir m’ionracais, a rèir mo ghlaine ann an sealladh a shùl. Don duine thròcaireach nochdaidh tu thu fhèin tròcaireach, agus don duine ionraic nochdaidh tu thu fhèin ionraic. Don duine ghlan nochdaidh tu thu fhèin glan, agus don duine reasgach nochdaidh tu thu fhèin reasgach. Agus an sluagh a tha fo àmhghar saoraidh tu: ach tha do shùilean an aghaidh nan uaibhreach; bheir thu a‑nuas iad. Oir lasaidh tusa mo lòchran, a Thighearna: agus soillsichidh an Tighearna mo dhorchadas. Oir leatsa ruith mi tro bhuidhinn: lem Dhia leum mi thar balla. A‑thaobh Dhè, tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh: is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann. Oir cò as Dia ann ach an Tighearna? Agus cò as carraig ann ach ar Dia‑ne? Is e Dia mo neart agus mo chumhachd; agus tha e a’ dèanamh mo shlighe iomlan. Tha e a’ dèanamh mo chas mar chasan èilde: agus air m’àitean àrda socraichidh e mi. Tha e ag ionnsachadh mo làmh gu cath, air chor is gum brisear bogha umha lem ghàirdeanan. Agus thug thu dhomh sgiath do shlàinte: agus rinn do choibhneas mòr mi. Rinn thu mo cheum farsaing fodham, air chor is nach do shleamhnaich mo chasan. Lean mi mo naimhdean, agus rug mi orra; agus cha do thill mi air m’ais gus an do chuir mi as dhaibh. Agus lot mi iad, agus chan èirich iad; agus thuit iad fom chasan. Oir chrioslaich thu mi le neart a‑chum catha: leag thu iadsan a dh’èirich suas am aghaidh sìos fodham. Agus mo naimhdean thug thu dhomh air mhuineal; iadsan a dh’fhuathaich mi, agus gheàrr mi as iad. Sheall iad, agus cha robh fear‐saoraidh ann; eadhon a dh’ionnsaigh an Tighearna, ach cha do fhreagair e iad. An sin mhìn‐phronn mi iad mar dhuslach na talmhainn; mar chlàbar na sràide bhrùth mi iad, leudaich mi a‑mach iad. Agus shaor thu mi o chòmhstri mo shluaigh; ghlèidh thu mi gu bhith ann am cheann air na cinnich: nì sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh. Strìochdaidh coigrich sìos dhomh: cho luath is a chluinneas iad, gèillidh iad dhomh. Seargaidh coigrich as, agus bidh eagal orra a‑mach as an daingnichean. Is beò an Tighearna, agus guma beannaichte mo charraig‐sa; agus air àrdachadh gu robh Dia, carraig mo shlàinte. Is e Dia a nì dìoghaltas air mo shon‐sa, agus a chuireas sìos an sluagh fodham, Agus a bheir a‑mach mi om naimhdean: agus os an cionn‐san a dh’èirich suas ann am aghaidh thog thu suas mi; o fhear an ainneirt shaor thu mi. Uime sin cliùthaichidh mi thu, a Thighearna, am measg nan cinneach, agus dod ainm seinnidh mi. Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh, agus da shliochd gu bràth. A‑nis is iad seo briathran deireannach Dhaibhidh. Thubhairt Daibhidh mac Iese, agus thubhairt an duine a chuireadh suas gu h‑àrd, aon ungte Dia Iàcoib, agus salmadair binn Israeil: Labhair spiorad an Tighearna tromhamsa, agus a fhacal air mo theangaidh. Thubhairt Dia Israeil, labhair carraig Israeil riumsa: Bidh esan a riaghlas os cionn dhaoine cearta a’ riaghladh ann an eagal Dhè: Agus mar sholas na maidne nuair a dh’èireas a’ ghrian, madainn gun neòil; mar am feur a’ fàs as an talamh le dealradh an dèidh uisge. Ged nach eil mo thaigh mar sin aig Dia, gidheadh rinn e coicheangal sìorraidh riumsa, air a shuidheachadh anns gach nì, agus a choimheadar: oir is e seo mo shlàinte uile, agus mo mhiann uile, ged nach eil e a’ toirt air fàs. Ach bidh mic Bheliail uile mar dhroigheann a thilgear air falbh, a chionn nach glacar le làimh iad: Ach am fear a bheanas riu, dìonar e le iarann, agus le crann sleagha; agus le teine loisgear gu tur iad far am fàs iad. Is iad seo ainmean nan daoine treuna a bha aig Daibhidh: Iasobeam, mac Hachmoni, na cheann air triùir; thog esan a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbhadh leis anns an aon àm. Agus na dhèidh‐san bha Eleàsar mac Dhodo an t‑Ahohach, aon den triùir dhaoine treuna a bha maille ri Daibhidh, nuair a thug iad dùbhlan do na Philistich a chruinnicheadh an sin gu cath, agus a dh’imich fir Israeil romhpa. Dh’èirich esan agus bhuail e na Philistich gus an robh a làmh sgìth, agus an do lean a làmh ris a’ chlaidheamh. Agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr air an là sin; agus thill an sluagh na dhèidh a‑mhàin a dh’fhaobhachadh. Agus na dhèidh‐san bha Samah, mac Agee, an t‑Hararach. Agus chruinnicheadh na Philistich nam buidhinn, far an robh mìr fearainn làn de ghall‐pheasair; agus theich an sluagh ro na Philistich. Ach sheas esan ann am meadhon an fhearainn, agus dhìon e e, agus bhuail e na Philistich: agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr. Agus chaidh triùir de na deich‐ceannardan‐fichead sìos, agus thàinig iad ann an àm an fhogharaidh a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, do uaimh Adullaim: agus champaich buidheann nam Philisteach ann an gleann Rephaim. Agus bha Daibhidh an sin ann an daingneach, agus bha freiceadan nam Philisteach an sin ann am Betlehem. Agus mhiannaich Daibhidh, agus thubhairt e, O gun tugadh fear‐eigin dhomh deoch uisge o thobar Bhetlehem, a tha làimh ris a’ gheata! Agus bhris an triùir dhaoine treuna a‑steach tro fheachd nam Philisteach, agus tharraing iad uisge à tobar Bhetlehem, a bha làimh ris a’ gheata, agus ghabh iad e, agus thug iad leo e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh: gidheadh cha b’àill leis òl dheth, ach thaom e a‑mach e don Tighearna. Agus thubhairt e, Guma fada uamsa, a Thighearna, seo a dhèanamh: an òlainn‐sa fuil nan daoine a chaidh ann an cunnart an anama? Uime sin cha b’àill leis òl dheth. Na nithean sin rinn an triùir dhaoine treuna. Agus bha Abisai bràthair Ioaib, mac Sheruiah, na cheann air triùir; agus thog e suas a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbh e; agus fhuair e ainm am measg thriùir. Den triùir nach b’e a b’urramaiche? Uime sin bha e na cheannard orra: gidheadh, cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir. Agus Benaiah mac Iehoiada, mac duine gaisgeil, o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic an àm sneachda. Agus mharbh e Eiphiteach, duine comharraichte: agus ann an làimh an Eiphitich bha sleagh; ach chaidh esan sìos da ionnsaigh le luirg, agus spìon e an t‑sleagh à làimh an Eiphitich agus mharbh e le a shleagh fhèin e. Na nithean sin rinn Benaiah mac Iehoiada; agus bha ainm aige am measg triùir dhaoine treuna. Den triùir b’e a b’urramaiche, ach cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir: agus chuir Daibhidh e os cionn a fhreiceadain. Bha Asahel bràthair Ioaib am measg an deich‐ar‑fichead, Elhanan mac Dhodo, o Bhetlehem, Samah an t‑Harodach, Elica an t‑Harodach, Heles am Paltach, Ira mac Iceis an Tecoach, Abieser an t‑Anetotach, Mebunai an t‑Husatach, Salmon an t‑Ahohach, Maharai an Netophatach, Heleb mac Bhaanah, an Netophatach, Itai mac Ribai o Ghibeah chloinn Bheniàmin. Benaiah am Piratonach, Hidai o shruthan Ghaais, Abialbon an t‑Arbatach, Asmabhet am Barhumach, Eliahba na Saalbonach: de mhic Iasein, Ionatan, Samah an t‑Hararach, Ahiam mac Sharair an t‑Hararach, Eliphelet mac Ahasbai mhic a’ Mhaachataich, Eliam mac Ahitopheil an Gilonach, Hesrai an Carmeleach, Paarai an t‑Arbach, Igal mac Nàtain o Shobah, Bani an Gadach, Selec an t‑Amonach, Naharai am Beerotach, fear‐iomchair arm Ioaib mhic Sheruiah, Ira an t‑Itreach, Gareb an t‑Itreach, Uriah an t‑Hiteach: seachd‐deug ar fhichead uile. Agus a‑rìs las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh nan aghaidh, ag ràdh, Falbh, gabh àireamh Israeil agus Iùdah. Oir thubhairt an rìgh ri Ioab, ceannard an t‑slòigh, a bha maille ris, Imich a‑nis air feadh uile threubhan Israeil, o Dhan eadhon gu Beersèba, agus gabh àireamh an t‑sluaigh, a‑chum gum bi fios àireamh an t‑sluaigh agam. Agus thubhairt Ioab ris an rìgh, A‑nis gun cuireadh an Tighearna do Dhia ris an t‑sluagh (ge bè ciod an àireamh a tha ann dhiubh) fhathast a cheud uimhir, agus gum faiceadh sùilean mo thighearna an rìgh e; ach carson a tha mo thighearna an rìgh a’ gabhail tlachd anns an nì seo? Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib, agus an aghaidh ceannardan an t‑slòigh, agus chaidh Ioab agus ceannardan an t‑slòigh a‑mach à fianais an rìgh, a ghabhail àireamh sluagh Israeil. Agus chaidh iad a‑null thar Iòrdan, agus champaich iad ann an Aroer, air taobh mu dheas a’ bhaile, a tha ann am meadhon abhainn Ghad, agus leth ri Iaser: An sin thàinig iad gu Gilead, agus gu fearann ìochdarach Hodsi; agus thàinig iad gu Dan‐iaan, agus mun cuairt gu Sìdon. Agus thàinig iad gu daingneach Thìruis, agus gu uile bhailtean nan Hibheach, agus nan Canàanach; agus chaidh iad a‑mach don taobh mu dheas de Iùdah, gu Beersèba. Agus nuair a chaidh iad air feadh na tìre uile, thàinig iad gu Ierusalem an ceann naoi mìosan agus fichead là. Agus thug Ioab suas làn àireamh an t‑sluaigh don rìgh: agus bha ann de Israel ochd ceud mìle fear gaisgeil a tharraing claidheamh, agus de fhir Iùdah còig ceud mìle fear. Agus bhuail cridhe Dhaibhidh e, an dèidh dha an sluagh àireamh: agus thubhairt Daibhidh ris an Tighearna, Pheacaich mi gu mòr anns an nì a rinn mi: agus a‑nis, a Thighearna, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich, oir rinn mi gu ro‑amaideach. Agus dh’èirich Daibhidh anns a’ mhadainn, agus thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh an fhàidh Gad, fear‐seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh, Falbh agus abair ri Daibhidh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Tha mi a’ cur trì nithean fad chomhair: roghnaich dhut fhèin aon dhiubh, a‑chum gun dèan mi dhut e. Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus dh’innis e dha, agus thubhairt e ris, An tig trì bliadhna gorta ort ann ad thìr? No an teich thu trì mìosan rod naimhdean, agus iad an tòir ort? No am bi trì làithean plàigh ann ad thìr? A‑nis smaoinich, agus faic ciod a fhreagras mi dhàsan a chuir uaithe mi. Agus thubhairt Daibhidh ri Gad, Tha mi ann an teinn mhòir: tuiteamaid a‑nis ann an làimh an Tighearna, oir is lìonmhor a thròcairean, ach ann an làimh duine na tuiteam. Agus chuir an Tighearna plàigh air Israel, on mhadainn eadhon gu ruig an t‑àm suidhichte: agus bhàsaich den t‑sluagh o Dhan gu Beersèba deich agus trì‐fichead mìle fear. Agus nuair a chuir an t‑aingeal a‑mach làmh gu Ierusalem gu a sgrios, ghabh an Tighearna aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a sgrios an sluagh, Is leòr e: cùm a‑nis air do làimh. Agus bha aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar‐bualaidh Araunah an t‑Iebusach. Agus labhair Daibhidh ris an Tighearna nuair a chunnaic e an t‑aingeal a bhuail an sluagh, agus thubhairt e, Feuch, is mise a pheacaich, agus is mise a rinn gu h‑aingidh; ach na caoraich sin, ciod a rinn iad? Bitheadh do làmh, guidheam ort, am aghaidh‐sa, agus an aghaidh taigh m’athar. Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh air an là sin, agus thubhairt e ris, Gabh suas, tog altair don Tighearna, ann an ùrlar‐bualaidh Araunah an t‑Iebusach. Agus chaidh Daibhidh suas, a rèir facal Ghad, mar a dh’àithn an Tighearna. Agus dh’amhairc Araunah, agus chunnaic e an rìgh agus a sheirbhisich a’ teachd air an aghaidh da ionnsaigh: agus chaidh Araunah a‑mach, agus chrom e e fhèin don rìgh air a aghaidh gu làr. Agus thubhairt Araunah, Carson a thàinig mo thighearna an rìgh a dh’ionnsaigh a sheirbhisich? Agus thubhairt Daibhidh, A cheannach uat an ùrlair‐bhualaidh, a thogail altarach don Tighearna, a‑chum gun caisgear a’ phlàigh on t‑sluagh. Agus thubhairt Araunah ri Daibhidh, Gabhadh agus ìobradh mo thighearna an rìgh an nì sin a bhios math na shùilean: feuch, tha buar an seo a‑chum ìobairt‐loisgte, agus innealan‐bualaidh, agus acfhainn eile a bhuineas don bhuar airson connaidh. Iad sin uile thug Araunah don rìgh. Agus thubhairt Araunah ris an rìgh, Gun gabhadh an Tighearna do Dhia riut. Agus thubhairt an rìgh ri Araunah, Chan eadh: ach gu deimhinn ceannaichidh mi uat iad air luach; agus chan ìobair mi ìobairtean‐loisgte don Tighearna mo Dhia den nì sin a gheibh mi an asgaidh. Agus cheannaich Daibhidh an t‑ùrlar‐bualaidh agus am buar air leth‐cheud secel airgid. Agus thog Daibhidh an sin altair don Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairtean‐loisgte, agus ìobairtean‐sìth: agus bha an Tighearna rèidh ris an tìr, agus chaisgeadh a phlàigh o Israel. A‑nis bha rìgh Daibhidh sean, agus air teachd air aghaidh ann am bliadhnachan: agus chòmhdaich iad e le aodach, gidheadh cha do ghabh e blàths. Uime sin thubhairt a sheirbhisich ris, Iarradh iad dom thighearna, an rìgh, gruagach a tha na h‑òigh, agus seasadh i am fianais an rìgh, agus eiridneadh i e, agus laigheadh i ann ad uchd, a‑chum gun gabh an tighearna mo rìgh blàths. Uime sin dh’iarr iad gruagach mhaiseach air feadh uile chrìochan Israeil, agus fhuair iad Abisag, ban‐Sunamach, agus thug iad i a dh’ionnsaigh an rìgh. Agus bha a’ ghruagach ro‑mhaiseach, agus dh’eiridinn i an rìgh, agus fhritheil i dha; ach cha d’aithnich an rìgh i. An sin dh’àrdaich Adoniah mac Hagit e fhèin, ag ràdh, Rìoghaichidh mise: agus dh’ullaich e dha fhèin carbadan, agus marc‐shluagh, agus leth‐cheud fear a ruith roimhe. Agus cha do chuir a athair doilgheas air uair sam bith, ag ràdh, Carson a rinn thu mar seo? Agus bha esan mar an ceudna ro‑mhaiseach na dhealbh; agus rugadh e an dèidh Absaloim. Agus bha coluadar aige ri Ioab mac Sheruiah, agus ri Abiatar an sagart: agus a’ leantainn Adoniah, rinn iad còmhnadh ris. Ach cha robh Sadoc an sagart, agus Benaiah mac Iehoiada, agus Nàtan am fàidh, agus Simei, agus Rei, agus na fir threuna, a bhuineadh do Dhaibhidh, maille ri Adoniah. Agus mharbh Adoniah caoraich agus buar, agus sprèidh reamhar làimh ri cloich Shohelet, a tha làimh ri Enrogel; agus thug e cuireadh da bhràithrean uile, mic an rìgh, agus do fhir Iùdah uile, seirbhisich an rìgh. Ach do Nàtan am fàidh, agus do Bhenaiah, agus do na fir threuna, agus do Sholamh, a bhràthair, cha tug e cuireadh. Uime sin labhair Nàtan ri Batsèba màthair Sholaimh, ag ràdh, Nach cuala tu gu bheil Adoniah mac Hagit a’ rìoghachadh, agus chan eil fhios aig ar tighearna Daibhidh air? A‑nis matà, leig dhòmhsa, guidheam ort, comhairle a thabhairt ort, a‑chum gun saor thu d’anam fhèin, agus anam Sholaimh do mhac. Imich, agus gabh a‑steach gu rìgh Daibhidh, agus abair ris, Nach tug thusa, mo thighearna, a rìgh, mionnan dod bhanoglaich, ag ràdh, Gu deimhinn rìoghaichidh Solamh do mhac ann am dhèidh‐sa agus suidhidh e air mo rìgh‐chathair‐sa? Carson mas eadh a tha Adoniah a’ rìoghachadh? Feuch, am feadh a bhios tusa fhathast a’ labhairt an sin ris an rìgh, thig mise mar an ceudna a‑steach ad dhèidh, agus daingnichidh mi do bhriathran. Agus chaidh Batsèba a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don t‑seòmar: agus bha an rìgh ro‑shean; agus fhritheil Abisag a’ bhan‐Sunamach don rìgh. Agus chrom Batsèba sìos, agus rinn i ùmhlachd don rìgh. Agus thubhairt an rìgh, Ciod as àill leat? Agus thubhairt ise ris, Mo thighearna, mhionnaich thu air an Tighearna do Dhia dod bhanoglaich, ag ràdh, Gu cinnteach rìoghaichidh Solamh do mhac ann am dhèidh‐sa, agus suidhidh e air mo rìgh‐chathair‐sa: Agus a‑nis, feuch, tha Adoniah a’ rìoghachadh, agus agadsa, mo thighearna, a rìgh, chan eil fhios air. Agus mharbh e buar, agus sprèidh reamhar, agus caoraich gu lìonmhor, agus thug e cuireadh do mhic an rìgh uile, agus do Abiatar an sagart, agus do Ioab, ceannard an t‑slòigh: ach dod òglach Solamh cha tug e cuireadh. Agus a‑nis mo thighearna, a rìgh, tha sùilean Israeil uile ort, a‑chum gun innseadh tu dhaibh cò a shuidheas air rìgh‐chathair mo thighearna an rìgh na dhèidh fhèin. Oir, mura innis, tàrlaidh nuair a chaidleas mo thighearna an rìgh maille ra athraichean, gum measar mise agus mo mhac Solamh nar ciontaich. Agus, feuch, am feadh a bha i fhathast a’ labhairt ris an rìgh, thàinig Nàtan am fàidh mar an ceudna a‑steach. Agus dh’innis iad don rìgh, ag ràdh, Feuch, Nàtan am fàidh. Agus nuair a thàinig e a‑steach am fianais an rìgh, chrom e e fhèin don rìgh le a aghaidh gu làr. Agus thubhairt Nàtan, Mo thighearna, a rìgh, an dubhairt thusa, Rìoghaichidh Adoniah ann am dhèidh‐sa, agus suidhidh esan air mo rìgh‐chathair? Oir chaidh e sìos an‑diugh, agus mharbh e buar, agus sprèidh reamhar, agus caoraich gu lìonmhor; agus thug e cuireadh do mhic an rìgh uile, agus do cheannardan an t‑slòigh, agus do Abiatar an sagart; agus, feuch, tha iad ag ithe agus ag òl na làthair, agus their iad, Guma fada beò an rìgh Adoniah, Ach dhòmhsa, eadhon dhòmhsa do sheirbhiseach, agus do Shadoc an sagart, agus do Bhenaiah mac Iehoiada, agus dod òglach Solamh cha tug e cuireadh. An ann lem thighearna an rìgh a rinneadh an nì seo, agus nach tug thu fios dod sheirbhiseach cò a shuidheas air rìgh‐chathair mo thighearna an rìgh na dhèidh fhèin? Agus fhreagair rìgh Daibhidh, agus thubhairt e, Gairmibh am ionnsaigh Batsèba. Agus thàinig i an làthair an rìgh, agus sheas i am fianais an rìgh. Agus mhionnaich an rìgh, agus thubhairt e, Mar as beò an Tighearna a shaor m’anam as gach airc, Amhail mar a mhionnaich mi dhut air an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Gu deimhinn rìoghaichidh do mhac Solamh ann am dhèidh‐sa, agus suidhidh e air mo rìgh‐chathair ann am àite; gu cinnteach is ann mar sin a nì mi an‑diugh. An sin chrom Batsèba sìos le a h‑aghaidh gu làr, agus rinn i ùmhlachd don rìgh agus thubhairt i, Maireadh mo thighearna rìgh Daibhidh gu bràth. Agus thubhairt rìgh Daibhidh, Gairmibh am ionnsaigh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada. Agus thàinig iad am fianais an rìgh. Agus thubhairt an rìgh riu, Thugaibh leibh seirbhisich ur tighearna, agus thugaibh air Solamh mo mhac marcachd air mo mhuileid fhèin, agus thugaibh sìos e gu Gihon; Agus ungadh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, an sin e na rìgh air Israel: agus sèidibh‐se an trompaid, agus abraibh, Guma fada beò rìgh Solamh. An sin thig sibh a‑nìos na dhèidh, agus thig esan, agus suidhidh e air mo rìgh‐chathair‐sa, agus rìoghaichidh e ann am àite: agus dh’àithn mise e a bhith na cheannard air Israel, agus air Iùdah. Agus fhreagair Benaiah mac Iehoiada an rìgh, agus thubhairt e, Amen: gun abradh an Tighearna Dia, mo thighearna an rìgh, mar sin cuideachd. Mar a bha an Tighearna maille rim thighearna, an rìgh, guma h‑amhlaidh a bhios e le Solamh, agus gun àrdaicheadh e a rìgh‐chathair thar rìgh‐chathair mo thighearna rìgh Daibhidh. Agus chaidh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada, agus na Ceretich, agus na Peletich sìos, agus thug iad air Solamh marcachd air muileid rìgh Daibhidh; agus thug iad e gu Gihon. Agus thug Sadoc an sagart còrn ola as a’ phàillean, agus dh’ung e Solamh; agus shèid iad an trompaid, agus thubhairt an sluagh uile, Guma fada beò rìgh Solamh. Agus thàinig an sluagh uile a‑nìos na dhèidh, agus bha an sluagh a’ pìobaireachd le pìoban, agus a’ dèanamh gàirdeachais le mòr‐ghàirdeachas, air chor is gun do reubadh an talamh lem fuaim. Agus chuala Adoniah, agus na h‑aoighean uile a bha maille ris, e nuair a sguir iad a dh’ithe: agus nuair a chuala Ioab fuaim na trompaid, thubhairt e, Carson a tha fuaim seo a’ bhaile, agus e làn co‑ghàir? Agus am feadh a bha esan fhathast a’ labhairt, feuch, thàinig Ionatan mac Abiatair an sagart, agus thubhairt Adoniah ris, Thig a‑steach, oir is duine treun thu, agus bheir thu sgeul math leat. Agus fhreagair Ionatan, agus thubhairt e ri Adoniah, Gu deimhinn rinn ar tighearna, rìgh Daibhidh, Solamh na rìgh. Agus chuir an rìgh leis Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada, agus na Ceretich, agus na Peletich; agus thug iad air marcachd air muileid an rìgh. Agus dh’ung Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, e na rìgh ann an Gihon: agus thàinig iad a‑nìos as a sin a’ dèanamh gàirdeachais, air chor is gu bheil am baile ri co‑ghàir: is i seo an fhuaim a chuala sibh. Agus mar an ceudna tha Solamh na shuidhe air cathair na rìoghachd. Agus os bàrr, thàinig seirbhisich an rìgh a bheannachadh ar tighearna rìgh Daibhidh, ag ràdh, Gun dèanadh Dia ainm Sholaimh nas fheàrr na d’ainm‐sa, agus gun àrdaicheadh e a rìgh‐chathair os cionn do rìgh‐chathrach‐sa: agus chrom an rìgh e fhèin air an leabaidh. Agus cuideachd mar seo thubhairt an rìgh, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a thug an‑diugh duine a shuidhe air mo rìgh‐chathair, agus mo shùilean fhèin ga fhaicinn. Agus ghlac uamhas na h‑aoighean uile a bha maille ri Adoniah, agus dh’èirich iad, agus dh’imich iad gach fear air a shlighe fhèin. Agus bha eagal air Adoniah ro Sholamh, agus dh’èirich e, agus chaidh e, agus ghabh e greim de adhaircean na h‑altarach. Agus dh’innseadh do Sholamh, ag ràdh, Feuch, tha eagal air Adoniah ro rìgh Solamh, agus, feuch, ghabh e greim de adhaircean na h‑altarach, ag ràdh, Thugadh rìgh Solamh a mhionnan dhòmhsa an‑diugh, nach marbh e a sheirbhiseach leis a’ chlaidheamh. Agus thubhairt Solamh, Ma bhios e na dhuine math, cha tuit ròineag de a fhalt gu làr; ach ma gheibhear olc ann, cuirear gu bàs e. Agus chuir rìgh Solamh fios air, agus thug iad air teachd a‑nuas on altair, agus thàinig e agus chrom e e fhèin do rìgh Solamh. Agus thubhairt Solamh ris, Imich dod thaigh. A‑nis thàinig làithean Dhaibhidh am fagas anns am faigheadh e bàs, agus dh’àithn e do Sholamh a mhac, ag ràdh, Tha mise a’ dol air slighe na talmhainn uile: bi thusa uime sin làidir, agus dèan gu fearail: Agus coimhead cùram an Tighearna do Dhia, a dh’imeachd na shlighean, a ghleidheadh a reachdan, agus a àitheantan, agus a bhreitheanais, agus a theisteis, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, a‑chum gun soirbhich leat anns gach nì a nì thu, agus anns gach àite don tionndaidh tu thu fhèin; A‑chum gun daingnich an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e dom thaobh‐sa, ag ràdh, Ma choimheadas do chlann an slighe, gu imeachd am fhianais‐sa ann am fìrinn, len uile chridhe, agus len uile anam, cha bhi (ars esan) duine a dh’easbhaidh ort air rìgh‐chathair Israeil. Os bàrr, tha fhios agad ciod a rinn Ioab mac Sheruiah ormsa, agus ciod a rinn e air dà cheannard sluagh Israeil, air Abner mac Neir, agus air Amasa mac Ieteir; oir mharbh e iad, agus dhòirt e fuil a’ chogaidh anns an t‑sìth, agus chuir e fuil a’ chogaidh air a chrios a bha ma leasraidh, agus air a bhrògan a bha air a chasan. Dèan thusa matà a rèir do ghliocais, agus na leig le a cheann liath dol sìos don uaigh ann an sìth. Ach nochd coibhneas do mhic Bharsillai, an Gileadach, agus biodh iad am measg an dream a dh’itheas aig do bhòrd; oir is ann mar seo a thàinig iad am ionnsaigh‐sa nuair a theich mi ro Absalom do bhràthair. Agus, feuch, maille riut tha Simei, mac Ghera, Beniàmineach o Bhahurim, a mhallaich mise le mallachadh geur, anns an là anns an deachaidh mi do Mhahanaim: ach thàinig e a‑nuas am choinneamh gu Iòrdan, agus mhionnaich mi dha air an Tighearna, ag ràdh, Cha chuir mi gu bàs leis a’ chlaidheamh thu. A‑nis, matà, na meas neochiontach e: oir is duine glic thu, agus tha fhios agad ciod as còir dhut a dhèanamh ris; ach thoir a cheann liath sìos don uaigh le fuil. An sin chaidil Daibhidh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh. Agus b’iad na làithean a rìghich Daibhidh os cionn Israeil dà‑fhichead bliadhna: ann an Hebron rìghich e seachd bliadhna, agus ann an Ierusalem rìghich e trì‐bliadhna‑deug ar fhichead. An sin shuidh Solamh air rìgh‐chathair Dhaibhidh a athair, agus dhaingnicheadh a rìoghachd gu mòr. Agus thàinig Adoniah mac Hagit gu Batsèba màthair Sholaimh; agus thubhairt i, An ann an sìth a tha thu a’ teachd? Agus thubhairt esan, Ann an sìth. Thubhairt e os bàrr, Tha nì agam ri ràdh riut. Agus thubhairt ise, Abair romhad. Agus thubhairt esan, Tha fhios agad gum bu leamsa an rìoghachd, agus gun do chuir Israel uile an aghaidh orm, a‑chum gun rìoghaichinn: gidheadh, thionndaidheadh an rìoghachd mun cuairt, agus fhuair mo bhràthair i; oir bu leis‐san on Tighearna i. Agus a‑nis, aon athchuinge tha mi ag iarraidh ort, na diùlt mi. Agus thubhairt ise ris, Abair romhad. Agus thubhairt esan, Labhair, guidheam ort, ri Solamh an rìgh (oir cha diùlt e thusa) gun tugadh e dhomh Abisag a’ bhan‐Sunamach na mnaoi. Agus thubhairt Batsèba, Ro‑mhath; labhraidh mise air do shon ris an rìgh. Chaidh Batsèba uime sin a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, a labhairt ris airson Adoniah. Agus dh’èirich an rìgh suas na coinneamh, agus chrom e e fhèin dhi, agus shuidh e air a rìgh‐chathair, agus thug e fa‑near cathair a chur sìos do mhàthair an rìgh; agus shuidh i air a làimh dheis. An sin thubhairt i, Tha mi ag iarraidh aon athchuinge bheag ort; na diùlt mi, guidheam ort. Agus thubhairt an rìgh rithe, Iarr, a mhàthair, oir cha diùlt mi thu. Agus thubhairt ise, Thugar Abisag a’ bhan‐Sunamach do Adoniah do bhràthair na mnaoi. Agus fhreagair rìgh Solamh, agus thubhairt e ra mhàthair, Agus carson a dh’iarras tu Abisag a’ bhan‐Sunamach do Adoniah? Iarr dha an rìoghachd mar an ceudna; (oir is e mo bhràthair as sine e;) eadhon dhàsan, agus do Abiatar an sagart, agus do Ioab mac Sheruiah. An sin mhionnaich rìgh Solamh air an Tighearna, ag ràdh, Gun dèanadh Dia mar sin riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura ann an aghaidh a anama fhèin a labhair Adoniah am facal seo. A‑nis uime sin, mar as beò an Tighearna, a dhaingnich mise, agus a chuir am shuidhe mi air rìgh‐chathair Dhaibhidh m’athair, agus a rinn taigh dhomh, mar a labhair e, cuirear Adoniah gu bàs an‑diugh. Agus chuir rìgh Solamh le làimh Bhenaiah mhic Iehoiada, agus bhuail e air, air chor is gun d’fhuair e bàs. Agus ri Abiatar an sagart thubhairt an rìgh, Imich gu Anatot, a dh’ionnsaigh d’fhearainn fhèin, oir tha thu a’ toilltinn a’ bhàis: ach an‑diugh cha mharbh mi thu, a chionn gun do ghiùlain thu àirc an Tighearna Iehòbhah am fianais Dhaibhidh m’athair, agus a chionn gun d’fhuiling thu àmhghar anns gach nì anns an d’fhuiling m’athair àmhghar. Mar seo thilg Solamh a‑mach Abiatar o bhith na shagart don Tighearna, a choileanadh facal an Tighearna, a labhair e a‑thaobh taigh Eli ann an Siloh. An sin thàinig tuairisgeal gu Ioab; (oir thionndaidh Ioab an dèidh Adoniah, ged nach do thionndaidh e an dèidh Absaloim:) agus theich Ioab gu pàillean an Tighearna, agus ghabh e greim de adhaircean na h‑altarach. Agus dh’innseadh do rìgh Solamh gun do theich Ioab gu pàillean an Tighearna, agus gu robh e làimh ris an altair: an sin chuir Solamh uaithe Benaiah mac Iehoiada, ag ràdh, Falbh, buail air. Agus thàinig Benaiah gu pàillean an Tighearna, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an rìgh ag ràdh, Thig a‑mach. Agus thubhairt esan, Cha tèid, ach gheibh mi bàs an seo. Agus thug Benaiah sgeul air ais a dh’ionnsaigh an rìgh, ag ràdh, Mar seo labhair Ioab, agus mar seo fhreagair e mi. Agus thubhairt an rìgh ris, Dèan mar a labhair e, agus buail air, agus adhlaic e, a‑chum gun toir thu air falbh an fhuil neochiontach, a dhòirt Ioab, uamsa agus o thaigh m’athar. Agus tillidh an Tighearna a fhuil air a cheann fhèin, do bhrìgh gun do bhuail e air dithis dhaoine a b’ionraice agus a b’fheàrr na e fhèin, agus gun do mharbh e leis a’ chlaidheamh iad, gun fhios dom athair Daibhidh, eadhon Abner mac Neir, ceannard sluagh Israeil, agus Amasa mac Ieteir, ceannard sluagh Iùdah. Tillidh uime sin am fuil‐san air ceann Ioaib, agus air ceann a shliochd gu bràth: ach aig Daibhidh, agus aig a shliochd, agus aig a thaigh, agus aig a rìgh‐chathair, bidh sìth gu bràth on Tighearna. Agus chaidh Benaiah mac Iehoiada suas, agus bhuail e air, agus mharbh e e: agus dh’adhlaiceadh e na thaigh fhèin anns an fhàsach. Agus chuir an rìgh Benaiah mac Iehoiada na àite os cionn an t‑slòigh: agus Sadoc an sagart chuir an rìgh an àit Abiatair. Agus chuir an rìgh fios, agus ghairm e air Simei, agus thubhairt e ris, Tog dhut fhèin taigh ann an Ierusalem, agus gabh còmhnaidh an sin, agus na falbh a‑mach as a sin taobh sam bith. Oir tachraidh air an là anns an tèid thu a‑mach, agus an gabh thu thar sruth Chidroin, gum faigh thu gu deimhinn bàs: bidh d’fhuil air do cheann fhèin. Agus thubhairt Simei ris an rìgh, Is math an ràdh: mar a labhair mo thighearna, an rìgh, is amhlaidh a nì do sheirbhiseach. Agus ghabh Simei còmhnaidh ann an Ierusalem mòran de làithean. Agus thachair an ceann trì bliadhna gun do theich dà sheirbhiseach le Simei a dh’ionnsaigh Achis, mac Mhaachah, rìgh Ghat: agus dh’innis iad do Shimei, ag ràdh, Feuch, tha do sheirbhisich ann an Gat. Agus dh’èirich Simei, agus chuir e dìollaid air a asail, agus chaidh e do Ghat a dh’ionnsaigh Achis, a dh’iarraidh a sheirbhiseach: agus dh’fhalbh Simei, agus thug e leis a sheirbhisich o Ghat. Agus dh’innseadh do Sholamh gun deachaidh Simei o Ierusalem gu Gat, agus gun tàinig e air ais. Agus chuir an rìgh fios, agus ghairm e air Simei, agus thubhairt e ris, Nach tug mise ortsa mionnachadh air an Tighearna, agus nach tug mi fianais ad aghaidh, ag ràdh, Air an là anns an tèid thu a‑mach, agus am falbh thu taobh sam bith, biodh fhios gu cinnteach agad gum faigh thu gu deimhinn bàs? Agus thubhairt thu rium, Is math am facal a chuala mi. Carson matà nach do ghlèidh thu mionnan an Tighearna, agus an àithne a dh’àithn mise dhut? Thubhairt an rìgh cuideachd ri Simei, Is aithne dhut fhèin gach uile olc air am fiosrach do chridhe, a rinn thu air Daibhidh m’athair‐sa: uime sin thill an Tighearna d’olc air do cheann fhèin: Ach bidh rìgh Solamh beannaichte, agus bidh rìgh‐chathair Dhaibhidh daingeann am fianais an Tighearna gu bràth. An sin dh’àithn an rìgh do Bhenaiah mac Iehoiada; agus chaidh e a‑mach, agus bhuail e air, agus fhuair e bàs. Agus dhaingnicheadh an rìoghachd ann an làimh Sholaimh. Agus rinn Solamh cleamhnas ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus ghabh e nighean Phàraoh, agus thug e i do bhaile Dhaibhidh, gus an do chuir e crìoch air a thaigh fhèin a thogail, agus taigh an Tighearna, agus balla Ierusaleim mun cuairt. Ach dh’ìobair an sluagh air àitean àrda, do bhrìgh nach do thogadh taigh do ainm an Tighearna gus na làithean sin. Agus ghràdhaich Solamh an Tighearna, ag imeachd ann an òrdaighean Dhaibhidh a athair: ach ann an àitean àrda dh’ìobair e agus loisg e tùis. Agus chaidh an rìgh do Ghibeon a dh’ìobradh an sin, oir b’e sin am mòr‐àit àrd: mìle ìobairt‐loisgte thug Solamh suas air an altair sin. Ann an Gibeon thaisbein an Tighearna e fhèin do Sholamh ann an aisling na h‑oidhche; agus thubhairt Dia, Iarr ciod as àill leat mi thabhairt dhut. Agus thubhairt Solamh, Nochd thu dod òglach, Daibhidh m’athair, coibhneas mòr, a rèir mar a dh’imich e ad fhianais ann am fìrinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghlèidh thu dha an coibhneas mòr seo, gun tug thu dha mac a shuidhe air a rìgh‐chathair, mar a tha e an‑diugh. Agus a‑nis, a Thighearna mo Dhia, rinn thu d’òglach na rìgh an àite Dhaibhidh m’athair; agus mise am leanabh beag, do nach aithne dol a‑mach no teachd a‑steach. Agus tha d’òglach am meadhon do shluaigh a thagh thu, sluagh lìonmhor, nach eil e an comas àireamh no a mheas aig an lìonmhorachd. Thoir uime sin dod òglach cridhe tuigseach a thoirt breith air do shluagh, gu dealachadh a chur eadar am math agus an t‑olc; oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr? Agus bha e na nì taitneach leis an Tighearna gun d’iarr Solamh an nì seo. Agus thubhairt Dia ris, A chionn gun d’iarr thu an nì seo, agus nach d’iarr thu dhut fhèin saoghal fada, agus nach d’iarr thu dhut fhèin saoibhreas, agus nach d’iarr thu anam do naimhdean, ach gun d’iarr thu dhut fhèin tuigse a dhèanamh breitheanais, Feuch, rinn mise a rèir do bhriathran: feuch, thug mi dhut cridhe glic agus tuigseach, air chor is nach robh neach air bith romhad cosmhail riut, agus nach mò a dh’èireas ad dhèidh neach air bith cosmhail riut. Agus mar an ceudna, thug mi dhut an nì nach d’iarr thu, araon saoibhreas agus cliù, air chor is nach bi duine cosmhail riut am measg nan rìgh rè do làithean uile. Agus ma dh’imicheas tu ann am shlighean‐sa, a ghleidheadh mo reachdan, agus m’àitheantan, mar a dh’imich Daibhidh d’athair, an sin nì mi do làithean fada. Agus mhosgail Solamh, agus, feuch, b’aisling a bha ann agus thàinig e gu Ierusalem, agus sheas e am fianais àirc coicheangal an Tighearna, agus thug e suas ìobairtean‐loisgte, agus dh’ìobair e ìobairtean‐sìth, agus rinn e cuirm da sheirbhisich uile. An sin thàinig dithis bhan, a bha nan strìopaichean, a dh’ionnsaigh an rìgh, agus sheas iad na làthair. Agus thubhairt bean dhiubh, O mo thighearna, tha mise agus a’ bhean seo a’ gabhail còmhnaidh ann an aon taigh, agus dh’aiseadadh mise maille rithe anns an taigh. Agus air an treas là an dèidh dhòmhsa a bhith air m’aisead, dh’aiseadadh a’ bhean seo mar an ceudna, agus bha sinn cuideachd; cha robh coigreach sam bith maille rinn anns an taigh, ach sinn fhèin nar dithis anns an taigh. Agus dh’eug mac na mnà seo anns an oidhche, a chionn gun do laigh i air. Agus dh’èirich i mu mheadhon‐oidhche, agus thug i mo mhac‐sa om thaobh, am feadh a bha do bhanoglach na cadal, agus chuir i na laighe e na h‑uchd fhèin, agus chuir i a mac marbh fhèin na laighe ann am uchd‐sa. Agus dh’èirich mi anns a’ mhadainn a thoirt cìche dom mhac, agus, feuch, bha e marbh. Ach nuair a thug mi an aire dha anns a’ mhadainn, feuch, cha b’e mo mhac‐sa a bha ann, a rug mi. Agus thubhairt a’ bhean eile, Chan eadh; ach is e mo mhac‐sa a tha beò, agus is e do mhac‐sa a tha marbh: agus thubhairt ise, Chan eadh; ach is e do mhac‐sa a tha marbh, agus is e mo mhac‐sa a tha beò. Mar seo labhair iad am fianais an rìgh. An sin thubhairt an rìgh, Tha i seo ag ràdh, Is e seo mo mhac‐sa a tha beò, agus is e do mhac‐sa a tha marbh: agus tha i siud ag ràdh, Chan eadh; ach is e do mhac‐sa a tha marbh, agus is e mo mhac‐sa a tha beò. Agus thubhairt an rìgh, Thugaibh dhomh claidheamh. Agus thug iad claidheamh am fianais an rìgh. Agus thubhairt an rìgh, Roinnibh am mac beò na dhà leth, agus thugaibh leth do aon mhnaoi, agus leth don mhnaoi eile. An sin labhair a’ bhean lem bu leis am mac beò ris an rìgh, (oir theòdh a cridhe ra mac,) agus thubhairt i, O mo thighearna, thugaibh dhise an leanabh beò, agus na marbhaibh idir e: ach thubhairt a’ bhean eile, Na biodh e agamsa no agadsa, ach roinnibh e. An sin fhreagair an rìgh, agus thubhairt e, Thugaibh dhise an leanabh beò, agus na marbhaibh idir e: is ise a mhàthair. Agus chuala Israel uile a bhreith a thug an rìgh, agus bha eagal orra ron rìgh; oir chunnaic iad gu robh gliocas Dhè ann, a dhèanamh breitheanais. Agus bha rìgh Solamh na rìgh air Israel uile. Agus is iad seo na h‑uachdarain a bha aige: Asariah mac Shadoic an sagart: Elihoreph agus Ahiah mic Shisa, sgrìobhaichean: Iehosaphat mac Ahiluid, an seanchaidh: Agus Benaiah mac Iehoiada air ceann an t‑slòigh: agus Sadoc agus Abiatar, na sagartan: Agus Asariah mac Nàtain os cionn an luchd‐dreuchd: agus Sabud mac Nàtain, an t‑àrd fhear‐dreuchd, na charaid aig an rìgh: Agus Ahisar os cionn an teaghlaich: agus Adoniram mac Abda os cionn na cìse. Agus bha aig Solamh dà‑fhear‐dheug de luchd‐dreuchd os cionn Israeil uile, a bheathaich an rìgh agus a theaghlach: rè a mhìosa fhèin anns a’ bhliadhna bha e mar fhiachan air gach fear dhiubh a bheathachadh. Agus is iad seo an ainmean: mac Huir ann an sliabh Ephraim: Mac Dhecair ann am Macas, agus ann an Saalbim, agus ann am Bet‐semes, agus ann an Elon, agus ann am Bet‐hanan: Mac Heseid ann an Arubot; aige‐san bha Sochoh, agus uile thìr Hepheir: Mac Abinadaib, aig an robh uile thìr Dhoir; bha Taphat nighean Sholaimh aige na mnaoi: Baanah mac Ahiluid; aigesan bha Taanach, agus Megido, agus Bet‐sean uile, a tha làimh ri Sartanah sìos o Iesreel, o Bhet‐sean gu Abel‐meholah, gu ruig an taobh thall de Iocneam: Mac Ghebeir ann an Ramot‐gilead; dhàsan bhuineadh bailtean Iair mhic Mhanaseh, a tha ann an Gilead; dhàsan mar an ceudna bhuineadh tìr Argoib, a tha ann am Basan, trì‐fichead baile mòr le ballachan agus le crainn umha: Ahinadab mac Ido ann am Mahanaim: Ahimaas ann an Naphtali; ghabh esan mar an ceudna Basmat nighean Sholaimh na mnaoi: Baanah mac Husai ann an Aser, agus ann am Balot: Iehosaphat mac Pharuah ann an Isachar: Simei mac Elah ann am Beniàmin: Geber mac Uri ann an tìr Ghilead, ann an tìr Shihoin rìgh nan Amorach, agus Og rìgh Bhasain; agus b’esan an t‑aon fhear‐dreuchd a bha anns an tìr. Bha Iùdah agus Israel lìonmhor, mar a’ ghaineamh a tha ri taobh na fairge air lìonmhorachd, ag ithe, agus ag òl, agus a’ dèanamh subhachais. Agus rìghich Solamh os cionn nan rìoghachdan uile, on abhainn gu tìr nam Philisteach, agus gu ruig crìoch na h‑Eiphit: thug iad leo tìodhlacan, agus rinn iad seirbhis do Sholamh rè uile làithean a bheatha. Agus b’e lòn Sholaimh airson aon là, deich‐tomhaisean‐fichead de mhin mhìn chruithneachd, agus trì‐fichead tomhas mine eile. Deich daimh bhiadhte, agus fichead damh bhàrr an fheòir, agus ceud caora, a thuilleadh air fèidh, agus ruadh‐bhuic, agus dathaisean, agus eòin bhiadhte. Oir bha uachdaranachd aige os cionn na tìre uile air an taobh seo den abhainn, o Thiphsah eadhon gu Asah, os cionn nan rìgh uile air an taobh seo den abhainn: agus bha sìth aige o gach taobh mun cuairt dha. Agus ghabh Iùdah agus Israel còmhnaidh gu tèarainte, gach fear fo a chrann‐fìona, agus fo a chrann‐fìge fhèin, o Dhan eadhon gu Beersèba, rè uile làithean Sholaimh. Agus bha aig Solamh ceithir mìle prasach each airson a charbad, agus dà‑mìle‐dheug marcaiche. Agus bheathaich an luchd‐dreuchd sin rìgh Solamh, agus gach neach a thàinig gu bòrd rìgh Solamh, gach duine na mhìos fhèin: cha d’fhuiling iad nì air bith a bhith a dh’easbhaidh. Eòrna mar an ceudna agus connlach do na h‑eich, agus do na dromadairean, thug iad a dh’ionnsaigh an àit anns an robh an luchd‐dreuchd, gach fear a rèir a òrdaigh fhèin. Agus thug Dia gliocas do Sholamh, agus tuigse ro‑mhòr, agus farsaingeachd cridhe mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na mara. Agus bu mhò gliocas Sholaimh na gliocas uile chlann na h‑àird an ear, agus na uile ghliocas na h‑Eiphit. Agus bha e glic thar gach duine, thar Etan an t‑Esrahach, thar Heman, agus Chalcol, agus Darda, mic Mhahoil: agus bha a chliù anns gach dùthaich mun cuairt. Agus labhair e trì mìle gnàth‐fhacal; agus b’e àireamh a dhàn mìle agus còig. Agus labhair e air craobhan, on chrann‐seudair a tha ann an Lebanon, eadhon gu ruig an hìosop a dh’fhàsas a‑mach as a’ bhalla: labhair e mar an ceudna air ainmhidhean, agus air eunlaith, agus air nithean a shnàigeas, agus air èisg. Agus thàinig cuid de na h‑uile chinnich a dh’èisdeachd ri gliocas Sholaimh, o uile rìghrean na talmhainn, a chuala iomradh a ghliocais. Agus chuir Hiram, rìgh Thìruis, a sheirbhisich a dh’ionnsaigh Sholaimh, nuair a chuala e gun d’ungadh e na rìgh an àit a athar: oir bha spèis aig Hiram do Dhaibhidh rè a uile làithean. Agus chuir Solamh fios gu Hiram, ag ràdh, Tha fhios agad cionnas nach b’urrainn m’athair Daibhidh taigh a thogail do ainm an Tighearna a Dhia, airson a’ chogaidh leis an do chuartaich a naimhdean e, gus an do chuir an Tighearna iad fo bhonnan a chas. Ach a‑nis thug an Tighearna mo Dhia fois dhòmhsa air gach taobh: chan eil nàmhaid air bith ann, no droch thuiteamas. Agus, feuch, tha mi a’ cur romham taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, mar a labhair an Tighearna rim athair Daibhidh, ag ràdh, Do mhac a chuireas mise ann ad àit air do rìgh‐chathair, togaidh esan taigh dom ainm‐sa. A‑nis uime sin, àithn thusa gun geàrr iad dhòmhsa craobhan seudair à Lebanon; agus bidh mo sheirbhisich‐sa maille rid sheirbhisich‐sa: agus tuarasdal do sheirbhiseach bheir mise dhut, a rèir gach nì a dh’ainmicheas tu: oir tha fhios agad nach eil nar measg‐ne duine don aithne fiodh a ghearradh mar na Sìdonaich. Agus nuair a chuala Hiram briathran Sholaimh, bha aoibhneas mòr air, agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna an‑diugh, a thug do Dhaibhidh mac glic os cionn an t‑sluaigh lìonmhoir seo. Agus chuir Hiram fios gu Solamh, ag ràdh, Chuala mi na nithean mun do chuir thu fios am ionnsaigh: nì mi d’uile thoil a‑thaobh nan craobh seudair agus a‑thaobh nan craobh giuthais. Bheir mo sheirbhisich sìos iad o Lebanon a dh’ionnsaigh na mara: agus cuiridh mi air falbh iad nan ràthan air muir, gu ruig an t‑àit a shònraicheas tu dhomh, agus cuiridh mi air tìr iad an sin, agus bheir thusa leat iad; agus nì thu mo riar ann am biadh a thabhairt dom theaghlach. Mar sin thug Hiram do Sholamh fiodh seudair, agus fiodh giuthais, a rèir a uile thoile. Agus thug Solamh do Hiram fichead mìle tomhas cruithneachd mar lòn da theaghlach, agus fichead tomhas de ola fhìorghlain: mar seo thug Solamh do Hiram o bhliadhna gu bliadhna. Agus thug an Tighearna gliocas do Sholamh, mar a gheall e dha: agus bha sìth eadar Hiram agus Solamh, agus rinn iad coicheangal ri chèile. Agus rinn rìgh Solamh togail dhaoine à Israel uile; agus b’i an togail deich‐mìle‐fichead fear. Agus chuir e iad do Lebanon, deich mìle anns a’ mhìos mu seach: mìos bha iad ann an Lebanon, agus dà mhìos nan taighean fhèin: agus bha Adoniram air ceann na togail. Agus bha aig Solamh deich agus trì‐fichead mìle fear‐iomchair eallaich, agus ceithir‐fichead mìle fear‐gearraidh anns a’ bheinn; A thuilleadh air àrd luchd‐dreuchd Sholaimh, a bha os cionn na h‑obrach, trì mìle agus trì cheud, aig an robh uachdaranachd air an t‑sluagh a bha a’ dèanamh na h‑obrach. Agus dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo clachan mòra, clachan luachmhor, a shuidheachadh bunait an taighe, clachan snaidhte. Agus shnaidh clachairean Sholaimh, agus clachairean Hiraim, agus na gearradairean‐chlach iad: mar sin rè trì bliadhna dheasaich iad fiodh agus clachan a thogail an taighe. Agus anns a’ cheathramh ceud agus an ceathramh‐fichead bliadhna o theachd chloinn Israeil a‑mach à tìr na h‑Eiphit, anns a’ cheathramh bliadhna de rìoghachadh Sholaimh os cionn Israeil, anns a’ mhìos Siph, (is e sin an dara mìos,) thòisich e air taigh a thogail don Tighearna. Agus an taigh a thog rìgh Solamh don Tighearna, b’e trì‐fichead làmh‐choille a fhad, agus fichead làmh‐choille a leud, agus deich‐ar‑fhichead làmh‐choille a àirde. Agus an sgàth‐thaigh air beulaibh teampall an taighe, b’e fichead làmh‐choille a fhad, a rèir leud an taighe; agus deich làmhan‐coille a leud, air beulaibh an taighe. Agus rinn e don taigh uinneagan solais air an tarraing cumhang. Agus thog e ri balla an taighe seòmraichean mun cuairt, ri ballachan an taighe mun cuairt, araon an teampaill agus a’ ghuth‐àit; agus rinn e frith‐sheòmraichean mun cuairt. Bha an seòmar ìochdarach còig làmhan‐coille air leud, agus an seòmar meadhonach sia làmhan‐coille air leud, agus an treas seòmar seachd làmhan‐coille air leud, oir thug e a‑steach balla an taighe mun cuairt on taobh a‑muigh, air chor is nach rachadh na sailthean an greim ann am balla an taighe. Agus nuair a bha an taigh ga thogail, thogadh e de chlachan air an cumadh mun tugadh da ionnsaigh iad: agus cha chualas òrd no tuagh, no inneal iarainn sam bith, anns an taigh, nuair a bha e ga thogail. Bha doras an t‑seòmair mheadhonaich air taobh deas an taighe: agus air staidhrichean snìomhainn chaidh iad suas don t‑seòmar mheadhonach don treas seòmar. Mar seo thog e an taigh, agus chrìochnaich e e; agus chòmhdaich e an taigh le sailthean agus le clàir seudair. Agus thog e seòmraichean ris an taigh uile, còig làmhan‐coille air àirde: agus leig iad an cudthrom air an taigh le fiodh seudair. Agus thàinig facal an Tighearna gu Solamh, ag ràdh, A‑thaobh an taighe seo a tha thu a’ togail, ma ghluaiseas tu ann am reachdan‐sa, agus ma chuireas tu mo bhreitheanais an gnìomh, agus ma ghleidheas tu m’àitheantan uile le gluasad annta: an sin coileanaidh mise m’fhacal dhut, a labhair mi ri Daibhidh d’athair: Agus gabhaidh mi còmhnaidh am meadhon chloinn Israeil, agus cha trèig mi mo shluagh Israel. Mar sin thog Solamh an taigh agus chrìochnaich e e. Agus thog e ballachan an taighe air an taobh a‑staigh le clàir seudair, o ùrlar an taighe gu ruig mullach nam ballachan chòmhdaich e iad le fiodh a‑staigh: agus chòmhdaich e ùrlar an taighe le clàir giuthais. Agus thog e fichead làmh‐choille ri taobhan an taighe le clàir seudair, on ùrlar gu ruig mullach nam ballachan; agus thog e dha iad air an taobh a‑staigh, eadhon don ghuth‐àit, don ionad ro‑naomh. Agus bha an taigh, sin ri ràdh, an teampall air a bheulaibh, dà‑fhichead làmh‐choille air fad. Agus bha seudar an taighe air an taobh a‑staigh geàrrte le cnapan, agus blàthan fosgailte: bu sheudar an t‑iomlan; cha robh clach ra faicinn. Agus dh’ullaich e an guth‐àit anns an taigh a‑staigh, a chur an sin àirc coicheangal an Tighearna. Agus ann an taobh‐beòil a’ ghuth‐àit bha fichead làmh‐choille air fad, agus fichead làmh‐choille air leud, agus fichead làmh‐choille air àirde; agus chòmhdaich e e le òr fìorghlan: chòmhdaich e cuideachd an altair le seudar. Agus chòmhdaich Solamh an taigh a‑staigh le òr fìorghlan: agus rinn e balla‑dealachaidh le slabhraidhean òir air beulaibh a’ ghuth‐àit, agus chòmhdaich e le òr e. Agus chòmhdaich e an taigh uile le òr, gus an do chrìochnaicheadh an taigh uile: mar an ceudna an altair uile, a bha làimh ris a’ ghuth‐àit, chòmhdaich e le òr. Agus rinn e anns a’ ghuth‐àit dà cherub de chrann‐ola, gach aon dhiubh deich làmhan‐coille air àirde. Agus bha còig làmhan‐coille ann an aon sgèith a’ cheruib, agus còig làmhan‐coille ann an sgèith eile a’ cheruib: bha deich làmhan‐coille o bhàrr aon sgèith aige gu bàrr a sgèith eile. Agus bha deich làmhan‐coille anns a’ cherub eile: bha an aon tomhas agus an aon mheud anns an dà cherub. B’e àirde aon cheruib deich làmhan‐coille, agus mar sin bha àirde a’ cheruib eile. Agus chuir e na ceruban anns an taigh a b’fhaide a‑staigh; agus shìn na ceruban an sgiathan a‑mach, air chor is gun do bhean sgiath aon cheruib ri aon bhalla, agus sgiath a’ cheruib eile ris a’ bhalla eile; agus bhean an sgiathan ri chèile ann am meadhon an taighe. Agus chòmhdaich e na ceruban le òr. Agus bhreac e ballachan an taighe uile mun cuairt le dealbhan geàrrte cheruban, agus chraobhan‐pailme, agus bhlàthan fosgailte, a‑staigh agus a‑muigh. Agus ùrlar an taighe chòmhdaich e le òr, a‑staigh agus a‑muigh. Agus do dhoras a’ ghuth‐àit rinn e còmhlachan de chrann‐ola: bha an t‑àrd‐dhoras agus na h‑ursainnean còig‐oisneach. Bha an dà chòmhla mar an ceudna de chrann‐ola; agus gheàrr e orra dealbhan cheruban, agus chraobhan‐pailme, agus bhlàthan fosgailte, agus chòmhdaich e le òr iad; agus sgaoil e òr air na ceruban, agus air na craobhan‐pailme. Agus air an dòigh cheudna rinn e do dhoras an teampaill ursainnean de chrann‐ola, ceithir‐cheàrnach. Agus bha an dà chòmhla de fhiodh giuthais; bha dà dhuilleig aon chòmhlaidh a’ filleadh, agus dà dhuilleig a’ chòmhlaidh eile a’ filleadh. Agus gheàrr e orra ceruban, agus craobhan‐pailme, agus blàthan‐fosgailte: agus chòmhdaich e iad le òr, cumte ris an obair gheàrrte. Agus thog e a’ chùirt a‑staigh le trì sreathan de chlachan snaidhte, agus sreath de shailthean seudair. Anns a’ cheathramh bliadhna shuidhicheadh bunait taigh an Tighearna, anns a’ mhìos Siph. Agus anns an aon‐bhliadhna‑deug, anns a’ mhìos Bul (is e sin an t‑ochdamh mìos), chrìochnaicheadh an taigh na earrannan uile, agus a rèir a chumaidh uile. Agus bha e seachd bliadhna ga thogail. Ach bha Solamh trì‐bliadhna‑deug a’ togail a thaighe fhèin, agus chrìochnaich e a thaigh uile. Thog e mar an ceudna taigh frìth Lebanoin; ceud làmh‐choille a fhad, agus leth‐cheud làmh‐choille a leud, agus deich‐ar‑fhichead làmh‐choille a àirde; air ceithir sreathan de phuist sheudair, agus sailthean seudair air na puist. Agus chòmhdaicheadh e le seudar os a chionn air na sailthean, a bha air dà‑fhichead agus còig puist, còig‐deug anns gach sreath. Agus bha trì sreathan uinneag ann, agus solas fa chomhair solais trì uairean. Agus bha na dorsan uile agus na h‑ursainnean ceithir‐cheàrnach, maille ris na h‑uinneagan: agus bha solas fa chomhair solais trì uairean. Agus rinn e sgàth‐thaigh de phuist; leth‐cheud làmh‐choille a fhad, agus deich làmhan‐coille ar fhichead a leud; agus bha an sgàth‐thaigh romhpa sin; agus bha na puist eile agus na sailthean garbha romhpa. Rinn e, mar an ceudna, sgàth‐thaigh na rìgh‐chathrach far am biodh e a’ tabhairt breith, eadhon sgàth‐thaigh a’ bhreitheanais: agus chòmhdaicheadh e le seudar o aon taobh den ùrlar gu ruig an taobh eile. Agus aig a thaigh fhèin anns an do chòmhnaich e, bha cùirt eile an taobh a‑staigh den sgàth‐thaigh, a bha den obair cheudna. Rinn e cuideachd taigh do nighinn Phàraoh, a ghabh Solamh dha fhèin na mnaoi, cosmhail ris an sgàth‐thaigh seo. Bha iad sin uile de chlachan luachmhor, a rèir tomhas chlach snaidhte, air an gearradh le sàibh a‑staigh agus a‑muigh, eadhon on bhunait gu ruig na clachan‐mullaich, agus mar sin air an taobh a‑muigh gu ruig a’ chùirt mhòr. Agus bha a’ bhunait de chlachan luachmhor, de chlachan mòra; clachan anns an robh deich làmhan‐coille, agus clachan anns an robh ochd làmhan‐coille. Agus gu h‑àrd bha clachan luachmhor, (a rèir tomhas chlach snaidhte,) agus seudair. Agus aig a’ chùirt mhòir mun cuairt bha trì sreathan de chlachan snaidhte, agus sreath de shailthean seudair: air an dòigh cheudna aig cùirt a‑staigh taigh an Tighearna, agus aig sgàth‐thaigh an taighe. Agus chuir rìgh Solamh fios, agus thug e Hiram o Thìrus. Bu mhac bantraich e de threubh Naphtali, agus b’fhear o Thìrus a athair, ceàrd‐umha; agus bha e làn de ghliocas, agus de thuigse, agus de eòlas a dhèanamh gach obrach ann an umha: agus thàinig e a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, agus rinn e a obair uile. Oir dhealbh e dà phost umha: ochd làmhan‐coille deug àirde gach puist dhiubh, agus chaidh snàthainn anns an robh dà làmh‐choille dheug mun cuairt air gach post dhiubh. Agus rinn e dà cheann de umha leaghte, a‑chum an cur air mullach nam post: còig làmhan‐coille àirde aon chinn, agus còig làmhan‐coille àirde a’ chinn eile. Lìontan de lìon‐obair, stìoman de obair‐shlabhraidh, de na cinn a bha air mullach nam post: seachd do aon cheann, agus seachd don cheann eile. Agus rinn e pomgranatan, dà shreath mun cuairt air aon lìon‐obair, a chòmhdachadh nan ceann a bha air mullach nam post: agus mar sin rinn e ris a’ cheann eile. Agus bha na cinn a bha air mullach nam post de obair lili anns an sgàth‐thaigh, ceithir làmhan‐coille. Agus bha cinn air an dà phost mar an ceudna gu h‑àrd, làimh ris a’ bhalg a bha air an taobh thall den lìon‐obair: agus bha dà cheud pomgranat ann, nan sreathan mun cuairt air a’ cheann eile. Agus chuir e suas na puist ann an sgàth‐thaigh an teampaill: agus chuir e suas am post deas, agus thug e Iachin mar ainm air; agus chuir e suas am post clì, agus thug e Bòas mar ainm air. Agus air mullach nam post bha obair lilidh: mar seo chrìochnaicheadh obair nam post. Agus rinn e muir leaghte, deich làmhan‐coille o bhile gu bile; cruinn mun cuairt, agus còig làmhan‐coille a h‑àirde: agus chuartaich snàthainn dheich làmhan‐coille ar fhichead i air gach taobh. Agus bha mill fo a bile ga cuartachadh mun cuairt, deich anns an làmh‐choille, a’ dol mu thimcheall na mara; thilgeadh dà shreath mheall nuair a thilgeadh i fhèin. Sheas i air dà‑dhamh‐dheug, trì ag amharc gu tuath, agus trì ag amharc an iar, agus trì ag amharc gu deas, agus trì ag amharc an ear: agus chuireadh a’ mhuir orra gu h‑àrd, agus bha a’ chuid dheiridh dhiubh uile a‑staigh. Agus bha leud boise air tiughad innte, agus bha a bile air a dhèanamh mar bhile cupain, le blàthan lilidh: chùm i dà mhìle bat. Agus rinn e deich buinn umha: ceithir làmhan‐coille fad gach buinn, agus ceithir làmhan‐coille a leud, agus trì làmhan‐coille a àirde. Agus bha obair nam bonn air an dòigh seo: bha iomaill aca, agus bha na h‑iomaill eadar na tàdhachan: Agus air na h‑iomaill a bha eadar na tàdhachan bha leòmhainn, daimh, agus ceruban: agus air na tàdhachan bha mar sin gu h‑àrd: agus fo na leòmhainn agus na daimh bha ath‐leasachadh de obair thana. Agus bha ceithir rothan umha aig gach bonn, agus clàir umha; agus aig a cheithir oisnean bha guaillean: fon t‑soitheach‐ionnlaid bha guaillean leaghte, aig taobh gach ath‐leasachaidh. Agus bha a bheul an taobh a‑staigh den cheann, agus shuas, làmh‐choille air leud: ach bha a bheul cruinn, a rèir obair a’ bhuinn, làmh‐choille gu leth: agus mar an ceudna air a bheul bha gearraidhean, agus an iomaill ceithir‐cheàrnach, chan ann cruinn. Agus bha ceithir rothan fo na h‑iomaill; agus bha mulan nan roth an greim anns a’ bhonn: agus b’e àirde gach rotha làmh‐choille gu leth. Agus bha obair nan roth cosmhail ri obair roth carbaid: bha am mulan, agus an cìochan, agus an cuairsgeanan, agus an tarsannain uile leaghte. Agus bha ceithir guaillean ri ceithir oisnean gach buinn; na guaillean den bhonn fhèin. Agus ann am mullach a’ bhuinn, leth làmh‐choille air àirde, bha cuairt mu thimcheall: agus air mullach a’ bhuinn bha a làmhan agus a iomaill dheth fhèin. Agus air clàir a làmh, agus air a iomaill, gheàrr e ceruban, leòmhainn, agus craobhan‐pailme, a rèir riochd gach aoin dhiubh, agus ath‐leasachadh mun cuairt. Mar seo rinn e na deich buinn: an aon tilgeadh, an aon tomhas, an aon ghearradh aca uile. Agus rinn e deich soithichean‐ionnlaid umha: chumadh gach soitheach‐ionnlaid dhiubh dà‑fhichead bat: bha ceithir làmhan‐coille anns gach soitheach‐ionnlaid: chuireadh aon soitheach‐ionnlaid air gach aon de na deich buinn. Agus chuir e còig buinn air taobh na làimhe deise den taigh, agus còig air taobh na làimhe clìthe dheth: agus chuir e a’ mhuir air taobh na làimhe deise den taigh, a làimh na h‑àird an ear, fa chomhair na h‑àird a deas. Agus rinn Hiram na soithichean‐ionnlaid, agus na sluasaidean, agus na cuachan: agus chuir Hiram crìoch air dèanamh na h‑obrach uile a rinn e do rìgh Solamh airson taigh an Tighearna: An dà phost, agus dà chuairt nan ceann a bha air mullach an dà phuist; agus an dà lìon‐obair a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bha air mullach nam post: Agus ceithir cheud pomgranat don dà lìon‐obair: dà shreath phomgranat do gach lìon‐obair, a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bha air na puist: Agus na deich buinn, agus na deich soithichean‐ionnlaid air na buinn: Agus aon mhuir, agus dà‑dhamh‐dheug fon mhuir: Agus na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan: agus na soithichean sin uile a rinn Hiram do rìgh Solamh airson taigh an Tighearna, bha iad de umha lìomhte. Ann an còmhnard Iòrdain thilg an rìgh iad, anns an talamh chreadha eadar Sucot agus Sartan. Agus dh’fhàg Solamh na soithichean uile gun chothromachadh, airson an lìonmhorachd anabarraich; cha d’fhuaireadh a‑mach cudthrom an umha. Agus rinn Solamh an t‑uidheam uile a bhuineadh do thaigh an Tighearna: an altair de òr, agus am bòrd, air an robh aran na fianais, de òr: Agus na coinnleirean, còig air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì, air beulaibh a’ ghuth‐àite, de òr fìorghlan; agus na blàthan, agus na lòchrain, agus na clobhachan, de òr: Agus na cuachan, agus na smàladairean, agus na cupain, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan: agus na lùdagain de òr, an dà chuid do dhorsan an taighe a‑staigh, eadhon an t‑ionad ro‑naomh, agus do dhorsan an taighe, eadhon an teampall. Agus chrìochnaicheadh an obair uile a rinn rìgh Solamh airson taigh an Tighearna: agus thug Solamh a‑steach nithean naomhaichte Dhaibhidh a athair; eadhon an t‑airgead, agus an t‑òr, agus an t‑uidheam, chuir e am measg ionmhas taigh an Tighearna. An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan athraichean chloinn Israeil, gu rìgh Solamh ann an Ierusalem, a‑chum gun tugadh iad a‑nìos àirc coicheangal an Tighearna à baile Dhaibhidh; is e sin Sion. Agus chruinnich fir Israeil uile iad fhèin a dh’ionnsaigh rìgh Solaimh, air an fhèill ann am mìos Etanim; is e sin an seachdamh mìos. Agus thàinig uile sheanairean Israeil, agus thog na sagartan an àirc. Agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus pàillean a’ choitheanail, agus an t‑uidheam naomh uile a bha anns a’ phàillean; eadhon iad sin thug na sagartan agus na Lèbhithich suas. Agus bha rìgh Solamh, agus coitheanal Israeil uile, a thionail da ionnsaigh, maille ris ron àirc ag ìobradh chaorach, agus cruidh, nach robh e an comas àireamh, no a mheas, a‑thaobh lìonmhorachd. Agus thug na sagartan a‑steach àirc coicheangal an Tighearna da h‑àite fhèin, do ghuth‐àit an taighe, don ionad as ro‑naoimhe, eadhon fo sgiathan nan cerub. Oir sgaoil na ceruban a‑mach an sgiathan os cionn àite na h‑àirce, agus chòmhdaich na ceruban an àirc, agus a lunnan gu h‑àrd. Agus tharraing iad a‑mach na lunnan, air chor is gum faicte cinn nan lunn as an ionad naomh fa chomhair a’ ghuth‐àite, ach chan fhaicte a‑muigh iad: agus tha iad an sin gus an là‑an‑diugh. Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr chloiche, a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh à tìr na h‑Eiphit. Agus nuair a thàinig na sagartan a‑mach as an ionad naomh, lìon an neul taigh an Tighearna, Air chor is nach b’urrainn na sagartan seasamh a fhrithealadh leis an neul: oir lìon glòir an Tighearna taigh an Tighearna. An sin thubhairt Solamh, Thubhairt an Tighearna gun gabhadh e còmhnaidh ann an dorchadas tiugh. Gu dearbh thog mise taigh‐còmhnaidh dhut, àite deas a‑chum thu a dh’fhantainn ann gu bràth. Agus thionndaidh an rìgh a aghaidh, agus bheannaich e uile choitheanal Israeil (agus uile choitheanal Israeil nan seasamh): Agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a labhair le a bheul fhèin rim athair Daibhidh, agus a choilean e le a làimh, ag ràdh, On là air an tug mi mo shluagh Israel a‑mach as an Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israel a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin: ach thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel. Agus bha e ann an cridhe Dhaibhidh m’athair, taigh a thogail do ainm an Tighearna, Dia Israeil. Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh m’athair, A chionn gu robh e ann ad chridhe taigh a thogail dom ainm‐sa, is math a rinn thu gu robh e ann ad chridhe: Gidheadh, cha tog thusa an taigh, ach do mhac a thig a‑mach as do leasraidh, togaidh esan an taigh dom ainm‐sa. Agus choilean an Tighearna a fhacal a labhair e; agus dh’èirich mise suas an àite Dhaibhidh m’athair, agus tha mi am shuidhe air rìgh‐chathair Israeil, mar a labhair an Tighearna, agus thog mi taigh do ainm an Tighearna, Dia Israeil. Agus shuidhich mi an sin àite don àirc, anns a bheil coicheangal an Tighearna, a rinn e ri ar n‑athraichean, nuair a thug e a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit. Agus sheas Solamh air beulaibh altair an Tighearna, ann an làthair uile choitheanal Israeil, agus sgaoil e a‑mach a làmhan gu nèamh: Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Israeil, chan eil Dia ann cosmhail riutsa, anns na nèamhan shuas, no air an talamh a‑bhos, a chumas coicheangal agus tròcair rid sheirbhisich a ghluaiseas ad fhianais len uile chridhe: A chùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris; oir labhair thu led bheul, agus led làimh choilean thu, mar air an là‑an‑diugh. A‑nis uime sin, a Thighearna Dhè Israeil, cùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi thu gun duine am fhianais‐sa, a shuidheas air rìgh‐chathair Israeil; ma bheir a‑mhàin do chlann an aire dan slighe, le gluasad ann am fhianais‐sa, mar a ghluais thusa ann am fhianais. Agus a‑nis, a Dhè Israeil, daingnichear, guidheam ort, d’fhacal, a labhair thu rid òglach Daibhidh m’athair. Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia mòr as lugha na sin an taigh seo a thog mise? Gidheadh amhairc air ùrnaigh do sheirbhisich, agus air a athchuinge, a Thighearna mo Dhia, a dh’èisdeachd ris a’ ghlaodh agus ris an ùrnaigh, a tha do sheirbhiseach a’ dèanamh ann ad fhianais an‑diugh: A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ris an taigh seo a dh’oidhche agus a là; eadhon ris an àite mun dubhairt thu, Bidh m’ainm an sin: a‑chum gun èisd thu ris an ùrnaigh a nì do sheirbhiseach a dh’ionnsaigh an àite seo. Agus èisd thusa ri athchuinge do sheirbhisich, agus do shluaigh Israel, nuair a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo: agus èisd thusa od àite‐còmhnaidh, o na nèamhan, agus nuair a dh’èisdeas tu, maith dhaibh. Ma pheacaicheas duine an aghaidh a choimhearsnaich, agus ma dh’iarras e mionnan air, a’ toirt air mionnachadh, agus gun tig am mionnan air beulaibh d’altarach anns an taigh seo; An sin èisd thusa o na nèamhan, agus dèan, agus thoir breith air do sheirbhisich, a’ dìteadh an aingidh, gu a shlighe a thabhairt air a cheann fhèin; agus a’ fìreanachadh an fhìrein, a thabhairt dha a rèir a fhìreantachd. Nuair a bhuailear do shluagh Israel an làthair an nàmhaid, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh, agus a thilleas iad riut, agus a dh’aidicheas iad d’ainm, agus a nì iad ùrnaigh, agus a ghuidheas iad ort anns an taigh seo; An sin èisd thusa o na nèamhan, agus maith peacadh do shluaigh Israel, agus thoir a‑rìs iad don fhearann a thug thu dan athraichean. Nuair a dhruidear na nèamhan, agus nach bi uisge ann, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh‐sa, agus a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo, agus a dh’aidicheas iad d’ainm, agus a dh’iompaichear iad o am peacadh, nuair a chuireas tu fo àmhghar iad; An sin èisd thusa o na nèamhan, agus maith peacadh do sheirbhiseach, agus do shluaigh Israel, a‑chum gun teagaisg thu dhaibh an t‑slighe mhath anns an còir dhaibh gluasad, agus gun cuir thu uisge air d’fhearann, a thug thu dod shluagh mar oighreachd. Ma bhios gorta anns an tìr, ma bhios plàigh ann, seargadh, fuar‐dhealt, lòcaist, ma bhios burrais ann; ma theannaicheas a nàmhaid e ann an tìr a bhailtean, ciod air bith plàigh, ciod air bith easlaint a bhios ann; Ge bè ùrnaigh, ge bè athchuinge a chuirear suas le duine sam bith, no led shluagh Israel uile, ma bhios fios aig gach aon air plàigh a chridhe fhèin, agus ma sgaoileas e a‑mach a làmhan a dh’ionnsaigh an taighe seo; An sin èisd thusa o na nèamhan, d’àite‐còmhnaidh, agus maith, agus dèan, agus thoir do gach duine a rèir a shlighean uile, a tha fhios agad air a chridhe; (oir is ann agadsa, agadsa a‑mhàin a tha fhios air cridheachan uile chlann nan daoine:) A‑chum gum bi eagal orra romhadsa rè nan uile làithean a bhios iad beò anns an fhearann, a thug thu dar n‑athraichean. Os bàrr, a‑thaobh coigrich nach eil ded shluagh Israel, ach a thig à tìr chèin air sgàth d’ainme‐sa; (Oir cluinnidh iad mud ainm mòr‐sa, agus mud làimh làidir, agus do ghàirdean sìnte a‑mach:) nuair a thig e agus a nì e ùrnaigh a dh’ionnsaigh an taighe seo; Eisd thusa o na nèamhan, d’àite‐còmhnaidh, agus dèan a rèir nan uile nithean mun glaodh an coigreach riut: air chor is gum bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air d’ainm‐sa, a‑chum gum bi eagal orra romhad mar a tha air do shluagh Israel, agus gum bi fhios aca gu bheil an taigh seo a thog mise air ainmeachadh ort. Ma thèid do shluagh a‑mach a chogadh an aghaidh an naimhdean, ge bè rathad a chuireas tu iad, agus gun dèan iad ùrnaigh ris an Tighearna a làimh a’ bhaile a roghnaich thusa, agus an taighe a chuir mise suas dod ainm; An sin èisd thusa o na nèamhan rin ùrnaigh agus rin athchuinge, agus seas an còir. Ma pheacaicheas iad ad aghaidh, (oir chan eil duine ann nach peacaich,) agus gun las d’fhearg nan aghaidh, agus gun toir thu thairis iad dan naimhdean, agus gun toir iad leo nam braighdean iad do thìr an naimhdean, am fad no am fagas; Gidheadh, ma nì iad aithreachas nan cridhe anns an tìr dan tugadh nam braighdean iad, agus ma dh’iompaichear iad, agus ma ghuidheas iad ort ann an tìr na muinntir a thug leo nam braighdean iad, ag ràdh, Pheacaich sinn, rinn sinn gu h‑eucorach, rinn sinn gu h‑aingidh; Agus mar seo ma thilleas iad ad ionnsaigh‐sa len uile chridhe, agus len uile anam, ann an tìr an naimhdean, a thug leo nam braighdean iad, agus ma nì iad ùrnaigh riutsa rathad an tìre fhèin, a thug thu dan athraichean, rathad a’ bhaile a roghnaich thu, agus an taighe a thog mi dod ainm; An sin èisd thusa o na nèamhan, d’àite‐còmhnaidh, rin ùrnaigh agus rin athchuinge, agus seas an còir. Agus maith dod shluagh a pheacaich ad aghaidh, agus an easaontais uile a rinn iad ad aghaidh, agus faigh truas dhaibh an làthair na muinntir a thug leo nam braighdean iad, a‑chum gun gabh iad truas riu: Oir is iad do shluagh‐sa agus d’oighreachd iad, a thug thu a‑mach as an Eiphit, à meadhon na h‑àmhainn iarainn: A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ri athchuinge do sheirbhisich, agus ri athchuinge do shluaigh Israel, a dh’èisdeachd riu anns gach nì mun gairm iad ort. Oir dhealaich thu iad a‑chum oighreachd dhut fhèin o uile shluagh na talmhainn, mar a labhair thu le làimh Mhaois, d’òglach fhèin, nuair a thug thu ar n‑athraichean a‑mach as an Eiphit, a Thighearna Dhè. Agus nuair a chuir Solamh crìoch air an ùrnaigh seo uile a dhèanamh ris an Tighearna, agus an athchuinge seo, dh’èirich e o bheulaibh altair an Tighearna, o e fhèin a lùbadh air a ghlùinean, agus a làmhan sgaoilte a dh’ionnsaigh nan nèamh: Agus sheas e, agus bheannaich e uile choitheanal Israeil, le guth mòr ag ràdh, Guma beannaichte an Tighearna, a thug suaimhneas da shluagh Israel, a rèir nan uile nithean a labhair e: cha do thuit aon fhacal gu làr de a bhriathran matha uile, a labhair e le làimh Mhaois, a òglach fhèin. Gu robh an Tighearna ar Dia maille rinne, mar a bha e maille ri ar n‑athraichean: na fàgadh e sinn, agus na trèigeadh e sinn; A‑chum gun aom e ar cridhe thuige fhèin, a ghluasad na shlighean uile, agus a ghleidheadh a àitheantan, agus a reachdan, agus a bhreitheanais, a dh’àithn e dar n‑athraichean. Agus gu robh na briathran seo agamsa, leis an do chuir mi suas athchuinge am fianais an Tighearna, am fagas don Tighearna ar Dia a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun seas e còir a sheirbhisich, agus còir a shluaigh Israel, anns gach àm, mar a dh’iarras a’ chùis: A‑chum gum bi fhios aig uile shluagh na talmhainn gur e an Tighearna as Dia ann, agus nach eil ann ach e. Biodh ur cridhe uime sin iomlan leis an Tighearna ar Dia, a ghluasad na reachdan, agus a ghleidheadh a àithneantan, mar air an là‑an‑diugh. Agus dh’ìobair an rìgh, agus Israel uile maille ris, ìobairt am fianais an Tighearna. Agus dh’ìobair Solamh ìobairt thabhartas‐sìthe, a dh’ìobair e don Tighearna, dà mhìle ar fhichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: mar sin choisrig an rìgh, agus clann Israeil uile, taigh an Tighearna. Air an là sin fhèin naomhaich an rìgh meadhon na cùirte a bha air beulaibh taigh an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairtean‐loisgte, agus tabhartasan‐bìdh, agus saill nan tabhartas‐sìthe; a chionn gu robh an altair umha a bha am fianais an Tighearna ro‑bheag a ghabhail nan ìobairt‐loisgte, agus nan tabhartas‐bìdh, agus saill nan tabhartas‐sìthe. Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir‐là‑deug. Air an ochdamh là leig e air falbh an sluagh: agus bheannaich iad an rìgh agus chaidh iad a dh’ionnsaigh am bùthan, subhach agus aoibhinn nan cridhe, airson a’ mhaith uile a rinn an Tighearna do Dhaibhidh a sheirbhiseach agus da shluagh Israel. Agus nuair a chuir Solamh crìoch air taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh a thogail, agus uile mhiann Sholaimh a bu taitneach leis a dhèanamh, Dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Sholamh an dara uair, mar a dh’fhoillsich e e fhèin dha ann an Gibeon. Agus thubhairt an Tighearna ris, Chuala mi d’ùrnaigh agus d’athchuinge a chuir thu suas am fhianais: naomhaich mi an taigh seo a thog thu, a chur m’ainme an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là. Agus ma ghluaiseas tusa ann am fhianais, mar a ghluais Daibhidh d’athair, ann an iomlanachd cridhe, ann an ionracas, a dhèanamh a rèir nan uile nithean a dh’àithn mise dhut, agus gun glèidh thu mo reachdan agus mo bhreitheanais; An sin daingnichidh mise cathair do rìoghachd air Israel gu bràth, mar a labhair mi ri Daibhidh d’athair, ag ràdh, Cha bhi thu gun duine air rìgh‐chathair Israeil. Ach ma thionndaidheas sibh da‑rìribh om leantainn‐sa, sibh fhèin agus ur clann, agus nach glèidh sibh m’àitheantan agus mo reachdan a chuir mi romhaibh, ach gum falbh sibh agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun sleuchd sibh dhaibh; An sin gearraidh mise Israel as bhàrr aghaidh an fhearainn a thug mi dhaibh: agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm fhèin, tilgidh mi as mo shealladh, agus bidh Israel na ghnàth‐fhacal agus na leth‐fhacal am measg nan uile shluagh: Agus an taigh seo a bha cho àrd, gach neach a ghabhas seachad air, bidh ioghnadh air, agus nì e sgeig; agus their iad, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo? Agus freagraidh iad, A chionn gun do thrèig iad an Tighearna an Dia, a thug a‑mach an athraichean à tìr na h‑Eiphit, agus gun do ghabh iad dan ionnsaigh diathan eile, agus gun do shleuchd iad dhaibh, agus gun do rinn iad seirbhis dhaibh; uime sin thug an Tighearna orra an t‑olc seo uile. Agus an ceann fichead bliadhna, anns an do thog Solamh an dà thaigh, taigh an Tighearna agus taigh an rìgh, A chionn gun tug Hiram rìgh Thìruis seachad do Sholamh fiodh seudair agus fiodh giuthais, agus òr gu a uile thoil, an sin thug rìgh Solamh do Hiram fichead baile ann an tìr Ghalile. Agus thàinig Hiram a‑mach à Tìrus a dh’fhaicinn nam bailtean a thug Solamh dha; ach cha do thaitinn iad ris. Agus thubhairt e, Ciod iad na bailtean sin a thug thu dhomh, a bhràthair? Agus thugadh fearann Chabuil mar ainm orra gus an là‑an‑diugh. Agus chuir Hiram a dh’ionnsaigh an rìgh sia fichead tàlann òir. Agus is e seo adhbhar na cìse a thog rìgh Solamh a thogail taigh an Tighearna, agus a thaighe fhèin, agus Mhilo, agus balla Ierusaleim, agus Hasoir, agus Mhegido, agus Ghèseir. Chaidh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit suas, agus ghlac e Gèser, agus loisg e e le teine, agus mharbh e na Canàanaich a bha a chòmhnaidh anns a’ bhaile, agus thug e e mar thìodhlac da nighinn, bean Sholaimh. Agus thog Solamh Gèser, agus Bet‐horon ìochdarach, Agus Bàalat, agus Tadmor anns an fhàsach, anns an tìr, Agus na h‑uile bhailtean ionmhais a bha aig Solamh, agus bailtean a charbad, agus bailtean a mharc‐shluaigh, agus miann Sholaimh a mhiannaich e a thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an tìr a thighearnais uile. Agus an sluagh uile a dh’fhàgadh beò de na h‑Amoraich, de na Hitich, de na Peridsich, de na Hibhich, agus de na h‑Iebusaich, nach robh de chloinn Israeil; An clann a dh’fhàgadh nan dèidh anns an tìr, nach b’urrainn clann Israeil a sgrios gu tur, dhiùbhsan thog Solamh daor‐chìs gus an là‑an‑diugh. Ach de chloinn Israeil, cha do rinn Solamh tràill sam bith: ach bha iad nam fir‐chogaidh, agus nan seirbhisich aige, agus nan uachdarain, agus nan ceannardan, agus nan riaghlairean a charbad, agus a mharc‐shluaigh. B’iad seo uachdarain an luchd‐dreuchd a bha os cionn obair Sholaimh, còig ceud agus leth‐cheud, a riaghail os cionn an t‑sluaigh a dh’obraich anns an obair. Ach chaidh nighean Phàraoh suas à baile Dhaibhidh da taigh fhèin, a thog Solamh dhi: an sin thog e Milo. Agus dh’ìobair Solamh trì uairean anns a’ bhliadhna ìobairtean‐loisgte, agus ìobairtean‐sìthe air an altair a thog e don Tighearna, agus loisg e tùis air an altair a bha am fianais an Tighearna: agus chrìochnaich e an taigh. Agus rinn rìgh Solamh luingeas ann an Esion‐geber, a tha làimh ri Elot, air tràigh na mara ruaidhe, ann an tìr Edoim. Agus chuir Hiram anns an luingeas a òglaich fhèin, maraichean aig an robh eòlas na fairge, maille ri òglaich Sholaimh. Agus thàinig iad gu Ophir, agus thug iad as a sin òr, ceithir cheud agus fichead tàlann, agus thug iad gu rìgh Solamh e. Agus nuair a chuala bànrighinn Shèba cliù Sholaimh ann an ainm an Tighearna, thàinig i ga dhearbhadh le ceistean cruaidhe. Agus thàinig i do Ierusalem le cuideachd ro‑mhòir, le càmhail a’ giùlan spìosraidh, agus ro‑mhòran òir agus chlachan luachmhor: agus thàinig i a dh’ionnsaigh Sholaimh, agus labhair i ris gach nì a bha na cridhe. Agus mhìnich Solamh dhi a briathran uile: cha robh nì air bith am falach air an rìgh nach do mhìnich e dhi. Agus nuair a chunnaic bànrighinn Shèba uile ghliocas Sholaimh, agus an taigh a thog e, Agus biadh a bhùird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd‐frithealaidh, agus an trusgan, agus a ghillean‐cupain, agus a dhol suas air an deachaidh e suas gu taigh an Tighearna, cha robh spiorad innte nas mò. Agus thubhairt i ris an rìgh, B’fhìor an t‑iomradh a chuala mise ann am thìr fhèin air do ghnìomharan, agus air do ghliocas. Gidheadh, cha do chreid mi na briathran gus an tàinig mi agus gum faca mo shùilean fhèin e; agus, feuch, cha d’innseadh a leth dhomh: chaidh do ghliocas agus do shoirbheachadh thar an iomraidh a chuala mi. Is sona do dhaoine, is sona iad seo do sheirbhisich, a sheasas ann ad fhianais an còmhnaidh, ag èisdeachd rid ghliocas. Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a ghabh tlachd annad gud chur air rìgh‐chathair Israeil: a chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna do Israel gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh, a dhèanamh breitheanais agus ceartais. Agus thug i don rìgh sia‑fichead tàlann òir, agus ro‑mhòran de spìosraidh, agus clachan luachmhor: (cha tàinig riamh tuilleadh a leithid seo de phailteas spìosraidh is a thug bànrighinn Shèba do rìgh Solamh. Agus mar an ceudna luingeas Hiraim a ghiùlain òr o Ophir, thug i o Ophir ro‑mhòran de fhiodh almuig, agus clachan luachmhor. Agus rinn an rìgh den fhiodh almuig puist do thaigh an Tighearna, agus do thaigh an rìgh, clàrsaichean mar an ceudna agus saltairean don luchd‐ciùil: cha tàinig a leithid seo de fhiodh almuig, agus chan fhacas a leithid gus an là‑an‑diugh.) Agus thug rìgh Solamh do bhànrighinn Shèba a h‑uile mhiann a dh’iarr i, a thuilleadh air na thug e dhi a rèir a fhialaidheachd rìoghail fhèin: agus thill i, agus dh’fhalbh i da tìr, i fhèin agus a seirbhisich. A‑nis b’e cudthrom an òir a thàinig gu Solamh ann an aon bhliadhna, sia ceud, trì‐fichead, agus sia tàlannan òir; A thuilleadh air na fhuair e o na ceannaichean, agus o mhalairt an luchd‐spìosraidh, agus o uile rìghrean Aràbia, agus o uachdarain na tìre. Agus rinn rìgh Solamh dà cheud sgiath de òr buailte: sia ceud secel òir chuir e a‑chum gach sgèithe. Agus rinn e trì cheud targaid de òr buailte: trì puinnd òir chuir e a‑chum gach targaide: agus chuir an rìgh iad ann an taigh frìth Lebanoin. Rinn an rìgh mar an ceudna rìgh‐chathair mhòr de fhiaclan elephant, agus chòmhdaich e i leis an òr a bu ghlaine. Bha sia ceuman aig an rìgh‐chathair, agus bha mullach na rìgh‐chathrach cruinn o a cùl: agus bha làmhan air gach taobh den àite‐shuidhe, agus dà leòmhann a’ seasamh làimh ris na làmhan. Agus sheas dà‑leòmhann‐dheug an sin air na sia ceuman, air an taobh seo agus air an taobh ud: cha do rinneadh a leithid ann an rìoghachd air bith eile. Agus bha uile shoithichean‐òil rìgh Solamh de òr, agus uile shoithichean taigh frìth Lebanoin de òr fìorghlan: cha robh aon dhiubh de airgead; cha robh meas air bith dheth ann an làithean Sholaimh. Oir bha luingeas Tharsis aig an rìgh air muir maille ri luingeas Hiraim: aon uair anns na trì bliadhna thàinig luingeas Tharsis, a’ giùlan òir, agus airgid, fiaclan elephant, agus apa, agus pheucag. Mar seo thug rìgh Solamh barrachd air uile rìghrean an domhain ann an saoibhreas agus ann an gliocas. Agus dh’iarr an talamh uile teachd an làthair Sholaimh, a dh’èisdeachd ra ghliocas, a chuir Dia na chridhe. Agus thug iad leo gach fear a thìodhlac; soithichean airgid agus soithichean òir, agus trusganan, agus airm, agus spìosraidh, eich agus muileidean; cuibhreann bliadhna anns gach bliadhna. Agus chruinnich Solamh carbadan agus marc‐shluagh: agus bha mìle agus ceithir cheud carbad aige, agus dà‑mìle‐dheug marcaiche, a chuir e ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem. Agus thug an rìgh air airgead a bhith ann an Ierusalem mar chlachan, agus air na craobhan seudair thug e a bhith mar na craobhan sicomoir a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd. Agus thugadh eich do Sholamh a‑mach as an Eiphit, agus snàth‐lìn: ghabh ceannaichean an rìgh an snàth‐lìn air luach. Agus thàinig carbad a‑nìos agus chaidh e a‑mach as an Eiphit air sia ceud secel airgid, agus each air ceud gu leth: agus mar sin do uile rìghrean nan Hiteach, agus do rìghrean Shiria, thug iadsan a‑mach iad len làimh. Agus bha gaol aig rìgh Solamh air mòran de mhnathan coimheach, a thuilleadh air nighean Phàraoh, ban‐Mhòabaich, ban‐Amonaich, ban‐Edomaich, ban‐Shidonaich, agus ban‐Hitich; De na cinnich mun dubhairt an Tighearna ri cloinn Israeil, Cha tèid sibhse a‑steach dan ionnsaigh‐san, cha mhò a thig iadsan a‑steach dur n‑ionnsaigh‐se; oir gu deimhinn bheir iad air ur cridhe claonadh an dèidh an diathan: riu seo dhlùth‐lean Solamh ann an gaol. Agus bha seachd ceud bean aige, mar bhànrighinnean, agus trì cheud coileabach: agus thug a mhnathan air a chridhe claonadh. Oir thachair, ann an àm seann aois Sholaimh, gun do chlaon a mhnathan a chridhe an dèidh dhiathan eile: agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearna a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh a athair. Oir chaidh Solamh an dèidh Astaroit, ban‐dia nan Sìdonach, agus an dèidh Mhilcoim, gràinealachd nan Amonach. Agus rinn Solamh olc ann an sùilean an Tighearna; agus cha do lean e gu coileanta an Tighearna, mar a rinn Daibhidh a athair. An sin thog Solamh ionad àrd do Chemos, gràinealachd Mhòaib, anns an t‑sliabh a tha mu choinneamh Ierusaleim; agus do Mholech, gràinealachd chloinn Amoin. Agus air an dòigh cheudna rinn e da mhnathan coimheach uile, a loisg tùis agus a thug suas ìobairt dan diathan. Agus bha fearg air an Tighearna ri Solamh, a chionn gun do chlaon a chridhe on Tighearna, Dia Israeil, a dh’fhoillsich e fhèin dha dà uair, Agus a dh’àithn dha a‑thaobh an nì seo nach rachadh e an dèidh dhiathan eile: ach cha do ghlèidh esan an nì a dh’àithn an Tighearna. Uime sin thubhairt an Tighearna ri Solamh, A chionn gun do rinneadh seo leat, agus nach do ghlèidh thu mo choicheangal‐sa, agus mo reachdan a dh’àithn mi dhut, gu deimhinn reubaidh mise an rìoghachd uat, agus bheir mi dod sheirbhiseach i. Gidheadh ann ad làithean‐sa cha dèan mi seo, air sgàth Dhaibhidh d’athair: à làimh do mhic reubaidh mi i. Ach cha reub mi an rìoghachd uile: bheir mi aon treubh dod mhac air sgàth Dhaibhidh m’òglach, agus air sgàth Ierusaleim a thagh mi. Agus dhùisg an Tighearna nàmhaid suas do Sholamh, Hadad an t‑Edomach: bha e den t‑sliochd rìoghail ann an Edom. Oir nuair a bha Daibhidh ann an Edom, agus a chaidh Ioab, ceannard an t‑slòigh, suas a dh’adhlacadh nam marbh, an dèidh dha gach fireannach ann an Edom a bhualadh, (Oir dh’fhan Ioab sia mìosan an sin, agus Israel uile, gus an do gheàrr e as gach fireannach ann an Edom,) Theich Adad, e fhèin agus Edomaich àraidh de sheirbhisich a athar maille ris, gu dol a‑steach don Eiphit; agus Hadad fhathast na leanabh òg. Agus dh’èirich iad à Midian, agus thàinig iad gu Paran, agus thug iad daoine leo à Paran, agus thàinig iad don Eiphit, gu Phàraoh rìgh na h‑Eiphit; agus thug esan dha taigh, agus dh’òrdaich e lòn dha, agus thug e fearann dha. Agus fhuair Hadad deagh‐ghean mòr ann an sùilean Phàraoh, air chor is gun tug e dha na mnaoi piuthar a mhnà fhèin, piuthar Thahpeneis a’ bhànrighinn. Agus rug piuthar Thahpeneis dha Genubat a mhac, a chuir Tahpenes bhàrr na cìche ann an taigh Phàraoh: agus bha Genubat ann an teaghlach Phàraoh am measg mic Phàraoh. Agus nuair a chuala Hadad anns an Eiphit gun do chaidil Daibhidh maille ra athraichean, agus gu robh Ioab ceannard an t‑slòigh marbh, thubhairt Hadad ri Phàraoh, Leig dhomh imeachd, a‑chum gun tèid mi dom thìr fhèin. Agus thubhairt Phàraoh ris, Ach ciod e a tha a dh’easbhaidh ort maille riumsa, gun iarradh tu, feuch, dol dod thìr fhèin? Agus fhreagair esan, Chan eil nì air bith, gidheadh leig dhomh falbh air gach aon chor. Agus dhùisg Dia suas nàmhaid eile dha, Reson mac Eliadah, a theich o Hadareser, rìgh Shobah, a thighearna. Agus chruinnich e daoine thuige, agus bha e na cheannard air buidhinn, nuair a mharbh Daibhidh iadsan o Shobah: agus chaidh iad do Dhamascas, agus chòmhnaich iad ann, agus rinn iad e na rìgh ann an Damascas. Agus bha e na nàmhaid do Israel rè uile làithean Sholaimh, a thuilleadh air an olc a rinn Hadad: agus dh’fhuathaich e Israel, agus rìghich e os cionn Edoim. Agus Ierobòam mac Nebait, Ephratach o Shereda, seirbhiseach do Sholamh (agus b’e ainm a mhàthar Seruah, bantrach), thog eadhon esan a làmh an aghaidh an rìgh. Agus b’e seo an t‑adhbhar mun do thog e a làmh an aghaidh an rìgh: Thog Solamh Milo, agus chàraich e beàrnan baile Dhaibhidh a athair. Agus bha an duine Ierobòam treun ann an neart: agus nuair a chunnaic Solamh gu robh an t‑òganach dèanadach, chuir e e os cionn uile luchd‐giùlain uallach taigh Iòseiph. Agus thachair anns an àm sin, air dol do Ierobòam a‑mach à Ierusalem, gun d’fhuair am fàidh Ahiah an Silonach e anns an t‑slighe, agus e sgeadaichte le trusgan ùr: agus bha iad nan dithis leo fhèin anns a’ mhachair. Agus rug Ahiah air an trusgan ùr a bha air, agus reub e na dhà‐mhìr‐dheug e. Agus thubhairt e ri Ierobòam, Gabh dhut fhèin deich mìrean; oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, reubaidh mise an rìoghachd à làimh Sholaimh, agus bheir mi deich treubhan dhutsa: (Ach bidh aon treubh aige‐san air sgàth Dhaibhidh, m’òglach, agus air sgàth Ierusaleim, am baile a thagh mi à uile threubhan Israeil:) A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do shleuchd iad do Astarot, ban‐dia nan Sìdonach, do Chemos, dia nam Mòabach, agus do Mhilcom, dia chloinn Amoin, agus nach do ghluais iad ann am shlighean‐sa, a dhèanamh an nì a tha ceart am shùilean, agus a ghleidheadh mo reachdan agus mo bhreitheanais mar a rinn Daibhidh a athair. Gidheadh, cha toir mi an rìoghachd uile as a làimh, ach nì mi e na uachdaran rè uile làithean a bheatha, air sgàth Dhaibhidh, m’òglach, a thagh mi, a chionn gun do ghlèidh e m’àitheantan agus mo reachdan. Ach bheir mi an rìoghachd à làimh a mhic, agus bheir mi dhutsa i, eadhon deich treubhan. Agus da mhac‐san bheir mi aon treubh, a‑chum gum bi lòchran aig Daibhidh m’òglach an còmhnaidh am fhianais ann an Ierusalem, am baile a thagh mi dhomh fhèin a chur m’ainme an sin. Agus gabhaidh mi thusa, agus rìoghaichidh tu a rèir nan uile nithean a mhiannaicheas d’anam, agus bidh tu ad rìgh air Israel. Agus ma dh’èisdeas tu ris na h‑uile nithean a dh’àithneas mise dhut, agus gun gluais thu ann am shlighean, agus gun dèan thu an nì a tha ceart am shùilean, a ghleidheadh mo reachdan agus m’àitheantan, mar a rinn Daibhidh m’òglach: an sin bidh mise maille riut, agus togaidh mi dhut taigh daingeann, mar a thog mi do Dhaibhidh, agus bheir mi Israel dhut. Agus cràdhaidh mi sliochd Dhaibhidh air a shon seo, ach chan ann gu bràth. Uime sin dh’iarr Solamh Ierobòam a mharbhadh. Ach dh’èirich Ierobòam, agus theich e don Eiphit, a dh’ionnsaigh Shisaic rìgh na h‑Eiphit, agus bha e anns an Eiphit gu bàs Sholaimh. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Sholaimh, eadhon na h‑uile nithean a rinn e, agus a ghliocas, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar gnìomharan Sholaimh? Agus b’i an ùine a rìghich Solamh ann an Ierusalem os cionn Israeil uile, dà‑fhichead bliadhna. Agus chaidil Solamh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich Rehobòam a mhac na àite. Agus chaidh Rehobòam do Shechem: oir thàinig Israel uile gu Sechem ga dhèanamh na rìgh. Agus nuair a chuala Ierobòam mac Nebait, a bha fhathast anns an Eiphit sin (far an do theich e o ghnùis rìgh Solamh) thill Ierobòam as an Eiphit. Agus chuir iad fios agus ghairm iad air: agus thàinig Ierobòam, agus co‑chruinneachadh Israeil uile, agus labhair iad ri Rehobòam, ag ràdh, Dh’antromaich d’athair ar cuing‐ne, ach aotromaich thusa a‑nis seirbhis chruaidh d’athar, agus a chuing throm a chuir e oirnn, agus nì sinn seirbhis dhut. Agus thubhairt e riu, Falbhaibh fhathast gu ceann trì làithean, an sin thigibh a‑rìs am ionnsaigh. Agus dh’fhalbh an sluagh. Agus chuir rìgh Rehobòam a chomhairle ris na seann daoine a sheas an làthair Sholaimh a athair, nuair a bu bheò e, ag ràdh, Cionnas a tha sibh a’comhairleachadh dhomh freagradh a thabhairt don t‑sluagh seo? Agus labhair iadsan ris, ag ràdh, Ma bhios tusa an‑diugh ad sheirbhiseach aig an t‑sluagh seo, agus gun dèan thu seirbhis dhaibh, agus gum freagair thu iad, agus gun labhair thu facail mhatha riu, an sin bidh iadsan agadsa nan seirbhisich gu bràth. Ach thrèig esan comhairle nan seann daoine, a thug iad air; agus chuir e a chomhairle ris na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin, agus a sheas na làthair. Agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibhse a’ comhairleachadh, a‑chum is gun toir sinn freagradh don t‑sluagh seo, a labhair rium, ag ràdh, Aotromaich a’ chuing a chuir d’athair oirnn? Agus labhair na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin ris, ag ràdh, Mar seo their thu ris an t‑sluagh seo a labhair riut, ag ràdh, Dh’antromaich d’athair ar cuing‐ne, ach aotromaich thusa dhuinn i; mar seo labhraidh tu riu, Tha am meur as lugha agamsa nas gairbhe na leasraidh m’athar. Agus a‑nis chuir m’athair gun amharas oirbh cuing throm, ach cuiridh mise ri ur cuing: smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan. Uime sin thàinig Ierobòam agus an sluagh uile gu Rehobòam air an treas là, mar a dh’àithn an rìgh, ag ràdh, Thigibh am ionnsaigh a‑rìs air an treas là. Agus fhreagair an rìgh an sluagh gu garbh; agus thrèig e comhairle nan seann daoine a thug iad dha. Agus labhair e riu a rèir comhairle nan daoine òga, ag ràdh, Dh’antromaich m’athair ur cuing, agus cuiridh mise ri ur cuing: smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan. Mar seo cha d’èisd an rìgh ris an t‑sluagh; oir bha an t‑adhbhar on Tighearna, a‑chum gun coileanadh e a fhacal fhèin a labhair an Tighearna le làimh Ahiah an Silonach ri Ierobòam mac Nebait. Agus nuair a chunnaic Israel uile nach d’èisd an rìgh riu, fhreagair an sluagh an rìgh, ag ràdh, Ciod a’ chuibhreann a tha againne ann an Daibhidh? Agus chan eil oighreachd againne ann am mac Iese: dod bhùthan, O Israeil; a‑nis amhairc air do thaigh fhèin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel dam bùthan. Ach a‑thaobh chloinn Israeil a bha a chòmhnaidh ann am bailtean Iùdah, rìghich Rehobòam os an cionn. An sin chuir rìgh Rehobòam Adoram a bha os cionn na cìse dan ionnsaigh; agus chlach Israel uile e le clachan, agus fhuair e bàs: uime sin rinn rìgh Rehobòam cabhag gu dol suas da charbad, a‑chum is gun teicheadh e do Ierusalem. Agus rinn Israel ceannairc an aghaidh taigh Dhaibhidh gus an là‑an‑diugh. Agus nuair a chuala Israel uile gun tàinig Ierobòam a‑rìs, chuir iad fios, agus ghairm iad air don cho‐chruinneachadh, agus rinn iad e na rìgh air Israel uile: cha do lean aon taigh Daibhidh ach treubh Iùdah a‑mhàin. Agus nuair a thàinig Rehobòam gu Ierusalem, chruinnich e taigh Iùdah uile, agus treubh Bheniàmin, ceud agus ceithir‐fichead mìle fear taghte a bha dèante ri cogadh, a chogadh ri taigh Israeil, a thoirt na rìoghachd air a h‑ais gu Rehobòam mac Sholaimh. Ach thàinig facal Dhè gu Semaiah, duine le Dia, ag ràdh, Labhair ri Rehobòam mac Sholaimh, rìgh Iùdah, agus ri taigh Iùdah agus Bheniàmin uile, agus ri fuidheall an t‑sluaigh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Na rachaibh suas, agus na cogaibh ri ur bràithrean clann Israeil: tillibh gach duine da thaigh fhèin, oir is ann leamsa a rinneadh an nì seo. Agus dh’èisd iad ri facal an Tighearna, agus thill iad gu imeachd a rèir facal an Tighearna. Agus thog Ierobòam Sechem ann an sliabh Ephraim, agus chòmhnaich e ann; agus chaidh e a‑mach as a sin, agus thog e Penuel. Agus thubhairt Ierobòam na chridhe, A‑nis tillidh an rìoghachd gu taigh Dhaibhidh: Ma thèid an sluagh seo suas a dhèanamh ìobairtean ann an taigh an Tighearna, ann an Ierusalem, an sin tillidh cridhe an t‑sluaigh seo rin tighearna, ri Rehobòam rìgh Iùdah: agus marbhaidh iad mise, agus tillidh iad gu Rehobòam rìgh Iùdah. Uime sin ghabh an rìgh comhairle, agus rinn e dà laogh òir, agus thubhairt e riu, Is mòr oirbh dol suas gu Ierusalem: feuch do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit. Agus shuidhich e aon dhiubh ann am Betel, agus an t‑aon eile chuir e ann an Dan. Agus rinneadh an nì seo na pheacadh: oir chaidh an sluagh a shleuchdadh an làthair aoin dhiubh, gu ruig Dan. Agus rinn e taigh àitean àrda, agus rinn e sagartan den chuid a b’ìsle den t‑sluagh, nach robh de chloinn Lèbhi. Agus rinn Ierobòam fèill anns an ochdamh mìos, air a’ chòigeamh‐là‑deug den mhìos, cosmhail ris an fhèill a bha ann an Iùdah, agus dh’ìobair e air an altair: mar sin rinn e ann am Betel, ag ìobradh do na laoigh a rinn e: agus shuidhich e ann am Betel sagartan nan àitean àrda a rinn e. Agus dh’ìobair e air an altair a rinn e ann am Betel, air a’ chòigeamh‐là‑deug den ochdamh mìos, anns a’ mhìos air an do smaoinich e na chridhe fhèin: agus rinn e fèill do chloinn Israeil, agus dh’ìobair e air an altair, agus loisg e tùis. Agus, feuch, thàinig duine le Dia à Iùdah le facal an Tighearna gu Betel: agus bha Ierobòam na sheasamh làimh ris an altair, a’ losgadh tùise. Agus dh’èigh e an aghaidh na h‑altarach ann am facal an Tighearna, agus thubhairt e, O altair, altair! mar seo thubhairt an Tighearna, Feuch, beirear mac do thaigh Dhaibhidh, don ainm Iosiah, agus ìobraidh e ortsa sagartan nan àitean àrda a loisgeas tùis ort, agus loisgear cnàmhan dhaoine ort. Agus thug e air an là sin fhèin comharradh seachad, ag ràdh, Is e seo an comharradh a labhair an Tighearna: Feuch, reubar an altair, agus dòirtear a‑mach an luath a tha oirre. Agus nuair a chuala rìgh Ierobòam facal an duine le Dia, a dh’èigh e an aghaidh na h‑altarach ann am Betel, shìn e a làmh a‑mach on altair, ag ràdh, Beiribh air: agus shearg a làmh a shìn e a‑mach na aghaidh, air chor is nach b’urrainn e a tabhairt air a h‑ais thuige. Agus reubadh an altair, agus dhòirteadh an luath a‑mach on altair, a rèir a’ chomharraidh a thug an duine le Dia le facal an Tighearna. Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris an duine le Dia, Aslaich a‑nis gnùis an Tighearna do Dhia, agus dèan ùrnaigh air mo shon, a‑chum gun aisigear mo làmh dhomh a‑rìs. Agus dh’aslaich an duine le Dia gnùis an Tighearna, agus dh’aisigeadh làmh an rìgh dha a‑rìs, agus bha i mar air tùs. Agus thubhairt an rìgh ris an duine le Dia, Thig maille riumsa dom thaigh, agus neartaich thu fhèin: agus bheir mi tìodhlac dhut. Agus thubhairt an duine le Dia ris an rìgh, Ged bheireadh tu dhòmhsa leth do thaighe, cha rachainn a‑steach maille riut, cha mhò a dh’ithinn aran, no a dh’òlainn uisge anns an àite seo: Oir mar seo dh’àithneadh dhòmhsa le facal an Tighearna, ag ràdh, Na ith aran, agus na òl uisge, agus na till air an t‑slighe air an tàinig thu. Agus dh’fhalbh e air slighe eile, agus cha do thill e air an t‑slighe air an tàinig e do Bhetel. A‑nis bha seann fhàidh na chòmhnaidh ann am Betel; agus thàinig a mhic, agus dh’innis iad dha na h‑obraichean uile a rinn an duine le Dia air an là sin ann am Betel: na briathran a labhair e ris an rìgh, iad seo dh’innis iad mar an ceudna dan athair. Agus thubhairt an athair riu, Cia i an t‑slighe air an d’fhalbh e? Agus dh’fheuch a mhic dha an t‑slighe air an d’fhalbh an duine le Dia, a thàinig à Iùdah. Agus thubhairt e ra mhic, Cuiribh dìollaid dhomh air an asail. Agus chuir iad dìollaid dha air an asail, agus mharcaich e oirre. Agus chaidh e an dèidh an duine le Dia, agus fhuair e na shuidhe e fo dharaig; agus thubhairt e ris, An tusa an duine le Dia, a thàinig à Iùdah? Agus thubhairt esan, Is mi. An sin thubhairt e ris, Thig maille riumsa dom thaigh, agus ith aran. Agus thubhairt esan, Chan fhaod mi tilleadh maille riut, no dol a‑steach maille riut: cha mhò a dh’itheas mi aran, no a dh’òlas mi uisge maille riut anns an àite seo: Oir chaidh a ràdh rium le facal an Tighearna, Chan ith thu aran, agus chan òl thu uisge an sin; cha mhò a thilleas tu gu imeachd air an t‑slighe air an tàinig thu. Agus thubhairt e ris, Is fàidh mise mar an ceudna mar thu fhèin, agus labhair aingeal rium le facal an Tighearna, ag ràdh, Thoir air ais leat e dod thaigh, a‑chum is gun ith e aran, agus gun òl e uisge. Ach rinn e breug dha. Agus thill e maille ris, agus dh’ith e aran na thaigh, agus dh’òl e uisge. Agus nuair a bha iad nan suidhe aig a’ bhòrd, thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh an fhàidh a thug air ais e: Agus ghlaodh e ris an duine le Dia a thàinig à Iùdah, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gu robh thu eas‐umhail do fhacal an Tighearna, agus nach do ghlèidh thu an àithne a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut, Ach gun do thill thu, agus gun d’ith thu aran, agus gun d’òl thu uisge anns an àite mun dubhairt e riut, Na ith aran, agus na òl uisge; cha tèid do chorp a‑steach do uaigh d’athraichean. Agus an dèidh dha aran ithe, agus an dèidh dha òl, chuir e dìollaid dha air an asail, eadhon don fhàidh a thug e air ais. Agus nuair a dh’fhalbh e, thachair leòmhann air anns an t‑slighe, agus mharbh e e; agus thilgeadh a chorp air an t‑slighe, agus sheas an asal làimh ris: sheas an leòmhann mar an ceudna làimh ris a’ chorp. Agus, feuch, bha daoine a’ gabhail seachad, agus chunnaic iad an corp tilgte air an t‑slighe, agus an leòmhann na sheasamh làimh ris a’ chorp: agus thàinig iad, agus dh’innis iad e anns a’ bhaile anns an robh an seann fhàidh na chòmhnaidh. Agus nuair a chuala am fàidh a thug air ais e on t‑slighe sin, thubhairt e, Is esan an duine le Dia a bha eas‐umhail do fhacal an Tighearna: uime sin thug an Tighearna thairis e don leòmhann, a reub e, agus a mharbh e, a rèir facal an Tighearna, a labhair e ris. Agus labhair e ra mhic, ag ràdh, Cuiribh dìollaid dhomh air an asail. Agus chuir iad dìollaid oirre. Agus dh’fhalbh e, agus fhuair e a chorp tilgte air an t‑slighe, agus an asal agus an leòmhann nan seasamh làimh ris a’ chorp: cha d’ith an leòmhann an corp; cha mhò a reub e an asal. Agus thog am fàidh corp an duine le Dia, agus chuir e air an asail e, agus thug e air ais e: agus thàinig an seann fhàidh don bhaile, gu caoidh a dhèanamh, agus gu a adhlacadh. Agus chuir e a chorp na uaigh fhèin; agus rinn iad caoidh os a chionn, ag ràdh, Mo thruaighe mo bhràthair! Agus an dèidh dha esan adhlacadh, labhair e ra mhic, ag ràdh, Nuair a gheibh mise bàs, an sin adhlaicibh mi anns an uaigh anns a bheil an duine le Dia adhlaicte; làimh ra chnàmhan‐sa cuiribh mo chnàmhan‐sa: Oir gu deimhinn thig e gu crìch an nì a dh’èigh e le facal an Tighearna an aghaidh na h‑altarach ann am Betel, agus an aghaidh uile thaighean nan àitean àrda, a tha ann am bailtean Shamaria. An dèidh an nì seo, cha do thill Ierobòam o a dhroch shlighe, ach rinn e a‑rìs den chuid a b’ìsle den t‑sluagh sagartan do na h‑àitean àrda: ge bè leis am b’àill, choisrig e e, agus bha e na aon de shagartan nan àitean àrda. Agus bha an nì seo na pheacadh do thaigh Ierobòaim, agus a‑chum a ghearradh as, agus a‑chum a sgrios bhàrr aghaidh na talmhainn. Anns an àm sin bha Abiah, mac Ierobòaim, gu tinn. Agus thubhairt Ierobòam ra mhnaoi, Eirich a‑nis, agus cuir thu fhèin ann an coslas eile, air chor is nach aithnich iad gur tu bean Ierobòaim; agus imich do Shiloh: feuch, an sin tha Ahiah am fàidh, a dh’innis dhòmhsa gum bithinn am rìgh air an t‑sluagh seo. Agus thoir leat ad làimh deich buileannan, agus breacagan, agus soitheach meala, agus falbh da ionnsaigh: innsidh esan dhut ciod a dh’èireas don leanabh. Agus rinn bean Ierobòaim mar sin, agus dh’èirich i, agus chaidh i do Shiloh, agus thàinig i gu taigh Ahiah: ach cha b’urrainn Ahiah nì fhaicinn, oir dhorchaicheadh a shùilean le aois. Agus thubhairt an Tighearna ri Ahiah, Feuch, tha bean Ierobòaim a’ teachd a dh’iarraidh nì ort a‑thaobh a mic, oir tha e gu tinn: mar seo agus mar seo labhraidh tu rithe; oir tàrlaidh, nuair a thig i a‑steach, gun gabh i oirre fhèin gur bean eile i. Agus thàrladh, nuair a chuala Ahiah fuaim a cas, agus i a’ teachd a‑steach air an doras, gun dubhairt e, Thig a‑steach, a bhean Ierobòaim: carson a tha thu a’ gabhail ort gur bean eile thu? Ach chuireadh mise ad ionnsaigh le teachdaireachd chruaidh. Falbh, innis do Ierobòam, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh: A chionn gun d’àrdaich mise thu à meadhon an t‑sluaigh, agus gun do chuir mi thu ad cheannard air mo shluagh Israel, Agus gun do reub mi an rìoghachd o thaigh Dhaibhidh agus gun tug mi dhutsa i; agus gidheadh nach robh thu mar m’òglach Daibhidh, a ghlèidh m’àitheantan, agus a lean mi le a uile chridhe, a dhèanamh an nì sin a‑mhàin a bha ceart ann am shùilean‐sa; Ach gun do rinn thu olc os cionn nan uile a bha romhad, agus gun deachaidh tu agus gun do rinn thu dhut fhèin diathan eile, agus dealbhan leaghte, gu fearg a chur ormsa; agus gun do thilg thu mi air do chùlaibh: Uime sin, feuch, bheir mise olc air taigh Ierobòaim, agus gearraidh mi as o Ierobòam esan a nì uisge ri balla, esan a dhruideadh a‑steach agus a dh’fhàgadh ann an Israel; agus bheir mi air falbh fuidheall taigh Ierobòaim, mar a bheir neach air falbh aolach gus an teirig e. Esan a gheibh bàs de Ierobòam anns a’ bhaile, ithidh na madraidh e: agus esan a gheibh bàs anns a’ mhachair, ithidh eunlaith an adhair e: oir labhair an Tighearna e. Uime sin èirich thusa, imich dod thaigh fhèin: nuair a thèid do chasan a‑steach don bhaile, gheibh an leanabh bàs. Agus nì Israel uile caoidh air a shon, agus adhlaicidh iad e: oir thèid esan a‑mhàin o Ierobòam a dh’ionnsaigh na h‑uaighe; a chionn gun d’fhuaireadh ann nì math a‑thaobh an Tighearna, Dia Israeil, ann an taigh Ierobòaim. Os bàrr, togaidh an Tighearna suas dha fhèin rìgh air Israel, a ghearras as taigh Ierobòaim air an là sin: ach ciod? A‑nis fhèin. Agus buailidh an Tighearna Israel, mar a ghluaisear cuilc anns an uisge, agus spìonaidh e Israel as an fhearann mhath seo, a thug e dan athraichean, agus sgapaidh e iad air an taobh thall den abhainn; a chionn gun do rinn iad an doireachan, a’ cur feirge air an Tighearna. Agus bheir e thairis Israel, airson peacaidhean Ierobòaim, a pheacaich, agus a thug air Israel peacachadh. Agus dh’èirich bean Ierobòaim, agus dh’imich i, agus thàinig i gu Tirsah: agus nuair a chaidh i a‑steach air stairsnich an taighe, fhuair an leanabh bàs. Agus dh’adhlaic iad e, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh a òglaich fhèin Ahiah am fàidh. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ierobòaim, mar a chog, agus mar a rìghich e, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil. Agus b’iad na làithean a rìghich Ierobòam dà bhliadhna ar fhichead; agus chaidil e maille ra athraichean, agus rìghich Nàdab a mhac na àite. Agus rìghich Rehobòam mac Sholaimh ann an Iùdah. Bha Rehobòam bliadhna agus dà‑fhichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e seachd‐bliadhna‑deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna à uile threubhan Israeil, a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, ban‐Amonach. Agus rinn Iùdah olc ann an sùilean an Tighearna, agus bhrosnaich iad e gu eud lem peacaidhean, a rinn iad os cionn nan uile a rinn an athraichean: Oir thog iadsan mar an ceudna àitean àrda dhaibh fhèin, agus dealbhan, agus doireachan, air gach cnoc àrd, agus fo gach craoibh uaine. Agus bha mar an ceudna Sòdomaich anns an tìr: rinn iadsan a rèir uile ghràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil. Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de rìgh Rehobòam, thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim: Agus thug e leis ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh; bhuin e leis eadhon an t‑iomlan: agus thug e leis na sgiathan òir uile a rinn Solamh. Agus rinn rìgh Rehobòam sgiathan umha nan àit, agus thug e thairis iad gu làimh ceannard an fhreiceadain a ghlèidh doras taigh an rìgh. Agus nuair a chaidh an rìgh a‑steach do thaigh an Tighearna, dh’iomchair am freiceadan iad, agus thug iad air an ais iad gu seòmar an fhreiceadain. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Rehobòaim, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè an làithean uile. Agus chaidil Rehobòam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, ban‐Amonach. Agus rìghich Abiam a mhac na àite. A‑nis anns an ochdamh‐bliadhna‑deug de rìgh Ierobòam mac Nebait, rìghich Abiam os cionn Iùdah. Trì bliadhna rìghich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah nighean Abisaloim. Agus ghluais e ann an uile pheacaidhean a athar, a rinn e roimhe: agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearna a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh, a athair. Gidheadh, air sgàth Dhaibhidh thug an Tighearna a Dhia lòchran dha ann an Ierusalem, a chur a mhic suas na dhèidh, agus a dhaingneachadh Ierusaleim: A chionn gun do rinn Daibhidh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus nach do chlaon e o na h‑uile nithean a dh’àithn e dha rè uile làithean a bheatha, ach a‑mhàin an cùis Uriah an t‑Hiteach. Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè uile làithean a bheatha. A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Abiaim, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus bha cogadh eadar Abiam agus Ierobòam. Agus chaidil Abiam maille ra athraichean; agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Asa a mhac na àite. Agus anns an fhicheadamh bliadhna de Ierobòam rìgh Israeil, rìghich Asa os cionn Iùdah. Agus bliadhna agus dà‑fhichead rìghich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah, nighean Abisaloim. Agus rinn Asa an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Daibhidh a athair. Agus dh’fhuadaich e na Sòdomaich as an tìr, agus chuir e air falbh na dealbhan uile a rinn a athraichean. Agus mar an ceudna Maachah a mhàthair, chuir e eadhon ise o bhith na bànrighinn, a chionn gun do rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus sgrios Asa a dealbh uamhasach, agus loisg e e aig sruth Chidroin. Ach cha do chuireadh as do na h‑àitean àrda: gidheadh, bha cridhe Asa iomlan leis an Tighearna rè a làithean uile. Agus thug e a‑steach na nithean a naomhaich a athair, agus na nithean a naomhaich e fhèin, do thaigh an Tighearna, airgead, agus òr, agus soithichean. Agus bha cogadh eadar Asa agus Baasa rìgh Israeil, rè an làithean uile. Agus chaidh Baasa rìgh Israeil suas an aghaidh Iùdah, agus thog e Ramah, a‑chum nach leigeadh e le neach air bith dol a‑mach no teachd a‑steach gu Asa rìgh Iùdah. Agus ghabh Asa an t‑airgead agus an t‑òr uile a dh’fhàgadh ann an ionmhasan taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh, agus thug e iad an làimh a sheirbhiseach: agus chuir rìgh Asa iad gu Ben‐hadad mac Thabrimoin mhic Hesioin rìgh Shiria, a bha a chòmhnaidh ann an Damascas, ag ràdh, Tha coicheangal eadar mise agus thusa, agus eadar m’athair‐sa agus d’athair‐sa: feuch, chuir mi ad ionnsaigh tìodhlac airgid agus òir; thig agus bris do choicheangal ri Baasa rìgh Israeil, a‑chum gum falbh e uam. Agus dh’èisd Ben‐hadad ri rìgh Asa, agus chuir e ceannardan nan armailtean a bha aige, an aghaidh bailtean Israeil, agus bhuail e Iion, agus Dan, agus Abel‐bet‐maacah, agus Chinerot uile, maille ri tìr Naphtali uile. Agus nuair a chuala Baasa sin, sguir e de thogail Ramah, agus ghabh e còmhnaidh ann an Tirsah. An sin thug rìgh Asa gairm air feadh Iùdah uile (cha robh neach air bith saor), agus thug iad leo clachan Ramah, agus a fhiodh, leis an do thog Baasa e; agus thog rìgh Asa leo Gebha Bheniàmin, agus Mispah. Agus a’ chuid eile de uile ghnìomharan Asa, agus a neart uile, agus gach nì a rinn e, agus na bailtean a thog e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Gidheadh, an àm a sheann aoise bha eucail na chasan. Agus chaidil Asa maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich a mhac Iehosaphat na àite. Agus thòisich Nàdab mac Ierobòaim air rìoghachadh os cionn Israeil anns an dara bliadhna de Asa rìgh Iùdah; agus rìghich e os cionn Israeil dà bhliadhna. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe a athar, agus na pheacadh leis an tug e air Israel peacachadh. Agus rinn Baasa mac Ahiah, de thaigh Asachair, ceannairc na aghaidh: agus bhuail Baasa e làimh ri Gibeton, a bhuineas do na Philistich, nuair a bha Nàdab agus Israel uile a’ teannachadh Ghibetoin. Mar seo mharbh Baasa e anns an treas bliadhna de Asa rìgh Iùdah, agus rìghich e na àite. Agus nuair a rìghich e, bhuail e taigh Ierobòaim uile; cha d’fhàg e neach air bith anns an robh anail aig Ierobòam, gus an do sgrios e e, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh a sheirbhisich Ahiah an Silonach: Airson peacaidhean Ierobòaim a pheacaich e agus leis an tug e air Israel peacachadh; airson a’ bhrosnachaidh leis an do bhrosnaich e an Tighearna Dia Israeil gu feirg. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Nàdaib, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? Agus bha cogadh eadar Asa agus Baasa rìgh Israeil rè an làithean uile. Anns an treas bliadhna de Asa rìgh Iùdah, thòisich Baasa mac Ahiah air rìoghachadh os cionn Israeil uile ann an Tirsah; agus rìghich e ceithir‐bliadhna‑fichead. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe Ierobòaim, agus na pheacadh leis an tug e air Israel peacachadh. Uime sin thàinig facal an Tighearna gu Iehu mac Hanani an aghaidh Bhaasa, ag ràdh, A chionn gun d’àrdaich mise thu on duslach, agus gun do rinn mi thu ad cheannard air mo shluagh Israel, ach gun do ghluais thusa ann an slighe Ierobòaim, agus gun tug thu air mo shluagh Israel peacachadh, gam bhrosnachadh gu feirg lem peacaidhean; Feuch, gearraidh mi as sliochd Bhaasa, agus sliochd a thaighe; agus nì mi do thaigh‐sa mar thaigh Ierobòaim mhic Nebait. Esan a dh’eugas de Bhaasa anns a’ bhaile ithidh na madraidh e; agus esan a dh’eugas leis anns an fhearann, ithidh eunlaith an adhair e. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Bhaasa, agus na nithean a rinn e, agus a neart, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? Agus chaidil Baasa maille ra athraichean agus dh’adhlaiceadh e ann an Tirsah: agus rìghich Elah a mhac na àite. Agus mar an ceudna le làimh an fhàidh Iehu mhic Hanani, thàinig facal an Tighearna an aghaidh Bhaasa, agus an aghaidh a thaighe, airson an uilc uile a rinn e ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg le obair a làmh, gu bhith mar thaigh Ierobòaim, agus a chionn gun do mharbh e e. Anns an t‑siathamh‐bliadhna‑fichead de Asa rìgh Iùdah, thòisich Elah mac Bhaasa air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Tirsah; agus rìghich e dà bhliadhna. Agus rinn a sheirbhiseach Simri, ceannard leth a charbadan, ceannairc na aghaidh nuair a bha e ann an Tirsah, ag òl gus an robh e air mhisg ann an taigh Arsah, a bha os cionn a thaighe ann an Tirsah. Agus chaidh Simri a‑steach, agus bhuail e e, agus mharbh e e, anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑fichead de Asa rìgh Iùdah agus rìghich e na àite. Agus nuair a thòisich e air rìoghachadh, cho luath is a shuidh e air a rìgh‐chathair, bhuail e taigh Bhaasa uile: cha d’fhàg e neach air bith aige a dhèanadh uisge ri balla, de a luchd‐dàimh no de a chàirdean. Mar seo sgrios Simri taigh Bhaasa uile, a rèir facal an Tighearna, a labhair e an aghaidh Bhaasa le làimh Iehu am fàidh; Airson uile pheacaidhean Bhaasa, agus peacaidhean Elah a mhac, leis an do pheacaich iad, agus leis an tug iad air Israel peacachadh, a’ brosnachadh an Tighearna Dia Israeil gu feirg len dìomhanais. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Elah, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? Anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑fichead de Asa rìgh Iùdah, rìghich Simri seachd làithean ann an Tirsah: agus bha an sluagh air campachadh an aghaidh Ghibetoin, a bhuineadh do na Philistich. Agus chuala an sluagh a bha air campachadh ga ràdh, Rinn Simri ceannairc, agus mar an ceudna bhuail e an rìgh: uime sin rinn Israel uile Omri, ceannard an t‑slòigh, na rìgh air Israel an là sin fhèin anns a’ champ. Agus chaidh Omri, agus Israel uile maille ris, suas o Ghibeton, agus theannaich iad Tirsah. Agus nuair a chunnaic Simri gun do ghlacadh am baile, chaidh e a‑steach do lùchairt taigh an rìgh, agus loisg e taigh an rìgh os a chionn fhèin le teine, agus dh’eug e, Airson a pheacaidhean leis an do pheacaich e, a’ dèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna, a’ gluasad ann an slighe Ierobòaim, agus na pheacadh a rinn e, ann an tabhairt air Israel peacachadh. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Shimri, agus a cheannairc a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? An sin roinneadh sluagh Israeil nan dà leth: lean leth an t‑sluaigh Tibni mac Ghinait, gu a dhèanamh na rìgh; agus lean an leth eile Omri. Ach bhuadhaich an sluagh a lean Omri air an t‑sluagh a lean Tibni mac Ghinait: agus fhuair Tibni bàs, agus rìghich Omri. Anns an aon‐bhliadhna‑deug ar fhichead de Asa rìgh Iùdah, thòisich Omri air rìoghachadh os cionn Israeil; agus rìghich e dà‑bhliadhna‑dheug: ann an Tirsah rìghich e sia bliadhna. Agus cheannaich e sliabh Shamaria o Shemer air dà thàlann airgid, agus thog e aitreabh air an t‑sliabh, agus ghoir e ainm a’ bhaile a thog e, a rèir ainm Shemeir, sealbhadair sliabh Shamaria. Ach rinn Omri olc ann an sùilean an Tighearna, agus rinn e na bu mhiosa na iadsan uile a bha roimhe: Oir ghluais e ann an uile shlighean Ierobòaim mhic Nebait, agus na pheacadh leis an tug e air Israel peacachadh, a’ brosnachadh an Tighearna Dia Israeil gu feirg len dìomhanais. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Omri, a rinn e, agus a neart a dh’fheuch e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? Agus chaidil Omri maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samaria: agus rìghich Ahab a mhac na àite. Agus thòisich Ahab mac Omri air rìoghachadh os cionn Israeil anns an ochdamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de Asa rìgh Iùdah: agus rìghich Ahab mac Omri os cionn Israeil ann an Samaria, dà bhliadhna ar fhichead. Agus rinn Ahab mac Omri olc ann an sùilean an Tighearna, os cionn nan uile a bha roimhe. Agus mar gum bu nì faoin dhàsan gluasad ann am peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, ghabh e na mnaoi Iesebel, nighean Etbaail, rìgh nan Sìdonach, agus chaidh e agus rinn e seirbhis do Bhàal, agus shleuchd e dha. Agus chuir e suas altair do Bhàal ann an taigh Bhàail, a thog e ann an Samaria. Agus rinn Ahab doire; agus rinn Ahab na bu mhò a bhrosnachadh an Tighearna, Dia Israeil, gu feirg na uile rìghrean Israeil a bha roimhe. Na làithean‐san thog Hiel am Beteleach Iericho: ann an Abiram a chiad‐ghin shuidhich e a bhunait, agus ann an Segub a mhac a b’òige chuir e suas a gheatachan, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh Iosua mhic Nuin. Agus thubhairt Eliah an Tisbitheach, a bha de luchd‐àiteachaidh Ghilead, ri Ahab, Mar as beò an Tighearna Dia Israeil, an làthair a bheil mise am sheasamh, cha bhi anns na bliadhnachan seo drùchd no uisge ann ach a rèir m’fhacail‐sa. Agus thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh, Imich as a seo, agus tionndaidh thu fhèin a làimh na h‑àird an ear, agus falaich thu fhèin aig sruth Cherit, a tha fa chomhair Iòrdain. Agus òlaidh tu den t‑sruth, agus dh’àithn mise do na fithich do bheathachadh an sin. Agus dh’imich e, agus rinn e a rèir facal an Tighearna; oir chaidh e, agus ghabh e còmhnaidh aig sruth Cherit, a tha fa chomhair Iòrdain. Agus thug na fithich da ionnsaigh aran agus feòil anns a’ mhadainn, agus aran agus feòil anns an fheasgar; agus dh’òl e as an t‑sruth. Ach an ceann tamaill thiormaich an sruth, a chionn nach robh uisge anns an tìr. Agus thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh, Eirich, imich gu Sarephat, as le Sìdon, agus gabh còmhnaidh an sin: feuch, dh’àithn mise do mhnaoi a tha na bantraich an sin do bheathachadh. Agus dh’èirich e, agus chaidh e do Sharephat: agus nuair a thàinig e gu geata a’ bhaile, feuch, bha a’ bhantrach an sin a’ tional bhioran; agus ghairm e oirre, agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh, guidheam ort, beagan uisge ann an soitheach, a‑chum gun òl mi. Agus nuair a bha i a’ dol ga thoirt leatha, ghlaodh e rithe, agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh, guidheam ort, greim arain ad làimh. Agus thubhairt ise, Mar as beò an Tighearna do Dhia, chan eil breacag agam, ach làn an dùirn de mhin ann an soitheach, agus beagan ola ann an còrn: agus, feuch, tha mi a’ tional biorain no dhà, a‑chum gun tèid mi a‑steach, agus gun deasaich mi e dhomh fhèin agus dom mhac, agus gun ith sinn e, agus gum faigh sinn bàs. Agus thubhairt Eliah rithe, Na biodh eagal ort; falbh, dèan a rèir d’fhacail; ach dèan dhòmhsa dhiubh sin breacag bheag an toiseach, agus thoir am ionnsaigh i, agus dhut fhèin agus dod mhac deasaich na dhèidh sin: Oir mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Cha chaithear an soitheach mine, agus cha teirig an còrn ola, gus an là anns an cuir an Tighearna uisge air aghaidh na talmhainn. Agus dh’fhalbh i, agus rinn i a rèir facal Eliah: agus dh’ith ise, agus esan, agus a taigh rè mòrain de làithean. Cha do chaitheadh an soitheach mine, agus cha do theirig an còrn ola, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh Eliah. Agus thachair an dèidh nan nithean sin gun d’fhàs mac na mnà, eadhon bean an taighe, gu tinn; agus bha a thinneas cho trom is nach d’fhàgadh anail ann. Agus thubhairt i ri Eliah, Ciod e mo ghnothach‐sa riut, a dhuine le Dia? An tàinig thu am ionnsaigh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic? Agus thubhairt esan rithe, Thoir dhòmhsa do mhac. Agus ghlac e as a h‑uchd e, agus thug e suas e do sheòmar uachdarach, anns an robh e fhèin a’ fantainn, agus chuir e na laighe air a leabaidh fhèin e. Agus dh’èigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, an tug thu mar an ceudna olc air a’ bhantraich aig a bheil mi air aoigheachd, le a mac a mharbhadh? Agus shìn e e fhèin air an leanabh trì uairean, agus dh’èigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, thigeadh, guidheam ort, anam an leinibh seo a‑steach ann a‑rìs. Agus dh’èisd an Tighearna ri guth Eliah; agus thàinig anam an leinibh a‑steach ann a‑rìs, agus dh’ath‐bheothaicheadh e. Agus ghlac Eliah an leanabh, agus thug e sìos e as an t‑seòmar uachdarach don taigh, agus thug e da mhàthair e: agus thubhairt Eliah, Feuch, tha do mhac beò. Agus thubhairt a’ bhean ri Eliah, A‑nis le seo tha fhios agam gur duine le Dia thu, agus gur fìrinn facal an Tighearna ann ad bheul. Agus an dèidh mòrain de làithean, thàinig facal an Tighearna gu Eliah anns an treas bliadhna, ag ràdh, Falbh, nochd thu fhèin do Ahab, agus bheir mise uisge air aghaidh na talmhainn. Agus dh’fhalbh Eliah ga nochdadh fhèin do Ahab: agus bha gorta mhòr ann an Samaria. Agus ghairm Ahab air Obadiah, a bha os cionn a thaighe: (a‑nis bha eagal an Tighearna gu mòr air Obadiah: Oir nuair a thug Iesebel fa‑near fàidhean an Tighearna a ghearradh as, ghabh Obadiah ceud fàidh, agus dh’fhalaich e iad nan leth‐cheudan ann an uaimh, agus bheathaich e iad le aran agus uisge:) Agus thubhairt Ahab ri Obadiah, Imich don tìr, a dh’ionnsaigh nan tobar uisge uile, agus a dh’ionnsaigh nan sruth uile, a dh’fheuchainn am faigh sinn feur a‑chum is gun glèidh sinn ar n‑eich agus ar muileidean beò, agus nach caill sinn an sprèidh uile. Agus roinn iad an tìr eatorra gu dol troimhpe: chaidh Ahab air aon slighe leis fhèin, agus chaidh Obadiah air slighe eile leis fhèin. Agus nuair a bha Obadiah anns an t‑slighe, feuch, thachair Eliah air: agus dh’aithnich e e, agus thuit e air a aghaidh, agus thubhairt e, An tusa a tha an seo, mo thighearna, Eliah? Agus thubhairt esan ris, Is mi: imich, innis dod thighearna, Feuch, tha Eliah an seo. Agus thubhairt esan, Ciod am peacadh a rinn mi, gun tugadh tu do sheirbhiseach an làimh Ahaib gu mo mharbhadh? Mar as beò an Tighearna do Dhia, chan eil cinneach no rìoghachd do nach do chuir mo thighearna gad iarraidh: agus nuair a thubhairt iad, Chan eil e an seo, ghabh e mionnan den rìoghachd agus den chinneach nach d’fhuair e thu. Agus a‑nis tha thu ag ràdh, Imich, innis dod thighearna, Feuch, tha Eliah an seo. Agus tachraidh, nuair a dh’imicheas mise uat, gun tog spiorad an Tighearna leis thusa far nach eil fhios agamsa; agus nuair a thig mise a dh’innse do Ahab, agus nach faigh e thu, gum marbh e mise: gidheadh tha eagal an Tighearna ormsa do sheirbhiseach om òige. Nach d’innseadh dom thighearna ciod a rinn mi nuair a mharbh Iesebel fàidhean an Tighearna, mar a dh’fhalaich mi ceud fear de fhàidhean an Tighearna nan leth‐cheudan ann an uaimh, agus a bheathaich mi iad le aran agus le uisge? Agus a‑nis tha thu ag ràdh, Imich, innis dod thighearna, Feuch, tha Eliah an seo: agus marbhaidh e mi. Agus thubhairt Eliah, Mar as beò Tighearna nan slògh, an làthair a bheil mi am sheasamh, gu deimhinn nochdaidh mi mi fhèin dha an‑diugh. Uime sin chaidh Obadiah an coinneamh Ahaib, agus dh’innis e dha: agus chaidh Ahab an coinneamh Eliah. Agus nuair a chunnaic Ahab Eliah, thubhairt Ahab ris, An tusa esan a tha a’ cur Israeil fo bhuaireas? Agus thubhairt esan, Cha mhise a chuir Israel fo bhuaireas, ach thusa agus taigh d’athar, a‑thaobh gun do thrèig sibh àitheantan an Tighearna, agus gun do lean sibh Bàalim. A‑nis uime sin cuir fios, cruinnich am ionnsaigh‐sa Israel uile gu sliabh Charmeil, agus fàidhean Bhàail ceithir cheud agus leth‐cheud, agus fàidhean nan doire, ceithir cheud, a tha ag ithe aig bòrd Iesebeil. Agus chuir Ahab fios a dh’ionnsaigh chloinn Israeil uile, agus chruinnich e na fàidhean an ceann a chèile gu sliabh Charmeil. Agus thàinig Eliah a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh uile, agus thubhairt e, Cia fhada a bhios sibh anns an ioma‑chomhairle eadar dhà bharail? Mas e an Tighearna as Dia ann, leanaibh e; ach mas e Bàal, leanaibh esan. Ach cha do fhreagair an sluagh e aon fhacal. An sin thubhairt Eliah ris an t‑sluagh, Dh’fhàgadh mise, eadhon mise a‑mhàin am fhàidh leis an Tighearna; ach tha fàidhean Bhàail ceithir cheud agus leth‐cheud fear an àireamh. Thugadh iad dhuinne matà dà tharbh òg, agus taghadh iadsan dhaibh fhèin aon tarbh òg, agus gearradh iad na mhìrean e, agus cuireadh iad air connadh e; ach na cuireadh iad teine foidhe: agus deasaichidh mise an tarbh òg eile, agus cuiridh mi air connadh e, ach cha chuir mi teine foidhe. An sin gairmibh‐se air ainm ur diathan fhèin, agus gairmidh mise air ainm an Tighearna: agus an Dia a fhreagras le teine, bidh esan na Dhia. Agus fhreagair an sluagh uile agus thubhairt iad, Is math a labhair thu. Agus thubhairt Eliah ri fàidhean Bhàail, Taghaibh‐se dhuibh fhèin aon tarbh òg, agus deasaichibh an toiseach e, oir tha sibh lìonmhor; agus gairmibh air ainm ur diathan, ach na cuiribh teine foidhe. Agus ghabh iad an tarbh òg a thugadh dhaibh, agus dheasaich iad e, agus ghairm iad air ainm Bhàail o mhadainn eadhon gu meadhon‐là, ag ràdh, A Bhàail, èisd rinne! Ach cha robh guth, no neach air bith a fhreagradh ann: agus leum iad air an altair a rinn iad. Agus nuair a bha e mu mheadhon‐là, rinn Eliah fanaid orra, agus thubhairt e, Eighibh le guth àrd; oir is dia e: an dara cuid tha e a’ beachd‐smaoineachadh, no tha e air tòir, no tha e air thuras, no theagamh gu bheil e na chadal, agus gum feumar a dhùsgadh. Agus dh’èigh iadsan le guth àrd, agus gheàrr iad iad fhèin a rèir an gnàtha le claidheamhan agus le lannan, gus an do thaom an fhuil a‑mach orra. Agus nuair a chaidh meadhon‐là thairis, agus a rinn iad fàidheadaireachd gu àm toirt suas na h‑ìobairt fheasgair, cha robh guth ann, no aon air bith a fhreagradh, no a bheireadh fa‑near iad. Agus thubhairt Eliah ris an t‑sluagh uile, Thigibh am fagas dhòmhsa. Agus thàinig an sluagh uile am fagas dha; agus chàraich e altair an Tighearna, a bha air a briseadh sìos. Agus ghabh Eliah dà‑chloich‐dheug, a rèir àireamh treubh mic Iàcoib, a‑chum an tàinig facal an Tighearna, ag ràdh, Bidh Israel mar ainm ort; Agus thog e leis na clachan altair ann an ainm an Tighearna; agus rinn e clais cho mòr is gun cumadh i dà thomhas sìl, mun cuairt air an altair. Agus shuidhich e an connadh, agus gheàrr e an tarbh òg na mhìrean agus chuir e air a’ chonnadh e. An sin thubhairt e, Lìonaibh ceithir soithichean le uisge, agus dòirtibh e air an ìobairt‐loisgte, agus air a’ chonnadh. Agus thubhairt e, Dèanaibh an dara uair e, agus rinn iad an dara uair e: agus thubhairt e, Dèanaibh an treas uair e, agus rinn iad an treas uair e. Agus chaidh an t‑uisge mun cuairt air an altair; agus lìon e mar an ceudna a’ chlais le uisge. Agus ann an àm toirt suas na h‑ìobairt‐fheasgair, thàinig Eliah am fàidh am fagas, agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, biodh fios an‑diugh gur tusa as Dia ann an Israel, agus gur mise d’òglach, agus gur ann air d’fhacal‐sa a rinn mi na nithean seo uile. Eisd rium, A Thighearna, èisd rium; agus biodh fios aig an t‑sluagh seo gur tusa an Tighearna Dia, agus gun do thill thu an cridhe air ais a‑rìs. An sin thuit teine an Tighearna, agus chaith e an ìobairt‐loisgte, agus an connadh, agus na clachan, agus an luaithre; agus an t‑uisge a bha anns a’ chlais dh’imlich e suas. Agus nuair a chunnaic an sluagh uile e, thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, Is e an Tighearna fhèin as Dia ann, is e an Tighearna fhèin as Dia ann. Agus thubhairt Eliah riu, Glacaibh fàidhean Bhàail; na rachadh duine dhiubh as. Agus ghlac iad iad; agus thug Eliah sìos iad gu sruth Chisoin, agus mharbh e iad an sin. Agus thubhairt Eliah ri Ahab, Eirich suas, ith agus òl; oir tha fuaim pailteas uisge ann. Agus chaidh Ahab suas a dh’ithe agus a dh’òl: agus chaidh Eliah suas gu mullach Charmeil, agus thilg e e fhèin sìos air an talamh, agus chuir e a aghaidh eadar a ghlùinean; Agus thubhairt e ra òglach, Falbh suas a‑nis, amhairc a dh’ionnsaigh na fairge. Agus chaidh esan suas, agus dh’amhairc e, agus thubhairt e, Chan eil nì air bith ann. Agus thubhairt e, Falbh a‑rìs seachd uairean. Agus air an t‑seachdamh uair thubhairt e, Feuch, tha neul beag cosmhail ri bois duine ag èirigh as an fhairge. Agus thubhairt e, Falbh suas, abair ri Ahab, Ullaich do charbad, agus gabh sìos, a‑chum nach bac an t‑uisge thu. Agus anns a’ cheart àm sin, dhorchaicheadh na speuran le neòil agus le gaoith; agus bha uisge mòr ann. Agus mharcaich Ahab, agus chaidh e do Iesreel. Agus bha làmh an Tighearna air Eliah; agus chrioslaich e a leasraidh, agus ruith e ro Ahab, gus an tàinig e do Iesreel. Agus dh’innis Ahab do Iesebel na h‑uile nithean a rinn Eliah, agus cionnas a mharbh e na fàidhean uile leis a’ chlaidheamh. Agus chuir Iesebel teachdaire a dh’ionnsaigh Eliah, ag ràdh, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura dèan mise mun àm seo a‑màireach d’anam‐sa mar anam aoin dhiùbhsan. Agus bha eagal air, agus dh’èirich e, agus dh’fhalbh e air sgàth a anama, agus thàinig e gu Beer‐sèba a bhuineas do Iùdah, agus dh’fhàg e a òglach an sin. Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean. Agus nuair a laigh e agus a chaidil e fo chraoibh aiteil, feuch an sin bhean aingeal ris, agus thubhairt e ris, Eirich, ith. Agus dh’amhairc e, agus feuch, bha aig a cheann breacag a bhruitheadh air a’ ghrìosaich, agus soitheach uisge: agus dh’ith agus dh’òl e, agus laigh e sìos a‑rìs. Agus thàinig aingeal an Tighearna air ais an dara uair, agus bhean e ris, agus thubhairt e, Eirich, ith; oir tha an turas mòr air do shon. Agus dh’èirich esan, agus dh’ith agus dh’òl e, agus dh’imich e ann an neart a’ bhìdh sin dà‑fhichead là, agus dà‑fhichead oidhche, gu ruig Hòreb, sliabh Dhè. Agus chaidh e a‑steach an sin do uaimh, agus ghabh e tàmh innte; agus, feuch, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod e do ghnothach an seo, Eliah? Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh. Agus thubhairt e, Falbh a‑mach, agus seas air an t‑sliabh an làthair an Tighearna. Agus, feuch, ghabh an Tighearna seachad, agus reub gaoth mhòr agus làidir na beanntan, agus bhris i na creagan nam bloighdean ron Tighearna, ach cha robh an Tighearna anns a’ ghaoith; agus an dèidh na gaoithe crith‐thalmhainn, ach cha robh an Tighearna anns a’ chrith‐thalmhainn; Agus an dèidh na crith‐thalmhainn teine, ach cha robh an Tighearna anns an teine; agus an dèidh an teine guth ciùin, caol. Agus nuair a chuala Eliah e, chòmhdaich e a aghaidh le a fhallaing, agus chaidh e a‑mach, agus sheas e am beul na h‑uamha; agus, feuch, thàinig guth da ionnsaigh, agus, feuch, thubhairt e, Ciod e do ghnothach an seo, Eliah? Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh. Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh, till air do shlighe gu fàsach Dhamascais; agus nuair a thig thu, ung Hasael na rìgh air Siria: Agus Iehu mac Nimsi ungaidh tu na rìgh air Israel: agus Elisa mac Shaphait o Abel‐meholah ungaidh tu na fhàidh ad àite fhèin. Agus tachraidh, esan a thèid as o chlaidheamh Hasaeil, gum marbh Iehu e; agus esan a thèid as o chlaidheamh Iehu, gum marbh Elisa e. Gidheadh dh’fhàg mi dhomh fhèin ann an Israel seachd mìle, na glùinean uile nach do lùb iad fhèin do Bhàal, agus gach uile bheul nach tug pòg dha. Agus dh’fhalbh e as a sin, agus fhuair e Elisa mac Shaphait, agus e ag àr le dà‑chuing‐dheug dhamh roimhe, agus e fhèin leis an dara‑cuing‐deug: agus chaidh Eliah thairis da ionnsaigh, agus thilg e a fhallaing air. Agus dh’fhàg esan na daimh, agus ruith e an dèidh Eliah, agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a phògadh, agus an sin leanaidh mi thu. Agus thubhairt esan ris, Falbh, till; oir ciod a rinn mise ort? Agus thill e uaithe, agus ghabh e cuing dhamh, agus mharbh e iad, agus le acfhainn nan damh bhruith e am feòil, agus thug e don t‑sluagh i, agus dh’ith iad. An sin dh’èirich e, agus chaidh e an dèidh Eliah, agus fhritheil e dha. Agus chruinnich Ben‐hadad rìgh Shiria a shluagh uile an ceann a chèile; agus bha dà‑rìgh‐dheug ar fhichead maille ris, agus eich, agus carbadan: agus chaidh e suas agus theannaich e Samaria, agus chog e na aghaidh. Agus chuir e teachdairean gu Ahab rìgh Israeil don bhaile, agus thubhairt e ris, Mar seo tha Ben‐hadad ag ràdh, D’airgead agus d’òr is leamsa; do mhnathan mar an ceudna agus do chlann, eadhon a’ chuid as fheàrr dhiubh, is leamsa iad. Agus fhreagair rìgh Israeil, agus thubhairt e, A rèir d’fhacail, mo thighearna a rìgh, is leat mise, agus gach nì a tha agam. Agus thill na teachdairean, agus thubhairt iad, Mar seo labhair Ben‐hadad, ag ràdh, Ged chuir mi fios ad ionnsaigh, ag ràdh, D’airgead, agus d’òr agus do mhnathan, agus do chlann bheir thu dhòmhsa; Gidheadh mun tràth seo a‑màireach cuiridh mi mo sheirbhisich ad ionnsaigh, agus rannsaichidh iad do thaigh, agus taighean do sheirbhiseach: agus tachraidh e, gach nì a tha taitneach dod shùilean gun cuir iad nan làimh, agus gun toir iad leo e. Agus ghairm rìgh Israeil air uile sheanairean na tìre, agus thubhairt e, Thugaibh fa‑near, guidheam oirbh, agus faicibh cionnas a tha am fear seo ag iarraidh uilc; oir chuir e fios am ionnsaigh, air mo mhnathan, agus air mo chloinn, agus air m’airgead, agus air m’òr, agus cha do dhiùlt mi e. Agus thubhairt na seanairean uile agus an sluagh uile ris, Na èisd ris, agus na aontaich leis. Uime sin thubhairt e ri teachdairean Bhen‐hadaid, Innsibh dom thighearna, an rìgh, Gach nì air an do chuir thu fios gud òglach an toiseach, nì mi; ach an nì seo chan urrainn mi a dhèanamh. Agus dh’fhalbh na teachdairean, agus thug iad freagradh air ais da ionnsaigh. Agus chuir Ben‐hadad fios da ionnsaigh, agus thubhairt e, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mas leòr duslach Shamaria gu làn an dòrn don t‑sluagh uile a tha gam leantainn‐sa. Agus fhreagair rìgh Israeil, agus thubhairt e, Abraibh ris, Na dèanadh an tì sin uaill, a tha a’ crioslachadh a armachd uime, mar an tì a chuir dheth i. Agus nuair a chuala Ben‐hadad an teachdaireachd seo, agus e fhèin agus na rìghrean ag òl anns na pàilleanan, thubhairt e ra sheirbhisich, Cuiribh sibh fhèin an òrdagh. Agus chuir iadsan iad fhèin an òrdagh an aghaidh a’ bhaile. Agus, feuch, thàinig fàidh àraidh gu Ahab rìgh Israeil agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Am faca tusa an sluagh mòr seo uile? Feuch, bheir mise ad làimh iad an‑diugh, agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna. Agus thubhairt Ahab, Cò leis? Agus thubhairt esan, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Le òganaich uachdarain nan dùthchannan. An sin thubhairt e, Cò a chuireas an cath an òrdagh? Agus thubhairt esan, Thusa. An sin ghabh e àireamh òganaich uachdarain nan dùthchannan, agus bha ann dhiubh dà cheud agus a dhà‐dheug ar fhichead: agus nan dèidh‐san ghabh e àireamh an t‑sluaigh uile, eadhon uile shluagh chloinn Israeil, seachd mìle. Agus chaidh iad a‑mach mu mheadhon‐là: ach bha Ben‐hadad ag òl gus an robh e air mhisg anns na pàilleanan, e fhèin agus na rìghrean, eadhon an dà‑rìgh‐dheug ar fhichead a bha ga chòmhnadh. Agus chaidh òganaich uachdarain nan dùthchannan a‑mach an toiseach: agus chuir Ben‐hadad daoine a‑mach, agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Thàinig daoine a‑mach à Samaria. Agus thubhairt esan, Mas ann gu sìth a thàinig iad a‑mach, glacaibh beò iad; no mas ann gu cogadh a thàinig iad a‑mach, glacaibh beò iad. Agus thàinig iad a‑mach as a’ bhaile, òganaich uachdarain nan dùthchannan, agus an armailt a lean iad. Agus mharbh gach fear dhiubh a fhear: agus theich na Sirianaich, agus ruaig Israel iad; agus chaidh Ben‐hadad rìgh Shiria as air muin eich, maille ris a’ mharc‐shluagh. Agus chaidh rìgh Israeil a‑mach agus bhuail e na h‑eich, agus na carbadan, agus mharbh e na Sirianaich le àr mòr. Agus thàinig am fàidh gu rìgh Israeil, agus thubhairt e ris, Falbh, neartaich thu fhèin, agus thoir fa‑near, agus faic ciod a nì thu; oir aig teachd mun cuairt na bliadhna thig rìgh Shiria a‑nìos ad aghaidh. Agus thubhairt seirbhisich rìgh Shiria ris, Is diathan bheann an diathan‐san; uime sin bhuadhaich iad oirnn: ach cogamaid riu anns a’ chòmhnard, agus gun teagamh buadhaichidh sinn orrasan. Agus dèan an nì seo, Thoir na rìghrean air falbh, gach fear as a àite, agus cuir ceannardan nan àite: Agus dèan armailt àireamh dhut fhèin, mar an armailt a thuit agad, each air an each, agus carbad air a’ charbad; agus cogaidh sinn riu anns a’ chòmhnard, agus gu cinnteach buadhaichidh sinn orra. Agus dh’èisd e rin guth, agus rinn e mar sin. Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna ghabh Ben‐hadad àireamh nan Sirianach, agus chaidh e suas gu Aphec a chogadh ri Israel. Agus chaidh clann Israeil àireamh, agus bha iad uile an làthair, agus chaidh iad nan coinneamh: agus champaich clann Israeil fan comhair, mar dhà threud bheag ghobhar: ach lìon na Sirianaich an tìr. Agus thàinig duine le Dia, agus labhair e ri rìgh Israeil, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun dubhairt na Sirianaich, Is Dia bheann an Tighearna, ach chan e Dia nan gleann e; air an adhbhar sin bheir mise an sluagh lìonmhor seo uile ann ad làimh‐sa, agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna. Agus champaich iad mu choinneamh a chèile seachd làithean: agus air an t‑seachdamh là chuireadh an cath: agus mharbh clann Israeil de na Sirianaich ceud mìle coisiche ann an aon là. Ach theich a’ chuid eile gu Aphec, don bhaile; agus an sin thuit balla air seachd‐mìle‐fichead fear de na dh’fhàgadh. Agus theich Ben‐hadad, agus thàinig e don bhaile, do sheòmar‐cùil. Agus thubhairt a sheirbhisich ris, Feuch a‑nis, chuala sinn mu rìghrean taigh Israeil, gur rìghrean iochdmhor iad: cuireamaid, matà, sac‐aodach air ar leasraidh, agus cùird air ar cinn, agus rachamaid a‑mach gu rìgh Israeil; theagamh gun saor e d’anam. Agus cheangail iad sac‐aodach air an leasraidh, agus chuir iad cùird air an cinn, agus thàinig iad gu rìgh Israeil, agus thubhairt iad, Tha do sheirbhiseach Ben‐hadad ag ràdh, Leig dhomh, guidheam ort, a bhith beò. Agus thubhairt esan, A bheil e fhathast beò? Is e mo bhràthair e. Agus thug na daoine an aire gu furachair a dh’fheuchainn an tigeadh nì air bith uaithe, agus ghrad‐ghlac iad e; agus thubhairt iad, Do bhràthair Ben‐hadad. An sin thubhairt esan, Rachaibh, thugaibh leibh e. Agus thàinig Ben‐hadad a‑mach da ionnsaigh; agus thug e air dol suas don charbad. Agus thubhairt Ben‐hadad ris, Na bailtean a thug m’athair‐sa od athair‐sa, bheir mise air an ais, agus nì thusa sràidean dhut fhèin ann an Damascas, mar a rinn m’athair‐sa ann an Samaria. An sin thubhairt Ahab, Leigidh mise air falbh thu leis a’ choicheangal seo. Mar seo rinn e coicheangal ris, agus leig e air falbh e. Agus thubhairt duine àraidh de mhic nam fàidh ra choimhearsnach ann am facal an Tighearna, Buail mi, guidheam ort. Agus dhiùlt an duine a bhualadh. An sin thubhairt esan ris, A chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna, feuch, cho luath is a dh’fhalbhas tu uamsa, marbhaidh leòmhann thu. Agus cho luath is a dh’fhalbh e uaithe, fhuair leòmhann e, agus mharbh e e. Na dhèidh sin fhuair e duine eile, agus thubhairt e, Buail mi, guidheam ort. Agus bhuail gu deimhinn an duine e, agus lot e e. Agus dh’fhalbh am fàidh, agus dh’fheith e air an rìgh làimh ris an t‑slighe, agus chuir e e fhèin ann an coslas eile, le luath air a aghaidh. Agus nuair a bha an rìgh a’ gabhail seachad, dh’èigh e ris an rìgh, agus thubhairt e, Chaidh d’òglach a‑steach gu meadhon a’ chatha, agus, feuch, thionndaidh duine a lethtaobh, agus thug e duine am ionnsaigh‐sa, agus thubhairt e, Glèidh am fear seo: mura bi e ra fhaotainn air chor sam bith, bidh d’anam‐sa airson a anama‑san, no dìolaidh tu tàlann airgid. Agus am feadh a bha d’òglach a’ bith‐dhèanamh an seo agus an siud, cha robh esan ra fhaotainn. Agus thubhairt rìgh Israeil ris, Is ann mar seo a bhios do bhreitheanas; dh’òrdaich thu fhèin e. Agus rinn e cabhag, agus chuir e an luath air falbh o a aghaidh; agus dh’aithnich rìgh Israeil e, gum b’ann de na fàidhean e. Agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun do leig thu as do làimh duine a dh’òrdaich mise gu lèirsgrios, uime sin bidh d’anam‐sa airson a anama‑san, agus do shluagh‐sa airson a shluaigh‐san. Agus dh’fhalbh rìgh Israeil a dh’ionnsaigh a thaigh dubhach agus feargach, agus thàinig e gu Samaria. Agus thachair an dèidh nan nithean sin gu robh fìonlios aig Nàbot an t‑Iesreeleach, a bha ann an Iesreel, làimh ri lùchairt Ahaib rìgh Shamaria. Agus labhair Ahab ri Nàbot, ag ràdh, Thoir dhòmhsa d’fhìonlios, gu bhith agam na lios luibhean, a chionn gu bheil e fagas dom thaigh, agus bheir mise dhutsa air a shon fìonlios as fheàrr na e; no mas e as taitniche leat, bheir mi dhut a luach ann an airgead. Agus thubhairt Nàbot ri Ahab, Nar leigeadh Dia dhòmhsa gun tugainn oighreachd m’athraichean dhutsa. Agus thàinig Ahab da thaigh dubhach agus feargach, airson an fhacail a labhair Nàbot an t‑Iesreeleach ris: oir thubhairt e, Cha toir mi dhut oighreachd m’athraichean: agus laigh e sìos air a leabaidh, agus thionndaidh e a aghaidh air falbh, agus chan itheadh e aran. Ach thàinig Iesebel a bhean da ionnsaigh, agus thubhairt i ris, Carson a tha do spiorad cho dubhach, agus nach ith thu aran? Agus thubhairt esan rithe, Airson gun do labhair mi ri Nàbot an t‑Iesreeleach, agus gun dubhairt mi ris, Thoir dhòmhsa d’fhìonlios air airgead; no, mas àill leat, bheir mi dhut fìonlios eile air a shon: agus thubhairt esan, Cha toir mi dhut m’fhìonlios. Agus thubhairt Iesebel a bhean ris, Tha thusa a‑nis a’ stiùradh rìoghachd Israeil! Eirich, ith aran, agus biodh do chridhe subhach: bheir mise dhut fìonlios Nàboit an t‑Iesreeleach. Agus sgrìobh i litrichean ann an ainm Ahaib, agus sheulaich i iad le a sheula; agus chuir i na litrichean a dh’ionnsaigh nan seanair, agus a dh’ionnsaigh nan uaislean a bha a chòmhnaidh maille ri Nàbot na bhaile. Agus sgrìobh i anns na litrichean, ag ràdh, Gairmibh trasgadh, agus thugaibh air Nàbot suidhe air toiseach an t‑sluaigh: Agus cuiribh dithis dhaoine, mic Bheliail, ma choinneamh, a thoirt fianais na aghaidh, ag ràdh, Mhaslaich thu Dia agus an rìgh: agus an sin thugaibh a‑mach e, agus clachaibh e, a‑chum gum faigh e bàs. Agus rinn daoine a’ bhaile eadhon na seanairean, agus na h‑uaislean a chòmhnaich na bhaile, a rèir an fhios a chuir Iesebel dan ionnsaigh, a rèir an nì a bha sgrìobhte anns na litrichean a chuir i dan ionnsaigh: Ghairm iad trasgadh, agus thug iad air Nàbot suidhe air toiseach an t‑sluaigh. Agus thàinig dithis dhaoine, mic Bheliail, agus shuidh iad ma choinneamh: agus rinn fir Bheliail fianais na aghaidh, eadhon an aghaidh Nàboit, an làthair an t‑sluaigh, ag ràdh, Mhaslaich Nàbot Dia agus an rìgh. An sin thug iad a‑mach as a’ bhaile e, agus chlach iad e le clachan, agus fhuair e bàs. Na dhèidh sin chuir iad teachdaire gu Iesebel, ag ràdh, Chlachadh Nàbot, agus tha e marbh. Agus nuair a chuala Iesebel gun do chlachadh Nàbot, agus gu robh e marbh, thubhairt Iesebel ri Ahab, Eirich, gabh sealbh air fìonlios Nàboit an t‑Iesreeleach, a dhiùlt e a thoirt dhut air airgead: oir chan eil Nàbot beò, ach marbh. Agus nuair a chuala Ahab gu robh Nàbot marbh, dh’èirich Ahab a dhol sìos gu fìonlios Nàboit an t‑Iesreeleach, a ghabhail seilbh ann. Agus thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh Eliah an Tisbitheach, ag ràdh, Eirich, falbh sìos a choinneachadh Ahaib rìgh Israeil, a tha ann an Samaria: feuch, tha e ann am fìonlios Nàboit, don deachaidh e sìos a ghabhail seilbh ann. Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An do mharbh thu, agus mar an ceudna an do ghabh thu sealbh? Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Anns an àit anns an d’imlich na madraidh fuil Nàboit, imlichidh na madraidh d’fhuil‐sa, eadhon d’fhuil‐sa. Agus thubhairt Ahab ri Eliah, An d’fhuair thu mi, O mo nàmhaid? Agus thubhairt esan, Fhuair mi thu; a chionn gun do reic thu thu fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna. Feuch, bheir mise olc ort, agus cuiridh mi as dod shliochd, agus gearraidh mi air falbh o Ahab esan a nì uisge ri balla, agus esan a dhruidear a‑staigh, agus a dh’fhàgar ann an Israel; Agus nì mi do thaigh‐sa mar thaigh Ierobòaim mhic Nebait, agus mar thaigh Bhaasa mhic Ahiah, airson a’ bhrosnachaidh leis an do bhrosnaich thu mi gu feirg, agus leis an tug thu air Israel peacachadh. Agus mar an ceudna mu Iesebel labhair an Tighearna, ag ràdh, Ithidh na madraidh Iesebel aig balla Iesreeil. Esan a gheibh bàs de Ahab anns a’ bhaile ithidh na madraidh; agus esan a gheibh bàs anns a’ mhachair ithidh eunlaith an adhair. Ach cha robh neach ann cosmhail ri Ahab, a reic e fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna, do bhrìgh gun do chuir a bhean Iesebel thuige e. Agus rinn e nithean ro‑ghràineil ann an leantainn dhiathan brèige, a rèir nan uile nithean a rinn na h‑Amoraich, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil. Agus nuair a chuala Ahab na briathran sin, reub e a aodach, agus chuir e sac‐aodach air a fheòil, agus thraisg e, agus laigh e ann an sac‐aodach, agus ghluais e gu fòil. Agus thàinig facal an Tighearna gu Eliah an Tisbitheach, ag ràdh, Am faic thusa mar a tha Ahab ga ùmhlachadh fhèin am fhianais‐sa? A chionn gu bheil e ga ùmhlachadh fhèin am fhianais, cha toir mi an t‑olc na làithean‐san: ach ann an làithean a mhic bheir mi an t‑olc air a thaigh. Agus dh’fhan iad trì bliadhna gun chogadh eadar Siria agus Israel. Agus anns an treas bliadhna thàinig Iehosaphat rìgh Iùdah a‑nuas gu rìgh Israeil. (Agus thubhairt rìgh Israeil ra sheirbhisich, Nach eil fhios agaibh gur leinne Ramot ann an Gilead? Agus gidheadh tha sinn gun ghuth againn air a ghlacadh à làimh rìgh Shiria.) Agus thubhairt e ri Iehosaphat, An tèid thu maille riumsa gu cath do Ramot‐gilead? Agus thubhairt Iehosaphat ri rìgh Israeil, Tha mise mar a tha thusa, mo shluagh‐sa mar do shluagh‐sa, m’eich‐sa mar d’eich‐sa. Agus thubhairt Iehosaphat ri rìgh Israeil, Fiosraich, guidheam ort, an‑diugh de fhacal an Tighearna. Uime sin chruinnich rìgh Israeil na fàidhean an ceann a chèile, mu thimcheall ceithir cheud fear, agus thubhairt e riu, An tèid mi an aghaidh Ramot‐gilead gu cath, no an leig mi leis? Agus thubhairt iadsan, Falbh suas, oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e. Agus thubhairt Iehosaphat, Nach eil an seo fàidh tuilleadh leis an Tighearna, a‑chum gum fiosraich sinn dheth? Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, Micaiah mac Imlah, leis an faod sinn fiosrachadh den Tighearna; ach tha fuath agam dha, oir cha mhath a chuireas e air mo mhanadh‐sa, ach olc. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin. Agus ghairm rìgh Israeil air maor, agus thubhairt e, Greas an seo Micaiah mac Imlah. Agus shuidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, gach fear air a rìgh‐chathair fhèin, len earradh rìoghail orra, ann an àite rèidh, ann an dol a‑steach geata Shamaria, agus na fàidhean uile ri fàidheadaireachd nam fianais. Agus rinn Sedeciah mac Chenaanah adhaircean iarainn dha fhèin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leo seo buailidh tu na Sirianaich, gus an cuir thu as dhaibh. Agus rinn na fàidhean uile fàidheadaireachd mar seo, ag ràdh, Falbh suas gu Ramot‐gilead, agus soirbhich; oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e. Agus an teachdaire a chaidh a ghairm Mhicaiah, labhair e ris, ag ràdh, Feuch a‑nis, tha briathran nam fàidh le aon bheul a’ foillseachadh maith don rìgh: biodh d’fhacal‐sa, guidheam ort, mar fhacal aoin dhiùbhsan, agus labhair an nì a tha math. Agus thubhairt Micaiah, Mar as beò an Tighearna, an nì a their an Tighearna rium, sin labhraidh mise. Agus thàinig e a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt an rìgh ris, A Mhicaiah, an tèid sinn do Ramot‐gilead gu cath, no an leig sinn leis? Agus thubhairt esan ris, Falbh suas, agus soirbhich; oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e. Agus thubhairt an rìgh ris, Cia lìon uair a mhionnaicheas mi thu, nach innis thu dhomh ach an fhìrinn ann an ainm an Tighearna? Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapte air na slèibhtean, mar chaoraich aig nach eil buachaille: agus thubhairt an Tighearna, Chan eil maighistir orra seo: tilleadh gach fear dhiubh da thaigh fhèin ann an sìth. Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Nach d’innis mi dhut nach cuireadh e math sam bith air mo mhanadh‐sa, ach olc? Agus thubhairt esan, Uime sin èisd thusa ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh‐chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh làimh ris, air a làimh dheis agus air a làimh chlì. Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air Ahab, a‑chum is gun tèid e suas, agus gun tuit e ann an Ramot‐gilead? Agus thubhairt aon mar seo, agus aon eile mar siud. Agus thàinig spiorad a‑mach, agus sheas e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cuiridh mise impidh air. Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò leis? Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt e, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: falbh a‑mach, agus dèan mar sin. A‑nis uime sin, feuch, chuir an Tighearna spiorad brèige ann am beul nam fàidh sin agad uile, agus labhair an Tighearna olc mud thimcheall. Agus chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa? Agus thubhairt Micaiah, Feuch, chì thu anns an là air an tèid thu a‑steach do sheòmar cùil gu thu fhèin fhalach, Agus thubhairt rìgh Israeil, Glacaibh Micaiah, agus thugaibh air ais e gu Amon uachdaran a’ bhaile, agus gu Iòas mac an rìgh; Agus abraibh, Mar seo thubhairt an rìgh, Cuiribh am fear seo anns a’ phrìosan, agus beathaichibh e le aran airce, agus le uisge airce, gus an tig mise ann an sìth. Agus thubhairt Micaiah, Ma thilleas tusa idir ann an sìth, cha do labhair an Tighearna leamsa. Agus thubhairt e, Eisdibh, a shlòigh uile. Uime sin chaidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, suas gu Ramot‐gilead. Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Cuiridh mise mi fhèin ann an coslas eile, agus thèid mi a‑steach don chath; ach cuir thusa d’earradh rìoghail ort. Agus chuir rìgh Israeil e fhèin ann an coslas eile, agus chaidh e a‑steach don chath. Ach dh’àithn rìgh Shiria don dà‑cheannard‐deug ar fhichead a bha os cionn a charbad, ag ràdh, Na cogaibh ris a’ bheag no ris a’ mhòr, ach ri rìgh Israeil na aonar. Agus nuair a chunnaic ceannardan nan carbad Iehosaphat, thubhairt iad, Gu cinnteach is e seo rìgh Israeil. Agus thionndaidh iad a lethtaobh a chogadh na aghaidh: agus ghlaodh Iehosaphat a‑mach. Agus nuair a chunnaic ceannardan nan carbad nach b’e rìgh Israeil a bha ann, thill iad o a leantainn. Agus tharraing fear a bhogha air thuairmeis, agus bhuail e rìgh Israeil eadar uilt na lùirich: uime sin thubhairt e ra charbadair, Tionndaidh do làmh, agus thoir a‑mach as an fheachd mi; oir tha mi air mo lotadh. Agus mheudaich an cath air an là sin: agus chumadh an rìgh suas na charbad an aghaidh nan Sirianach, agus fhuair e bàs mu fheasgar; agus ruith an fhuil a‑mach as an lot gu meadhon a’ charbaid. Agus chaidh gairm air feadh an t‑slòigh mu laighe na grèine, ag ràdh, Gach fear da bhaile, agus gach fear da thìr fhèin. Agus dh’eug an rìgh, agus thugadh do Shamaria e: agus dh’adhlaic iad an rìgh ann an Samaria. Agus nigh neach an carbad ann an lochan Shamaria, agus dh’imlich na madraidh a fhuil; agus nigh iad a armachd, a rèir facal an Tighearna, a labhair e. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ahaib, agus na h‑uile nithean a rinn e, agus an taigh de fhiaclan elephant a thog e, agus na bailtean uile a thog e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? Agus chaidil Ahab maille ra athraichean, agus rìghich Ahasiah a mhac na àite. Agus thòisich Iehosaphat mac Asa air rìoghachadh os cionn Iùdah anns a’ cheathramh bliadhna de Ahab rìgh Israeil. Bha Iehosaphat còig‐bliadhna‑deug ar fhichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig‐bliadhna‑fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Asubah, nighean Shilhi. Agus ghluais e ann an uile shlighean Asa a athair; cha do chlaon e uapa, a’ dèanamh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna: gidheadh, cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda, oir fhathast dh’ìobair an sluagh, agus loisg iad tùis anns na h‑àitean àrda. Agus rinn Iehosaphat sìth ri rìgh Israeil. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehosaphat, agus a thrèine a dh’fheuch e, agus cionnas a chog e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus fuidheall nan Sòdomach a dh’fhan ann an làithean Asa a athair, chuir e as an tìr. Anns an àm sin cha robh rìgh ann an Edom: b’fhear‐riaghlaidh a bha na rìgh ann. Rinn Iehosaphat longan Tharsis gu dol do Ophir airson òir: (ach cha deachaidh iad ann; oir bhriseadh na longan ann an Esion‐geber.) Agus thubhairt Ahasiah mac Ahaib ri Iehosaphat, Rachadh mo sheirbhisich‐sa maille rid sheirbhisich‐sa anns na longan: ach cha b’àill le Iehosaphat sin. Agus chaidil Iehosaphat maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh, a athair: agus rìghich Iehoram a mhac na àite. Thòisich Ahasiah mac Ahaib air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑deug de Iehosaphat rìgh Iùdah, agus rìghich e os cionn Israeil dà bhliadhna. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe a athar, agus ann an slighe a mhàthar, agus ann an slighe Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh: Oir rinn e seirbhis do Bhàal, agus shleuchd e dha, agus bhrosnaich e an Tighearna Dia Israeil gu feirg, a rèir nan uile nithean a rinn a athair. Agus rinn Mòab ceannairc an aghaidh Israeil an dèidh bàs Ahaib. Agus thuit Ahasiah sìos tro chliath‐uinneig na sheòmar uachdarach a bha ann an Samaria, agus bha e tinn; agus chuir e teachdairean uaithe, agus thubhairt e riu, Rachaibh, fiosraichibh de Bhàal‐sebub, dia Ecroin, an tig mi on tinneas seo. Ach thubhairt aingeal an Tighearna ri Eliah an Tisbitheach, Eirich, falbh suas an coinneamh teachdairean rìgh Shamaria, agus abair riu, An ann a chionn nach eil Dia ann an Israel a tha sibh a’ dol a dh’fhiosrachadh de Bhàal‐sebub, dia Ecroin? A‑nis uime sin mar seo tha an Tighearna ag ràdh, On leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha tig thu a‑nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs. Agus dh’fhalbh Eliah. Agus nuair a thill na teachdairean da ionnsaigh, thubhairt e riu, Carson a tha sibh air tilleadh? Agus thubhairt iadsan ris, Thàinig duine a‑nìos nar coinneamh, agus thubhairt e rinn, Rachaibh, tillibh a dh’ionnsaigh an rìgh a chuir uaithe sibh, agus abraibh ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An ann a chionn nach eil Dia ann an Israel a tha thu a’ cur theachdairean a dh’fhiosrachadh de Bhàal‐sebub, dia Ecroin? Uime sin on leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha tig thu a‑nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs. Agus thubhairt e riu, Ciod e coslas an duine a thàinig a‑nìos nur coinneamh, agus a labhair ribh na briathran sin? Agus thubhairt iadsan ris, Duine molach, agus e crioslaichte le crios leathair ma leasraidh. Agus thubhairt esan, Is e Eliah an Tisbitheach a bha ann. Agus chuir an rìgh da ionnsaigh ceannard leth‐cheud, maille ra leth‐cheud: agus chaidh e suas da ionnsaigh, (agus, feuch, bha e na shuidhe air mullach slèibhe) agus labhair e ris, A dhuine le Dia, thubhairt an rìgh, Thig a‑nuas. Agus fhreagair Eliah, agus thubhairt e ri ceannard an leth‐cheud, Agus mas duine le Dia mise, thigeadh teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisgeadh e suas thusa agus do leth‐cheud. Agus thàinig teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisg e suas esan agus a leth‐cheud. Agus a‑rìs chuir e da ionnsaigh ceannard eile leth‐cheud, maille ra leth‐cheud; agus labhair e, agus thubhairt e ris, A dhuine le Dia, mar seo thubhairt an rìgh, Thig a‑nuas gu grad. Agus fhreagair Eliah agus thubhairt e riu, Mas duine le Dia mise, thigeadh teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisgeadh e suas thusa agus do leth‐cheud. Agus thàinig teine Dhè a‑nuas o na nèamhan, agus loisg e suas esan agus a leth‐cheud. Agus a‑rìs chuir e uaithe ceannard an treas leth‐cheud, maille ra leth‐cheud: agus chaidh an treas ceannard leth‐cheud suas, agus thàinig e, agus leig e e fhèin air a ghlùinean fa chomhair Eliah, agus dh’aslaich e air, agus thubhairt e ris, A dhuine le Dia, biodh, guidheam ort, m’anam‐sa, agus anam an leth‐cheud òglach seo agad, luachmhor ad shùilean. Feuch, thàinig teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisg e suas a’ chiad dà cheannard leth‐cheud, maille rin leth‐cheudan; ach a‑nis biodh m’anam‐sa luachmhor ad shùilean. Agus thubhairt aingeal an Tighearna ri Eliah, Falbh sìos maille ris; na biodh eagal ort roimhe. Agus dh’èirich e, agus chaidh e sìos maille ris a dh’ionnsaigh an rìgh. Agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun do chuir thu teachdairean a dh’fhiosrachadh de Bhàal‐sebub, dia Ecroin, mar nach biodh Dia ann an Israel a dh’fhiosrachadh de a fhacal, uime sin on leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha tig thu a‑nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs. Agus fhuair e bàs, a rèir facal an Tighearna, a labhair Eliah: agus rìghich Iehoram na àite, anns an dara bliadhna de Iehoram mac Iehosaphait, rìgh Iùdah, a chionn nach robh mac aige. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ahasiah a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? Agus thachair, nuair a bha an Tighearna gu Eliah a thogail suas le iomaghaoith do na nèamhan, gun deachaidh Eliah maille ri Elisa o Ghilgal. Agus thubhairt Eliah ri Elisa, Fan an seo, guidheam ort; oir chuir an Tighearna mise gu Betel. Agus thubhairt Elisa ris, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan fhàg mi thu. Agus chaidh iad sìos gu Betel. Agus thàinig mic nam fàidh a bha ann am Betel a‑mach gu Elisa, agus thubhairt iad ris, A bheil fhios agad gun toir an Tighearna an‑diugh do mhaighistir air falbh od cheann? Agus thubhairt esan, Seadh, tha fhios agam air; bithibh‐se nur tosd. Agus thubhairt Eliah ris, Elisa, fan an seo, guidheam ort; oir chuir an Tighearna mise gu Iericho. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, cha dealaich mi riut. Agus thàinig iad gu Iericho. Agus thàinig mic nam fàidh a bha ann an Iericho gu Elisa, agus thubhairt iad ris, Nach eil fhios agadsa gun toir an Tighearna an‑diugh do mhaighistir air falbh od cheann? Agus fhreagair esan, Seadh, tha fhios agam air; bithibh‐se nur tosd. Agus thubhairt Eliah ris, Fan, guidheam ort, an seo: oir chuir an Tighearna mise gu Iòrdan. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan fhàg mi thu. Agus chaidh iad nan dithis air an aghaidh. Agus chaidh leth‐cheud fear de mhic nam fàidh, agus sheas iad fan comhair fad as: agus sheas iadsan nan dithis làimh ri Iòrdan. Agus ghabh Eliah a fhallaing, agus dh’fhill e cuideachd i, agus bhuail e na h‑uisgeachan, agus roinneadh iad a‑null agus a‑nall; agus chaidh iadsan nan dithis thairis air talamh tioram. Agus nuair a bha iad air dol thairis, thubhairt Eliah ri Elisa, Iarr ciod as àill leat mise a dhèanamh air do shon, mun toirear mi air falbh uat. Agus thubhairt Elisa, Biodh, guidheam ort, cuibhreann dhùbailte ded spiorad orm. Agus thubhairt esan, Is cruaidh an nì a dh’iarr thu: gidheadh, ma chì thu mise nuair a bheirear air falbh uat mi, bidh e dhut mar sin; ach mura faic, cha bhi e mar sin. Agus nuair a bha iad a’ gabhail air an aghaidh agus a’ còmhradh, feuch, carbad teine, agus eich theine, agus dhealaich iad o chèile iad: agus chaidh Eliah suas le iomaghaoith do na nèamhan. Agus chunnaic Elisa sin, agus ghlaodh e, M’athair, m’athair, carbad Israeil, agus a mharc‐shluagh! Agus chan fhaca e nas mò e: agus rug e air a aodach fhèin, agus reub e na dhà mhìr e. Agus thog e suas fallaing Eliah a thuit uaithe, agus thill e, agus sheas e làimh ri bruaich Iòrdain; Agus ghabh e fallaing Eliah a thuit uaithe, agus bhuail e na h‑uisgeachan, agus thubhairt e, Càit a‑nis a bheil an Tighearna, Dia Eliah? Agus nuair a bhuail e na h‑uisgeachan, roinneadh iad a‑null agus a‑nall, agus chaidh Elisa thairis. Agus nuair a chunnaic mic nam fàidh e, a bha ann an Iericho fa chomhair, thubhairt iad, Dh’fhan spiorad Eliah air Elisa. Agus thàinig iad na choinneamh, agus chrom iad iad fhèin dha gu làr. Agus thubhairt iad ris, Feuch a‑nis, tha maille rid sheirbhisich leth‐cheud fear treun; rachadh iad, guidheamaid ort, agus iarradh iad do mhaighistir, air eagal gun do thog spiorad an Tighearna suas e, agus gun do thilg e e air beinn‐eigin, no ann an gleann‐eigin. Agus thubhairt esan, Cha chuir sibh uaibh iad. Agus nuair a chuir iad impidh air gus an robh nàire air, thubhairt e, Cuiribh uaibh iad. Agus chuir iad uapa leth‐cheud fear; agus dh’iarr iad e rè trì làithean, ach cha d’fhuair iad e. Agus nuair a thàinig iad a‑rìs da ionnsaigh, agus e a chòmhnaidh ann an Iericho, thubhairt e riu, Nach dubhairt mise ribh, Na rachaibh? Agus thubhairt fir a’ bhaile ri Elisa, Feuch a‑nis, tha suidheachadh a’ bhaile seo taitneach, mar a tha mo thighearna a’ faicinn; ach tha an t‑uisge olc, agus an talamh neo‐thorrach. Agus thubhairt esan, Thugaibh am ionnsaigh soitheach nodha, agus cuiribh salann ann. Agus thug iad da ionnsaigh e. Agus chaidh e a‑mach a dh’ionnsaigh tobar nan uisgeachan, agus thilg e salann an sin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Shlànaich mi na h‑uisgeachan seo: cha bhi o sin nas mò bàs, no talamh neo‐thorrach. Agus shlànaicheadh na h‑uisgeachan gus an là‑an‑diugh, a rèir facal Elisa a labhair e. Agus chaidh e suas as a sin gu Betel: agus nuair a bha e a’ dol suas air an t‑slighe, thàinig clann bheag a‑mach as a’ bhaile, agus rinn iad fanaid air, agus thubhairt iad ris, Gabh suas, fhir mhaoil; gabh suas, fhir mhaoil. Agus sheall e na dhèidh, agus chunnaic e iad, agus mhallaich e iad ann an ainm an Tighearna: agus thàinig dà mhath‐ghamhainn bhoireann a‑mach as a’ choille, agus reub iad a dhà agus dà‑fhichead duine cloinne dhiubh. Agus chaidh e as a sin gu sliabh Charmeil: agus as a sin thill e gu Samaria. A‑nis thòisich Iehoram mac Ahaib air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria, anns an ochdamh‐bliadhna‑deug de Iehosaphat rìgh Iùdah, agus rìghich e dà‑bhliadhna‑dheug. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, ach cha b’ann cosmhail ra athair, agus cosmhail ra mhàthair: oir chuir e air falbh dealbh Bhàail, a rinn a athair. Gidheadh, ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait a thug air Israel peacachadh, dhlùth‐lean e: cha do dhealaich e riu sin. Agus bha Mesa rìgh Mhòaib na shealbhadair chaorach, agus dh’ìoc e do rìgh Israeil ceud mìle uan, agus ceud mìle reithe len olainn. Agus nuair a dh’eug Ahab, rinn rìgh Mhòaib ceannairc an aghaidh rìgh Israeil. Agus chaidh rìgh Iehoram a‑mach air an là sin à Samaria, agus dh’àireamh e Israel uile. Agus chaidh e, agus chuir e teachdairean gu Iehosaphat rìgh Iùdah, ag ràdh, Rinn rìgh Mhòaib ceannairc am aghaidh: an tèid thu maille rium an aghaidh Mhòaib gu cath? Agus thubhairt esan, Thèid mi suas: tha mise mar a tha thusa, mo shluagh‐sa mar do shluagh‐sa, m’eich‐sa mar d’eich‐sa. Agus thubhairt e, Cia an rathad air an tèid sinn suas? Agus fhreagair esan, Rathad fàsach Edoim. Agus dh’imich rìgh Israeil, agus rìgh Iùdah, agus rìgh Edoim, agus chaidh iad mun cuairt astar seachd là; agus cha robh uisge aca don t‑sluagh, agus don sprèidh a lean iad. Agus thubhairt rìgh Israeil, Mo thruaighe, gun do ghairm an Tighearna na trì rìghrean seo cuideachd, a‑chum an toirt thairis do làimh Mhòaib! Agus thubhairt Iehosaphat, Nach eil an seo fàidh leis an Tighearna, a‑chum gum fiosraich sinn den Tighearna leis? Agus fhreagair aon de sheirbhisich rìgh Israeil, agus thubhairt e, Tha an seo Elisa mac Shaphait, a thaom uisge air làmhan Eliah. Agus thubhairt Iehosaphat, Tha facal an Tighearna maille ris. Agus chaidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat, agus rìgh Edoim, sìos da ionnsaigh. Agus thubhairt Elisa ri rìgh Israeil, Ciod e mo ghnothach‐sa riutsa? Imich a dh’ionnsaigh fàidhean d’athar, agus a dh’ionnsaigh fàidhean do mhàthar. Agus thubhairt rìgh Israeil ris, Chan eadh; oir ghairm an Tighearna na trì rìghrean seo cuideachd a‑chum an toirt thairis do làimh Mhòaib. Agus thubhairt Elisa, Mar as beò Tighearna nan slògh, an làthair a bheil mi am sheasamh, gu cinnteach mura biodh meas agamsa air làthaireachd Iehosaphait, rìgh Iùdah, cha seallainn ortsa, cha mhò a chìthinn thu. Ach a‑nis thugaibh am ionnsaigh fear‐ciùil. Agus nuair a bha am fear‐ciùil a’ cluich, bha làmh an Tighearna air. Agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dèan an gleann seo làn de chlaisean: Oir mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Chan fhaic sibh gaoth, cha mhò a chì sibh uisge; gidheadh lìonar an gleann seo le uisge, agus òlaidh sibh, sibh fhèin agus ur sprèidh, agus ur n‑ainmhidhean. Agus is beag seo ann an sùilean an Tighearna: bheir e mar an ceudna na Mòabaich thairis dur làimh. Agus buailidh sibh gach baile daingnichte, agus gach baile taghte, agus leagaidh sibh sìos gach craobh mhath, agus dùinidh sibh suas na tobraichean uisge uile, agus millidh sibh gach mìr math fearainn le clachan. Agus anns a’ mhadainn, mu àm toirt suas an tabhartas‐bhìdh, feuch, thàinig uisge rathad Edoim, agus lìonadh an tìr le uisge. Agus nuair a chuala na Mòabaich uile gun tàinig na rìghrean a‑nìos a chogadh nan aghaidh, ghairmeadh cuideachd iadsan uile a thàinig gu aois airm iomchar, agus os a chionn sin, agus sheas iad aig a’ chrìch. Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus dhealraich a’ ghrian air na h‑uisgeachan, agus chunnaic na Mòabaich thall fan comhair na h‑uisgeachan dearg mar fhuil: Agus thubhairt iad, Is fuil seo: sgriosadh gun teagamh na rìghrean, agus bhuail iad a chèile: a‑nis matà, a dh’ionnsaigh na creiche, a Mhòaib. Agus nuair a thàinig iad gu camp Israeil, dh’èirich na h‑Israelich, agus bhuail iad na Mòabaich, agus theich iad romhpa: ach chaidh iadsan air an aghaidh a’ bualadh nam Mòabach, eadhon nan tìr fhèin. Agus leag iad sìos na bailtean, agus air gach mìr math fearainn thilg gach fear a chlach, agus lìon iad e; agus dhùin iad suas gach tobar uisge, agus leag iad sìos gach craobh mhath: a‑mhàin ann an Cir‐haraset dh’fhàg iad a chlachan: ach chuartaich luchd nan crann‐tabhaill e, agus bhuail iad e. Agus nuair a chunnaic rìgh Mhòaib gun do bhuadhaich an cath air, thug e leis seachd ceud fear a tharraing claidheamh, a‑chum briseadh a‑steach gu rìgh Edoim; ach cha b’urrainn iad. An sin ghabh e a chiad‐ghin mic, a bha gu rìoghachadh na àite, agus dh’ìobair e e mar ìobairt‐loisgte air a’ bhalla: agus bha corraich mhòr an aghaidh Israeil: agus dh’imich iad uaithe, agus thill iad dan tìr fhèin. A‑nis ghlaodh bean àraidh de mhnathan mic nam fàidh ri Elisa, ag ràdh, Fhuair d’òglach m’fhear bàs; agus tha fhios agad gu robh eagal an Tighearna air d’òglach: agus tha fear nam fiach air teachd a thoirt mo dhithis mhac leis gu bhith nan tràillean aige. Agus thubhairt Elisa rithe, Ciod a nì mise air do shon? Innis dhomh ciod a tha agad anns an taigh? Agus thubhairt ise, Chan eil aig do bhanoglaich nì air bith anns an taigh, ach soitheach ola. An sin thubhairt esan, Falbh, is iarr dhut fhèin soithichean an coingheall a‑muigh od choimhearsnaich uile, eadhon soithichean falamh: na dèan le beagan. Agus nuair a thèid thu a‑steach, druididh tu an doras ort fhèin, agus air do mhic, agus taomaidh tu anns na soithichean sin uile, agus cuiridh tu an soitheach làn a lethtaobh. Agus dh’fhalbh i uaithe, agus dhruid i an doras oirre fhèin, agus air a mic, agus thug iadsan na soithichean da h‑ionnsaigh, agus thaom ise a‑mach. Agus nuair a bha na soithichean làn, thubhairt i ra mac, Thoir am ionnsaigh fhathast soitheach. Agus thubhairt esan rithe, Chan eil soitheach ann tuilleadh. Agus stad an ola. An sin thàinig i agus dh’innis i sin don duine le Dia: agus thubhairt esan, Falbh, reic an ola, agus dìol d’fhiachan; agus thig fhèin agus do mhic beò air a’ chuid eile. Agus thachair air là àraidh gun deachaidh Elisa thairis gu Sunam, far an robh bean mhòr; agus chuir i impidh air aran ithe. Agus ge bè uair a rachadh e seachad, thionndaidheadh e a‑steach an sin a dh’ithe arain. Agus thubhairt ise ra fear, Feuch a‑nis, tha fhios agam gur duine naomh le Dia e seo, a tha a’ gabhail seachad oirnn cho tric. Dèanamaid, guidheam ort, seòmar beag balla, agus cuireamaid dha an sin leabaidh, agus bòrd, agus cathair, agus coinnleir: agus nuair a thig e dar n‑ionnsaigh, tionndaidhidh e a‑steach an sin. Agus thàrladh air là àraidh gun tàinig e an sin, agus thionndaidh e a‑steach don t‑seòmar, agus laigh e an sin. Agus thubhairt e ri Gehasi a òglach, Gairm air a’ bhan‐Sunamaich seo. Agus ghairm esan oirre, agus sheas i na fhianais. Agus thubhairt e ris, Abair a‑nis rithe, Feuch, ghabh thu cùram dar taobh‐ne leis a’ chùram seo uile; ciod a tha ri dhèanamh air do shon? An àill leat labhairt air do shon ris an rìgh, no ri ceannard an t‑slòigh? Agus fhreagair ise, Am measg mo shluaigh fhèin tha mi am chòmhnaidh. Agus thubhairt esan, Ciod matà a tha ri dhèanamh air do shon? Agus thubhairt Gehasi, Gu deimhinn chan eil mac aice, agus tha a fear sean. Agus thubhairt esan, Gairm oirre. Agus nuair a ghairm e oirre, sheas i anns an doras. Agus thubhairt e, Aig an àm shuidhichte seo, a rèir àm na beatha, bidh mac agad ad ghlacan. Agus thubhairt ise, Na dèan, mo thighearna, a dhuine le Dia, na dèan breug dod bhanoglaich. Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus rug i mac aig an àm shuidhichte sin mun do labhair Elisa rithe, a rèir àm na beatha. Agus dh’fhàs an leanabh suas: agus thachair air là àraidh gun deachaidh e a‑mach a‑chum a athar, a dh’ionnsaigh nam buanaichean. Agus thubhairt e ra athair, Mo cheann, mo cheann! Agus thubhairt esan ri òglach, Tog leat e a dh’ionnsaigh a mhàthar. Agus thog esan leis e, agus thug e a dh’ionnsaigh a mhàthar e; agus shuidh e air a glùinean gu meadhon‐là, agus an sin dh’eug e. Agus chaidh i suas, agus chuir i na laighe e air leabaidh an duine le Dia, agus dhruid i an doras air, agus chaidh i a‑mach. Agus ghairm i air a fear, agus thubhairt i, Cuir am ionnsaigh, guidheam ort, aon de na h‑òglaich, agus aon de na h‑asail, a‑chum is gun ruith mi a dh’ionnsaigh an duine le Dia, agus gun tig mi a‑rìs. Agus thubhairt esan, Carson a thèid thu da ionnsaigh? An‑diugh chan eil gealach nodha, no sàbaid, ann. Agus thubhairt ise, Bidh gach nì gu math. An sin chuir i dìollaid air asail, agus thubhairt i ra h‑òglach, Tarraing, agus bi ag imeachd: na cuir moille orm a’ marcachd, mura iarr mi ort. Agus dh’imich i, agus thàinig i a dh’ionnsaigh an duine le Dia gu sliabh Charmeil: agus nuair a chunnaic an duine le Dia i fa chomhair, thubhairt e ri Gehasi a òglach, Feuch, is i siud a’ bhan‐Sunamach. Ruith a‑nis, guidheam ort, na coinneamh, agus abair rithe, A bheil thu fhèin gu math? A bheil d’fhear gu math? A bheil an leanabh gu math? Agus fhreagair ise, Tha gu math. Agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh an duine le Dia a‑chum an t‑slèibh, rug i air a chasan; ach thàinig Gehasi am fagas gus a cur air falbh. Agus thubhairt an duine le Dia, Leig dhi, oir tha a h‑anam air a chràdh innte; agus cheil an Tighearna ormsa e, agus cha d’innis e dhomh. Agus thubhairt ise, An d’iarr mise mac om thighearna? Nach dubhairt mi, Na meall mi? An sin thubhairt e ri Gehasi, Crioslaich do leasraidh, agus glac mo bhata‑sa ann ad làimh, agus bi ag imeachd: ma thachras tu air duine sam bith, na beannaich dha: agus ma bheannaicheas duine sam bith dhut, na freagair e a‑rìs: agus cuir mo bhata air aghaidh an leinibh. Agus thubhairt màthair an leinibh, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam‐sa chan fhàg mi thu. Agus dh’èirich e, agus lean e i. Agus chaidh Gehasi air aghaidh romhpa, agus chuir e am bata air aghaidh an leinibh; ach cha robh cainnt no claisteachd aige: uime sin thill e na choinneamh, agus dh’innis e dha, ag ràdh, Chan eil an leanabh air dùsgadh. Agus nuair a thàinig Elisa a‑steach don taigh, feuch, bha an leanabh marbh, agus na laighe air a leabaidh‐san. Uime sin chaidh e a‑steach, agus dhùin e an doras orra nan dithis, agus rinn e ùrnaigh ris an Tighearna. Agus chaidh e suas agus laigh e air an leanabh, agus chuir e a bheul air a bheul, agus a shùilean air a shùilean, agus a làmhan air a làmhan, agus shìn e e fhèin sìos air, agus dh’fhàs feòil an leinibh blàth. Agus a‑rìs, dh’imich e anns an taigh a‑null agus a‑nall, agus chaidh e suas, agus shìn e e fhèin sìos air; agus rinn an leanabh sreothartaich seachd uairean, agus dh’fhosgail an leanabh a shùilean. Agus ghairm e air Gehasi, agus thubhairt e, Gairm air a’ bhan‐Sunamaich seo. Agus ghairm esan oirre; agus nuair a thàinig i a‑steach da ionnsaigh, thubhairt esan, Tog leat do mhac. Agus thàinig i agus thuit i aig a chasan, agus chrom i i fhèin sìos gu làr, agus thog i leatha a mac, agus chaidh i a‑mach. Agus thill Elisa gu Gilgal; agus bha gorta anns an tìr, agus bha mic nam fàidh nan suidhe fa chomhair: agus thubhairt e ra òglach, Cuir air a’ phoit mhòr, agus bruith brochan do mhic nam fàidh. Agus chaidh aon a‑mach don achadh a thional luibhean, agus fhuair e fìonain fhiadhaich, agus thionail e dhith dearcan fiadhaich, làn a fhallainge, agus thàinig e agus gheàrr e sìos iad anns a’ phoit bhrochain; oir cha b’aithne dhaibh iad. Agus thaom iad a‑mach do na daoine gu ithe; agus nuair a bha iad ag ithe den bhrochan, ghlaodh iad, agus thubhairt iad, Bàs anns a’ phoit, a dhuine le Dia. Agus cha b’urrainn iad ithe dheth. Agus thubhairt esan, Thugaibh, matà, min am ionnsaigh. Agus thilg e anns a’ phoit i; agus thubhairt e, Taom a‑mach airson an t‑sluaigh, a‑chum gun ith iad: agus cha robh nì air bith olc anns a’ phoit. Agus thàinig duine o Bhàal‐salisa, agus thug e a dh’ionnsaigh an duine le Dia aran den chiad toradh, fichead buileann eòrna, agus làn dhiasan arbhair na mhàla; agus thubhairt e, Thoir don t‑sluagh, a‑chum is gun ith iad. Agus thubhairt a fhear‐frithealaidh ris, Carson a chuirinn seo an làthair ceud fear? Agus thubhairt esan a‑rìs, Thoir don t‑sluagh, a‑chum is gun ith iad: oir mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Ithidh iad, agus bidh fuidheall ann. Uime sin chuir e na làthair e, agus dh’ith iad, agus bha fuidheall aca, a rèir facal an Tighearna. A‑nis bha Nàaman ceannard sluagh rìgh Shiria na dhuine mòr aig a thighearna, agus urramach, a chionn leis‐san gun tug an Tighearna saorsa do Shiria: bha e mar an ceudna treun ann an neart, ach bu lobhar e. Agus chaidh na Sirianaich a‑mach nam buidhnean, agus thug iad leo ann am braighdeanas à tìr Israeil caileag bheag; agus bha i a’ feitheamh air mnaoi Nàamain. Agus thubhairt i ra bana‑mhaighistir, B’fheàrr leam gu robh mo thighearna maille ris an fhàidh a tha ann an Samaria; an sin lèighseadh e o a luibhre e. Agus chaidh esan a‑steach, agus dh’innis e da thighearna, ag ràdh, Mar seo agus mar seo thubhairt a’ chaileag a tha o thìr Israeil. Agus thubhairt rìgh Shiria, Imich romhad, agus cuiridh mise litir a dh’ionnsaigh rìgh Israeil. Agus dh’imich e, agus thug e leis deich tàlannan airgid, agus sia mìle bonn òir, agus deich culaidhean aodaich. Agus thug e an litir a dh’ionnsaigh rìgh Israeil, ag ràdh, A‑nis nuair a thig an litir seo ad ionnsaigh, feuch, chuir mi ad ionnsaigh leatha Nàaman mo sheirbhiseach, a‑chum is gun leighis thu e o a luibhre. Agus nuair a leugh rìgh Israeil an litir, reub e a aodach, agus thubhairt e, An Dia mise, a mharbhadh agus a dhèanamh beò, gun cuireadh am fear seo fios am ionnsaigh duine a leigheas o a luibhre? Uime sin thugaibh fa‑near, guidheam oirbh, agus faicibh cionnas a tha e ag iarraidh adhbhair am aghaidh. Agus nuair a chuala Elisa, an duine le Dia, gun do reub rìgh Israeil a aodach, chuir e fios a dh’ionnsaigh an rìgh, ag ràdh, Carson a reub thu d’aodach? Thigeadh e a‑nis am ionnsaigh‐sa, agus bidh fhios aige gu bheil fàidh ann an Israel. Agus thàinig Nàaman le a eich agus le a charbad, agus sheas e aig doras taigh Elisa. Agus chuir Elisa teachdaire da ionnsaigh, ag ràdh, Imich, agus nigh thu fhèin seachd uairean ann an Iòrdan, agus thig d’fheòil a‑rìs ad ionnsaigh, agus bidh tu glan. Ach bha fearg air Nàaman, agus dh’fhalbh e roimhe, agus thubhairt e, Feuch, shaoil mi gu cinnteach gun tigeadh e a‑mach am ionnsaigh, agus gun seasadh e, agus gun gairmeadh e air ainm an Tighearna a Dhia, agus gun cuireadh e a làmh air an àite, agus gun lèighseadh e an lobhar. Nach eil Abana agus Pharpar, aibhnichean Dhamascais, nas fheàrr na uile uisgeachan Israeil? Nach faod mi mi fhèin a nighe anntasan, agus a bhith glan? Agus thionndaidh e, agus dh’fhalbh e roimhe ann an corraich. Agus thàinig a sheirbhisich am fagas, agus labhair iad ris, agus thubhairt iad, O athair, nam biodh am fàidh air iarraidh ort nì mòr a dhèanamh, nach dèanadh tu e? Nach ro‑mhò na sin, matà, nuair a tha e ag ràdh riut, Nigh agus bi glan? An sin chaidh e sìos, agus thum e e fhèin ann an Iòrdan seachd uairean, a rèir facal an duine le Dia; agus thàinig a fheòil a‑rìs mar fheòil leinibh bhig, agus ghlanadh e. Agus thill e a dh’ionnsaigh an duine le Dia, e fhèin agus a chuideachd uile, agus thàinig e, agus sheas e na làthair; agus thubhairt e, Feuch, a‑nis tha fhios agam nach eil Dia anns an talamh uile ach ann an Israel: a‑nis, matà, guidheam ort, gabh tìodhlac od sheirbhiseach. Ach thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, an làthair a bheil mi am sheasamh, cha ghabh mi e. Agus chuir e impidh air a ghabhail, ach dhiùlt esan e. Agus thubhairt Nàaman, Nach toirear, matà, guidheam ort, dod sheirbhiseach èire dhà mhuileid de thalamh? Oir cha toir do sheirbhiseach suas à seo a‑mach tabhartas‐loisgte no ìobairt do dhiathan air bith eile, ach don Tighearna. Anns an nì seo gun tugadh an Tighearna maitheanas dod sheirbhiseach, nuair a thèid mo thighearna a‑steach do thaigh Rimoin a dhèanamh adhraidh an sin, agus a leigeas e a thaic air mo làimh‐sa, agus a chromas mise mi fhèin sìos ann an taigh Rimoin, gun tugadh an Tighearna maitheanas dod sheirbhiseach anns an nì seo. Agus thubhairt esan ris, Imich ann an sìth. Agus dh’imich e uaithe beagan astair. Agus thubhairt Gehasi, òglach Elisa, an duine le Dia, Feuch, chaomhain mo mhaighistir Nàaman an Sirianach seo, a‑thaobh nach do ghabh e as a làimh an nì sin a thug e leis: ach mar as beò an Tighearna, ruithidh mise na dhèidh, agus gabhaidh mi nì‑eigin uaithe. Agus lean Gehasi Nàaman: agus nuair a chunnaic Nàaman e a’ ruith na dhèidh, leum e a‑nuas as a charbad na choinneamh, agus thubhairt e, A bheil gach nì gu math? Agus thubhairt esan, Tha gach nì gu math: chuir mo mhaighistir uaithe mi, ag ràdh, Feuch, a‑nis thàinig am ionnsaigh dà òganach o shliabh Ephraim de mhic nam fàidh: thoir dhaibh, guidheam ort, tàlann airgid, agus dà chulaidh aodaich. Agus thubhairt Nàaman, Mas toil leat, gabh dà thàlann. Agus cho‐èignich e e agus cheangail e dà thàlann airgid ann an dà mhàla agus dà chulaidh aodaich, agus chuir e iad air dithis de a òglaich; agus ghiùlain iadsan roimhe iad. Agus nuair a thàinig e don dùn, ghabh e as an làimh iad, agus thaisg e ann an taigh iad; agus leig e na daoine air falbh, agus dh’fhalbh iad. Agus chaidh esan a‑steach, agus sheas e an làthair a mhaighistir, agus thubhairt Elisa ris, Cia as a thàinig thusa, a Ghehasi? Agus thubhairt esan, Cha deachaidh do sheirbhiseach taobh air bith. Agus thubhairt esan ris, Nach deachaidh mo chridhe‐sa maille riut, nuair a thill an duine o a charbad ad choinneamh? An àm seo a ghabhail airgid, agus a ghabhail aodaich, agus liosan‐ola, agus fhìonliosan, agus chaorach, agus buair, agus òglach, agus bhanoglach? Uime sin dlùth‐leanaidh luibhre Nàamain riutsa, agus rid shliochd gu bràth. Agus chaidh e a‑mach as a fhianais, na lobhar, geal mar shneachd. Agus thubhairt mic nam fàidh ri Elisa, Feuch a‑nis, tha an t‑àit anns a bheil sinn a chòmhnaidh maille riut ro‑chumhang air ar son. Leig dhuinn dol, guidheamaid ort, gu Iòrdan, agus bheir gach fear againn sail as a sin, agus nì sinn dhuinn fhèin an sin àite gu còmhnaidh a ghabhail ann. Agus fhreagair esan, Rachaibh. Agus thubhairt aon dhiubh, Mas i do thoil a‑nis, falbh fhèin maille rid sheirbhisich. Agus fhreagair esan, Thèid mi. Agus chaidh e maille riu: agus nuair a thàinig iad gu Iòrdan, gheàrr iad sìos fiodh. Ach nuair a bha aon dhiubh a’ leagadh saile, thuit iarann na tuaighe anns an uisge: agus dh’èigh e agus thubhairt e, Mo thruaighe, a mhaighistir, agus gur ann an coingheall a bha e! Agus thubhairt an duine le Dia, Càit an do thuit e? Agus dh’fheuch esan dha an t‑àite. Agus gheàrr e sìos maide, agus thilg e an sin e, agus thug e air an iarann snàmh. Agus thubhairt e, Tog leat e. Agus shìn esan a‑mach a làmh, agus ghabh e e. Agus bha rìgh Shiria a’ cogadh ri Israel; agus chuir e a chomhairle ra sheirbhisich, ag ràdh, Ann an leithid seo de àite bidh mo champ. Agus chuir an duine le Dia fios a dh’ionnsaigh rìgh Israeil, ag ràdh, Feuch nach tèid thu thairis air a leithid seo de àite; oir an sin tha na Sirianaich air teachd a‑nuas. Agus chuir rìgh Israeil daoine a dh’ionnsaigh an àite mun d’innis an duine le Dia dha, agus mun tug e rabhadh dha, agus dhìon e e fhèin an sin, cha b’ann aon uair no dà uair. Agus bha cridhe rìgh Shiria fo bhuaireas mòr airson an nì seo; agus ghairm e air a sheirbhisich, agus thubhairt e riu, Nach innis sibh dhomh cò nar measg‐ne a tha le rìgh Israeil? Agus thubhairt aon de a sheirbhisich, Chan eil neach air bith, a thighearna, a rìgh: ach Elisa am fàidh, a tha ann an Israel, innsidh esan do rìgh Israeil na briathran a labhras tu ann ad sheòmar‐leapa. Agus thubhairt esan, Rachaibh agus seallaibh càit a bheil e, a‑chum is gun cuir mi daoine uam, agus gun glac mi e. Agus dh’innseadh dha, ag ràdh, Feuch, tha e ann an Dòtan. Uime sin chuir e eich an sin, agus carbadan, agus sluagh mòr: agus thàinig iad anns an oidhche, agus chuartaich iad am baile. Agus dh’èirich seirbhiseach an duine le Dia gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh e a‑mach, agus, feuch, bha armailt a’ cuartachadh a’ bhaile, maille ri eich agus ri carbadan; agus thubhairt a òglach ris, Mo thruaighe, a mhaighistir, cionnas a nì sinn? Agus fhreagair esan, Na biodh eagal ort; oir is lìonmhoire iad a tha leinne na iadsan a tha leòsan. Agus rinn Elisa ùrnaigh, agus thubhairt e, A Thighearna, fosgail, guidheam ort, a shùilean, a‑chum is gum faic e. Agus dh’fhosgail an Tighearna sùilean an òganaich, agus chunnaic e; agus, feuch, bha an sliabh làn each, agus de charbadan teine mun cuairt air Elisa. Agus nuair a thàinig iad a‑nuas da ionnsaigh, rinn Elisa ùrnaigh ris an Tighearna, agus thubhairt e, Buail, guidheam ort, an sluagh seo le doille. Agus bhuail e iad le doille, a rèir facal Elisa. Agus thubhairt Elisa riu, Chan e seo an t‑slighe, agus chan e seo am baile; leanaibh mise, agus bheir mi sibh a dh’ionnsaigh an duine a tha sibh ag iarraidh. Ach thug e iad gu Samaria. Agus nuair a thàinig iad a‑steach do Shamaria, thubhairt Elisa, A Thighearna, fosgail sùilean nan daoine seo, a‑chum gum faic iad. Agus dh’fhosgail an Tighearna an sùilean, agus chunnaic iad, agus, feuch, bha iad ann am meadhon Shamaria. Agus thubhairt rìgh Israeil ri Elisa, nuair a chunnaic e iad, Am buail, am buail mi iad, athair? Agus fhreagair esan, Cha bhuail thu iad: am buaileadh tu iadsan a ghlac thu nam braighdean led chlaidheamh, agus led bhogha? Cuir aran agus uisge fan comhair, a‑chum gun ith agus gun òl iad, agus gun tèid iad a dh’ionnsaigh an tighearna fhèin. Agus rinn e deasachadh mòr air an son; agus nuair a dh’ith agus a dh’òl iad, leig e air falbh iad, agus chaidh iad a dh’ionnsaigh an tighearna. Agus cha tàinig buidhnean Shiria nas mò do thìr Israeil. Agus na dhèidh seo chruinnich Ben‐hadad rìgh Shiria a armailt uile, agus chaidh e suas agus theannaich e Samaria. Agus bha gorta mhòr ann an Samaria; agus, feuch, theannaich iad e, gus an robh ceann asail air a reic air ceithir‐fichead bonn airgid, agus an ceathramh cuid de chab de aolach chalman air còig buinn airgid. Agus nuair a bha rìgh Israeil a’ gabhail seachad air a’ bhalla, ghlaodh bean ris, ag ràdh, Dèan cobhair orm, mo thighearna, a rìgh. Agus thubhairt esan, Mura dèan an Tighearna cobhair ort, cionnas a nì mise cobhair ort? An ann à ùrlar an t‑sabhail, no as an fhìon‐amar? Agus thubhairt an rìgh rithe, Ciod a tha a’ teachd riut? Agus fhreagair ise, Thubhairt a’ bhean seo rium, Thoir seachad do mhac‐sa, a‑chum is gun ith sinn an‑diugh e, agus mo mhac‐sa ithidh sinn a‑màireach. Agus bhruith sinn mo mhac‐sa, agus dh’ith sinn e: agus thubhairt mise rithe‐se air an ath là, Thoir seachad do mhac‐sa, a‑chum is gun ith sinn e: ach dh’fhalaich ise a mac. Agus nuair a chuala an rìgh briathran na mnà, reub e a aodach, agus ghabh e seachad air a’ bhalla, agus dh’amhairc an sluagh, agus, feuch, bha sac‐aodach air a fheòil air an taobh a‑staigh. An sin thubhairt e, Gun dèanadh Dia mar sin riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma sheasas ceann Elisa mhic Shaphait air an‑diugh. Ach bha Elisa na shuidhe na thaigh, agus na seanairean nan suidhe maille ris: agus chuir an rìgh duine uaithe as a làthaireachd fhèin: ach mun tàinig an teachdaire da ionnsaigh thubhairt e ris na seanairean, Am faic sibhse mar a chuir mac seo a’ mhortair duine a thoirt mo chinn dhìomsa? Thugaibh an aire nuair a thig an teachdaire, druidibh an doras, agus cumaibh gu daingeann e aig an doras: nach eil fuaim casan a thighearna na dhèidh? Nuair a bha e fhathast a’ labhairt riu, feuch, thàinig an teachdaire a‑nuas da ionnsaigh: agus thubhairt e, Feuch, tha an t‑olc seo on Tighearna: carson a dh’fheithinn‐sa air an Tighearna nas fhaide? An sin thubhairt Elisa, Eisdibh ri facal an Tighearna: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mun tràth seo a‑màireach reicear tomhas eòrna air secel ann an geata Shamaria. Agus fhreagair ceannard, air làimh an do leig an rìgh a thaic, an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch, ged dhèanadh an Tighearna tuil‐dhorsan anns na nèamhan, am faodadh an nì seo a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thusa led shùilean e, ach chan ith thu dheth. Agus bha ceathrar dhaoine air an robh an luibhre aig dol a‑steach a’ gheata; agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Carson a dh’fhanas sinn an seo gus am bàsaich sinn? Ma their sinn, Rachamaid a‑steach don bhaile, tha a’ ghorta anns a’ bhaile, agus bàsaichidh sinn an sin; agus ma dh’fhanas sinn an seo, bàsaichidh sinn mar an ceudna. A‑nis, matà, thigibh, agus teicheamaid gu camp nan Sirianach: ma chaomhnas iad beò sinn, bidh sinn beò; ach ma mharbhas iad sinn, chan fhaigh sinn ach am bàs. Agus dh’èirich iad anns an dùbhradh gu dol a dh’ionnsaigh camp nan Sirianach: agus nuair a thàinig iad gus a’ chuid a b’fhaide a‑mach de champ nan Sirianach, feuch, cha robh duine air bith an sin: Oir thug an Tighearna air feachd nan Sirianach fuaim charbad a chluinntinn, agus fuaim each, eadhon fuaim slòigh mhòir: agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Feuch, thuarasdalaich rìgh Israeil nar n‑aghaidh rìghrean nan Hiteach, agus rìghrean nan Eiphiteach, gu teachd oirnn. Uime sin dh’èirich iad, agus theich iad anns an dùbhradh, agus dh’fhàg iad am bùthan, agus an eich, agus an asail, eadhon an camp mar a bha e, agus theich iad airson am beatha. Agus nuair a thàinig na lobhair sin gus a’ chuid a b’fhaide a‑muigh den champ, chaidh iad a‑steach do aon bhùth, agus dh’ith iad, agus dh’òl iad, agus thug iad leo as a sin airgead, agus òr, agus aodach, agus chaidh iad agus dh’fhalaich iad iad; agus thàinig iad air an ais, agus chaidh iad a‑steach do bhùth eile, agus thug iad leo as a sin mar an ceudna, agus chaidh iad agus dh’fhalaich iad iad. Agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Chan eil sinn a’ dèanamh gu ceart: is là deagh sgeòil an là seo, agus tha sinne nar tosd: ma dh’fhanas sinn gu solas na maidne thig olc‐eigin oirnn: a‑nis, matà, thigibh, agus rachamaid agus innseamaid do theaghlach an rìgh. Agus thàinig iad agus ghlaodh iad ri dorsairean a’ bhaile, agus dh’innis iad dhaibh, ag ràdh, Chaidh sinne gu camp nan Sirianach, agus, feuch, cha robh duine air bith an sin, no guth duine, ach eich ceangailte, agus asail ceangailte, agus na bùthan mar a bha iad. Agus ghlaodh na dorsairean, agus dh’innis iadsan do theaghlach an rìgh a‑staigh. Agus dh’èirich an rìgh anns an oidhche, agus thubhairt e ra sheirbhisich, Innsidh mi dhuibh a‑nis ciod a rinn na Sirianaich oirnn: tha fhios aca gu bheil sinne acrach, agus chaidh iad a‑mach as a’ champ gu am falach fhèin anns a’ mhachair, ag ràdh, Nuair a thig iad a‑mach as a’ bhaile, glacaidh sinn beò iad, agus thèid sinn a‑steach don bhaile. Agus fhreagair aon de a sheirbhisich, agus thubhairt e. Gabhar a‑nis còig de na h‑eich a tha air am fàgail, a dh’fhan anns a’ bhaile (feuch, tha iad mar uile shluagh Israeil don do chuireadh as) agus cuireamaid teachdairean uainn agus faiceamaid. Ghabhadh uime sin dà each‐carbaid; agus chuir an rìgh teachdairean an dèidh feachd nan Sirianach, ag ràdh, Rachaibh agus faicibh. Agus chaidh iad nan dèidh gu ruig Iòrdan, agus, feuch, bha an t‑slighe uile làn de aodach, agus de shoithichean, a thilg na Sirianaich uapa nan cabhaig: agus thill na teachdairean, agus dh’innis iad don rìgh. Agus chaidh an sluagh a‑mach, agus chreach iad camp nan Sirianach: agus reiceadh tomhas de mhin mhìn air secel, agus dà thomhas eòrna air secel, a rèir facal an Tighearna. Agus chuir an rìgh cùram a’ gheata air a’ cheannard, air làimh an do leig e a thaic: agus shaltair an sluagh air anns a’ gheata, agus dh’eug e, mar a thubhairt an duine le Dia, a labhair nuair a thàinig an rìgh a‑nuas da ionnsaigh. Agus thachair e mar a labhair an duine le Dia ris an rìgh, ag ràdh, Bidh dà thomhas eòrna air secel, agus tomhas de mhin mhìn air secel, mun tràth seo a‑màireach ann an geata Shamaria: Agus fhreagair an ceannard sin an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch a‑nis, ged dhèanadh an Tighearna tuil‐dhorsan anns na nèamhan, am faodadh a leithid seo de nì a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thu led shùilean e, ach chan ith thu dheth. Eadhon mar sin thachair e dha: oir shaltair an sluagh air anns a’ gheata, agus dh’eug e. An sin labhair Elisa ris a’ mhnaoi, don d’ath‐bheothaich e a mac, ag ràdh, Eirich, agus imich thusa agus do theaghlach, agus falbh air chuairt ge bè àit am faod thu a bhith air chuairt: oir ghairm an Tighearna air gorta, agus mar an ceudna thig i air an tìr rè seachd bliadhna. Agus dh’èirich a’ bhean, agus rinn i a rèir facal an duine le Dia: agus dh’fhalbh i fhèin agus a teaghlach, agus bha i air chuairt ann an tìr nam Philisteach rè seachd bliadhna. Agus aig ceann nan seachd bliadhna thill a’ bhean à tìr nam Philisteach: agus chaidh i a‑mach a ghairm air an rìgh airson a taighe, agus airson a fearainn. Agus labhair an rìgh ri Gehasi, òglach an duine le Dia, ag ràdh, Innis dhomh, guidheam ort, na nithean mòra uile a rinn Elisa. Agus nuair a bha e ag innse don rìgh mar a dh’ath‐bheothaich e neach a bha marbh, feuch, ghlaodh a’ bhean, don d’ath‐bheothaich e a mac, ris an rìgh airson a taighe, agus airson a fearainn. Agus thubhairt Gehasi, Mo thighearna, a rìgh, seo a’ bhean, agus seo a mac, a dh’ath‐bheothaich Elisa. Agus nuair a dh’fheòraich an rìgh den mhnaoi, dh’innis i dha. Agus dh’òrdaich an rìgh dhi maor àraidh, ag ràdh, Thoir air ais gach nì a bu leatha, agus uile thoradh an fhearainn, on là a dh’fhàg i an tìr, eadhon gus a‑nis. Agus thàinig Elisa gu Damascas; agus bha Ben‐hadad rìgh Shiria tinn: agus dh’innseadh dha, ag ràdh, Thàinig an duine le Dia an seo. Agus thubhairt an rìgh ri Hasael, Gabh ann ad làimh tìodhlac, agus falbh an coinneamh an duine le Dia, agus fiosraich den Tighearna leis ag ràdh, An tig mi on tinneas seo? Agus dh’fhalbh Hasael na choinneamh, agus ghabh e tìodhlac na làimh, eadhon de gach nì math a bha ann an Damascas, èire dà‑fhichead càmhal: agus thàinig e, agus sheas e na làthair, agus thubhairt e, Chuir do mhac Ben‐hadad, rìgh Shiria, mise ad ionnsaigh, ag ràdh, An tig mi on tinneas seo? Agus thubhairt Elisa ris, Falbh, abair ris, Faodaidh tu gun teagamh teachd uaithe: gidheadh, nochd an Tighearna dhòmhsa gum faigh e gu cinnteach bàs. Agus shocraich e a ghnùis gu seasmhach, gus an robh nàire air: agus ghuil an duine le Dia. Agus thubhairt Hasael, Carson a tha mo thighearna a’ gul? Agus fhreagair esan, A chionn gu bheil fhios agam air an olc a nì thusa do chloinn Israeil: an daingnichean làidir cuiridh tu ri theine, agus an daoine òga marbhaidh tu leis a’ chlaidheamh, agus an clann bheag bruthaidh tu, agus am mnathan torrach reubaidh tu suas. Agus thubhairt Hasael, Ach ciod, an cù do sheirbhiseach, gun dèanadh e an nì mòr seo? Agus fhreagair Elisa, Nochd an Tighearna dhòmhsa gum bi thu ad rìgh air Siria. Agus dh’fhalbh e o Elisa, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a thighearna, a thubhairt ris, Ciod a thubhairt Elisa riut? Agus fhreagair esan, Dh’innis e dhomh gun tig thu gu cinnteach on tinneas seo. Agus air an là màireach ghabh e aodach tiugh, agus thum e ann an uisge e, agus sgaoil e air a aghaidh e, air chor is gun d’fhuair e bàs: agus rìghich Hasael na àite. Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de Ioram mac Ahaib, rìgh Israeil, thòisich Iehoram, mac Iehosaphait, rìgh Iùdah, air rìoghachadh. Dà‑bhliadhna‑dheug ar fhichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ochd bliadhna ann an Ierusalem. Agus ghluais e ann an slighe rìghrean Israeil, mar a rinn taigh Ahaib; oir bha nighean Ahaib na mnaoi aige: agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna. Gidheadh cha b’àill leis an Tighearna Iùdah a sgrios, air sgàth Dhaibhidh a òglach, mar a gheall e dha solas a thabhairt dha fhèin agus da mhic an còmhnaidh. Na làithean‐san dh’èirich Edom o bhith fo làimh Iùdah, agus rinn iad rìgh os an cionn fhèin. Agus chaidh Ioram thairis gu Sair, agus na carbadan uile maille ris; agus dh’èirich e anns an oidhche, agus bhuail e na h‑Edomaich a bha mun cuairt air, agus ceannardan nan carbad: agus theich an sluagh dam bùthan. Gidheadh dh’èirich Edom o bhith fo làimh Iùdah gus an là‑an‑diugh: agus dh’èirich Libnah anns an àm cheudna. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ioraim, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus chaidil Ioram maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Ahasiah a mhac na àite. Anns an dara‑bliadhna‑deug de Ioram mac Ahaib, rìgh Israeil, thòisich Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, air rìoghachadh. Dà bhliadhna ar fhichead a dh’aois bha Ahasiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ataliah, nighean Omri rìgh Israeil. Agus ghluais e ann an slighe taigh Ahaib, agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn taigh Ahaib: oir bu chliamhain do thaigh Ahaib e. Agus chaidh e maille ri Ioram mac Ahaib gu cogadh an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria ann an Ramot‐gilead; agus lot na Sirianaich Ioram. Agus chaidh rìgh Ioram air ais gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug na Sirianaich dha ann an Ramot, nuair a chog e an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria: agus chaidh Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu robh e tinn. Agus ghairm Elisa am fàidh air aon de mhic nam fàidh, agus thubhairt e ris, Crioslaich do leasraidh, agus gabh an còrn ola seo ann ad làimh, agus imich gu Ramot‐gilead. Agus nuair a thig thu an sin, seallaidh tu an sin airson Iehu mhic Iehosaphait mhic Nimsi; agus thèid thu a‑steach, agus bheir thu air èirigh suas o mheasg a bhràithrean, agus bheir thu e do sheòmar cùil: Agus gabhaidh tu an còrn ola, agus taomaidh tu air a cheann e, agus their thu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’ung mi thu ad rìgh air Israel; an sin fosglaidh tu an doras, agus teichidh tu, agus chan fhan thu. Agus dh’imich an t‑òganach, am fàidh, gu Ramot‐gilead. Agus nuair a thàinig e, feuch, bha ceannardan an t‑slòigh nan suidhe; agus thubhairt e, Tha nì agam ri ràdh riut, a cheannaird. Agus thubhairt Iehu, Cò ris dhinn uile? Agus thubhairt esan, Riutsa, a cheannaird. Agus dh’èirich e, agus chaidh e a‑steach don taigh, agus thaom e an ola air a cheann, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Dh’ung mi thusa ad rìgh air sluagh an Tighearna, eadhon air Israel. Agus buailidh tu taigh Ahaib do thighearna, agus dìolaidh mise fuil mo sheirbhiseach na fàidhean, agus fuil uile sheirbhisich an Tighearna, air làimh Iesebeil. Agus sgriosar taigh Ahaib uile, agus gearraidh mi as o Ahab esan a nì uisge ri balla, agus esan a dhruidear suas agus a dh’fhàgar ann an Israel. Agus nì mi taigh Ahaib mar thaigh Ierobòaim mhic Nebait, agus mar thaigh Bhaasa mhic Ahiah. Agus ithidh na madraidh Iesebel ann an cuibhreann Iesreeil, agus cha bhi neach air bith ann a dh’adhlaiceas i. Agus dh’fhosgail e an doras, agus theich e. An sin thàinig Iehu a‑mach a dh’ionnsaigh seirbhisich a thighearna, agus thubhairt iad ris, A bheil gach nì gu math? Carson a thàinig am fear cuthaich seo ad ionnsaigh? Agus thubhairt esan riu, Is aithne dhuibh an duine, agus a chainnt. Agus thubhairt iadsan, Is breug e; innis dhuinn a‑nis. Agus thubhairt esan, Mar seo agus mar seo labhair e rium ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’ung mi thu ad rìgh air Israel. An sin rinn iad cabhag, agus ghabh iad gach fear dhiubh a fhallaing, agus chuir iad gach aon foidhe i air mullach na staidhreach, agus shèid iad le trompaid, agus thubhairt iad, Is e Iehu an rìgh. Uime sin rinn Iehu mac Iehosaphait mhic Nimsi ceannairc an aghaidh Ioraim: (a‑nis bha Ioram a’ gleidheadh Ramot‐gilead, e fhèin agus Israel uile, an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria: Ach thill rìgh Ioram gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug na Sirianaich dha, nuair a chog e ri Hasael rìgh Shiria). Agus thubhairt Iehu, Mas e ur toil e, na rachadh neach air bith a‑mach, agus na teicheadh e as a’ bhaile, gu dol ga innse ann an Iesreel. Agus mharcaich Iehu ann an carbad, agus chaidh e gu Iesreel; oir bha Ioram na laighe an sin: agus thàinig Ahasiah rìgh Iùdah a‑nuas a dh’fhaicinn Ioraim. Agus sheas fear‐faire air an tùr ann an Iesreel, agus chunnaic e buidheann Iehu nuair a bha e a’ teachd, agus thubhairt e, Tha mi a’ faicinn buidhne. Agus thubhairt Ioram, Gabh marcaiche, agus cuir nan coinneamh e, agus abradh e, An e sìth a tha ann? Agus chaidh fear a’ marcachd air each na choinneamh, agus thubhairt e, Mar seo tha an rìgh ag ràdh, An e sìth a tha ann? Agus thubhairt Iehu, Ciod do ghnothach‐sa ri sìth? Tionndaidh air mo chùlaibh. Agus dh’innis am fear‐faire, ag ràdh, Thàinig an teachdaire dan ionnsaigh, ach chan eil e a’ tighinn air ais. Agus chuir e uaithe fear eile a’ marcachd air each, agus thàinig e dan ionnsaigh, agus thubhairt e, Mar seo tha an rìgh ag ràdh, An e sìth a tha ann? Agus fhreagair Iehu, Ciod do ghnothach‐sa ri sìth? Tionndaidh air mo chùlaibh. Agus dh’innis am fear‐faire, ag ràdh, Thàinig e eadhon dan ionnsaigh, agus chan eil e a’ teachd air ais: agus tha an siubhal cosmhail ri siubhal Iehu mhic Nimsi; oir tha e a’ siubhal gu dian. Agus thubhairt Ioram, Ullaich. Agus dh’ullaich e a charbad. Agus chaidh Ioram rìgh Israeil, agus Ahasiah rìgh Iùdah, a‑mach, gach fear dhiubh na charbad, agus chaidh iad a‑mach an coinneamh Iehu, agus thachair iad air ann an cuibhreann Nàboit an t‑Iesreeleach. Agus nuair a chunnaic Ioram Iehu, thubhairt e, An e sìth a tha ann, a Iehu? Agus thubhairt esan, Ciod an t‑sìth, fhad is a bhios strìopachas Iesebeil, do mhàthair, agus a draoidheachdan cho lìonmhor? An sin thionndaidh Ioram a làmhan agus theich e, agus thubhairt e ri Ahasiah, Tha foill ann, O Ahasiah. Agus tharraing Iehu bogha le a uile neart, agus bhuail e Ioram eadar a ghàirdeanan, agus chaidh an t‑saighead a‑mach tro a chridhe, agus chrom e sìos na charbad. An sin thubhairt Iehu ri Bidcar a cheannard, Tog agus tilg e ann an cuibhreann‐fearainn Nàboit an t‑Iesreeleach: oir is cuimhne leam, nuair a bha mise agus thusa a’ marcachd cuideachd an dèidh Ahaib, a athair, gun do chuir an Tighearna an t‑eallach seo air; Gu cinnteach chunnaic mi an‑dè fuil Nàboit, agus fuil a mhac, arsa an Tighearna, agus dìolaidh mi ort anns a’ chuibhreann seo, arsa an Tighearna. A‑nis, matà, tog agus tilg e anns a’ chuibhreann‐fhearainn, a rèir facal an Tighearna. Agus nuair a chunnaic Ahasiah rìgh Iùdah seo, theich e rathad taigh an liosa: agus lean Iehu na dhèidh, agus thubhairt e, Buailibh esan mar an ceudna na charbad. Agus bhuail iad e aig uchdaich Ghuir, a tha làimh ri Ibleam: agus theich e gu Megido, agus fhuair e bàs an sin. Agus thug a sheirbhisich leo e ann an carbad gu Ierusalem, agus dh’adhlaic iad e na àit‐adhlacaidh, maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh. Agus anns an aon‐bhliadhna‑deug de Ioram mac Ahaib, thòisich Ahasiah air rìoghachadh os cionn Iùdah. Agus nuair a thàinig Iehu gu Iesreel, chuala Iesebel e; agus chuir i dath ma sùilean, agus sgeadaich i a ceann, agus dh’amhairc i a‑mach air uinneig. Agus nuair a bha Iehu a’ teachd a‑steach air a’ gheata, thubhairt i, An robh sìth aig Simri, a mharbh a thighearna? Agus thog esan a aghaidh suas a dh’ionnsaigh na h‑uinneig, agus thubhairt e, Cò a tha leamsa, cò? Agus dh’amhairc dithis no triùir de chaillteanaich a‑mach air. Agus thubhairt e, Tilgibh a‑nuas i. Agus thilg iadsan sìos i; agus chrathadh cuid de a fuil air a’ bhalla, agus air na h‑eich, agus shaltair iad fo an casan i. Agus chaidh e a‑steach, agus dh’ith agus dh’òl e, agus thubhairt e, Rachaibh a‑nis a dh’fhaicinn na mnà mallaichte sin, agus adhlaicibh i; oir is nighean rìgh i. Agus chaidh iad ga h‑adhlacadh, ach cha d’fhuair iad dhith ach an claigeann, agus na casan, agus basan a làmh. Agus thill iad, agus dh’innis iad dha: agus thubhairt esan, Is e seo facal an Tighearna, a labhair e le làimh a òglaich Eliah an Tisbitheach, ag ràdh, Ann an cuibhreann Iesreeil, ithidh na madraidh feòil Iesebeil: Agus bidh closach Iesebeil mar aolach air aghaidh an fhearainn ann an cuibhreann Iesreeil, air chor is nach abair iad, Is i seo Iesebel. Agus bha aig Ahab deich agus trì‐fichead mac ann an Samaria. Agus sgrìobh Iehu litrichean, agus chuir e do Shamaria iad, a dh’ionnsaigh uachdaran Iesreeil, a dh’ionnsaigh nan seanair, agus dan ionnsaigh‐san a thog clann Ahaib, ag ràdh, A‑nis nuair a thig an litir seo dur n‑ionnsaigh, o tha mic ur tighearna maille ribh, agus carbadan agaibh, agus eich, agus baile daingnichte, agus airm, Amhaircibh a‑mach eadhon air a shon‐san as fheàrr agus as iomchaidh de mhic ur tighearna, agus cuiribh e air rìgh‐chathair a athar, agus cogaibh airson taigh ur tighearna. Ach bha eagal ro‑mhòr orrasan, agus thubhairt iad, Feuch, cha do sheas dà rìgh roimhe, agus cionnas a sheasas sinne? Agus chuir esan a bha os cionn an taighe, agus esan a bha os cionn a’ bhaile, agus na seanairean, agus iadsan a thog a’ chlann, teachdairean gu Iehu, ag ràdh, Is sinne do sheirbhisich, agus nì sinn gach nì a dh’iarras tu oirnn; cha dèan sinn rìgh air bith: an nì a tha taitneach ad shùilean‐sa, dèan e. Agus sgrìobh e dan ionnsaigh litir an dara uair, ag ràdh, Mas leamsa sibh, agus ma dh’èisdeas sibh rim ghuth, gabhaibh cinn mic ur tighearna, agus thigibh am ionnsaigh‐sa mun tràth seo a‑màireach gu Iesreel: (a‑nis bha mic an rìgh, deich agus trì‐fichead fear, maille ri daoine mòra a’ bhaile a thog iad). Agus nuair a thàinig an litir dan ionnsaigh, ghabh iad mic an rìgh, agus mharbh iad deich agus trì‐fichead fear, agus chuir iad an cinn ann am basgaidean, agus chuir iad da ionnsaigh iad gu Iesreel. Agus thàinig teachdaire, agus dh’innis e dha, ag ràdh, Thug iad leo cinn mic an rìgh. Agus thubhairt esan, Cuiribh iad nan dà dhùn aig dol a‑steach a’ gheata gu madainn. Agus anns a’ mhadainn chaidh e a‑mach agus sheas e, agus thubhairt e ris an t‑sluagh uile, Tha sibhse ionraic: feuch, rinn mise ceannairc an aghaidh mo thighearna, agus mharbh mi e; ach cò a bhuail iad seo uile? Biodh fhios agaibh a‑nis, nach tuit lide de fhacal an Tighearna gu làr, a labhair an Tighearna mu thaigh Ahaib; oir rinn an Tighearna an nì sin a labhair e le làimh a sheirbhisich Eliah. Mar sin bhuail Iehu iadsan uile a mhair de thaigh Ahaib ann an Iesreel, agus a dhaoine mòra uile, agus a luchd‐dàimh, agus a shagartan, gus nach d’fhàg e duine beò aige. Agus dh’èirich e, agus dh’imich e, agus chaidh e do Shamaria. Agus nuair a bha e aig taigh‐bearraidh nam buachaillean air an t‑slighe, Thachair Iehu air bràithrean Ahasiah rìgh Iùdah, agus thubhairt e, Cò sibhse? Agus thubhairt iadsan, Is sinne bràithrean Ahasiah, agus tha sinn a’ dol sìos a chur fàilte air cloinn an rìgh, agus air cloinn na bànrighinn. Agus thubhairt esan, Glacaibh beò iad. Agus ghlac iad beò iad, agus mharbh iad iad aig sloc an taigh‐bhearraidh, dà‑fhichead agus dithis fhear; agus cha d’fhàg e duine beò dhiubh. Agus nuair a dh’fhalbh e as a sin, thachair e air Iehonadab mac Rechaib a’ teachd na choinneamh; agus chuir e fàilte air, agus thubhairt e ris, A bheil do chridhe‐sa dìreach, mar a tha mo chridhe‐sa led chridhe‐sa? Agus thubhairt Iehonadab, Tha. Ma tha, arsa esan, thoir dhomh do làmh. Agus thug e dha a làmh, agus thog e suas e da ionnsaigh don charbad. Agus thubhairt e, Thig maille riumsa, agus faic m’eud airson an Tighearna. Agus thug e air marcachd na charbad. Agus thàinig e do Shamaria, agus bhuail e iadsan uile a mhair de Ahab ann an Samaria, gus an do sgrios e e, a rèir facal an Tighearna, a labhair e ri Eliah. Agus chruinnich Iehu an sluagh uile, agus thubhairt e riu, Rinn Ahab beagan seirbhis do Bhàal, ach nì Iehu mòran seirbhis dha. A‑nis, matà, gairmibh am ionnsaigh‐sa fàidhean Bhàail uile, a sheirbhisich uile, agus a shagartan uile; na biodh duine dhiubh air chall; oir tha ìobairt mhòr agam ra dèanamh do Bhàal: ge bè neach a bhios air chall, cha mhair e beò. Ach rinn Iehu seo ann an seòltachd, a‑chum gun sgriosadh e luchd‐adhraidh Bhàail. Agus thubhairt Iehu, Gairmibh fèill naomh do Bhàal. Agus ghairm iad i. Agus chuir Iehu fios air feadh Israeil uile, agus thàinig uile luchd‐adhraidh Bhàail; cha d’fhàgadh duine dhiubh nach tàinig: ach chaidh iad a‑steach do thaigh Bhàail, agus lìonadh taigh Bhàail o cheann gu ceann. Agus thubhairt e ris‐san a bha os cionn seòmar nan culaidh, Thoir a‑mach culaidhean do uile luchd‐adhraidh Bhàail. Agus thug e a‑mach dhaibh culaidhean. Agus chaidh Iehu agus Iehonadab mac Rechaib a‑steach do thaigh Bhàail, agus thubhairt e ri luchd‐adhraidh Bhàail, Rannsaichibh agus faicibh nach bi an seo maille ribh neach air bith de sheirbhisich an Tighearna, ach luchd‐adhraidh Bhàail a‑mhàin. Agus nuair a chaidh iad a‑steach a thoirt suas ìobairtean agus thabhartasan‐loisgte, shuidhich Iehu ceithir‐fichead fear leis a‑muigh, agus thubhairt e, Ma thèid fear air bith as de na daoine a thug mise thairis dur làimh, thèid anam an neach a leigeas as e airson a anama‑san. Agus cho luath is a chuir e crìoch air an ìobairt‐loisgte ìobradh, thubhairt Iehu ris an fhreiceadan, agus ris na ceannardan, Rachaibh a‑steach, buailibh iad, na tigeadh duine dhiubh a‑mach. Agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus thilg am freiceadan agus na ceannardan a‑mach iad, agus chaidh iad gu baile taigh Bhàail. Agus thug iad a‑mach na dealbhan à taigh Bhàail, agus loisg iad iad. Agus bhris iad sìos dealbh Bhàail, agus bhris iad sìos taigh Bhàail, agus rinn iad e na thaigh‐salchair gus an là‑an‑diugh. Mar seo sgrios Iehu Bàal a‑mach à Israel. Gidheadh ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh, cha do dhealaich Iehu, eadhon ris na laoigh òir a bha ann am Betel, agus a bha ann an Dan. Agus thubhairt an Tighearna ri Iehu, A chionn gun do rinn thu gu math anns an nì sin a dhèanamh a tha ceart ann am shùilean‐sa, agus gun do rinn thu ri taigh Ahaib a rèir gach nì a bha ann am chridhe‐sa, suidhidh do mhic den cheathramh ginealach air rìgh‐chathair Israeil. Ach cha tug Iehu an aire air imeachd ann an lagh an Tighearna Dia Israeil le a uile chridhe; oir cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim, a thug air Israel peacachadh. Anns na làithean sin thòisich an Tighearna air Israel a ghearradh goirid: agus bhuail Hasael iad ann an uile chrìochan Israeil; O Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, fearann Ghilead uile, na Gadaich, agus na Reubenich, agus na Manasaich, o Aroer (a tha làimh ri sruth Arnoin), eadhon Gilead agus Basan. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehu, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine uile, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? Agus chaidil Iehu maille ra athraichean; agus dh’adhlaic iad e ann an Samaria: agus rìghich Iehoahas a mhac na àite. Agus b’i an ùine a rìghich Iehu os cionn Israeil ann an Samaria, ochd‐bliadhna‑fichead. Agus nuair a chunnaic Ataliah màthair Ahasiah gu robh a mac marbh, dh’èirich i, agus sgrios i an sliochd rìoghail uile. Ach ghabh Iehoseba, nighean rìgh Ioraim, piuthar Ahasiah, Iòas mac Ahasiah, agus ghoid i e à measg mic an rìgh a mharbhadh, agus chuir i e fhèin agus a bhanaltram ann an seòmar nan leapaichean: agus dh’fhalaich iad e o Ataliah air chor is nach do mharbhadh e, Agus bha e maille rithe am falach ann an taigh an Tighearna rè sia bliadhna: agus rìghich Ataliah os cionn na tìre. Agus air an t‑seachdamh bliadhna chuir Iehoiada fios uaithe, agus ghabh e iadsan a bha os cionn cheudan, agus na ceannardan, agus am freiceadan, agus thug e a‑steach da ionnsaigh iad do thaigh an Tighearna, agus rinn e coicheangal riu, agus ghabh e mionnan dhiubh ann an taigh an Tighearna, agus dh’fheuch e dhaibh mac an rìgh. Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Seo an nì a nì sibh: Bidh an treas cuid dhibhse a thèid a‑steach air an t‑sàbaid a’ gleidheadh faire taigh an rìgh: Agus bidh trian aig geata Shuir, agus trian aig a’ gheata air cùlaibh an fhreiceadain: mar seo gleidhidh sibh faire an taighe, a‑chum nach brisear a‑steach air. Agus gleidhidh dà chuid dhibhse uile a thèid a‑mach air an t‑sàbaid, gleidhidh eadhon iadsan faire taigh an Tighearna mun cuairt air an rìgh. Agus cuartaichidh sibh an rìgh air gach taobh, gach fear le a airm na làimh: agus esan a thig an taobh a‑staigh de na sreathan, marbhar e; agus bithibh‐se maille ris an rìgh nuair a thèid e a‑mach, agus nuair a thig e a‑steach. Agus rinn na ceannardan‐cheud a rèir gach nì a dh’àithn Iehoiada an sagart, agus ghabh iad gach fear dhiubh a dhaoine a bha a’ dol a‑steach air an t‑sàbaid, maille riùsan a bha a’ dol a‑mach air an t‑sàbaid, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh Iehoiada an sagart. Agus thug an sagart do na ceannardan‐cheud sleaghan agus sgiathan rìgh Daibhidh, a bha ann an taigh an Tighearna. Agus sheas am freiceadan, gach fear le a airm na làimh, mun cuairt air an rìgh, o thaobh deas an taighe gu ruig taobh clì an taighe, làimh ris an altair agus an taigh. Agus thug e a‑mach mac an rìgh, agus chuir e an crùn air, agus thug e dha an fhianais; agus rinn iad na rìgh e, agus dh’ung iad e, agus bhuail iad am basan, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh. Agus nuair a chuala Ataliah fuaim an t‑sluaigh a’ ruith cuideachd, thàinig i a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, a‑steach do thaigh an Tighearna. Agus nuair a dh’amhairc i, feuch, sheas an rìgh làimh ri post, mar a bu ghnàth, agus na h‑uachdarain, agus na trompadairean làimh ris an rìgh; agus rinn sluagh na tìre uile gàirdeachas, agus shèid iad le trompaidean: agus reub Ataliah a h‑aodach, agus dh’èigh i, Foill, foill! Ach dh’àithn Iehoiada an sagart do na ceannardan‐cheud, a chuireadh os cionn an t‑slòigh, agus thubhairt e riu, Thugaibh a‑mach i an taobh a‑muigh de na sreathan; agus ge bè neach a leanas i, marbhar leis a’ chlaidheamh e: oir thubhairt an sagart, Na cuirear gu bàs i ann an taigh an Tighearna. Agus thug iad comas dhi agus dh’imich i air an t‑slighe air an tig na h‑eich gu taigh an rìgh, agus mharbhadh an sin i. Agus rinn Iehoiada coicheangal eadar an Tighearna agus an rìgh agus an sluagh gum biodh iad nan sluagh aig an Tighearna; mar an ceudna eadar an rìgh agus an sluagh. Agus chaidh sluagh na tìre uile a‑steach do thaigh Bhàail, agus leag iad sìos e; a altairean agus a dhealbhan bhris iad gu tur; agus mharbh iad Matan, sagart Bhàail, fa chomhair nan altair: agus chuir an sagart luchd‐riaghlaidh os cionn taigh an Tighearna. Agus ghabh e iadsan a bha os cionn cheudan, agus na ceannardan, agus am freiceadan, agus sluagh an tìre uile; agus thug iad a‑nuas an rìgh o thaigh an Tighearna, agus thàinig iad rathad geata an fhreiceadain gu taigh an rìgh: agus shuidh e air cathair nan rìgh. Agus rinn sluagh na tìre uile gàirdeachas, agus bha am baile sàmhach: agus mharbh iad Ataliah leis a’ chlaidheamh làimh ri taigh an rìgh. Seachd bliadhna a dh’aois bha Iehoas nuair a thòisich e air rìoghachadh. Anns an t‑seachdamh bliadhna de Iehu thòisich Iehoas air rìoghachadh, agus rìghich e dà‑fhichead bliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Sibiah o Bheer‐sèba. Agus rinn Iehoas an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna rè a làithean uile, anns an do theagaisg Iehoiada an sagart e. Ach cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda: bha an sluagh fhathast ag ìobradh agus a’ losgadh tùis anns na h‑àitean àrda. Agus thubhairt Iehoas ris na sagartan, Uile airgead nan nithean coisrigte a bheirear a‑steach do thaigh an Tighearna, airgead gach duine a thèid seachad anns an àireamh, airgead‐meas gach duine, an t‑airgead uile a thig e ann an cridhe duine sam bith a thoirt a‑steach do thaigh an Tighearna, Gabhadh na sagartan dan ionnsaigh e, gach duine o a fhear‐eòlais; agus càradh iad briseadh a gheibhear ann. Gidheadh, ann an treas‐bliadhna‑fichead rìgh Iehoais, cha do chàraich na sagartan briseadh an taighe. An sin ghairm rìgh Iehoas air Iehoiada an sagart, agus air na sagartan eile, agus thubhairt e riu, Carson nach eil sibh a’ càradh briseadh an taighe? A‑nis, matà, na gabhaibh airgead tuilleadh o luchd ur n‑eòlais, ach thugaibh airson briseadh an taighe e. Agus dh’aontaich na sagartan gun airgead a ghabhail tuilleadh on t‑sluagh, agus gun briseadh an taighe a chàradh. Ach ghabh Iehoiada an sagart ciste, agus rinn e toll na h‑uachdar, agus chuir e i ri taobh na h‑altarach air an làimh dheis, mar a thig duine a‑steach do thaigh an Tighearna: agus ann an sin chuir na sagartan a bha a’ gleidheadh an dorais an t‑airgead uile a thugadh a‑steach do thaigh an Tighearna. Agus nuair a chunnaic iad gu robh mòran airgid anns a’ chiste, chaidh sgrìobhaiche an rìgh suas, agus an t‑àrd shagart, agus cheangail iad suas, agus ghabh iad suim an airgid a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna. Agus thug iad an t‑airgead, nuair a chaidh a shuim a ghabhail, ann an làimh nan daoine a rinn an obair, a chuireadh os cionn taigh an Tighearna; agus thug iadsan a‑mach e do na saoir, agus don luchd‐togail, a rinn obair air taigh an Tighearna. Agus do chlachairean, agus do luchd‐snaidhidh chlachan snaidhte a chàradh briseadh taigh an Tighearna, agus airson gach nì a chuireadh a‑mach air an taigh ga chàradh. Gidheadh cha do rinneadh do thaigh an Tighearna cupain airgid, smàladairean, cuachan, trompaidean, soithichean òir air bith, no soithichean airgid air bith, den airgead a thugadh a‑steach do thaigh an Tighearna: Ach thug iad e don luchd‐obrach, agus chàraich iad leis taigh an Tighearna. Os bàrr, cha tug iad air na daoine, an làimh an tug iad an t‑airgead a‑chum a thoirt don luchd‐obrach, cunntas a thoirt seachad: oir rinn iadsan gu fìrinneach. Cha tugadh an t‑airgead‐easaontais agus an t‑airgead‐peacaidh a‑steach do thaigh an Tighearna: bu leis na sagartan e. An sin chaidh Hasael rìgh Shiria suas, agus chog e an aghaidh Ghat, agus ghlac e e: agus chuir Hasael a aghaidh ri dol suas gu Ierusalem. Agus ghabh Iehoas rìgh Iùdah na nithean coisrigte uile a choisrig Iehosaphat, agus Iehoram, agus Ahasiah a athraichean, rìghrean Iùdah, agus a nithean coisrigte fhèin, agus an t‑òr uile a fhuaireadh ann an ionmhasan taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh, agus chuir e a dh’ionnsaigh Hasaeil rìgh Shiria e; agus dh’imich e o Ierusalem. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoais, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus dh’èirich a sheirbhisich, agus rinn iad ceannairc, agus bhuail iad Iehoas ann an taigh Mhilo, a tha anns an dol sìos gu Sila: Oir bhuail Iosachar mac Shimeat, agus Iehosabad mac Shomair a sheirbhisich, e, agus fhuair e bàs; agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Amasiah a mhac na àite. Anns an treas‐bliadhna‑fichead de Iòas mac Ahasiah rìgh Iùdah, thòisich Iehoahas mac Iehu air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìghich e seachd‐bliadhna‑deug. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus lean e peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh: cha do dhealaich e riu. Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh Hasaeil rìgh Shiria, agus do làimh Bhen‐hadaid mhic Hasaeil, rè a làithean uile. Agus ghuidh Iehoahas air an Tighearna, agus dh’èisd an Tighearna ris; oir chunnaic e fòirneart Israeil, oir rinn rìgh Shiria fòirneart orra. (Agus thug an Tighearna fear‐saoraidh do Israel, agus chaidh iad a‑mach o bhith fo làimh nan Sirianach: agus ghabh clann Israeil còmhnaidh nam bùthan, mar a rinn iad roimhe. Gidheadh, cha do dhealaich iad ri peacaidhean taigh Ierobòaim, a thug air Israel peacachadh, ach ghluais iad annta: agus dh’fhan an doire cuideachd ann an Samaria.) Agus cha d’fhàgadh aig Iehoahas den t‑sluagh ach leth‐cheud marcach, agus deich carbadan, agus deich mìle coisiche; oir sgrios rìgh Shiria iad, agus rinn e iad mar an duslach le bualadh. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoahais, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? Agus chaidil Iehoahas maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann an Samaria, agus rìghich Iòas a mhac na àite. Anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de Iehoas rìgh Iùdah, thòisich Iòas mac Iehoahais air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìghich e sia‑bliadhna‑deug. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna: cha do dhealaich e ri uile pheacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh, ach ghluais e annta. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iòais, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine leis an do chog e an aghaidh Amasiah rìgh Iùdah, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? Agus chaidil Iòas maille ra athraichean, agus shuidh Ierobòam air a rìgh‐chathair: agus dh’adhlaiceadh Iòas ann an Samaria maille ri rìghrean Israeil. A‑nis bha Elisa tinn de a thinneas de an d’fhuair e bàs, agus thàinig Iòas rìgh Israeil a‑nuas da ionnsaigh, agus ghuil e os a chionn, agus thubhairt e, O athair, athair, carbad Israeil agus a mharc‐shluagh! Agus thubhairt Elisa ris, Gabh bogha agus saighdean: agus ghabh e da ionnsaigh bogha agus saighdean. Agus thubhairt e ri rìgh Israeil, Cuir do làmh air a’ bhogha. Agus chuir e a làmh air; agus chuir Elisa a làmhan air làmhan an rìgh. Agus thubhairt e, Fosgail an uinneag a làimh na h‑àird an ear: agus dh’fhosgail e i. An sin thubhairt Elisa, Tilg: agus thilg esan. Agus thubhairt e, Saighead‐shaoraidh an Tighearna, agus saighead‐shaoraidh o Shiria: oir buailidh tu na Sirianaich ann an Aphec, gus an cuir thu as dhaibh. Agus thubhairt e, Gabh na saighdean: agus ghabh esan iad. Agus thubhairt e ri rìgh Israeil, Buail air an talamh: agus bhuail e trì uairean, agus stad e. Agus bha fearg air an duine le Dia ris, agus thubhairt e, Bu chòir dhut bualadh còig no sia uairean, an sin bhuaileadh tu Siria gus an cuireadh tu as dhith: ach a‑nis buailidh tu Siria a‑mhàin trì uairean. Agus fhuair Elisa bàs, agus dh’adhlaic iad e: agus thàinig buidhnean nam Mòabach a‑steach don tìr aig teachd a‑steach na bliadhna. Agus nuair a bha iad ag adhlacadh duine, feuch, chunnaic iad buidheann dhaoine, agus thilg iad sìos an duine do àit‐adhlaicaidh Elisa: agus nuair a leigeadh an duine sìos, agus a bhean e ri cnàmhan Elisa, dh’ath‐bheothaicheadh e, agus dh’èirich e air a chasan. A‑nis rinn Hasael rìgh Shiria fòirneart air Israel rè uile làithean Iehoahais. Ach bha an Tighearna bàidheil riu, agus ghabh e truas riu, agus dh’amhairc e orra air sgàth a choicheangail ri Abrahàm, Isaac, agus Iàcob, agus cha b’àill leis an sgrios, cha mhò a thilg e as a làthair iad gus a‑nis. Agus fhuair Hasael rìgh Shiria bàs, agus rìghich Ben‐hadad a mhac na àite. Agus thug Iòas mac Iehoahais air an ais à làimh Ben‐hadaid mhic Hasaeil na bailtean a thug esan a làimh Iehoahais a athair anns a’ chogadh: trì uairean bhuail Iòas e, agus thug e air an ais bailtean Israeil. Anns an dara bliadhna de Iehoas mac Iehoahais rìgh Israeil, rìghich Amasiah mac Iòais, rìgh Iùdah. Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e naoi‐bliadhna‑fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iehoadan o Ierusalem. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna; ach cha b’ann cosmhail ri Daibhidh a athair: a rèir gach nì a rinn Iòas a athair, rinn esan. Ach cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda: fhathast bha an sluagh ag ìobradh agus a’ losgadh tùis air na h‑àitean àrda. A‑nis nuair a dhaingnicheadh an rìoghachd na làimh, mharbh e a sheirbhisich a mharbh an rìgh, a athair. Ach mic nam mortairean cha do mharbh e; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar‐lagha Mhaois, anns an d’àithn an Tighearna, ag ràdh, Cha chuirear na h‑athraichean gu bàs airson nam mac, agus cha chuirear na mic gu bàs airson nan athraichean: ach cuirear gach duine gu bàs airson a pheacaidh fhèin. Bhuail e de Edom ann an gleann an t‑salainn deich mìle, agus ghlac e Selah anns a’ chogadh, agus thug e Iocteel mar ainm air gus an là‑an‑diugh. An sin chuir Amasiah teachdairean a dh’ionnsaigh Iehoais mhic Iehoahais mhic Iehu, rìgh Israeil, ag ràdh, Thig, seallamaid air a chèile anns an aghaidh. Agus chuir Iehoas rìgh Israeil teachdairean a dh’ionnsaigh Amasiah rìgh Iùdah, ag ràdh, Chuir am fòghnan a bha ann an Lebanon fios a dh’ionnsaigh an t‑seudair a bha ann an Lebanon, ag ràdh, Thoir do nighean dom mhac‐sa na mnaoi: agus chaidh fiadh‐bheathach seachad a bha ann an Lebanon, agus shaltair e sìos am fòghnan. Bhuail thu gun amharas Edom, agus thog do chridhe suas thu: dèan uaill à seo, agus fan aig do thaigh: oir carson a bhiodh làmh agad ann an nì a‑chum d’aimhleis, air chor is gun tuiteadh tu fhèin agus Iùdah maille riut? Ach cha d’èisd Amasiah ris: uime sin chaidh Iehoas rìgh Israeil suas, agus dh’amhairc e fhèin agus Amasiah rìgh Iùdah air aghaidh a chèile aig Bet‐semes, a bhuineas do Iùdah. Agus bhuaileadh Iùdah ro Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsaigh am bùthan. Agus ghlac Iehoas rìgh Israeil Amasiah rìgh Iùdah, mac Iehoais mhic Ahasiah, aig Bet‐semes, agus thàinig e gu Ierusalem, agus bhris e sìos balla Ierusaleim o gheata Ephraim gu geata na h‑oisne, ceithir cheud làmh‐choille. Agus ghabh e an t‑òr agus an t‑airgead uile, agus na soithichean uile a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh, agus braighdean‐gill, agus thill e gu Samaria. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoais a rinn e, agus a thrèine, agus mar a chog e ri Amasiah rìgh Iùdah, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? Agus chaidil Iehoas maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samaria maille ri rìghrean Israeil, agus rìghich Ierobòam a mhac na àite. Agus bha Amasiah mac Iòais rìgh Iùdah beò an dèidh bàs Iehoais mhic Iehoahais, rìgh Israeil, còig‐bliadhna‑deug. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Amasiah, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus rinn iad ceannairc na aghaidh ann an Ierusalem; agus theich e gu Lachis: ach chuir iad daoine na dhèidh gu Lachis, agus mharbh iad e an sin. Agus thug iad leo air eich e; agus dh’adhlaiceadh e ann an Ierusalem maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh. Agus ghabh sluagh Iùdah uile Asariah, agus e sia‑bliadhna‑deug a dh’aois, agus rinn iad na rìgh e an àit a athar Amasiah. Thog esan Elat, agus dh’aisig e e do Iùdah, an dèidh don rìgh cadal maille ra athraichean. Ann an còigeamh‐bliadhna‑deug Amasiah mac Iòais, rìgh Iùdah, thòisich Ierobòam mac Iòais, rìgh Israeil, air rìoghachadh ann an Samaria; agus rìghich e bliadhna agus dà‑fhichead. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna: cha do dhealaich e ri uile pheacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh. Dh’aisig e crìoch Israeil o dhol a‑steach Hamait gu ruig muir a’ chòmhnaird, a rèir facal an Tighearna Dia Israeil, a labhair e le làimh a sheirbhisich Ionah mhic Amitai, am fàidh, a bha o Ghat‐hepher. Oir chunnaic an Tighearna àmhghar Israeil, gu robh e ro‑shearbh; oir cha robh neach air bith air a dhruideadh suas, agus cha d’fhàgadh neach air bith, agus cha robh fear‐còmhnaidh ann aig Israel. Agus cha dubhairt an Tighearna gun dubhadh e a‑mach ainm Israeil o bhith fo nèamh: ach shaor e iad le làimh Ierobòaim mhic Iòais. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ierobòaim, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine, mar a chog e, agus mar a dh’aisig e Damascas, agus Hamat, a bu le Iùdah, do Israel, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? Agus chaidil Ierobòam maille ra athraichean, maille ri rìghrean Israeil; agus rìghich Sachariah a mhac na àite. Anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑fichead de Ierobòam rìgh Israeil thòisich Asariah mac Amasiah rìgh Iùdah air rìoghachadh. Sia‑bliadhna‑deug a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà‑bhliadhna‑dheug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iecholiah o Ierusalem. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir gach nì a rinn Amasiah a athair. Gidheadh cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda: fhathast bha an sluagh ag ìobradh agus a’ losgadh tùis anns na h‑àitean àrda. Agus bhuail an Tighearna an rìgh, agus bha e na lobhar gu là a bhàis, agus ghabh e còmhnaidh ann an taigh air leth: agus bha Iotam mac an rìgh os cionn an taighe, a’ toirt breith air sluagh na tìre. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Asariah, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus chaidil Asariah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Iotam a mhac na àite. Anns an ochdamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de Asariah rìgh Iùdah, rìghich Sachariah mac Ierobòaim os cionn Israeil ann an Samaria sia mìosan. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn a athraichean: cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh. Agus rinn Salum mac Iabeis ceannairc na aghaidh, agus bhuail e e am fianais an t‑sluaigh, agus mharbh e e, agus rìghich e na àite. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Shachariah, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil. B’e seo facal an Tighearna, a labhair e ri Iehu, ag ràdh, Suidhidh do mhic air rìgh‐chathair Israeil, gu ruig an ceathramh ginealach. Agus bha e mar sin. Thòisich Salum mac Iabeis air rìoghachadh anns an naoidheamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de Udsiah rìgh Iùdah, agus rìghich e mìos iomlan ann an Samaria: Oir chaidh Menahem mac Ghadi suas o Thirsah, agus thàinig e gu Samaria, agus bhuail e Salum mac Iabeis ann an Samaria, agus mharbh e e, agus rìghich e na àite. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Shaluim, agus a cheannairc a rinn e, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil. An sin bhuail Menahem Tiphsah, agus iadsan uile a bha ann, agus a chrìochan o Thirsah; a chionn nach d’fhosgail iad dha, uime sin bhuail e e: a mhnathan torrach uile reub e suas. Anns an naoidheamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de Asariah rìgh Iùdah thòisich Menahem mac Ghadi air rìoghachadh os cionn Israeil; agus rìghich e deich bliadhna ann an Samaria. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna: cha do dhealaich e rè a uile làithean ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacadhadh. Agus thàinig Pul rìgh Asiria an aghaidh na tìre: agus thug Menahem do Phul mìle tàlann airgid, a‑chum is gum biodh a làmh leis, a dhaingneachadh na rìoghachd na làimh. Agus thog Menahem an t‑airgead o Israel, eadhon uapasan uile a bha comasach ann an saoibhreas, leth‐cheud secel airgid o gach duine, a‑chum a thabhairt do rìgh Asiria: agus thill rìgh Asiria air ais, agus cha d’fhan e an sin anns an tìr. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Mhenaheim, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? Agus chaidil Menahem maille ra athraichean; agus rìghich Pecahiah a mhac na àite. Anns an deicheamh bliadhna agus dà‑fhichead de Asariah rìgh Iùdah thòisich Pecahiah mac Mhenaheim air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìghich e dà bhliadhna. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna: cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh. Ach rinn Pecah mac Remaliah, ceannard leis fhèin, ceannairc na aghaidh, agus bhuail e e ann an Samaria, ann an lùchairt taigh an rìgh, maille ri Argob, agus ri Arieh, agus maille ris leth‐cheud fear de na Gileadaich: agus mharbh e e, agus rìghich e na àite. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Phecahiah, agus gach nì a rinn e, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil. Anns an dara‑bliadhna‑deug agus dà‑fhichead de Asariah rìgh Iùdah, thòisich Pecah mac Remaliah air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìghich e fichead bliadhna. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna; cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israeil peacachadh. Ann an làithean Phecah rìgh Israeil thàinig Tiglat‐pileser rìgh Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel‐bet‐maachah, agus Ianòah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e nam braighdean iad gu Asiria. Agus rinn Hosèah mac Elah ceannairc an aghaidh Phecah mhic Remaliah, agus bhuail e e, agus mharbh e e, agus rìghich e na àite, anns an fhicheadamh bliadhna de Iotam mac Udsiah. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Phecah, agus gach nì a rinn e, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil. Ann an dara bliadhna Phecah mac Remaliah rìgh Israeil, thòisich Iotam mac Udsiah rìgh Iùdah air rìoghachadh. Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e sia‑bliadhna‑deug ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ierusa, nighean Shadoic. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna: a rèir nan uile nithean a rinn Udsiah a athair, rinn esan. Gidheadh cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda: fhathast bha an sluagh ag ìobradh agus a’ losgadh tùis anns na h‑àitean àrda. Chuir e suas an geata a b’àirde an taigh an Tighearna. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iotaim, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? (Anns na làithean sin thòisich an Tighearna air Resin, rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah a chur an aghaidh Iùdah.) Agus chaidil Iotam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich Ahas a mhac na àite. Anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑deug de Phecah mac Remaliah, thòisich Ahas mac Iotaim rìgh Iùdah air rìoghachadh. Fichead bliadhna a dh’aois bha Ahas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia‑bliadhna‑deug ann an Ierusalem; agus cha do rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna a Dhia, mar a rinn Daibhidh a athair. Ach dh’imich e ann an slighe rìghrean Israel, agus mar an ceudna thug e air a mhac dol tron teine, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil. Agus dh’ìobair e agus loisg e tùis anns na h‑àitean àrda, agus air na cnuic, agus fo gach craoibh uaine. An sin thàinig Resin rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah rìgh Israeil, a‑nìos gu Ierusalem, a chogadh: agus theannaich iad Ahas, ach cha b’urrainn iad buaidh a thoirt air. Anns an àm sin choisinn Resin rìgh Shiria Elat air ais do Shiria, agus dh’fhògair e na h‑Iùdhaich à Elat; agus thàinig na Sirianaich do Elat, agus ghabh iad còmhnaidh ann gus an là‑an‑diugh. Agus chuir Ahas teachdairean gu Tiglat‐pileser rìgh Asiria, ag ràdh, Is mise d’òglach agus do mhac: thig a‑nìos agus saor mi à làimh rìgh Shiria, agus à làimh rìgh Israeil, a dh’èirich am aghaidh. Agus ghabh Ahas an t‑airgead agus an t‑òr a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh, agus chuir e e mar thìodhlac gu rìgh Asiria. Agus dh’èisd rìgh Asiria ris; oir chaidh rìgh Asiria suas an aghaidh Dhamascais, agus ghlac e e, agus thug e a shluagh leis ann am braighdeanas gu Cir, agus mharbh e Resin. Agus chaidh rìgh Ahas an coinneamh Thiglat‐pileseir rìgh Asiria gu Damascas, agus chunnaic e altair a bha ann an Damascas; agus chuir rìgh Ahas gu Uriah, an sagart, samhladh na h‑altarach, agus a cumadh a rèir a h‑uile obrach. Agus thog Uriah an sagart altair a rèir gach nì a chuir Ahas an rìgh o Dhamascas: mar sin rinn Uriah an sagart i air cheann do rìgh Ahas teachd o Dhamascas. Agus nuair a thàinig an rìgh o Dhamascas, chunnaic an rìgh an altair: agus thàinig an rìgh am fagas agus dh’ìobair e oirre. Agus loisg e a thabhartas‐loisgte, agus a thabhartas‐bìdh, agus thaom e a thabhartas‐dibhe, agus chrath e fuil a thabhartasan‐sìthe air an altair. Agus thug e mar an ceudna an altair umha, a bha ann am fianais an Tighearna, o bheulaibh an taighe, o eadar an altair agus taigh an Tighearna, agus chuir e i air taobh tuath na h‑altarach. Agus dh’àithn rìgh Ahas do Uriah an sagart, ag ràdh, Air an altair mhòir loisg tabhartas‐loisgte na maidne, agus tabhartas‐bìdh an fheasgair, agus tabhartas‐loisgte an rìgh, agus a thabhartas‐bìdh, agus tabhartas‐loisgte uile shluagh na tìre, agus an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartas‐dibhe; agus crath oirre uile fhuil na h‑ìobairte: agus bidh an altair umha agamsa gu fiosrachadh leatha. Mar seo rinn Uriah an sagart a rèir gach nì a dh’àithn rìgh Ahas. Agus gheàrr rìgh Ahas iomaill nam bonn dhiubh, agus dh’atharraich e dhiubh an soitheach‐ionnlaid, agus thug e a‑nuas an fhairge bhàrr nan damh umha a bha foidhpe, agus chuir e i air ùrlar chlach. Agus an còmhdachadh sàbaid a thog iad anns an taigh, agus slighe an rìgh a‑steach on leth a‑muigh, thionndaidh e o thaigh an Tighearna airson rìgh Asiria. A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Ahais a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus chaidil Ahas maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh; agus rìghich Heseciah a mhac na àite. Anns an dara‑bliadhna‑deug de Ahas rìgh Iùdah thòisich Hosèah mac Elah air rìoghachadh ann an Samaria air Israel; agus rìghich e naoi bliadhna. Agus rinn e olc ann an sealladh an Tighearna, ach cha b’ann mar rìghrean Israeil a bha roimhe. Na aghaidh‐san thàinig a‑nìos Salmaneser rìgh Asiria; agus bha Hosèah na sheirbhiseach aige, agus thug e tìodhlac dha. Agus fhuair rìgh Asiria ceannairc ann an Hosèah; oir chuir e teachdairean gu Seo, rìgh na h‑Eiphit, agus cha tug e tìodhlac air bith gu rìgh Asiria, mar a chleachd e o bhliadhna gu bliadhna: uime sin dhruid rìgh Asiria suas e, agus cheangail e ann am prìosan e. An sin thàinig rìgh Asiria a‑nìos tron fhearann uile, agus chaidh e suas gu Samaria, agus theannaich e e trì bliadhna. Ann an naoidheamh bliadhna Hosèah ghlac rìgh Asiria Samaria, agus thug e leis Israel do Asiria, agus shuidhich e iad ann an Halah, agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach. Oir thàrladh gun do pheacaich clann Israeil an aghaidh an Tighearna an Dia, a thug a‑nìos iad à tìr na h‑Eiphit, o bhith fo làimh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus bha eagal dhiathan eile orra, Agus dh’imich iad ann an reachdan nan cinneach (a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil), agus ann an reachdan rìghrean Israeil a rinn iad. Agus rinn clann Israeil gu diamhair nithean nach robh ceart an aghaidh an Tighearna an Dia, agus thog iad dhaibh fhèin àitean àrda nam mòr‐bhailtean uile, o thurait an luchd‐faire gus am baile daingnichte. Agus chuir iad suas dhaibh fhèin dealbhan agus doireachan air gach uile chnoc àrd, agus fo gach uile chraoibh uaine. Agus an sin loisg iad tùis anns na h‑àitean àrda uile, mar na cinnich a thug Dia air falbh romhpa; agus rinn iad nithean olc a bhrosnachadh an Tighearna gu corraich: Oir rinn iad seirbhis do iodhalan, mun dubhairt an Tighearna riu, Cha dèan sibh an nì seo. Gidheadh thug an Tighearna fianais an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, leis na fàidhean uile, agus leis an luchd‐seallaidh uile, ag ràdh, Tillibh o ur droch shlighean, agus gleidhibh m’àitheantan agus mo reachdan, a rèir an lagha uile a dh’àithn mi dur n‑athraichean, agus a chuir mi dur n‑ionnsaigh lem sheirbhisich na fàidhean. Gidheadh cha b’àill leo èisdeachd, ach chruadhaich iad am muineal, cosmhail ri muineal an athraichean, nach do chreid anns an Tighearna an Dia. Agus rinn iad tàir air a reachdan, agus air a choicheangal a rinn e rin athraichean, agus air a theisteis leis an tug e fianais nan aghaidh; agus lean iad dìomhanas, agus dh’fhàs iad dìomhain, agus chaidh iad an dèidh nan cinneach a bha mun cuairt orra, mun tug an Tighearna sparradh dhaibh, nach dèanadh iad cosmhail riu. Agus thrèig iad uile àitheantan an Tighearna an Dia, agus rinn iad dhaibh fhèin dealbhan leaghte, eadhon dà laogh, agus rinn iad doire, agus rinn iad adhradh do uile armailt nèimh, agus rinn iad seirbhis do Bhàal. Agus thug iad air am mic agus air an nigheanan dol tron teine, agus ghnàthaich iad fiosachd agus draoidheachd, agus reic iad iad fhèin a dhèanamh uilc ann an sealladh an Tighearna, a‑chum a bhrosnachadh gu feirg. Uime sin bha fearg ro‑mhòr air an Tighearna ri Israel, agus dh’atharraich e iad as a shealladh: cha d’fhàgadh aon ach treubh Iùdah a‑mhàin. (Mar an ceudna cha do ghlèidh Iùdah àitheantan an Tighearna an Dia, ach dh’imich iad ann an reachdan Israeil a rinn iad.) Agus chuir an Tighearna cùl ri uile shliochd Israeil, agus chuir e fo àmhghar iad, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean, gus an do thilg e as a shealladh iad. Oir sgar Israel e fhèin o thaigh Dhaibhidh, agus rinn iad Ierobòam mac Nebait na rìgh; agus dh’fhuadaich Ierobòam Israel on Tighearna a leantainn, agus thug e orra peacadh mòr a pheacachadh. Agus dh’imich clann Israeil ann an uile pheacaidhean Ierobòaim a rinn e: cha do dhealaich iad riu; Gus an d’atharraich an Tighearna Israel as a shealladh, mar a thubhairt e le a sheirbhisich uile, na fàidhean. Agus thugadh Israel air falbh as an tìr fhèin do Asiria, gus an là‑an‑diugh. Agus thug rìgh Asiria daoine o Bhàbilon, agus o Chutah, agus o Abha, agus o Hamat, agus o Shepharbhaim, agus shuidhich e iad ann am bailtean Shamaria, an àite chloinn Israeil; agus shealbhaich iad Samaria, agus ghabh iad còmhnaidh na bhailtean. Agus thàrladh, nuair a ghabh iad an toiseach còmhnaidh an sin, nach robh eagal an Tighearna orra; uime sin chuir an Tighearna leòmhainn nam measg, a mharbh cuid dhiubh. Air an adhbhar sin labhair iad ri rìgh Asiria, ag ràdh, Na cinnich a dh’atharraich thu, agus a shuidhich thu ann am bailtean Shamaria, chan aithne dhaibh gnàth dia na tìre: uime sin chuir e leòmhainn nam measg, agus, feuch, tha iad gam marbhadh, a chionn nach aithne dhaibh gnàth dia na tìre. An sin dh’àithn rìgh Asiria, ag ràdh, Thugaibh leibh an sin aon de na sagartan a thug sibh as a sin; agus rachadh e agus gabhadh e còmhnaidh an sin, agus teagaisgeadh e dhaibh gnàth dia na tìre. An sin thàinig aon de na sagartan a thug iad leo à Samaria, agus ghabh e còmhnaidh ann am Betel, agus theagaisg e dhaibh cionnas a bu chòir dhaibh eagal an Tighearna a bhith orra. Gidheadh, rinn gach cinneach diathan dhaibh fhèin, agus chuir iad iad ann an taighean nan àitean àrda a rinn na Samaritanaich, gach cinneach nam bailtean fhèin anns an do ghabh iad còmhnaidh. Agus rinn daoine Bhàbiloin Sucot‐benot, agus rinn daoine Chuit Nergal, agus rinn daoine Hamait Asima. Agus rinn na h‑Abhaich Nibhas agus Tartac, agus loisg na Sepharbhaich an clann anns an teine do Adramelech agus Anamelech, diathan Shepharbhaim. Agus bha eagal an Tighearna orra, agus rinn iad dhaibh fhèin den chuid a b’ìsle dhiubh sagartan nan àitean àrda, agus thug iad suas ìobairtean air an son ann an taighean nan àitean àrda. Bha eagal an Tighearna orra, agus rinn iad seirbhis dan diathan fhèin, a rèir gnàth nan cinneach a thug iad leo as a sin. Gus an là‑an‑diugh tha iad a’ dèanamh a rèir nan ciad ghnàth: chan eil eagal an Tighearna orra, cha mhò a tha iad a’ dèanamh a rèir an reachdan, no a rèir an òrdaighean, no a rèir an lagha, no a rèir na h‑àithne a dh’àithn an Tighearna do chloinn Iàcoib, air an tug e Israel mar ainm; Ris an do rinn an Tighearna coicheangal, agus don tug e sparradh ag ràdh, Cha bhi eagal dhiathan eile oirbh, agus cha chrom sibh sibh fhèin dhaibh, agus cha dèan sibh seirbhis dhaibh, agus chan ìobair sibh dhaibh: Ach an Tighearna, a thug a‑nìos sibh à tìr na h‑Eiphit le mòr chumhachd, agus le gàirdean sìnte a‑mach, a eagal‐san bidh oirbh, agus dhàsan lùbaidh sibh an glùn, agus dhàsan ìobraidh sibh. Agus na reachdan, agus na h‑òrdaighean, agus an lagh, agus an àithne a sgrìobh e dhuibh, bheir sibh an aire gun dèan sibh iad gu bràth; agus cha bhi eagal dhiathan eile oirbh. Agus an coicheangal a rinn mise ribh cha dìochuimhnich sibh; agus cha bhi eagal dhiathan eile oirbh. Ach bidh eagal an Tighearna ur Dia oirbh, agus saoraidh esan sibh à làimh ur naimhdean uile. Gidheadh cha d’èisd iad, ach rinn iad a rèir an ciad ghnàtha. Agus bha eagal an Tighearna air na cinnich sin; gidheadh rinn iad seirbhis dan dealbhan snaidhte fhèin, araon an clann, agus clann an cloinne: mar a rinn an athraichean, is amhail a tha iadsan a’ dèanamh gus an là‑an‑diugh. Agus anns an treas bliadhna de Hosèah mac Elah, rìgh Israeil, thòisich Heseciah mac Ahais, rìgh Iùdah, air rìoghachadh. Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e naoi‐bliadhna‑fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Abi, nighean Shechariah. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn Daibhidh a athair. Chuir e air falbh na h‑àitean àrda, agus bhris e na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan, agus mhìn‐phronn e an nathair umha a rinn Maois; oir gus na làithean sin bha clann Israeil a’ losgadh tùis dhi: agus thugadh Nehustan mar ainm oirre. As an Tighearna, Dia Israeil, bha a earbsa: agus na dhèidh cha robh neach sam bith cosmhail ris am measg uile rìghrean Iùdah, no aon a bha roimhe. Oir dhlùth‐lean e ris an Tighearna, cha do chlaon e o a leantainn; ach ghlèidh e a àitheantan, a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. Agus bha an Tighearna maille ris: anns gach àite don deachaidh e, shoirbhich e. Agus dh’èirich e an aghaidh rìgh Asiria, agus cha do rinn e seirbhis dha. Bhuail e na Philistich gu ruig Gàsa agus a chrìochan, o thùr an fhreiceadain gu ruig am baile daingnichte. Agus anns a’ cheathramh bliadhna de rìgh Heseciah, agus anns an t‑seachdamh bliadhna de Hosèah mac Elah rìgh Israeil, thàinig Salmaneser, rìgh Asiria, a‑nìos an aghaidh Shamaria, agus theannaich e e. Agus ghlac iad e an ceann trì bliadhna: anns an t‑siathamh bliadhna de Heseciah, agus an naoidheamh bliadhna de Hosèah, rìgh Israeil, ghlacadh Samaria. Agus thug rìgh Asiria leis Israel do Asiria, agus chuir e iad ann an Halah agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach: A chionn nach d’èisd iad ri guth an Tighearna an Dia, ach gun do bhris iad a choicheangal, agus na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, nach d’èisd iad riu, cha mhò a rinn iad iad. Agus anns a’ cheathramh‐bliadhna‑deug de rìgh Heseciah thàinig Senacherib rìgh Asiria a‑nìos an aghaidh uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus ghlac e iad. Agus chuir Heseciah rìgh Iùdah teachdairean gu rìgh Asiria do Lachis, ag ràdh, Chiontaich mi; till uam: an nì a chuireas tu orm, giùlainidh mi. Agus chuir rìgh Asiria air Heseciah rìgh Iùdah trì cheud tàlann airgid, agus deich‐tàlannan‐fichead òir. Agus thug Heseciah dha an t‑airgead uile a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh. Anns an àm sin gheàrr Heseciah air falbh còmhlachan teampall an Tighearna, agus na h‑ursainnean chòmhdaich Heseciah rìgh Iùdah, agus thug e iad do rìgh Asiria. Agus chuir rìgh Asiria Tartan, agus Rabsaris, agus Rab‐saceh, o Lachis gu rìgh Heseciah le sluagh mòr an aghaidh Ierusaleim: agus air teachd a‑nìos dhaibh, thàinig iad agus sheas iad aig sruth‐chlais na linne as àirde, a tha air slighe achadh an luadhadair. Agus nuair a dh’èigh iad ris an rìgh, thàinig a‑mach dan ionnsaigh Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus Iòas mac Asaiph an seanchaidh. Agus thubhairt Rab‐saceh riu, Abraibh a‑nis ri Heseciah, Mar seo tha an rìgh mòr, rìgh Asiria, ag ràdh, Ciod an earbsa mhòr seo a tha agad? Tha thu ag ràdh (ach is briathran faoin iad), Tha comhairle agus neart agam a‑chum a’ chogaidh: a‑nis, matà, cò as a bheil thu ag earbsa, gun dèanadh tu cogadh am aghaidh‐sa? A‑nis, feuch, tha thu ag earbsa as an luirg bhriste chuilce sin, as an Eiphit, a thèid, ma leigeas duine a chudthrom oirre, a‑steach na làimh, agus a thollas troimhe e. Is ann mar seo a tha Phàraoh rìgh na h‑Eiphit dhaibhsan uile a dh’earbas as. Ach ma their sibh rium, As an Tighearna ar Dia tha ar n‑earbsa: nach e seo esan, a chuir Heseciah air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus a thubhairt ri Iùdah agus ri Ierusalem, fa chomhair na h‑altarach seo sleuchdaidh sibh ann an Ierusalem? A‑nis uime sin, guidheam ort, thoir gill dom thighearna rìgh Asiria, agus bheir mise dhut dà mhìle each, mas urrainn thusa air do thaobh fhèin marcaichean a chur orra. Cionnas, matà, a bheir thu air aon cheannard de na seirbhisich as lugha a tha aig mo thighearna‑sa a aghaidh a thionndadh uat, agus a dh’earbas tu as an Eiphit airson charbad agus marc‐shluaigh? Ach a‑nis, an ann as eugmhais an Tighearna a thàinig mise a‑nìos an aghaidh an àite seo ga sgrios? Is e an Tighearna a thubhairt riumsa, Falbh suas an aghaidh na tìre seo, agus sgrios i. An sin thubhairt Eliacim mac Hilciah, agus Sebna, agus Ioah, ri Rab‐saceh, Labhair, guidheam ort, rid sheirbhisich anns a’ chainnt Shirianaich, oir tuigidh sinn i; agus na labhair rinn anns a’ chainnt Iùdhaich an cluasan an t‑sluaigh a tha air a’ bhalla. Ach thubhairt Rab‐saceh riu, An ann a dh’ionnsaigh do thighearna‑sa agus ad ionnsaigh‐sa a chuir mo thighearna mise a labhairt nam briathran seo? Nach ann a dh’ionnsaigh nan daoine a tha nan suidhe air a’ bhalla, a‑chum gun ith iad an salchar fhèin, agus gun òl iad an uisge fhèin maille ribhse? An sin sheas Rab‐saceh, agus dh’èigh e le guth àrd anns a’ chainnt Iùdhaich, agus labhair e, ag ràdh, Eisdibh ri facal an rìgh mhòir, rìgh Asiria: Mar seo tha an rìgh ag ràdh, Na mealladh Heseciah sibh, oir chan urrainn e ur saoradh as mo làimh‐sa: Agus na tugadh Heseciah oirbh ur dòchas a chur anns an Tighearna, ag ràdh, Gu deimhinn saoraidh an Tighearna sinne, agus cha toirear thairis am baile seo do làimh rìgh Asiria. Na èisdibh ri Heseciah: oir mar seo tha righ Asiria ag ràdh, Dèanaibh suas càirdeas riumsa, agus thigibh a‑mach am ionnsaigh, agus ithibh, gach fear, de a chrann‐fìona, agus gach fear de a chrann‐fìge fhèin, agus òlaibh, gach fear, uisge a thobair fhèin; Gus an tig mise, agus gun toir mi air falbh sibh do thìr cosmhail ri ur tìr fhèin, tìr arbhair agus fìona, tìr arain agus fhìonlios, tìr ola a’ chroinn‐ola, agus meala, a‑chum gum bi sibh beò, agus nach faigh sibh bàs: agus na èisdibh ri Heseciah, nuair a chuireas e impidh oirbh, ag ràdh, Saoraidh an Tighearna sinn. An do shaor riamh diathan nan cinneach, gach aon a thìr fhèin, à làimh rìgh Asiria? Càit a bheil diathan Hamait, agus Arphaid? Càit a bheil diathan Shepharbhaim, Hena, agus Ibhah? An do shaor iad Samaria as mo làimh‐sa? Cò am measg uile dhiathan nan dùthchannan a shaor an tìr fhèin as mo làimh‐sa, gun saoradh an Tighearna Ierusalem as mo làimh? Ach bha an sluagh nan tosd, agus cha do fhreagair iad aon fhacal dha: oir b’i àithne an rìgh dhaibh, Na tugaibh freagradh air. An sin thàinig Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus Ioah mac Asaiph an seanchaidh, gu Heseciah len aodach reubte, agus dh’innis iad dha briathran Rab‐saceh. Agus nuair a chuala Heseciah an rìgh e, reub e a aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le sac‐aodach, agus chaidh e do thaigh an Tighearna. Agus chuir e Eliacim, a bha os cionn an taighe, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus seanairean nan sagart, còmhdaichte le sac‐aodach gu Isaiah am fàidh, mac Amois. Agus thubhairt iad ris, Mar seo tha Heseciah ag ràdh, Is là teinn e, agus achmhasain, agus maslaidh an là seo: oir tha clann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu am breith chan eil ann. Theagamh gun cluinn an Tighearna do Dhia uile bhriathran Rab‐saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: tog suas d’ùrnaigh, matà, airson an fhuidhill a dh’fhàgadh. Uime sin nuair a thàinig seirbhisich rìgh Heseciah gu Isaiah, Thubhairt Isaiah riu, Mar seo their sibh ri ur tighearna, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Na biodh eagal ort ro na briathran a chuala tu, leis an tug seirbhisich rìgh Asiria masladh dhòmhsa. Feuch, cuiridh mise spiorad ann, agus cluinnidh e tuairisgeul, agus tillidh e da thìr fhèin; agus bheir mise air tuiteam leis a’ chlaidheamh na thìr fhèin. Agus thill Rab‐saceh, agus fhuair e rìgh Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah: oir chuala e gun d’fhalbh e o Lachis. Agus nuair a chuala e ga ràdh mu Thirhacah rìgh Etiopia, Feuch, thàinig e a‑mach a chogadh riut; chuir e teachdairean a‑rìs gu Heseciah, ag ràdh, Mar seo labhraidh sibh ri Heseciah rìgh Iùdah, ag ràdh, Na mealladh do Dhia thu, as a bheil thu ag earbsa, ag ràdh, Cha toirear Ierusalem thairis do làimh rìgh Asiria. Feuch, chuala tu ciod a rinn rìghrean Asiria ris gach uile thìr, gan sgrios gu tur; agus an saorar thusa? An do shaor diathan nan cinneach iadsan a sgrios m’athraichean‐sa, eadhon Gosan, agus Hàran, agus Reseph, agus clann Edein a bha ann an Telasar? Càit a bheil rìgh Hamait, agus rìgh Arpaid, agus rìgh mòr‐bhaile Shepharbhaim, Hena, agus Ibhah? Agus ghabh Heseciah an litir à làimh nan teachdairean, agus leugh e i: agus chaidh Heseciah suas do thaigh an Tighearna, agus sgaoil e i ann am fianais an Tighearna. Agus rinn Heseciah ùrnaigh an làthair an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna Dhè Israeil, a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban, is tu fhèin Dia, thusa ad aonar, Dia uile rìoghachdan na talmhainn: is tu a rinn na nèamhan agus an talamh. Crom, a Thighearna, a‑nuas do chluas, agus èisd; fosgail, a Thighearna, do shùilean, agus faic: seadh, cluinn briathran Shenacherib, a chuir e a mhaslachadh an Dè bheò. Gu deimhinn, a Thighearna, sgrios rìghrean Asiria na cinnich agus an tìrean; Agus thilg iad an diathan anns an teine; oir cha bu diathan iad, ach obraichean làmhan dhaoine, fiodh agus clach: uime sin sgrios iad iad. A‑nis, matà, O Thighearna ar Dia, saor sinn, guidheam ort, as a làimh, a‑chum gum bi fhios aig uile rìoghachdan na talmhainn gur tusa an Tighearna Dia, thu fhèin ad aonar. An sin chuir Isaiah mac Amois teachdaire gu Heseciah, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, An ùrnaigh a rinn thu riumsa mu thimcheall Shenacherib rìgh Asiria, chuala mi. Seo am facal a labhair an Tighearna ma thimcheall: Rinn òigh‐nighean Shioin tàir ort; rinn i gàire fanaid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaibh. Cò don tug thu masladh agus toibheum? Agus cò an aghaidh an d’àrdaich thu do ghuth, agus an do thog thu do shùilean gu h‑àrd? An aghaidh Tì naomh Israeil. Le làimh do theachdairean mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a chraobhan seudair as àirde, agus rogha a chraobhan giuthais, agus thèid mi a‑steach do àitean‐tàimh a chrìche, frìth a Charmeil. Chladhaich mi agus dh’òl mi uisgeachan coimheach, agus le bonn mo chas thiormaich mi suas uile aibhnichean nan daingneach. Nach cuala tu o chionn fada cionnas a rinn mi e, agus on aimsir chèin gun do dhealbh mi e? A‑nis thug mi gu crìch e, gum biodh tusa a‑chum bailtean daingnichte fhàsachadh nan cùirn sgrios. Uime sin bha an luchd‐àiteachaidh air bheag neirt: bha crith‐eagail orra agus amhluadh; bha iad mar fheur na machrach, agus mar an luibh ghlais, mar fheur‐mullaich nan taighean, agus mar arbhar seargte mum fàs e suas. Ach is aithne dhomh d’àite‐còmhnaidh, agus do dhol a‑mach, agus do theachd a‑steach, agus fraoch d’fheirge am aghaidh. A chionn gu bheil fraoch d’fheirge am aghaidh, agus d’onfhadh air teachd a‑nìos gum chluasan, uime sin cuiridh mi mo dhubhan ad shròin, agus mo shrian ad bheul, agus tillidh mi air d’ais thu anns an t‑slighe air an tàinig thu. Agus bidh seo na chomharradh dhut: Ithidh tu air a’ bhliadhna seo na nithean a dh’fhàsas leo fhèin, agus anns an dara bliadhna na nithean a chinneas asda sin; agus anns an treas bliadhna cuiridh agus buainidh sibh, agus suidhichidh sibh fìonliosan, agus ithidh sibh den toradh. Agus gabhaidh am fuidheall a thèid as de thaigh Iùdah fhathast freumh sìos, agus cuiridh e toradh suas. Oir à Ierusalem thèid fuidheall a‑mach, agus iadsan a thèid as o shliabh Shioin: nì eud Tighearna nan sluagh seo. Uime sin mar seo tha an Tighearna ag ràdh mu thimcheall rìgh Asiria, Cha tig e don bhaile seo, agus cha tilg e saighead ann, agus cha tig e fa chomhair le sgèith agus cha chuir e suas tòrr na aghaidh. Air an t‑slighe air an tàinig e, air an t‑slighe cheudna tillidh e, agus cha tig e a‑steach don bhaile seo, arsa an Tighearna: Oir dìonaidh mise am baile seo a‑chum a shaoradh, air mo shon fhèin, agus airson Dhaibhidh m’òglach. Agus air an oidhche sin fhèin chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach, ceud agus ceithir‐fichead agus còig mìle: agus nuair a dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, feuch, bha iad uile nan cuirp mharbha. Agus dh’imich Senacherib rìgh Asiria, agus chaidh e agus thill e, agus ghabh e còmhnaidh ann an Ninebheh. Agus nuair a bha e ri adhradh ann an taigh Nisroich a dhia, bhuail Adramalech agus Sareser a mhic e leis a’ chlaidheamh; agus theich iad do thìr Armenia: agus rìghich Esarhadon a mhac na àite. Anns na làithean sin bha Heseciah tinn gu bàs: agus thàinig am fàidh Isaiah mac Amois da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cuir do thaigh an òrdagh, oir gheibh thu bàs, agus cha bhi thu beò. An sin thionndaidh e a aghaidh ris a’ bhalla, agus rinn e ùrnaigh ris an Tighearna, ag ràdh, Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt. Agus mun deachaidh Isaiah a‑mach don chùirt mheadhonaich, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh, Till, agus abair ri Heseciah, ceannard mo shluaigh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir: feuch, slànaichidh mi thu; air an treas là thèid thu suas do thaigh an Tighearna. Agus cuiridh mi rid làithean còig‐bliadhna‑deug; agus saoraidh mi thusa, agus am baile seo, à làimh rìgh Asiria; agus dìonaidh mi am baile seo air mo shon fhèin, agus airson Dhaibhidh m’òglach. Agus thubhairt Isaiah, Gabhaibh meall fhìge. Agus ghabh agus chuir iad e air an neasgaid, agus shlànaicheadh e. Agus thubhairt Heseciah ri Isaiah, Ciod an comharradh gun leighis an Tighearna mi, agus gun tèid mi suas air an treas là do thaigh an Tighearna? Agus thubhairt Isaiah, Bidh seo na chomharradh dhut on Tighearna gun dèan an Tighearna an nì a labhair e: An tèid an dubhar air aghaidh deich ceumannan, no an tèid e air ais deich ceumannan? Agus fhreagair Heseciah, Is suarach an nì don dubhar dol sìos deich ceumannan; chan eadh, ach tilleadh an dubhar air ais deich ceumannan. Agus ghlaodh Isaiah am fàidh ris an Tighearna; agus thug e air ais an dubhar deich ceumannan a chaidh e sìos air uaireadair‐grèine Ahais. Anns an àm sin chuir Merodach‐baladan mac Bhaladain, rìgh Bhàbiloin, teachdairean le litrichean agus tìodhlac gu Heseciah: oir chuala e gu robh Heseciah tinn. Agus rinn Heseciah gàirdeachas os an cionn, agus dh’fheuch e dhaibh uile thaigh‐tasgaidh a nithean luachmhor, an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na spìosraidh, agus an ola luachmhor, agus a thaigh‐armachd, agus na nithean uile a fhuaireadh na ionmhasan: cha robh nì na thaigh, no na rìoghachd uile, nach d’fheuch Heseciah dhaibh. An sin thàinig Isaiah am fàidh gu rìgh Heseciah, agus thubhairt e ris, Ciod a thubhairt na daoine seo? Agus cia as a thàinig iad ad ionnsaigh? Agus thubhairt Heseciah, Thàinig iad o thìr chèin, o Bhàbilon. Agus thubhairt e, Ciod a chunnaic iad ann ad thaigh? Agus fhreagair Heseciah, Na h‑uile nithean a tha am thaigh chunnaic iad: chan eil nì ann am ionmhasan nach d’fheuch mi dhaibh. Agus thubhairt Isaiah ri Heseciah, Eisd ri facal an Tighearna: Feuch, tha na làithean a’ teachd, anns am bi na h‑uile nithean a tha ann ad thaigh, agus na h‑ionmhasan a thaisg d’athraichean suas gus an là‑an‑diugh, air an giùlan gu Bàbilon: chan fhàgar nì air bith, arsa an Tighearna. Agus cuid ded mhic a thig uat, a ghineas tu, bheir iad leo, agus bidh iad nan caillteanaich ann an lùchairt rìgh Bhàbiloin. An sin thubhairt Heseciah ri Isaiah, Is math facal an Tighearna a labhair thu: thubhairt e mar an ceudna, Nach math ma bhios sìth agus fìrinn ann am làithean‐sa? Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a thrèine uile, agus mar a rinn e lochan, agus sruth‐chlais, agus a thug e uisge a‑steach don bhaile, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus chaidil Heseciah maille ra athraichean: agus rìghich Manaseh a mhac na àite. Dà‑bhliadhna‑dheug a dh’aois bha Manaseh nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig‐bliadhna‑deug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Hephsibah. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil. Oir thog e suas a‑rìs na h‑àitean àrda a sgrios Heseciah a athair; agus chuir e suas altairean do Bhàal, agus rinn e doire, mar a rinn Ahab rìgh Israeil; agus shleuchd e do uile armailt nèimh, agus rinn e seirbhis dhaibh. Agus thog e altairean ann an taigh an Tighearna, mun dubhairt an Tighearna, Ann an Ierusalem cuiridh mi m’ainm. Agus thog e altairean do uile armailt nèimh, ann an dà chùirt taigh an Tighearna. Agus thug e air a mhac dol tron teine, agus rinn e fiosachd, agus ghnàthaich e draoidheachd, agus chuir e air chois leannain‐shìth, agus luchd‐fiosachd: dh’obraich e mòr aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg. Agus chuir e dealbh snaidhte an doire a rinn e anns an taigh mun dubhairt an Tighearna ri Daibhidh, agus ri Solamh a mhac, Anns an taigh seo, agus ann an Ierusalem, a thagh mi à uile threubhan Israeil, cuiridh mi m’ainm gu bràth. Cha mhò a bheir mi air casan Israeil carachadh tuilleadh a‑mach as an fhearann a thug mi dan athraichean; a‑mhàin ma bheir iad an aire gun dèan iad a rèir nan uile nithean a dh’àithn mise dhaibh, agus a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhaibh. Ach cha d’èisd iad: agus tharraing Manaseh iad gu tuilleadh uilc a dhèanamh na rinn na cinnich, a sgrios an Tighearna ro chloinn Israeil. Agus labhair an Tighearna le a sheirbhisich na fàidhean, ag ràdh, A chionn gun do rinn Manaseh rìgh Iùdah na gràinealachdan seo, agus gun do rinn e nas miosa na na h‑uile nithean a rinn na h‑Amoraich a bha roimhe, agus gun tug e air Iùdah mar an ceudna peacachadh le iodhalan: Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Feuch, tha mi a’ tabhairt uilc air Ierusalem agus Iùdah, a bheir air gach neach a chluinneas e gum bi gaoir na dhà chluais. Agus sìnidh mi a‑mach os cionn Ierusaleim sreang‐thomhais Shamaria, agus sreang‐riaghailt taigh Ahaib: agus glanaidh mi as Ierusalem mar a ghlanas neach soitheach, ga ghlanadh, agus a’ tionndadh a bheòil foidhe. Agus trèigidh mi fuidheall m’oighreachd, agus bheir mi iad do làimh an naimhdean; agus bidh iad nan creich agus nan cobhartach dan naimhdean uile: A chionn gun do rinn iad olc am shùilean, agus gun do bhrosnaich iad mi gu feirg on là anns an tàinig an athraichean a‑mach as an Eiphit, eadhon gus an là‑an‑diugh. Os bàrr, dhòirt Manaseh fuil neochiontach gu ro‑mhòr, gus an do lìon e Ierusalem o cheann gu ceann, a thuilleadh air a pheacadh fhèin leis an tug e air Iùdah peacachadh, le olc a dhèanamh ann an sùilean an Tighearna. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Mhanaseh, agus na h‑uile nithean a rinn e, agus a pheacadh a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus chaidil Manaseh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann an lios a thaighe fhèin, ann an lios Udsa: agus rìghich Amon a mhac na àite. Dà bhliadhna ar fhichead a dh’aois bha Amon nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Mesulemet, nighean Harais o Iotbah. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Manaseh a athair, Agus dh’imich e anns an uile shlighe anns an d’imich a athair, agus rinn e seirbhis do na h‑iodhalan don do rinn a athair seirbhis, agus rinn e adhradh dhaibh: Agus thrèig e an Tighearna Dia a athraichean, agus cha do ghluais e ann an slighe an Tighearna. Agus rinn seirbhisich Amoin ceannairc na aghaidh, agus mharbh iad an rìgh na thaigh fhèin. Agus mharbh sluagh na tìre iadsan uile a rinn ceannairc an aghaidh rìgh Amoin; agus rinn sluagh na tìre Iosiah a mhac na rìgh na àite. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Amoin a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus dh’adhlaic iad e na uaigh fhèin ann an lios Udsa; agus rìghich Iosiah a mhac na àite. Ochd bliadhna a dh’aois bha Iosiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon‐bhliadhna‑deug ar fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iedidah, nighean Adaiah o Bhoscat. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus dh’imich e ann an uile shlighe Dhaibhidh a athair, agus cha do chlaon e a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe. Agus anns an ochdamh‐bliadhna‑deug de rìgh Iosiah, chuir an rìgh Saphan mac Asaliah, mhic Mhesulaim, an sgrìobhaiche, do thaigh an Tighearna, ag ràdh, Falbh suas gu Hilciah an t‑àrd‐shagart, a‑chum gun àireamh e an t‑airgead a thugadh do thaigh an Tighearna, a chruinnich luchd‐gleidhidh an dorais on t‑sluagh: Agus thugadh iad e do làimh luchd‐dèanamh na h‑obrach, dhaibhsan a tha os cionn taigh an Tighearna: agus thugadh iadsan e do luchd‐dèanamh na h‑obrach, a tha ann an taigh an Tighearna, a chàradh briseadh an taighe; Do shaoir, agus do luchd‐togail, agus do chlachairean, agus a cheannach fiodha, agus chlach snaidhte, a chàradh an taighe. Gidheadh cha do rinneadh cunntas riu a‑thaobh an airgid a thugadh dan làimh, a chionn gun do rinn iad gu h‑ionraic. Agus thubhairt Hilciah an t‑àrd‐shagart ri Saphan an sgrìobhaiche, Fhuair mi leabhar an lagha ann an taigh an Tighearna: agus thug Hilciah an leabhar do Shaphan, agus leugh e e. Agus thàinig Saphan an sgrìobhaiche a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’aithris e an gnothach don rìgh, agus thubhairt e, Chruinnich do sheirbhisich an t‑airgead a fhuaireadh anns an taigh, agus thug iad e do làimh luchd‐dèanamh na h‑obrach, a bha os cionn taigh an Tighearna. Agus dh’innis Saphan an sgrìobhaiche don rìgh, ag ràdh, Thug Hilciah an sagart leabhar dhomh: agus leugh Saphan e an làthair an rìgh. Agus nuair a chuala an rìgh briathran leabhar an lagha, reub e a aodach. Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah an sagart, agus do Ahicam mac Shaphsain, agus do Achor mac Mhicaiah, agus do Shaphan an sgrìobhaiche, agus do Asahiah seirbhiseach an rìgh, ag ràdh, Rachaibh, fiosraichibh den Tighearna air mo shon‐sa, agus airson an t‑sluaigh, agus airson Iùdah uile, a‑thaobh briathran an leabhair seo a fhuaireadh: oir is mòr fearg an Tighearna a tha air lasadh nar n‑aghaidh, a chionn nach d’èisd ar n‑athraichean ri briathran an leabhair seo, a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte dar taobh. Uime sin chaidh Hilciah an sagart, agus Ahicam, agus Achbor, agus Saphan, agus Asahiah, a dh’ionnsaigh Huldah a’ bhan‐fhàidh, bean Shaluim mhic Thicbhah, mhic Harhais, fear‐gleidhidh an aodaich (a‑nis bha i a chòmhnaidh ann an Ierusalem anns an oilthaigh), agus labhair iad rithe. Agus thubhairt i riu, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Innsibh don duine a chuir am ionnsaigh‐sa sibh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, bheir mise olc air an àite seo, agus air a luchd‐àiteachaidh, eadhon uile bhriathran an leabhair a leugh rìgh Iùdah: A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, a‑chum mo bhrosnachadh gu corraich le uile obraichean an làmh: uime sin lasaidh m’fhearg an aghaidh an àite seo, agus cha mhùchar i. Ach ri rìgh Iùdah a chuir sibh a dh’fhiosrachadh den Tighearna, mar seo their sibh ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, A‑thaobh nam briathran a chuala tu, A chionn gu robh do chridhe tiom, agus gun d’irislich thu thu fhèin an làthair an Tighearna, nuair a chuala tu ciod a labhair mise an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd‐àiteachaidh, gum biodh iad nam fàsach, agus nam mallachadh, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am fhianais; chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna. Feuch uime sin, cruinnichidh mise thu a‑chum d’athraichean, agus cruinnichear thu dod uaigh ann an sìth, agus chan fhaic do shùilean an t‑olc sin uile a bheir mise air an àite seo. Agus thug iad fios a‑rìs a dh’ionnsaigh an rìgh. Agus chuir an rìgh teachdairean uaithe, agus chruinnich da ionnsaigh uile sheanairean Iùdah, agus Ierusaleim. Agus chaidh an rìgh suas do thaigh an Tighearna, agus daoine Iùdah uile, agus uile luchd‐àiteachaidh Ierusaleim maille ris, agus na sagartan, agus na fàidhean, agus an sluagh uile eadar bheag agus mhòr: agus leugh e nan èisdeachd uile bhriathran leabhar a’ choicheangail, a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna. Agus sheas an rìgh làimh ri post; agus rinn e coicheangal am fianais an Tighearna gun gluaiseadh iad an dèidh an Tighearna, agus gun gleidheadh iad a àitheantan, agus a theisteis, agus a reachdan len uile chridhe, agus len uile anam, a choileanadh briathran a’ choicheangail seo, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo: agus sheas an sluagh uile ris a’ choicheangal. Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah an t‑àrd‐shagart, agus do shagartan an dara òrdaigh, agus do luchd‐gleidhidh an dorais, na soithichean uile a rinneadh do Bhàal, agus don doire, agus do uile armailt nèimh, a thoirt a‑mach à teampall an Tighearna: agus loisg e iad an taobh a‑muigh de Ierusalem ann am machraichean Chidroin, agus ghiùlain e an luath gu Betel. Agus chuir e as do shagartan an iodhal‐adhraidh, a dh’òrdaich rìghrean Iùdah a losgadh tùis anns na h‑àitean àrda, ann am mòr‐bhailtean Iùdah, agus anns na h‑àitean mu thimcheall Ierusaleim; iadsan mar an ceudna a loisg tùis do Bhàal, don ghrèin, agus don ghealaich, agus do na reultan seachranach, agus do uile armailt nèimh. Agus thug e an doire o thaigh an Tighearna, an taobh a‑muigh de Ierusalem, gu sruth Chidroin, agus mhìn‐phronn e gu luaithre e, agus thilg e a luaithre air uaighean clann an t‑sluaigh. Agus bhris e sìos taighean nan Sòdomach a bha làimh ri taigh an Tighearna, far an robh na mnathan a’ fighe chùirteanan don doire. Agus thug e a‑mach na sagartan uile à bailtean Iùdah, agus thruaill e na h‑àitean àrda far an do loisg na sagartan tùis, o Gheba gu Beer‐sèba, agus bhris e sìos àitean àrda nan geatachan, a bha ann an dol a‑steach geata Iosua, uachdaran a’ bhaile, a bha air làimh chlì duine ann an geata a’ bhaile. Gidheadh, cha deachaidh sagartan nan àitean àrda suas gu altair an Tighearna ann an Ierusalem, ach dh’ith iad aran neo‐ghortaichte am measg am bràithrean. Agus thruaill e Tophet a tha ann an gleann mac Hinnoim, a‑chum is nach faodadh duine air bith toirt air a mhac no air a nighinn dol tron teine do Mholech. Agus thug e air falbh na h‑eich a thug rìghrean Iùdah don ghrèin, o dhol a‑steach taigh an Tighearna, làimh ri seòmar Nàtan‐meleich an caillteanach, a bha anns a’ mhach‐bhaile, agus loisg e carbadan na grèine le teine. Agus na h‑altairean a bha air mullach seòmar uachdarach Ahais, a rinn rìghrean Iùdah, agus na h‑altairean a rinn Manaseh ann an dà chùirt taigh an Tighearna, thilg an rìgh sìos, agus bhris e o sin iad, agus thilg e an luaithre ann an sruth Chidroin. Agus na h‑àitean àrda a bha fa chomhair Ierusaleim, a bha air an làimh dheis de shliabh na truaillidheachd, a thog Solamh rìgh Israeil do Astarot, gràinealachd nam Mòabach, agus do Mhilcom, gràinealachd chloinn Amoin, thruaill an rìgh. Agus bhris e nam bloighdean na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan, agus lìon e an àitean le cnàmhan dhaoine. Os bàrr, an altair a bha aig Betel, agus an t‑àit àrd a rinn Ierobòam mac Nebait, a thug air Israel peacachadh, araon an altair agus an t‑àit àrd; agus mhìn‐phronn e gu luaithre e, agus loisg e an doire. Agus nuair a thionndaidh Iosiah mun cuairt, chunnaic e na h‑uaighean a bha an sin anns an t‑sliabh, agus chuir e daoine uaithe, agus thug e na cnàmhan as na h‑uaighean, agus loisg e iad air an altair, agus thruaill e i, a rèir facal an Tighearna, a labhair òglach Dhè a chuir an cèill na briathran seo. An sin thubhairt e, Ciod e an carragh seo a tha mi a’ faicinn? Agus thubhairt daoine a’ bhaile ris, Is i uaigh òglach Dhè a tha ann a thàinig o Iùdah, agus a chuir an cèill na nithean sin a rinn thusa an aghaidh altair Bheteil. Agus thubhairt e, Leigibh leis; na gluaiseadh duine sam bith a chnàmhan‐san: agus leig iad tàmh da chnàmhan maille ri cnàmhan an fhàidh a thàinig à Samaria. Agus mar an ceudna, uile thaighean nan àitean àrda a bha ann am bailtean Shamaria, a rinn rìghrean Israeil a bhrosnachadh an Tighearna gu feirg, thug Iosiah air falbh, agus rinn e a rèir nan uile ghnìomh a rinn e ann am Betel. Agus mharbh e uile shagartan nan àitean àrda a bha an sin air na h‑altairean, agus loisg e cnàmhan dhaoine orra, agus thill e gu Ierusalem. Agus dh’àithn an rìgh don t‑sluagh uile, ag ràdh, Cumaibh a’ chàisg don Tighearna ur Dia, mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar a’ choicheangail seo. Gu cinnteach cha do chumadh a leithid seo de chàisg o làithean nam britheamhan a thug breith air Israel, no ann an uile làithean rìghrean Israeil, no rìghrean Iùdah: Ach anns an ochdamh‐bliadhna‑deug de rìgh Iosiah chumadh a’ chàisg seo don Tighearna ann an Ierusalem. Os bàrr, luchd nan leannan‐sìth, agus an luchd‐fiosachd, agus na dealbhan, agus na h‑iodhalan, agus gach uile ghràinealachd a chunnacas ann an tìr Iùdah, agus ann an Ierusalem, chuir Iosiah air falbh, a‑chum gun coileanadh e briathran an lagha a bha sgrìobhte anns an leabhar a fhuair Hilciah an sagart ann an taigh an Tighearna. Agus cosmhail ris‐san cha robh rìgh air bith roimhe, a thill a dh’ionnsaigh an Tighearna le a uile chridhe, agus le a uile anam, agus le a uile neart, a rèir lagh Mhaois uile; agus na dhèidh cha d’èirich a shamhail. Gidheadh, cha do thill an Tighearna o theas a fheirge mòire, leis an do las a fhearg an aghaidh Iùdah, airson nan uile bhrosnachadh leis an do bhrosnaich Manaseh e. Agus thubhairt an Tighearna, Atharraichidh mi Iùdah mar an ceudna as mo shealladh, mar a dh’atharraich mi Israel, agus cuiridh mi cùl gu tur ris a’ mhòr‐bhaile seo Ierusalem, a thagh mi, agus ris an taigh mun dubhairt mi, Bidh m’ainm an sin. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iosiah, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Na làithean‐san chaidh Phàraoh‐necho rìgh na h‑Eiphit suas an aghaidh rìgh Asiria gu abhainn Euphràtes: agus chaidh rìgh Iosiah na aghaidh, agus mharbh esan e aig Megido nuair a chunnaic e e. Agus ghiùlain a sheirbhisich e marbh ann an carbad o Mhegido, agus thug iad e gu Ierusalem, agus dh’adhlaic iad e na uaigh fhèin: agus ghabh sluagh na tìre Iehoahas mac Iosiah, agus dh’ung iad e, agus rinn iad na rìgh e ann an àit a athar. Trì‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha Iehoahas nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e trì mìosan ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Hamutal, nighean Ieremiah o Libnah. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn a athraichean. Agus chuir Phàraoh‐necho e ann an cuibhrichean aig Riblah ann an tìr Hamait, a‑chum nach rìoghaicheadh e ann an Ierusalem: agus chuir e ceud tàlann airgid agus tàlann òir mar chìs air an tìr. Agus rinn Phàraoh‐necho Eliacim mac Iosiah na rìgh an àite Iosiah a athair agus thionndaidh e a ainm gu Iehoiacim, agus thug e air falbh Iehoahas; agus thàinig e don Eiphit, agus dh’eug e an sin. Agus thug Iehoiacim an t‑airgead agus an t‑òr do Phàraoh: ach thug e fa‑near an tìr a mheas a‑chum gun ìocadh iad an t‑airgead a rèir àithne Phàraoh; dh’iarr e an t‑airgead agus an t‑òr o shluagh na tìre, o gach neach a rèir a mheas, gus a thabhairt do Phàraoh‐necho. Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha Iehoiacim nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon‐bhliadhna‑deug ann an Ierusalem; agus b’e ainm a mhàthar Sebudah, nighean Phedaiah o Rumah. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn a athraichean. Na làithean‐san thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin a‑nìos, agus bha Iehoiacim na sheirbhiseach aige trì bliadhna: an sin thill e agus rinn e ceannairc na aghaidh. Agus chuir an Tighearna na aghaidh buidhnean de na Caldèanaich, agus buidhnean de na Sirianaich, agus buidhnean de na Mòabaich, agus buidhnean de chloinn Amoin, agus chuir e iad an aghaidh Iùdah ga sgrios, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le a sheirbhisich, na fàidhean. Gu cinnteach air àithne an Tighearna thàinig seo air Iùdah, a‑chum an atharrachadh as a shealladh airson peacaidhean Mhanaseh, a rèir nan uile nithean a rinn e: Agus mar an ceudna, airson na fala neochiontaich a dhòirt e; oir lìon e Ierusalem le fuil neochiontaich, nach maitheadh an Tighearna. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoiacim, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus chaidil Iehoiacim maille ra athraichean: agus rìghich Iehoiachin a mhac na àite. Ach cha tàinig rìgh na h‑Eiphit nas mò as a thìr fhèin: oir ghlac rìgh Bhàbiloin o abhainn na h‑Eiphit gus an abhainn Euphràtes, gach nì a bu le rìgh na h‑Eiphit. Ochd‐bliadhna‑deug a dh’aois bha Iehoiachin nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e ann an Ierusalem trì mìosan: agus b’e ainm a mhàthar Nehusta, nighean Elnatain o Ierusalem. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn a athair. Anns an àm sin thàinig seirbhisich Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin a‑nìos an aghaidh Ierusaleim, agus theannaicheadh am baile. Agus thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin an aghaidh a’ bhaile, agus theannaich a sheirbhisich e. Agus chaidh Iehoiachin rìgh Iùdah a‑mach a dh’ionnsaigh rìgh Bhàbiloin, e fhèin agus a mhàthair, agus a sheirbhisich, agus a cheannardan, agus a chaillteanaich: agus ghlac rìgh Bhàbiloin e anns an ochdamh bliadhna de a rìoghachadh. Agus thug e a‑mach as a sin uile ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh, agus gheàrr e nam bloighdean na soithichean òir uile a rinn Solamh rìgh Israeil ann an teampall an Tighearna, mar a labhair an Tighearna. Agus thug e leis Ierusalem uile, agus na ceannardan uile, agus na daoine treuna uile, deich mìle de bhraighdean, agus an luchd‐ceàirde uile, agus na goibhnean: cha d’fhan a h‑aon ach bochdan sluagh na tìre. Agus thug e leis Iehoiachin do Bhàbilon, agus màthair an rìgh, agus mnathan an rìgh, agus a chaillteanaich, agus daoine cumhachdach na tìre; iad sin thug e leis am braighdeanas, o Ierusalem do Bhàbilon. Agus na daoine gaisgeil uile, seachd mìle, agus an luchd‐ceàirde, agus na goibhnean, mìle, iadsan uile a bha comasach agus a dhèanadh cogadh, eadhon iadsan thug rìgh Bhàbiloin am braighdeanas leis do Bhàbilon. Agus rinn rìgh Bhàbiloin Mataniah bràthair a athar na rìgh na àite, agus thionndaidh e a ainm gu Sedeciah. Bliadhna‑ar‑fhichead a dh’aois bha Sedeciah nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e aon‐bhliadhna‑deug ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Hamutal, nighean Ieremiah o Libnah. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn Iehoiacim. Oir tro chorraich an Tighearna bha e mar sin ann an Ierusalem agus ann an Iùdah, gus an do thilg e as a làthair iad: agus rinn Sedeciah ceannairc an aghaidh rìgh Bhàbiloin. Agus anns an naoidheamh bliadhna de a rìoghachadh, anns an deicheamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, e fhèin agus a armailt uile, an aghaidh Ierusaleim, agus champaich e na aghaidh; agus thog iad daingnichean na aghaidh mun cuairt. Agus bha am baile air a theannachadh gus an aon‐bhliadhna‑deug de rìgh Sedeciah. Agus air an naoidheamh là den cheathramh mìos, bhuadhaich a’ ghorta anns a’ bhaile, agus cha robh aran ann do shluagh na tìre. Agus bhriseadh sìos am baile, agus theich na fir‐chogaidh uile anns an oidhche, air slighe a’ gheata, eadar an dà bhalla, a tha làimh ri lios an rìgh; (a‑nis bha na Caldèanaich an aghaidh a’ bhaile mun cuairt;) agus dh’imich iad air an t‑slighe a dh’ionnsaigh a’ chòmhnaird. Agus lean armailt nan Caldèanach an rìgh, agus rug iad air ann an còmhnardan Iericho; agus sgapadh a armailt uile uaithe. Mar sin ghlac iad an rìgh, agus thug iad suas e a dh’ionnsaigh rìgh Bhàbiloin gu Riblah; agus thug esan breith air. Agus mharbh e mic Shedeciah fa chomhair a shùl, agus chuir e a shùilean à Sedeciah, agus cheangail e e le geimhlean umha, agus thug e leis e do Bhàbilon. Agus anns a’ chòigeamh mìos, air an t‑seachdamh là den mhìos (b’i sin an naoidheamh‐bliadhna‑deug de rìgh Nebuchadnesar, rìgh Bhàbiloin) thàinig Nebusar‐adan ceannard an fhreiceadain, seirbhiseach rìgh Bhàbiloin, gu Ierusalem: Agus loisg e taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh, agus taighean Ierusaleim uile; agus gach uile thaigh mòr loisg e le teine. Agus leag uile armailt nan Caldèanach, a bha maille ri ceannard an fhreiceadain, sìos ballachan Ierusaleim mun cuairt. Agus a’ chuid eile den t‑sluagh a dh’fhàgadh anns a’ bhaile, agus an luchd‐teichidh a chaidh thairis gu rìgh Bhàbiloin, maille ri fuidheall an t‑sluaigh, thug Nebusar‐adan ceannard an fhreiceadain air falbh leis. Ach dh’fhàg ceannard an fhreiceadain cuid de bhochdan na tìre, gu bhith nan luchd‐deasachaidh fhìonainean agus nan treabhaichean. Agus na puist umha a bha ann an taigh an Tighearna, agus na buinn, agus an fhairge umha a bha ann an taigh an Tighearna, bhris na Caldèanaich nam bloighdean, agus thug iad leo an umha do Bhàbilon. Agus na poitean, agus na sluasaidean, agus na smàladairean, agus na spàinean, agus na soithichean umha uile leis an do rinn iad frithealadh, thug iad leo. Agus na h‑aighnean teine, agus na cuachan, na nithean a bha de òr na òr, agus a bha de airgead na airgead, thug ceannard an fhreiceadain air falbh. Dà phost, aon fhairge, agus na buinn a rinn Solamh airson taigh an Tighearna; bha umha nan soithichean sin uile gun tomhas: Ochd làmhan‐coille deug àirde aon phuist, agus an ceann‐mullaich a bha air de umha; agus àirde a’ chinn‐mhullaich trì làmhan‐coille: agus an lìon‐obair, agus na pomgranatan air a’ cheann‐mhullaich mun cuairt, iad sin uile de umha: agus an leithidean sin bha aig an dara post, maille ri lìon obair. Agus ghlac ceannard an fhreiceadain Seraiah an t‑àrd‐shagart, agus Sephaniah an dara sagart, agus na trì dorsairean: Agus as a’ bhaile thug e aon chaillteanach, a bha os cionn nam fear‐cogaidh, agus còignear fhear dhiubhsan a bha an làthair an rìgh, a fhuaireadh anns a’ bhaile, agus àrd‐sgrìobhaiche na h‑armailt, a bha ag ionnsachadh cogaidh do shluagh na tìre, agus trì‐fichead fear de shluagh na tìre a fhuaireadh anns a’ bhaile: Agus ghlac Nebusar‐adan ceannard an fhreiceadain iad sin, agus thug e iad gu rìgh Bhàbiloin do Riblah: Agus bhuail rìgh Bhàbiloin iad, agus mharbh e iad aig Riblah, ann an tìr Hamait. Agus thugadh Iùdah air falbh as an tìr fhèin. Agus os cionn an t‑sluaigh a dh’fhàgadh ann an tìr Iùdah, a dh’fhàg Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, eadhon os an cionn‐san, chuir e Gedaliah mac Ahicaim mhic Shaphain. Agus nuair a chuala uile cheannardan nan armailt, iad fhèin agus an daoine, gun do rinn rìgh Bhàbiloin Gedaliah na uachdaran, thàinig gu Gedaliah do Mhispah eadhon Ismael mac Netaniah, agus Iohanan mac Charea, agus Seraiah mac Thanhumeit an Hetophatach, agus Iaasaniah mac Maachataich, iad fhèin agus an daoine. Agus mhionnaich Gedaliah dhaibh, agus dan daoine, agus thubhairt e riu, Na biodh eagal oirbh a bhith nur seirbhisich do na Caldèanaich: gabhaibh còmhnaidh anns an tìr, agus dèanaibh seirbhis do rìgh Bhàbiloin, agus èiridh gu math dhuibh. Ach anns an t‑seachdamh mìos, thàinig Ismael mac Netaniah, mac Elisama, den t‑sliochd rìoghail, agus deichnear fhear maille ris, agus bhuail iad Gedaliah air chor is gun d’eug e, agus na h‑Iùdhaich agus na Caldèanaich a bha maille ris aig Mispah. Agus dh’èirich an sluagh uile eadar bheag agus mhòr, agus ceannardan nan armailt, agus thàinig iad don Eiphit: oir bha eagal nan Caldèanach orra. Ach anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de bhraighdeanas Iehoiachim rìgh Iùdah, anns an dara‑mìos‐deug, air an t‑seachdamh‐là‑fichead den mhìos, thog Ebhil‐merodach rìgh Bhàbiloin, air a’ bhliadhna anns an do thòisich e air rìoghachadh, suas ceann Iehoiachin rìgh Iùdah à prìosan. Agus labhair e gu coibhneil ris, agus chuir e suas a rìgh‐chathair os cionn rìgh‐chathair nan rìghrean, a bha maille ris ann am Bàbilon: Agus mhùth e a aodach‐prìosain; agus dh’ith e aran a‑ghnàth na làthair rè uile làithean a bheatha. Agus bu chuibhreann ghnàthaichte a chuibhreann a thugadh dha on rìgh, cuid làitheil fa chomhair gach là, rè uile làithean a bheatha. Adhamh, Set, Enos, Cenan, Mahaleel, Iered, Henoch, Metùselah, Làmech, Nòah, Sem, Ham, agus Iàphet. Mic Iapheit: Gomer, agus Magog, agus Madai, agus Iabhan, agus Tubal, agus Mesech, agus Tiras. Agus mic Ghomeir: Aschenas, agus Riphat, agus Togarmah. Agus mic Iabhain: Elisah, agus Tarsis, Citim, agus Dodanim. Mic Ham: Cus, agus Misraim, agus Phut, agus Canàan. Agus mic Chuis: Sèba, agus Habhilah, agus Sabta, agus Raamah, agus Sabtecha: agus mic Raamah: Sèba agus Dedan. Agus ghin Cus Nimrod: thòisich esan air a bhith cumhachdach air an talamh. Agus ghin Misraim na Ludaich, agus na h‑Anamaich, agus na Lehabaich, agus na Naphtuhaich, Agus na Patrusaich, agus na Casluhaich (on tàinig na Philistich), agus na Caphtoraich. Agus ghin Canàan Sìdon a chiad‐ghin, agus Het, Agus an t‑Iebusach, agus an t‑Amorach, agus an Girgasach, Agus an t‑Ibheach, agus an t‑Archach, agus an Sineach, Agus an t‑Arbhadach, agus an Semarach, agus an Hamatach. Mic Sheim: Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram; agus mic Araim, Us, agus Hul, agus Geter, agus Mesech. Agus ghin Arphacsad Selah, agus ghin Selah Eber. Agus do Eber rugadh dithis mhac: b’e ainm aoin dhiubh Peleg, a chionn na làithean‐san gun do roinneadh an talamh; agus ainm a bhràthar Ioctan. Agus ghin Ioctan Almodad, agus Seleph, agus Hasarmabhet, agus Ierah, Agus Hadoram, agus Usal, agus Diclah, Agus Ebal, agus Abimael, agus Sèba, Agus Ophir, agus Habhilah, agus Iobab. B’iad sin uile mic Ioctain. Sem, Arphacsad, Selah, Eber, Peleg, Reu, Serug, Nàhor, Tèrah, Abram, is e sin Abrahàm. Mic Abrahàim: Isaac agus Ismael. Is iad seo an ginealaichean: Ciad‐ghin Ismaeil, Nebaiot; an sin Cedar, agus Adbeel, agus Mibsam, Misma, agus Dumah, Masa, Hadad, agus Tema, Ietur, Naphis, agus Cedemah. Is iad sin mic Ismaeil. Agus mic Cheturah, coileabach Abrahàim: rug ise Simran, agus Iocsan, agus Medan, agus Midian, agus Isbac, agus Suah. Agus mic Iocsain; Sèba, agus Dedan. Agus mic Mhidiain: Ephah, agus Epher, agus Henoch, agus Abida, agus Eldaah. Is iad sin uile mic Cheturah. Agus ghin Abrahàm Isaac. Mic Isaaic: Esau agus Israel. Mic Esau: Eliphas, Reuel, agus Ieus, agus Iaalam, agus Corah. Mic Eliphais: Teman, agus Omar, Sephi, agus Gatam, agus Cenas: agus rug Timna, coileabach Eliphais, dha Amalec. Mic Reueil: Nahat, Serah, Samah, agus Midsah. Agus mic Sheir: Lotan, agus Sobal, agus Sibeon, agus Anah, agus Dison, agus Eser, agus Disan. Agus mic Lotain: Hori, agus Homam: agus b’i Timna piuthar Lotain. Mic Shobail: Alian, agus Manahat, agus Ebal, Sephi, agus Onam. Agus mic Shibeoin; Aiah, agus Anah. Mic Anah: Dison. Agus mic Dhisoin; Amram, agus Esban, agus Itran, agus Cheran. Mic Eseir: Bilhan, agus Sabhan, agus Iacan. Mic Dhisain: Us, agus Aran. A‑nis is iad seo na rìghrean a rìghich ann an tìr Edoim, mun do rìghich rìgh air bith os cionn chloinn Israeil: Bela mac Bheoir: agus b’e ainm a bhaile Dinhabah. Agus dh’eug Bela; agus rìghich Iobab, mac Sherah o Bhosrah, na àite. Agus dh’eug Iobab; agus rìghich na àite Husam o thìr nan Temanach. Agus dh’eug Husam; agus rìghich Hadad mac Bhedaid (a bhuail Midian ann am machair Mhòaib) na àite: agus b’e ainm a bhaile Abhit. Agus dh’eug Hadad; agus rìghich Samlah o Mhasrecah na àite. Agus dh’eug Samlah; agus rìghich Saul o Rehobot làimh ris an abhainn na àite. Agus dh’eug Saul; agus rìghich Bàal‐hanan mac Achboir na àite. Agus dh’eug Bàal‐hanan; agus rìghich Hadad na àite: agus b’e ainm a bhaile Pai; agus b’e ainm a mhnà Mehetabel, nighean Mhatreid, nighinn Mhesahaib. Dh’eug Hadad mar an ceudna. Agus b’iad cinn‐fheadhna Edoim; Timnah ceann‐feadhna, Aluah ceann‐feadhna, Ietet ceann‐feadhna, Aholibamah ceann‐feadhna, Elah ceann‐feadhna, Pinon ceann‐feadhna, Cenas ceann‐feadhna, Teman ceann‐feadhna, Mibsar ceann‐feadhna, Magdiel ceann‐feadhna, Iram ceann‐feadhna. Is iad sin cinn‐fheadhna Edoim. Is iad seo mic Israeil: Reuben, Simeon, Lèbhi, agus Iùdah, Isachar, agus Sebulun, Dan, Iòseph, agus Beniàmin, Naphtali, Gad, agus Aser. Mic Iùdah: Er, agus Onan, agus Selah: an triùir seo rugadh dha le nighinn Shuah a’ bhan‐Chanàanach. Agus bha Er ciad‐ghin Iùdah olc ann an sùilean an Tighearna, agus mharbh e e. Agus rug Tàmar a bhana‑chliamhain dha Phares, agus Serah. B’iad uile mhic Iùdah còignear. Mic Phareis: Hesron agus Hamul. Agus mic Sherah: Simri, agus Etan, agus Heman, agus Calcol, agus Dara: còignear dhiubh uile. Agus mic Charmi: Achar, fear‐buaireis Israeil, a chiontaich anns an nì mhallaichte, Agus mic Etain: Asariah. Agus mic Hesroin, a rugadh dha: Ierahmeel, agus Ram, agus Chelubai. Agus ghin Ram Aminadab, agus ghin Aminadab Nahson, ceannard chloinn Iùdah; Agus ghin Nahson Salma, agus ghin Salma Bòas, Agus ghin Bòas Obed, agus ghin Obed Iese. Agus ghin Iese a chiad‐ghin Eliab, agus Abinadab an dara mac, agus Sima an treas, Netaneel an ceathramh, Radai an còigeamh, Osem an siathamh, Daibhidh an seachdamh: Agus b’iad am peathraichean‐san Seruiah agus Abigail. Agus mic Sheruiah: Abisai, agus Ioab, agus Asahel, triùir. Agus rug Abigail Amasa: agus b’e athair Amasa Ieter an t‑Ismeeleach. Agus ghin Càleb mac Hesroin ri Asubah a bhean, Ieriot: b’iad seo mar an ceudna a mic, Ieser, agus Sobab, agus Ardon. Agus nuair a bha Asubah marbh, ghabh Càleb da ionnsaigh Ephrat, a rug Hur dha. Agus ghin Hur Uri, agus ghin Uri Besalil. Agus na dhèidh sin chaidh Hesron a‑steach a dh’ionnsaigh nighean Mhachir, athair Ghilead, agus ghabh e i nuair a bha e trì‐fichead bliadhna a dh’aois; agus rug i dha Segub. Agus ghin Segub Iair, aig an robh trì‐ar‑fhichead de bhailtean mòra ann an tìr Ghilead. Agus thug e Gesur agus Aram le bailtean Iair uapa, maille ri Cenat agus a bhailtean, eadhon trì‐fichead baile mòr: bhuin iad sin uile do mhic Mhachir, athair Ghilead. Agus an dèidh do Hesron bàs fhaghail ann an Càleb‐ephratah, an sin rug Abiah bean Hesroin Asur, athair Thecòah, dha. Agus b’iad mic Ierahmeeil, ciad‐ghin Hesroin, Ram an ciad‐ghin, agus Bunah, agus Oren, agus Osem, agus Ahiah. Bha mar an ceudna bean eile aig Ierahmeel dom b’ainm Atarah: b’ise màthair Onaim. Agus b’iad mic Ram, ciad‐ghin Ierahmeeil, Maas, agus Iamin, agus Ecer. Agus b’iad mic Onaim, Samai, agus Iada. Agus mic Shamai: Nàdab agus Abisur. Agus b’e ainm bean Abisuir, Abihail; agus rug i dha Ahban agus Molid. Agus mic Nadaib: Seled agus Apaim: ach fhuair Seled bàs gun chlann. Agus mic Apaim: Isi. Agus mic Isi: Sesan. Agus mic Shesain: Ahlai. Agus mic Iada, bràthair Shamai: Ieter, agus Ionatan: agus fhuair Ieter bàs gun chlann. Agus mic Ionatain: Pelet, agus Sasa. B’iad sin mic Ierahmeeil. A‑nis cha robh aig Sesan mic ach nigheanan: agus bha aig Sesan òglach, Eiphiteach, dom b’ainm Iarha. Agus thug Sesan a nighean da òglach Iarha na mnaoi; agus rug i dha Atai. Agus ghin Atai Nàtan, agus ghin Nàtan Sabad, Agus ghin Sabad Ephlal, agus ghin Ephlal Obed, Agus ghin Obed Iehu, agus ghin Iehu Asariah, Agus ghin Asariah Heles, agus ghin Heles Eleasah, Agus ghin Eleasah Sisamai, agus ghin Sisamai Salum, Agus ghin Salum Iecamiah, agus ghin Iecamiah Elisama. A‑nis b’iad mic Chàleib, bràthair Ierahmeeil, Mesa a chiad‐ghin; b’esan athair Shiph; agus mic Mharesah athair Hebroin. Agus mic Hebroin: Corah, agus Tapuah, agus Recem, agus Sema. Agus ghin Sema Raham, athair Iorcoaim: agus ghin Recem Samai. Agus b’e mac Shamai Maon; agus b’e Maon athair Bhet‐suir. Agus rug Ephah, coileabach Chàleib, Hàran, agus Mosa, agus Gases: agus ghin Hàran Gases. Agus mic Iahdai: Regem, agus Iotam, agus Gesan, agus Pelet, agus Ephah, agus Saaph. Rug Maachah, coileabach Chàleib, Seber agus Tirhanah. Rug i mar an ceudna Saaph athair Mhadmanah, Sebhah athair Mhachbenah, agus athair Ghibeah: agus b’i nighean Chàleib Achsa. B’iad seo mic Chàleib mhic Huir, ciad‐ghin Ephrata: Sobal athair Chiriat‐iearim, Salma athair Bhetlehem, Hareph athair Bhet‐gadeir. Agus bha aig Sobal, athair Chiriat‐iearim, mic: Haroeh, Hatsi, Hameniot. Agus teaghlaichean Chiriat‐iearim: na h‑Itrich, agus na Puthich, agus na Sumataich, agus na Misraich: uapasan thàinig na Sereataich, agus na h‑Estaulaich. Mic Shalma: Betlehem, agus na Netophataich, Atarot, taigh Ioaib, agus leth nam Manaheteach, na Soraich. Agus teaghlaichean nan sgrìobhaichean a bha a chòmhnaidh aig Iabes: na Tirataich, na Simeataich, agus na Suchataich. Is iad sin na Cenich a thàinig o Hemat, athair taigh Rechaib. A‑nis b’iad seo mic Dhaibhidh, a rugadh dha ann an Hebron: an ciad‐ghin Amnon o Ahinoam a’ Bhan‐Iesreelach: an dara mac, Daniel o Abigail a’ Bhan‐Charmeleach: An treas mac, Absalom mac Mhaachah, nighean Thalmai rìgh Ghesuir: an ceathramh, Adoniah mac Hagit: An còigeamh, Sephatiah o Abital: an siathamh, Itream le Eglah a bhean. Rugadh an t‑sianar sin dha ann an Hebron; agus ann an sin rìghich e seachd bliadhna agus sia mìosan: agus ann an Ierusalem rìghich e trì‐bliadhna‑deug ar fhichead. Agus rugadh iad seo dha ann an Ierusalem; Simea, agus Sobab, agus Nàtan, agus Solamh, ceathrar o Bhatsèba nighean Amieil; Ibhar mar an ceudna, agus Elisama, agus Eliphelet, Agus Nogah, agus Nepheg, agus Iaphia, Agus Elisama, agus Eliada, agus Eliphelet, naoinear. B’iad sin mic Dhaibhidh uile a bhàrr air mic nan coileabach, agus Tàmar am piuthar. Agus b’e mac Sholaimh Rehobòam, Abia a mhac‐san, Asa a mhac‐san, Iehosaphat a mhac‐san, Ioram a mhac‐san, Ahasiah a mhac‐san, Iòas a mhac‐san, Amasiah a mhac‐san, Asariah a mhac‐san, Iotam a mhac‐san, Ahas a mhac‐san, Heseciah a mhac‐san, Manaseh a mhac‐san, Amon a mhac‐san, Iosiah a mhac‐san. Agus b’iad mic Iosiah: an ciad‐ghin Iohanan, an dara mac Iehoiacim, an treas mac Sedeciah, an ceathramh Salum. Agus mic Iehoiacim: Ieconiah a mhac, Sedeciah a mhac. Agus mic Ieconiah: Asir, Salatiel a mhac, Agus Malchiram, agus Pedaiah, agus Senasar, Iecamiah, Hosama, agus Nedabiah. Agus b’iad mic Phedaiah Serubabel, agus Simei: agus mic Sherubabeil; Mesulam, agus Hananiah, agus Selomit am piuthar: Agus Hasubah, agus Ohel, agus Berechiah, agus Hasadiah, Iusab‐hesed, còignear. Agus mic Hananiah: Pelatiah agus Iesaiah a mhac‐san, Rephaiah a mhac‐san, Arnan a mhac‐san, Obadiah a mhac‐san, Sechaniah a mhac‐san. Agus mic Shecaniah: Semaiah: agus mic Shemaiah; Hatus, agus Igeal, agus Bariah, agus Neariah, agus Saphat, sianar. Agus mic Neariah: Elioenai, agus Heseciah, agus Asricam, triùir. Agus b’iad mic Elioenai: Hodaiah, agus Eliasib, agus Pelaiah, agus Acub, agus Iohanan, agus Dalaiah, agus Anani, seachdnar. Mic Iùdah; Phares, Hesron, agus Carmi, agus Hur, agus Sobal. Agus ghin Reaiah, mac Shobail, Iahat, agus ghin Iahat Ahumai, agus Lahad. Is iad sin teaghlaichean nan Soratach. Agus thàinig iad seo o athair Etaim: Iesreel, agus Isma, agus Idbas: agus b’e ainm am peathar Haselelponi. Agus Penuel athair Ghedoir, agus Eser athair Husah; is iad sin mic Huir, ciad‐ghin Ephratah, athair Bhetlehem. Agus bha aig Asur athair Thecòah dà mhnaoi, Helah agus Naarah. Agus rug Naarah dha Ahusam, agus Hepher, agus Temeni, agus Haahastari. B’iad sin mic Naarah. Agus b’iad mic Helah, Seret, agus Iesòar, agus Etnan. Agus ghin Cos Anub, agus Sobebah, agus teaghlaichean Aharheil, mhic Haruim. Agus bha Iabes na b’urramaiche na a bhràithrean: agus thug a mhàthair Iabes mar ainm air, ag ràdh, A chionn gun do rug mi e le doilgheas. Agus ghairm Iabes air Dia Israeil, ag ràdh, O gum beannaicheadh tu mi da‑rìribh, agus gun cuireadh tu mo chrìochan am farsaingeachd, agus gum biodh do làmh leam, agus gun gleidheadh tu mi o olc, a‑chum nach cràidh e mi! Agus dheònaich Dia dha an nì sin a ghuidh e. Agus ghin Chelub, bràthair Shuah, Mehir: b’esan athair Estoin. Agus ghin Eston Betrapha, agus Paseah, agus Tehinah athair Irnahais. Is iad sin fir Rechah. Agus mic Chenais: Otniel, agus Seraiah: agus mic Otnieil: Hatat. Agus ghin Meonotai Ophrah: agus ghin Seraiah Ioab, athair muinntir gleann Charasaim; oir bu luchd‐ceàirde iad. Agus mic Chàleib mhic Iephuneh: Iru, Elah, agus Naam: agus mic Elah: Cenas. Agus mic Iehaleleeil: Siph, agus Siphah, Tiria, agus Asareel. Agus b’iad mic Esra, Ieter, agus Mered, agus Epher, agus Ialon: agus rug i Miriam, agus Samai, agus Isbah athair Estemoa. Agus rug a bhean, Iehudiah, Iered athair Ghedoir, agus Heber athair Shocho, agus Iecutiel athair Shanòah. Agus is iad sin mic Bhitiah nighean Phàraoh, a ghabh Mered na mnaoi. Agus mic a mhnà Hodiah, piuthar Nahaim, athair Cheilah an Garmach, agus Estemoa am Maachatach. Agus b’iad mic Shimoin, Amnon, agus Rinah, Ben‐hanan, agus Tilon. Agus b’iad mic Isi, Sohet, agus Bensohet. B’iad mic Shelah mhic Iùdah, Er athair Lecah, agus Laadah athair Mharesah, agus teaghlaichean taigh na muinntir a dh’obraich anart grinn do thaigh Asbea, Agus Iocim, agus daoine Chosèba, agus Iòas, agus Saraph, aig an robh an uachdaranachd ann am Mòab, agus Iasubilehem. Agus is seann nithean iad seo. B’iad sin na creadhadairean, agus iadsan a chòmhnaich am measg lusan agus ghàrraidhean: maille ris an rìgh na obair dh’fhan iad an sin. B’iad mic Shimeoin, Nemuel, agus Iamin, Iarib, Serah, agus Saul: Salum a mhac‐san, Mibsam a mhac‐san, Misma a mhac‐san. Agus mic Mhisma: Hamuel a mhac, Sachur a mhac‐san, Simei a mhac‐san. Agus bha aig Simei sia‑mic‐dheug agus sianar nighean; ach aig a bhràithrean cha robh mòran cloinne, agus cha deachaidh an teaghlaichean uile an lìonmhorachd, cosmhail ri cloinn Iùdah. Agus chòmhnaich iad ann am Beersèba, agus Moladah, agus Hasarsual, Agus ann am Bilhah, agus ann an Esem, agus ann an Tolad, Agus ann am Betuel, agus ann an Hormah, agus ann an Siclag, Agus ann am Bet‐marcabot, agus ann an Hasar‐susim, agus ann am Bet‐birei, agus ann an Saaraim. B’iad sin am bailtean mòra, gus an do rìghich Daibhidh, maille rim bailtean beaga. Etam mar an ceudna, agus Ain, Rimon, agus Tochen, agus Asan, còig bailtean mòra; Agus am frith‐bhailtean uile a bha mun cuairt air na mòr‐bhailtean sin gu ruig Bàal. B’iad sin an ionad‐tàimh, agus an sloinnteireachd. Agus Mesobab, agus Iamlech, agus Iosah mac Amasiah, Agus Ioel, agus Iehu mac Iosibiah mhic Sheraiah mhic Asieil, Agus Elioenai, agus Iaacobah, agus Iesohaiah, agus Asaiah, agus Adiel, agus Iesimiel, agus Benaiah, Agus Sisa mac Shiphi, mhic Aloin, mhic Iedaiah, mhic Shimri, mhic Shemaiah. Bha iad sin a tha air an aithris air an ainmean nan ceannardan nan teaghlaichean fhèin: agus ann an taigh an athraichean mheudaich iad gu mòr. Agus chaidh iad gu ruig dol a‑steach Ghedoir, eadhon gu ruig taobh an ear a’ ghlinne, a dh’iarraidh ionaltraidh dan treudan. Agus fhuair iad ionaltradh reamhar agus math, agus bha an tìr farsaing, agus sàmhach, agus sìochail; oir bha sliochd Ham a chòmhnaidh an sin roimhe. Agus thàinig iadsan a tha sgrìobhte air an ainm, ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus bhuail iad am bùthan, agus na h‑ionadan‐còmhnaidh a fhuaireadh an sin, agus chuir iad as dhaibh gu tur gus an là‑an‑diugh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite; a chionn gu robh ionaltradh an sin dan treudan. Agus chaidh cuid dhiubh, eadhon de mhic Shimeoin, còig ceud fear, gu sliabh Sheir; agus Pelatiah, agus Neariah, agus Rephaiah, agus Udsiel, mic Isi air an ceann. Agus bhuail iad am fuidheall a chaidh as de Amalec, agus chòmhnaich iad an sin gus an là‑an‑diugh. A‑nis b’iad mic Reubein, ciad‐ghin Israeil (oir b’esan an ciad ghin; ach a chionn gun do thruaill e leabaidh a athar, thugadh a chòir‐bhreith do mhic Iòseiph mhic Israeil: agus chan eil na ginealaichean gu bhith air an àireamh a rèir na còir‐bhreithe; Oir bhuadhaich Iùdah air a bhràithrean, agus uaithe‐san thàinig an t‑àrd‐fhear‐riaghlaidh, ach bu le Iòseph a’ chòir‐bhreith): Mic Reubein, ciad‐ghin Israeil: Hanoch, agus Palu, Hesron, agus Carmi. Mic Ioeil: Semaiah a mhac, Gog a mhac‐san, Simei a mhac‐san, Micah a mhac‐san, Reaia a mhac‐san, Bàal a mhac‐san, Beerah a mhac‐san, a thug Tilgat‐pilneser, rìgh Asiria air falbh leis: b’esan uachdaran nan Reubeneach. Agus bha a bhràithrean a rèir an teaghlaichean (nuair a dh’àirmheadh an sloinneadh a rèir an ginealaichean), nan cinn‐fheadhna, Ieiel, agus Sechariah, Agus Bela mac Asais, mhic Shema, mhic Ioeil, aig an robh a chòmhnaidh ann an Aroer, eadhon gu ruig Nebo, agus Bàal‐meon: Agus a làimh na h‑àird an ear, chòmhnaich e gu ruig dol a‑steach an fhàsaich on abhainn Euphràtes; a chionn gun d’fhàs an sprèidh ro‑lìonmhor ann am fearann Ghilead. Agus ann an làithean Shauil rinn iad cogadh ris na Hàgaraich, a thuit len làimh: agus chòmhnaich iad nam bùthan‐san air feadh uile aghaidh na h‑àird an ear de Ghilead. Agus chòmhnaich clann Ghad thall fan comhair, ann an tìr Bhasain gu ruig Salcah: Ioel an ceann, agus Saphan a b’fhaisge, agus Iaanai, agus Saphat ann am Basan. Agus b’iad am bràithrean de thaigh an athraichean Michael, agus Mesulam, agus Sèba, agus Iorai, agus Iachan, agus Sia, agus Heber, seachdnar. Is iad sin clann Abihail mhic Huri, mhic Ieroah, mhic Ghilead, mhic Mhichaeil, mhic Iesisai, mhic Iahdo, mhic Bhuis: Ahi mac Abdieil, mhic Ghuni, ceann‐taighe an athraichean. Agus ghabh iad còmhnaidh ann an Gilead, ann am Basan, agus na bhailtean, agus ann an uile fhearann cho‐roinn Shàroin, air an crìochan. Dh’àirmheadh iad sin uile le sloinnteireachd ann an làithean Iotaim rìgh Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim rìgh Israeil. Bha mic Reubein, agus na Gadaich, agus leth‐threubh Mhanaseh, de fhir threuna, fir chomasach gu sgiath agus claidheamh iomchar, agus gu tilgeadh le bogha, agus teòma air cogadh, ceithir agus trì‐fichead mìle agus seachd ceud agus trì‐fichead an àireamh, a chaidh a‑mach gu cogadh. Agus rinn iad cogadh ris na Hàgaraich, agus ri Ietur, agus Nephis, agus Nodab; Agus chuidicheadh leo nan aghaidh, agus thugadh thairis nan làimh na Hàgaraich, agus iadsan uile a bha maille riu: oir dh’èigh iad ri Dia anns a’ chath, agus dh’aontaich esan len guidhe, a chionn gun d’earb iad as. Agus thug iad leo am feudail; càmhail deich agus dà‑fhichead mìle, agus de chaoraich dà cheud agus leth‐cheud mìle, agus asail dà mhìle, agus de dhaoine ceud mìle: Oir thuit mòran sìos air am marbhadh, a chionn gu robh an cogadh o Dhia. Agus ghabh iad còmhnaidh nan àite gu ruig am braighdeanas. Agus chòmhnaich clann leth‐threubh Mhanaseh anns an tìr, o Bhasan gu Bàal‐hermon agus Senir, agus gu sliabh Hermoin; agus dh’fhàs iad lìonmhor. Agus b’iad seo cinn‐taighe an athraichean, eadhon Epher, agus Isi, agus Eliel, agus Asriel, agus Ieremiah, agus Hodabhiah, agus Iahdiel, daoine treunmhor, daoine allail, cinn‐taighe an athraichean. Ach chiontaich iad an aghaidh Dia an athraichean, agus chaidh iad le strìopachas an dèidh diathan muinntir na tìre, a sgrios Dia romhpa. Agus dhùisg Dia Israeil suas spiorad Phul rìgh Asiria, agus spiorad Thilgat‐pilneseir rìgh Asiria, agus thug e leis iad (eadhon na Reubenich, agus na Gadaich, agus leth‐threubh Mhanaseh), agus thug e iad gu Halah, agus Habor, agus Hara, agus gu abhainn Ghosain, gus an là‑an‑diugh. Mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari. Agus mic Chohait: Amram, Ishar, agus Hebron, agus Udsiel. Agus mic Amraim: Aaron, agus Maois, agus Miriam. Agus mic Aaroin: Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar. Ghin Eleàsar Phinehas, agus ghin Phinehas Abisua, Agus ghin Abisua Buci, agus ghin Buci Udsi, Agus ghin Udsi Serahiah, agus ghin Serahiah Meraiot, Ghin Meraiot Amariah, agus ghin Amariah Ahitub, Agus ghin Ahitub Sadoc, agus ghin Sadoc Ahimaas, Agus ghin Ahimaas Asariah, agus ghin Asariah Iohanan, Agus ghin Iohanan Asariah (esan a bha a’ frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt anns an taigh a thog Solamh ann an Ierusalem), Agus ghin Asariah Amariah, agus ghin Amariah Ahitub, Agus ghin Ahitub Sadoc, agus ghin Sadoc Salum, Agus ghin Salum Hilciah, agus ghin Hilciah Asariah, Agus ghin Asariah Seraiah, agus ghin Seraiah Iehosadac, Agus chaidh Iehosadac am braighdeanas, nuair a thug an Tighearna air falbh Iùdah agus Ierusalem le làimh Nebuchadnesair. Mic Lèbhi: Gersom, Cohat, agus Merari. Agus is iad seo ainmean mic Ghersoim, Libni agus Simei. Agus b’iad mic Chohait, Amram, agus Ishar, agus Hebron, agus Udsiel. Mic Mherari: Mahli, agus Musi. Agus is iad seo teaghlaichean nan Lèbhitheach, a rèir an athraichean: O Ghersom: Libni a mhac, Iahat a mhac‐san, Simah a mhac‐san, Ioah a mhac‐san, Ido a mhac‐san, Serah a mhac‐san, Ieaterai a mhac‐san. Mic Chohait: Aminadab a mhac, Corah a mhac‐san, Asir a mhac‐san, Elcanah a mhac‐san, agus Ebiasaph a mhac‐san, agus Asir a mhac‐san, Tahat a mhac‐san, Uriel a mhac‐san, Udsiah a mhac‐san, agus Saul a mhac‐san. Agus mic Elcanah: Amasai, agus Ahimot: Elcanah a mhac‐san, Sophai a mhac‐san, agus Nahat a mhac‐san, Eliab a mhac‐san, Ieroham a mhac‐san, Elcanah a mhac‐san. Agus mic Shamueil: an ciad‐ghin Ioel, agus an dara Abiah. Mic Mherari: Mahli, Libni a mhac‐san, Simei a mhac‐san, Udsa a mhac‐san, Simei a mhac‐san, Hagiah a mhac‐san, Asaiah a mhac‐san. Agus is iad sin iadsan a chuir Daibhidh os cionn seirbhis a’ chiùil ann an taigh an Tighearna an dèidh don àirc fois fhaghail. Agus bha iad a’ frithealadh fa chomhair pàillean bùth a’ choitheanail le ceòl, gus an do thog Solamh taigh an Tighearna ann an Ierusalem; agus an sin dh’fheith iad air an dreuchd a rèir an òrdaigh. Agus is iad seo iadsan a bha a’ feitheamh, len cloinn: de mhic nan Cohatach, Heman am fear‐ciùil, mac Ioeil, mhic Shemueil, Mhic Elcanah mhic Ierohaim, mhic Elieil, mhic Thoah, Mhic Shuph, mhic Elcanah, mhic Mhahait, mhic Amasai, Mhic Elcanah, mhic Ioeil, mhic Asariah, mhic Shephaniah, Mhic Thahait, mhic Asir, mhic Ebiasaiph, mhic Chorah, Mhic Ishair, mhic Chohait, mhic Lèbhi, mhic Israeil. Agus a bhràthair Asaph (a sheas air a làimh dheis), eadhon Asaph mac Bherachiah, mhic Shimea, Mhic Mhichaeil, mhic Bhaaseiah, mhic Mhalchiah, Mhic Etni, mhic Sherah, mhic Adaiah, Mhic Etain, mhic Shimah, mhic Shemei, Mhic Iahait, mhic Ghersoin, mhic Lèbhi. Agus am bràithrean mic Mherari air an làimh chlì: Etan mac Chisi, mhic Abdi, mhic Mhaluich, Mhic Hasabiah, mhic Amasiah, mhic Hilciah, Mhic Amsi, mhic Bhani, mhic Shameir, Mhic Mhahli, mhic Mhusi, mhic Mherari, mhic Lèbhi. Dh’òrdaicheadh mar an ceudna am bràithrean na Lèbhithich a‑chum gach uile ghnè sheirbhis ann am pàillean taigh Dhè. Ach thug Aaron agus a mhic suas tabhartasan air altair na h‑ìobairt‐loisgte, agus air altair na tùise; agus dh’òrdaicheadh iad a‑chum uile obair an ionaid ro‑naoimh, agus a‑chum rèite a dhèanamh airson Israeil, a rèir gach nì a dh’àithn Maois, òglach Dhè. Agus is iad seo mic Aaroin: Eleàsar a mhac, Phinehas a mhac‐san, Abisua a mhac‐san, Buci a mhac‐san, Udsi a mhac‐san, Serahiah a mhac‐san, Meraiot a mhac‐san, Amariah a mhac‐san, Ahitub a mhac‐san, Sadoc a mhac‐san, Ahimaas a mhac‐san. Agus is iad seo an àiteachan‐còmhnaidh, air feadh an lùchairtean nan crìochan, de mhic Aaroin, de theaghlaichean nan Cohatach; oir bu leòsan an crannchur. Agus thug iad dhaibh Hebron ann an tìr Iùdah, agus a fhearann co‑roinn mun cuairt air. Ach achaidhean a’ bhaile agus a fhrith‐bhailtean thug iad do Chàleb mac Iephuneh. Agus do mhic Aaroin thug iad bailtean: Hebron am baile‐dìdein, agus Libna le a fhearainn co‑roinn, agus Iatir, agus Estemoa le a fhearainn co‑roinn. Agus Hilen le a fhearann co‑roinn, Debir le a fhearann co‑roinn, Agus Asan le a fhearann co‑roinn, agus Bet‐semes le a fhearann co‑roinn: Agus o threubh Bheniàmin; Geba le a fhearann co‑roinn, agus Alemet le a fhearann co‑roinn, agus Anatot le a fhearann co‑roinn. B’iad am bailtean uile, air feadh an teaghlaichean, trì‐bailtean‐deug. Agus do mhic Chohait a dh’fhàgadh de theaghlach an treubha sin, thugadh on leth‐threubh, eadhon leth‐threubh Mhanaseh, le crannchur, deich bailtean. Agus do mhic Ghersoim air feadh an teaghlaichean, thugadh o threubh Isachair, agus o threubh Aseir, agus o threubh Naphtali, agus o threubh Mhanaseh ann am Basan, trì‐bailtean‐deug. Do mhic Mherari air feadh an teaghlaichean, o threubh Reubein, agus o threubh Ghad, agus o threubh Shebuluin, thugadh le crannchur dà‑bhaile‐dheug. Agus thug clann Israeil do na Lèbhithich na bailtean sin lem fearann co‑roinn. Agus thug iad le crannchur o threubh chloinn Iùdah, agus o threubh chloinn Shimeoin, agus o threubh chloinn Bheniàmin, na bailtean sin a ghairmear air an ainmean. Agus bha aig a’ chuid eile de theaghlaichean mhac Chohait bailtean an crìch o threubh Ephraim. Agus thug iad dhaibh de na bailtean‐dìdein, Sechem ann an sliabh Ephraim, le a fhearann co‑roinn: Gèser mar an ceudna le a fhearann co‑roinn, Agus Iocmeam le a fhearann co‑roinn, agus Bet‐horon le a fhearann co‑roinn, Agus Aialon le a fhearann co‑roinn, agus Gat‐rimon le a fhearann co‑roinn: Agus o leth‐threubh Mhanaseh: Aner le a fhearann co‑roinn, agus Bileam le a fhearann co‑roinn, airson teaghlach chloinn Chohait a dh’fhàgadh. Do mhic Ghersoim thugadh o theaghlach leth‐threubh Mhanaseh, Golan ann am Basan le a fhearann co‑roinn, agus Astarot le a fhearann co‑roinn: Agus o threubh Isachair: Cedes le a fhearann co‑roinn, Daberat le a fhearann co‑roinn, Agus Ramot le a fhearann co‑roinn, agus Anem le a fhearann co‑roinn: Agus o threubh Aseir: Masal le a fhearann co‑roinn, agus Abdon le a fhearann co‑roinn, Agus Hucoc le a fhearann co‑roinn, agus Rehob le a fhearann co‑roinn: Agus o threubh Naphtali: Cedes ann an Galilee le a fhearann co‑roinn, agus Hamon le a fhearann co‑roinn, agus Ciriataim le a fhearann co‑roinn. Don chuid eile de chloinn Mherari, thugadh o threubh Shebuluin, Rimon le a fhearann co‑roinn, Tabor le a fhearann co‑roinn: Agus air taobh thall Iòrdain làimh ri Iericho, air an taobh an ear de Iòrdan thugadh dhaibh o threubh Reubein Beser anns an fhàsach le a fhearann co‑roinn, agus Iahsah le a fhearann co‑roinn, Agus Cedemot le a fhearann co‑roinn, agus Mephaat le a fhearann co‑roinn: Agus o threubh Ghad; Ramot ann an Gilead le a fhearann co‑roinn, agus Mahanaim le a fhearann co‑roinn, Agus Hesbon le a fhearann co‑roinn, agus Iaser le a fhearann co‑roinn. A‑nis b’iad mic Isachair, Tola, agus Puah, Iasub, agus Simron, ceathrar. Agus mic Thola: Udsi, agus Rephaiad, agus Ieriel, agus Iahmai, agus Ibsam, agus Semuel, cinn‐taighe an athraichean, eadhon Tola: daoine treuna nan ginealaichean dom b’àireamh ann an làithean Dhaibhidh dà‑mhìle‐ar‑fhichead agus sia ceud. Agus mic Udsi: Israhiah: agus mic Israhiah: Michael, agus Obadiah, agus Ioel, agus Isiah, còignear; iad uile nan cinn‐taighe. Agus acasan, a rèir an ginealaichean, a rèir taigh an athraichean, bha buidhnean shaighdear gu cogadh, sia‑mìle‐deug ar fhichead fear: oir bha iomadh bean agus mac aca. Agus bha am bràithrean am measg uile theaghlaichean Isachair nan daoine treuna, air an àireamh anns an iomlan a rèir an ginealaichean nan seachd agus ceithir‐fichead mìle. Mic Bheniàmin: Bela, agus Becher, agus Iediael, triùir. Agus mic Bhela: Esbon, agus Udsi, agus Udsiel, agus Ierimot, agus Iri, còignear; cinn‐taighe an athraichean, daoine treuna, agus dh’àirmheadh iad a rèir an ginealaichean nan dà‑mhìle‐ar‑fhichead, agus ceithir‐deug ar fhichead. Agus mic Bhecheir: Semira, agus Iòas, agus Elièser, agus Elioenai, agus Omri, agus Ierimot, agus Abiah, agus Anatot, agus Alamet. Is iad sin uile mic Bhecheir. Agus b’e an àireamh a rèir an sloinnidhean a rèir an ginealaichean, cinn‐taighe an athraichean, daoine treuna, fichead mìle agus dà cheud. Agus mic Iediaeil: Bilhan: agus mic Bhilhain: Ieus, agus Beniàmin, agus Ehud, agus Cenaanah, agus Setan, agus Tarsis, agus Ahisahar. Bha iad sin uile mic Iediaeil, a rèir cinn an athraichean, daoine treuna, nan seachd‐mìle‐deug agus dà cheud fear, iomchaidh gu dol a‑mach a‑chum cogaidh agus catha. Supim mar an ceudna, agus Hupim mic Ir, agus Husim mic Aheir. Mic Naphtali: Iahsiel, agus Guni, agus Ieser, agus Salum, mic Bhilhah. Mic Mhanaseh: Asriel, a rug i: (ach rug a choileabach, a’ Bhan‐Aramach, Machir athair Ghilead. Agus ghabh Machir mar mhnaoi piuthar Hupim agus Shupim, agus b’e ainm a peathar Maachah:) agus b’e ainm an dara mic Selophehad: agus bha aig Selophehad nigheanan. Agus rug Maachah bean Mhachir mac, agus thug i Peres mar ainm air; agus b’e ainm a bhràthar Seres; agus b’iad a mhic‐san Ulam agus Racem. Agus mic Ulaim: Bedan. B’iad sin mic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh. Agus rug a phiuthar Hamolecet Isod, agus Abieser, agus Mahalah. Agus b’iad mic Shemida, Ahian, agus Sechem, agus Lichi, agus Aniam. Agus mic Ephraim: Sutelah, agus Bered a mhac‐san, agus Tahat a mhac‐san, agus Eladah a mhac‐san, Tahat a mhac‐san, Agus Sabad a mhac‐san, agus Sutelah a mhac‐san, agus Eser, agus Elead, a mharbh fir Ghat a rugadh anns an tìr sin, a chionn gun tàinig iad a‑nuas a thogail an creich. Agus rinn an athair Ephraim bròn rè iomadh là, agus thàinig a bhràithrean gu comhfhurtachd a thoirt dha. Agus chaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh a mhnà, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac, agus thug e Beriah mar ainm air, a chionn gun d’èirich gu h‑olc da thaigh. (Agus b’i a nighean Serah, ise a thog Bet‐horon ìochdarach, agus uachdarach, agus Udsen‐serah). Agus b’e Rephah a mhac, mar an ceudna Reseph, agus Tela a mhac‐san, agus Tahan a mhac‐san, Laadan a mhac‐san, Aimhud a mhac‐san, Elisama a mhac‐san, Non a mhac‐san, Iehosua a mhac‐san. Agus b’iad an seilbh agus an àiteachan‐còmhnaidh Betel agus a bhailtean, agus a làimh na h‑àird an ear Naaran, agus a làimh na h‑àird an iar Gèser le a bhailtean, Sechem mar an ceudna agus a bhailtean, gu ruig Gàsa agus a bhailtean. Agus làimh ri cloinn Mhanaseh, Bet‐sean agus a bhailtean, Taanach agus a bhailtean, Megido agus a bhailtean, Dor agus a bhailtean. Annta sin ghabh clann Iòseiph, mac Israeil, còmhnaidh. Mic Aseir: Imnah, agus Isuah, agus Isui, agus Beriah, agus Serah am piuthar. Agus mic Bheriah: Heber, agus Malchiel: b’esan athair Bhirsabhit. Agus ghin Heber Iaphlet, agus Somer, agus Hotam, agus Suah am piuthar. Agus mic Iaphleit: Pasach, agus Bimhal, agus Asbhat: is iad sin mic Iaphleit. Agus mic Shameir: Ahi, agus Rohgah, Iehubah, agus Aram. Agus mic Heleim, a bhràthair; Sophah, Imna, agus Seles, agus Amal. Mic Shophah: Suah, agus Harnepher, agus Sual, agus Beri, agus Imrah, Beser, agus Hod, agus Sama, agus Silsah, agus Itran, agus Beera. Agus mic Ieteir: Iephuneh, agus Pispah, agus Ara. Agus mic Ula: Ara, agus Haniel, agus Resia. B’iad sin uile mic Aseir, cinn‐taighe an athraichean, daoine taghte, treun ann an neart, rogha nan uachdaran. Agus nuair a dh’àirmheadh iad a rèir an ginealaichean a‑chum cogaidh agus catha, b’e an àireamh sia‑mìle‐fichead fear. A‑nis ghin Beniàmin Bela a chiad‐ghin, Asbel an dara, agus Ahara an treasa, Nohah an ceathramh, agus Raphah an còigeamh. Agus b’iad mic Bhela, Adar, agus Gera, agus Abihud. Agus Abisua, agus Nàaman, agus Ahoah, Agus Gera, agus Sephuphan, agus Huram. Agus is iad seo mic Ehuid: is iad seo cinn athraichean luchd‐àiteachaidh Gheba, agus dh’atharraich iad gu Manahet; Agus Nàaman, agus Ahiah, agus Gera, dh’atharraich e iad, agus ghin e Udsa, agus Ahihud. Agus ghin Saharaim clann ann an tìr Mhòaib, an dèidh dha Husim agus Baara, a mhnathan, a chur air falbh. Agus ghin e ri Hodes a mhnaoi, Iobab, agus Sibia, agus Mesa, agus Malcham, Agus Ieus, agus Sachia, agus Mirma. B’iad sin a mhic, cinn nan athraichean. Agus ri Husim ghin e Ahitub agus Elpaal. Mic Elphaail: Eber, agus Misam, agus Samed, a thog Ono, agus Lod le a bhailtean, Agus Beriah agus Sema: b’iadsan cinn athraichean luchd‐àiteachaidh Aialoin, a ruaig luchd‐àiteachaidh Ghat: Agus Ahio, Sasac, agus Ierimot, Agus Sebadiah, agus Arad, agus Ader, Agus Michael, agus Ispah, agus Ioha, mic Bheriah; Agus Sebadiah, agus Mesulam, agus Heseci, agus Heber, Agus Ismerai, agus Iesliah, agus Iobab, mic Elpaail; Agus Iacim, agus Sichri, agus Sabdi, Agus Elioenai, agus Siltai, agus Eliel, Agus Adaiah, agus Beraiah, agus Simrat, mic Shimhi; Agus Ispan, agus Heber, agus Eliel, Agus Abdon, agus Sichri, agus Hanan, Agus Hananiah, agus Elam, agus Antotiah, Agus Iphedeiah, agus Penuel, mic Shasaic; Agus Samserai, agus Sehariah, agus Ataliah, Agus Iaresiah, agus Eliah, agus Sichri, mic Ierohaim, Sin cinn nan athraichean, a rèir an ginealaichean, cinn‐fheadhna. Bha iad sin a chòmhnaidh ann an Ierusalem. Agus ann an Gibeon bha Iehiel, athair Ghibeoin, a chòmhnaidh; agus b’e ainm a mhnà Maachah; Agus a chiad‐ghin mic, Abdons agus Sur, agus Cis, agus Bàal, agus Ner, agus Nàdab, Agus Gedor, agus Ahio, agus Sacher, agus Miclot. Agus ghin Miclot Simeah. Agus chòmhnaich iad sin mar an ceudna fa chomhair am bràithrean ann an Ierusalem maille rim bràithrean. Agus ghin Ner Cis, agus ghin Cis Saul, agus ghin Saul Ionatan, agus Malchi‐sua, agus Abinadab, agus Esbàal. Agus b’e mac Ionatain Merib‐bàal; agus Merib‐bàal Micah. Agus b’iad mic Mhicah, Piton, agus Melech, agus Tarea, agus Ahas. Agus ghin Ahas Iehoadah; agus ghin Iehoadah Alemet, agus Asmabhet, agus Simri; agus ghin Simri Mosa; Agus ghin Mosa Binea: b’e Rapha a mhac‐san, Eleasah a mhac‐san, Asel a mhac‐san. Agus bha aig Asel sianar mhac; agus is iad seo an ainmean, Asricam, Bocheru, agus Ismael, agus Seariah, agus Obadiah, agus Hanan. B’iad sin uile mic Aseil. Agus b’iad mic Eseic a bhràthair, Ulam a chiad‐ghin, Iehus an dara, agus Eliphelet an treasa. Agus bha mic Ulaim nan daoine treuna, nam fir‐bhogha; agus bha mòran mhac aca, agus mhac am mac, ceud agus leth‐cheud: iad sin uile de mhic Bheniàmin. Agus dh’àirmheadh Israel uile a rèir an ginealaichean, agus, feuch, bha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil. Ach thugadh Iùdah air falbh do Bhàbilon airson an easaontais. Agus b’iad an ciad luchd‐àiteachaidh a ghabh còmhnaidh nan sealbh nam bailtean, na h‑Israelich, na sagartan, na Lèbhithich, agus na Netinich. Agus ann an Ierusalem ghabh còmhnaidh de chloinn Iùdah, agus de chloinn Bheniàmin, agus de chloinn Ephraim, agus Mhanaseh: Utai mac Amihuid, mhic Omri, mhic Imri, mhic Bhani, de chloinn Phareis mhic Iùdah. Agus de na Silonaich: Asaiah an ciad‐ghin, agus a mhic. Agus de mhic Sherah; Ieuel, agus am bràithrean, sia ceud agus ceithir‐fichead agus a deich. Agus de mhic Bheniàmin: Salu mac Mhesulaim, mhic Hodabhiah, mhic Hasenuah; Agus Ibneiah mac Ierohaim, agus Elah mac Udsi, mhic Mhichri, agus Mesulam mac Shephatiah, mhic Reueil, mhic Ibniah; Agus am bràithrean, a rèir an ginealaichean, naoi ceud agus sia‑deug agus dà‑fhichead. Bu chinn athraichean na daoine sin uile ann an taigh an athraichean. Agus de na sagartan: Iedaiah, agus Iehoiarib, agus Iachin; Agus Asariah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraiot, mhic Ahituib, fear‐riaghlaidh taigh Dhè; Agus Adaiah mac Ierohaim, mhic Phasuir, mhic Mhalchiah; agus Maasai mac Adieil, mhic Iahserah, mhic Mhesulaim, mhic Mhesulemit, mhic Imeir; Agus am bràithrean, cinn‐taighe an athraichean, mìle agus seachd ceud agus trì‐fichead, daoine ro‑fhoghainteach fa chomhair obair seirbhis taigh Dhè. Agus de na Lèbhithich: Semaiah mac Hasuib, mhic Asricaim, mhic Hasabiah, de mhic Mherari; Agus Bacbacar, Heres, agus Galal, agus Mataniah mac Mhicah, mhic Shichri, mhic Asaiph; Agus Obadiah mac Shemaiah, mhic Ghalail, mhic Iedutuin, agus Berechiah mac Asa, mhic Elcanah, a bha a chòmhnaidh ann am frith‐bhailtean nan Netophatach. Agus b’iad na dorsairean Salum, agus Acub, agus Talmon, agus Ahiman, agus am bràithrean: b’e Salum an ceannard; A bha gus an àm seo aig geata an rìgh air an taobh an ear, nan dorsairean ann an cuideachdan chloinn Lèbhi. Agus bha Salum mac Chore, mhic Ebiasaiph, mhic Chorah, agus a bhràithrean (de thaigh a athar) na Corahaich os cionn obair na seirbhis, nan luchd‐gleidhidh geatachan a’ phàillein; agus an athraichean os cionn sluagh an Tighearna, nan luchd‐gleidhidh air dol a‑steach a’ phàillein. Agus b’e Phinehas mac Eleàsair a bu cheann‐riaghlaidh orra o shean am fianais an Tighearna. Maille ris bha Sechariah, mac Mheselemiah, na dhorsair doras pàillean a’ choitheanail. Iad sin uile a thaghadh gu bhith nan dorsairean anns na geatachan, bu dà cheud agus dà‑fhear‐dheug iad. Dh’àirmheadh iad sin a rèir an ginealaichean nam frith‐bhailtean, a shuidhich Daibhidh agus Samuel, am fear‐seallaidh, nan dreuchd suidhichte. Mar sin bha iadsan agus am mic os cionn geatachan taigh an Tighearna, agus taigh a’ phàillein a‑chum an gleidheadh. Ann an ceithir cheàrnan bha na dorsairean, a làimh na h‑àird an ear, na h‑àird an iar, na h‑àird a tuath, agus na h‑àird a deas; Agus am bràithrean nam frith‐bhailtean, gu teachd an dèidh seachd làithean o àm gu àm maille riu. Oir bha na Lèbhithich sin, na ceithir àrd‐dhorsairean, nan dreuchd suidhichte, agus bha iad os cionn seòmraichean agus os cionn ionmhasan taigh Dhè. Agus bha iad a’ gabhail tàimh mun cuairt air taigh Dhè, a chionn gum b’ann orrasan a bha a chùram, agus gum buineadh dhaibh a fhosgladh gach madainn. Agus bha cuid dhiubh os cionn nan soithichean‐frithealaidh, a‑chum an toirt a‑steach agus a‑mach air àireamh. Chuireadh cuid dhiubh mar an ceudna os cionn nan soithichean, agus os cionn uile innealan an ionaid naoimh, agus os cionn na mine mìne, agus an fhìona, agus na h‑ola, agus na tùise, agus nan spìosraidh. Agus bha cuid de mhic nan sagart a’ dèanamh na h‑ola‑ungaidh de na spìosraidh. Agus b’ann aig Matitiah, aon de na Lèbhithich, eadhon ciad‐ghin Shaluim an Corahach, a bha dreuchd suidhichte os cionn nan nithean a rinneadh ann an aighnean. Agus bha cuid eile dem bràithrean, de mhic nan Cohatach, os cionn aran na fianais, gu a dheasachadh gach sàbaid. Agus is iad sin luchd‐ciùil, cinn athraichean nan Lèbhitheach, a bha anns na seòmraichean, saor o gach cùram eile; oir a là agus a dh’oidhche bha orra a bhith rin obair‐san. Bha cinn athraichean sin nan Lèbhitheach nan cinn a rèir an ginealaichean: bha iad a chòmhnaidh ann an Ierusalem. Agus ann an Gibeon chòmhnaich athair Ghibeoin, Iehiel; agus b’e ainm a mhnà Maachah: Agus a chiad‐ghin mic Abdon, an sin Sur, agus Cis, agus Bàal, agus Ner, agus Nàdab, Agus Gedor, agus Ahio, agus Sechariah, agus Miclot. Agus ghin Miclot Simeam: agus ghabh iadsan mar an ceudna còmhnaidh fa chomhair am bràithrean ann an Ierusalem, maille rim bràithrean. Agus ghin Ner Cis, agus ghin Cis Saul, agus ghin Saul Ionatan, agus Malchi‐sua, agus Abinadab, agus Esbàal. Agus b’e mac Ionatain Merib‐bàal; agus ghin Merib‐bàal Micah. Agus b’iad mic Mhicah, Piton, agus Melech, agus Tahrea, agus Ahas. Agus ghin Ahas Iehoadah, agus ghin Iehoadah Alemet, agus Asmabhet, agus Simri; agus ghin Simri Mosa; Agus ghin Mosa Binea: agus b’e Rephaiah a mhac‐san, Eleasah a mhac‐san, Asel a mhac‐san. Agus bha aig Asel sianar mhac, agus is iad seo an ainmean: Asricam, Bocheru, agus Ismael, agus Seariah, agus Obadiah, agus Hanan. B’iad sin mic Aseil. A‑nis chog na Philistich an aghaidh Israeil; agus theich fir Israeil o fhianais nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbh ann an sliabh Ghilbòa. Agus lean na Philistich gu teann an dèidh Shauil, agus an dèidh a chuid mhac; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil. Agus dh’fhàs an cath cruaidh an aghaidh Shauil, agus chuimsich na fir‐bhogha e, agus lotadh e leis na fir‐bhogha. An sin thubhairt Saul ri fear‐iomchair a arm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo‐thimcheall‐gheàrrte sin, agus gun gnàthaich iad gu maslach mi. Ach cha dèanadh fear‐iomchair a arm sin, oir bha eagal mòr air. Uime sin ghlac Saul claidheamh, agus thuit e air. Agus nuair a chunnaic fear‐iomchair a arm gu robh Saul marbh, thuit esan mar an ceudna air a’ chlaidheamh, agus fhuair e bàs. Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriùir mhac, agus dh’eug a thaigh uile anns an aon àm. Agus nuair a chunnaic uile fhir Israeil a bha anns a’ ghleann gun do theich iad, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, an sin thrèig iad am bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus chòmhnaich iad annta. Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a mhic air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa. Agus nuair a dh’fhaobhaich iad e, ghlac iad a cheann, agus a airm, agus chuir iad fios do thìr nam Philisteach mun cuairt, gu sgeul a thoirt do thaigh an diathan brèige, agus don t‑sluagh. Agus chuir iad a airm ann an taigh an diathan, agus dhaingnich iad a cheann ann an teampall Dhàgoin. Agus nuair a chuala uile luchd‐àiteachaidh Iabeis‐ghilead na h‑uile nithean a rinn na Philistich ri Saul, Dh’èirich na fir threuna uile, agus thug iad leo corp Shauil, agus cuirp a chuid mhac, agus thug iad gu Iabes iad, agus dh’adhlaic iad an cnàmhan fon daraig ann an Iabes, agus thraisg iad seachd làithean. Mar seo dh’eug Saul airson a chionta a rinn e an aghaidh an Tighearna, an aghaidh facal an Tighearna nach do ghlèidh e, agus mar an ceudna a chionn gun d’iarr e bean aig an robh leannan‐sìth, a dh’fhiosrachadh dhith; Agus nach d’fhiosraich e den Tighearna: uime sin mharbh e e, agus thionndaidh e an rìoghachd a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, mac Iese. An sin chruinnich Israel uile iad fhèin a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, ag ràdh, Feuch is sinne do chnàimh agus d’fheòil. Agus a bhàrr air seo, anns an ùine a chaidh seachad, eadhon nuair a bha Saul na rìgh, bu tusa a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel; agus thubhairt an Tighearna do Dhia riut, Beathaichidh tusa mo shluagh Israel, agus bithidh tu ad cheannard air mo shluagh Israel. Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron; agus rinn Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, a rèir facal an Tighearna, le làimh Shamueil. Agus chaidh Daibhidh agus Israel uile gu Ierusalem (is e sin Iebus ), far an robh na h‑Iebusaich, luchd‐àiteachaidh an fhearainn. Agus thubhairt luchd‐àiteachaidh Iebuis ri Daibhidh, Cha tig thu an seo. Gidheadh, ghlac Daibhidh tùr Shioin; is e sin baile Dhaibhidh. Agus thubhairt Daibhidh, Ge bè a bhuaileas na h‑Iebusaich an toiseach, bidh esan na cheannard agus na uachdaran. Agus chaidh Ioab, mac Sheruiah, suas an toiseach, agus bha e na cheannard. Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an tùr; uime sin thug iad baile Dhaibhidh mar ainm air. Agus thog e am baile mun cuairt, eadhon o Mhilo mun cuairt: agus chuir Ioab suas a‑rìs a’ chuid eile den bhaile. Agus dh’fhàs Daibhidh na bu mhò, agus na bu mhò; oir bha Tighearna nan sluagh leis. Agus is iad seo rogha nan daoine treuna a bha aig Daibhidh, a neartaich iad fhèin leis na rìoghachd, agus le Israel uile, gu rìgh a dhèanamh dheth, a rèir facal an Tighearna mu thimcheall Israeil. Agus is e seo àireamh nan daoine treuna a bha aig Daibhidh; Iasobeam, mac Hachmoni, na cheann air triùir: thog esan a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbhadh leis anns an aon àm. Agus na dhèidh‐san bha Eleàsar, mac Dhodo, an t‑Ahohach: b’aon esan de na trì gaisgich. Bha esan maille ri Daibhidh ann am Pas‐damim, agus an sin bha na Philistich air cruinneachadh an ceann a chèile gu cath; far an robh dail fhearainn làn eòrna; agus theich an sluagh ro na Philistich. Agus shuidhich iadsan iad fhèin am meadhon na dalach sin, agus dhìon iad i, agus mharbh iad na Philistich: agus shaor an Tighearna iad le saorsa mhòir. A‑nis chaidh triùir de na deich‐ceannardan‐fichead sìos don charraig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, gu uaimh Adullaim: agus champaich feachd nam Philisteach ann an gleann Rephaim. Agus bha Daibhidh an sin anns an daingneach; agus bha freiceadan nam Philisteach an sin ann am Betlehem. Agus mhiannaich Daibhidh, agus thubhairt e, O nach tugadh neach dhomh deoch uisge o thobar Bhetlehem, a tha aig a’ gheata! Agus bhris an triùir tro fheachd nam Philisteach, agus tharraing iad uisge à tobar Bhetlehem a bha aig a’ gheata agus ghabh iad e, agus thug iad e gu Daibhidh: ach chan òladh Daibhidh e, ach thaom e a‑mach e don Tighearna. Agus thubhairt e, Nar leigeadh mo Dhia dhomh gun dèanainn an nì seo: an òlainn‐sa fuil nan daoine seo a chuir an anaman ann an cunnart? Oir le cunnart an anaman thug iad leo e: uime sin chan òladh e dheth. Na nithean sin rinn an triùir dhaoine treuna. Agus bha Abisai, bràthair Ioaib, na cheann air triùir: agus thog e a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbh e; agus bha ainm aige am measg thriùir. Den triùir b’e a b’urramaiche na an dithis, agus bha e na cheannard orra: gidheadh, cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir. Mharbh Benaiah, mac Iehoiada, mac duine gaisgeil o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic air là sneachda. Agus mharbh e Eiphiteach, duine de mheudachd mhòir, còig làmhan‐coille air àirde; agus ann an làimh an Eiphitich bha sleagh cosmhail ri garman figheadair: ach chaidh esan sìos da ionnsaigh le luirg, agus spìon e an t‑sleagh à làimh an Eiphitich, agus mharbh e le a shleagh fhèin e. Na nithean sin rinn Benaiah mac Iehoiada, agus bha ainm aige am measg triùir dhaoine treuna. Feuch, den triùir b’e a b’urramaiche, ach cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir: agus chuir Daibhidh e os cionn a fhreiceadain. Mar an ceudna b’iad daoine treuna nan armailt, Asahel bràthair Ioaib, Elhanan mac Dhodo o Bhetlehem, Samot an Harorach, Heles am Pelonach, Ira mac Iceis an Tecoach, Abieser an t‑Anatotach, Sibecai an Husatach, Ilai an t‑Ahohach, Maharari an Netophatach, Heled mac Bhaanah an Netophatach, Itai mac Ribai o Ghibeah chloinn Bheniàmin, Benaiah am Piratonach, Hurai o shruthan Ghaais, Abiel an t‑Arbatach, Asmabhet am Baharumach, Eliabha an Saalbonach. Mic Haseim an Gisonach: Ionatan mac Shage an Hararach, Ahiam mac Shacair an Hararach, Eliphal mac Uir, Hepher am Mecheratach, Ahiah am Pelonach, Hesro an Carmeleach, Naarai mac Esbai, Ioel bràthair Nàtain, Mibchar mac Hageri, Selec an t‑Amonach, Naharai am Berotach, fear‐iomchair arm Ioaib mhic Sheruiah, Ira an t‑Itreach, Gareb, an t‑Itreach, Uriah an Hiteach, Sabad mac Ahlai, Adina mac Shisa an Reubeneach, ceannard de na Reubenich, agus deich‐ar‑fhichead maille ris, Hanan mac Mhaacah, agus Iosaphat am Mitneach, Udsia an t‑Asteratach, Sama agus Iehiel mic Hotaim an t‑Aroerach, Iediael mac Shimri, agus Ioha a bhràthair an Tidseach, Eliel am Mahabhach, agus Ieribai agus Iosabhiah mic Elnaaim, agus Itmah am Mòabach, Eliel, agus Obed, agus Iasiel o Mhesobia. A‑nis is iad seo iadsan a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Siclag, nuair a bha e fhathast ga chumail fhèin a‑staigh air eagal Shauil mhic Chis: agus bha iad am measg nam fear treuna, nan luchd‐cuideachaidh anns a’ chogadh. Bha iad armaichte le boghachan, agus teòma leis an làimh dheis agus chlì air clachan a thilgeadh, agus saighdean a bogha, eadhon de bhràithrean Shauil de Bheniàmin. B’e Ahieser a bu bharraichte dhiubh, an sin Iòas, mic Shemaah an Gibeatach; agus Iesiel agus Pelet, mic Asmabheit; agus Beracha, agus Iehu an t‑Anatotach, Agus Ismaiah an Gibeonach, duine treun am measg an deich‐ar‑fhichead, agus os cionn an deich‐ar‑fhichead; agus Ieremiah, agus Iehasiel, agus Iohanan; agus Iosabad an Gederatach, Elusai, agus Ierimot, agus Bealiah, agus Semariah, agus Sephatiah an Haruphach, Elcanah, agus Iesia, agus Asareel, agus Ioeser, agus Iasobeam, na Corhaich, Agus Ioelah, agus Sebadiah, mic Ierobaim o Ghedor. Agus de na Gadaich chaidh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, don daingneach anns an fhàsach, daoine treuna, fir‐chogaidh iomchaidh a‑chum catha, dom b’aithne sgiath agus targaid a làimhseachadh, aig an robh an gnùisean mar ghnùisean leòmhann, agus iad cho luath ris na h‑èildean air na beanntan; Eser an ciad fhear, Obadiah an dara, Eliab an treasa, Mismanah an ceathramh, Ieremiah an còigeamh, Atal siathamh, Eliel an seachdamh, Iohanan an t‑ochdamh, Elsabad an naoidheamh, Ieremiah an deicheamh, Machbanai an t‑aon‐fhear‐deug. Bha iad sin de mhic Ghad nan ceannardan an t‑slòigh: an t‑aon a bu lugha dhiubh os cionn ceud, agus an t‑aon a bu mhò os cionn mìle. Sin iadsan a chaidh thairis air Iòrdan anns a’ chiad mhìos, nuair a bha sruth a’ cur thairis air a bruachan uile; agus chuir iad an ruaig air muinntir nan gleann uile, a làimh na h‑àird an ear agus na h‑àird an iar. Thàinig mar an ceudna cuid de chloinn Bheniàmin agus Iùdah don daingneach a dh’ionnsaigh Dhaibhidh. Agus chaidh Daibhidh a‑mach nan coinneamh, agus fhreagair e, agus thubhairt e riu, Ma thàinig sibh gu sìochail am ionnsaigh‐sa a chuideachadh leam, bidh mo chridhe leibh le aon rùn: ach ma thàinig sibh a‑chum mo bhrath dom naimhdean, nuair nach eil eucoir air bith am làmhan, gun amhairceadh Dia ar n‑athraichean air a sin, agus gun cronaicheadh e e. An sin thàinig an spiorad air Amasai, am fear a b’inbhiche de na ceannardan, agus thubhairt e, Leatsa tha sinne, a Dhaibhidh, agus air do thaobh, a mhic Iese: sìth, sìth dhut, agus sìth dod luchd‐cuideachaidh: oir tha do Dhia a’ còmhnadh leat. Agus ghabh Daibhidh iad, agus rinn e iad nan ceannardan na buidhne. Agus chaidh cuid de Mhanaseh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh nuair a thàinig e leis na Philistich an aghaidh Shauil gu cath, ach cha do chuidich iad leo; oir, le comhairle, chuir tighearnan nam Philisteach air falbh e, ag ràdh, Le cunnart ar ceann‐ne thèid e thairis a dh’ionnsaigh Shauil a thighearna. Nuair a bha e a’ dol gu Siclag, chaidh thairis da ionnsaigh de Mhanaseh, Adnah, agus Iosabad, agus Iediael, agus Michael, agus Iosabed, agus Elihu, agus Siltai, cinn‐fheadhna nam mìltean a bha de Mhanaseh. Agus chuidich iad le Daibhidh an aghaidh buidheann nan creachadairean: oir bu daoine treuna iad uile, agus bha iad nan ceannardan anns an fheachd. Oir mun àm sin là an dèidh là, thàinig iad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh a chòmhnadh leis, gus an robh feachd mòr ann, mar fheachd Dhè. Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh‐san a rèir facal an Tighearna: Mic Iùdah, a ghiùlain sgiath agus sleagh, sia mìle agus ochd ceud, armaichte a‑chum cogaidh. De mhic Shimeoin, fir threuna gu cogadh, seachd mìle agus ceud. De mhic Lèbhi, ceithir mìle agus sia ceud. Agus Iehoiada, ceannard nan Aaronach, agus maille ris trì mìle agus seachd ceud. Agus Sadoc, òganach ro‑threun, agus de thaigh a athar dà cheannard ar fhichead. Agus de mhic Bheniàmin, luchd‐dàimh Shauil, trì mìle; oir fhathast bha a’ chuid a bu mhò dhiubh nam freiceadan air taigh Shauil. Agus de mhic Ephraim, fichead mìle agus ochd ceud, fir threuna, ainmeil ann an taigh an athraichean. Agus de leth‐threubh Mhanaseh, ochd‐mìle‐deug, a dh’ainmicheadh air an ainmean, gu teachd a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh. Agus de mhic Isachair, aig an robh aithne air na h‑aimsirean, a thuigsinn ciod a bu chòir do Israel a dhèanamh, bu dà cheud an ceannardan; agus am bràithrean uile aig an òrdagh‐san. De Shebulun a mheud is a chaidh a‑mach gu cath, daoine teòma ann an cogadh, le uile innealan cogaidh, deich agus dà‑fhichead mìle, a chuideachadh Dhaibhidh gun cheilg nan cridhe. Agus de Naphtali mìle ceannard, agus maille riùsan, le sgèith agus sleagh, seachd‐mìle‐deug ar fhichead. Agus de na Danaich, teòma ann an cogadh, ochd‐mìle‐fichead agus sia ceud. Agus de Aser, a mheud is a rachadh a‑mach gu cath, teòma ann an cogadh, dà‑fhichead mìle. Agus air an taobh eile de Iòrdan, de na Reubenaich, agus de na Gadaich, agus de leth‐threubh Mhanaseh, le uile innealan cogaidh a‑chum catha, ceud agus fichead mìle. Na fir‐chogaidh sin uile dom b’aithne dol an òrdagh blàir, le cridhe iomlan thàinig iad gu Hebron a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh os cionn Israeil uile: agus mar an ceudna bha a’ chuid eile de Israel gu lèir de aon chridhe a‑chum Daibhidh a dhèanamh na rìgh. Agus bha iad an sin maille ri Daibhidh trì làithean, ag ithe agus ag òl: oir dh’ullaich am bràithrean air an son. A bhàrr air sin, thug iadsan a bha fagas dhaibh, gu ruig Isachar, agus Sebulun, agus Naphtali, aran leo air asail, agus air càmhail, agus air muileidean, agus air daimh, biadh, min, mill fhìgean, agus bagaidean de fhìondhearcan tiormaichte, agus fìon, agus ola, agus daimh, agus caoraich ann am pailteas; oir bha aoibhneas ann an Israel. Agus chuir Daibhidh a chomhairle riùsan a bha os cionn mhìltean agus cheud, ris gach uile cheannard. Agus thubhairt Daibhidh ri uile cho‐chruinneachadh Israeil, Ma chìthear iomchaidh dhuibh, agus gur ann on Tighearna ar Dia a tha a’ chùis, cuireamaid fios a‑mach a dh’ionnsaigh ar bràithrean anns gach àite, a dh’fhàgadh ann an uile thìr Israeil, agus maille riùsan a dh’ionnsaigh nan sagart agus nan Lèbhitheach a tha nam bailtean lem fearann co‑roinn, iad gan cruinneachadh fhèin thugainn. Agus thugamaid a‑rìs àirc ar Dè dar n‑ionnsaigh: oir cha d’fhiosraich sinn dheth ann an làithean Shauil. Agus thubhairt an co‑chruinneachadh gu lèir gum bu chòir sin a dhèanamh; oir bha an nì ceart ann an sùilean an t‑sluaigh uile. Uime sin chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chèile, o Shihor na h‑Eiphit gu dol a‑steach Hamait, a‑chum àirc Dhè a thoirt o Chiriat‐iearim. Agus chaidh Daibhidh suas, agus Israel uile do Bhàalah, eadhon gu Ciriat‐iearim a bhuineadh do Iùdah, a thabhairt leo as a sin àirc Dhè an Tighearna, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban, air an gairmear a ainm. Agus ghiùlain iad àirc Dhè air feun nodha o thaigh Abinadaib, agus dh’iomain Usa agus Ahio am feun. Agus chluich Daibhidh agus Israel uile am fianais Dhè len uile neart, eadhon le laoidhean, agus le clàrsaichean, agus le saltairean, agus le tiompanan, agus le ciombalan, agus le trompaidean. Agus nuair a thàinig iad gu ùrlar‐bualaidh Chidoin, chuir Usa a‑mach a làmh a ghabhail greim den àirc, oir chuir na daimh air chrith i. Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Usa, agus bhuail e e, a chionn gun do chuir e a làmh ris an àirc: agus dh’eug e an sin an làthair Dhè. Agus bha doilgheas air Daibhidh a chionn gun do rinn an Tighearna briseadh air Usa: agus thug e Peres‐usa mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh. Agus bha eagal air Daibhidh ro Dhia air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a bheir mise àirc Dhè dhachaigh am ionnsaigh? Uime sin cha tug Daibhidh an àirc da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh; ach thug e a lethtaobh i gu taigh Obed‐edoim an Giteach. Agus dh’fhan àirc Dhè maille ri teaghlach Obed‐edoim na thaigh trì mìosan. Agus bheannaich an Tighearna taigh Obed‐edoim, agus gach nì a bha aige. A‑nis chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus clachairean, agus saoir, a thogail taighe dha. Agus dh’aithnich Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaicheadh gu mòr a rìoghachd airson a shluaigh Israel. Agus ghabh Daibhidh tuilleadh bhan ann an Ierusalem; agus ghin Daibhidh fhathast mic agus nigheanan. Agus is iad seo ainmean a chloinne a bha aige ann an Ierusalem; Samua, agus Sobab, Nàtan, agas Solamh, Agus Ibhar, agus Elisua, agus Elphalet, Agus Nogah, agus Nepheg, agus Iaphia, Agus Elisama, agus Beeliada, agus Eliphalet. Agus nuair a chuala na Philistich gun d’ungadh Daibhidh na rìgh air Israel uile, thàinig na Philistich gu lèir a‑nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh: agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e a‑mach nan aghaidh. Agus thàinig na Philistich, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim. Agus dh’fhiosraich Daibhidh de Dhia, ag ràdh, An tèid mi suas an aghaidh nam Philisteach, agus an toir thu thairis iad am làimh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Gabh suas, agus bheir mi thairis iad ad làimh. Agus thàinig iad gu Bàal‐perasim; agus bhuail Daibhidh an sin iad. Agus thubhairt Daibhidh, Bhris Dia mo naimhdean o chèile lem làimh‐sa, mar bhriseadh uisgeachan: uime sin thug iad Bàal‐perasim mar ainm air an àite sin. Agus dh’fhàg iad an diathan an sin, agus thug Daibhidh àithne, agus loisgeadh iad le teine. Agus thàinig na Philistich a‑rìs, agus sgaoil iad iad fhèin anns a’ ghleann. Uime sin dh’fhiosraich Daibhidh a‑rìs de Dhia; agus thubhairt Dia ris, Na gabh suas nan dèidh; tionndaidh air falbh uapa, agus thig orra fa chomhair craobhan nan smeur. Agus nuair a chluinneas tu fuaim siubhail ann am barran craobhan nan smeur, an sin thèid thu a‑mach a‑chum catha; oir thèid Dia a‑mach romhad, a bhualadh feachd nam Philisteach. Agus rinn Daibhidh mar a dh’àithn Dia dha: agus bhuail iad feachd nam Philisteach o Ghibeon eadhon gu Gaser. Agus chaidh ainm Dhaibhidh a‑mach do gach tìr, agus thug an Tighearna a eagal‐san air na h‑uile chinnich. Agus rinn Daibhidh dha fhèin taighean ann am baile Dhaibhidh, agus dh’ullaich e àite do àirc Dhè, agus shuidhich e bùth dhi. An sin thubhairt Daibhidh, Cha chòir do neach air bith àirc Dhè iomchar, ach do na Lèbhithich: oir iadsan roghnaich an Tighearna gu àirc Dhè iomchar, agus gu frithealadh dha gu bràth. Agus chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chèile gu Ierusalem, gu àirc an Tighearna a thoirt suas a dh’ionnsaigh a h‑àite, a dh’ullaich e air a son. Agus chruinnich Daibhidh mic Aaroin agus na Lèbhithich: De mhic Chohait: Uriel an ceann, agus a bhràithrean ceud agus fichead. De mhic Mherari: Asaiah an ceann, agus a bhràithrean dà cheud agus fichead. De mhic Ghersoim: Ioel an ceann, agus a bhràithrean ceud agus deich‐ar‑fhichead. De mhic Elisaphain: Semaiah an ceann, agus a bhràithrean dà cheud. De mhic Hebroin: Eliel an ceann, agus a bhràithrean ceithir fichead. De mhic Udsieil: Aminadab an ceann, agus a bhràithrean ceud agus dà‑fhear‐dheug. Agus ghairm Daibhidh air Sadoc agus Abiatar na sagartan, agus air na Lèbhithich, air Uriel, Asaiah agus Ioel, Sedmaiah, agus Eliel, agus Aminadab, Agus thubhairt e riu, Is sibhse cinn athraichean nan Lèbhitheach: naomhaichibh sibh fhèin, sibhse agus ur bràithrean, a‑chum gun toir sibh suas àirc an Tighearna Dia Israeil, a dh’ionnsaigh an àit a dh’ullaich mise dhi: Oir a chionn nach robh sibh a làthair roimhe, rinn an Tighearna ar Dia briseadh oirnn, do bhrìgh nach d’iarr sinn e air mhodh dligheach. Uime sin naomhaich na sagartan agus na Lèbhithich iad fhèin, a thabhairt suas àirc an Tighearna Dia Israeil. Agus ghiùlain mic nan Lèbhitheach àirc Dhè air an guaillean, leis na lunnan orra, mar a dh’àithn Maois a rèir facal an Tighearna. Agus labhair Daibhidh ri uachdarain nan Lèbhitheach, am bràithrean òrdachadh a bhith nan luchd‐ciùil le innealan‐ciùil, saltairean, agus clàrsaichean, agus ciombalan, a’ dèanamh fuaim, a’ togail suas a’ ghutha le aoibhneas. Uime sin dh’òrdaich na Lèbhithich Heman mac Ioeil; agus de a bhràithrean, Asaph mac Bherechiah; agus de mhic Merari am bràithrean, Etan mac Chusaiah: Agus maille riu am bràithrean den dara ceum, Sechariah, Ben, agus Iaasiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, Eliab, agus Benaiah agus Maaseiah, agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed‐edom, agus Ieiel, na dorsairean. Agus bha an luchd‐ciùil, Hemen, Asaph, agus Etan, gu fuaim a dhèanamh le ciombalan umha; Agus Sechariah, agus Asiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, agus Eliab, agus Maaseiah, agus Benaiah, le saltairean air Alamot; Agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed‐edom, agus Ieiel, agus Asasiah, le clàrsaichean air Seminit a thoirt barrachd. Agus bha Cenaniah, uachdaran de na Lèbhithich, fa chomhair na laoidh: sheòl e mu thimcheall na laoidh, a chionn gu robh e eòlach. Ach bha Berechiah agus Elcanah nan dorsairean don àirc. Agus bha Sebaniah, agus Iehosaphat, agus Netaneel, agus Amasai, agus Sechariah, agus Benaiah, agus Elièser na sagartan, a’ sèideadh leis na trompaidean ro àirc Dhè: agus bha Obed‐edom agus Iehiah nan luchd‐gleidhidh doras na h‑àirce. Mar sin chaidh Daibhidh agus seanairean Israeil, agus na ceannardan mhìltean, a thoirt suas àirc coicheangal an Tighearna à taigh Obed‐edoim le aoibhneas. Agus nuair a chuidich Dia leis na Lèbhithich a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, dh’ìobair iad seachd tairbh òga agus seachd reitheachan. Agus bha Daibhidh sgeadaichte le fallaing de anart grinn, agus na Lèbhithich uile a bha a’ giùlan na h‑àirce, agus an luchd‐ciùil, agus Chenaniah, an t‑àrd fhear‐seinn, am measg an luchd‐ciùil: air Daibhidh mar an ceudna bha èphod anairt. Mar seo thug Israel uile suas àirc coicheangal an Tighearna le iolaich, agus le fuaim a’ bhuabhaill, agus le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh co‑sheirm le saltairean agus clàrsaichean. Agus nuair a thàinig àirc coicheangal an Tighearna a‑steach do bhaile Dhaibhidh, bha Michal nighean Shauil ag amharc a‑mach air uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ dannsa agus a’ cluich; agus rinn i tàir air na cridhe. Agus thug iad a‑steach àirc Dhè, agus chuir iad i ann am meadhon a’ bhùtha a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug iad seachad ìobairtean‐loisgte agus ìobairtean‐sìth am fianais Dhè. Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air na h‑ìobairtean‐loisgte a thoirt suas, agus na h‑ìobairtean‐sìth, bheannaich e an sluagh ann an ainm an Tighearna. Agus roinn e air gach aon de Israel, eadar fhir agus mhnathan, do gach aon, buileann arain, agus mìr math feòla, agus cupan fìona. Agus dh’òrdaich e cuid de na Lèbhithich a fhrithealadh ro àirc an Tighearna, agus a chur air chuimhne agus a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna Dia Israeil: Aspah an ceann, agus na dhèidh‐san Sechariah, an sin Ieiel, agus Semiramot, agus Ieheil, agus Matitiah, agus Eliab, agus Benaiah, agus Obed‐edom; agus Ieiel le saltairean agus clàrsaichean; agus Asaph le ciombalan a’ dèanamh fuaim: Benaiah mar an ceudna agus Iahasiel na sagartan, le trompaidean a‑ghnàth ro àirc coicheangal Dhè. An sin air an là sin, thug Daibhidh seachad a’ chiad uair an laoidh mholaidh seo don Tighearna, ann an làimh Asaiph agus a bhràithrean: Molaibh an Tighearna, gairmibh air a ainm, dèanaibh a ghnìomharan aithnichte am measg nan sluagh. Seinnibh dhàsan, seinnibh salm dha, labhraibh air a uile obraichean iongantach‐san. Dèanaibh‐se uaill na ainm naomh: dèanadh cridhe na muinntir a tha ag iarraidh an Tighearna gàirdeachas. Iarraibh an Tighearna agus a neart, iarraibh a ghnùis a‑ghnàth. Cuimhnichibh a obraichean iongantach a rinn e, a chomharraidhean agus breitheanais a bheòil; O sibhse a shliochd Israeil, a òglaich‐san, sibhse a chlann Iàcoib, a dhaoine taghte‐san. Is esan an Tighearna ar Dia‑ne; air feadh na talmhainn uile tha a bhreitheanais‐san. Cuimhnichibh an còmhnaidh a choicheangal, am facal a dh’àithn e do mhìle ginealach; A rinn e ri Abrahàm, agus a mhionnan do Isaac: Agus dhaingnich e sin do Iàcob mar lagh, do Israel mar choicheangal bithbhuan, Ag ràdh, Dhutsa bheir mi fearann Chanàain, crannchur ur n‑oighreachd; Nuair nach robh iad ach ro‑thearc ann an àireamh, agus nan coigrich ann, Agus a chaidh iad o chinneach gu cinneach, agus o rìoghachd gu sluagh eile; Cha do leig e le duine sam bith eucoir a dhèanamh orra; agus smachdaich e rìghrean air an son, Ag ràdh, Na beanaibh rim dhaoine ungte, agus air m’fhàidhean na dèanaibh cron sam bith. Seinnibh don Tighearna, gach uile thìr; foillsichibh o là gu là a shlàinte. Cuiribh a ghlòir an cèill am measg nan cinneach; a obraichean iongantach am measg nan uile shluagh: Oir is mòr an Tighearna, agus ro‑airidh air cliù: agus is adhbhar eagail esan os cionn nan uile dhiathan: Oir is iodhalan uile dhiathan nan cinneach; ach is e an Tighearna a rinn na nèamhan. Tha glòir agus mòralachd na làthair; neart agus subhachas na ionad‐san. Thugaibh don Tighearna, sibhse fhineachan nan sluagh, thugaibh don Tighearna urram agus neart. Thugaibh don Tighearna an t‑urram as cubhaidh da ainm: thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh na làthair; sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd. Biodh eagal oirbh na fhianais‐san, gach uile thìr: daingnichear an domhan leis, air chor is nach gluaisear e. Biodh na nèamhan ait, agus dèanadh an talamh gàirdeachas; agus abradh iad am measg nan cinneach, Tha an Tighearna a’ rìoghachadh. Beucadh an fhairge, agus a làn; dèanadh a’ mhachair gàirdeachas, agus gach nì a tha innte. An sin seinnidh craobhan na coille gu h‑àrd‐ghuthach an làthair an Tighearna, a chionn gu bheil e a’ teachd a thoirt breith air an talamh. Molaibh an Tighearna, oir tha e math; oir gu bràth mairidh a thròcair. Agus abraibh‐se, Tèarainn sinn, O Dhè ar slàinte, agus cruinnich ri chèile sinn, agus saor sinn o na cinnich, a‑chum gun toir sinn moladh dod ainm naomh‐sa, agus gun dèan sinn uaill ann ad chliù. Beannaichte gu robh an Tighearna Dia Israeil gu saoghal nan saoghal. Agus thubhairt an sluagh uile, Amen, agus chliùthaich iad an Tighearna. Agus dh’fhàg e an sin fa chomhair àirc choicheangal an Tighearna, Asaph agus a bhràithrean, a fhrithealadh air beulaibh na h‑àirce an còmhnaidh, mar a dh’iarradh obair gach là: Agus Obed‐edom, agus am bràithrean, ochd agus trì‐fichead: Obed‐edom mar an ceudna, mac Iedutuin, agus Hosah, nan dorsairean: Agus Sadoc an sagart, agus a bhràithrean na sagartan, fa chomhair pàillean an Tighearna, anns an àit àrd a bha ann an Gibeon, A dh’ìobradh ìobairtean‐loisgte don Tighearna air altair na h‑ìobairt‐loisgte a‑ghnàth, anns a’ mhadainn agus anns an fheasgar, agus a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann an lagh an Tighearna, a dh’àithn e do Israel: Agus maille riùsan Heman agus Iedutun, agus a’ chuid eile a thaghadh, a ghairmeadh air an ainmean, a thoirt cliù don Tighearna, a chionn gu bheil a thròcair bithbhuan: Eadhon maille riùsan Heman agus Iedutun le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh fuaim, agus le innealan‐ciùil Dhè: agus bha mic Iedutuin nan dorsairean. Agus dh’fhalbh an sluagh uile, gach duine da thaigh fhèin: agus thill Daibhidh a bheannachadh a thaighe fhèin. A‑nis nuair a bha Daibhidh na shuidhe na thaigh, thubhairt Daibhidh ri Nàtan am fàidh, Feuch, tha mise am chòmhnaidh ann an taigh seudair, ach tha àirc coicheangal an Tighearna fo chùirteanan. Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Dèan gach nì a tha ann ad chridhe; oir tha Dia leat. Agus air an oidhche sin fhèin thàinig facal Dhè gu Nàtan, ag ràdh, Falbh agus innis dom òglach Daibhidh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cha tog thusa taigh dhòmhsa gu còmhnaidh a ghabhail ann: Oir cha do ghabh mise còmhnaidh ann an taigh on là air an tug mi a‑nìos Israel as an Eiphit gus an là‑an‑diugh, ach bha mi o bhùth gu bùth, agus o phàillean gu pàillean. Ge bè taobh a chaidh mi le Israel uile, an do labhair mi facal ri aon de bhritheamhan Israeil (don d’àithn mi mo shluagh a bheathachadh) ag ràdh, Carson nach do thog sibh dhomh taigh seudair? A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mi thu o chrò nan caorach, o leantainn nan caorach, gu bhith ad cheannard air mo shluagh Israel: Agus bha mi leat gach taobh a chaidh thu, agus gheàrr mi as do naimhdean uile romhad, agus rinn mi dhut ainm cosmhail ri ainm nan daoine mòra a tha air an talamh. Agus dh’òrdaich mi àite dom shluagh Israel, agus shuidhich mi iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh nan àite, agus cha ghluaisear iad tuilleadh: cha mhò a chlaoidheas clann na h‑aingidheachd iad tuilleadh, mar an toiseach, Agus on àm anns an d’àithn mi do bhritheamhan a bhith os cionn mo shluaigh Israeil: agus ceannsaichidh mi do naimhdean uile. Mar an ceudna tha mi ag innse dhut gun tog an Tighearna taigh dhut. Agus nuair a choileanar do làithean, agus gur èiginn dhut triall maille rid athraichean, togaidh mise suas do shliochd ad dhèidh, a bhios ded mhic; agus daingnichidh mi a rìoghachd‐san. Togaidh esan taigh dhomh, agus daingnichidh mi a rìgh‐chathair gu bràth. Bidh mi am athair dha, agus bidh esan na mhac dhòmhsa, agus cha toir mi mo thròcair air falbh uaithe, mar a thug mi uaithesan a bha romhadsa. Agus suidhichidh mi e ann am thaigh agus ann am rìoghachd gu bràth: agus bidh a rìgh‐chathair daingeann gu bràth. A rèir nam briathran seo uile, agus a rèir an taisbeanaidh seo uile, mar sin labhair Nàtan ri Daibhidh. An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo? Agus bu bheag seo ad shùilean‐sa, O Dhè, oir labhair thu mar an ceudna mu thaigh do sheirbhisich rè aimsir fhada ri teachd, agus thug thu meas orm a rèir staid duine àrd‐inbhich, a Thighearna Dhè. Ciod tuilleadh as urrainn Daibhidh a ràdh riut, airson urram do sheirbhisich? Ach is aithne dhut do sheirbhiseach. A Thighearna, is ann airson do sheirbhisich agus a rèir do chridhe fhèin a rinn thu na nithean mòra seo uile, a‑chum gun dèanadh tu na nithean mòra seo gu lèir aithnichte. O Thighearna, chan eil neach ann cosmhail riutsa, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan. Agus cia an cinneach air thalamh cosmhail rid shluagh Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha fhèin, a dhèanamh ainme dhut fhèin, a dhèanamh nithean mòra agus uamhasach le cinnich fhògradh rod shluagh, a shaor thu as an Eiphit? Oir rinn thu do shluagh Israel nan sluagh dhut fhèin gu bràth; agus tha thusa, a Thighearna, ad Dhia aca. A‑nis, matà, a Thighearna, am facal a labhair thu mu thimcheall do sheirbhisich, agus mu thimcheall a thaighe, daingnichear e gu bràth, agus dèan mar a thubhairt thu. Biodh e eadhon air a dhaingneachadh, agus àrdaichear d’ainm‐sa gu bràth, ag ràdh, Is e Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, as Dia do Israel: agus biodh taigh Dhaibhidh do sheirbhiseach air a dhaingneachadh ad fhianais. Oir dh’fhoillsich thusa, O mo Dhia, dod sheirbhiseach gun togadh tu taigh dha: uime sin fhuair do sheirbhiseach na chridhe ùrnaigh a dhèanamh ad làthair. Agus a‑nis, a Thighearna, is tu fhèin Dia, agus gheall thu dod sheirbhiseach am maitheas seo. A‑nis uime sin, guma toil leat taigh do sheirbhisich a bheannachadh, a‑chum gum bi e gu bràth ad fhianais: oir nuair a bheannaicheas tusa, a Thighearna, beannaichte bidh e gu bràth. Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad; agus ghlac e Gat agus a bhailtean beaga à làimh nam Philisteach. Agus bhuail e Mòab; agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tabhartasan leo. Agus bhuail Daibhidh Hadareser rìgh Shobah gu ruig Hamat, nuair a chaidh e a dhaingneachadh a thighearnais aig abhainn Euphràtes. Agus thug Daibhidh uaithe mìle carbad, agus seachd mìle marcaiche, agus fichead mìle coisiche: agus gheàrr Daibhidh speirean eich nan carbad uile, ach dh’fhàg e dhiubh dìol ceud carbad. Agus nuair a thàinig Sirianaich Dhamascais a chuideachadh le Hadareser rìgh Shobah, mharbh Daibhidh de na Sirianaich dà‑mìle‐fichead fear. An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascais; agus bha na Sirianaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tabhartasan leo. Agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e. Agus ghabh Daibhidh na sgiathan òir a bha air seirbhisich Hadareseir, agus thug e iad gu Ierusalem. Agus o Thibat agus o Chun, bailtean Hadareseir, thug Daibhidh ro‑mhòran umha, leis an do rinn Solamh an fhairge umha, agus na puist, agus na soithichean umha. Agus nuair a chuala Tou rìgh Hamait gun do bhuail Daibhidh uile shluagh Hadareseir rìgh Shobah, Chuir e Hadoram a mhac gu rìgh Daibhidh, a chur fàilte air, agus ga bheannachadh, a chionn gun do chog e an aghaidh Hadareseir, agus gun do bhuail e e (oir bha Hadareser a’ cogadh ri Tou); agus leis‐san gach uile ghnè shoithichean òir, agus airgid agus umha. Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus an òr a thug e o na cinnich seo uile; o Edom, agus o Mhòab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec. Os bàrr, mharbh Abisai mac Sheruiah de na h‑Edomaich ann an gleann an t‑salainn ochd‐mìle‐deug. Agus chuir e freiceadain ann an Edom; agus bha na h‑Edomaich uile nan seirbhisich aig Daibhidh gach taobh a chaidh e. Agus rìghich Daibhidh air Israel uile; agus bha e a’ cur an gnìomh breitheanais agus ceartais da shluagh uile. Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h‑armailte; agus Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh; Agus Sadoc mac Ahituib, agus Ahimelech mac Abiatair nan sagartan; agus Sabhsa na sgrìobhaiche; Agus Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach, agus nam Peleteach. Agus b’iad mic Dhaibhidh a bu mhò inbhe mu thimcheall an rìgh. Agus an dèidh seo fhuair Nahas rìgh chloinn Amoin bàs, agus rìghich a mhac na àite. Agus thubhairt Daibhidh, Nochdaidh mi coibhneas do Hanun mac Nahais, a chionn gun do nochd a athair‐san coibhneas dhòmhsa. Uime sin chuir Daibhidh teachdairean gu comhfhurtachd a thoirt dha mu thimcheall a athar: agus thàinig seirbhisich Dhaibhidh do fhearann chloinn Amoin gu Hanun, a‑chum comhfhurtachd a thabhairt dha. Ach thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, An saoil thusa gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd‐comhfhurtachd? Nach ann a rannsachadh, agus a ghabhail beachd air an fhearann, agus ga sgrios, a thàinig a sheirbhisich ad ionnsaigh? Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bheàrr e iad, agus gheàrr e an aodach anns a’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad. Agus chaidh daoine, agus dh’innis iad do Dhaibhidh mar a bhuineadh ris na fir; agus chuir esan teachdairean nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh. Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do rinn iad iad fhèin gràineil do Dhaibhidh, chuir Hanun agus clann Amoin mìle tàlann airgid a thuarasdalachadh charbad agus marc‐shluaigh dhaibh à Mesopotamia, agus à Siria‑maachah, agus à Sobah. Agus thuarasdalaich iad dà‑mhìle‐dheug ar fhichead fear, agus carbadan, agus rìgh Mhaachah agus a shluagh; agus thàinig iadsan agus champaich iad fa chomhair Mhedeba. Agus chruinnich clann Amoin iad fhèin an ceann a chèile as am bailtean, agus thàinig iad a‑chum catha. Agus nuair a chuala Daibhidh sin, chuir e a‑mach Ioab, agus uile fheachd nan daoine treuna. Agus thàinig clann Amoin a‑mach, agus chuir iad an cath ann an òrdagh fa chomhair geata a’ bhaile: agus bha na rìghrean a thàinig leo fhèin anns a’ mhachair. Agus nuair a chunnaic Ioab gu robh aghaidh a’ chatha ris air a bheulaibh agus air a chùlaibh, thagh e a‑mach cuid de uile dhaoine taghte Israeil, agus chuir e ann an òrdagh catha iad an aghaidh nan Sirianach. Agus a’ chuid eile den t‑sluagh thug e thairis do làimh Abisai a bhràthair, agus chuir iadsan iad fhèin an òrdagh an aghaidh chloinn Amoin. Agus thubhairt e, Ma bhios na Sirianaich nas treasa na mise, an sin cuidichidh tusa leamsa: ach ma bhios clann Amoin nas treasa na thusa, an sin cuidichidh mise leatsa. Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè: agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean. Agus thàinig Ioab am fagas, agus an sluagh a bha maille ris, an aghaidh nan Sirianach gu cath; agus theich iad roimhe. Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do theich na Sirianaich, theich iadsan mar an ceudna ro Abisai a bhràthair, agus chaidh iad a‑steach don bhaile. An sin thàinig Ioab gu Ierusalem. Agus nuair a chunnaic na Sirianaich gun do bhuaileadh iad ro Israel, chuir iad teachdairean uapa, agus thug iad a‑mach na Sirianaich a bha air an taobh thall den abhainn; agus chaidh Sophach ceannard armailt Hadareseir romhpa. Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chruinnich e Israel uile, agus chaidh e thar Iòrdan, agus thàinig e orra, agus chuir e an cath ann an òrdagh nan aghaidh. Agus nuair a chuir Daibhidh an cath ann an òrdagh an aghaidh nan Sirianach, chog iad ris. Agus theich na Sirianaich ro Israel; agus mharbh Daibhidh de na Sirianaich fir seachd mìle carbad, agus dà‑fhichead mìle coisiche, agus mharbh e Sophach ceannard na h‑armailte. Agus nuair a chunnaic seirbhisich Hadareseir gun do bhuaileadh iad ro Israel, rinn iad sìth ri Daibhidh, agus rinn iad seirbhis dha: agus cha chuidicheadh na Sirianaich le cloinn Amoin tuilleadh. Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cogadh, tharraing Ioab a‑mach neart an airm, agus chuir e fàs dùthaich chloinn Amoin, agus thàinig e agus theannaich e Rabah (ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem); agus bhuail Ioab Rabah, agus sgrios e e. Agus thug Daibhidh crùn an rìgh bhàrr a chinn, agus fhuair e cudthrom tàlainn òir ann, agus bha clachan luachmhor ann; agus chuireadh e air ceann Dhaibhidh; agus thug e a‑mach ro‑mhòran creiche as a’ bhaile. Agus thug e a‑mach an sluagh a bha ann, agus gheàrr e iad le sàibh, agus le innealan‐bualaidh iarainn, agus le tuaghan: agus mar seo bhuin Daibhidh ri uile bhailtean chloinn Amoin. Agus thill Daibhidh agus an sluagh uile gu Ierusalem. Agus na dhèidh seo dh’èirich cogadh ann an Gèser ris na Philistich: an sin bhuail Sibechai an Husatach Sipai a bha de shliochd an fhamhair; agus cheannsaicheadh iad. Agus bha a‑rìs cogadh ris na Philistich, agus bhuail Elhanan mac Iair Lahmi, bràthair Gholiath an Giteach, aig an robh crann a shleagha mar gharman figheadair. Agus bha fhathast cogadh ann an Gat, far an robh fear de mheudachd mhòir, agus sia meòir aige air gach làimh, agus sia air gach cois, ceithir‐ar‑fhichead an àireamh: agus rugadh esan mar an ceudna don fhamhair. Ach nuair a thug e dùbhlan do Israel, mharbh Ionatan mac Shimea, bràthair Dhaibhidh, e. Rugadh iad sin don fhamhair ann an Gat; agus thuit iad le làimh Dhaibhidh, agus le làimh a sheirbhiseach. Agus sheas Sàtan suas an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh gu Israel àireamh. Agus thubhairt Daibhidh ri Ioab, agus ri uachdaran an t‑sluaigh, Rachaibh, àirmhibh Israeil o Bheer‐sèba eadhon gu Dan; agus thugaibh an àireamh am ionnsaigh‐sa, a‑chum gum bi fhios agam air. Agus fhreagair Ioab, Gun dèanadh an Tighearna a shluagh fhèin ceud uair nas lìonmhoire na tha iad. Ach, mo thighearna a rìgh, nach iad seirbhisich mo thighearna iad uile? Carson mas eadh a tha mo thighearna ag iarraidh an nì seo? Carson a bhios e na adhbhar cionta do Israel? Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib: uime sin dh’imich Ioab, agus chaidh e air feadh Israeil uile, agus thàinig e gu Ierusalem. Agus thug Ioab uimhir àireamh an t‑sluaigh do Dhaibhidh: agus bha ann de Israel uile, mìle de mhìltean agus ceud mìle fear a tharraing claidheamh; agus de Iùdah, ceithir cheud agus deich agus trì mìle fear a tharraing claidheamh. Ach Lèbhi agus Beniàmin cha d’àireamh e nam measg; oir bha facal an rìgh gràineil do Ioab. Agus mhì‐thaitinn an nì seo ri Dia; uime sin bhuail e Israel. Agus thubhairt Daibhidh ri Dia, Pheacaich mi gu mòr, a chionn gun do rinn mi an nì seo; ach a‑nis, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich; oir rinn mi gu ro‑amaideach. Agus labhair an Tighearna ri Gad, fear‐seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh, Falbh agus labhair ri Daibhidh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Trì nithean tha mi a’ cur fad chomhair; roghnaich dhut fhèin aon dhiubh, a‑chum gun dèan mi dhut e. Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Gabh do roghainn: Aon chuid trì bliadhna gorta; no a bhith trì mìosan a’ teicheadh rod naimhdean, agus claidheamh do naimhdean a’ breith ort; no trì làithean de chlaidheamh an Tighearna, eadhon den phlàigh, anns an fhearann, agus aingeal an Tighearna a’ sgrios air feadh uile chrìochan Israeil: a‑nis uime sin faic ciod a fhreagras mi dhàsan a chuir uaithe mi. Agus thubhairt Daibhidh ri Gad, Tha mi ann an teinn mhòir: tuiteam a‑nis ann an làimh an Tighearna, oir is ro‑lìonmhor a thròcairean; ach ann an làimh duine na tuiteam. Agus chuir an Tighearna plàigh air Israel; agus thuit de Israel deich agus trì‐fichead mìle fear. Agus chuir Dia aingeal gu Ierusalem, a‑chum a sgrios: agus nuair a bha e a’ sgrios, dh’amhairc an Tighearna, agus ghabh e aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a bha ri sgrios, Is leòr e; cùm a‑nis air do làimh. Agus sheas aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar‐bualaidh Ornain an t‑Iebusach. Agus thog Daibhidh suas a shùilean agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh eadar talamh agus nèamh, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh, sìnte a‑mach os cionn Ierusaleim, agus thuit Daibhidh agus seanairean Israeil, còmhdaichte le sac‐aodach, sìos air an aghaidh. Agus thubhairt Daibhidh ri Dia, Nach mise a dh’àithn an sluagh àireamh? Is mise fhèin a pheacaich, agus a rinn gu ro‑olc; ach na caoraich seo, ciod a rinn iadsan? Biodh do làmh, guidheam ort, a Thighearna mo Dhia, am aghaidh‐sa, agus an aghaidh taigh m’athar; ach an aghaidh do shluaigh na biodh i, gu plàigh a chur orra. An sin dh’àithn aingeal an Tighearna do Ghad a ràdh ri Daibhidh, gun rachadh Daibhidh suas a thogail altarach don Tighearna ann an ùrlar‐bualaidh Ornain an t‑Iebusach. Agus chaidh Daibhidh suas air facal Ghaid, a labhair e ann an ainm an Tighearna. Agus thionndaidh Ornan air ais, agus chunnaic e an t‑aingeal; agus dh’fhalaich a cheathrar mhac, a bha maille ris, iad fhèin. A‑nis bha Ornan a’ bualadh cruithneachd. Agus nuair a thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh Ornain, dh’amhairc Ornan agus chunnaic e Daibhidh, agus chaidh e a‑mach as an ùrlar‐bhualaidh, agus chrom e e fhèin do Dhaibhidh le a aghaidh gu làr. An sin thubhairt Daibhidh ri Ornan, Thoir dhòmhsa àit an ùrlair‐bhualaidh seo, a‑chum gun tog mi altair ann don Tighearna; air a làn luach bheir thu dhomh e, a‑chum gun caisgear a’ phlàigh on t‑sluagh. Agus thubhairt Ornan ri Daibhidh, Gabh thugad e, agus dèanadh mo thighearna an rìgh an nì a tha math na shùilean: feuch, tha mi a’ toirt a’ bhuair dhut a‑chum ìobairtean‐loisgte, agus nan innealan‐bualaidh a‑chum connaidh, agus a’ chruithneachd a‑chum tabhartas‐bìdh; sin uile tha mi a’ toirt dhut. Agus thubhairt rìgh Daibhidh ri Ornan, Chan eadh, ach gu deimhinn ceannaichidh mi iad air an làn luach; oir cha ghabh mi an nì as leatsa gu a thoirt don Tighearna, agus cha toir mi suas ìobairtean‐loisgte gun chostas. Uime sin thug Daibhidh do Ornan air an àite sia ceud secel òir air thomhas. Agus thog Daibhidh an sin altair don Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairtean‐loisgte agus ìobairtean‐sìth, agus ghairm e air an Tighearna; agus fhreagair e e le teine o nèamh air altair na h‑ìobairt‐loisgte. Agus dh’àithn an Tighearna don aingeal; agus chuir e suas a chlaidheamh a‑rìs na thruaill. Anns an àm sin, nuair a chunnaic Daibhidh gun do fhreagair an Tighearna e ann an ùrlar‐bualaidh Ornain an t‑Iebusach, dh’ìobair e an sin: Oir bha pàillean an Tighearna a rinn Maois anns an fhàsach, agus altair na h‑ìobairt‐loisgte, anns an àm sin anns an àit àrd ann an Gibeon. Ach cha b’urrainn Daibhidh dol na làthair, a dh’fhiosrachadh de Dhia; oir bha e fo eagal airson claidheamh aingeal an Tighearna. Agus thubhairt Daibhidh, Is e seo taigh an Tighearna Dia, agus is i seo altair na h‑ìobairt‐loisgte do Israel. Agus dh’àithn Daibhidh na coigrich a bha ann am fearann Israeil a chruinneachadh an ceann a chèile; agus chuir e clachairean a ghearradh chlach snaidhte a thogail taigh Dhè. Agus sholair Daibhidh iarann ann am pailteas a‑chum tàirngean do chòmhlaichean nan geatachan, agus a‑chum nan dlùthadh; agus umha ann am pailteas, gun tomhas; Agus fiodh seudair gun àireamh, oir thug na Sìdonaich agus muinntir Thìruis fiodh seudair ann am pailteas a dh’ionnsaigh Dhaibhidh. Agus thubhairt Daibhidh, Tha Solamh mo mhac òg agus maoth; agus an taigh a tha ri thogail don Tighearna, is còir a dhèanamh mòr agus àrd, a‑chum gum bi e ainmeil, agus na adhbhar uaill air feadh gach uile thìr: uime sin ullaichidh mise fa chomhair. Agus dh’ullaich Daibhidh gu pailt ro a bhàs. Agus ghairm e air Solamh a mhac, agus dh’àithn e dha taigh a thogail don Tighearna Dia Israeil. Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh, A mhic, air mo shon‐sa dheth, bha ann am aire taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia: Ach thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Dhòirt thu mòran fala, agus rinn thu cogaidhean mòra: cha tog thu taigh dom ainm‐sa, a chionn gun do dhòirt thu mòran fala air an talamh am fhianais. Feuch, beirear mac dhut: bidh esan na dhuine foistinneach, agus bheir mise fois dha o a naimhdean uile mun cuairt; oir bidh Solamh mar ainm air, agus sìth agus suaimhneas bheir mise do Israel ra linn‐san. Togaidh esan taigh dom ainm‐sa; agus bidh e na mhac dhomh, agus bidh mise am athair dhàsan: agus daingnichidh mi rìgh‐chathair a rìoghachd os cionn Israeil gu bràth. A‑nis uime sin, a mhic, gu robh an Tighearna maille riut, a‑chum gun soirbhich thu, agus gun tog thu taigh an Tighearna do Dhia, mar a labhair e mud thimcheall. A‑mhàin gun tugadh an Tighearna dhut gliocas agus tuigse, agus gun tugadh e dhut àithne a‑thaobh Israeil, a‑chum gun glèidh thu lagh an Tighearna do Dhia. An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu an aire gun coilean thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh Israeil: bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad; na gabh eagal agus na bi fo uamhann. A‑nis, feuch, ann am theanntachd dh’ullaich mise fa chomhair taigh an Tighearna ceud mìle tàlann òir, agus mìle de mhìltean tàlann airgid, agus de umha agus de iarann gun tomhas (oir tha ro‑phailteas ann): fiodh mar an ceudna agus clachan dh’ullaich mi; ach faodaidh tusa cur riu. Mar an ceudna tha luchd‐obrach am pailteas agad, snaidheadairean agus luchd‐saothrach cloiche agus fiodha, agus gach uile ghnè dhaoine tùrail fa chomhair gach gnè obrach. Air an òr, an airgead, agus an umha, agus an iarann, chan eil àireamh. Eirich agus bi a’ dèanamh, agus gu robh an Tighearna maille riut. Dh’àithn Daibhidh mar an ceudna do uachdarain Israeil gu lèir, iad a chuideachadh le Solamh a mhac, ag ràdh, Nach eil an Tighearna ur Dia maille ribh? Agus nach tug e dhuibh suaimhneas air gach taobh? Oir thug e luchd‐àiteachaidh na tìre am làimh‐sa; agus tha an tìr air a cìosnachadh ron Tighearna, agus ro a shluagh. A‑nis uime sin socraichibh ur cridhe agus ur n‑anam a dh’iarraidh an Tighearna ur Dia: èiribh‐se agus togaibh ionad naomh an Tighearna Dia, a‑chum gun toir sibh a‑steach àirc coicheangal an Tighearna, agus soithichean naomha Dhè, don taigh a tha ra thogail do ainm an Tighearna. A‑nis nuair a bha Daibhidh sean agus làn de làithean, rinn e Solamh a mhac na rìgh air Israel. Agus chruinnich e an ceann a chèile ceannardan Israeil uile, agus na sagartan agus na Lèbhithich. Agus dh’àirmheadh na Lèbhithich o aois deich‐bliadhna‑fichead agus os a chionn: agus b’e an àireamh air an cinn, duine air dhuine, ochd‐mìle‐deug ar fhichead. Dhiubh sin bha ceithir‐mìle‐fichead gu obair taigh an Tighearna a chur air a h‑aghaidh, agus sia mìle nan luchd‐riaghlaidh agus nam britheamhan: Agus ceithir mìle nan dorsairean; agus ceithir mìle a’ cliùthachadh an Tighearna leis na h‑innealan a rinn Daibhidh gu cliùthachadh. Agus roinn Daibhidh iad nan roinnean eadar mic Lèbhi, eadhon Gerson, Cohat, agus Merari. De na Gersonaich: Laadan agus Simei. Mic Laadain: Iehiel an ceann, agus Setam, agus Ioel, triùir. Mic Shimei: Selomit, agus Hasiel, agus Hàran, triùir. B’iad sin cinn athraichean Laadain. Agus mic Shimei: Iahat, Sidsa, agus Ieus, agus Beriah. B’iad sin mic Shimei, ceathrar. Agus b’e Iahat an ceann, agus Sidsa an dara fear: ach cha robh mòran mhac aig Ieus agus Beriah; uime sin bha iad ann an aon àireamh, a rèir taigh an athraichean. Mic Chohait: Amram, Itsar, Hebron, agus Udsiel, ceathrar. Mic Amraim: Aaron agus Maois; agus dhealaicheadh Aaron a‑chum gun naomhaicheadh e na nithean ro‑naomh, e fhèin agus a mhic gu bràth, gun loisgeadh e tùis an làthair an Tighearna, gum frithealadh e dha, agus gum beannaicheadh e a ainm gu bràth. A‑nis mu thimcheall Mhaois, òglach Dhè, bha a mhic air an ainmeachadh de threubh Lèbhi. Mic Mhaois: Gersom agus Elièser. Mic Ghersoim: Sebuel an ceann. Agus b’iad mic Elièseir: Rehabiah an ceann. Agus cha robh aig Elièser mic sam bith eile; ach bha mic Rehabiah ro‑lìonmhor. Mic Itsair: Selomit an ceann. Mic Hebroin: Ieriah an ciad fhear, Amariah an dara, Iahasiel an treasa, agus Iecameam an ceathramh. Mic Udsieil: Micah an ciad fhear, agus Iesiah an dara. Mic Mherari: Machli agus Musi: mic Mhachli; Eleàsar agus Cis. Agus fhuair Eleàsar bàs, agus cha robh mic aige, ach a‑mhàin nigheanan: agus ghabh am bràithrean, mic Chis, iad. Mic Mhusi: Machli, agus Eder, agus Ieremot, triùir. B’iad sin mic Lèbhi, a rèir taigh an athraichean, cinn nan athraichean, mar a dh’àirmheadh iad le àireamh an ainmean air an cinn, a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, o aois fichead bliadhna agus os a chionn. Oir thubhairt Daibhidh, Tha an Tighearna Dia Israeil air toirt fois da shluagh, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann an Ierusalem gu bràth. Agus mar an ceudna a‑thaobh nan Lèbhitheach, cha bhi am pàillean aca nas mò ra iomchar, agus uile shoithichean a sheirbhis. Oir le briathran deireannach Dhaibhidh dh’àirmheadh na Lèbhithich o aois fichead bliadhna agus os a chionn: A chionn gum b’e an dreuchd‐san a bhith fo làimh mic Aaroin, fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna, anns na cùirtean, agus anns na seòmraichean, agus ann an glanadh nan uile nithean naomha, agus ann an obair seirbhis taigh Dhè; Araon fa chomhair an arain thaisbeanta, agus fa chomhair na mine mìne a‑chum tabhartais‐bìdh, agus fa chomhair nam breacagan neo‐ghortaichte, agus fa chomhair nan nithean a dheasaichear anns an aghann agus a ròistear, agus fa chomhair gach uile ghnè tomhais agus meud; Agus a‑chum seasamh gach madainn a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna, agus mar an ceudna mu fheasgar; Agus a‑chum gach ìobairt‐loisgte a thoirt suas don Tighearna, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nuadha, agus air na fèillean suidhichte, ann an àireamh, a rèir na riaghailt a dh’àithneadh dhaibh a‑ghnàth an làthair an Tighearna. Agus a‑chum gun gleidheadh iad cùram pàillean a’ choitheanail, agus cùram an ionaid naoimh, agus cùram mic Aaroin, am bràithrean, ann an seirbhis taigh an Tighearna. Agus is iad seo roinnean mic Aaroin. Mic Aaroin: Nàdab, agus Abihu, Eleàsar, agus Itamar. Ach fhuair Nàdab agus Abihu bàs ron athair, agus cha robh clann aca: uime sin fhritheil Eleàsar agus Itamar ann an dreuchd an t‑sagairt. Agus roinn Daibhidh iad, araon Sadoc de mhic Eleàsair, agus Ahimelech de mhic Itamair, a rèir an àireamh nan seirbhis. Agus fhuaireadh mic Eleàsair na bu lìonmhoire nam prìomh‐dhaoine na mic Itamair; agus mar seo roinneadh iad: De mhic Eleàsair bha sia prìomh‐dhaoine‐deug, a rèir taigh an athraichean; agus de mhic Itamair ochdnar, a rèir taigh an athraichean. Agus roinneadh iad le crannchur, iad seo leo sin; oir bha uachdarain an ionaid naoimh, agus uachdarain nam britheamh, de mhic Eleàsair agus de mhic Itamair. Agus sgrìobh Semaiah mac Netaneeil an sgrìobhaiche, duine de na Lèbhithich, iad, am fianais an rìgh, agus nan uachdaran, agus Shadoic an sagart, agus Ahimeleich mhic Abiatair, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach; aon phrìomh‐thaigh air a ghabhail airson Eleàsair, agus aon air a ghabhail airson Itamair. Agus thàinig a’ chiad chrann a‑mach do Iehoiarib, an dara do Iedaiah, An treasa do Harim, an ceathramh do Sheorim, An còigeamh do Mhalchiah, an siathamh do Mhiamin, An seachdamh do Hacots, an t‑ochdamh do Abiah, An naoidheamh do Iesua, an deicheamh do Shecaniah, An t‑aona‑crann‐deug do Eliasib, an dara‑crann‐deug do Iacim, An treasa‑crann‐deug do Chupah, an ceathramh‐deug do Iesebeab, An còigeamh‐deug do Bhilgah, an siathamh‐deug do Imer, An seachdamh‐deug do Hedsir, an t‑ochdamh‐deug do Apheses, An naoidheamh‐deug do Phetahiah, am ficheadamh do Iehesecel, An t‑aon‐ar‑fhichead do Iachin, an dara‑ar‑fhichead do Ghamul, An treas‐ar‑fhichead do Dhelaiah, an ceathramh‐ar‑fhichead do Mhaasiah. B’e sin an àireamh a rèir an seirbhis a‑chum teachd a‑steach do thaigh an Tighearna, a rèir an gnàtha, fo làimh Aaroin an athair, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil dha. Agus a‑thaobh a’ chuid eile de mhic Lèbhi: de mhic Amraim: Subael: de mhic Shubaeil: Iehdeiah. A‑thaobh Rehabiah: de mhic Rehabiah, an ciad fhear Isiah. De na h‑Itsaraich: Selomot: de mhic Shelomoit: Iahat. Agus mic Hebroin: Ieriah an ciad fhear, Amariah an dara, Iahasiel an treasa, Iecameam an ceathramh. De mhic Udsieil: Michah: de mhic Mhichah; Samir. B’e bràthair Mhichah Isiah: de mhic Isiah: Sechariah. B’iad mic Mherari, Machli agus Musi: mic Iaasiah: Beno. Mic Mherari le Iaasiah: Beno, agus Soham, agus Sachur, agus Ibri. O Mhachli thàinig Eleàsar, aig nach robh mic sam bith. A‑thaobh Chis: mic Chis: Ierahmeel. Agus mic Mhusi: Machli, agus Eder, agus Ierimot. B’iad sin mic nan Lèbhitheach, a rèir taigh an athraichean. Agus chuir iad sin mar an ceudna crannchur fa chomhair am bràithrean mic Aaroin, am fianais Dhaibhidh an rìgh, agus Shadoic, agus Ahimeleich, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach, eadhon cinn nan athraichean fa chomhair am bràithrean a b’òige. Os bàrr, chuir Daibhidh agus ceannardan an t‑sluaigh air leth fa chomhair na seirbhis de mhic Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, daoine a dhèanadh fàidheadaireachd, le clàrsaichean, le saltairean, agus le ciombalan. Agus b’e àireamh an luchd‐frithealaidh, a rèir an seirbhis: De mhic Asaiph: Sachur, agus Iòseph, agus Netaniah, agus Asarelah, mic Asaiph, fo làimh Asaiph, a bha ri fàidheadaireachd a rèir àithne an rìgh. O Iedutun: mic Iedutuin: Gedaliah, agus Seri, agus Iesaiah, agus Simei, agus Hasabiah, agus Matitiah, sianar fo làimh an athar Iedutun, a bha ri fàidheadaireachd le clàrsaich a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna. O Heman: mic Hemain: Buciah, Mataniah, Udsiel, Sebuel, agus Ierimot, Hananiah, Hanani, Eliatah, Gidalti, agus Romamti‐esder, Iosbecasah, Maloti, Hotir, Mahasiot: B’iad sin uile mic Hemain, fear‐seallaidh an rìgh, ann am briathran Dhè, a‑chum an adharc a thogail suas. Agus thug Dia do Heman ceithir‐mic‐dheug agus trì nigheanan. Bha iad seo uile fo làimh an athar, fa chomhair laoidhean taigh Dhè, le ciombalan, saltairean, agus clàrsaichean, a‑chum seirbhis taigh Dhè, fo làimh an rìgh, Asaiph, Hemain, agus Iedutuin. Agus b’e an àireamh maille rim bràithrean, a fhuair ionnsachadh air laoidhean an Tighearna, eadhon iadsan uile a bha tùrail, dà cheud, ceithir‐fichead agus ochdnar. Agus chuir iad crannchur, buidheann an aghaidh buidhne, am beag cho math ris a’ mhòr, an t‑oid‐ionnsachaidh cho math ris an fhòghlamach. Agus thàinig an ciad chrannchur a‑mach air Asaph, do Iòseph; an dara do Ghedaliah, dha fhèin agus da bhràithrean, agus da mhic, dà‑fhear‐dheug: An treasa do Shachur, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An ceathramh do Isri, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An còigeamh do Netaniah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An siathamh do Bhuciah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An seachdamh do Iesarelah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An t‑ochdamh do Iesaiah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An naoidheamh do Mhataniah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An deicheamh do Shimei, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An t‑aon‐deug do Asareel, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An dara‑crannchur‐deug do Hasabiah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An treasa‑deug do Shubael, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An ceathramh deug do Mhatitiah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An còigeamh‐deug do Ierimot, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An siathamh deug do Hananiah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An seachdamh deug do Iosbecasah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An t‑ochdamh deug do Hanani, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An naoidheamh‐deug do Mhaloti, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: Am ficheadamh do Eliatah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An t‑aon‐ar‑fichead do Hotir, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An dara‑ar‑fhichead do Ghidalti, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An treas‐ar‑fichead do Mhahasiot, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug: An ceathramh‐ar‑fhichead do Romamti‐eser, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear‐dheug. A‑thaobh roinnean nan dorsairean: do na Corhaich, Meselemiah mac Chore, de mhic Asaiph. Agus mic Mheselemiah: Sechariah an ciad‐ghin, Iediael an dara, Sebadiah an treasa, Iatniel an ceathramh, Elam an còigeamh, Iehohanan an siathamh, Elioenai an seachdamh. Agus mic Obed‐edoim: Semaiah an ciad‐ghin, Iehosabad an dara, Ioah an treasa, agus Sacar an ceathramh, agus Netaneel an còigeamh, Amiel an siathamh, Isachar an seachdamh, Peultai an t‑ochdamh: oir bheannaich Dia e. Agus do Shemaiah a mhac rugadh mic, a bha a’ riaghladh taigh an athar: oir bu daoine treuna iad. Mic Shemaiah: Otni, agus Rephael, agus Obed, Elsabad: agus bha am bràithrean nan daoine gaisgeil, Elihu agus Semachiah. Iad sin uile de mhic Obed‐edoim: iad fhèin, agus am mic, agus am bràithrean, daoine comasach ann an neart fa chomhair na seirbhis, nan trì‐fichead agus a dhà, o Obed‐edom. Agus bha aig Meselemiah mic agus bràithrean, daoine gaisgeil, ochd‐fir‐dheug. Agus bha aig Hosah, de chloinn Mherari mic; Simri an ceann (oir ged nach b’e an ciad‐ghin, gidheadh rinn a athair e na cheann): Hilciah an dara fear, Tebaliah an treasa, Sechariah an ceathramh: uile mhic agus bhràithrean Hosah trì‐deug. Dhiubh sin bha roinnean nan dorsairean, eadhon de na prìomh‐dhaoine a bha ri faire fa chomhair am bràithrean, gu frithealadh ann an taigh an Tighearna. Agus thilg iad croinn, am beag cho math ris a’ mhòr, a rèir taigh an athraichean, airson gach geata. Agus thuit an crannchur a làimh na h‑àird an ear air Selemiah: agus thilg iad croinn airson a mhic Sechariah, comhairliche glic, agus thàinig a chrannchur‐san a‑mach mu thuath. Do Obed‐edom mu dheas, agus da mhic taigh Asupim. Do Suphim agus do Hosah a làimh na h‑àird an iar, maille ris a’ gheata Salechet, làimh ri cruaidh‐rathad na h‑uchdaich, faire fa chomhair faire. Air an taobh an ear bha sianar Lèbhitheach, air an taobh mu thuath ceathrar gach là, air an taobh mu dheas ceathrar gach là, agus air taobh Asupim dithis agus dithis. Aig Parbar, a làimh na h‑àird an iar, ceathrar aig a’ chruaidh‐rathad, agus dithis aig Parbar. Is iad sin roinnean nan dorsairean de mhic Chore, agus de mhic Mherari. Agus de na Lèbhithich, bha Ahiah os cionn ionmhasan taigh Dhè, agus os cionn ionmhasan nan nithean naomha. A‑thaobh mic Laadain: mic a’ Ghersonaich Laadan, prìomh‐athraichean, eadhon o Laadan an Gersonach bha Iehieli. Mic Iehieli: Setam, agus Ioel a bhràthair, a bha os cionn ionmhasan taigh an Tighearna. De na Hamramaich, de na h‑Idsaraich, de na Hebronaich, agus de na h‑Udsielich. Agus bha Sebuel mac Ghersoim, mhic Mhaois, na àrd‐fhear‐riaghlaidh air na h‑ionmhasan. Agus a bhràithrean le Elièser: Rehabiah a mhac, agus Iesaiah a mhac‐san, agus Ioram a mhac‐san, agus Sichri a mhac‐san, agus Selomit a mhac‐san. B’e Selomit seo agus a bhràithrean, a bha os cionn uile ionmhasan nan nithean coisrigte, a choisrig Daibhidh an rìgh, agus cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus ceannardan an t‑slòigh. As na cathan agus as na creachan choisrig iad tabhartasan a chàradh taigh an Tighearna. Agus gach uile nì a choisrig Samuel am fear‐seallaidh, agus Saul mac Chis, agus Abner mac Neir, agus Ioab mac Sheruiah; agus ge bè neach a choisrig nì air bith, bha sin fo làimh Shelomit agus a bhràithrean. De na h‑Idsaraich, bha Chenaniah agus a mhic fa chomhair nan gnothaichean on leth a‑muigh os cionn Israeil, nan luchd‐riaghlaidh agus nam britheamhan. De na Hebronaich, bha Hasabiah agus a bhràithrean, daoine gaisgeil, mìle agus seachd ceud fear, nan luchd‐riaghlaidh air Israel air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, ann an uile ghnothaichean an Tighearna, agus ann an seirbhis an rìgh. De na Hebronaich, b’e Ieriah ceann nan Hebronach a rèir ginealaichean a athraichean. Anns an dà‑fhicheadamh bliadhna de rìoghachadh Dhaibhidh dh’iarradh iad, agus fhuaireadh nam measg daoine treuna ann an Iaser Ghilead. Agus a bhràithrean, daoine gaisgeil, dà mhìle agus seachd ceud, cinn nan teaghlach: agus rinn Daibhidh iad nan luchd‐riaghlaidh os cionn nan Reubeneach, agus nan Gadach, agus leth‐threubh Mhanaseh, anns gach nì a bhuineadh do Dhia, agus ann an gnothaichean an rìgh. A‑nis bha clann Israeil, a rèir an àireimh, eadhon cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus an luchd‐riaghlaidh, a’ frithealadh don rìgh anns gach cùis a bhuineadh do na roinnean, a bha a’ teachd a‑steach agus a’ dol a‑mach mìos air mhìos air feadh uile mhìosan na bliadhna: anns gach roinn bha ceithir‐mìle‐fichead fear. Os cionn na ciad roinne, fa chomhair a’ chiad mhìos, bha Iasobeam mac Shabdieil: agus na roinn‐san bha ceithir‐mìle‐fichead. De chloinn Pheres bha ceann uile cheannardan an t‑slòigh fa chomhair a’ chiad mhìos. Agus os cionn roinn an dara mìos bha Dodai an t‑Ahohach, agus air a roinn‐san b’e Miclot am fear‐riaghlaidh: agus na roinn‐san mar an ceudna bha ceithir‐mìle‐fichead. B’e treas ceannard an t‑slòigh, fa chomhair an treasa mìos, Benaiah mac Iohoiada, àrd‐shagart: agus na roinn‐san bha ceithir‐mìle‐fichead. Seo am Benaiah ud a bha treun am measg an deich‐ar‑fhichead, agus os cionn an deich‐ar‑fhichead: agus na roinn‐san bha Amisabad a mhac. B’e an ceathramh ceannard, fa chomhair a’ cheathramh mìos, Asahel bràthair Ioaib, agus Sebadiah a mhac na dhèidh: agus na roinn‐san bha ceithir‐mìle‐fichead. B’e an còigeamh ceannard, fa chomhair a’ chòigeamh mìos, Samhut an t‑Israhach: agus na roinn‐san bha ceithir‐mìle‐fichead. B’e an siathamh ceannard, fa chomhair an t‑siathamh mìos, Ira mac Iceis, an Tecòthach: agus na roinn‐san bha ceithir‐mìle‐fichead. B’e an seachdamh ceannard, fa chomhair an t‑seachdamh mìos, Heles am Pelonach de chloinn Ephraim; agus na roinn‐san bha ceithir‐mìle‐fichead. B’e an t‑ochdamh ceannard, fa chomhair an ochdamh mìos, Sibecai an Husatach de na Sarhaich: agus na roinn‐san bha ceithir‐mìle‐fichead. B’e an naoidheamh ceannard, fa chomhair an naoidheamh mìos, Abièser an t‑Anetotach de chloinn Iamin: agus na roinn‐san bha ceithir‐mìle‐fichead. B’e an deicheamh ceannard, fa chomhair an deicheamh mìos, Maharai an Netophatach de na Sarhaich: agus na roinn‐san bha ceithir‐mìle‐fichead. B’e an t‑aon‐cheannard‐deug, fa chomhair an aon‐mhìos‐deug, Benaiah am Piratonach de chloinn Ephraim: agus na roinn‐san bha ceithir‐mìle‐fichead. B’e an dara‑ceannard‐deug, fa chomhair an dara‑mìos‐deug, Heldai an Netophatach o Otniel: agus na roinn‐san bha ceithir‐mìle‐fichead. Os bàrr, os cionn treubhan Israeil: b’e ceannard nan Reubeneach, Elièser mac Shichri: nan Simeonach, Sephatiah mac Mhaachah: Ceannard nan Lèbhitheach, Hasabiah mac Chemueil: ceannard nan Aaronach, Sadoc: Ceannard Iùdah, Elihu aon de bhràithrean Dhaibhidh: ceannard Isachair, Omri mac Mhichaeil: Ceannard Shebuluin, Ismaiah mac Obadiah: ceannard Naphtali, Ierimot mac Asrieil: Ceannard chloinn Ephraim, Hosèa mac Asasiah: ceannard leth‐threubh Mhanaseh Ioel mac Phedaiah: Ceannard leth‐threubh Mhanaseh ann an Gilead, Ido mac Shechariah: ceannard Bheniàmin, Iasiel mac Abneir: Ceannard Dhain, Asareel mac Ierohaim. B’iad sin ceannardan treubhan Israeil. Ach cha do ghabh Daibhidh an àireamh o aois fichead bliadhna agus foidhe; a chionn gun dubhairt an Tighearna gun dèanadh e Israel lìonmhor mar reultan nan nèamh. Thòisich Ioab mac Sheruiah air àireamh, ach cha do chrìochnaich e, a chionn gu robh air a shon seo fearg an aghaidh Israeil; cha mhò a chuireadh sìos an uimhir ann an àireamh eachdraidh rìgh Dhaibhidh. Agus os cionn ionmhasan an rìgh bha Asmabhet mac Adieil: agus os cionn nan taigh‐tasgaidh anns na machraichean, anns na mòr‐bhailtean, agus anns na frith‐bhailtean, agus anns na tùran, bha Iehonatan mac Udsiah. Agus os an cionn‐san a rinn obair na machrach, ann an treabhadh an fhearainn, bha Esri mac Cheluib. Agus os cionn nam fìonlios bha Simei an Ramatach: os cionn toradh nam fìonlios, fa chomhair nam fìon‐thaisgeach, bha Sabdi an Siphmitheach. Agus os cionn nan craobh‐ola agus nan craobh sicomoir a bha anns na còmhnardan ìosal, bha Bàal‐hanan an Gedereach: agus os cionn nan taisgeachan ola bha Iòas. Agus os cionn a’ chruidh a bha air feurach ann an Sàron bha Sitrai an Saronach: agus os cionn a’ chruidh anns na gleanntan bha Saphat mac Adlai. Os cionn nan càmhal mar an ceudna bha Obil an t‑Ismaeleach: agus os cionn nan asal bha Iehdeiah am Meronotach. Agus os cionn nan treud bha Iasis an t‑Hagereach. B’iad sin uile luchd‐riaghlaidh na maoin a bu le rìgh Daibhidh. Mar an ceudna bha Ionatan, bràthair‐athar Dhaibhidh na chomhairleach, na dhuine glic, agus na sgrìobhaiche: agus bha Ieheil mac Hachmoni maille ri mic an rìgh. Agus b’e Ahitophel comhairleach an rìgh, agus Husai an t‑Architheach companach an rìgh. Agus an dèidh Ahitopheil bha Iehoiada mac Bhenaiah, agus Abiatar. Agus b’e Ioab ceannard armailt an rìgh. Agus chruinnich Daibhidh gu Ierusalem uile cheannardan Israeil, ceannardan nan treubh, agus ceannardan nan roinnean a bha a’ frithealadh don rìgh, agus na ceannardan mhìltean, agus na ceannardan cheud, agus an luchd‐riaghlaidh os cionn uile mhaoin agus sprèidh an rìgh agus a mhac, leis an luchd‐dreuchd, agus na daoine cumhachdach, agus na daoine gaisgeil uile. An sin sheas Daibhidh an rìgh suas air a chasan, agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, mo bhràithrean, agus mo shluagh: Bha e agamsa ann am chridhe taigh‐còmhnaidh a thogail do àirc coicheangal an Tighearna, agus do stòl‐chas ar Dè‑ne, agus dh’ullaich mi fa chomhair na h‑obrach: Ach thubhairt Dia rium, Cha tog thu taigh dom ainm‐sa, a chionn gu robh thu ad fhear‐cogaidh, agus gun do dhòirt thu fuil. Gidheadh roghnaich an Tighearna Dia Israeil mi ro uile thaigh m’athar, gu bhith ann am rìgh air Israel gu bràth: oir roghnaich e Iùdah mar fhear‐riaghlaidh, agus à taigh Iùdah, taigh m’athar‐sa, agus am measg mic m’athar bu toigh leis mise a dhèanamh ann am rìgh os cionn Israeil uile. Agus dem mhic uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh ), roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air rìgh‐chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil. Agus thubhairt e riu, Togaidh Solamh do mhac mo thaigh‐sa agus mo lùchairtean; oir thagh mi e gu bhith na mhac agam, agus bidh mise ann am athair aige‐san. Os bàrr, daingnichidh mi a rìoghachd gu bràth, ma bhios esan seasmhach a choileanadh m’àitheantan agus mo bhreitheanais, mar air an là‑an‑diugh. A‑nis uime sin guidheam oirbh ann an sealladh Israeil uile, co‑chruinneachadh an Tighearna, agus ann an èisdeachd ar Dè‑ne, gleidhibh agus iarraibh uile àitheantan an Tighearna ur Dia: a‑chum gun sealbhaich sibh am fearann math seo, agus gum fàg sibh e mar oighreachd dur cloinn nur dèidh gu bràth. Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth. Thoir an aire a‑nis, oir thagh an Tighearna thu gu taigh a thogail don ionad naomh; bi làidir agus dèan e. An sin thug Daibhidh do Sholamh a mhac samhladh an sgàth‐thaighe, agus a thaighean, agus a ionadan‐ionmhais, agus a sheòmraichean uachdarach, agus a sheòmraichean an leth a‑staigh, agus àite na cathair‐thròcair. Agus samhladh nan uile nithean a bha aige na inntinn, a‑thaobh lùchairtean taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile sheòmraichean mun cuairt, a‑thaobh ionadan‐ionmhais taigh Dhè, agus a‑thaobh ionadan‐taisgidh nan nithean coisrigte: Mar an ceudna a‑thaobh roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach, agus a‑thaobh uile obair seirbhis taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile shoithichean‐seirbhis ann an taigh an Tighearna. A‑thaobh òir air chudthrom a‑chum nithean òir, a‑chum uile innealan gach uile ghnè sheirbhis; a‑thaobh airgid a‑chum uile innealan airgid air chudthrom, a‑chum uile innealan gach uile ghnè sheirbhis: Eadhon an cudthrom a‑chum nan coinnleir òir, agus a‑chum an lòchranan òir, air chudthrom a‑chum gach coinnleir agus a lòchranan: a rèir feum gach coinnleir. Agus òr air chudthrom a‑chum bòrd an arain thaisbeanta, a‑chum gach bùird, agus airgead a‑chum nam bòrd airgid: Mar an ceudna òr glan a‑chum nan greimichean feòla, agus nan cuach, agus nan cupan: agus a‑chum nan soitheach‐ionnlaid òir, òr air chudthrom fa chomhair gach soithich‐ionnlaid; agus airgead air chudthrom fa chomhair gach soithich‐ionnlaid airgid: Agus a‑chum altair na tùise òr fìorghlan air chudthrom; agus òr fa chomhair samhladh carbad nan cerub, a sgaoil a‑mach an sgiathan, agus a chòmhdaich àirc coicheangal an Tighearna. Seo uile, arsa Daibhidh, thug an Tighearna orm a thuigsinn ann an sgrìobhadh le a làimh orm, eadhon uile obraichean an t‑samhlaidh seo. Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh a mhac, Bi làidir agus gabh misneach, agus dèan e: na biodh eagal ort, agus na bi fo uamhas, oir bidh an Tighearna Dia, mo Dhia‑sa, leat; chan fhàilnich e ort, cha mhò a thrèigeas e thu, gus an crìochnaich thu an obair uile fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna. Agus, feuch, roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach maille riut a‑chum uile sheirbhis taigh Dhè, agus maille riut a‑chum gach uile ghnè obrach, gach duine toileach tùrail fa chomhair gach uile ghnè sheirbhis; agus na ceannardan agus an sluagh gu h‑iomlan freagarrach dod àitheantan uile. Agus thubhairt Daibhidh an rìgh ris a’ cho‐chruinneachadh uile, Tha Solamh mo mhac den do rinn Dia a‑mhàin roghainn, òg agus maoth, agus tha an obair mòr: oir chan ann airson duine ach airson an Tighearna Dia a tha an lùchairt. A‑nis lem uile neart dh’ullaich mise fa chomhair taigh mo Dhè, an t‑òr a‑chum nithean de òr, agus an t‑airgead a‑chum nithean de airgead, agus an t‑umha a‑chum nithean de umha, agus an t‑iarann a‑chum nithean de iarann, agus am fiodh a‑chum nithean de fhiodh; clachan onics, agus clachan rin cur, clachan loinnreach, agus de iomadh dath, agus gach uile ghnè chlach luachmhor, agus clachan marmoir ann am pailteas. Os bàrr, a chionn gun do shocraich mi m’aigne air taigh mo Dhè, tha agam dem sheilbh àraidh fhèin, de òr agus de airgead a thug mi seachad do thaigh mo Dhè, a bhàrr air na dh’ullaich mi uile fa chomhair an taighe naoimh, Trì mìle tàlann òir, de òr na h‑Ophir, agus seachd mìle tàlann de airgead fìorghlan, a chòmhdachadh ballachan an taighe: An t‑òr fa chomhair nithean de òr, agus an t‑airgead fa chomhair nithean de airgead, agus fa chomhair gach uile ghnè obrach a nìthear le làmhan luchd‐ceàirde. Agus cò a tha toileach air a sheirbhis a choisrigeadh an‑diugh don Tighearna? An sin thug cinn nan athraichean agus uachdarain treubhan Israeil, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, maille ris an luchd‐riaghlaidh os cionn obair an rìgh, tabhartasan uapa gu toileach, Agus thug iad seachad fa chomhair seirbhis taigh Dhè, de òr còig mìle tàlann agus deich mìle darcon, agus de airgead deich mìle tàlann, agus de umha ochd‐mìle‐deug tàlann, agus ceud mìle tàlann iarainn. Agus ge bè aig an d’fhuaireadh clachan luachmhor, thug iad seachad iad do ionmhas taigh an Tighearna, le làimh Iehieil an Gersonach. Agus rinn an sluagh gàirdeachas a chionn gun tug iad uapa gu toileach, a chionn le cridhe iomlan gun tug iad tabhartas uapa gu toileach don Tighearna: agus rinn Daibhidh an rìgh mar an ceudna gàirdeachas le aoibhneas mòr. Air an adhbhar sin bheannaich Daibhidh an Tighearna ann am fianais a’ cho‐chruinneachaidh uile: agus thubhairt Daibhidh, Guma beannaichte thu, a Thighearna Dhia Israeil ar n‑athair, gu saoghal nan saoghal. Is leatsa, O Thighearna, a’ mhòrachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, agus a’ bhuaidh, agus a’ mhòralachd; oir is leat na h‑uile a tha air nèamh agus air talamh: is leat an rìoghachd, O Thighearna, agus tha thu air d’àrdachadh mar cheann thar nan uile. Uatsa tha a’ teachd araon saoibhreas agus urram, agus tha thu a’ rìoghachadh os cionn nan uile, agus ann ad làimh tha cumhachd agus neart; agus ann ad làimh tha e neach a dhèanamh mòr, agus neart a thoirt do gach uile. A‑nis uime sin, ar Dia‑ne, tha sinn a’ toirt buidheachais dhut, agus a’ cliùthachadh d’ainm urramaich. Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut: Oir is coigrich sinne ad fhianais agus luchd‐cuairt, mar ar n‑athraichean uile: mar fhaileas tha ar làithean air thalamh, agus chan eil buanas ann. O Thighearna ar Dia, tha am pailteas seo uile a dh’ullaich sinne a thogail taighe dhut fa chomhair d’ainm naoimh a’ teachd od làimh fhèin, agus is leat fhèin e gu lèir. Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh‐sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa. O Thighearna Dhia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, ar n‑athraichean, glèidh seo gu bràth ann am breithneachadh smuaintean cridhe do shluaigh, agus ullaich an cridhe dhut fhèin; Agus thoir do Sholamh mo mhac cridhe iomlan, a ghleidheadh d’àitheantan, do theisteis, agus do reachdan, agus a dhèanamh nan nithean seo uile, agus a thogail na lùchairt fa chomhair an d’ullaich mise. Agus thubhairt Daibhidh ris a’ cho‐chruinneachadh uile, A‑nis beannaichibh an Tighearna ur Dia. Agus bheannaich an co‑chruinneachadh gu lèir an Tighearna, Dia an athraichean, agus chrom iad sìos an cinn, agus thug iad urram don Tighearna agus don rìgh. Agus dh’ìobair iad ìobairtean don Tighearna, agus thug iad seachad ìobairtean‐loisgte don Tighearna air an là màireach an dèidh an là sin, eadhon mìle tarbh, mìle reithe, agus mìle uan, len tabhartasan‐dibhe, agus ìobairtean ann am pailteas airson Israeil uile; Agus dh’ith agus dh’òl iad an làthair an Tighearna air an là sin le mòr shubhachas; agus rinn iad Solamh mac Dhaibhidh na rìgh an dara uair, agus dh’ung iad e don Tighearna na àrd‐uachdaran, agus Sadoc na shagart. Agus shuidh Solamh ann an cathair rìoghail an Tighearna mar rìgh an àite Dhaibhidh a athair, agus shoirbhich leis, agus bha Israel uile umhail dha. Agus strìochd na h‑uachdarain uile, agus na daoine cumhachdach, agus mar an ceudna uile mhic rìgh Daibhidh, iad fhèin do Sholamh an rìgh. Agus dh’àrdaich an Tighearna Solamh gu ro‑mhòr ann an sealladh Israeil uile, agus thug e mòralachd rìoghail dha nach robh aig rìgh sam bith roimhe ann an Israel. Mar seo rìghich Daibhidh mac Iese os cionn Israeil uile. Agus b’i an ùine a rìghich e os cionn Israeil dà‑fhichead bliadhna: ann an Hebron rìghich e seachd bliadhna, agus ann an Ierusalem rìghich e trì‐bliadhna‑deug ar fhichead. Agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, làn de làithean, de shaoibhreas, agus de urram; agus rìghich Solamh a mhac na àite. A‑nis gnìomharan Dhaibhidh an rìgh, eadar thoiseach agus dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar Shamueil am fear‐seallaidh, agus ann an leabhar Nàtain am fàidh agus ann an leabhar Ghad am fear‐seallaidh, Maille ra rìoghachadh gu lèir, agus a chumhachd, agus na h‑aimsirean a chaidh thairis air, agus thar Israel, agus thar uile rìoghachdan nan dùthchannan. Agus dhaingnicheadh Solamh mac Dhaibhidh na rìoghachd, agus bha an Tighearna a Dhia maille ris, agus dh’àrdaich e e gu mòr. Agus dh’àithn Solamh do Israel uile, do na ceannardan mhìltean agus cheud, agus do na britheamhan, agus do gach uachdaran air Israel uile, cinn nan athraichean. Agus chaidh Solamh agus an coitheanal uile maille ris don àit àrd a bha ann an Gibeon; oir an sin bha pàillean coitheanal Dhè, a rinn Maois, òglach an Tighearna, anns an fhàsach. Ach àirc Dhè thug Daibhidh a‑nìos o Chiriat‐iearim don àit a dh’ullaich Daibhidh dhi; oir shuidhich e pàillean air a son ann an Ierusalem. Mar an ceudna, bha an altair umha, a rinn Besalil mac Uri mhic Huir, an sin fa chomhair pàillean an Tighearna; agus dh’iarr Solamh agus an coitheanal i. Agus chaidh Solamh suas an sin a dh’ionnsaigh na h‑altair umha am fianais an Tighearna, a bha aig pàillean a’ choitheanail, agus dh’ìobair e oirre mìle ìobairt‐loisgte. Air an oidhche sin dh’fhoillsich Dia e fhèin do Sholamh, agus thubhairt e ris, Iarr ciod a bheir mi dhut. Agus thubhairt Solamh ri Dia, Nochd thu do Dhaibhidh m’athair coibhneas mòr, agus rinn thu mise ann am rìgh na àite. A‑nis, a Thighearna Dhè, coileanar do ghealladh do Dhaibhidh m’athair: oir rinn thu mise ann am rìgh air sluagh, lìonmhor mar dhuslach na talmhainn. Thoir dhomh a‑nis gliocas agus eòlas, a‑chum gun tèid mi a‑mach agus gun tig mi a‑steach ron t‑sluagh seo: oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr? Agus thubhairt Dia ri Solamh, A chionn gu robh seo ad chridhe, agus nach d’iarr thu beartas, maoin, no cliù, no anam do naimhdean, agus mar an ceudna nach d’iarr thu saoghal fada; ach gun d’iarr thu dhut fhèin gliocas agus eòlas, leis an tugadh tu breith air mo shluagh‐sa, air an do rinn mi thu ad rìgh: Tha gliocas agus eòlas air an tabhairt dhut, agus bheir mise dhut beartas, agus maoin, agus cliù, air chor is nach robh a leithid aig na rìghrean a bha romhad, agus ad dhèidh nach bi a lethid. Agus thàinig Solamh on àit àrd a bha ann an Gibeon gu Ierusalem, o làthair pàillean a’ choitheanail, agus rìghich e os cionn Israeil. Agus chruinnich Solamh carbadan agus marc‐shluagh: agus bha mìle agus ceithir cheud carbad aige, agus dà‑mhìle‐dheug marcaiche; agus chuir e iad ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem. Agus thug an rìgh air airgead agus air òr a bhith ann an Ierusalem mar na clachan, agus air na croinn seudair thug e a bhith mar na croinn shicomoir a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd. Agus thugadh eich do Sholamh a‑mach as an Eiphit, agus snàth‐lìn: ghabh ceannaichean an rìgh an snàth‐lìn air luach. Agus thàinig iad a‑nìos, agus thug iad a‑mach as an Eiphit carbad air sia ceud secel airgid, agus each air ceud agus leth‐cheud: agus mar sin do uile rìghrean nan Hiteach, agus do rìghrean Shiria, len làimh‐san thugadh a‑mach iad. Agus shònraich Solamh taigh a thogail do ainm an Tighearna, agus taigh da rìoghachd. Agus dh’àireamh Solamh a‑mach deich agus trì‐fichead mìle fear‐iomchair eallach, agus ceithir fichead mìle fear‐gearraidh anns a’ bheinn, agus trì mìle agus sia ceud a shealltainn thairis orra. Agus chuir Solamh teachdaire gu Huram rìgh Thìruis, ag ràdh, Mar a rinn thu ri Daibhidh m’athair, agus a chuir thu da ionnsaigh craobhan seudair a thogail taighe dha gu còmhnaidh a ghabhail ann, dèan riumsa: Feuch, tha mi gu taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, a‑chum a choisrigeadh dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh na fhianais, agus airson an arain thaisbeanta bhith‐bhuain, agus airson ìobairtean‐loisgte air madainn agus air feasgar, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air àrd‐fhèillean an Tighearna ar Dia: gu bràth tha seo ceangailte air Israel. Agus bidh an taigh a thogas mise mòr: oir is mòr ar Dia‑ne os cionn nan uile dhiathan. Ach cò as urrainn taigh a thogail dha, nuair nach cùm na nèamhan, no nèamhan nan nèamh, e? Agus cò mise gun togainn dha taigh, ach a‑mhàin a losgadh ìobairtean na fhianais? A‑nis matà cuir am ionnsaigh duine, teòma air obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, agus ann an umha, agus ann an iarann, agus ann an corcar, agus ann an dearg, agus ann an gorm, agus a tha eòlach air gearradh gu grinn maille ris na daoine ealanta a tha maille riumsa ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem, a sholair Daibhidh m’athair. Cuir am ionnsaigh mar an ceudna craobhan seudair, craobhan giuthais, agus craobhan alguim o Lebanon: oir tha fhios agam gu bheil do sheirbhisich eòlach air fiodh a ghearradh ann an Lebanon: agus, feuch, bidh mo sheirbhisich‐sa maille rid sheirbhisich‐sa, Eadhon a dheasachadh dhomh fiodha ann am pailteas; oir bidh an taigh a tha mise gus a thogail mòr agus iongantach. Agus, feuch, bheir mi dod sheirbhisich, na gearradairean a ghearras fiodh, fichead mìle tomhas de chruithneachd buailte, agus fichead mìle tomhas eòrna, agus fichead mìle bat fìona, agus fichead mìle bat ola. Agus fhreagair Huram rìgh Thìruis ann an sgrìobhadh, a chuir e a dh’ionnsaigh Sholaimh, A chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna da shluagh, rinn e thusa ad rìgh os an cionn. Thubhairt Huram mar an ceudna, Beannaichte gu robh an Tighearna Dia Israeil a rinn nèamh agus talamh, a thug do Dhaibhidh an rìgh mac glic, aig a bheil eòlas agus tuigse, a thogadh taigh don Tighearna, agus taigh da rìoghachd. Agus a‑nis chuir mi ad ionnsaigh duine eòlach, aig a bheil tuigse, a bha aig Huram m’athair; Mac mnà de nigheanan Dhain, agus a athair na dhuine o Thìrus, teòma air obrachadh ann an òr, agus ann an airgead, ann an umha, ann an iarann, ann an cloich, agus ann am fiodh, ann an corcar, ann an gorm, agus ann an anart grinn, agus ann an dearg; agus air gearradh gach gnè gearraidh, agus air dealbhadh gach nì innleachdaich a chuirear fa chomhair, maille rid dhaoine ealanta‑sa, agus daoine ealanta mo thighearna, Daibhidh d’athair. A‑nis air an adhbhar sin an cruithneachd, agus an t‑eòrna, an ola, agus am fìon, air an do labhair mo thighearna, cuireadh e iad a dh’ionnsaigh a sheirbhiseach: Agus gearraidh sinne fiodh à Lebanon, a rèir gach feum a bhios agad; agus bheir sinn ad ionnsaigh e na ràthan air muir gu Iopa; agus bheir thusa suas e gu Ierusalem. Agus dh’àireamh Solamh na coigrich uile a bha ann an tìr Israeil, an dèidh an àireamh leis an d’àireamh Daibhidh a athair iad; agus fhuaireadh ann dhiubh ceud agus leth‐cheud mìle agus trì mìle agus sia ceud. Agus rinn e trì‐fichead agus deich mìle dhiubh nan luchd‐iomchair eallach, agus ceithir‐fichead mìle nan gearradairean anns an t‑sliabh, agus trì mìle agus sia ceud nan luchd‐amhairc‐thairis a thoirt air an t‑sluagh obair a dhèanamh. Agus thòisich Solamh air togail taigh an Tighearna ann an Ierusalem air sliabh Mhoriah, far an d’fhoillsicheadh an Tighearna do Dhaibhidh a athair, anns an àit a dh’ullaich Daibhidh ann an ùrlar‐bualaidh Ornain an t‑Iebusach. Agus thòisich e air togail air an dara mìos, anns a’ cheathramh bliadhna de a rìoghachadh. Agus is iad seo na nithean a shuidhicheadh le Solamh a‑chum taigh Dhè a thogail: am fad ann an làmhan‐coille, a rèir a’ chiad tomhais, trì‐fichead làmh‐choille, agus an leud fichead làmh‐choille. Agus an sgàth‐thaigh a bha air beulaibh an taighe, fichead làmh‐choille a fhad, a rèir leud an taighe, agus ceud agus fichead làmh‐choille a àirde: agus chòmhdaich e thairis e air an taobh a‑staigh le òr fìorghlan. Agus an taigh mòr chòmhdaich e le fiodh giuthais, agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, agus thug e air craobhan‐pailme èirigh suas air, agus slabhraidhean. Agus sgeadaich e an taigh le clachan uasal air sgàth sgèimhe; agus b’e an t‑òr òr Pharbhaim. Agus chòmhdaich e thairis an taigh, na sailthean, na puist, agus a bhallachan, agus a dhorsan, le òr; agus gheàrr e ceruban air na ballachan. Agus rinn e an taigh as ro‑naoimhe: a fhad a rèir leud an taighe, fichead làmh‐choille, agus a leud fichead làmh‐choille: agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, a thàinig gu sia ceud tàlann. Agus b’e cothrom nan tàirngean leth‐cheud secel òr; agus chòmhdaich e thairis na seòmraichean uachdarach le òr. Agus anns an taigh as ro‑naoimhe rinn e dà cherub de obair sho‐ghluaiste, agus chòmhdaich e thairis le òr iad. Agus bha sgiathan nan cerub fichead làmh‐choille air fad: aon sgiath còig làmhan‐coille, a’ ruigheachd gu balla an taighe; agus an sgiath eile còig làmhan‐coille, a’ ruigheachd gu sgiath a’ cheruib eile: Agus sgiath a’ cheruib eile còig làmhan‐coille, a’ ruigheachd gu balla an taighe; agus an sgiath eile còig làmhan‐coille, tàthte ri sgiath a’ cheruib eile. Sgaoil sgiathan nan cerub sin iad fhèin a‑mach fichead làmh‐choille: agus sheas iad air an casan, agus an aghaidhean ris an taobh a‑staigh. Agus rinn e am brat de ghorm, agus de chorcar, agus de dhearg, agus de anart grinn, agus dh’obraich e ceruban air. Agus rinn e air beulaibh an taighe dà phost còig‐lamhan‐coille‐deug ar fhichead air àirde, agus an ceann a bha air mullach gach aoin dhiubh còig làmhan‐coille. Agus rinn e slabhraidhean, mar anns a’ ghuth‐àite, agus chuir e iad air mullach nam post; agus rinn e ceud pomgranat, agus chuir e iad air na slabhraidhean. Agus chuir e suas na puist air beulaibh an teampaill, aon air an làimh dheis, agus aon air an làimh chlì. Agus thug e Iachin mar ainm air a’ phost air an làimh dheis, agus Bòas mar ainm a’ phost air an làimh chlì. Agus rinn e altair umha: fichead làmh‐choille a fad, agus fichead làmh‐choille a leud, agus deich làmhan‐coille a h‑àirde. Agus rinn e muir leaghte, deich làmhan‐coille o bhile gu bile, cruinn mun cuairt, agus còig làmhan‐coille a h‑àirde; agus chuartaich snàthainn deich làmhan‐coille ar fhichead i mun cuairt. Agus foidhpe bha coslas dhamh, a chuartaich i mun cuairt, deich anns an làmh‐choille a’ dol mu thimcheall na mara mun cuairt. Thilgeadh dà shreath dhamh nuair a thilgeadh i fhèin. Sheas i air dà‑dhamh‐dheug, trì ag amharc gu tuath, agus trì ag amharc an iar, agus trì ag amharc gu deas, agus trì ag amharc an ear: agus chuireadh a’ mhuir orra gu h‑àrd, agus bha a’ chuid‐dheiridh dhiubh uile a‑staigh. Agus bha leud boise air tighead innte, agus bha a bile air a dhèanamh mar bhile cupain, le blàthan lilidh: ghabh i agus chùm i trì mìle bat. Agus rinn e deich soithichean‐ionnlaid, agus chuir e còig dhiubh air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì, a dh’ionnlad annta: nithean na h‑ìobairt‐loisgte nigh iad annta; ach bha a’ mhuir airson nan sagart, a dh’ionnlad innte. Agus rinn e deich coinnleirean òir, a rèir an cumaidh, agus chuir e iad anns an teampall, còig air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì. Agus rinn e deich bùird, agus chuir e iad anns an teampall, còig air an làimh dheis, agus còig air an làimh chlì: agus rinn e ceud cuach òir. Agus rinn e cùirt nan sagart, agus a’ chùirt mhòr, agus dorsan airson na cùirte, agus chòmhdaich e an dorsan thairis le umha. Agus chuir e a’ mhuir air an taobh deas den cheann an ear, fa chomhair na h‑àird a deas. Agus rinn Huram na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan; agus chuir Huram crìoch air dèanamh na h‑obrach a rinn e do rìgh Solamh ann an taigh Dhè: Eadhon an dà phost, agus na cuairtean, agus na cinn a bha air mullach an dà phuist, agus an dà lìon‐obair a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann a bha air mullach nam post: Agus ceithir cheud pomgranat don dà lìon‐obair; dà shreath phomgranat do gach lìon‐obair, a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann, a bha air na puist. Agus rinn e buinn, agus rinn e soithichean‐ionnlaid air na buinn: Aon mhuir, agus dà‑dhamh‐dheug foidhpe: Agus na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na greimichean feòla, agus an uidheam uile, rinn Huram do rìgh Solamh ann an taigh an Tighearna de umha lìomhte. Ann an còmhnard Iòrdain thilg an rìgh iad, anns an talamh chreadha eadar Sucot agus Seredatah. Agus rinn Solamh an t‑uidheam seo uile ann am mòr‐phailteas: oir cha robh e comasach cudthrom an umha fhaghail a‑mach. Agus rinn Solamh an t‑uidheam uile a bhuineadh do thaigh Dhè, agus an altair òir, agus na bùird air an robh aran na fianais; Agus na coinnleirean maille rin lòchrain a‑chum gun loisgeadh iad a rèir a’ ghnàtha air beulaibh a’ ghuth‐àite, de òr fìorghlan; Agus na blàthan, agus na lòchrain, agus na clobhachan, de òr, eadhon den òr a bu ghlaine; Agus na smàladairean; agus na cuachan, agus na spàinean, agus na tùiseirean, de òr fìorghlan; Agus dol a‑steach an taighe, a dhorsan a b’fhaide a‑staigh aig an ionad as ro‑naoimhe, agus dorsan taigh an teampaill de òr. Agus chrìochnaicheadh an obair uile a rinn Solamh airson taigh an Tighearna: agus thug Solamh a‑steach nithean naomhaichte Dhaibhidh a athair: an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na h‑innealan uile, chuir e am measg ionmhasan taigh Dhè. An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan athraichean chloinn Israeil, gu Ierusalem, a‑chum gun tugadh iad a‑nìos àirc coicheangal an Tighearna à baile Dhaibhidh, as e Sion. Agus chruinnich fir Israeil uile iad fhèin a dh’ionnsaigh an rìgh air an fhèill, ann am mìos Etanim, is e sin an seachdamh mìos. Agus thàinig uile sheanairean Israeil; agus thog na Lèbhithich an àirc. Agus thug iad suas an àirc, agus pàillean a’ choitheanail, agus na soithichean naomha uile a bha anns a’ phàillean: thug na sagartan agus na Lèbhithich iad sin suas. Agus dh’ìobair rìgh Solamh, agus coitheanal Israeil uile a chruinnich da ionnsaigh ron àirc, caoraich agus crodh, nach robh e an comas àireamh no a mheas, a‑thaobh lìonmhorachd. Agus thug na sagartan a‑steach àirc coicheangal an Tighearna da h‑àite fhèin, do ghuth‐àit an taighe, don ionad as ro‑naoimhe, eadhon fo sgiathan nan cerub: Oir sgaoil na ceruban a‑mach an sgiathan os cionn àite na h‑àirce, agus chòmhdaich na ceruban an àirc agus a lunnan gu h‑àrd. Agus tharraing iad a‑mach na lunnan, air chor is gum faicte cinn nan lunn on àirc fa chomhair a’ ghuth‐àite; ach chan fhaicte a‑muigh iad: agus tha iad an sin gus an là‑an‑diugh. Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh as an Eiphit. Agus nuair a thàinig na sagartan a‑mach as an ionad naomh (oir naomhaicheadh na sagartan uile a bha an làthair: cha robh iad a’ feitheamh anns an àm sin a rèir an roinnean: An sin bha na Lèbhithich, an luchd‐seinn, agus iad uile de chloinn Asaiph, Hemain, agus Iedutuin, maille rim mic agus am bràithrean, air dhaibh a bhith air an sgeadachadh ann an lìon‐aodach geal, le ciombalan, agus le saltairean, agus le clàrsaichean, nan seasamh aig a’ cheann an ear den altair, agus maille riu ceud agus fichead sagart a’ dèanamh fuaim le trompaidean ); Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan‐ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna. Agus cha b’urrainn na sagartan seasamh a fhrithealadh air sgàth an neòil: oir lìon glòir an Tighearna taigh Dhè. An sin thubhairt Solamh, Thubhairt an Tighearna gun gabhadh e còmhnaidh ann an dorchadas tiugh. Ach thog mise taigh‐còmhnaidh dhut, agus àite a‑chum thu a dh’fhantainn ann gu bràth. Agus thionndaidh an rìgh a aghaidh, agus bheannaich e uile choitheanal Israeil (agus uile choitheanal Israeil nan seasamh ), Agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a choilean le a làimh na labhair e le a bheul rim athair Daibhidh, ag ràdh, On là air an tug mi mo shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israeil a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin, agus cha do thagh mi duine sam bith gu bhith na uachdaran os cionn mo shluaigh Israel. Ach a‑nis thagh mi Ierusalem, a‑chum gum biodh m’ainm an sin; agus thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel. Agus bha e ann an cridhe Dhaibhidh m’athair taigh a thogail do ainm an Tighearna Dia Israeil. Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh m’athair, A chionn gu robh e ann ad chridhe taigh a thogail dom ainm‐sa, is math a rinn thu gu robh e ann ad chridhe: Gidheadh, cha tog thusa an taigh, ach do mhac a thig a‑mach as do leasraidh, togaidh esan an taigh dom ainm‐sa. Agus choilean an Tighearna a fhacal a labhair e, agus dh’èirich mise suas an àite Dhaibhidh m’athair, agus tha mi am shuidhe air rìgh‐chathair Israeil, mar a labhair an Tighearna, agus thog mi an taigh do ainm an Tighearna Dia Israeil: Agus shuidhich mi an sin an àirc, anns a bheil coicheangal an Tighearna, a rinn e ri cloinn Israeil. Agus sheas e ro altair an Tighearna, an làthair uile choitheanail Israeil, agus sgaoil e a‑mach a làmhan: (Oir rinn Solamh bonn umha, agus chuir e e ann am meadhon na cùirte, còig làmhan‐coille air fad, agus còig làmhan‐coille air leud, agus trì làmhan‐coille air àirde; agus sheas e air, agus leig e e fhèin air a ghlùinean an làthair coitheanal Israeil uile, agus sgaoil e a‑mach a làmhan gu nèamh), Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Israeil, chan eil Dia ann cosmhail riutsa anns na nèamhan, no air an talamh, a chumas coicheangal agus tròcair rid sheirbhisich, a ghluaiseas ad fhianais len uile chridhe: A chùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris; oir labhair thu led bheul, agus led làimh choilean thu, mar air an là‑an‑diugh. A‑nis uime sin, a Thighearna Dhè Israeil, cùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort am fhianais‐sa, a shuidheas air rìgh‐chathair Israeil, ma choimheadas a‑mhàin do chlann an slighe, a’ gluasad ann am lagh, mar a ghluais thusa am fhianais. Agus a‑nis, a Thighearna Dhè Israeil, daingnichear d’fhacal a labhair thu rid òglach Daibhidh. Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh maille ri daoine air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia as ro‑lugha na sin an taigh seo a thog mise? Gidheadh, amhairc air ùrnaigh do sheirbhisich, agus air a athchuinge, a Thighearna mo Dhia, a dh’èisdeachd ris a’ ghlaodh agus ris an ùrnaigh a tha do sheirbhiseach a’ dèanamh ad fhianais; A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ris an taigh seo a dh’oidhche agus a là, eadhon ris an àite mun dubhairt thu gun cuireadh tu d’ainm an sin, a dh’èisdeachd ris an ùrnaigh a nì do sheirbhiseach a dh’ionnsaigh an àite seo. Eisd air an adhbhar sin ri athchuinge do sheirbhisich, agus do sluaigh Israeil, nuair a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo; agus èisd thusa od àite‐còmhnaidh, o na nèamhan; agus nuair a dh’èisdeas tu, maith dhaibh. Ma pheacaicheas duine an aghaidh a choimhearsnaich, agus ma dh’iarras e mionnan air, a’ toirt air mionnachadh, agus gun tig na mionnan an làthair d’altarach anns an taigh seo; An sin èisd thusa o na nèamhan, agus dèan, agus thoir breith air do sheirbhisich, ag ìocadh don aingidh, a’ toirt a shlighe air a cheann fhèin; agus a’ fìreanachadh an fhìrein, a’ tabhairt dha a rèir a fhìreantachd. Agus ma bhuailear do shluagh Israel an làthair an nàmhaid, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh, agus ma thilleas iad agus gun aidich iad d’ainm, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun guidh iad ad làthair anns an taigh seo; An sin èisd thusa o na nèamhan, agus maith peacadh do shluaigh Israel, agus thoir a‑rìs iad don fhearann a thug thu dhaibh fhèin agus dan athraichean. Nuair a dhruidear na nèamhan, agus nach bi uisge ann, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh‐sa, agus a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo, agus a dh’aidicheas iad d’ainm, agus a dh’iompaichear iad o am peacadh, nuair a chuireas tu fo àmhghar iad; An sin èisd thusa o na nèamhan, agus maith peacadh do sheirbhiseach, agus do shluaigh Israel, a‑chum gun teagaisg thu dhaibh an t‑slighe mhath air an còir dhaibh gluasad, agus gun cuir thu uisge air an fhearann a thug thu dod shluagh mar oighreachd. Nuair a bhios gorta anns an tìr, nuair a bhios plàigh ann, nuair a bhios seargadh ann, no fuar‐dhealt, lòcast, no burrais; nuair a theannaicheas a nàmhaid e ann an tìr a bhailtean, ciod air bith plàigh, agus ciod air bith easlaint a bhios ann; Ge bè ùrnaigh, ge bè athchuinge a chuirear suas le duine sam bith, no led shluagh Israel uile, nuair a bhios fhios aig gach aon air a phlàigh fhèin, agus a dhoilgheas fhèin, agus a sgaoileas e a‑mach a làmhan a dh’ionnsaigh an taighe seo; An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite‐còmhnaidh, agus maith, agus thoir do gach duine a rèir a shlighean uile, a tha fhios agad air a chridhe (oir is ann agadsa, agadsa a‑mhàin, a tha fhios air cridheachan clann nan daoine); A‑chum gum bi eagal orra romhadsa, a ghluasad ann ad shlighean rè an làithean uile a bhios iad beò anns an tìr a thug thu dar n‑athraichean. Os bàrr, a‑thaobh a’ choigrich, nach eil ded shluagh Israel, ach a thig à tìr chèin air sgàth do mhòr‐ainme‐sa, agus do làimhe làidir, agus do ghàirdein sìnte a‑mach, agus a thig agus a nì ùrnaigh anns an taigh seo; An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite‐còmhnaidh, agus dèan a rèir nan uile nithean mun glaodh an coigreach riut; a‑chum gum bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air d’ainm, agus gum bi eagal orra romhad, mar a tha air do shluagh Israel, agus gum bi fhios aca gun goirear d’ainm‐sa air an taigh seo a thog mise. Nuair a thèid do shluagh a‑mach a chogadh an aghaidh an naimhdean air an t‑slighe air an cuir thu iad, agus a nì iad ùrnaigh riut a làimh a’ bhaile seo a roghnaich thusa, agus an taighe a thog mise dod ainm; An sin èisd thusa o na nèamhan rin ùrnaigh agus rin athchuinge, agus cùm ceartas riu. Nuair a pheacaicheas iad ad aghaidh (oir chan eil duine ann nach peacaich ), agus a lasas d’fhearg nan aghaidh, agus a bheir thu thairis iad dan naimhdean, agus a bheir iad leo nam braighdean iad do thìr am fad no am fagas; Gidheadh ma thig iad gu inntinn cheirt anns an tìr don tugadh nam braighdean iad, agus ma dh’iompaichear iad, agus ma nì iad ùrnaigh riut ann an tìr am braighdeanais, ag ràdh, Pheacaich sinn, rinn sinn gu h‑eucorach, agus rinn sinn gu h‑aingidh; Ma thilleas iad ad ionnsaigh‐sa len uile chridhe, agus len uile anam, ann an tìr am braighdeanais, don tugadh iad nam braighdean, agus ma nì iad ùrnaigh a làimh an tìre fhèin a thug thu dan athraichean, agus a làimh a’ bhaile a roghnaich thu, agus a làimh an taighe a thog mise dod ainm; An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite‐còmhnaidh, rin ùrnaigh agus rin athchuinge, agus cùm ceartas riu, agus maith dod sluagh a pheacaich ad aghaidh. A‑nis, mo Dhia, biodh, guidheam ort, do shùilean fosgailte, agus thugadh do chluasan an aire do ùrnaigh an àite seo. Ach a‑nis èirich thusa, a Thighearna Dhè, dod àite‐suaimhneis, thu fhèin, agus àirc do neirt. Biodh do shagartan, a Thighearna Dhè, air an sgeadachadh le slàinte, agus dèanadh do naoimh gàirdeachas ann am maitheas. A Thighearna Dhè, na tionndaidh air falbh gnùis d’aoin ungte: cuimhnich tròcairean Dhaibhidh do sheirbhiseach. Agus nuair a chuir Solamh crìoch air ùrnaigh a dhèanamh, thàinig an teine a‑nuas o nèamh, agus loisg e suas an tabhartas‐loisgte agus na h‑ìobairtean; agus lìon glòir an Tighearna an taigh. Agus cha b’urrainn na sagartan dol a‑steach do thaigh an Tighearna, a chionn gun do lìon glòir an Tighearna taigh an Tighearna. Agus nuair a chunnaic clann Israeil uile mar a thàinig an teine a‑nuas, agus glòir an Tighearna, air an taigh, chrom iad iad fhèin len aghaidhean a‑chum na talmhainn air an ùrlar, agus rinn iad adhradh, agus mhol iad an Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair gu bràth. An sin dh’ìobair an rìgh agus an sluagh uile ìobairtean am fianais an Tighearna. Agus dh’ìobair rìgh Solamh mar ìobairt dà‑mhìle‐fichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: agus choisrig an rìgh agus an sluagh uile taigh Dhè. Agus dh’fheith na sagartan air an dreuchd; na Lèbhithich mar an ceudna le innealan‐ciùil an Tighearna, a rinn Daibhidh an rìgh a mholadh an Tighearna, a chionn gum mair a thròcair gu bràth, nuair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh len làimh‐san: agus shèid na sagartan trompaidean romhpa, agus sheas Israel uile. Agus naomhaich Solamh meadhon na cùirte a bha fa chomhair taigh an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairtean‐loisgte, agus saill nan tabhartas‐sìthe, a chionn nach b’urrainn an altair umha a rinn Solamh na h‑ìobairtean‐loisgte, agus na tabhartasan‐bìdh, agus an t‑saill, a ghabhail. Agus chùm Solamh anns an àm sin an fhèill seachd làithean, agus Israel uile maille ris, co‑chruinneachadh ro‑mhòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit. Agus air an ochdamh là chùm iad àrd‐choitheanal; oir chùm iad coisrigeadh na h‑altarach seachd làithean, agus an fhèill seachd làithean. Agus air an treas‐là‑fichead den t‑seachdamh mìos leig e an sluagh air falbh dam bùthan, aoibhinn agus subhach nan cridhe airson a’ mhaitheis a nochd an Tighearna do Dhaibhidh, agus do Sholamh, agus do Israel a shluagh. Agus chrìochnaich Solamh taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh; agus gach nì a thàinig ann an cridhe Sholaimh a dhèanamh ann an taigh an Tighearna, agus na thaigh fhèin, shoirbhich leis na dhèanamh. Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Sholamh anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Chuala mi d’ùrnaigh, agus thagh mi an t‑àite seo dhomh fhèin airson taigh ìobairte. Ma dhruideas mi na nèamhan, agus nach bi uisge ann, no ma dh’àithneas mi do na lòcaist am fearann ithe suas, no ma chuireas mi plàigh am measg mo shluaigh; Ma dh’irioslaicheas mo shluagh, air an goirear m’ainm, iad fhèin, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun iarr iad mo ghnùis, agus gun till iad on droch shlighean, an sin cluinnidh mise o na nèamhan, agus maithidh mi am peacadh, agus lèighsidh mi am fearann. A‑nis bidh mo shùilean fosgailte, agus bheir mo chluasan an aire do ùrnaigh an àite seo: Oir a‑nis thagh mi agus naomhaich mi an taigh seo, a‑chum gum bi m’ainm an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là. Agus ma ghluaiseas tusa ann am fhianais mar a ghluais Daibhidh d’athair, agus ma nì thu a rèir gach nì a dh’àithn mi dhut, agus gun glèidh thu mo reachdan agus mo bhreitheanais: An sin daingnichidh mise rìgh‐chathair do rìoghachd, mar a rinn mi coicheangal ri Daibhidh d’athair, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort gu bhith na uachdaran ann an Israel. Ach ma thionndaidheas sibh uam, agus gun trèig sibh mo reachdan agus m’àitheantan a chuir mi romhaibh, agus gun tèid sibh agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun sleuchd sibh dhaibh: An sin spìonaidh mise sibh as m’fhearann a thug mi dhuibh; agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm, tilgidh mi as mo shealladh, agus nì mi e na shamhladh agus na leth‐fhacal am measg nan uile chinneach. Agus an taigh seo a bha cho àrd, bidh iongantas air gach neach a thèid seachad air, agus their e, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo? Agus freagrar, A chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, agus gun do ghabh iad dan ionnsaigh diathan eile, agus gun do shleuchd iad dhaibh, agus gun do rinn iad seirbhis dhaibh; uime sin thug e an t‑olc seo uile orra. Agus thàrladh an ceann fichead bliadhna, anns an do thog Solamh taigh an Tighearna agus a thaigh fhèin, Na bailtean a thug Huram do Sholamh, gun do thog Solamh iad, agus thug e air cloinn Israeil còmhnaidh a ghabhail an sin. Agus chaidh Solamh gu Hamat‐sobah, agus thug e buaidh air. Agus thog e Tadmor anns an fhàsach, agus na bailtean‐ionmhais uile a thog e ann an Hamat. Mar an ceudna thog e Bet‐horon uachdarach, agus Bet‐horon ìochdarach, bailtean daingnichte, le ballachan, geatachan, agus croinn: Agus Bàalat, agus na h‑uile bhailtean‐ionmhais a bha aig Solamh, agus uile bhailtean nan carbad, agus bailtean a’ mharc‐shluaigh, agus uile mhiann Sholaimh a mhiannaich e a thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an uile thìr a thighearnais. A‑thaobh an t‑sluaigh uile a dh’fhàgadh de na Hitich, agus de na h‑Amoraich, agus de na Peridsich, agus de na Hibhich, agus de na h‑Iebusaich, nach robh de Israel, Den cloinn a dh’fhàgadh nan dèidh anns an tìr, nach do sgrios clann Israeil, dhiubhsan thog Solamh cìs gus an là‑an‑diugh. Ach de chloinn Israeil cha do rinn Solamh tràill sam bith airson a obrach; oir bha iad nam fir‐chogaidh, agus nan uachdarain, agus nan ceannardan aige, agus nam fir‐riaghlaidh a charbad agus a mharc‐shluaigh. Agus b’iad seo uachdarain an luchd‐dreuchd a bha aig rìgh Solamh, dà cheud agus leth‐cheud a riaghail os cionn an t‑sluaigh. Agus thug Solamh suas nighean Phàraoh à baile Dhaibhidh a dh’ionnsaigh an taighe a thog e dhi: oir thubhairt e, Cha ghabh mo bhean‐sa còmhnaidh ann an taigh Dhaibhidh rìgh Israeil; oir is naomh na h‑àitean don tàinig àirc an Tighearna a‑steach. An sin dh’ìobair Solamh ìobairtean‐loisgte don Tighearna, air altair an Tighearna, a thog e fa chomhair an sgàth‐thaighe; A dhlighe fhèin air gach là, agus ìobradh a rèir àithne Mhaois, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air na fèillean sònraichte, trì uairean anns a’ bhliadhna, air fèill an arain neo‐ghortaichte, agus air fèill nan seachdain, agus air fèill nam pàillean. Agus shuidhich e, a rèir riaghailt Dhaibhidh a athair, roinnean nan sagart a‑chum an seirbhis, agus na Lèbhithich a‑chum an cùraim, a mholadh agus a fhrithealadh am fianais nan sagart, a rèir dlighe gach là; agus na dorsairean a rèir an roinnean aig gach geata: oir mar sin dh’àithn Daibhidh, òglach Dhè. Agus cha do chlaon iad o àithne an rìgh mu na sagartan agus na Lèbhithich, a‑thaobh nì air bith, no a‑thaobh nan ionmhas. Agus dheasaicheadh obair Sholaimh uile gu ruig an là anns an do leagadh bunait taigh an Tighearna, agus gus an do chrìochnaicheadh e. Mar sin rinneadh taigh an Tighearna gu h‑iomlan. An sin chaidh Solamh gu Esion‐geber, agus gu Elot, air taobh na mara ann an tìr Edoim. Agus chuir Huram da ionnsaigh le làimh a sheirbhiseach longan, agus seirbhisich aig an robh eòlas na fairge; agus chaidh iad maille ri seirbhisich Sholaimh gu Ophir, agus thug iad as a sin ceithir cheud agus leth‐cheud tàlann òir, agus thug iad gu rìgh Solamh iad. Agus nuair a chuala bànrighinn Shèba cliù Sholaimh, thàinig i a dhearbhadh Sholaimh le ceistean cruaidhe gu Ierusalem, le cuideachd ro‑mhòir, agus le càmhail a’ giùlan spìosraidh agus òir ann am pailteas, agus chlachan luachmhor: agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh Sholaimh, labhair i ris gach nì a bha na cridhe. Agus fhreagair Solamh dhi a ceistean uile; agus cha robh nì air bith am falach air Solamh nach d’innis e dhi. Agus nuair a chunnaic bànrighinn Shèba gliocas Sholaimh, agus an taigh a thog e, Agus biadh a bhùird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd‐frithealaidh agus an trusgan, agus a ghillean‐cupain agus an trusgan, agus a dhol‐suas air an deachaidh e suas gu taigh an Tighearna, cha robh spiorad innte nas mò. Agus thubhairt i ris an rìgh, B’fhìor an t‑iomradh a chuala mi ann am thìr fhèin air do ghnìomharan, agus air do ghliocas: Gidheadh cha do chreid mi am briathran gus an tàinig mi, agus gum faca mo shùilean; agus, feuch, cha d’innseadh dhomh leth meud do ghliocais: chaidh thu thar an iomradh a chuala mi. Is sona do dhaoine, agus is sona iad seo do sheirbhisich, a sheasas ad fhianais an còmhnaidh, agus a chluinneas do ghliocas. Guma beannaichte an Tighearna do Dhia a ghabh tlachd annad gu do chur air a rìgh‐chathair, gu bhith ann ad rìgh airson an Tighearna do Dhia: a chionn gun do ghràdhaich do Dhia Israel, a‑chum an daingneachadh gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh os an cionn, a dhèanamh breitheanais agus ceartais. Agus thug i don rìgh ceud agus fichead tàlann òir, agus ro‑mhòran de spìosraidh, agus clachan luachmhor: agus cha robh riamh a leithid seo de spìosraidh is a thug bànrighinn Shèba do rìgh Solamh. Agus mar an ceudna thug seirbhisich Huraim, agus seirbhisich Sholaimh, a thug òr o Ophir, fiodh alguim leo, agus clachan luachmhor. Agus rinn an rìgh den fhiodh alguim staidhrichean do thaigh an Tighearna, agus do thaigh an rìgh, agus clàrsaichean agus saltairean don luchd‐ciùil: agus chan fhacas an leithid roimhe ann an tìr Iùdah. Agus thug rìgh Solamh do bhànrighinn Shèba a h‑uile mhiann a dh’iarr i, a thuilleadh air na thug i a dh’ionnsaigh an rìgh: agus thionndaidh i agus dh’imich i da tìr, i fhèin agus a seirbhisich. A‑nis b’e cudthrom an òir a thàinig a dh’ionnsaigh Sholaimh ann an aon bhliadhna sia ceud agus trì‐fichead agus sia tàlannan òir; A thuilleadh air na thug na ceannaichean agus an luchd‐malairt, agus uile rìghrean Aràbia, agus uachdarain na tìre, a thug òr agus airgead a dh’ionnsaigh Sholaimh. Agus rinn rìgh Solamh dà cheud sgiath de òr buailte; chaidh sia ceud secel de òr buailte a‑chum gach sgèithe. Agus rinn e trì cheud targaid de òr buailte: chaidh trì cheud secel òir a‑chum gach targaide: agus chuir an rìgh iad ann an taigh frìth Lebanoin. Rinn an rìgh mar an ceudna rìgh‐chathair mhòr de fhiaclan elephant, agus chòmhdaich e i leis an òr a bu ghlaine. Agus bha sia ceumannan aig an rìgh‐chathair agus cas‐stòl òir, air an tàthadh ris an rìgh‐chathair, agus làmhan air gach taobh den àite‐shuidhe, agus dà leòmhann a’ seasamh làimh ris na làmhan. Agus sheas dà‑leòmhann‐dheug an sin air na sia ceumannan, air an taobh seo agus air an taobh ud. Cha do rinneadh a leithid ann an rìoghachd air bith eile. Agus bha uile shoithichean‐òil rìgh Solamh de òr, agus uile shoithichean taigh frìth Lebanoin de òr fìorghlan: cha robh meas air airgead ann an làithean Sholaimh a‑chum nì sam bith. Oir chaidh loingeas an rìgh gu Tarsis maille ri seirbhisich Huraim: aon uair anns na trì bliadhna thàinig loingeas Tharsis a’ giùlan òir agus airgid, fiaclan elephant, agus apa, agus pheucag. Agus thug rìgh Solamh barrachd air uile rìghrean an domhain ann an saoibhreas agus gliocas. Agus dh’iarr uile rìghrean na talmhainn teachd an làthair Sholaimh, a chluinntinn a ghliocais a chuir Dia na chridhe. Agus thug iad leo gach fear a thìodhlac, soithichean airgid, agus soithichean òir, agus trusganan, agus airm, agus spìosraidh, agus eich, agus muileidean, cuibhreann bliadhna anns gach bliadhna. Agus bha aig Solamh ceithir mìle prasach each airson a charbad, agus dà‑mhìle‐dheug marcaiche, a chuir e a‑mach ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem. Agus rìghich e os cionn nan rìghrean uile, on abhainn gu ruig tìr nam Philisteach, agus gu ruig crìoch na h‑Eiphit. Agus thug an rìgh air airgead a bhith ann an Ierusalem mar chlachan, agus air na croinn sheudair thug e a bhith mar na croinn shicomoir, a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd. Agus thugadh eich a dh’ionnsaigh Sholaimh as an Eiphit, agus as gach uile thìr. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Sholaimh, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Nàtain am fàidh, agus ann am fàidheadaireachd Ahiah an Silonach, agus ann an seallaidhean Ido am fear‐seallaidh an aghaidh Ierobòaim mhic Nebait? Agus rìghich Solamh ann an Ierusalem os cionn Israeil uile, dà‑fhichead bliadhna. Agus chaidil Solamh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich Rehobòam a mhac na àite. Agus chaidh Rehobòam do Shechem: oir thàinig Israel uile do Shechem ga dhèanamh na rìgh. Agus nuair a chuala Ierobòam mac Nebait sin, a bha anns an Eiphit, far an do theich e o ghnùis rìgh Solamh, thill Ierobòam as an Eiphit. Agus chuir iad fios, agus ghairm iad e: agus thàinig Ierobòam agus Israeil uile, agus labhair iad ri Rehobòam, ag ràdh, Dh’antromaich d’athair ar cuing‐ne, ach aotromaich thusa a‑nis seirbhis chruaidh d’athar, agus a’ chuing throm a chuir e oirnn, agus nì sinn seirbhis dhut. Agus thubhairt e riu, An ceann trì làithean thigibh a‑rìs am ionnsaigh. Agus dh’fhalbh an sluagh. Agus chuir rìgh Rehobòam a chomhairle ris na seann daoine a sheas an làthair Sholaimh a athair, nuair a bu bheò e, ag ràdh, Cionnas a chomhairlicheas sibh dhomh freagradh a thabhairt don t‑sluagh seo? Agus labhair iadsan ris, ag ràdh, Ma bhios tusa coibhneil ris an t‑sluagh seo, agus gun toilich thu iad, agus gun labhair thu riu briathran matha, bidh iadsan agadsa nan seirbhisich gu bràth. Ach thrèig esan comhairle nan seann daoine, a thug iad air; agus chuir e a chomhairle ris na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin agus a sheas na làthair. Agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibhse a’ comhairleachadh, a‑chum is gun toir sinn freagradh don t‑sluagh seo, a labhair rium, ag ràdh, Aotromaich a’ chuing a chuir d’athair oirnn? Agus labhair na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin ris, ag ràdh, Mar seo their thu ris an t‑sluagh a labhair riut, ag ràdh, Dh’antromaich d’athair ar cuing‐ne, ach aotromaich thusa dhuinn i; mar seo their thu riu, Is gairbhe mo lùdag‐sa na leasraidh m’athar. Agus a‑nis chuir m’athair gun amharas oirbh cuing throm, ach cuiridh mise ri ur cuing; smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan. Agus thàinig Ierobòam agus an sluagh uile gu Rehobòam air an treas là, mar a dh’àithn an rìgh, ag ràdh, Thigibh a‑rìs am ionnsaigh air an treas là. Agus fhreagair an rìgh iad gu garbh; agus thrèig rìgh Rehobòam comhairle nan seann daoine, Agus labhair e riu a rèir comhairle nan daoine òga, ag ràdh, Dh’antromaich m’athair ur cuing, ach cuiridh mise rithe; smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan. Mar seo cha d’èisd an rìgh ris an t‑sluagh; oir bha an t‑adhbhar o Dhia, a‑chum gun coileanadh an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e le làimh Ahiah an Silonach ri Ierobòam mac Nebait. Agus nuair a chunnaic Israel uile nach d’èisd an rìgh riu, fhreagair an sluagh an rìgh, ag ràdh, Ciod a’ chuibhreann a tha againne ann an Daibhidh? Agus chan eil oighreachd againn ann am mac Iese: gach fear dod bhùthan, O Israeil; a‑nis thoir an aire air do thaigh fhèin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel uile dam bùthan. Ach a‑thaobh chloinn Israeil a bha a chòmhnaidh ann am bailtean Iùdah, rìghich Rehobòam os an cionn. An sin chuir rìgh Rehobòam Adoram a bha os cionn na cìse dan ionnsaigh; agus chlach clann Israeil e le clachan, agus fhuair e bàs: agus rinn Rehobòam cabhag gu dol suas da charbad, a‑chum is gun teicheadh e do Ierusalem. Agus rinn Israel ceannairc an aghaidh taigh Dhaibhidh gus an là‑an‑diugh. Agus nuair a thàinig Rehobòam gu Ierusalem, chruinnich e de thaigh Iùdah agus Bheniàmin ceud agus ceithir‐fichead mìle fear taghte, dèante ri cogadh, a chogadh an aghaidh Israeil, a‑chum an rìoghachd a thoirt a‑rìs gu Rehobòam. Ach thàinig facal an Tighearna gu Semaiah òglach Dhè, ag ràdh, Labhair ri Rehobòam, mac Sholaimh, rìgh Iùdah, agus ri Israel uile ann an Iùdah agus ann am Beniàmin, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cha tèid sibh suas, agus cha chog sibh ri ur bràithrean: tillibh, gach fear a dh’ionnsaigh a thaighe; oir leamsa rinneadh an nì seo. Agus dh’èisd iad ri briathran an Tighearna, agus thill iad o dhol an aghaidh Ierobòaim. Agus ghabh Rehobòam còmhnaidh ann an Ierusalem, agus thog e bailtean daingnichte ann an Iùdah: Thog e eadhon Betlehem, agus Etam, agus Tecòa, Agus Bet‐sur, agus Socho, agus Adullam, Agus Gat, agus Maresah, agus Siph, Agus Adoraim, agus Lachis, agus Asecah, Agus Sorah, agus Aialon, agus Hebron, a tha ann an Iùdah, agus ann am Beniàmin, nam bailtean daingnichte. Agus neartaich e na daingnichean, agus chuir e ceannardan annta, agus taisgeachan bìdh, agus ola, agus fìona. Agus anns gach baile fa leth chuir e sgiathan agus sleaghan, agus rinn e ro‑làidir iad; oir bha Iùdah agus Beniàmin aige air a thaobh. Agus thàinig na sagartan agus na Lèbhithich, a bha ann an Israel uile, da ionnsaigh as an crìochan uile: (Oir dh’fhàg na Lèbhithich am fo‑bhailtean agus an sealbh, agus thàinig iad gu Iùdah agus gu Ierusalem; a chionn gun do chuir Ierobòam agus a mhic iad a fhrithealadh ann an dreuchd nan sagart don Tighearna. Agus rinn e dha fhèin sagartan airson nan àitean àrda, agus airson dhiabhal, agus airson nan laogh a rinn e.) Agus nan dèidh‐san thàinig a‑mach a uile threubhan Israeil iadsan a shocraich an cridhe a dh’iarraidh an Tighearna Dia Israeil, gu Ierusalem, a dh’ìobradh don Tighearna Dia an athraichean. Agus dhaingnich iad rìoghachd Iùdah, agus rinn iad Rehobòam mac Sholaimh làidir rè trì bliadhna; oir rè trì bliadhna ghluais iad ann an slighe Dhaibhidh agus Sholaimh. Agus ghabh Rehobòam Mahalat nighean Ierimoit, mhic Dhaibhidh, dha fhèin, na mnaoi; Abihail mar an ceudna, nighean Eliaib, mhic Iese: Agus rug ise dha clann; Ieus, agus Semariah, agus Saham. Agus na dèidh‐se ghabh e Maachah, nighean Absaloim, a rug dha Abiah, agus Atai, agus Sisa, agus Selomit. Agus ghràdhaich Rehobòam Maachah, nighean Absaloim, os cionn a bhan agus a choileabach uile; oir ghabh e dha fhèin ochd‐mnathan‐deug, agus trì‐fichead coileabach, agus ghin e ochd‐mic‐fhichead, agus trì‐fichead nighean. Agus rinn Rehobòam na cheannard Abiah, mac Mhaacah, gu bhith na fhear‐riaghlaidh am measg a bhràithrean; oir smaoinich e air a dhèanamh na rìgh. Agus rinn e gu glic, agus sgaoil e a’ chuid eile de a mhic uile air feadh uile thìr Iùdah agus Bheniàmin, anns na bailtean daingnichte uile; agus thug e dhaibh pailteas bìdh. Agus dh’iarr e mòran bhan. Agus nuair a dhaingnicheadh rìoghachd Rehobòaim, agus a dh’fhàs e cumhachdach, thrèig e lagh an Tighearna, agus Israel uile maille ris. Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de rìgh Rehobòam, thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim (a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna), Le mìle agus dà cheud carbad, agus le trì‐fichead mìle marcaiche: agus bha an sluagh gun àireamh a thàinig maille ris as an Eiphit; na Lubaich, na Sucaich, agus na h‑Etiopaich. Agus ghlac e na bailtean daingnichte a bhuineadh do Iùdah, agus thàinig e gu Ierusalem. An sin thàinig Semaiah am fàidh gu Rehobòam, agus gu uachdarain Iùdah, a bha air cruinneachadh gu Ierusalem air eagal Shisaic, agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’fhàg sibhse mise, agus air an adhbhar sin dh’fhàg mise sibhse ann an làimh Shisaic. An sin dh’irioslaich uachdarain Israeil agus an rìgh iad fhèin, agus thubhairt iad, Tha an Tighearna ceart. Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun d’irioslaich iad iad fhèin, thàinig facal an Tighearna gu Semaiah, ag ràdh, Dh’irioslaich iad iad fhèin; cha sgrios mi iad, ach bheir mi dhaibh càil‐eigin de shaorsa; agus cha taomar mo chorraich a‑mach air Ierusalem le làimh Shisaic. Gidheadh, bidh iad nan seirbhisich aige, agus bidh aithne aca air mo sheirbhis‐sa, agus air seirbhis rìoghachdan nan dùthchannan. Uime sin thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim, agus thug e leis ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh; bhuin e leis an t‑iomlan: thug e leis mar an ceudna na targaidean òir a rinn Solamh. Agus rinn rìgh Rehobòam targaidean umha nan àite, agus thug e thairis iad do làimh ceannardan an fhreiceadain, a ghlèidh doras taigh an rìgh. Agus nuair a chaidh an rìgh a‑steach do thaigh an Tighearna, thàinig am freiceadan agus thog iad iad, agus thug iad air an ais iad gu seòmar an fhreiceadain. Agus nuair a dh’irioslaich e e fhèin, thionndaidh corraich an Tighearna uaithe, a‑chum nach sgriosadh e e gu tur. Agus mar an ceudna ann an Iùdah bha nithean gu math. Agus dhaingnich rìgh Rehobòam e fhèin ann an Ierusalem, agus rìghich e. A‑nis bha Rehobòam aon agus dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e seachd‐bliadhna‑deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna a‑mach à uile threubhan Israeil a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, Ban‐Amonach. Agus rinn e olc, a chionn nach d’ullaich e a chridhe a dh’iarraidh an Tighearna. A‑nis gnìomharan Rehobòaim, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Shemaiah am fàidh, agus Ido am fear‐seallaidh, mu thimcheall ghinealach? Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè an làithean uile. Agus chaidil Rehobòam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Abiah a mhac na àite. A‑nis anns an ochdamh‐bliadhna‑deug de rìgh Ierobòam, thòisich Abiah air rìoghachadh os cionn Iùdah. Trì bliadhna rìghich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah, nighean Urieil o Ghilbeah. Agus bha cogadh eadar Abiah agus Ierobòam. Agus chuir Abiah an cath an òrdagh le armailt de dhaoine treuna ann an cogadh, ceithir cheud mìle fear taghte: agus chuir Ierobòam an cath an òrdagh na aghaidh le ochd ceud mìle fear taghte, daoine treuna gaisgeil. Agus sheas Abiah suas air sliabh Shemaraim, a tha ann an sliabh Ephraim, agus thubhairt e, Eisdibh rium, a Ierobòaim, agus Israeil uile. Nach bu chòir dhuibhse fios a bhith agaibh gun tug an Tighearna Dia Israeil an rìoghachd os cionn Israeil thairis do Dhaibhidh gu bràth, eadhon dhàsan agus da mhic le coicheangal salainn? Gidheadh, dh’èirich Ierobòam mac Nebait, seirbhiseach Sholaimh mhic Dhaibhidh, suas, agus rinn e ceannairc an aghaidh a thighearna: Agus chruinnich da ionnsaigh daoine faoine, mic Bheliail, agus neartaich iad iad fhèin an aghaidh Rehobòaim mhic Sholaimh, nuair a bha Rehobòam òg agus tais‐chridheach, agus nach b’urrainn e cur nan aghaidh. Agus a‑nis tha sibh a’ smaoineachadh air cur an aghaidh rìoghachd an Tighearna ann an làimh mic Dhaibhidh; agus tha sibh nur sluagh mòr, agus tha agaibh laoigh òir, a rinn Ierobòam dhuibh mar dhiathan. Nach do thilg sibh a‑mach sagartan an Tighearna, mic Aaroin, agus na Lèbhithich, agus nach do rinn sibh dhuibh fhèin sagartan mar chinnich eile an domhain? Gach neach a thig ga choisrigeadh fhèin le tarbh òg agus le seachd reitheachan, bidh esan air ball na shagart dhaibhsan nach eil nan diathan. Ach dar taobh‐ne, is e an Tighearna ar Dia, agus cha do thrèig sinn e: agus is iad mic Aaroin na sagartan a tha a’ frithealadh don Tighearna, agus tha na Lèbhithich a’ feitheamh air an obair fhèin; Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean‐loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e. Agus, feuch, maille rinne tha Dia fhèin na cheannard oirnn, agus a shagartan le trompaidean fuaimneach a thoirt caismeachd nur n‑aghaidh‐se. A chlann Israeil, na cogaibh‐se an aghaidh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean; oir cha soirbhich leibh. Ach thug Ierobòam air luchd feall‐fhalaich teachd mun cuairt air an cùlaibh, air chor is gu robh iad fhèin fa chomhair Iùdah, agus an luchd feall‐fhalaich air an cùlaibh. Agus nuair a sheall Iùdah nan dèidh, feuch, bha an cath air am beulaibh agus air an cùlaibh: agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus rinn na sagartan fuaim le trompaidean. Agus rinn fir Iùdah iolach: agus nuair a rinn fir Iùdah iolach, air ball bhuail Dia Ierobòam agus Israel uile ro Abiah agus Iùdah. Agus theich clann Israeil ro Iùdah; agus thug Dia thairis iad nan làimh. Agus mharbh Abiah agus a shluagh iad le àr mòr: oir thuit sìos marbh de Israel còig ceud mìle fear taghte. Agus dh’irioslaicheadh clann Israeil air an àm sin, agus neartaicheadh clann Iùdah, a chionn gun d’earb iad as an Tighearna, Dia an athraichean. Agus lean Abiah an ruaig air Ierobòam, agus ghlac e uaithe mòr‐bhailtean: Betel le a bhailtean beaga, agus Iesanah le a bhailtean beaga, agus Ephron le a bhailtean beaga. Agus cha d’fhuair Ierobòam neart nas mò ann an làithean Abiah: agus bhuail an Tighearna e, agus fhuair e bàs. Ach dh’fhàs Abiah cumhachdach, agus phòs e ceithir‐mnathan‐deug, agus ghin e dà mhac ar fhichead, agus sia‑nigheanan‐deug. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Abiah, agus a shlighean, agus a bhriathran, tha iad sgrìobhte ann an eachdraidh an fhàidh Ido. Agus chaidil Abiah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh; agus rìghich Asa a mhac na àite. Na làithean‐san bha an tìr sàmhach deich bliadhna. Agus rinn Asa an nì a bha math agus ceart ann an sùilean an Tighearna a Dhia: Oir chuir e air falbh altairean nan diathan coimheach, agus na h‑àitean àrda, agus bhris e sìos na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan; Agus dh’àithn e do Iùdah an Tighearna, Dia an athraichean, iarraidh, agus an lagh a ghleidheadh, agus an àithne. Chuir e air falbh mar an ceudna à uile bhailtean Iùdah na h‑àitean àrda, agus na dealbhan. Agus bha an rìoghachd sàmhach na làthair. Agus thog e bailtean daingnichte ann an Iùdah: oir bha an tìr sìochail, agus cha robh cogadh aige anns na bliadhnachan sin; oir thug an Tighearna fois dha. Uime sin thubhairt e ri Iùdah, Togamaid na bailtean seo, agus dèanamaid mun cuairt orra ballachan, le tùir, geatachan, agus crainn, nuair a tha an tìr fhathast romhainn: oir dh’iarr sinne an Tighearna ar Dia; dh’iarr sinn e, agus thug e fois dhuinn air gach taobh. Uime sin thog e iad, agus shoirbhich leo. Agus bha aig Asa armailt de dhaoine a dh’iomchair sgiath agus sleagh, à Iùdah trì cheud mìle, agus à Beniàmin, a dh’iomchair targaid agus a tharraing bogha dà cheud agus ceithir fichead mìle; iad sin uile nan daoine treuna gaisgeil. Agus thàinig a‑mach nan aghaidh Serah an t‑Etiopach le armailt mìle de mhìltean, agus trì cheud carbad, agus thàinig e gu Maresah. Agus chaidh Asa a‑mach na aghaidh, agus chuir iad an cath an òrdagh ann an gleann Shephatah aig Maresah. Agus ghlaodh Asa ris an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, chan eil ann ach an aon chuid dhutsa cuideachadh le mòran, no leòsan a tha gun neart: cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm‐sa thèid sinn an aghaidh na mòr‐chuideachd seo: a Thighearna, is tusa ar Dia: na buadhaicheadh duine ad aghaidh. Agus bhuail an Tighearna na h‑Etiopaich ro Asa, agus ro Iùdah: agus theich na h‑Etiopaich. Agus lean Asa agus an sluagh a bha maille ris iad gu Gèrar: agus thuit de na h‑Etiopaich uiread is nach robh tuilleadh neirt aca: oir sgriosadh iad ron Tighearna agus ro a fheachd: agus thug iad leo ro‑mhòran creiche. Agus bhuail iad na bailtean uile mun cuairt air Gèrar, oir bha eagal an Tighearna orra; agus chreach iad na bailtean uile, oir bha mòran creiche annta. Agus bhuail iad mar an ceudna bùthan na sprèidhe, agus thug iad leo caoraich ann am pailteas, agus càmhail; agus thill iad gu Ierusalem. Agus thàinig spiorad Dhè air Asariah mac Odeid: Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris‐san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse. A‑nis rè iomadh là bidh Israel as eugmhais Dia na fìrinn, agus as eugmhais sagairt a theagaisgeas, agus as eugmhais lagha. Ach nuair a thilleas iad nan airc a dh’ionnsaigh an Tighearna Dia Israeil, agus a dh’iarras iad e, gheibhear leo e. Agus anns na h‑àmannan sin, cha bhi sìth ann dhàsan a thèid a‑mach, no dhàsan a thig a‑steach, ach buaireas mòr air uile luchd‐àiteachaidh nan dùthchannan. Agus sgriosar cinneach le cinneach, agus baile le baile; oir claoidhidh Dia iad leis gach airc. Ach bithibh‐se làidir, agus na biodh ur làmhan lag; oir tha duais ann airson ur n‑obrach. Agus nuair a chuala Asa na briathran sin, agus fàidheadaireachd Asariah mhic Odeid am fàidh, ghabh e misneach, agus chuir e air falbh na h‑iodhalan gràineil à tìr Iùdah agus Bheniàmin uile, agus as na bailtean a ghlac e de shliabh Ephraim, agus dh’athnuadhaich e altair an Tighearna, a bha air beulaibh sgàth‐thaigh an Tighearna. Agus chruinnich e Iùdah uile agus Beniàmin, agus na coigrich maille riu à Ephraim, agus à Manaseh, agus à Simeon: oir thàinig iad thairis da ionnsaigh à Israel ann am pailteas, nuair a chunnaic iad gu robh an Tighearna a Dhia maille ris. Agus chruinnich iad an ceann a chèile aig Ierusalem anns an treas mìos, anns a’ chòigeamh‐bliadhna‑deug de rìoghachadh Asa. Agus dh’ìobair iad don Tighearna anns an àm sin den chreich a thug iad leo, seachd ceud bò, agus seachd mìle caora. Agus rinn iad coicheangal gun iarradh iad an Tighearna, Dia an athraichean, len uile chridhe, agus len uile anam: Agus gun rachadh gach neach nach iarradh an Tighearna Dia Israeil a chur gu bàs, co‑dhiù bu bheag no mòr, fear no bean, e. Agus mhionnaich iad don Tighearna le guth àrd, agus le gàir, agus le trompaidean, agus le buabhallan. Agus rinn Iùdah uile gàirdeachas a‑thaobh nam mionnan sin: oir mhionnaich iad len uile chridhe, agus dh’iarr iad e len uile rùn; agus fhuaireadh e leo. Agus thug an Tighearna fois dhaibh air gach taobh. Agus mar an ceudna a‑thaobh Mhaachah, màthair rìgh Asa, chuir e i o bhith na bànrighinn, a chionn gun do rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus gheàrr Asa sìos a dealbh uamhasach, agus mhìn‐phronn e e, agus loisg e e aig sruth Chidroin. Ach cha do chuireadh na h‑àitean àrda air falbh à Israel: gidheadh bha cridhe Asa iomlan rè a làithean uile. Agus thug e a‑steach na nithean a naomhaich a athair, agus na nithean a naomhaich e fhèin, do thaigh an Tighearna, airgead, agus òr, agus soithichean. Agus cha robh cogadh tuilleadh ann gu ruig an còigeamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de rìoghachadh Asa. Anns an t‑siathamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de rìoghachadh Asa, thàinig Baasa rìgh Israeil a‑nìos an aghaidh Iùdah, agus thog e Ramah, a‑chum nach leigeadh e le neach air bith dol a‑mach no teachd a‑steach gu Asa rìgh Iùdah. An sin thug Asa a‑mach airgead agus òr à ionmhasan taigh an Tighearna agus taigh an rìgh, agus chuir e teachdairean gu Benhadad rìgh Shiria a bha a chòmhnaidh an Damascas, ag ràdh, Biodh coicheangal eadar mise agus thusa, mar a bha eadar m’athair‐sa agus d’athair‐sa: feuch, chuir mi ad ionnsaigh airgead agus òr; falbh, bris do choicheangal ri Baasa rìgh Israeil, a‑chum gun imich e uam. Agus dh’èisd Benhadad ri rìgh Asa, agus chuir e ceannardan nan armailt a bha aige an aghaidh bailtean Israeil; agus bhuail iad Ion, agus Dan, agus Abel‐maim, agus uile bhailtean‐ionmhais Naphtali. Agus nuair a chuala Baasa sin, leig e dheth Ramah a thogail, agus sguir e da obair. An sin thug Asa an rìgh leis Iùdah uile; agus thug iad leo clachan Ramah, agus a fhiodh, leis an robh Baasa a’ togail; agus thog e leo Geba, agus Mispah. Agus anns an àm sin thàinig Hanani am fear‐seallaidh gu Asa rìgh Iùdah, agus thubhairt e ris, A chionn gun d’earb thu à rìgh Shiria, agus nach d’earb thu as an Tighearna do Dhia, uime sin tha armailt rìgh Shiria air dol as od làimh. Nach robh an h‑Etiopaich agus na Lubaich nan sluagh lìonmhor, le ro‑mhòran charbad agus marc‐shluaigh? Gidheadh a chionn gun d’earb thu as an Tighearna thug e thairis dod làimh iad. Oir tha sùilean an Tighearna ag amharc a‑null agus a‑nall air feadh na talmhainn uile, a‑chum e fhèin a nochdadh làidir as an leth‐san, aig a bheil cridhe iomlan da thaobh. Rinn thu gu h‑amaideach an seo; air an adhbhar sin o seo a‑mach bidh cogadh ad aghaidh. An sin bha fearg air Asa ris an fhear‐sheallaidh, agus chuir e ann an taigh‐prìosain e, a chionn gu robh e ann an corraich ris a‑thaobh an nì seo. Agus rinn Asa ainneart air cuid den t‑sluagh anns an àm sin. Agus, feuch, gnìomharan Asa, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil. Agus dh’fhàs eucail air Asa na chasan anns an naoidheamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de a rìoghachadh, gus an tàinig a eucail gu àirde mhòir: gidheadh na eucail cha d’iarr e an Tighearna, ach na lighichean. Agus chaidil Asa maille ra athraichean, agus dh’eug e anns a’ chiad bliadhna agus dà‑fhichead de a rìoghachadh. Agus dh’adhlaic iad e na uaigh fhèin, a rinn e air a shon fhèin ann am baile Dhaibhidh, agus chuir iad na laighe e ann an leabaidh, a lìonadh le nithean cùbhraidh, agus le iomadh gnè ola air an deasachadh le ealadhain an lèigh: agus rinn iad dha losgadh ro‑mhòr. Agus rìghich Iehosaphat a mhac na àite, agus neartaich e e fhèin an aghaidh Israeil. Agus chuir e feachd ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus chuir e freiceadain ann an tìr Iùdah, agus ann am bailtean Ephraim, a ghlac Asa a athair. Agus bha an Tighearna maille ri Iehosaphat, a chionn gun do ghluais e ann an ciad shlighean Dhaibhidh a athair, agus nach d’iarr e a dh’ionnsaigh Bhàalim; Ach gun d’iarr e a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia a athar, agus gun do ghluais e na àitheantan, agus cha b’ann a rèir dèanadas Israeil: Uime sin dhaingnich an Tighearna an rìoghachd na làimh; agus thug Iùdah uile tìodhlacan gu Iehosaphat: agus bha aige beartas agus urram ann am pailteas. Agus dh’àrdaicheadh a chridhe ann an slighean an Tighearna; agus mar an ceudna chuir e air falbh na h‑àitean àrda agus na doireachan à Iùdah. Agus anns an treas bliadhna de a rìoghachadh chuir e cuid de a uachdarain, Benhail, agus Obadiah, agus Sechariah, agus Netaneel, agus Micaiah, a theagasg ann am bailtean Iùdah. Agus maille riùsan na Lèbhithich, Semaiah, agus Netaniah, agus Sebadiah, agus Asahel, agus Semiramot, agus Iehonatan, agus Adoniah, agus Tobiah, agus Tob‐adoniah, Lèbhithich uile; agus maille riùsan Elisama, agus Iehoram, na sagartan. Agus theagaisg iad ann an Iùdah, agus leabhar lagh an Tighearna aca, agus chaidh iad mun cuairt air feadh uile bhailtean Iùdah, agus theagaisg iad an sluagh. Agus bha eagal an Tighearna air uile rìoghachdan nan tìrean a bha mun cuairt air Iùdah, agus cha do chog iad ri Iehosaphat. Agus thug cuid de na Philistich tìodhlacan do Iehosaphat, agus airgead cìse: mar an ceudna thug na h‑Arabaich da ionnsaigh sprèidh, seachd mìle agus seachd ceud reithe, agus seachd mìle agus seachd ceud boc‐goibhre. Agus dh’fhàs Iehosaphat gu h‑anabarrach mòr: agus thog e ann an Iùdah caistealan agus bailtean‐ionmhais. Agus bha mòran obrach aige ann am bailtean Iùdah, agus fir‐chogaidh, daoine comasach gaisgeil ann an Ierusalem. Agus seo an àireamh, a rèir taigh an athraichean: de Iùdah, ceannardan mhìltean: Adnah an ceannard, agus maille ris daoine comasach gaisgeil, trì cheud mìle. Agus na dhèidh‐san Iehohanan an ceannard, agus maille ris dà cheud agus ceithir‐fichead mìle. Agus na dhèidh‐san Amasiah mac Shichri, a thug e fhèin suas don Tighearna, agus maille ris dà cheud mìle fear comasach gaisgeil. Agus de Bheniàmin: Eliada fear comasach gaisgeil, agus maille ris daoine armaichte le bogha agus le targaid, dà cheud mìle. Agus na dhèidh‐san Iehosabad, agus maille ris ceud agus ceithir‐fichead mìle, deas gu cogadh. Bha iad sin a’ feitheamh air an rìgh, a bhàrr orrasan a chuir an rìgh anns na bailtean daingnichte air feadh Iùdah uile. Agus bha aig Iehosaphat beartas agus cliù ann am pailteas: agus rinn e cleamhnas ri Ahab. Agus an ceann bhliadhnachan àraidh chaidh e sìos a dh’ionnsaigh Ahaib do Shamaria: agus mharbh Ahab caoraich agus crodh ann am pailteas air a shon, agus airson an t‑sluaigh a bha maille ris, agus chuir e impidh air dol suas gu Ramot‐gilead. Agus thubhairt Ahab rìgh Israeil ri Iehosaphat rìgh Iùdah, An tèid thu maille riumsa do Ramot‐gilead? Agus fhreagair esan e, Tha mise mar a tha thusa, agus mo shluagh‐sa mar do shluagh‐sa, agus bidh sinn leat anns a’ chogadh. Agus thubhairt Iehosaphat ri rìgh Israeil, Fiosraich, guidheam ort, an‑diugh de fhacal an Tighearna. Uime sin chruinnich rìgh Israeil na fàidhean an ceann a chèile, ceithir cheud fear, agus thubhairt e riu, An tèid sinn do Ramot‐gilead gu cath, no an leig mi leis? Agus thubhairt iadsan, Falbh suas: oir bheir Dia ann an làimh an rìgh iad. Agus thubhairt Iehosaphat, Nach eil an seo fàidh tuilleadh leis an Tighearna a‑chum gum fiosraich sinn dheth? Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, leis am faod sinn fiosrachadh den Tighearna: ach tha fuath agam dha, oir chan eil e a’ dèanamh fàistneachd mum thimcheall idir air math, ach an còmhnaidh air olc: is e seo Micaiah, mac Imla. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin. Agus ghairm rìgh Israeil aon de a mhaoir, agus thubhairt e, Greas an seo Micaiah mac Imla. Agus shuidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, gach fear air a rìgh‐chathair fhèin, len earradh rìoghail orra, agus shuidh iad ann an àite rèidh, aig dol a‑steach geata Shamaria; agus bha na fàidhean uile ri fàidheadaireachd nan làthair. Agus rinn Sedeciah, mac Chenannah, adhaircean iarainn dha fhèin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leo seo buailidh tu na Sirianaich, gus an cuirear as dhaibh. Agus rinn na fàidhean uile fàidheadaireachd mar sin, ag ràdh, Falbh suas gu Ramot‐gilead, agus soirbhich; oir bheir an Tighearna ann an làimh an rìgh iad. Agus an teachdaire a chaidh a ghairm Mhicaiah, labhair e ris, ag ràdh, Feuch, tha briathran nam fàidh le aon bheul a’ foillseachadh maith don rìgh: biodh d’fhacal‐sa, guidheam ort, mar fhacal aoin dhiubhsan, agus labhair math. Agus thubhairt Micaiah, Mar as beò an Tighearna, eadhon an nì a their mo Dhia, sin labhraidh mise. Agus thàinig e a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt an rìgh ris, A Mhicaiah, an tèid sinn do Ramot‐gilead gu cath, no an leig mi leis? Agus thubhairt esan, Rachaibh suas, agus soirbhichibh, oir bheirear nur làimh iad. Agus thubhairt an rìgh ris, Cia lìon uair a mhionnaicheas mi thu, nach innis thu dhomh ach an fhìrinn ann an ainm an Tighearna? Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapte air na slèibhtean, mar chaoraich aig nach eil buachaille: agus thubhairt an Tighearna, Chan eil maighistir orra seo; tilleadh gach fear da thaigh fhèin ann an sìth. (Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Nach d’innis mi dhut, nach dèanadh e fàistneachd mum thimcheall‐sa air math, ach air olc?) A‑rìs thubhairt e, Uime sin èisdibh ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh‐chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh air a làimh dheis agus air a làimh chlì. Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air Ahab rìgh Israeil, a‑chum is gun tèid e suas, agus gun tuit e ann an Ramot‐gilead? Agus labhair aon, ag ràdh mar seo, agus aon eile ag ràdh mar siud. Agus thàinig spiorad a‑mach, agus sheas e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cuiridh mise impidh air. Agus thubhairt an Tighearna ris, Cia leis? Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt an Tighearna, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: imich, agus dèan mar sin. A‑nis uime sin, feuch, chuir an Tighearna spiorad brèige ann am beul nam fàidhean sin agad, agus labhair an Tighearna olc mud thimcheall. An sin chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a’ ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa? Agus thubhairt Micaiah, Feuch, chì thu anns an là sin air an tèid thu a‑steach do sheòmar‐cùil gu thu fhèin fhalach. An sin thubhairt rìgh Israeil, Glacaibh Micaiah, agus thugaibh air ais e gu Amon, uachdaran a’ bhaile, agus gu Iòas mac an rìgh; Agus abraibh, Mar seo thubhairt an rìgh, Cuiribh am fear seo anns a’ phrìosan, agus beathaichibh e le aran airce, agus le uisge airce, gus an till mise ann an sìth. Agus thubhairt Micaiah, Ma thilleas tusa idir ann an sìth, cha do labhair an Tighearna leamsa. Agus thubhairt e, Eisdibh, a shlòigh uile. Uime sin chaidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, suas gu Ramot‐gilead. Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Cuiridh mise mi fhèin ann an coslas eile, agus thèid mi a‑steach don chath: ach cuir thusa d’earradh rìoghail ort. Agus chuir rìgh Israeil e fhèin ann an coslas eile, agus chaidh e a‑steach don chath. A‑nis dh’àithn rìgh Shiria do cheannardan nan carbad a bha aige, ag ràdh, Na cogaibh ris a’ bheag no ris a’ mhòr, ach ri rìgh Israeil a‑mhàin. Agus nuair a chunnaic ceannardan nan carbad Iehosaphat, thubhairt iad, Is e seo rìgh Israeil: uime sin thàinig iad mun cuairt air a chogadh. Ach ghlaodh Iehosaphat a‑mach, agus chuidich an Tighearna leis, agus dh’aom Dia iad gu falbh uaithe. Oir nuair a chunnaic ceannardan nan carbad nach b’e rìgh Israeil a bha ann, thill iad o a leantainn. Agus tharraing fear a bhogha air thuairmeas, agus bhuail e rìgh Israeil eadar uilt na lùirich: uime sin thubhairt e ra charbadair, Tionndaidh do làmh, agus thoir a‑mach as an fheachd mi: oir tha mi leònte. Ach mheudaich an cath air an là sin: uime sin dh’fhan rìgh Israeil suas na charbad an aghaidh nan Sirianach gu ruig am feasgar; agus fhuair e bàs mu àm dol fodha na grèine. Agus thill Iehosaphat rìgh Iùdah a dh’ionnsaigh a thaighe ann an sìth gu Ierusalem. Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear‐seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna. Ach fhuaireadh nithean matha annad, a‑thaobh gun do chuir thu air falbh na doireachan as an tìr, agus gun d’ullaich thu do chridhe a dh’iarraidh Dhè. Agus ghabh Iehosaphat còmhnaidh ann an Ierusalem: agus chaidh e a‑mach a‑rìs air feadh an t‑sluaigh, o Bheer‐sèba gu sliabh Ephraim, agus thug e air an ais iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia an athraichean. Agus shuidhich e britheamhan anns an tìr, air feadh uile bhailtean daingnichte Iùdah, anns gach baile fa leth. Agus thubhairt e ris na britheamhan, Thugaibh an aire ciod a nì sibh, oir chan ann airson duine a tha sibh a’ tabhairt breith, ach airson an Tighearna; agus tha e fhèin maille ribh anns a’ bhreitheanas. A‑nis, matà, biodh eagal an Tighearna oirbh: thugaibh an aire agus bithibh a’ dèanamh; oir maille ris an Tighearna ar Dia chan eil euceart, no bàidh ri neach seach a chèile, no gabhail duaise. Agus mar an ceudna ann an Ierusalem shuidhich Iehosaphat cuid de na Lèbhithich, agus de na sagartan, agus de chinn‐theaghlach Israeil, airson breitheanas an Tighearna, agus gu connsachadh a chrìochnachadh nuair a thill iad gu Ierusalem. Agus thug e sparradh dhaibh, ag ràdh, Mar seo nì sibh ann an eagal an Tighearna, ann an ionracas, agus le cridhe iomlan. Agus ge bè cùis a thig dur n‑ionnsaigh o ur bràithrean a tha a chòmhnaidh nam bailtean, eadar fuil agus fuil, eadar lagh agus àithne, reachdan agus breitheanais, bheir sibh rabhaidh dhaibh nach dèan iad easaontas an aghaidh an Tighearna, agus gun tig fearg oirbhse agus air ur bràithrean: dèanaibh mar seo, agus cha chiontaich sibh. Agus, feuch, tha Amariah an t‑àrd‐shagart os ur cionn ann an uile ghnothaichean an Tighearna; agus Sebadiah mac Ismaeil na cheannard air taigh Iùdah ann an uile ghnothaichean an rìgh; agus na Lèbhithich nan luchd‐riaghlaidh nur fianais. Bithibh misneachail, agus dèanaibh; agus bidh an Tighearna maille ris a’ mhath. Agus an dèidh nan nithean seo thàinig clann Mhòaib, agus clann Amoin, agus maille riu cuid de na h‑Edomaich, an aghaidh Iehosaphait gu cath. Agus thàinig teachdairean, agus dh’innis iad do Iehosaphat ag ràdh, Tha sluagh mòr a’ teachd ort a‑nall thar fairge, agus o Edom; agus, feuch, tha iad ann an Hasason‐tàmar; is e sin En‑gedi. Agus bha eagal air Iehosaphat, agus chuir e a aghaidh a dh’iarraidh an Tighearna, agus ghairm e trasgadh air feadh Iùdah uile. Agus chruinnicheadh Iùdah an ceann a chèile a dh’iarraidh còmhnaidh on Tighearna: eadhon à uile bhailtean Iùdah thàinig iad a dh’iarraidh an Tighearna. Agus sheas Iehosaphat ann an coitheanal Iùdah agus Ierusaleim, ann an taigh an Tighearna, fa chomhair na cùirte nodha. Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè ar n‑athraichean, nach tusa Dia anns na nèamhan? Agus nach eil thu a’ riaghladh os cionn uile rìoghachdan nan cinneach? Agus ann ad làimh‐sa nach eil neart agus cumhachd, air chor is nach eil neach air bith comasach air seasamh ad aghaidh? Nach tusa ar Dia‑ne, a dh’fhògair a‑mach luchd‐àiteachaidh na tìre seo rod shluagh Israel, agus a thug i do shliochd Abrahàim, do charaid, gu bràth? Agus ghabh iad còmhnaidh innte, agus thog iad air do shon‐sa innte ionad naomh, airson d’ainme‐sa, ag ràdh, Ma thig olc air bith oirnn, claidheamh, breitheanas, no plàigh, no gorta, seasaidh sinn fa chomhair an taighe seo, agus ann ad fhianais‐sa (oir tha d’ainm anns an taigh seo ), agus glaodhaidh sinn riut nar teinn, agus èisdidh tusa, agus saoraidh tu sinn. Agus a‑nis, feuch, clann Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir; cha do leig thu le Israel dol tron crìochan, nuair a thàinig iad à tìr na h‑Eiphit, ach thionndaidh iad uapa, agus cha do sgrios iad iad; Feuch a‑nis, mar a tha iad a’ toirt luigheachd dhuinn, le teachd gus ar tilgeadh a‑mach as d’oighreachd, a thug thu dhuinn ra sealbhachadh. O ar Dia, nach toir thu breith orra? Oir chan eil neart againne an aghaidh an t‑sluaigh mhòir seo a tha a’ teachd oirnn: agus chan eil fhios againn ciod a nì sinn; ach ortsa tha ar sùilean. Agus sheas Iùdah uile am fianais an Tighearna; mar an ceudna an òigridh, am mnathan, agus an clann. Agus air Iahasiel, mac Shechariah, mhic Bhenaiah, mhic Iehieil, mhic Mhataniah, Lèbhitheach de mhic Asaiph, bha spiorad an Tighearna, ann am meadhon a’ choitheanail: Agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah uile, agus a luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus thusa a rìgh Iehosaphait: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh ribh, Na biodh eagal no faitcheas oirbh airson an t‑sluaigh mhòir seo; oir cha leibhse an cath, ach le Dia. A‑màireach rachaibh sìos nan aghaidh: feuch, tha iad a’ teachd a‑nìos rathad uchdach Shids; agus gheibh sibh iad aig ceann an t‑srutha, fa chomhair fàsach Ierueil. Cha bhi cath agaibh ra chur an seo; a‑mhàin thigibh an làthair, seasaibh, agus faicibh saorsa an Tighearna maille ribh, a Iùdah, agus a Ierusaleim: na biodh eagal no faitcheas oirbh; a‑màireach rachaibh a‑mach nan aghaidh, agus bidh an Tighearna maille ribh. Agus chrom Iehosaphat a cheann, le a aghaidh gu làr; agus thuit Iùdah uile, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, sìos am fianais an Tighearna, a’ dèanamh adhraidh don Tighearna. Agus dh’èirich na Lèbhithich de chloinn nan Cohatach, agus de chloinn nan Corhach, suas a mholadh an Tighearna Dia Israeil le guth mòr, gu h‑àrd. Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd‐àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh. Agus nuair a thug e comhairle don t‑sluagh, dh’òrdaich e luchd‐seinn don Tighearna, daoine a mholadh maise na naomhachd, nuair a thigeadh iad a‑mach ron armailt, agus a theireadh, Thugaibh buidheachas don Tighearna, oir gu bràth mairidh a thròcair. Agus nuair a thòisich iad air seinn agus air moladh, chuir an Tighearna luchd feall‐fhalaich an aghaidh chloinn Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir, a thàinig an aghaidh Iùdah; agus bhuaileadh iad: Oir sheas clann Amoin agus Mhòaib suas an aghaidh luchd‐àiteachaidh sliabh Sheir, a‑chum am marbhadh agus an sgrios gu tur; agus nuair a chuir iad as do luchd‐àiteachaidh Sheir, chuidich iad gach aon dhiubh gus a chèile a sgrios. Agus nuair a thàinig Iùdah làimh ri tùr na faire anns an fhàsach, dh’amhairc iad air an t‑sluagh mhòr, agus, feuch, bha iad nan cuirp mharbha air tuiteam gu talamh, agus cha deachaidh duine as dhiubh. Agus thàinig Iehosaphat agus a shluagh a thoirt leo an creiche; agus fhuair iad nam measg ann am pailteas araon beartas maille ris na cuirp mharbha, agus seudan luachmhor a thug iad dhiubh air an son fhèin, tuilleadh is a b’urrainn iad iomchar leo: agus bha iad trì làithean ann an cruinneachadh na creiche; oir bha i mòr. Agus air a’ cheathramh là chruinnicheadh iad an ceann a chèile ann an gleann Bherachah; oir an sin bheannaich iad an Tighearna: uime sin thugadh mar ainm air an àite sin gleann Bherachah, gus an là‑an‑diugh. An sin thill fir Iùdah agus Ierusaleim uile, agus Iehosaphat air an ceann, a dhol air an ais gu Ierusalem le gàirdeachas; oir thug an Tighearna orra gàirdeachas a dhèanamh os cionn an naimhdean. Agus thàinig iad gu Ierusalem le saltairean, agus le clàrsaichean, agus le trompaidean, a dh’ionnsaigh taigh an Tighearna. Agus bha eagal Dhè air uile rìoghachdan nan dùthchannan sin, nuair a chuala iad gun do chog an Tighearna an aghaidh naimhdean Israeil. Agus bha rìoghachd Iehosaphait sàmhach; oir thug a Dhia fois dha air gach taobh. Agus rìghich Iehosaphat os cionn Iùdah: còig‐bliadhna‑deug ar fhichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig‐bliadhna‑fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Asubah, nighean Shilhi. Agus ghluais e ann an slighe Asa a athair, agus cha do dhealaich e rithe, a’ dèanamh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna. Ach cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda oir fhathast cha d’ullaich an sluagh an cridhe airson Dia an athraichean. A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Iehosaphait, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann am briathran Iehu mhic Hanani, a chuir e sìos ann an leabhar rìghrean Israeil. Agus na dhèidh seo rinn Iehosaphat rìgh Iùdah coicheangal ri Ahasiah rìgh Israeil, a bha olc na dhèanadas. Agus rinn e coicheangal ris longan a dhèanamh a rachadh gu Tarsis: agus rinn iad na longan ann an Esion‐geber. Ach rinn Elièser, mac Dhodabhah o Mharesah, fàistneachd an aghaidh Iehosaphait, ag ràdh, A chionn gun do rinn thu coicheangal ri Ahasiah, bhris an Tighearna d’obraichean. Agus bhriseadh na longan, agus cha b’urrainn iad dol gu Tarsis. Agus chaidil Iehosaphat maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Iehoram a mhac na àite. Agus bha bràithrean aige‐san, mic Iehosaphait, Asariah, agus Iehiel, agus Sechariah, agus Asariah, agus Micheal, agus Sephatiah: b’iad sin uile mic Iehosaphait, rìgh Iùdah. Agus thug an athair dhaibh iomadh tìodhlac airgid agus òir, agus nithean luachmhor, maille ri bailtean daingnichte ann an Iùdah: ach thug e an rìoghachd do Iehoram, a chionn gum b’e an ciad‐ghin e. Agus nuair a dh’èirich Iehoram suas gu rìoghachd a athar, agus a dhaingnich e e fhèin, mharbh e a bhràithrean uile leis a’ chlaidheamh, agus mar an ceudna cuid de uachdarain Israeil. Dà‑bhliadhna‑dheug ar fhichead a dh’aois bha Iehoram nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ochd bliadhna ann an Ierusalem. Agus ghluais e ann an slighe rìghrean Israeil, mar a rinn taigh Ahaib; oir bha nighean Ahaib na mnaoi aige: agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna. Gidheadh, cha b’àill leis an Tighearna taigh Dhaibhidh a sgrios, air sgàth a’ choicheangail a rinn e ri Daibhidh, agus gun do gheall e solas a thabhairt dha fhèin agus da mhic gu bràth. Na làithean‐san dh’èirich na h‑Edomaich o bhith fo làimh Iùdah, agus rinn iad rìgh os an cionn fhèin. Agus chaidh Iehoram a‑mach le a cheannardan, agus a charbadan uile maille ris: agus dh’èirich e anns an oidhche, agus bhuail e na h‑Edomaich a thàinig mun cuairt air, agus ceannardan nan carbad. Gidheadh, dh’èirich na h‑Edomaich o bhith fo làimh Iùdah gus an là‑an‑diugh. Agus dh’èirich Libnah anns an àm cheudna o bhith fo a làimh, a chionn gun do thrèig e an Tighearna, Dia a athraichean. Mar an ceudna rinn e àitean àrda ann an slèibhtean Iùdah, agus thug e air luchd‐àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dhèanamh, agus tharraing e Iùdah a dh’ionnsaigh sin. Agus thàinig sgrìobhadh da ionnsaigh o Eliah am fàidh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, A chionn nach do ghluais thu ann an slighean Iehosaphait, d’athair, no ann an slighean Asa rìgh Iùdah, Ach gun do ghluais thu ann an slighe rìghrean Israeil, agus gun tug thu air Iùdah agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dhèanamh, cosmhail ri strìopachas taigh Ahaib, agus mar an ceudna gun do mharbh thu do bhràithrean de thaigh d’athar, a b’fheàrr na thu fhèin: Feuch, buailidh an Tighearna le plàigh mhòir do shluagh, agus do chlann, agus do mhnathan, agus do mhaoin uile: Agus bidh tu ann an tinneas mòr le eucail do mhionaich, gus an tuit do mhionach a‑mach leis an eucail, o là gu là. Uime sin bhrosnaich an Tighearna an aghaidh Iehoraim spiorad nam Philisteach, agus nan Arabach, a bha làimh ris na h‑Etiopaich: Agus thàinig iad a‑nìos gu Iùdah, agus bhris iad a‑steach innte, agus thug iad leo a’ mhaoin uile a fhuaireadh ann an taigh an rìgh, agus mar an ceudna a mhic agus a mhnathan; air chor is nach d’fhàgadh mac aige ach Ahasiah a mhac a b’òige. Agus na dhèidh seo uile, bhuail an Tighearna e na mhionach le eucail nach gabhadh leigheas. Agus an dèidh làithean àraidh, an ceann dà bhliadhna, thuit a mhionach a‑mach le a eucail, agus fhuair e bàs le droch ghalaran; agus cha do rinn a shluagh losgadh air a shon cosmhail ri losgadh a athraichean. Dà‑bhliadhna‑dheug ar fhichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ochd bliadhna ann an Ierusalem, agus shiubhail e gun dèidh sam bith air, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh, ach cha b’ann an àitean‐adhlaic nan rìgh. Agus rinn luchd‐àiteachaidh Ierusaleim Ahasiah, a mhac a b’òige, na rìgh na àite: oir mharbh a’ bhuidheann a thàinig maille ris na h‑Arabaich don champ na mic a bu shine uile. Agus rìghich Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah. Dà bhliadhna ar fhichead a dh’aois bha Ahasiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ataliah, nighean Omri. Ghluais esan mar an ceudna ann an slighean taigh Ahaib; oir b’i a mhàthair a chomhairliche a dhèanamh uilc. Air an adhbhar sin rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, cosmhail ri taigh Ahaib, oir b’iad sin a chomhairlichean an dèidh bàs a athar, a‑chum a sgrios. Ghluais e mar an ceudna a rèir an comhairle, agus chaidh e maille ri Iehoram, mac Ahaib rìgh Israeil, a chogadh an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria ann an Ramot‐gilead: agus lot na Sirianaich Ioram. Agus thill e gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug iad dha ann an Ramah, nuair a chòmhraig e an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria. Agus chaidh Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu robh e tinn. Agus b’ann o Dhia a bha sgrios Ahasiah, le a theachd gu Ioram: oir nuair a thàinig e, chaidh e a‑mach maille ri Iehoram an aghaidh Iehu mhic Nimsi, a dh’ung an Tighearna a ghearradh as taigh Ahaib. Agus nuair a bha Iehu a’ dèanamh breitheanais air taigh Ahaib, agus a fhuair e uachdarain Iùdah, agus mic bràithrean Ahasiah, a fhritheil do Ahasiah, mharbh e iad. Agus dh’iarr e Ahasiah; agus ghlac iad e, agus e am falach ann an Samaria: agus thug iad e a dh’ionnsaigh Iehu, agus mharbh iad e, agus dh’adhlaic iad e, a chionn, thubhairt iad, gur e mac Iehosaphait e, a dh’iarr an Tighearna le a uile chridhe. Agus cha robh e an comas do thaigh Ahasiah an rìoghachd a ghleidheadh na b’fhaide. Agus nuair a chunnaic Ataliah, màthar Ahasiah, gu robh a mac marbh, dh’èirich i, agus sgrios i uile shliochd rìoghail taigh Iùdah. Agus ghabh Iehosabet, nighean an rìgh, Iòas mac Ahasiah, agus ghoid i e à measg mic an rìgh a mharbhadh, agus chuir i e fhèin agus a bhanaltram ann an seòmar nan leapaichean. Mar sin dh’fhalaich Iehosabet, nighean rìgh Iehoraim, bean Iehoiada an sagart, e (oir b’i piuthar Ahasiah i) o Ataliah, air chor is nach do mharbh i e. Agus bha e maille riu am falach ann an taigh Dhè rè sia bliadhna; agus Ataliah a’ rìoghachadh os cionn na tìre. Agus anns an t‑seachdamh bliadhna neartaich Iehoiada e fhèin, agus ghabh e na ceannardan‐cheud, Asariah mac Ierohaim, agus Ismael mac Iehohanain, agus Asariah mac Obeid, agus Maaseiah mac Adaiah, agus Elisaphat mac Shichri, a‑steach ann an coicheangal ris. Agus chaidh iad mun cuairt ann an Iùdah, agus chruinnich iad na Lèbhithich a‑mach à uile bhailtean Iùdah, agus cinn athraichean Israeil, agus thàinig iad gu Ierusalem. Agus rinn an coitheanal uile coicheangal ris an rìgh ann an taigh Dhè: agus thubhairt e riu, Feuch, rìoghaichidh mac an rìgh, mar a thubhairt an Tighearna mu mhic Dhaibhidh. Seo an nì a nì sibh: Bidh an treas cuid dhibhse a thèid a‑steach air an t‑sàbaid de na sagartan agus de na Lèbhithich nan luchd‐gleidhidh nan doras; Agus bidh trian aig taigh an rìgh; agus trian aig geata na bunaite; agus bidh an sluagh uile ann an cùirtean taigh an Tighearna. Ach na tigeadh a‑steach do thaigh an Tighearna ach na sagartan, agus iadsan de na Lèbhithich a fhrithealas: thèid iadsan a‑steach, oir tha iad naomh: ach coimheadaidh an sluagh uile faire an Tighearna. Agus cuartaichidh na Lèbhithich an rìgh air gach taobh, gach fear le a airm na làimh; agus ge bè neach a thig a‑steach don taigh, cuirear gu bàs e: ach bithibh‐se maille ris an rìgh, nuair a thig e a‑steach, agus nuair a thèid e a‑mach. Agus rinn na Lèbhithich, agus Iùdah uile, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Iehoiada an sagart, agus ghabh iad gach fear a dhaoine fhèin a bha gu teachd a‑steach air an t‑sàbaid, maille riùsan a bha gu dol a‑mach air an t‑sàbaid; oir cha do leig Iehoiada an sagart air falbh na roinnean. Agus thug Iehoiada an sagart do na ceannardan‐cheud sleaghan, agus sgiathan, agus targaidean, a bha aig rìgh Daibhidh, a bha ann an taigh Dhè. Agus chuir e an sluagh uile, gach fear le a ghath na làimh, o thaobh deas an taighe gu ruig taobh clì an taighe, làimh ris an altair agus an taigh, mun cuairt air an rìgh. Agus thug iad a‑mach mac an rìgh, agus chuir iad an crùn air, agus thug iad dha an fhianais, agus rinn iad na rìgh e: agus dh’ung Iehoiada agus a mhic e, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh. Agus nuair a chuala Ataliah fuaim an t‑sluaigh a’ ruith cuideachd, agus a’ moladh an rìgh, thàinig i a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh a‑steach do thaigh an Tighearna. Agus dh’amhairc i, agus, feuch, sheas an rìgh làimh ra phost aig an dol a‑steach, agus na h‑uachdarain agus na trompaidean làimh ris an rìgh; agus rinn uile shluagh na tìre gàirdeachas, agus rinn iad fuaim le trompaidean, agus an luchd‐seinn le innealan‐ciùil, agus iadsan a bha eòlach air moladh: agus reub Ataliah a h‑aodach, agus thubhairt i, Foill, foill! An sin dh’àithn Iehoiada an sagart do na ceannardan‐cheud a chuireadh os cionn an t‑slòigh, agus thubhairt e riu, Thugaibh a‑mach i an taobh a‑muigh de na sreathan; agus ge bè neach a leanas i, marbhar leis a’ chlaidheamh e: oir thubhairt an sagart, Na cuiribh gu bàs i ann an taigh an Tighearna. Agus thug iad comas dhi; agus nuair a thàinig i gu dol a‑steach geata nan each aig taigh an rìgh, mharbh iad an sin i. Agus rinn Iehoiada coicheangal eadar e fhèin agus an sluagh gu lèir, agus an rìgh, gum biodh iad nan sluagh aig an Tighearna. Agus chaidh an sluagh uile a‑steach do thaigh Bhàail, agus leag iad sìos e, agus bhris iad a altairean agus a dhealbhan gu tur, agus mharbh iad Matan sagart Bhàail fa chomhair nan altair. Agus shuidhich Iehoiada luchd‐riaghlaidh taigh an Tighearna le làimh nan sagart agus nan Lèbhitheach, a roinn Daibhidh ann an taigh an Tighearna, a‑chum ìobairtean‐loisgte an Tighearna ìobradh, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, le gàirdeachas agus le seinn, a rèir òrdagh Dhaibhidh. Agus shuidhich e na dorsairean aig geatachan taigh an Tighearna, a‑chum nach rachadh neach air bith a‑steach, a bha neòghlan ann an nì air bith. Agus ghabh e na ceannardan‐cheud, agus na h‑àrd‐uaislean, agus uachdarain an t‑sluaigh, agus uile shluagh na tìre, agus thug iad a‑nuas an rìgh o thaigh an Tighearna; agus thàinig iad tron gheata àrd a‑steach do thaigh an rìgh, agus chuir iad an rìgh na shuidhe air rìgh‐chathair na rìoghachd. Agus rinn uile shluagh na tìre gàirdeachas: agus bha am baile sàmhach, an dèidh dhaibh Ataliah a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Seachd bliadhna a dh’aois bha Iòas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e dà‑fhichead bliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Sibia o Bheer‐sèba. Agus rinn Iòas an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna rè uile làithean Iehoiada an sagart. Agus ghabh Iehoiada air a shon dà mhnaoi, agus ghin e mic agus nigheanan. Agus na dhèidh seo bha e ann an inntinn Iòais taigh an Tighearna a chàradh. Agus chruinnich e ri chèile na sagartan agus na Lèbhithich, agus thubhairt e riu, Rachaibh a‑mach do bhailtean Iùdah, agus cruinnichibh o Israel uile airgead a chàradh taigh ur Dè o bhliadhna gu bliadhna, agus faicibh gun dèan sibh cabhag anns a’ ghnothach. Gidheadh cha do rinn na Lèbhithich cabhag. Agus ghairm an rìgh Iehoiada an t‑àrd‐shagart, agus thubhairt e ris, Carson nach d’iarr thu air na Lèbhithich cìs Mhaois, òglach an Tighearna, a thoirt a‑steach o Iùdah, agus o Ierusalem, agus o choitheanal Israeil, airson pàillean na fianais? Oir bhris mic na droch mhnà Ataliah sìos taigh Dhè; agus mar an ceudna uile nithean coisrigte taigh an Tighearna thug iad seachad do Bhàalim. An sin air àithne an rìgh rinn iad ciste, agus chuir iad i aig geata taigh an Tighearna air an taobh a‑muigh. Agus thug iad gairm air feadh Iùdah agus Ierusaleim, cìs Mhaois òglach Dhè, a chuir e air Israel anns an fhàsach, a thoirt a‑steach don Tighearna. Agus rinn na h‑uachdarain uile, agus an sluagh uile, gàirdeachas, agus thug iad leo, agus thilg iad anns a’ chiste, gus an do lìonadh i. Agus nuair a thugadh a’ chiste a‑steach a dh’ionnsaigh luchd‐riaghlaidh an rìgh le làimh nan Lèbhitheach, agus a chunnaic iad gu robh mòran airgid innte, an sin thàinig sgrìobhaiche an rìgh agus fear‐riaghlaidh an àrd‐shagairt, agus dh’fhalamhaich iad a’ chiste, agus ghabh iad i, agus thug iad air a h‑ais i da h‑àite fhèin. Mar sin rinn iad o là gu là, agus chruinnich iad airgead ann am pailteas. Agus thug an rìgh agus Iehoiada e dhaibhsan a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, agus thuarasdalaich iad luchd‐snaithidh chlach agus saoir a chàradh taigh an Tighearna, agus mar an ceudna luchd‐obrach ann an iarann agus ann an umha a dhèanamh suas taigh an Tighearna. Agus dh’obraich an luchd‐obrach, agus choileanadh an obair len làimh; agus rinn iad suas taigh an Tighearna cho ceart is a bha e roimhe, agus dhaingnich iad e. Agus nuair a chrìochnaich iad an obair, thug iad na dh’fhàgadh den airgead an làthair an rìgh agus Iehoiada, agus rinn iad soithichean dheth do thaigh an Tighearna, soithichean‐frithealaidh nan ìobairtean‐loisgte, agus spàinean, agus soithichean òir agus airgid: agus dh’ìobair iad ìobairtean‐loisgte a‑ghnàth ann an taigh an Tighearna, rè uile làithean Iehoiada. Ach dh’fhàs Iehoiada sean, agus bha e làn de làithean, agus fhuair e bàs: ceud agus deich‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha e nuair a fhuair e bàs. Agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh maille ris na rìghrean, a chionn gun do rinn e math ann an Israel, araon a‑thaobh Dhè, agus a‑thaobh a thaighe. Agus an dèidh bàs Iehoiada, thàinig uachdarain Iùdah, agus rinn iad ùmhlachd don rìgh. An sin dh’èisd an rìgh riu. Agus thrèig iad taigh an Tighearna, Dia an athraichean, agus rinn iad seirbhis do dhoireachan agus do dhealbhan: agus thàinig fearg air Iùdah agus Ierusalem airson an cionta. Gidheadh chuir e fàidhean dan ionnsaigh, gu an toirt air an ais a dh’ionnsaigh an Tighearna; agus rinn iad fianais nan aghaidh, ach cha d’èisd iadsan riu. Agus thàinig spiorad an Tighearna air Sechariah mac Iehoiada an sagart, agus sheas e os cionn an t‑sluaigh, agus thubhairt e riu, Mar seo tha Dia ag ràdh, Carson a tha sibh a’ briseadh àitheantan an Tighearna? Uime sin cha soirbhich leibh. A chionn gun do thrèig sibhse an Tighearna, trèigidh esan sibhse. Agus chaidh iad ann an co‑bhainn na aghaidh, agus chlach iad le clachan e, air àithne an rìgh, ann an cùirt taigh an Tighearna: Oir cha do chuimhnich Iòas an rìgh an coibhneas a rinn Iehoiada a athair ris, ach mharbh e a mhac: agus nuair a bha esan a’ faghail a’ bhàis, thubhairt e, Chì an Tighearna, agus agraidh e. Agus aig ceann na bliadhna thàinig armailt Shiria a‑nìos na aghaidh: agus thàinig iad gu Iùdah agus gu Ierusalem, agus sgrios iad uile uachdarain an t‑sluaigh o mheasg an t‑sluaigh, agus chuir iad an creach uile a dh’ionnsaigh rìgh Dhamascais. Oir le beagan dhaoine thàinig armailt Shiria, agus thug an Tighearna thairis nan làimh sluagh ro‑mhòr, a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean: uime sin rinn iad breitheanas an aghaidh Iòais. Agus nuair a dh’imich iad uaithe, a chionn gun d’fhàg iad e ann an eucailean mòra, rinn a sheirbhisich fhèin ceannairc na aghaidh airson fuil mac Iehoiada an sagart, agus mharbh iad e air leabaidh, agus nuair a fhuair e bàs, dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh, ach cha d’adhlaic iad e ann an àitean‐adhlaic nan rìghrean. Agus is iad seo iadsan a rinn ceannairc na aghaidh: Sabad mac Shimeait a’ bhan‐Amonach, agus Iehosabad mac Shimrit a’ bhan‐Mhòabach, agus a mhic. A‑nis a‑thaobh meud na cìse a thog e, agus mar a rinn e suas taigh Dhè, feuch, tha iad sgrìobhte ann an eachdraidh leabhar nan rìgh. Agus rìghich Amasiah a mhac na àite. Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha Amasiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e naoi‐bliadhna‑fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iehoadan o Ierusalem. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, ach cha b’ann le cridhe iomlan. A‑nis nuair a dhaingnicheadh an rìoghachd dha, mharbh e a sheirbhisich a mharbh an rìgh a athair. Ach an clann cha do mharbh e, a rèir mar tha e sgrìobhte anns an lagh ann an leabhar Mhaois, far an d’àithn an Tighearna, ag ràdh, Cha chuirear na h‑athraichean gu bàs airson nam mac, agus cha chuirear na mic gu bàs airson nan athraichean; ach cuirear gach duine gu bàs airson a pheacaidh fhèin. Agus chruinnich Amasiah Iùdah ri chèile, agus rinn e iad, a rèir taigh an athraichean, nan ceannardan mhìltean agus nan ceannardan cheud, ann an Iùdah agus ann am Beniàmin uile; agus ghabh e an àireamh o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, agus fhuair e ann dhiubh trì cheud mìle fear taghte, a rachadh a‑mach gu cath, a làimhsicheadh sleagh agus sgiath. Thuarasdalaich e mar an ceudna à Israel ceud mìle fear comasach gaisgeil air ceud tàlann airgid. Ach thàinig duine le Dia da ionnsaigh, ag ràdh, A rìgh, na rachadh armailt Israeil maille riut: oir chan eil an Tighearna maille ri Israel, eadhon maille ri cloinn Ephraim uile. Ach mas àill leat imeachd, dèan; bi làidir airson a’ chatha; bheir Dia ort tuiteam ron nàmhaid; oir tha Dia comasach air còmhnadh a dhèanamh, agus air tilgeadh sìos. Agus thubhairt Amasiah ris an duine le Dia, Ach ciod a nì sinn mun cheud tàlann a thug mi do armailt Israeil? Agus fhreagair an duine le Dia, Tha an Tighearna comasach air mòran tuilleadh na sin a thabhairt dhutsa. An sin sgaoil Amasiah iadsan den armailt a thàinig da ionnsaigh à Ephraim, a‑chum gun rachadh iad dan àite fhèin. Agus las am fearg gu mòr an aghaidh Iùdah, agus thill iad dan àite fhèin ann an corraich mhòir. Agus neartaich Amasiah e fhèin, agus thug e a‑mach a shluagh, agus chaidh e gu gleann an t‑salainn, agus bhuail e de chloinn Sheir deich mìle. Agus deich mìle dhiubh ghlac clann Iùdah beò, agus thug iad leo iad gu mullach carraig, agus thilg iad sìos iad o mhullach na carraig, agus bhriseadh iad gu tur. Ach bhris fir na h‑armailt a chuir Amasiah air an ais, a‑chum nach rachadh iad maille ris gu cath, a‑steach air bailtean Iùdah, o Shamaria eadhon gu ruig Bet‐horon, agus bhuail iad trì mìle dhiubh, agus thug iad leo creach mhòr. A‑nis an dèidh do Amasiah teachd o àr nan Edomach, thug e leis diathan chloinn Sheir, agus chuir e suas iad dha fhèin mar dhiathan, agus chrom e e fhèin sìos romhpa, agus loisg e tùis dhaibh. Uime sin las fearg an Tighearna an aghaidh Amasiah, agus chuir e da ionnsaigh fàidh, a thubhairt ris, Carson a dh’iarr thu an dèidh diathan an t‑sluaigh, nach b’urrainn an sluagh fhèin a shaoradh as do làimh‐sa? Agus nuair a bha e a’ labhairt ris, fhreagair esan e, An do rinneadh thusa ad chomhairliche don rìgh? Leig dhìot; carson a bhiodh tu air do bhualadh? Agus leig am fàidh dheth, agus thubhairt e, Tha fhios agam gun do shònraich Dia air do sgrios, a chionn gun do rinn thu seo agus nach d’èisd thu rim chomhairle‐sa. An sin ghabh Amasiah rìgh Iùdah comhairle, agus chuir e teachdairean a dh’ionnsaigh Iòais, mhic Iehoahais, mhic Iehu rìgh Israeil, ag ràdh, Thig, faiceamaid aghaidh a chèile. Agus chuir Iòas rìgh Israeil teachdairean gu Amasiah rìgh Iùdah, ag ràdh, Chuir am fòghnan a bha ann an Lebanon teachdaire a dh’ionnsaigh an t‑seudair a bha ann an Lebanon, ag ràdh, Thoir do nighean dom mhac‐sa na mnaoi: agus chaidh fiadh‐bheathach seachad a bha ann an Lebanon, agus shaltair e sìos am fòghnan. Thubhairt thu, Feuch, bhuail mi Edom, agus thog do chridhe suas thu a‑chum uaill a dhèanamh; fan a‑nis aig do thaigh: carson a bhiodh làmh agad ann an nì a‑chum d’aimhleis, air chor is gun tuiteadh tu fhèin agus Iùdah maille riut? Ach cha d’èisd Amasiah ris; oir bha e o Dhia an toirt thairis na làimh, a chionn gun d’iarr iad an dèidh diathan Edoim. Uime sin chaidh Iòas rìgh Israeil suas, agus chunnaic e fhèin agus Amasiah rìgh Iùdah aghaidh a chèile aig Bet‐semes, a bhuineas do Iùdah. Agus bhuaileadh Iùdah ro Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha. Agus ghlac Iòas rìgh Israeil Amasiah rìgh Iùdah mac Iòais, mhic Ahasiah, aig Bet‐semes, agus thug e e gu Ierusalem, agus bhris e sìos balla Ierusaleim, o gheata Ephraim gu geata na h‑oisne, ceithir cheud làmh‐choille. Agus ghabh e an t‑òr agus an t‑airgead uile, agus na soithichean uile a fhuaireadh ann an taigh Dhè aig Obed‐edom, agus ionmhasan taigh an rìgh, agus braighdean‐gill, agus thill e gu Samaria. Agus mhair Amasiah mac Iòais, rìgh Iùdah, beò an dèidh bàs Iòais mhic Iehoahais, rìgh Israeil, còig‐bliadhna‑deug. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Amasiah, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil? Ach on àm anns an do thionndaidh Amasiah o leantainn an Tighearna, rinn iad ceannairc na aghaidh ann an Ierusalem, agus theich e gu Lachis: ach chuir iad daoine na dhèidh gu Lachis, agus mharbh iad e an sin. Agus thug iad leo air eich e, agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh. Agus ghabh sluagh Iùdah uile Udsiah, agus e sia‑bliadhna‑deug a dh’aois, agus rinn iad e na rìgh an àit a athar Amasiah. Thog esan Elat, agus dh’aisig e e do Iùdah, an dèidh don rìgh cadal maille ra athraichean. Sia‑bliadhna‑deug a dh’aois bha Udsiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e dà‑bhliadhna‑dheug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iecoliah o Ierusalem. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir gach nì a rinn Amasiah a athair. Agus dh’iarr e Dia ann an làithean Shechariah, a theagaisg e ann an eagal Dhè: agus fhad is a dh’iarr e an Tighearna, thug Dia air soirbheachadh. Agus chaidh e a‑mach, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus bhris e sìos balla Ghait, agus balla Iabneith, agus balla Asdoid; agus thog e bailtean ann an Asdod, agus am measg nam Philisteach. Agus chuidich Dia leis an aghaidh nam Philisteach, agus an aghaidh nan Arabach a bha nan còmhnaidh ann an Gur‐bàal, agus nan Amonach. Agus thug na h‑Amonaich tìodhlacan do Udsiah; agus chaidh a ainm a‑mach gu ruig dol a‑steach na h‑Eiphit, oir dh’fhàs e ro‑chumhachdach. Agus thog Udsiah tùir ann an Ierusalem aig geata na h‑oisne, agus aig geata a’ ghlinne, agus aig an oisinn, agus dhaingnich e iad. Agus thog e tùir anns an fhàsach, agus chladhaich e mòran thobar; oir bha mòran sprèidhe aige, agus anns an tìr ìosail agus anns a’ chòmhnard treabhaichean, agus fìonliosadairean anns na slèibhtean agus ann an Carmel, a chionn gum bu toigh leis tuathanachas. Bha aig Udsiah mar an ceudna armailt de dhaoine a dhèanadh cogadh, a rachadh a‑mach gu cath nam buidhnean, a rèir uibhir an àireimh, le làimh Ieieil an sgrìobhaiche, agus Mhaaseiah am fear‐riaghlaidh, fo làimh Hananiah aon de uachdarain an rìgh. B’e àireamh iomlan prìomh‐athraichean nan daoine comasach gaisgeil, dà mhìle agus sia ceud. Agus fon làimh‐san bha armailt, trì cheud mìle agus seachd mìle agus còig ceud, a dhèanadh cogadh le treun neart, a chuideachadh leis an rìgh an aghaidh an nàmhaid. Agus dheasaich Udsiah air an son, eadhon don fheachd uile, targaidean, agus sleaghan, agus clogaidean, agus lùirichean, agus boghachan, agus croinn‐tabhaill a thilgeadh chlach. Agus rinn e ann an Ierusalem innealan‐cogaidh, a dhealbhadh le daoine ealanta, gu bhith air na tùir agus air oisnean nam ballachan, a thilgeadh shaighead agus chlach mòra leo; agus chaidh a ainm a‑mach an cèin, oir b’iongantach an dòigh air an do chuidicheadh leis gus an d’fhàs e cumhachdach. Ach nuair a dh’fhàs e cumhachdach, thogadh a chridhe suas a‑chum aimhleis, agus pheacaich e an aghaidh an Tighearna a Dhia: oir chaidh e a‑steach do theampall an Tighearna, a losgadh tùise air altair na tùise. Agus chaidh Asariah an sagart a‑steach na dhèidh, agus maille ris ceithir‐fichead sagart leis an Tighearna, fir threuna; Agus sheas iad an aghaidh Udsiah an rìgh, agus thubhairt iad ris, Cha bhuin e dhutsa, Udsiah, tùis a losgadh don Tighearna, ach do na sagartan, mic Aaroin, a tha air an naomhachadh a losgadh tùise: imich a‑mach as an ionad naomh, oir pheacaich thu, agus cha bhi e dhut a‑chum urraim on Tighearna Dia. Agus bha fearg air Udsiah, agus tùiseir aige na làimh a losgadh tùise: agus nuair a bha fearg air ris na sagartan, air ball dh’èirich luibhre suas ann an clàr a aodainn, am fianais nan sagartan ann an taigh an Tighearna, os cionn altair na tùise. Agus dh’amhairc Asariah an t‑àrd‐shagart, agus na sagartan uile air, agus, feuch, bha luibhre air ann an clàr a aodainn, agus ghreas iad a‑mach as a sin e; agus rinn e fhèin mar an ceudna cabhag gu dol a‑mach, a chionn gun do bhuail an Tighearna e. Agus bha Udsiah an rìgh na lobhar gu là a bhàis, agus ghabh e còmhnaidh ann an taigh air leth, mar fhear a bha na lobhar, nuair a dhruideadh a‑mach e à taigh an Tighearna; agus bha Iotam a mhac os cionn taigh an rìgh, a’ toirt breith air sluagh na tìre. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Udsiah, an toiseach agus mu dheireadh, sgrìobh Isaiah am fàidh, mac Amois. Agus chaidil Udsiah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am magh àit‐adhlacaidh nan rìghrean: oir thubhairt iad, Tha e na lobhar. Agus rìghich Iotam a mhac na àite. Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha Iotam nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia‑bliadhna‑deug ann an Ierusalem; agus b’e ainm a mhàthar Ierusa, nighean Shadoic. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn Udsiah a athair; gidheadh cha deachaidh e a‑steach do theampall an Tighearna, agus bha an sluagh fhathast truaillidh. Thog e geata àrd taigh an Tighearna, agus air balla Opheil thog e mòran. Agus thog e bailtean ann an slèibhtean Iùdah, agus anns na coilltean thog e caistealan agus tùir. Agus chog e ri rìgh chloinn Amoin, agus thug e buaidh orra. Agus thug clann Amoin dha air a’ bhliadhna sin fhèin ceud tàlann airgid, agus deich mìle tomhas cruithneachd, agus deich mìle tomhas eòrna. Seo thug clann Amoin seachad dha, araon air an dara bliadhna, agus air an treas. Agus dh’fhàs Iotam cumhachdach, a chionn gun do dheasaich e a shlighean am fianais an Tighearna a Dhia. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iotaim, agus a chogaidhean uile, agus a shlighean, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil agus Iùdah. Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia‑bliadhna‑deug ann an Ierusalem. Agus chaidil Iotam maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Ahas a mhac na àite. Fichead bliadhna a dh’aois bha Ahas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia‑bliadhna‑deug ann an Ierusalem: agus cha do rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Daibhidh a athair: Ach dh’imich e ann an slighean rìghrean Israeil, agus mar an ceudna rinn e dealbhan leaghte do Bhàalim. Agus loisg e tùis ann an gleann Bhen‐hinoim, agus loisg e a chlann anns an teine, a rèir gràinealachd nan cinneach a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil. Agus dh’ìobair e agus loisg e tùis anns na h‑àitean àrda, agus air na cnuic, agus fo gach craoibh uaine. Uime sin thug an Tighearna a Dhia thairis e an làimh rìgh nan Sirianach; agus bhuail iad e, agus thug iad leo mòran dhiubh nam braighdean, agus thug iad iad gu Damascas: agus thugadh mar an ceudna thairis e an làimh rìgh Israeil, a bhuail e le àr mòr. Agus mharbh Pecah mac Remaliah ann an Iùdah ceud agus fichead mìle ann an aon là, fir threuna uile; a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean. Agus mharbh Sichri, duine treun de Ephraim, Maaseiah mac an rìgh, agus Asricam, uachdaran an taighe, agus Elcanah a b’fhaisge don rìgh. Agus thug clann Israeil leo nam braighdean dem bràithrean dà cheud mìle bean, mac agus nighean, agus thog iad mar an ceudna creach mhòr uapa, agus thug iad a’ chreach gu Samaria. Ach bha fàidh leis an Tighearna an sin dam b’ainm Oded, agus chaidh e a‑mach am fianais an t‑slòigh a thàinig gu Samaria, agus thubhairt e riu, Feuch, a chionn gu robh fearg air an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, ri Iùdah, thug e thairis iad nur làimh‐se agus mharbh sibh iad le buirbe a ràinig suas gu nèamh. Agus a‑nis tha sibh a’ cur romhaibh clann Iùdah agus Ierusaleim a chur fodhaibh mar thràillean agus mar bhan‐tràillean agaibh. Nach eil idir agaibhse, eadhon agaibhse, peacaidhean an aghaidh an Tighearna ur Dia? A‑nis, matà, èisdibh riumsa, agus thugaibh air an ais na braighdean a thug sibh leibh ann am braighdeanas o ur bràithrean; oir tha fearg laiste an Tighearna ribh. An sin dh’èirich daoine àraidh de chinn chloinn Ephraim, Asariah mac Iohanain, Berechiah mac Mhesilemoit, agus Iehisciah mac Shaluim, agus Amasa mac Hadlai, suas nan aghaidh‐san a thàinig on chogadh. Agus thubhairt iad riu, Cha toir sibh na braighdean a‑steach an seo; oir bhiodh sin na chionta an aghaidh an Tighearna oirnne. Tha sibhse a’ cur romhaibh tuilleadh a chur ri ar peacaidhean, agus ri ar cionta, nuair a tha ar cionta cheana mòr agus fearg laiste ri Israel. An sin dh’fhàg na daoine a bha fon airm na braighdean agus a’ chreach am fianais nan uachdaran agus a’ cho‐chruinneachaidh uile. Agus dh’èirich na daoine a ghairmeadh air an ainm, agus ghabh iad na braighdean, agus dh’èidich iad leis a’ chreich iadsan uile a bha lomnochd dhiubh, agus nuair a chuir iad aodach agus brògan orra, thug iad orra ithe agus òl, agus dh’ung iad iad, agus chuir iad air asail iadsan uile a bha anfhann dhiubh, agus thug iad iad gu Iericho, baile nan craobh‐pailme, a dh’ionnsaigh am bràithrean; agus thill iad gu Samaria. Anns an àm sin chuir rìgh Ahas fios a dh’ionnsaigh rìgh Asiria e a chuideachadh leis. Oir thàinig na h‑Edomaich a‑rìs, agus bhuail iad Iùdah, agus thug iad leo braighdean. Thug na Philistich mar an ceudna ionnsaigh air bailtean a’ chòmhnaird, agus air an taobh a deas de Iùdah, agus ghlac iad Bet‐semes, agus Aialon, agus Gederot, agus Socho le a bhailtean beaga, agus Timnah le a bhailtean beaga, agus Gimso le a bhailtean beaga; agus ghabh iad còmhnaidh an sin. Oir rinn an Tighearna Iùdah ìosal airson Ahais rìgh Iùdah, a chionn gun do rinn e Iùdah lomnochd, agus gun do rinn e cionta mòr an aghaidh an Tighearna. Uime sin thàinig Tilgat‐pilneser rìgh Asiria da ionnsaigh, agus shàraich, ach cha do neartaich e e. Oir ghabh Ahas cuibhreann à taigh an Tighearna, agus à taigh an rìgh, agus o na h‑uachdarain, agus thug e sin do rìgh Asiria; ach cha do chuidich e leis. Agus an àm a theanntachd rinn e fhathast tuilleadh cionta an aghaidh an Tighearna, an rìgh seo fhèin Ahas. Oir dh’ìobair e do dhiathan Dhamascais a bhuail e, agus thubhairt e, A chionn gun cuidich diathan rìghrean Shiria leo, ìobraidh mise dhaibh a‑chum gun cuidich iad leamsa: ach is ann a bha iad nan adhbhar sgrios dha fhèin, agus do Israel uile. Agus chruinnich Ahas soithichean taigh Dhè, agus gheàrr e nam mìrean soithichean taigh Dhè, agus dhruid e dorsan taigh an Tighearna. Agus rinn e dha fhèin altairean anns gach ceàrn de Ierusalem. Agus anns gach baile fa leth de Iùdah rinn e àitean àrda, a‑chum tùis a losgadh do dhiathan coimheach, agus bhrosnaich e gu feirg an Tighearna, Dia a athraichean. Agus a chuid eile de a ghnìomharan agus de a shlighean uile, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil. Agus chaidil Ahas maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e anns a’ bhaile, ann an Ierusalem; ach cha tug iad e do àitean‐adhlaic rìghrean Israeil; agus rìghich Heseciah a mhac na àite. Thòisich Heseciah air rìoghachadh nuair a bha e còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois, agus rìghich e naoi‐bliadhna‑fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Abiah, nighean Shechariah. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn Daibhidh a athair. Anns a’ chiad bhliadhna de a rìoghachadh, air a’ chiad mhìos, dh’fhosgail e dorsan taigh an Tighearna, agus chàraich e iad. Agus thug e a‑steach na sagartan agus na Lèbhithich, agus chruinnich e iad don t‑sràid an ear. Agus thubhairt e riu, Eisdibh rium, a Lèbhitheacha; a‑nis naomhaichibh sibh fhèin, agus naomhaichibh taigh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus thugaibh a‑mach an salchar as an ionad naomh. Oir pheacaich ar n‑athraichean, agus rinn iad an nì a bha olc ann an sùilean an Tighearna ar Dia, agus thrèig iad e, agus thionndaidh iad an aghaidhean o phàillean an Tighearna, agus chuir iad cùl ris. Mar an ceudna dhruid iad dorsan an sgàth‐thaighe, agus chuir iad as na lòchrain, agus cha do loisg iad tùis, agus cha tug iad ìobairtean‐loisgte suas anns an ionad naomh, do Dhia Israeil. Uime sin bha fearg an Tighearna ri Iùdah agus ri Ierusalem, agus thug e thairis iad do thuairgne, do uamhann, agus do sgeig, mar a chì sibh le ur sùilean. Oir feuch, thuit ar n‑athraichean leis a’ chlaidheamh, agus tha ar mic, agus ar nigheanan, agus ar mnathan ann am braighdeanas airson seo. A‑nis tha e ann am chridhe coicheangal a dhèanamh ris an Tighearna Dia Israeil, a‑chum gun tionndaidh a fhearg laiste uainn. Mo mhic, na bithibh a‑nis dearmadach; oir thagh an Tighearna sibh gu seasamh na làthair a dhèanamh seirbhis dha, agus gu bhith a’ frithealadh dha agus a’ losgadh tùise. An sin dh’èirich na Lèbhithich, Mahat mac Amasai, agus Ioel mac Asariah, de mhic nan Cohatach; agus de mhic Mherari, Cis mac Abdi, agus Asariah mac Iehaleleil: agus de na Gersonaich, Ioah mac Shimah, agus Eden mac Ioah: Agus de mhic Elisaphain, Simri agus Iehiel: agus de mhic Asaiph, Sechariah agus Mataniah: Agus de mhic Hemain, Iehiel agus Simei: agus de mhic Iedutuin, Semaiah agus Udsiel. Agus chruinnich iad am bràithrean, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thàinig iad a rèir àithne an rìgh ann am briathran an Tighearna, a ghlanadh taigh an Tighearna. Agus chaidh na sagartan don chuid a b’fhaide a‑staigh de thaigh an Tighearna ga ghlanadh, agus thug iad a‑mach gach salchar a fhuair iad ann an teampall an Tighearna, gu cùirt taigh an Tighearna. Agus thog na Lèbhithich leo e, gu a thoirt a‑mach gu sruth Chidroin. A‑nis thòisich iad air a’ chiad là den chiad mhìos air naomhachadh, agus air an ochdamh là den mhìos thàinig iad gu sgàth‐thaigh an Tighearna, agus naomhaich iad taigh an Tighearna ann an ochd làithean, agus air an t‑siathamh‐là‑deug den chiad mhìos chrìochnaich iad an obair. An sin chaidh iad a‑steach a dh’ionnsaigh Heseciah an rìgh, agus thubhairt iad, Ghlan sinn taigh an Tighearna uile, agus altair na h‑ìobairt‐loisgte maille ra soithichean uile, agus bòrd an arain thaisbeanta maille ra shoithichean uile. Agus na soithichean sin uile a chuir rìgh Ahas, nuair a rìghich e, air falbh na easaontas, dheasaich sinne agus naomhaich sinn, agus, feuch, tha iad fa chomhair altair an Tighearna. An sin dh’èirich Heseciah an rìgh gu moch, agus chruinnich e uachdarain a’ bhaile, agus chaidh e suas do thaigh an Tighearna. Agus thug iad leo seachd tairbh òga, agus seachd reitheachan, agus seachd uain, agus seachd buic‐ghoibhre mar ìobairt‐pheacaidh airson na rìoghachd, agus airson an ionaid naoimh, agus airson Iùdah: agus dh’àithn e do na sagartan, mic Aaroin, an ìobradh air altair an Tighearna. Uime sin mharbh iadsan na tairbh, agus ghabh na sagartan an fhuil, agus chrath iad i air an altair: mharbh iad mar an ceudna na reitheachan, agus chrath iad an fhuil air an altair: mharbh iad cuideachd na h‑uain, agus chrath iad an fhuil air an altair. Agus thug iad leo na buic‐ghoibhre airson na h‑ìobairt‐pheacaidh an làthair an rìgh agus a’ choitheanail, agus chuir iad an làmhan orra: Agus mharbh na sagartan iad, agus chrath iad am fuil air an altair a‑chum rèite a dhèanamh airson Israeil uile: oir dh’àithn an rìgh an ìobairt‐loisgte agus an ìobairt‐pheacaidh airson Israeil uile. Agus chuir e na Lèbhithich ann an taigh an Tighearna le ciombalan, le saltairean, agus le clàrsaichean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Ghaid, fear‐seallaidh an rìgh, agus Nàtain am fàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh a fhàidhean. Agus sheas na Lèbhithich le innealan Dhaibhidh, agus na sagartan leis na trompaidean. Agus dh’àithn Heseciah an ìobairt‐loisgte ìobradh air an altair: agus nuair a thòisich an ìobairt‐loisgte, thòisich mar an ceudna laoidh an Tighearna leis na trompaidean, agus le innealan Dhaibhidh rìgh Israeil. Agus rinn an coitheanal uile adhradh, agus sheinn an luchd‐seinn, agus shèid na trompadairean: mhair seo uile gus an do chrìochnaicheadh an ìobairt‐loisgte. Agus nuair a chuir iad crìoch air ìobradh, chrom an rìgh agus iadsan uile a bha maille ris iad fhèin, agus rinn iad adhradh. Agus dh’àithn Heseciah an rìgh agus na h‑uachdarain do na Lèbhithich gum moladh iad an Tighearna ann am briathran Dhaibhidh, agus Asaiph am fear‐seallaidh: agus mhol iad le subhachas, agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh. An sin fhreagair Heseciah, agus thubhairt e, A‑nis choisrig sibh sibh fhèin don Tighearna: thigibh am fagas, agus thugaibh leibh ìobairtean, agus tabhartasan buidheachais do thaigh an Tighearna. Agus thug an coitheanal a‑steach ìobairtean, agus tabhartasan buidheachais, agus iadsan uile a bha toileach nan cridhe, tabhartasan‐loisgte. Agus b’e àireamh nan tabhartas‐loisgte a thug an coitheanal leo, trì‐fichead agus deich tairbh òga, ceud reithe, dà cheud uan; iad sin uile a‑chum ìobairt‐loisgte don Tighearna. Agus na nithean coisrigte, sia ceud damh, agus trì mìle caora. Ach bha na sagartan tearc, agus cha b’urrainn iad na tabhartasan loisgte uile fhionnadh: uime sin chuidich am bràithrean na Lèbhithich leo, gus an do chrìochnaicheadh an obair, agus gus an do naomhaich na sagartan iad fhèin: oir bha na Lèbhithich na bu deise nan cridhe a‑chum iad fhèin a naomhachadh na na sagartan. Agus mar an ceudna bha na tabhartasan loisgte ann am pailteas, maille ri saill nan tabhartas‐sìthe agus nan tabhartas‐dibhe, a‑chum na h‑ìobairt‐loisgte. Agus dheasaicheadh seirbhis taigh an Tighearna. Agus rinn Heseciah agus an sluagh uile gàirdeachas, a chionn gun do dheasaich Dia airson an t‑sluaigh: oir rinneadh an nì gu grad. Agus chuir Heseciah fios gu Israel uile agus gu Iùdah, agus mar an ceudna sgrìobh e litrichean gu Ephraim agus gu Manaseh, iad a theachd gu taigh an Tighearna ann an Ierusalem, a chumail na càisge don Tighearna Dia Israeil. Agus ghabh an rìgh comhairle, agus a uachdarain, agus an coitheanal uile ann an Ierusalem, a’ chàisg a chumail air an dara mìos. Oir cha b’urrainn iad a cumail anns an àm sin, a chionn nach do naomhaich na sagartan iad fhèin gu leòr, agus nach robh an sluagh air cruinneachadh gu Ierusalem. Agus thaitinn an nì ris an rìgh, agus ris a’ choitheanal uile. Agus shuidhich iad reachd, gairm a thabhairt air feadh Israeil uile o Bheer‐sèba eadhon gu Dan, iad a theachd a chumail na càisge don Tighearna Dia Israeil ann an Ierusalem; oir cha do chùm mòran i mar a bha e sgrìobhte. Agus chaidh na gillean‐ruith le litrichean on rìgh agus o a uachdarain air feadh Israeil uile agus Iùdah, agus a rèir àithne an rìgh, ag ràdh, A chlann Israeil, tillibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, agus tillidh esan a dh’ionnsaigh na fuidhill dhibh a chaidh as o làimh rìghrean Asiria. Agus na bithibh cosmhail ri ur n‑athraichean, agus cosmhail ri ur bràithrean a pheacaich an aghaidh an Tighearna, Dia an athraichean, agus thug esan thairis iad gu lèirsgrios, mar a chì sibh. A‑nis na bithibh‐se cruaidh‐mhuinealach cosmhail ri ur n‑athraichean: thugaibh sibh fhèin thairis don Tighearna, agus rachaibh a‑steach da ionad naomh, a naomhaich e gu bràth; agus dèanaibh seirbhis don Tighearna ur Dia, a‑chum gun tionndaidh lasan a fheirge air falbh uaibh. Oir ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, gheibh ur bràithrean agus ur clann iochd nam fianais‐san a thug leo am braighdeanas iad, air chor is gun till iad a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir gràsmhor agus tròcaireach tha an Tighearna ur Dia, agus cha tionndaidh e a ghnùis air falbh uaibh, ma thilleas sibh da ionnsaigh. Agus chaidh na gillean‐ruith thairis o bhaile gu baile, air feadh tìr Ephraim agus Mhanaseh, eadhon gu ruig Sebulun: ach bha iad a’ fanaid orra, agus a’ dèanamh ball‐magaidh dhiubh. Gidheadh, dh’irioslaich daoine àraidh de Aser, de Mhanaseh, agus de Shebulun iad fhèin, agus thàinig iad gu Ierusalem. Mar an ceudna ann an Iùdah bha làmh Dhè a thoirt aon chridhe dhaibh, a dhèanamh àithne an rìgh agus nan uachdaran, a rèir facal an Tighearna. Agus chruinnich ann an Ierusalem mòran sluaigh, a chumail fèill an arain neo‐ghortaichte anns an dara mìos, co‑chruinneachadh ro‑mhòr. Agus dh’èirich iad, agus thug iad air falbh na h‑altairean a bha ann an Ierusalem, agus na h‑altairean uile airson tùise thug iad air falbh, agus thilg iad iad ann an sruth Chidroin. Agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh‐là‑deug den dara mìos; agus bha nàire air na sagartan agus air na Lèbhithich, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thug iad a‑steach ìobairtean‐loisgte do thaigh an Tighearna. Agus sheas iad nan àit a rèir an riaghailt, a rèir lagh Mhaois, òglach Dhè: agus chrath na sagartan an fhuil a ghabh iad o làimh nan Lèbhitheach. Oir bha mòran anns a’ choitheanal nach robh air an naomhachadh: uime sin bha cùram marbhadh na càisge air na Lèbhithich, airson gach neach nach robh glan, a‑chum an naomhachadh don Tighearna. Oir cha do ghlan mòran den t‑sluagh, mòran de Ephraim, agus de Mhanaseh, de Isachar, agus de Shebulun iad fhèin; gidheadh, dh’ith iad a’ chàisg, cha b’ann mar a tha e sgrìobhte. Ach rinn Heseciah ùrnaigh air an son, ag ràdh, Gun tugadh an Tighearna math maitheanas do gach aon, a dheasaich a chridhe a dh’iarraidh an Tighearna, Dia a athraichean, ged nach eil e glan a rèir glanadh an ionaid naoimh. Agus dh’èisd an Tighearna ri Heseciah, agus leighis e an sluagh. Agus chùm clann Israeil a bha an làthair ann an Ierusalem fèill an arain neo‐ghortaichte seachd làithean le mòr‐ghàirdeachas: agus mhol na Lèbhithich agus na sagartan an Tighearna o là gu là, a’ seinn le innealan fuaimneach don Tighearna. Agus labhair Heseciah gu coibhneil ris na Lèbhithich uile, a theagaisg eòlas math an Tighearna; agus dh’ith iad air an fhèill rè seachd làithean, ag ìobradh ìobairtean‐sìth, agus a’ cliùthachadh an Tighearna, Dia an athraichean. Agus ghabh an coitheanal uile comhairle seachd làithean eile a chumail: agus chùm iad seachd làithean eile le aoibhneas. Oir thug Heseciah rìgh Iùdah suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus seachd mìle caora; agus thug na h‑uachdarain suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus deich mìle caora: agus naomhaich mòran shagart iad fhèin. Agus rinn coitheanal Iùdah uile gàirdeachas, agus na sagartan, agus na Lèbhithich, agus an coitheanal uile a thàinig à Israel, agus na coigrich a thàinig à tìr Israeil, agus a bha a chòmhnaidh ann an Iùdah. Mar sin bha mòr‐aoibhneas ann an Ierusalem: oir o làithean Sholaimh mhic Dhaibhidh, rìgh Israeil, cha robh a leithid ann an Ierusalem. An sin dh’èirich na sagartan agus na Lèbhithich, agus bheannaich iad an sluagh: agus chuala Dia an guth, agus thàinig an ùrnaigh suas da àite‐còmhnaidh naomh‐san, do nèamh. Agus nuair a chrìochnaicheadh seo uile, chaidh Israel uile a bha an làthair a‑mach do bhailtean Iùdah, agus bhris iad na dealbhan, agus gheàrr iad sìos na doireachan, agus thilg iad sìos na h‑ionadan àrda agus na h‑altairean à Iùdah uile agus à Beniàmin, agus ann an Ephraim agus Manaseh, gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin thill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin, dam bailtean fhèin. Agus shuidhich Heseciah roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach a rèir an roinnean, gach duine a rèir a sheirbhis fhèin, na sagartan agus na Lèbhithich airson nan ìobairt‐loisgte, agus airson nan ìobairt‐shìth, a fhrithealadh, agus a thabhairt buidheachais, agus a chliùthachadh ann an geatachan camp an Tighearna: Cuibhreann an rìgh mar an ceudna de a mhaoin, airson nan ìobairt‐loisgte, airson ìobairt‐loisgte na maidne agus an fheasgair, agus ìobairt‐loisgte nan sàbaid, agus nan gealach nodha, agus nam fèill suidhichte, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna. Dh’àithn e cuideachd don t‑sluagh a bha a chòmhnaidh ann an Ierusalem gun tugadh iad seachad cuibhreann nan sagart agus nan Lèbhitheach a‑chum gum biodh iad air an daingneachadh ann an lagh an Tighearna. Agus cho luath is a thàinig an àithne a‑mach, thug clann Israeil seachad gu pailt ciad‐thoradh an arbhair, an fhìona, agus na h‑ola, agus na meala, agus uile fhàs an fhearainn; agus deicheamh nan uile nithean thug iad a‑steach ann am pailteas. Agus a‑thaobh chloinn Israeil agus Iùdah a bha a chòmhnaidh ann am bailtean Iùdah, thug iadsan mar an ceudna a‑steach deicheamh a’ bhuair agus nan caorach, agus deicheamh nan nithean naomha a bha air an naomhachadh don Tighearna an Dia, agus rinn iad mòran chruach dhiubh. Anns an treas mìos thòisich iad air bunaitean nan cruach a leagadh, agus anns an t‑seachdamh mìos chrìochnaich iad iad. Agus thàinig Heseciah agus na h‑uachdarain, agus chunnaic iad na cruachan, agus bheannaich iad an Tighearna agus a shluagh Israel. Agus dh’fhiosraich Heseciah de na sagartan agus na Lèbhithich mu thimcheall nan cruach. Agus fhreagair Asariah an t‑àrd‐shagart de thaigh Shadoic e, agus thubhairt e, On thòisich iad air na tabhartasan a thoirt a‑steach do thaigh an Tighearna, dh’ith sinn gus an do shàsaicheadh sinn, agus dh’fhàg sinn pailteas: oir bheannaich an Tighearna a shluagh, agus dh’fhàgadh am pailteas mòr seo. An sin dh’àithn Heseciah seòmraichean ullachadh ann an taigh an Tighearna; agus dh’ullaich iad iad; Agus thug iad a‑steach na tabhartasan, agus an deicheamh, agus na nithean naomhaichte gu fìrinneach; agus os an cionn bha Cononiah an Lèbhitheach na fhear‐riaghlaidh, agus Simei a bhràthair anns an àit a b’fhaisge. Agus bha Iehiel, agus Asariah, agus Nahat, agus Asahel, agus Ierimot, agus Iosabad, agus Eliel, agus Ismahiah, agus Mahat, agus Benaiah, nan luchd‐amhairc‐thairis fo làimh Chononiah, agus Shimei a bhràthair, air àithne Heseciah an rìgh, agus Asariah, uachdaran taigh Dhè. Agus bha Core mac Imnah an Lèbhitheach, an dorsair a làimh na h‑àird an ear, os cionn saor‐thìodhlacan Dhè a‑chum gun tugadh e seachad tabhartasan an Tighearna, agus na nithean ro‑naomha. Agus làimh ris‐san Eden, agus Beniàmin, agus Iesua, agus Semaiah, agus Amariah, agus Secaniah, ann am bailtean nan sagart, nan cùram, a thabhairt dam bràithrean, nan roinnean, mar don mhòr mar sin don bheag. A thuilleadh air àireamh nam fireannach a rèir an ginealaichean o thrì bliadhna a dh’aois agus os a chionn, do gach neach a thèid a‑steach do thaigh an Tighearna, a chuibhreann làitheil, airson an seirbhis nan cùram, a rèir an roinnean; Araon do àireamh nan sagart a rèir an ginealaichean, a rèir taigh an athraichean, agus nan Lèbhitheach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, nan cùram, a rèir an roinnean: Agus do àireamh an cloinne bige uile a rèir an ginealaichean, am ban, agus am mac, agus an nigheanan den choitheanal uile: oir nan cùram naomhaich iad iad fhèin gu mòr: Agus de mhic Aaroin na sagartan ann am fearann co‑roinn am bailtean, anns gach baile fa leth, na daoine a dh’ainmicheadh air an ainm, a thabhairt an cuibhreann do gach fireannach am measg nan sagart, agus dhaibhsan uile a bha air an àireamh a rèir an ginealaichean am measg nan Lèbhitheach. Agus rinn Heseciah mar seo air feadh Iùdah uile: agus rinn e an nì sin a bha math, agus ceart, agus fìrinneach ann am fianais an Tighearna a Dhia. Agus a‑thaobh gach obrach air an do thòisich e ann an seirbhis taigh Dhè, agus anns an lagh, agus anns na h‑àitheantan, a dh’iarraidh a Dhè, rinn e i le a uile chridhe, agus shoirbhich e. An dèidh nan nithean seo agus nuair a bha iad air an suidheachadh, thàinig Senacherib rìgh Asiria, agus chaidh e a‑steach do Iùdah, agus champaich e an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus shònraich e air an cosnadh dha fhèin. Agus nuair a chunnaic Heseciah gun tàinig Senacherib, agus gu robh e a’ cur roimhe cogadh an aghaidh Ierusaleim, Chuir e a chomhairle ra uachdarain agus ra dhaoine cumhachdach, uisgeachan nan tobar a bha an taobh a‑muigh den bhaile a dhùnadh suas; agus chuidich iad leis. Agus chruinnich sluagh mòr, agus dhùin iad suas na tobraichean uile, agus na sruthain a bha a’ ruith ann am meadhon na tìre, ag ràdh, Carson a thigeadh rìghrean Asiria, agus a gheibheadh iad mòran uisge? Agus dhaingnich e e fhèin, agus thog e am balla uile a chaidh a bhriseadh, agus chuir e suas tùir air, agus balla eile air an taobh a‑muigh, agus dhaingnich e Milo, baile Dhaibhidh, agus rinn e gathan agus targaidean ann am pailteas. Agus chuir e ceannardan‐cogaidh os cionn an t‑sluaigh, agus chruinnich e iad da ionnsaigh ann an sràid geata a’ bhaile, agus labhair e rin cridhe, ag ràdh, Bithibh làidir agus bithibh misneachail, na biodh eagal agus na biodh faitcheas oirbh ro rìgh Asiria, no ron t‑sluagh mhòr seo uile a tha maille ris; oir is mò a tha leinne na leis‐san. Leis‐san tha gàirdean feòla, ach leinne tha an Tighearna ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh à briathran Heseciah rìgh Iùdah. Na dhèidh seo chuir Senacherib rìgh Asiria a sheirbhisich gu Ierusalem (oir bha e fhèin aig Lachis, agus a neart uile maille ris), a dh’ionnsaigh Heseciah rìgh Iùdah, agus a dh’ionnsaigh Iùdah uile, a bha aig Ierusalem, ag ràdh, Mar seo tha Senacherib rìgh Asiria ag ràdh, Cia as a tha sibh ag earbsa, agus sibh a’ fantainn nur daingneach ann an Ierusalem? Nach eil Heseciah gur comhairleachadh sibh fhèin a thoirt thairis gu bàs le gorta agus le tart, ag ràdh, Saoraidh an Tighearna ar Dia sinn à làimh rìgh Asiria? Nach do chuir Heseciah seo fhèin air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus nach d’àithn e do Iùdah agus do Ierusalem, ag ràdh, Fa chomhair aon altarach sleuchdaidh sibh, agus loisgidh sibh tùis oirre? Nach eil fhios agaibh ciod a rinn mise agus m’athraichean ri uile shluagh nan dùthchannan? An robh diathan cinnich nan tìrean sin comasach air an tìr fhèin a shaoradh as mo làimh‐sa? Cò am measg uile dhiathan nan cinneach sin a sgrios m’athraichean‐sa gu tur a b’urrainn a shluagh a shaoradh as mo làimh‐sa, gum biodh ur Dia‐se comasach air ur saoradh as mo làimh? A‑nis, matà, na mealladh Heseciah sibh, agus na comhairlicheadh e sibh mar seo, agus na creidibh e; oir cha robh dia air bith cinnich no rìoghachd sam bith comasach air a shluagh a shaoradh as mo làimh‐sa, agus à làimh m’athraichean; nach lugha gu mòr na sin as urrainn ur Dia‐se ur saoradh as mo làimh? Agus labhair a sheirbhisich tuilleadh is seo an aghaidh an Tighearna Dia, agus an aghaidh a sheirbhisich Heseciah. Sgrìobh e mar an ceudna litrichean a chàineadh an Tighearna Dia Israeil, agus a labhairt na aghaidh, ag ràdh, Mar nach do shaor diathan cinnich nan dùthchannan an sluagh as mo làimh‐sa, mar sin cha saor Dia Heseciah a shluagh as mo làimh. Ghlaodh iad cuideachd le guth àrd anns a’ chànain Iùdhaich ri sluagh Ierusaleim a bha air a’ bhalla, gu eagal agus buaireas a chur orra a‑chum gun glacadh iad am baile. Agus labhair iad an aghaidh Dia Ierusaleim mar an aghaidh diathan sluagh na talmhainn, obraichean làmhan dhaoine. Agus rinn Heseciah an rìgh agus am fàidh Isaiah mac Amois, ùrnaigh airson seo, agus ghlaodh iad gu nèamh. Agus chuir an Tighearna aingeal uaithe, a sgrios na daoine comasach gaisgeil uile, agus na ceannardan, agus na h‑uachdarain ann an camp rìgh Asiria: uime sin thill e le nàire gnùise da thìr fhèin. Agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh a dhè, mharbh iadsan a thàinig a‑mach as a innibh fhèin e an sin leis a’ chlaidheamh. Mar seo shaor an Tighearna Heseciah agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim à làimh Shenacherib rìgh Asiria, agus à làimh nan uile, agus stiùir e iad air gach taobh. Agus thug mòran tabhartasan a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Ierusalem, agus tìodhlacan a dh’ionnsaigh Heseciah rìgh Iùdah: agus dh’àrdaicheadh e ann an sùilean nan uile chinneach na dhèidh sin. Anns na làithean sin bha Heseciah tinn gu bàs, agus rinn e ùrnaigh ris an Tighearna: agus dh’èisd esan ris, agus thug e comharradh dha. Ach cha d’ìoc Heseciah a‑rìs a rèir mar a bhuilicheadh air: oir thogadh a chridhe suas: agus bha fearg ris, agus ri Iùdah agus Ierusalem. Gidheadh dh’irioslaich Heseciah e fhèin airson uabhar a chridhe, araon e fhèin agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim: uime sin cha tàinig fearg an Tighearna orra ann an làithean Heseciah. Agus bha aig Heseciah beartas agus urram ro‑mhòr: agus rinn e dha fhèin ionmhasan airson airgid, agus òir, agus chlachan luachmhor, agus spìosraidh, agus thargaidean, agus gach seud thaitnich; Agus taighean‐tasgaidh airson toradh an arbhair, agus an fhìona, agus na h‑ola; agus taighean airson gach gnè ainmhidh, agus mainnirean airson nan treud. Agus rinn e dha fhèin bailtean: agus bha sealbh chaorach agus buar aige ann am pailteas, oir thug Dia dha maoin ro‑mhòr. Chuir Heseciah seo fhèin mar an ceudna stad air sruth uisge uachdarach Ghihoin, agus thug e sìos dìreach e a làimh na h‑àird an iar do bhaile Dhaibhidh. Agus shoirbhich Heseciah na obraichean uile. Gidheadh, a‑thaobh teachdairean uachdarain Bhàbiloin, a chuireadh da ionnsaigh a dh’fhiosrachadh mun iongantas a bha anns an tìr, thrèig Dia e ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh fhios aige air gach nì a bha na chridhe. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a mhaitheas, feuch, tha iad sgrìobhte ann am fàistneachd Isaiah am fàidh, mac Amois, agus ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil. Agus chaidil Heseciah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann an àrd‐àit‐adhlacaidh mic Dhaibhidh: agus thug Iùdah uile agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim urram dha nuair a fhuair e bàs. Agus rìghich Manaseh a mhac na àite. Dà‑bhliadhna‑dheug a dh’aois bha Manaseh nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig‐bliadhna‑deug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem. Ach rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil. Oir thog e suas a‑rìs na h‑àitean àrda a sgrios Heseciah a athair, agus chuir e suas altairean do Bhàalim, agus rinn e doireachan, agus shleuchd e do uile shlòigh nan nèamh, agus rinn e seirbhis dhaibh. Agus thog e altairean ann an taigh an Tighearna, mun dubhairt an Tighearna, Ann an Ierusalem bidh m’ainm‐sa gu bràth. Agus thog e altairean do uile shlòigh nan nèamh ann an dà chùirt taigh an Tighearna. Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain‐shìth agus luchd‐fiosachd: dh’obraich e mòr‐aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg. Agus chuir e dealbh snaidhte, iodhal a rinn e, ann an taigh Dhè, mun dubhairt Dia ri Daibhidh, agus ri Solamh a mhac, Anns an taigh seo, agus ann an Ierusalem, a thagh mi à uile threubhan Israeil, cuiridh mi m’ainm gu bràth. Agus cha charaich mi cas Israeil nas mò as an fhearann a dh’òrdaich mi dur n‑athraichean: ma bheir iad a‑mhàin an aire gun dèan iad gach nì a dh’àithn mi dhaibh, a rèir an lagha uile, agus nan reachd, agus nan riaghailt le làimh Mhaois. Mar sin thug Manaseh air Iùdah agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim dol air seachran, gu tuilleadh uilc a dhèanamh na rinn na cinnich, a sgrios an Tighearna ro chloinn Israeil. Agus labhair an Tighearna ri Manaseh, agus ra shluagh; ach chan èisdeadh iad. Uime sin thug an Tighearna orra ceannardan feachd rìgh Asiria: agus ghlac iad Manaseh ann an droighnich, agus cheangail iad e le slabhraidhean, agus thug iad leo e gu Bàbilon. Agus nuair a bha e ann an àmhghar dh’iarr e an Tighearna a Dhia, agus dh’irioslaich e e fhèin gu mòr am fianais Dia a athraichean. Agus rinn e ùrnaigh ris, agus rinneadh esan rèidh ris, agus dh’èisd e ra athchuinge, agus thug e air ais e gu Ierusalem da rìoghachd. Agus dh’aithnich Manaseh gur e an Tighearna as Dia ann. Agus na dhèidh seo thog e balla an taobh a‑muigh de bhaile Dhaibhidh, air an taobh an iar de Ghihon anns a’ ghleann, eadhon gu ruig dol a‑steach geata an èisg, agus thug e mun cuairt air Ophel e, agus thog e suas e gu ro‑àrd: agus chuir e ceannardan‐cogaidh ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah. Agus chuir e air falbh na diathan coimheach agus an t‑iodhal à taigh an Tighearna, agus na h‑altairean uile a thog e ann an sliabh taigh an Tighearna, agus ann an Ierusalem, agus thilg e a‑mach as a’ bhaile iad. Agus chàraich e altair an Tighearna, agus dh’ìobair e oirre ìobairtean‐sìthe agus buidheachais, agus dh’àithn e do Iùdah seirbhis a dhèanamh don Tighearna Dia Israeil. Gidheadh, dh’ìobair an sluagh fhathast anns na h‑àitean àrda, ach a‑mhàin don Tighearna an Dia. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Mhanaseh, agus a ùrnaigh ra Dhia, agus briathran nam fear‐seallaidh a labhair ris ann an ainm an Tighearna Dia Israeil, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil. A ùrnaigh mar an ceudna, agus mar a dh’èisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus a easaontas, agus na h‑àitean anns an do thog e ionadan àrda, agus anns an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte, mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad sgrìobhte am measg briathran nam fear‐seallaidh. Agus chaidil Manaseh maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e na thaigh fhèin: agus rìghich a mhac Amon na àite. Dà‑bhliadhna‑fichead a dh’aois bha Amon nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e dà bhliadhna ann an Ierusalem. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Manaseh a athair: oir dh’ìobair Amon do na dealbhan snaidhte uile a rinn Manaseh a athair, agus rinn e seirbhis dhaibh: Agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais an Tighearna, mar a dh’irioslaich Manaseh a athair e fhèin; ach mheudaich Amon easaontas. Agus rinn a sheirbhisich ceannairc na aghaidh, agus mharbh iad e na thaigh fhèin. Ach mharbh sluagh na tìre iadsan uile a rinn ceannairc an aghaidh rìgh Amoin, agus rinn sluagh na tìre Iosiah a mhac na rìgh na àite. Ochd bliadhna a dh’aois bha Iosiah, nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ann an Ierusalem aon‐bhliadhna‑deug ar fhichead. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus dh’imich e ann an slighean Dhaibhidh a athair, agus cha do chlaon e a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe. Oir anns an ochdamh bliadhna de a rìoghachadh nuair a bha e fhathast òg, thòisich e air Dia Dhaibhidh a athair iarraidh, agus anns an dara‑bliadhna‑deug thòisich e air Iùdah agus Ierusalem a ghlanadh o na h‑àitean àrda, agus na doireachan, agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte. Agus bhris iad sìos altairean Bhàalim na fhianais, agus na dealbhan grèine a bha gu h‑àrd os an cionn gheàrr e sìos, agus na doireachan; agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte bhris e nam mìrean, agus phronn e gu luaithre, agus chrath e i air uaighean na muinntir a dh’ìobair dhaibh. Agus loisg e cnàmhan nan sagart air an altairean, agus ghlan e Iùdah agus Ierusalem. Mar an ceudna ann am bailtean Mhanaseh, agus Ephraim, agus Shimeoin, eadhon gu ruig Naphtali, nan àitean fàsaichte mun cuairt. Agus nuair a bhris e sìos na h‑altairean agus na doireachan, agus a phronn e na dealbhan snaidhte gu luaithre, agus a gheàrr e sìos na dealbhan grèine uile air feadh tìr Israeil uile, thill e gu Ierusalem. Agus anns an ochdamh‐bliadhna‑deug de a rìoghachadh, nuair a ghlan e an tìr agus an taigh, chuir e Saphan mac Asaliah, agus Maaseiah uachdaran a’ bhaile, agus Ioah mac Ioahais an seanchaidh, a chàradh taigh an Tighearna a Dhia. Agus thàinig iad gu Hilciah an t‑àrd‐shagart, agus thugadh dhaibh an t‑airgead a thugadh a‑steach do thaigh Dhè, a chruinnich na Lèbhithich a ghlèidh na dorsan o làimh Mhanaseh agus Ephraim, agus o uile fhuidheall Israeil, agus o Iùdah uile, agus o Bheniàmin, agus o luchd‐àiteachaidh Ierusaleim. Agus thug iad e do làimh luchd‐dèanamh na h‑obrach, a chuireadh os cionn taigh an Tighearna, agus thug iadsan e don luchd‐obrach a dh’obraich ann an taigh an Tighearna, a chàradh agus a leasachadh an taighe: Thug iad e eadhon do na saoir agus don luchd‐togail, a cheannach chlach snaidhte, agus fiodha a‑chum nan ceangal, agus gu ùrlar a chur anns na taighean a mhill rìghrean Iùdah. Agus rinn na daoine an obair gu fìrinneach: agus b’iad an luchd‐amhairc thairis orra Iahat agus Obadiah, na Lèbhithich, de mhic Mherari; agus Sechariah agus Mesulam, de mhic nan Cohatach, a chur na h‑obrach air a h‑aghaidh; mar an ceudna de na Lèbhithich gach neach a bha eòlach air innealan‐ciùil. Bha iad cuideachd os cionn an luchd‐iomchair eallach, agus nan luchd‐amhairc thairis orrasan uile a rinn obair ann an gnè seirbhis air bith; agus de na Lèbhithich bha sgrìobhaichean, agus riaghladairean, agus dorsairean. Agus nuair a bha iad a’ toirt a‑mach an airgid a thugadh a‑steach do thaigh an Tighearna, fhuair Hilciah an sagart leabhar lagh an Tighearna le làimh Mhaois. Agus fhreagair Hilciah, agus thubhairt e ri Saphan an sgrìobhaiche, Fhuair mi leabhar an lagha ann an taigh an Tighearna. Agus thug Hilciah an leabhar do Shaphan. Agus thug Saphan an leabhar a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’aithris e an gnothach don rìgh, ag ràdh, Gach nì a dh’àithneadh dod sheirbhisich, tha iad a’ dèanamh. Chruinnich iad an t‑airgead a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus thug iad e do làimh an luchd‐amhairc‐thairis, agus do làimh luchd‐dèanamh na h‑obrach. Agus dh’innis Saphan an sgrìobhaiche don rìgh, ag ràdh, Thug Hilciah an sagart leabhar dhomh. Agus leugh Saphan e an làthair an rìgh. Agus nuair a chuala an rìgh briathran an lagha, reub e a aodach. Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah, agus do Ahicam mac Shapain, agus do Abdon mac Mhicah, agus do Shaphan an sgrìobhaiche, agus do Asaiah, seirbhiseach an rìgh, ag ràdh, Rachaibh, fiosraichibh den Tighearna air mo shon‐sa, agus air an son‐san a dh’fhàgadh ann an Israel agus ann an Iùdah, a‑thaobh briathran an leabhair a fhuaireadh: oir is mòr fearg an Tighearna, a tha air a taomadh a‑mach oirnn, a chionn nach do choimhead ar n‑athraichean facal an Tighearna, a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte anns an leabhar seo. Agus chaidh Hilciah agus iadsan a dh’òrdaich an rìgh gu Huldah a’ bhan‐fhàidh, bean Shaluim, mhic Thicbhah, mhic Hasrah, fear‐ghleidhidh an aodaich; (a‑nis bha i a chòmhnaidh ann an Ierusalem ann an oilthaigh;) agus labhair iad rithe mar sin. Agus fhreagair i iad, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Innsibh don duine a chuir sibh am ionnsaigh‐sa, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, bheir mise olc air an àite seo, agus air a luchd‐àiteachaidh, eadhon gach mallachadh a tha sgrìobhte anns an leabhar a leugh iad am fianais rìgh Iùdah; A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, a‑chum mo bhrosnachadh gu corraich le uile obraichean an làmh; uime sin taomar m’fhearg a‑mach air an àite seo, agus cha mhùchar i. Ach a‑thaobh rìgh Iùdah, a chuir sibh a dh’fhiosrachadh den Tighearna, mar seo their sibh ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, A‑thaobh nam briathar a chuala tu, A chionn gun do thiomaich do chridhe, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin an làthair Dhè, nuair a chuala tu a bhriathran an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd‐àiteachaidh, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin am làthair‐sa, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am làthair, chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna. Feuch, cruinnichidh mi thu a‑chum d’athraichean, agus cruinnichear thu dod uaigh ann an sìth, agus chan fhaic do shùilean an t‑olc sin uile a bheir mise air an àite seo, agus air a luchd‐àiteachaidh. Agus thug iad fios a‑rìs a dh’ionnsaigh an rìgh. Agus chuir an rìgh teachdairean uaithe, agus chruinnich e ri chèile uile sheanairean Iùdah agus Ierusaleim. Agus chaidh an rìgh suas do thaigh an Tighearna, agus fir Iùdah uile, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus na sagartan agus na Lèbhithich, agus an sluagh uile eadar bheag agus mhòr; agus leugh e nan èisdeachd uile bhriathran leabhar a’ choicheangail, a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna. Agus sheas an rìgh na àite fhèin, agus rinn e coicheangal am fianais an Tighearna gun gluaiseadh e an dèidh an Tighearna, agus gun gleidheadh e a àitheantan, agus a theisteis agus a reachdan, le a uile chridhe agus le a uile anam, a choileanadh briathran a’ choicheangail, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo. Agus thug e orrasan uile a fhuaireadh ann an Ierusalem agus Beniàmin, seasamh: agus rinn luchd‐àiteachaidh Ierusaleim a rèir coicheangal Dhè, Dia an athraichean. Agus chuir Iosiah air falbh na gràinealachdan uile as na tìrean uile a bhuineadh do chloinn Israeil, agus thug e orrasan uile a fhuaireadh ann an Israel seirbhis a dhèanamh don Tighearna an Dia. Rè a làithean uile cha do chlaon iad o leantainn an Tighearna, Dia an athraichean. Agus chùm Iosiah ann an Ierusalem càisg don Tighearna: agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh‐là‑deug den chiad mhìos. Agus shuidhich e na sagartan nan cùram, agus thug e misneach dhaibh a‑chum seirbhis taigh an Tighearna. Agus thubhairt e ris na Lèbhithich a theagaisg Israel uile, a bha naomh don Tighearna, Cuiribh an àirc naomh anns an taigh a thog Solamh, mac Dhaibhidh, rìgh Israeil; cha bhi i na h‑eallaich air ur guaillean: dèanaibh seirbhis a‑nis don Tighearna ur Dia, agus da shluagh Israel: Agus deasaichibh sibh fhèin a rèir taigh ur n‑athraichean, a rèir ur roinnean, mar a sgrìobh Daibhidh rìgh Israeil, agus mar a sgrìobh Solamh a mhac; Agus seasaibh anns an ionad naomh a rèir roinnean teaghlaichean athraichean ur bràithrean den t‑sluagh, agus a rèir roinn teaghlaichean athraichean nan Lèbhitheach. Agus marbhaibh a’ chàisg, agus naomhaichibh sibh fhèin, agus deasaichibh ur bràithrean, a‑chum gun dèan iad a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois. Agus thug Iosiah don t‑sluagh caoraich, uain agus minn, iad uile airson ìobairtean‐càisge dhaibhsan uile a bha an làthair, gu ruig deich‐mìle‐fichead ann an àireamh, agus trì mìle damh: iad sin de mhaoin an rìgh. Agus thug na h‑uachdarain aige gu toileach don t‑sluagh, do na sagartan, agus do na Lèbhithich. Thug Hilciah, agus Sechariah, agus Iehiel, uachdarain taigh Dhè, do na sagartan, airson ìobairtean na càisge, dà mhìle agus sia ceud caora agus trì cheud damh. Agus thug Conaniah, agus Semaiah, agus Netaneel agus a bhràithrean, agus Hasabiah, agus Iehiel, agus Iosabad, uachdarain nan Lèbhitheach, do na Lèbhithich airson ìobairtean na càisge, còig mìle caora agus còig ceud damh. Agus dh’ullaicheadh an t‑seirbhis, agus sheas na sagartan nan àite, agus na Lèbhithich nan roinnean, a rèir àithne an rìgh. Agus mharbh iad a’ chàisg, agus chrath na sagartan an fhuil len làimh, agus dh’fhionn na Lèbhithich. Agus thug iad air falbh na h‑ìobairtean‐loisgte, a‑chum gun tugadh iad seachad a rèir roinnean teaghlaichean an t‑sluaigh, a dh’ìobradh don Tighearna, mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois: agus mar sin rinn iad ris a’ bhuar. Agus ròist iad a’ chàisg le teine, a rèir na riaghailt; ach bhruith iad na tabhartasan naomha ann am poitean, agus ann an coireachan, agus ann an aighnean, agus roinn iad iad gu grad am measg an t‑sluaigh uile. Agus na dhèidh sin dheasaich iad dhaibh fhèin agus do na sagartan. A chionn gu robh na sagartan, mic Aaroin, ag ìobradh ìobairtean‐loisgte agus na saill gu oidhche, uime sin dheasaich na Lèbhithich dhaibh fhèin agus do na sagartan, mic Aaroin. Agus bha luchd‐seinn, mic Asaiph, nan àite fhèin, a rèir àithne Dhaibhidh, agus Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, fear‐seallaidh an rìgh, agus na dorsairean aig gach geata: chan fheumadh iad an seirbhis fhàgail, oir dheasaich am bràithrean na Lèbhithich air an son. Agus dheasaicheadh uile sheirbhis an Tighearna air an là sin fhèin a‑chum a’ chàisg a chumail, agus ìobairtean‐loisgte ìobradh air altair an Tighearna, a rèir àithne an rìgh Iosiah. Agus chùm clann Israeil, a bha an làthair, a’ chàisg anns an àm sin, agus fèill an arain neo‐ghortaichte, seachd làithean. Agus cha do chumadh a leithid sin de chàisg ann an Israel o làithean Shamueil am fàidh: cha mhò a chùm uile rìghrean Israeil a leithid de chàisg is a chùm Iosiah, agus na sagartan, agus na Lèbhithich, agus Iùdah agus Israel uile a bha an làthair, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim. Anns an ochdamh‐bliadhna‑deug de rìoghachadh Iosiah chumadh a’ chàisg seo. Na dhèidh seo uile nuair a dheasaich Iosiah an teampall, thàinig Necho rìgh na h‑Eiphit a‑nìos a chogadh an aghaidh Charchemis, làimh ri Euphràtes: agus chaidh Iosiah a‑mach na aghaidh. Ach chuir esan teachdairean da ionnsaigh, ag ràdh, Ciod e mo ghnothach‐sa riutsa, a rìgh Iùdah? Chan ann ad aghaidh‐sa a tha mise a’ teachd an‑diugh, ach an aghaidh taighe ris a bheil mi a’ cogadh; agus dh’àithn Dia dhomh mi a dhèanamh cabhaig: leig dhìot a bhith ri Dia, a tha maille riumsa, a‑chum nach sgrios e thu. Gidheadh cha do thionndaidh Iosiah a aghaidh uaithe, ach dh’fhàs e na bu dèine gu cogadh na aghaidh, agus cha d’èisd e ri briathran Necho o bheul Dhè, agus chaidh e a‑steach a chur catha ann an gleann Mhegido. Agus thilg na fir‐bhogha air rìgh Iosiah; agus thubhairt an rìgh ra sheirbhisich, Beiribh leibh mi, oir tha mi air mo lotadh gu mòr. Agus thug a sheirbhisich e as a’ charbad sin, agus chuir iad e anns an dara carbad a bha aige; agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit‐adhlaic a athraichean: agus rinn Iùdah agus Ierusalem uile caoidh airson Iosiah. Agus rinn Ieremiah tuireadh airson Iosiah: agus labhair na fir‐sheinn agus na mnathan‐seinn uile mu thimcheall Iosiah nan tuiridhean gu ruig an là‑an‑diugh, agus rinn iad iad nan reachd ann an Israel. Agus, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar nan tuireadh. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iosiah, agus a mhaitheas mar a tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna, Eadhon a ghnìomharan an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil agus Iùdah. Agus ghabh sluagh na tìre Iehoahas mac Iosiah, agus rinn iad na rìgh e an àit a athar ann an Ierusalem. Trì‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha Iehoahas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e trì mìosan ann an Ierusalem. Agus chuir rìgh na h‑Eiphit e o rìoghachadh ann an Ierusalem, agus chuir e ceud tàlann airgid, agus tàlann òir, mar ùnlagh air an tìr. Agus rinn rìgh na h‑Eiphit Eliacim a bhràthair na rìgh air Iùdah agus Ierusalem, agus thionndaidh e a ainm gu Iehoiacim. Agus ghabh Necho Iehoahas a bhràthair, agus thug e don Eiphit e. Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha Iehoiacim nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon‐bhliadhna‑deug ann an Ierusalem: agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna a Dhia. Na aghaidh‐san thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin a‑nìos, agus cheangail e ann an geimhlean umha e, a‑chum a thoirt do Bhàbilon. Thug Nebuchadnesar mar an ceudna leis cuid de shoithichean taigh an Tighearna do Bhàbilon, agus chuir e iad na theampall ann am Bàbilon. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoiacim, agus a ghràinealachdan a rinn e, agus na fhuaireadh ann, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil agus Iùdah. Agus rìghich Iehoiachin a mhac na àite. Ochd‐bliadhna‑deug a dh’aois bha Iehoiachin nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e trì mìosan agus deich làithean ann an Ierusalem: agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna. Agus aig ceann na bliadhna chuir rìgh Nebuchadnesar daoine uaithe, agus thug e do Bhàbilon e, maille ri soithichean taitneach taigh an Tighearna; agus rinn e Sedeciah a bhràthair na rìgh air Iùdah agus Ierusalem. Bliadhna‑ar‑fhichead a dh’aois bha Sedeciah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon‐bhliadhna‑deug ann an Ierusalem. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna a Dhia; agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais Ieremiah am fàidh, a labhair o bheul an Tighearna. Agus mar an ceudna rinn e ceannairc an aghaidh rìgh Nebuchadnesair, a thug air mionnachadh air Dia: ach ragaich e a mhuineal, agus chruadhaich e a chridhe o thionndadh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Israeil. Mar an ceudna pheacaich iadsan uile a b’àirde de na sagartan agus den t‑sluagh gu ro‑mhòr, a rèir uile ghràinealachdan nan cinneach, agus thruaill iad taigh an Tighearna, a naomhaich e ann an Ierusalem. Agus chuir an Tighearna, Dia an athraichean, fios dan ionnsaigh le làimh a theachdairean, ag èirigh gu moch, agus a’ cur uaithe; a chionn gu robh truas aige da shluagh, agus da àite‐còmhnaidh. Ach rinn iadsan fanaid air teachdairean Dhè, agus rinn iad dìmeas air a bhriathran, agus rinn iad tarcais air a fhàidhean, gus an d’èirich fearg an Tighearna an aghaidh a shluaigh air chor is nach robh leigheas ann. Uime sin thug e orra rìgh nan Caldèanach, a mharbh an daoine òga leis a’ chlaidheamh ann an taigh an ionaid naoimh, agus nach do chaomhain òigfhear no òigh, seann duine no esan a bha air a chromadh leis an aois: thug e thairis iad uile na làimh. Agus uile shoithichean taigh Dhè, mòr agus beag, agus ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan an rìgh agus a uachdaran, thug e leis uile do Bhàbilon. Agus loisg iad taigh Dhè, agus bhris iad sìos balla Ierusaleim, agus loisg iad a lùchairtean uile le teine, agus mhill iad a shoithichean taitneach uile. Agus iadsan a chaidh as on chlaidheamh thug e leis do Bhàbilon, far an robh iad nan seirbhisich aige fhèin agus aig a mhic, gus an do rìghich rìgh Phersia: A‑chum gum biodh facal an Tighearna le beul Ieremiah air a choileanadh, gus am mealadh an tìr a sàbaidean: rè na h‑ùine a bha i fàs, chùm i a sàbaidean, gus an do choileanadh trì‐fichead agus deich bliadhna. A‑nis ann an ciad bhliadhna Chìruis rìgh Phersia, a‑chum gum biodh facal an Tighearna le beul Ieremiah air a choileanadh, dhùisg an Tighearna suas spiorad Chìruis rìgh Phersia, agus thug e fa‑near gairm a bhith air a tabhairt air feadh a rìoghachd uile, agus a chur mar an ceudna ann an sgrìobhadh, ag ràdh, Mar seo tha Cìrus rìgh Phersia ag ràdh, Uile rìoghachdan an domhain thug an Tighearna, Dia nan nèamh, dhòmhsa, agus dh’àithn e dhomh taigh a thogail dha ann an Ierusalem, a tha ann an Iùdah: ge bè neach a tha nur measg de a shluagh uile, gu robh an Tighearna a Dhia maille ris, agus rachadh e suas. A‑nis ann an ciad bhliadhna Chìruis rìgh Phersia, a‑chum gum biodh facal an Tighearna le beul Ieremiah air a choileanadh, dhùisg an Tighearna suas spiorad Chìruis rìgh Phersia, agus thug e fa‑near gairm a bhith air a tabhairt air feadh a rìoghachd uile, agus a chur mar an ceudna ann an sgrìobhadh, ag ràdh, Mar seo tha Cìrus rìgh Phersia ag ràdh, Uile rìoghachdan an domhain thug an Tighearna Dia nan nèamh dhòmhsa, agus dh’àithn e dhomh taigh a thogail dha ann an Ierusalem, a tha ann an Iùdah. Ge bè neach a tha nur measg‐se de a shluagh uile, gu robh a Dhia maille ris, agus rachadh e suas gu Ierusalem a tha ann an Iùdah, agus togadh e taigh an Tighearna, Dia Israeil; is esan an Dia, a tha ann an Ierusalem. Agus ge bè neach a dh’fhàgadh ann an àite sam bith far a bheil e air chuairt, cuidicheadh daoine a àite leis le airgead, agus le òr, agus le maoin, agus le ainmhidhean a thuilleadh air an tabhartas saor‐thoile airson taigh Dhè a tha ann an Ierusalem. An sin dh’èirich cinn athraichean Iùdah agus Bheniàmin, agus na sagartan agus Lèbhithich, gach neach aig an do dhùisg Dia a spiorad gu dol suas a thogail taigh an Tighearna a tha ann an Ierusalem. Agus neartaich iadsan uile a bha mun cuairt dhaibh an làmhan le soithichean airgid, le òr, le maoin, agus le ainmhidhean, agus le nithean luachmhor, a thuilleadh air gach nì a thugadh seachad le saor‐thoil. Thug mar an ceudna an rìgh Cìrus a‑mach soithichean taigh an Tighearna, a thug Nebuchadnesar a‑mach à Ierusalem, agus a chuir e ann an taigh a dhiathan: Eadhon iad sin thug Cìrus rìgh Phersia a‑mach le làimh Mhitredait, fear‐gleidhidh an ionmhais, agus rinn e an àireamh do Shesbadsar uachdaran Iùdah. Agus is e seo an àireamh: Deich‐cuachan‐fichead òir, mìle cuach airgid, naoi‐sgeanan‐fichead, Deich‐ar‑fhichead soitheach‐ionnlaid òir, ceithir cheud agus deich soithichean airgid den dara seòrsa, mìle de shoithichean eile. Na soithichean òir agus airgid uile, còig mìle agus ceithir cheud; iad sin uile thug Sesbadsar suas maille ris na braighdean, a thugadh suas o Bhàbilon gu Ierusalem. Agus is iad seo clann na mòr‐roinne, a chaidh suas de na braighdean, dhiubhsan a thugadh air falbh, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh leis do Bhàbiloin, agus a thill gu Ierusalem agus Iùdah, gach fear da bhaile fhèin; A thàinig maille ri Serubabel, Iesua, Nehemiah, Seraiah, Realaiah, Mordecai, Bilsan, Mispar, Bigbhai, Rehum, Baanah. AIREAMH DAOINE SLUAGH ISRAEIL. Mic Pharois, dà mhìle, ceud, trì‐fichead agus a dhà‐dheug. Mic Sephatiah, trì cheud, trì‐fichead agus a dhà‐dheug. Mic Arah, seachd ceud, trì‐fichead agus a còig‐deug. Mic Phahat‐mhòaib, de chloinn Iesua agus Ioaib, dà mhìle, ochd ceud agus a dhà‐dheug. Mic Elaim, mìle, dà cheud, leth‐cheud agus a ceithir. Mic Shatu, naoi ceud dà‑fhichead agus a còig. Mic Shacai, seachd ceud agus trì‐fichead. Mic Bhani, sia ceud, dà‑fhichead agus a dhà. Mic Bhebai sia ceud, fichead agus a trì. Mic Asgaid, mìle, dà cheud, fichead agus a dhà. Mic Adonicaim, sia ceud, trì‐fichead agus a sia. Mic Bhigbhai, dà mhìle, dà‑fhichead agus a sia‑deug. Mic Adin, ceithir cheud, leth‐cheud agus a ceithir. Mic Ateir o Heseciah, ceithir‐fichead agus a h‑ochd‐deug. Mic Bhesai, trì cheud, fichead agus a trì. Mic Iorah, ceud agus a dhà‐dheug. Mic Hasuim, dà cheud, fichead agus a trì. Mic Ghibair, ceithir‐fichead agus a còig‐deug. Mic Bhetleheim, ceud, fichead agus a trì. Daoine Netophah, dà‑fhichead agus a sia‑deug. Daoine Anatoit, ceud, fichead agus a h‑ochd. Mic Asmabheit, dà‑fhichead agus a dhà. Mic Chiriat‐arim, Chephirah, agus Bheeroit, seachd ceud, dà‑fhichead agus a trì. Mic Ramah agus Gheba, sia ceud, fichead agus a h‑aon. Daoine Mhichmais, ceud, fichead agus a dhà. Daoine Bheteil agus Ai, dà cheud, fichead agus a trì. Mic Nebo, dà‑fhichead agus a dhà‐dheug. Mic Mhagbis, ceud, leth‐cheud agus a sia. Mic Elaim eile, mìle, dà cheud, leth‐cheud, agus a ceithir. Mic Harim, trì cheud agus fichead. Mic Loid, Hadid, agus Ono, seachd ceud, fichead agus a còig. Mic Iericho, trì cheud, dà‑fhichead agus a còig. Mic Shenaah, trì mìle, agus sia ceud agus deich‐ar‑fhichead. Na sagartan: Mic Iedaiah, de thaigh Iesua, naoi ceud, trì‐fichead agus a trì‐deug. Mic Imeir, mìle, dà fhichead agus a dhà‐dheug. Mic Phasuir, mìle, dà cheud, dà‑fhichead agus a seachd. Mic Harim, mìle agus a seachd‐deug. Na Lèbhithich: Mic Iesua agus Chadmiel, de chloinn Hodabhiah, trì‐fichead agus a ceithir‐deug. An luchd‐seinn: Mic Asaiph, ceud, fichead agus a h‑ochd. Mic nan dorsairean: Mic Shaluim, mic Ateir, mic Thalmoin, mic Acuib, mic Hatita, mic Shobai, iad uile ceud agus naoi‐deug ar fhichead. Na Netinich: Mic Shiha, mic Hasupha, mic Thabaoit. Mic Cherois, mic Shiaha, mic Phadoin. Mic Lebanah, mic Hagabah, mic Acuib. Mic Hagaib, mic Shalmai, mic Hanain. Mic Ghideil, mic Ghahair, mic Reaiah. Mic Resin, mic Necoda, mic Ghadsaim. Mic Udsa, mic Phaseah, mic Bhesai. Mic Asnah, mic Mhehunim, mic Nephusim. Mic Bhacbuic, mic Hacupha, mic Harhuir. Mic Bhasluit, mic Mhehida, mic Harsa. Mic Bharcois, mic Shisera, mic Thamah. Mic Nesiah, mic Hatipha. Mic seirbhisich Sholaimh: Mic Shotai, mic Shophereit, mic Pheruda. Mic Iaalah, mic Dharcoin, mic Ghideil. Mic Shephatiah, mic Hatil, mic Phochereit o Sheboim, mic Ami. Na Netinich uile, agus clann seirbhisich Sholaimh, trì cheud, ceithir‐fichead, agus a dhà‐dheug. Agus seo iadsan a chaidh suas o Thelmelah, Telharsa, Cherub, Adan, agus Imer; ach cha b’urrainn iad taigh an athar a nochdadh agus an sinnsireachd, am b’ann de Israel iad: Mic Dhelaiah, mic Thobiah, mic Necoda, sia ceud, leth‐cheud, agus a dhà. Agus de mhic nan sagart: Mic Habaiah, mic Chois, mic Bharsillai, a ghabh bean de nigheanan Bharsillai an Gileadach, agus a ghoireadh air an ainm. Dh’iarr iadsan an clàr‐sgrìobhaidh nam measg‐san a bha air an àireamh le sloinnteireachd, ach cha d’fhuaireadh iad: uime sin ghearradh as on t‑sagartachd iad. Agus thubhairt an Tirsata riu nach faodadh iad ithe de na nithean ro‑naomha, gus an seasadh sagart suas le Urim agus le Tumim. An coitheanal uile cuideachd, dà‑fhichead agus dà mhìle, trì cheud agus trì‐fichead; A thuilleadh air an seirbhisich agus am banoglaich, den robh ann seachd mìle, trì cheud, agus seachd‐deug ar fhichead; agus dhiubhsan dà cheud nam fir agus nam mnathan‐seinn. An eich, seachd ceud agus sia‑deug ar fhichead: am muileidean, dà cheud, dà‑fhichead agus a còig. An càmhail, ceithir cheud, agus còig‐deug ar fhichead: an asail, sia mìle, seachd ceud agus fichead. Agus thug cuid de chinn nan athraichean, nuair a thàinig iad do thaigh an Tighearna a tha ann an Ierusalem, seachad den saor‐thoil airson taigh Dhè, a‑chum a chur suas na àite fhèin. A rèir an comais thug iad, gu ionmhas na h‑obrach, trì‐fichead agus aon mhìle darcon òir, agus còig mìle punnd airgid, agus ceud culaidh sagairt. Agus ghabh na sagartan agus na Lèbhithich, agus cuid den t‑sluagh, agus an luchd‐seinn, agus na dorsairean, agus na Netinich, còmhnaidh nam bailtean, agus Israeil uile nam bailtean. Agus nuair a thàinig an seachdamh mìos, agus clann Israeil nam bailtean, chruinnich an sluagh an ceann a chèile mar aon duine gu Ierusalem. Agus sheas Iesua mac Iosadaic suas, agus a bhràithrean, na sagartan, agus Serubabel mac Shealtieil, agus a bhràithrean, agus thog iad altair Dia Israeil, a dh’ìobradh ìobairtean‐loisgte oirre, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè. Agus shuidhich iad an altair air a buinn, oir bha eagal orra ro shluagh nan tìrean sin; agus dh’ìobair iad ìobairtean‐loisgte don Tighearna, ìobairtean‐loisgte air madainn agus air feasgar. Agus chùm iad fèill nam pàillean, mar a tha e sgrìobhte, agus dh’ìobair iad an ìobairt‐loisgte làitheil ann an àireamh, a rèir na riaghailt, a dhlighe fhèin air gach là; Agus na dhèidh sin an ìobairt‐loisgte ghnàthaichte, araon air na gealaichean nodha, agus air uile fhèillean naomhaichte an Tighearna, agus o gach neach a thug seachad gu toileach tabhartas saor‐thoile don Tighearna. On chiad là den t‑seachdamh mìos thòisich iad air ìobairt‐loisgte ìobradh don Tighearna, nuair nach do leagadh fhathast bunait teampall an Tighearna. Ach thug iad airgead do na snaidheadairean agus don luchd‐ceàirde; agus biadh, agus deoch, agus ola do na Sìdonaich agus do na Tìoraich, a‑chum gun tugadh iad fiodh seudair o Lebanon gu muir Iopa, a rèir a’ chomais a fhuair iad o Chìrus rìgh Phersia. Agus anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd gu taigh Dhè aig Ierusalem, anns an dara mìos, thòisich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus fuidheall am bràithrean, na sagartan, agus na Lèbhithich, agus iadsan uile a thàinig on bhraighdeanas gu Ierusalem; agus dh’òrdaich iad na Lèbhithich, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, a chur obair taigh an Tighearna air a h‑aghaidh. Agus sheas Iesua, agus a mhic agus a bhràithrean, Cadmiel agus a mhic, agus mic Iùdah mar aon duine, a ghreasadh an luchd‐obrach an taigh Dhè: mic Henadaid agus am mic agus am bràithrean, na Lèbhithich. Agus nuair a leag an luchd‐togail bunait teampall an Tighearna, sheas na sagartan nan culaidhean le trompaidean, agus na Lèbhithich, mic Asaiph, le ciombalan, a mholadh an Tighearna le làimh Dhaibhidh rìgh Israeil. Agus fhreagair iad a chèile ann am moladh, agus ann an tabhairt buidheachais don Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair do Israel gu bràth. Agus rinn an sluagh uile gàir mhòr, nuair a mhol iad an Tighearna, a chionn gun do leagadh bunait taigh an Tighearna. Ach bha mòran de na sagartan agus de na Lèbhithich, agus de chinn nan athraichean, seann daoine a chunnaic an ciad thaigh, nuair a leagadh bunait an taighe seo fa chomhair an sùl, a’ gul le guth àrd, agus bha mòran a’ dèanamh gàir gu h‑àrd le aoibhneas: Air chor is nach b’urrainn an sluagh fuaim gàir an aoibhneis aithneachadh seach fuaim gul an t‑sluaigh: oir rinn an sluagh gàir mhòr, agus chualas an fhuaim an cèin. Agus chuala naimhdean Iùdah agus Bheniàmin gu robh clann a’ bhraighdeanais a’ togail an teampaill don Tighearna, Dia Israeil: Agus thàinig iad gu Serubabel, agus gu cinn nan athraichean, agus thubhairt iad riu, Togaidh sinne maille ribh; oir tha sinne ag iarraidh ur Dè‑se mar sibh fhèin, agus dhàsan tha sinn ag ìobradh o làithean Esar‐hadoin rìgh Asiria, a thug a‑nìos an seo sinn. Ach thubhairt Serubabel agus Iesua agus a’ chuid eile de chinn athraichean Israeil riu, Cha bhuin e dhuibhse taigh a thogail maille rinne dar Dia‑ne; oir togaidh sinn fhèin nar n‑aonar don Tighearna, Dia Israeil, mar a dh’àithn Cìrus rìgh Phersia dhuinn. Uime sin lagaich sluagh na tìre làmhan sluagh Iùdah, agus chuir iad dragh orra anns an togail; Agus thuarasdalaich iad comhairlichean nan aghaidh, a bhacadh an rùin rè uile làithean Chìruis rìgh Phersia, eadhon gus an do rìghich Darius rìgh Phersia. Agus nuair a rìghich Ahasuerus, ann an toiseach a rìoghachaidh, sgrìobh iad litir‐chasaid an aghaidh luchd‐àiteachaidh Iùdah agus Ierusaleim. Agus ann an làithean Artacsercseis, sgrìobh Bislam, Mitridat, Tabeel, agus a’ chuid eile den cuideachd, gu Artacsercses rìgh Phersia; agus bha sgrìobhadh na litreach ann an sgrìobhadh nan Sirianach, agus air a mhìneachadh anns a’ chànain Shirianaich. Sgrìobh Rehum an t‑àrd‐chomhairliche, agus Simsai an sgrìobhaiche, litir an aghaidh Ierusaleim gu Artacsercses an rìgh anns na briathran seo; An sin sgrìobh Rehum an t‑àrd‐chomhairliche, agus Simsai an sgrìobhaiche, agus a’ chuid eile den cuideachd, na Dinathaich, na h‑Apharsachaich, na Tarpelaich, na h‑Apharsaich, na h‑Archebhich, na Bàbilonaich, na Susanchaich, na Dehabhaich, na h‑Elamaich, Agus a’ chuid eile de na cinnich a thug Asnapar mòr agus urramach a‑nall, agus a shuidhich e ann am bailtean Shamaria, agus a’ chuid eile air an taobh seo den abhainn, agus ann a leithid seo de àm. Is e seo dùblachadh na litreach a chuir iad da ionnsaigh: Gu Artacsercses an rìgh, do sheirbhisich, na daoine air an taobh seo den abhainn, agus aig a leithid seo de àm. Biodh fios aig an rìgh gu bheil na h‑Iùdhaich a thàinig a‑nìos uat dar n‑ionnsaigh air teachd gu Ierusalem, a’ togail a’ bhaile cheannaircich agus uilc sin, agus a’ cur suas a bhallachan, agus a’ ceangal ri chèile nam bunait. Biodh a‑nis fios aig an rìgh, ma thogar am baile seo, agus ma chuirear suas a bhallachan, nach ìoc iad cìs, càin, no cuspann, agus gun toir thu call air teachd‐a‑steach nan rìghrean. A‑nis a chionn gu bheil sinne air ar beathachadh on lùchairt, agus nach eil e iomchaidh dhuinn eas‐urram an rìgh fhaicinn, uime sin chuir sinn litir uainn, agus thug sinn fios don rìgh; A‑chum gun rannsaichear ann an leabhar eachdraidh d’athraichean, agus gum faigh thu anns an leabhar eachdraidh, agus gum bi fhios agad gu bheil am baile seo na bhaile ceannairceach, agus diùbhalach do rìghrean agus do mhòr‐roinnean, agus gu robh iad a’ dèanamh aimhreit na mheadhon anns an t‑seann aimsir: airson seo sgriosadh am baile seo. Tha sinn a’ toirt fios don rìgh, ma thogar am baile seo, agus ma chuirear suas a bhallachan, an sin nach bi cuibhreann air bith agad air an taobh seo den abhainn. Chuir an rìgh freagradh gu Rehum an t‑àrd‐chomhairliche, agus Simsai an sgrìobhaiche, agus a’ chuid eile den cuideachd a bha a chòmhnaidh ann an Samaria, agus a’ chuid eile an taobh thall den abhainn, Sìth, agus aig a leithid seo de àm. An litir a chuir sibh am ionnsaigh, leughadh gu soilleir am làthair i: Agus thugadh àithne leam, agus rannsaicheadh, agus fhuaireadh a‑mach gu robh am baile seo o shean ag èirigh an aghaidh rìghrean, agus gun do rinneadh ceannairc agus aimhreit ann. Agus bha rìghrean cumhachdach ann an Ierusalem, a rìghich os an cionn‐san uile air an taobh thall den abhainn; agus dh’ìocadh cìs, càin, agus cuspann dhaibh. Thugaibh‐se a‑nis àithne, a thoirt air na daoine sin sgur, agus nach togar am baile sin gus an tig òrdagh uamsa. Thugaibh an aire, matà, nach dèan sibh mearachd an seo. Carson a dh’fhàsadh calldachd ann gu cron nan rìghrean? An sin nuair a leughadh dùblachadh litir Artacsercseis an rìgh an làthair Rehuim, agus Shimsai an sgrìobhaiche, agus an cuideachd, chaidh iad le cabhaig suas gu Ierusalem a dh’ionnsaigh nan Iùdhach, agus thug iad orra sgur leis an làimh làidir. An sin sguir obair taigh Dhè, a tha ann an Ierusalem. Sguir i gus an dara bliadhna de rìoghachadh Dhariuis rìgh Phersia. Ach rinn Hagai am fàidh, agus Sechariah mac Ido am fàidh, fàidheadaireachd do na h‑Iùdhaich a bha ann an Iùdah agus ann an Ierusalem, fàidheadaireachd dhaibh ann an ainm an Tighearna, Dia Israeil. An sin dh’èirich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus thòisich iad air taigh Dhè a thogail, a tha ann an Ierusalem: agus maille riùsan bha fàidhean Dhè a’ cuideachadh leo. Anns an àm sin fhèin thàinig dan ionnsaigh Tatnai, an t‑uachdaran air an taobh seo den abhainn, agus Setarbosnai, agus an cuideachd, agus mar seo thubhairt iad riu, Cò a thug òrdagh dhuibhse an taigh seo a thogail, agus na ballachan seo a dhèanamh suas? An sin thubhairt iad riu air an dòigh seo, Cia ainm a tha air na daoine a tha a’ togail na h‑aitreibh seo? Ach bha sùil an Dè air seanairean nan Iùdhach, agus cha tug iad orra sgur, gus an tàinig a’ chùis a dh’ionnsaigh Dhariuis; agus an sin thugadh freagradh le litir mu thimcheall seo. Dùblachadh na litreach a chuir Tatnai, an t‑uchadaran air an taobh seo den abhainn, agus Setar‐bosnai agus a chuideachd, na h‑Arphasachaich, a bha air an taobh seo den abhainn, a dh’ionnsaigh Dhariuis an rìgh: Chuir iad litir da ionnsaigh anns an robh sgrìobhte mar seo: Gu Darius an rìgh, gach uile shìochaint. Biodh fios aig an rìgh gun deachaidh sinn gu mòr‐roinn Iudèa, a dh’ionnsaigh taigh an Dè mhòir, a tha ga thogail le clachan mòra, agus tha fiodh air a chur anns na ballachan, agus tha an obair seo a’ dol gu luath air a h‑aghaidh, agus a’ soirbheachadh nan làmhan. An sin dh’fheòraich sinn de na seanairean sin, agus mar seo thubhairt sinn riu, Cò thug dhuibh òrdagh an taigh seo a thogail, agus na ballachan seo a chur suas? Agus mar an ceudna dh’fheòraich sinn an ainmean dhiubh, a thoirt fios dhut, a‑chum gun sgrìobhamaid ainmean nan daoine a bha air an ceann. Agus mar seo thug iad freagradh dhuinn, ag ràdh, Is sinne seirbhisich Dia nan nèamh agus na talmhainn, agus tha sinn a’ togail taighe a chaidh a thogail iomadh bliadhna roimhe seo, a thog agus a chrìochnaich rìgh mòr a bha air Israel. Ach nuair a bhrosnaich ar n‑athraichean Dia nèimh gu feirg, thug e thairis iad do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, an Caldèanach, a sgrios an taigh seo, agus a thug an sluagh leis do Bhàbilon. Ach ann an ciad bhliadhna Chìruis rìgh Bhàbiloin, thug rìgh Cìrus òrdagh taigh seo Dhè a thogail. Agus mar an ceudna soithichean òir agus airgid taigh Dhè, a thug Nebuchadnesar as an teampall a bha ann an Ierusalem, agus a thug e leis do theampall Bhàbiloin, iad sin thug rìgh Cìrus a‑mach à teampall Bhàbiloin, agus thugadh iad do fhear dom b’ainm Sesbadsar, a rinn e na uachdaran; Agus thubhairt e ris, Gabh na soithichean seo, imich, thoir leat iad don teampall a tha ann an Ierusalem, agus biodh taigh Dhè air a thogail na àite. An sin thàinig Sesbadsar sin, agus leag e bunait taigh Dhè a tha ann an Ierusalem: agus on àm sin gus a‑nis tha e ga thogail, agus chan eil e fhathast crìochnaichte. A‑nis uime sin, mas math leis an rìgh, dèanar rannsachadh ann an taigh‐ionmhais an rìgh a tha ann am Bàbilon, a dh’fheuchainn an tugadh an t‑òrdagh seo le rìgh Cìrus, taigh seo Dhè a thogail ann an Ierusalem, agus cuireadh an rìgh fios dar n‑ionnsaigh ciod i a thoil a‑thaobh an nì seo. An sin thug Darius an rìgh òrdagh seachad, agus rannsaich iad ann an taigh nan leabhraichean, far an robh na h‑ionmhasan air an tasgadh ann am Bàbilon. Agus fhuaireadh ann an Achmeta, anns an lùchairt a tha ann am mòr‐roinn nam Mèdach, clàr, agus mar seo bha sgrìobhte ann gu bhith air a chumail air chuimhne: Ann an ciad bhliadhna Chìruis an rìgh, thug Cìrus an rìgh òrdagh seachad a‑thaobh taigh Dhè ann an Ierusalem, Biodh an taigh air a thogail, an t‑àit anns an d’ìobair iad ìobairtean, agus a bhunaitean air an suidheachadh gu làidir: a àirde, trì‐fichead làmh‐choille; a leud, trì‐fichead làmh‐choille: Trì sreathan de chlachan mòra, agus sreath de fhiodh nodha: agus ceadaichear an cosdas à taigh an rìgh. Agus mar an ceudna aisigear soithichean òir agus airgid taigh Dhè, a thug Nebuchadnesar as an teampall a tha ann an Ierusalem, agus a thug e leis do Bhàbilon, agus thugar a‑rìs iad don teampall a tha ann an Ierusalem, gach aon da àite fhèin; agus suidhich iad ann an taigh Dhè. A‑nis, a Thatnai, uachdarain air an taobh thall den abhainn, a Shetar‐bosnai, maille ri ur cuideachd na h‑Arphasachaich a tha air an taobh thall den abhainn, bithibh‐se fada o sin: Leigibh le obair taigh seo Dhè: togadh uachdaran nan Iùdhach, agus seanairean nan Iùdhach, taigh seo Dhè na àite. Agus tha mise a’ toirt òrdaigh a‑thaobh na nì sibh ri seanairean nan Iùdhach sin a‑chum taigh seo Dhè a thogail; eadhon gun tugar de mhaoin an rìgh, den chìs air an taobh thall den abhainn, cosdas air ball do na daoine sin, a‑chum nach cuirear bacadh orra. Agus na tha a dh’easbhaidh orra, araon tairbh òga, agus reitheachan, agus uain, airson ìobairtean‐loisgte Dia nèimh, cruithneachd, salann, fìon, agus ola, a rèir òrdagh nan sagart a tha ann an Ierusalem, thugar gu cinnteach dhaibh o là gu là, gun fhàilling; A‑chum gun toir iad seachad tabhartasan deagh‐bholaidh do Dhia nèimh, agus gun dèan iad ùrnaigh airson beatha an rìgh agus a mhac. Mar an ceudna thug mi seachad òrdagh, ge bè neach a dh’atharraicheas am facal seo, gun spìonar sìos fiodh as a thaigh, agus nuair a chuirear suas e, gun crochar air e, agus gun dèanar a thaigh na dhùnan airson seo. Agus an Dia a thug air a ainm còmhnaidh a ghabhail an sin, gun sgriosadh esan na rìghrean sin uile, agus an sluagh a shìneas a‑mach an làmh a dh’atharrachadh agus a sgrios taigh Dhè a tha ann an Ierusalem. Thug mise Darius òrdagh seachad; dèanar an nì gu luath. An sin rinn Tatnai, an t‑uachdaran air an taobh seo den abhainn, Setar‐bosnai, agus an cuideachd, gun dàil a rèir an fhios a chuir Darius an rìgh uaithe. Agus thog seanairean nan Iùdhach, agus shoirbhich leo a rèir fàidheadaireachd Hagai am fàidh, agus Shechariah mhic Ido; agus thog iad agus chrìochnaich iad, a rèir àithne Dia Israeil, agus a rèir àithne Chìruis agus Dhariuis, agus Artacsercseis rìgh Phersia. Agus chrìochnaicheadh an taigh seo air an treas là den mhìos Adar, a bha anns an t‑siathamh bliadhna de rìoghachadh Dhariuis an rìgh. Agus chùm clann Israeil, na sagartan agus na Lèbhithich, agus a’ chuid eile de chloinn a’ bhraighdeanais, coisrigeadh taigh seo Dhè le gàirdeachas; Agus dh’ìobair iad aig coisrigeadh taigh seo Dhè, ceud tarbh òg, dà cheud reithe, ceithir cheud uan; agus mar ìobairt‐pheacaidh airson Israeil uile, dà‑bhoc‐dheug goibhre, a rèir àireamh treubhan Israeil. Agus shuidhich iad na sagartan nan roinnean, agus na Lèbhithich nan sealan, airson seirbhis Dhè, a tha ann an Ierusalem; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois. Agus chùm clann a’ bhraighdeanais a’ chàisg air a’ cheathramh‐là‑deug den chiad mhìos. Oir ghlanadh na sagartan agus na Lèbhithich le chèile: bha iad uile glan, agus mharbh iad a’ chàisg do chloinn a’ bhraighdeanais uile, agus dam bràithrean, na sagartan, agus dhaibh fhèin. Agus dh’ith clann Israeil a thàinig air an ais on bhraighdeanas, agus iadsan uile a dhealaich iad fhèin dan ionnsaigh o shalchar cinnich na tìre, a dh’iarraidh an Tighearna, Dia Israeil. Agus chùm iad fèill an arain neo‐ghortaichte seachd làithean le aoibhneas: oir rinn an Tighearna aoibhinn iad agus thionndaidh e cridhe rìgh Asiria dan ionnsaigh, a neartachadh an làmhan ann an obair taigh Dhè, Dia Israeil. Agus an dèidh nan nithean sin, ri linn Artacsercseis rìgh Phersia, chaidh Esra mac Sheraiah, mhic Asariah, mhic Hilciah, Mhic Shaluim, mhic Shadoic, mhic Ahituib, Mhic Amariah, mhic Asariah, mhic Iohanain, mhic Asariah, [mhic Ahimaais, mhic Shadoic, mhic Ahituib, mhic Amariah,] mhic Mheraoit, Mhic Sheraiah, mhic Udsi, mhic Bhuci. Mhic Abisua, mhic Phinehais, mhic Eleàsair, mhic Aaroin an t‑àrd‐shagart: Chaidh Esra seo suas o Bhàbilon, agus e na sgrìobhaiche deas ann an lagh Mhaois, a thug an Tighearna, Dia Israeil, seachad: agus thug an rìgh dha a iarrtas uile, a chionn gu robh làmh an Tighearna a Dhia air. Agus chaidh cuid de chloinn Israeil, agus de na sagartan, agus de na Lèbhithich, agus den luchd‐seinn, agus de na dorsairean, agus de na Netinich, suas gu Ierusalem, anns an t‑seachdamh bliadhna de Artacsercses an rìgh. Agus thàinig e gu Ierusalem anns a’ chòigeamh mìos, a bha anns an t‑seachdamh bliadhna den rìgh. Oir air a’ chiad là den chiad mhìos thòisich e air dol suas o Bhàbilon, agus air a’ chiad là den chòigeamh mìos thàinig e gu Ierusalem, a chionn gu robh làmh mhath a Dhè air. Oir dh’ullaich Esra a chridhe a dh’iarraidh lagh an Tighearna, agus ga dhèanamh, agus a theagasg ann an Israel reachdan agus bhreitheanas. Agus is e seo dùblachadh na litreach a thug rìgh Artacsercses do Esra an sagart, an sgrìobhaiche, sgrìobhaiche briathran àitheantan an Tighearna, agus a reachdan do Israel: Artacsercses rìgh nan rìghrean, gu Esra an sagart, sgrìobhaiche lagh Dia nan nèamh, gach uile shìth, agus na leithid seo de àm. Tha mi a’ toirt òrdaigh, iadsan uile ann am rìoghachd de shluagh Israeil, agus de a shagartan, agus de a Lèbhithich, leis an àill triall do Ierusalem, gun tèid iad maille riutsa: A‑thaobh gun do chuireadh thu leis an rìgh, agus le a sheachd comhairlichean, a dh’fhiosrachadh mu thimcheall Iùdah agus Ierusaleim, a rèir lagh do Dhè a tha ann ad làimh; Agus a thoirt leat an airgid agus an òir, a thug a rìgh agus a chomhairlichean den toil fhèin do Dhia Israeil, aig a bheil àite‐còmhnaidh ann an Ierusalem: Agus an airgid agus an òir uile a gheibh thu ann an uile mhòr‐roinn Bhàbiloin, maille ri tabhartas saor‐thoil an t‑sluaigh agus nan sagart, a’ toirt seachad den saor‐thoil airson taigh an Dè a tha ann an Ierusalem: A‑chum gun ceannaich thu air ball leis an airgead seo tairbh òga, reitheachan, uain, agus an tabhartasan‐bìdh, agus an tabhartasan‐dibhe, agus gun ìobair thu iad air altair taigh ur Dè a tha ann an Ierusalem: Agus ge bè nì as math leat fhèin agus led bhràithrean a dhèanamh leis a’ chuid eile den airgead agus den òr, a rèir toil ur Dè, dèanaibh. Na soithichean mar an ceudna a tha air an tabhairt dhut, airson seirbhis taigh do Dhè, thoir seachad am fianais Dia Ierusaleim. Agus ge bè nì tuilleadh a bhios feumail airson taigh do Dhè, a chì thu adhbhar air a bhuileachadh, builich e à taigh‐ionmhais an rìgh. Agus tha mise, mise fhèin Artacsercses an rìgh, a’ toirt òrdaigh do uile luchd‐coimhead an ionmhais a tha air an taobh thall den abhainn, ge bè nì a dh’iarras Esra an sagart, sgrìobhaiche lagh Dia nan nèamh, oirbh, gun dèanar air ball e; Gu ruig ceud tàlann airgid, agus gu ruig ceud tomhas cruithneachd, agus gu ruig ceud bat fìona, agus gu ruig ceud bat ola, agus salann gun àireamh. Gach nì a tha a rèir àithne Dia nan nèamh, dèanar gu cùramach e do thaigh Dia nan nèamh, air eagal gum bi fearg an aghaidh rìoghachd an rìgh agus a mhac. Mar an ceudna tha sinn a’ toirt fios dhuibh a‑thaobh nan sagart uile agus nan Lèbhitheach, an luchd‐seinn, nan dorsairean, nan Netineach, no seirbhisich taigh seo Dhè, nach faodar cìs, càin, no cuspann a chur orra. Agus suidhich thusa, Esra, a rèir gliocas do Dhè, a tha ann ad làimh, uachdarain agus britheamhan, a bheir breith air an t‑sluagh uile a tha air an taobh thall den abhainn, orrasan uile don aithne laghan do Dhè; agus teagaisgibh iadsan do nach aithne iad. Agus gach neach nach dèan a rèir lagh do Dhè agus lagh an rìgh, dèanar breitheanas air ball air, mas ann a‑chum bàis, no a‑chum fògraidh, no a‑chum ùnlaigh, no a‑chum prìosain. Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia ar n‑athraichean, a chuir mar seo ann an cridhe an rìgh, a dhèanamh maiseach taigh an Tighearna, a tha ann an Ierusalem; Agus a fhuair tròcair dhòmhsa am fianais an rìgh agus a chomhairleach, agus am fianais uile uachdarain chumhachdach an rìgh: agus neartaicheadh mi a chionn gu robh làmh an Tighearna mo Dhè orm: agus chruinnich mi à Israel daoine taghte gu dol suas maille rium. Agus is iad seo cinn an athraichean, agus an àireamh a rèir an ginealaichean a chaidh suas maille rium o Bhàbilon, ri linn Artacsercseis an rìgh: De mhic Phinehais: Gersom: de mhic Itamair: Daniel: de mhic Dhaibhidh: Hatus. De mhic Shechaniah, de mhic Pharois: Sechariah: agus maille ris‐san bha air an àireamh a rèir an ginealaichean de fhireannaich ceud agus leth‐cheud. De mhic Phahat‐mhòaib: Elioenai mac Sherahiah, agus maille ris dà cheud fireannach. De mhic Shatu: Sechaniah mac Iahasieil, agus maille ris trì cheud fireannach. Agus de mhic Adin: Ebed mac Ionatain, agus maille ris leth‐cheud fireannach. Agus de mhic Elaim: Iesaiah mac Ataliah, agus maille ris trì‐fichead agus deich fireannaich. Agus de mhic Shephatiah: Sebadiah mac Mhichaeil, agus maille ris ceithir‐fichead fireannach. De mhic Ioaib: Obadiah mac Iehieil, agus maille ris dà cheud agus ochd‐fireannaich‐dheug. Agus de mhic Bhani: Selomit mac Iosiphiah, agus maille ris ceud agus trì‐fichead fireannach. Agus de mhic Bhebai: Sechariah mac Bhehai, agus maille ris fichead agus ochd fireannaich. Agus de mhic Asgaid: Iohanan, mac Hacatain, agus maille ris ceud agus deich fireannaich. Agus de mhic dheireannach Adonicaim: agus is iad seo an ainmean, Eliphelet, Ieiel, agus Semaiah, agus maille riu trì‐fichead fireannach. Agus de mhic Bhigbhai: Utai agus Sabud, agus maille riu trì‐fichead, agus deich fireannaich. Agus chruinnich mi iad a dh’ionnsaigh na h‑aibhne a tha a’ teachd gu Ahabhah, agus an sin dh’fhan sinn ann am bùthan trì làithean, agus ghabh mi beachd den t‑sluagh, agus de na sagartan, agus cha d’fhuair mi an sin aon de mhic Lèbhi. An sin chuir mi fios air Elièser, air Ariel, air Semaiah, agus air Elnàtan, agus air Nàtan, agus air Sechariah, agus air Mesulam, prìomh‐dhaoine; agus air Sechariah, agus air Mesulam, prìomh‐dhaoine; agus air Ioiarib, agus air Elnàtan, daoine tuigseach. Agus chuir mi iad le àithne gu Ido an ceann, aig àite Chasiphia, agus dh’innis mi dhaibh ciod a theireadh iad ri Ido agus ra bhràithrean, na Netinich aig àite Chasiphia, gun tugadh iad dar n‑ionnsaigh seirbhisich airson taigh ar Dè. Agus le làimh mhaith ar Dè oirnn thug iad dar n‑ionnsaigh Is‑sechel de mhic Mhahli, mhic Lèbhi, mhic Israeil, agus Serebiah, agus a mhic agus a bhràithrean, ochd‐fir‐dheug: Agus Hasabiah, agus maille ris Iesaiah de mhic Mherari, a bhràithrean, agus am mic, fichead; Agus de na Netinich a dh’òrdaich Daibhidh agus na h‑uachdarain airson seirbhis nan Lèbhitheach, dà cheud, agus fichead Netineach: ghoireadh iad uile air an ainm. An sin ghairm mi trasgadh anns an àite sin aig abhainn Ahabha, a‑chum gun irioslaicheamaid sinn fhèin am fianais ar Dè, a dh’iarraidh air slighe cheart dhuinn fhèin, agus dar cloinn bhig, agus dar maoin uile. Oir bu nàir leam buidheann shaighdearan agus marc‐shluagh iarraidh air an rìgh, a chuideachadh leinn an aghaidh an nàmhaid air an t‑slighe: a chionn gun do labhair sinn ris an rìgh, ag ràdh, Tha làmh ar Dè a‑chum maith orrasan uile a dh’iarras e, ach a chumhachd agus a fhearg nan aghaidh‐san uile a thrèigeas e. Uime sin thraisg sinn, agus dh’iarr sinn ar Dia airson seo, agus dh’èisd e ri ar n‑athchuinge. An sin chuir mi air leth dà‑fhear‐dheug dhiubhsan a b’àirde de na sagartan, Serebiah, Hasabiah, agus deichnear dem bràithrean maille riu; Agus thomhais mi dhaibh an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na soithichean, tabhartas taigh ar Dè, a thug an rìgh, agus a chomhairlich, agus a dhaoine mòra, agus Israel uile a bha an làthair, seachad; Thomhais mi eadhon dan làimh sia ceud agus leth‐cheud tàlann airgid, agus de shoithichean airgid ceud tàlann, agus ceud tàlann òir: Agus fichead cuach òir de mhìle darcon; agus dà shoitheach de umha bhuidhe mhaith, luachmhor mar òr. Agus thubhairt mi riu, Tha sibhse naomh don Tighearna, agus na soithichean naomh, agus an t‑airgead agus an t‑òr na thabhartas saor‐thoile don Tighearna, Dia ur n‑athraichean. Dèanaibh faire, agus coimheadaibh, gus an cothromaich sibh iad am fianais uachdarain nan sagart, agus nan Lèbhitheach, agus uachdarain athraichean Israeil ann an Ierusalem, ann an seòmraichean taigh an Tighearna. Uime sin ghabh na sagartan agus na Lèbhithich cudthrom an airgid agus an òir, agus nan soitheach, a‑chum an tabhairt gu Ierusalem a dh’ionnsaigh taigh ar Dè. Agus dh’imich sinn o abhainn Ahabha air an dara‑là‑deug den chiad mhìos, gu dol do Ierusalem; agus bha làmh ar Dè oirnn, agus shaor e sinn o làimh an nàmhaid, agus on làimh‐san a bha a’ dèanamh feall‐fhalach air an t‑slighe. Agus thàinig sinn gu Ierusalem, agus dh’fhan sinn an sin trì làithean. Agus air a’ cheathramh là thomhaiseadh an t‑airgead agus an t‑òr agus na soithichean ann an taigh ar Dè, le làimh Mheremoit mhic Uriah an sagart, agus maille ris bha Eleàsar mac Phinehais, agus maille riùsan Iosabad mac Iesua, agus Noadiah mac Bhinui, Lèbhithich: A rèir àireamh agus a rèir tomhas nan uile: agus sgrìobhadh an tomhas uile anns an àm sin. Thug clann na muinntir a thugadh air falbh, agus a thàinig on bhraighdeanas, seachad ìobairtean‐loisgte do Dhia Israeil, dà‑tharbh‐dheug òg airson Israeil uile, ceithir‐fichead agus sia‑reitheachan‐deug, trì‐fichead agus seachd‐uain‐dheug, dà‑bhoc‐dheug ghoibhre mar ìobairt‐pheacaidh: iad uile nan ìobairt‐loisgte don Tighearna. Agus thug iad seachad òrdaighean an rìgh do àrd‐luchd‐riaghlaidh an rìgh, agus do na h‑uachdarain air an taobh seo den abhainn; agus chuir iadsan an sluagh agus taigh Dhè air an aghaidh. Agus nuair a rinneadh na nithean sin, thàinig na h‑uachdarain am ionnsaigh ag ràdh, Cha do dhealaich sluagh Israeil, agus na sagartan, agus na Lèbhithich iad fhèin o shluagh na tìre, a’ dèanamh a rèir an gràinealachd, eadhon nan Canàanach, nan Hiteach, nam Peridseach, nan Iebusach, nan Amonach, nam Mòabach, nan Eiphiteach, agus nan Amorach. Oir ghabh iad den nigheanan dhaibh fhèin agus dom mic, agus mheasg an sliochd naomh iad fhèin le sluagh nan tìrean; agus bha làmh nan uachdaran agus an luchd‐riaghlaidh air thoiseach anns a’ chionta seo. Agus nuair a chuala mi an nì seo, reub mi m’aodach, agus m’fhallaing, agus spìon mi cuid de ghruaig mo chinn agus m’fheusag, agus shuidh mi sìos fo uamhann. An sin chruinnicheadh am ionnsaigh iadsan uile a chriothnaich ro bhriathran Dia Israeil, airson euceart na muinntir a thugadh air falbh; agus shuidh mi fo uamhann gu ruig an ìobairt‐fheasgair. Agus aig an ìobairt‐fheasgair dh’èirich mi om thùirse, lem aodach agus m’fhallaing reubte umam, agus leig mi mi fhèin air mo ghlùinean, agus sgaoil mi a‑mach mo làmhan a dh’ionnsaigh an Tighearna mo Dhia. Agus thubhairt mi, O mo Dhia, tha nàire orm agus rudhadh gruaidh m’aghaidh a thogail riutsa, mo Dhia: oir tha ar n‑euceartan air fàs lìonmhor os ar cionn, agus tha ar cionta air èirigh suas gu nèamh. O làithean ar n‑athraichean bha sinn ann an cionta mòr gu ruig an là‑an‑diugh, agus airson ar n‑euceartan thugadh thairis sinn fhèin, ar rìghrean, ar sagartan, do làimh rìghrean nan tìrean, don chlaidheamh, do dhaorsa, agus do chreachadh, agus do nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh. Agus a‑nis car tamaill bhig nochdadh gràs on Tighearna ar Dia, a dh’fhàgail dhuinn fuidhill, agus a thabhairt tàirnge dhuinn na ionad naomh, a‑chum gun soillsicheadh ar Dia ar sùilean, agus gun tugadh e dhuinn beagan beothachaidh nar daorsa: Oir bha sinne nar tràillean, gidheadh nar daorsa cha do thrèig ar Dia sinn, ach fhuair e tròcair dhuinn ann an sùilean rìghrean Phersia, a thoirt dhuinn ath‐bheothachaidh a chur suas taigh ar Dè, agus a leasachadh na mhilleadh ann, agus a thoirt dhuinn balla ann an Iùdah agus ann an Ierusalem. Agus a‑nis, O ar Dia, ciod a their sinn an dèidh seo? Oir thrèig sinn d’àitheantan, A dh’àithn thu led sheirbhisich na fàidhean, ag ràdh, Tha an talamh da bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh na thalamh neòghlan le neòghlaine sluagh nan tìrean, len gràinealachdan, a lìon e o cheann gu ceann len salchar. A‑nis, matà, na tugaibh ur nigheanan dam mic, agus an nigheanan‐san na gabhaibh dur mic‐se, agus na iarraibh an sìth no an saoibhreas gu bràth, a‑chum gum bi sibh làidir, agus gun ith sibh math an fhearainn, agus gum fàg sibh e na oighreachd dur cloinn gu bràth. Ach an dèidh gach nì a thàinig oirnn airson ar droch obair, agus airson ar cionta mhòir, o nach do rinn thusa ar Dia peanas oirnn a rèir ar droch thoillteanais, agus gun tug thu dhuinn a leithid seo de shaorsa; Nam briseamaid a‑rìs d’àitheantan, agus nan dèanamaid cleamhnas ri sluagh nan gràinealachd sin, nach biodh fearg ort rinn gus an cuireadh tu as dhuinn, air chor is nach biodh fuidheall no dol as ann? A Thighearna Dhè Israeil, is ceart thusa, oir tha sinn an làthair a thàinig as, mar air an là‑an‑diugh. Feuch, tha sinn ad fhianais nar peacaidhean: oir chan urrainn sinn seasamh ad fhianais airson seo. A‑nis nuair a rinn Esra ùrnaigh, agus a dh’aidich e, a’ gul, agus ga thilgeadh fhèin sìos fa chomhair taigh Dhè, chruinnich da ionnsaigh à Israel co‑chruinneachadh ro‑mhòr de fhir, agus de mhnathan, agus de chloinn: oir ghuil an sluagh gu mòr. Agus labhair Sechaniah mac Iehieil, aon de mhic Elaim, agus thubhairt e ri Esra, Pheacaich sinn an aghaidh ar Dè, agus ghabh sinn dar n‑ionnsaigh mnathan coimheach de shluagh na tìre: ach a‑nis tha dòchas ann an Israel a‑thaobh an nì seo. A‑nis uime sin dèanamaid coicheangal ri ar Dia, na mnathan uile a chur uainn, agus iadsan a rugadh leo, a rèir comhairle mo thighearna, agus na muinntir a chriothnaicheas ri àithne ar Dè, agus dèanar a rèir an lagha. Eirich; oir dhutsa buinidh an nì seo, agus bidh sinne maille riut: gabh misneach, agus dèan e. Agus dh’èirich Esra, agus thug e air na h‑àrd‐shagartan, na Lèbhithich, agus Israel uile mionnachadh gun dèanadh iad a rèir an fhacail seo; agus mhionnaich iad. An sin dh’èirich Esra o làthair taigh Dhè, agus chaidh e do sheòmar Iohanain, mhic Eliasib: agus nuair a thàinig e an sin, cha d’ith e aran, agus cha d’òl e uisge; oir rinn e bròn airson cionta na muinntir a thugadh air falbh. Agus thug iad gairm air feadh Iùdah agus Ierusaleim do uile chloinn a’ bhraighdeanais, iad a chruinneachadh ri chèile gu Ierusalem: Agus ge bè neach nach tigeadh an ceann trì làithean, a rèir comhairle nan uachdaran agus nan seanair, gun tugte uaithe a mhaoin uile, agus gum biodh e fhèin air a dhealachadh o cho‐chruinneachadh na muinntir a thugadh air falbh. Agus chruinnicheadh fir Iùdah agus Bheniàmin uile gu Ierusalem an ceann trì làithean: bha e anns an naoidheamh mìos, air an fhicheadamh là den mhìos: agus shuidh an sluagh uile ann an sràid taigh Dhè, air chrith airson an nì seo, agus airson an uisge mhòir. Agus dh’èirich Esra an sagart, agus thubhairt e riu, Pheacaich sibh, agus ghabh sibh dhuibh fhèin mnathan coimheach a mheudachadh peacadh Israeil. A‑nis, matà, dèanaibh aidmheil don Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus coileanaibh a thoil; agus dealaichibh sibh fhèin o shluagh na tìre, agus o na mnathan coimheach. Agus fhreagair an coitheanal uile, agus thubhairt iad le guth àrd, Mar sin, a rèir d’fhacail, tha e ceangailte oirnne a dhèanamh. Ach tha an sluagh lìonmhor, agus is àm mòr‐uisge e, agus chan urrainn sinn seasamh a‑muigh, agus chan obair aon là no dà seo: oir tha sinn lìonmhor a pheacaich anns an nì seo. Seasadh a‑nis ar n‑uachdarain den choitheanal uile, agus, aig àmannan suidhichte, thigeadh iadsan uile nar bailtean a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach, agus maille riu seanairean gach baile agus a bhritheamhan, gus an tionndaidhear fearg laiste ar Dè uainn a‑thaobh an nì seo. Sheas a‑mhàin Ionatan mac Asaheil, agus Iahasiah mac Thichbah, airson seo: agus chuidich Mesulam agus Sabetai an Lèbhitheach leo. Agus rinn clann a’ bhraighdeanais mar sin: agus dhealaicheadh Esra an sagart, agus cinn àraidh nan athraichean a rèir taigh an athraichean, agus iad uile a rèir an ainmean, agus shuidh iad sìos air a’ chiad là den deicheamh mìos a rannsachadh na cùise. Agus chrìochnaich iad a‑thaobh nan daoine uile a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach, air a’ chiad là den chiad mhìos. Agus am measg mic nan sagart fhuaireadh a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach: De mhic Iesua, mhic Iosadaic, agus a bhràithrean: Maaseiah, agus Elièser, agus Iarib, agus Gedaliah. Agus thug iad an làmhan gun cuireadh iad uapa am mnathan: agus air dhaibh a bhith ciontach, thug iad reithe den treud airson an cionta. Agus de mhic Imeir: Hanani, agus Sebadiah. Agus de mhic Harim: Maaseiah, agus Eliah, agus Semaiah, agus Iehiel, agus Udsiah. Agus de mhic Phasuir: Elioenai, Maaseiah, Ismael, Netaneel, Iosabad, agus Elasah. Agus de na Lèbhithich: Iosabad, agus Simei, agus Celaiah (is e sin Celita), Petahiah, Iùdah agus Elièser. Agus den luchd‐seinn: Eliasib: agus de na dorsairean; Salum agus Telem, agus Uri. Agus de Israel: De mhic Pharois: Ramaiah, agus Iesiah, agus Malchiah, agus Miamin, agus Eliàser, agus Malchiah, agus Benaiah. Agus de mhic Elaim: Mataniah, Sechariah, agus Iehiel, agus Abdi, agus Ierimot, agus Eliah. Agus de mhic Shatu: Elioenai, Eliasib, Mataniah, agus Ieremot, agus Sabad, agus Asisa. Agus de mhic Bhebai: Iehohanan, Hananiah, Sabai, agus Atlai. Agus de mhic Bhani: Mesulam, Maluch, agus Adaiah, Iasub, agus Seal, agus Ramot. Agus de mhic Phahat‐mhòaib: Adna, agus Chelal, Benaiah, Maaseiah, Mataniah, Besalil, agus Binui, agus Manaseh. Agus de mhic Harim: Elièser, Isiah, Malchiah, Semaiah, Simeon, Beniàmin, Maluch, agus Semariah. De mhic Hasuim: Matenai, Matatah, Sabad, Eliphelet, Ieremai, Manaseh, agus Simei. De mhic Bhani: Maadai, Amram, agus Uel, Benaiah, Bedaiah, Cheluh, Bhaniah, Meremot, Eliasib, Mataniah, Matenai, agus Iaasau, Agus Bani, agus Binui, Simei, Agus Selemiah, agus Nàtan, agus Adaiah, Machnadebai, Sasai, Sàrai, Asareel, agus Selemiah, Samariah, Salum, Amariah, agus Iòseph. De mhic Nebo: Ieiel, Matitiah, Sabad, Sebina, Iadau, agus Ioel, Benaiah. Ghabh iad sin uile dhaibh fhèin mnathan coimheach: agus aig cuid dhiubh bha mnathan ris an robh clann aca. Briathran Nehemiah mhic Hachaliah. Agus thàrladh anns a’ mhìos Chisleu, anns an fhicheadamh bliadhna, nuair a bha mi ann an Susan an lùchairt. Gun tàinig Hanani, aon dem bhràithrean, e fhèin agus daoine de Iùdah: agus dh’fheòraich mi dhiubh a‑thaobh nan Iùdhach a chaidh as, a dh’fhàgadh den bhraighdeanas, agus mu thimcheall Ierusaleim. Agus thubhairt iad rium, Tha am fuidheall a dh’fhàgadh den bhraighdeanas an sin anns a’ mhòr‐roinn ann an àmhghar mòr agus ann am mì‑chliù; agus bhriseadh balla Ierusaleim sìos, agus loisgeadh a geatachan le teine. Agus nuair a chuala mi na briathran seo, shuidh mi sìos, agus ghuil mi, agus rinn mi bròn làithean àraidh, agus thraisg mi, agus rinn mi ùrnaigh am fianais Dia nan nèamh, Agus thubhairt mi, Guidheam ort, a Thighearna Dhè nan nèamh, an Dia mòr agus uamhasach, a ghleidheas coicheangal agus tròcair dhaibhsan a ghràdhaicheas e, agus a choimheadas a àitheantan; Biodh do chluas a‑nis furachair, agus do shùilean fosgailte, a‑chum is gun èisd thu ri ùrnaigh d’òglaich, a tha mi a’ dèanamh ad fhianais a‑nis, a là agus a dh’oidhche, airson chloinn Israeil d’òglach: agus tha mi ag aideachadh peacaidhean chloinn Israeil, a pheacaich sinn ad aghaidh: pheacaich araon mise agus taigh m’athar. Rinn sinn gu ro‑thruaillidh ad thaobh‐sa, agus cha do ghlèidh sinn na h‑àitheantan, no na reachdan, no na breitheanais a dh’àithn thu dod òglach Maois. Cuimhnich, guidheam ort, am facal a dh’àithn thu dod òglach Maois, ag ràdh, Ma pheacaicheas sibh, sgapaidh mise sibh am measg nan cinneach. Ach ma thilleas sibh am ionnsaigh agus gun coimhead sibh m’àitheantan, agus gun dèan sibh iad, ged robh iad dhibh air an tilgeadh a‑mach don chuid as iomallaiche de nèamh, cruinnichidh mi as a sin iad, agus bheir mi iad don àit a thagh mi, a chur m’ainme an sin. A‑nis is iad seo do sheirbhisich agus do shluagh, a shaor thu led mhòr chumhachd, agus led làimh thrèin. A Thighearna, guidheam ort, biodh do chluas a‑nis furachair ri ùrnaigh do sheirbhisich, agus ri ùrnaigh d’òglaich, leis am miann eagal d’ainme a bhith orra: agus soirbhich, guidheam ort, led sheirbhiseach an‑diugh, agus thoir dha tròcair ann an sealladh an duine seo. A‑nis bha mise am ghille‐cupain aig an rìgh. Agus thàrladh ann am mìos Nisain, anns an fhicheadamh bliadhna de Artacsercses an rìgh, gu robh fìon fa chomhair; agus ghabh mi am fìon, agus thug mi e don rìgh. Agus cha robh mise roimhe sin dubhach na fhianais. Uime sin thubhairt an rìgh rium, Carson a tha do ghnùis dubhach, agus gun thu a bhith tinn? Cha nì eile seo ach cràdh cridhe. Agus bha eagal mòr orm; Agus thubhairt mi ris an rìgh, Gum maireadh an rìgh gu bràth: carson nach biodh mo ghnùis dubhach, nuair a tha am baile, àit‐adhlacaidh m’athraichean, air fhàsachadh, agus a gheatachan air an caitheamh le teine? Agus thubhairt an rìgh rium, Ciod e seo a tha thu ag iarraidh? Agus rinn mi ùrnaigh ri Dia nan nèamh: Agus thubhairt mi ris an rìgh, Mas math leis an rìgh, agus ma gheibh do sheirbhiseach deagh‐ghean ad fhianais, gun cuireadh tu mi a dh’ionnsaigh Iùdah, gu baile àit‐adhlacaidh m’athraichean, agus gun tog mi e. Agus thubhairt an rìgh rium, agus a’ bhànrighinn na suidhe làimh ris, Cia fhad an ùine a bhios tu air do thuras; agus cuin a thilleas tu? Agus bu toil leis an rìgh mo chur air falbh, agus shuidhich mi àm ris. Agus thubhairt mi ris an rìgh, Mas toigh leis an rìgh, thugar litrichean dhomh a dh’ionnsaigh nan uachdaran air an taobh thall den abhainn, a‑chum gun cuir iad thairis mi gus an tig mi gu Iùdah: Agus litir gu Asaph, fear‐gleidhidh frìth an rìgh, a‑chum gun toir e dhomh fiodh a dhèanamh sailthean airson geatachan na lùchairt a bhuineas don taigh, agus airson balla a’ bhaile, agus airson an taighe don tèid mi. Agus thug an rìgh dhomh, a rèir làmh mhath mo Dhè orm. Agus thàinig mi a dh’ionnsaigh nan uachdaran air an taobh eile den abhainn, agus thug mi dhaibh litrichean an rìgh. A‑nis chuir an rìgh maille rium ceannardan den armailt agus marc‐shluagh. Nuair a chuala Sanbalat an t‑Horonach agus Tobiah, an seirbhiseach an t‑Amonach, e, chuir e doilgheas mòr orra gun tàinig duine a dh’iarraidh leas chloinn Israeil. Agus thàinig mi gu Ierusalem, agus bha mi an sin trì làithean. Agus dh’èirich mi anns an oidhche, mi fhèin agus beagan dhaoine maille rium; ach cha d’innis mi do dhuine ciod a chuir mo Dhia ann am chridhe a dhèanamh ann an Ierusalem: agus cha robh ainmhidh maille rium, ach an t‑ainmhidh air an do mharcaich mi. Agus chaidh mi a‑mach anns an oidhche air geata a’ ghlinne, agus fa chomhair tobar an dràgoin, agus gu geata an aolaich, agus ghabh mi sealladh de bhallachan Ierusaleim, a bha air am briseadh sìos, agus de a geatachan a bha air an caitheamh le teine. Agus chaidh mi air m’aghaidh gu geata an tobair, agus gu lochan an rìgh: ach cha robh àit ann don ainmhidh a bha fodham gu dol thairis. An sin chaidh mi suas anns an oidhche làimh ris an t‑sruth, agus ghabh mi sealladh den bhalla, agus thionndaidh mi air m’ais, agus chaidh mi a‑steach air geata a’ ghlinne, agus thill mi. Agus cha robh fhios aig an luchd‐riaghlaidh càit an deachaidh mi, no ciod a rinn mi, agus cha d’innis mi e do na h‑Iùdhaich, no do na sagartan, no do na h‑àrd‐uaislean, no don luchd‐riaghlaidh, no don chuid eile a rinn an obair. Agus thubhairt mi riu, Tha sibh a’ faicinn a’ chruaidh‐chàis anns a bheil sinn, mar a tha Ierusalem air a fàsachadh, agus a geatachan air an losgadh le teine: thigibh agus togamaid balla Ierusaleim, a‑chum is nach bi sinn nas mò nar masladh. Agus dh’innis mi dhaibh a‑thaobh làmh mo Dhè, a bha math orm, agus mar an ceudna briathran an rìgh a labhair e rium. Agus thubhairt iad, Eireamaid agus togamaid. Agus neartaich iad an làmhan a‑chum maith. Ach nuair a chuala Sanbalat an t‑Horonach, agus Tobiah an seirbhiseach an t‑Amonach, agus Gesem an t‑Arabach e, rinn iad gàire fanaid oirnn, agus rinn iad tàir oirnn, agus thubhairt iad, Ciod an nì seo a tha sibh a’ dèanamh? An dèan sibh ceannairc an aghaidh an rìgh? An sin fhreagair mi iad, agus thubhairt mi riu, Dia nan nèamh, soirbhichidh esan leinn: a chionn gur sinne a sheirbhisich, èiridh sinn agus togaidh sinn: ach agaibhse chan eil cuibhreann, no còir, no cuimhneachan ann an Ierusalem. Agus dh’èirich Eliasib an t‑àrd‐shagart maille ra bhràithrean na sagartan, agus thog iad geata nan caorach: naomhaich iad e, agus chuir iad suas a chòmhlachan: eadhon gu ruig tùr Mheah naomhaich iad e, agus gu ruig tùr Hananeeil. Agus làimh ris‐san thog fir Iericho: agus làimh riùsan thog Sacur mac Imri. Ach geata an èisg thog mic Hasenaah: leag iad a shailthean, agus chuir iad suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn. Agus làimh riùsan chàraich Meremot mac Uriah, mhic Chois: agus làimh ris‐san chàraich Mesulam mac Bherechiah, mhic Mhesesabeil: agus làimh riùsan chàraich Sadoc mac Bhaanah. Agus làimh riùsan chàraich na Tecòaich: ach cha do chuir an àrd‐uaislean am muineal ri seirbhis an Tighearna. Agus an seann gheata chàraich Iehoiada mac Phaseah, agus Mesulam mac Bhesodeiah: leag iad a shailthean, agus chuir iad suas a chòmhlachan, agus a ghlasan, agus a chroinn. Agus làimh riùsan chàraich Melatiah an Gibeonach, agus Iadon am Meronotach, fir Ghibeoin agus Mhispah, gu ruig rìgh‐chathair an uachdarain air an taobh seo den abhainn. Làimh ris‐san chàraich Udsiel mac Harhaiah, de na h‑òr‑cheàrdan: agus làimh ris‐san chàraich Hananiah, mac aoin de na lèighean, agus neartaich iad Ierusalem gu ruig am balla leathann. Agus làimh riùsan chàraich Rephaiah mac Huir, fear‐riaghlaidh leth‐roinn Ierusaleim. Agus làimh ris‐san chàraich Iedaiah mac Harumaiph, eadhon fa chomhair a thaighe: agus làimh ris‐san chàraich Hatas, mac Hasabniah. An t‑ath‐thomhas chàraich Malchiah mac Harim, agus Hasub mac Phahat‐mhòaib, agus tùr nan àmhainn. Agus làimh ris‐san chàraich Salum mac Haloheis, fear‐riaghlaidh leth‐roinn Ierusaleim, e fhèin agus a nigheanan. Geata a’ ghlinne chàraich Hanun, agus luchd‐àiteachaidh Shanòah: thog iad e, agus chuir iad suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus mìle làmh‐choille den bhalla, gu ruig geata an aolaich. Ach geata an aolaich chàraich Malchiah mac Rechaib, fear‐riaghlaidh roinn Bhet‐hacereim: thog e e, agus chuir e suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn. Ach geata an tobair chàraich Salum mac Chol‐hoseh, fear‐riaghlaidh roinn Mhispah: thog e e, agus chuir e dìon air, agus chuir e suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus balla lochan Shiloah làimh ri lios an rìgh, agus gu ruig na ceuman a’ dol sìos o bhaile Dhaibhidh. Na dhèidh‐san chàraich Nehemiah mac Asbuic, fear‐riaghlaidh leth‐roinn Bhet‐suir, gu ruig fa chomhair àitean‐adhlacaidh Dhaibhidh, agus gu ruig an lochan a rinneadh, agus gu ruig Bet‐agbarim. Na dhèidh‐san chàraich na Lèbhithich, Rehum mac Bhani: làimh ris‐san chàraich Hasabiah, fear‐riaghlaidh leth‐roinn Cheilah, na roinn fhèin. Na dhèidh‐san chàraich am bràithrean, Babhai mac Henadaid, fear‐riaghlaidh leth‐roinn Cheilah. Agus làimh ris‐san chàraich Eser mac Iesua, fear‐riaghlaidh Mhispah, an t‑ath‐thomhas fa chomhair an dol suas don arm‐thaigh aig an tionndadh. Na dhèidh‐san chàraich Baruch mac Shabai an t‑ath‐thomhas, on tionndadh gu ruig doras taigh Eliasib an t‑àrd‐shagart. Na dhèidh‐san chàraich Meremot mac Uriah, mhic Acois, an t‑ath‐thomhas, o dhoras taigh Eliasib gu ruig ceann taigh Eliasib. Agus na dhèidh‐san chàraich na sagartan, daoine a’ chòmhnaird. Nan dèidh‐san chàraich Beniàmin agus Hasub, fa chomhair an taighe: na dhèidh‐san chàraich Asariah mac Mhaaseiah, mhic Ananiah, làimh ra thaigh. Na dhèidh‐san chàraich Binui, mac Henadaid, an t‑ath‐thomhas, o thaigh Asariah gu ruig an tionndadh, agus gu ruig an oisinn. Palal mac Udsai, fa chomhair an tionndaidh, agus an tùir a tha a’ dol a‑mach o thaigh àrd an rìgh, a bha làimh ri cùirt a’ phrìosain: na dhèidh‐san Pedaiah mac Pharois. Mar an ceudna na Netinich a bha a chòmhnaidh ann an Ophel, gu ruig fa chomhair geata an uisge a làimh na h‑àird an‑ear, agus an tùir a tha a’ dol a‑mach. Nan dèidh‐san chàraich na Tecòaich an t‑ath‐thomhas, fa chomhair an tùir mhòir a tha a’ dol a‑mach, gu ruig balla Opheil. O thaobh shuas geata nan each chàraich na sagartan, gach aon fa chomhair a thaighe. Nan dèidh‐san chàraich Sadoc mac Imeir, fa chomhair a thaighe: agus na dhèidh‐san chàraich Semaiah, mac Shechaniah, fear‐gleidhidh an dorais an ear. Na dhèidh‐san chàraich Hananiah, mac Shelemiah, agus Hanun, siathamh mac Shalaiph, an t‑ath‐thomhas: na dhèidh‐san chàraich Mesulam mac Bherechiah, fa chomhair a sheòmair fhèin. Na dhèidh‐san chàraich Malchiah, mac an òr‑cheàird, gu àite nan Netineach, agus nan ceannaichean fa chomhair geata Mhiphcaid, agus gu dol suas na h‑oisinn. Agus o dhol suas na h‑oisinn gu geata nan caorach, chàraich na h‑òr‑cheàrdan agus na ceannaichean. Agus nuair a chuala Sanbalat gu robh sinn a’ togail a’ bhalla, bha fearg air, agus bha e ann an corraich ro‑mhòir, agus rinn e fanaid air na h‑Iùdhaich. Agus labhair e am fianais a bhràithrean agus armailt Shamaria, agus thubhairt e, Ciod a nì na h‑Iùdhaich anfhann seo? An daingnich iad iad fhèin? An ìobair iad? An crìochnaich iad ann an là? An tog iad suas a‑rìs na clachan as na dùin luaithre a chaidh a losgadh? Agus bha Tobiah an t‑Amonach làimh ris, agus thubhairt e, Eadhon an nì a tha iad a’ togail, ma thèid sionnach suas, brisidh e sìos am balla cloiche. Eisd, O ar Dia, oir tha tàir air a dhèanamh oirnn, agus tionndaidh am masladh air an ceann fhèin, agus tabhair iad nan cobhartach ann an tìr a’ bhraighdeanais: Agus na còmhdaich an euceart, agus na dubhar a‑mach am peacadh as d’fhianais; oir bhrosnaich iad thu gu feirg an làthair an luchd‐togail. Agus thog sinn am balla; agus cheangladh am balla uile ri chèile gu ruig a leth: oir bha toil aig an t‑sluagh obair a dhèanamh. Ach nuair a chuala Sanbalat, agus Tobiah, agus na h‑Arabaich, agus na h‑Amonaich, agus na h‑Asdodaich, gu robh uile bhallachan Ierusaleim gan cur suas, gun do thòisich na beàrnan ri bhith air an dùnadh, an sin bha fearg mhòr orra, Agus chuir iad uile an comhairle ri chèile iad a theachd a chogadh an aghaidh Ierusaleim, agus ga bhacadh. Ach rinn sinne ùrnaigh ri ar Dia, agus shuidhich sinn freiceadan nan aghaidh a là agus a dh’oidhche fan comhair. Agus thubhairt Iùdah, Tha neart luchd‐iomchair nan eallach air fàilneachadh, agus mòran luaithre ann, air chor is nach urrainn sinn am balla a thogail. Agus thubhairt ar naimhdean, Cha bhi fhios aca, agus chan fhaic iad gus an tig sinn a‑steach nam meadhon, agus gum marbh sinn iad, agus gun cuir sinn stad air an obair. Agus nuair a thàinig na h‑Iùdhaich a bha a chòmhnaidh làimh riu, thubhairt iad rinn deich uairean, As gach àit on till sibh dar n‑ionnsaigh‐ne, bidh iad oirbh. Uime sin shuidhich mi anns na h‑àitean a b’ìsle air cùlaibh a’ bhalla, agus air na h‑àitean a b’àirde, shuidhich mi eadhon an sluagh a rèir an teaghlaichean len claidheamhan, len sleaghan, agus lem boghachan. Agus dh’amhairc, agus dh’èirich mi, agus thubhairt mi ris na h‑àrd‐uaislean, agus ris an luchd‐riaghlaidh, agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh romhpa: cuimhnichibh an Tighearna mòr agus uamhasach, agus cogaibh airson ur bràithrean, ur mac, agus ur nigheanan, ur ban, agus ur taighean. Ach nuair a chuala ar naimhdean gun d’fhuair sinn fios air, agus a thug Dia an comhairle gu neoni, thill sinn uile a dh’ionnsaigh a’ bhalla, gach aon a dh’ionnsaigh a obrach fhèin. Agus on àm sin a‑mach dh’obraich leth m’òglach‐sa anns an obair, agus chùm an leth eile dhiubh na sleaghan, na sgiathan, agus na boghachan, agus na lùirichean: agus bha an luchd‐riaghlaidh air cùlaibh uile thaigh Iùdah. Dh’obraich iadsan a thog air a’ bhalla, agus iadsan a ghiùlain eallachan, maille riùsan a luchdaich, gach aon le aon làimh anns an obair, agus leis an làimh eile chùm e gath. Agus bha aig gach aon den luchd‐togail a chlaidheamh crioslaichte air a leis, nuair a thog iad: agus bha esan a shèid an trompaid làimh riumsa. Agus thubhairt mi ris na h‑àrd‐uaislean, agus ris an luchd‐riaghlaidh, agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, Tha an obair mòr agus farsaing, agus tha sinn air ar dealachadh air a’ bhalla, gach aon fada o chèile: Ge bè àit anns an cluinn sibh fuaim na trompaid cruinnichibh an sin dar n‑ionnsaigh‐ne: cogaidh ar Dia air ar son. Agus shaothraich sinn anns an obair: agus chùm leth dhiubh na sleaghan o èirigh na maidne gus am facas na rionnagan. Mar an ceudna anns an àm sin thubhairt mi ris an t‑sluagh, Fanadh gach aon maille ra òglach ann an Ierusalem a‑chum gum bi iad nam freiceadan dhuinn anns an oidhche, agus anns an là nan luchd‐obrach. Agus cha do chuir mise, no mo bhràithrean, no m’òglaich, no fir an fhreiceadain a lean mi, dhinn ar n‑aodach: ach a‑mhàin gun do chuir gach duine dheth e airson a ionnlaid. Agus bha gàir mhòr aig an t‑sluagh, agus aig am mnathan, an aghaidh am bràithrean, na h‑Iùdhaich. Agus bha ann a thubhairt, Le ar mic agus ar nigheanan tha sinne lìonmhor: agus gabhaidh sinn sìol air an son, a‑chum gun ith sinn, agus gum bi sinn beò. Agus bha ann a thubhairt, Ar fearann, agus ar fìonliosan, agus ar taighean, bheir sinn ann an geall a‑chum gum faigh sinn sìol anns a’ ghorta. Agus bha ann a thubhairt, Ghabh sinn airgead an coingheall airson cìs an rìgh air ar fearann agus ar fìon‐liosan. Agus a‑nis mar fheòil ar bràithrean tha ar feòil‐ne, mar am mic‐san ar mic‐ne; ach feuch, tha sinn a’ toirt thairis ar mac agus ar nigheanan gu bhith nan tràillean, agus tha cuid de ar nigheanan air an toirt thairis cheana, agus gun chomas againn am fuasgladh, nuair a tha ar fearann agus ar fìon‐liosan aig daoine eile. Agus bha fearg mhòr orm nuair a chuala mi an gàir, agus na briathran sin. Agus chuir mi mo chomhairle rim chridhe fhèin, agus chronaich mi na h‑àrd‐uaislean, agus an luchd‐riaghlaidh, agus thubhairt mi riu, Tha gach aon agaibh a’ togail ocair o a bhràthair. Agus chuir mi co‑chruinneachadh mòr nan aghaidh. Agus thubhairt mi riu, Shaor sinne, a rèir ar comais, ar bràithrean na h‑Iùdhaich a reiceadh ris na cinnich, agus an reic sibhse mar an ceudna ur bràithrean, agus an reicear iad rinn fhèin? Ach bha iad nan tosd, agus cha d’fhuair iad nì air bith ri ràdh. Mar an ceudna thubhairt mi, Cha mhath an nì a tha sibh a’ dèanamh: nach buineadh dhuibh gluasad ann an eagal ar Dè, airson masladh nan cinneach, ar naimhdean? Dh’fhaodainn‐sa cuideachd, mo bhràithrean, agus m’òglaich, airgead agus sìol a thogail uapa. Leigeamaid dhinn, guidheam oirbh, an t‑ain‐dlighe seo. Aisigibh dhaibh, guidheam oirbh, mar air an là‑an‑diugh, am fearann, am fìon‐liosan, an liosan‐ola; agus an taighean: mar an ceudna cuid den airgead, agus den t‑sìol, den fhìon, agus den ola, a tha sibh a’ togail uapa. Agus thubhairt iadsan, Aisigidh sinn, agus chan iarr sinn uapa; mar sin nì sinn mar a tha thu ag ràdh. An sin ghairm mi na sagartan, agus ghabh mi mionnan dhiubh gun dèanadh iad a rèir a’ gheallaidh seo. Mar an ceudna chrath mi m’uchd, agus thubhairt mi, Mar seo crathadh Dia gach duine nach coilean an gealladh seo, a‑mach as a thaigh, agus as a obair, eadhon mar seo crathar a‑mach agus falmhaichear e. Agus thubhairt an coitheanal uile, Amen, agus mhol iad an Tighearna. Agus rinn an sluagh a rèir a’ gheallaidh seo. Os bàrr, on là air an tugadh òrdagh dhomh mi a bhith am uachdaran orra ann an tìr Iùdah, on fhicheadamh bliadhna, eadhon gus an dara‑bliadhna‑deug ar fhichead de Artacsercses an rìgh, dà‑bhliadhna‑dheug, cha d’ith mise no mo bhràithrean aran an uachdarain. Ach bha na ciad uachdarain a bha romham trom air an t‑sluagh, agus ghabh iad uapa aran agus fìon, a thuilleadh air dà‑fhichead secel airgid; rinn eadhon an òglaich aintighearnas air an t‑sluagh: ach cha do rinn mise mar sin air eagal Dhè. Agus mar an ceudna ann an obair a’ bhalla seo bhuanaich mi, agus cha do cheannaich sinn fearann; agus chruinnicheadh m’òglaich uile an sin a dh’ionnsaigh na h‑obrach. Agus bha aig mo bhòrd ceud‐gu‑leth Iùdhach agus fear‐riaghlaidh, a bhàrr orrasan a thàinig dar n‑ionnsaigh o na cinnich a tha mun cuairt oirnn. Agus seo na dheasaicheadh airson gach là, aon damh, sia caoraich thaghte: mar an ceudna dheasaicheadh eòin dhomh, agus aon uair anns na deich làithean pailteas de gach gnè fhìona: gidheadh airson seo cha d’iarr mi aran an uachdarain, a chionn gu robh an daorsa trom air an t‑sluagh seo. Cuimhnich ormsa, mo Dhia, a‑chum maith, a‑thaobh gach nì a rinn mi airson an t‑sluaigh seo. A‑nis nuair a chuala Sanbalat, agus Tobiah, agus Gesem an t‑Arabach, agus a’ chuid eile de ar naimhdean gun do thog mi am balla, agus nach d’fhàgadh briseadh ann (ged nach do chuir mi suas anns an àm sin còmhlachan air na geatachan), Chuir Sanbalat agus Gesem teachdairean am ionnsaigh, ag ràdh, Thig, agus coinnicheamaid a chèile ann an Chephirim ann an còmhnard Ono: ach smaoinich iadsan air olc a dhèanamh orm. Agus chuir mi teachdairean dan ionnsaigh, ag ràdh, Tha mi a’ dèanamh obrach mòire, agus chan urrainn mi dol sìos: carson a sguireadh an obair, nuair a dh’fhàgainn‐sa i agus a rachainn sìos dur n‑ionnsaigh? Gidheadh chuir iad teachdairean am ionnsaigh air an dòigh seo ceithir uairean; agus fhreagair mi iad air an dòigh cheudna. An sin chuir Sanbalat am ionnsaigh air an dòigh seo an còigeamh uair a òglach fhèin, agus litir fhosgailte na làimh; Anns an robh sgrìobhte: Am measg nan cinneach tha e air aithris, agus tha Gesem ag ràdh, gu bheil thusa agus na h‑Iùdhaich a’ smaoineachadh air ceannairc a dhèanamh: uime sin tha thu a’ togail a’ bhalla, a‑chum gum bi thu ad rìgh orra a rèir nam briathar seo. Agus mar an ceudna dh’òrdaich thu fàidhean a ghairm mud thimcheall ann an Ierusalem, ag ràdh, Is rìgh e ann an Iùdah: agus a‑nis aithrisear don rìgh a rèir nam briathar seo. A‑nis, matà, thig, agus cuireamaid ar comhairle ri chèile. An sin chuir mi fios da ionnsaigh, ag ràdh, Cha do rinneadh nithean sam bith mar a tha thu ag ràdh, ach is ann as do chridhe fhèin a tha thu gan dealbh. Oir bha iad uile a’ cur eagail oirnn, ag ràdh, Lagaichear an làmhan on obair, agus cha dèanar i: ach a‑nis neartaich mise mo làmhan. An sin chaidh mi a‑steach do thaigh Shemaiah, mhic Dhelaiah, mhic Mhehetabeeil, agus e air a dhruideadh suas; agus thubhairt e, Coinnicheamaid a chèile ann an taigh Dhè, ann am meadhon an teampaill, agus dùineamaid dorsan an teampaill, oir thig iad gad mharbhadh, eadhon anns an oidhche thig iad gad mharbhadh. Agus thubhairt mi, An teich duine mar a tha mise? Agus cò mar a tha mise a rachadh a‑steach don teampall, a‑chum gum maireadh e beò? Cha tèid mi a‑steach. Agus, feuch, dh’aithnich mi nach do chuir Dia uaithe e, ach gun do labhair e an fhàidheadaireachd seo am aghaidh: oir thug Tobiah agus Sanbalat duais dha. Air an adhbhar seo thugadh duais dha a‑chum gum biodh eagal ormsa, agus gun dèanainn mar seo, agus gum peacaichinn, agus gum biodh fàth droch sgeòil aca, a‑chum gum maslaicheadh iad mi. Cuimhnich thusa, mo Dhia, air Tobiah agus Sanbalat a rèir an obrach sin, agus mar an ceudna air a’ bhan‐fhàidh Noadiah, agus a’ chuid eile de na fàidhean leis am b’àill eagal a chur orm. Ach chrìochnaicheadh am balla air a’ chòigeamh‐là‑fichead den mhìos Elul, ann an dà‑là‑dheug agus dà‑fhichead. Agus nuair a chuala ar naimhdean uile e, agus a chunnaic na cinnich uile a bha mun cuairt dhuinn e, thilgeadh sìos gu mòr iad nan sùilean fhèin; oir dh’aithnich iad gum b’ann le ar Dia‑ne a rinneadh an obair seo. Os bàrr, anns na làithean sin chuir àrd‐uaislean Iùdah mòran litrichean gu Tobiah, agus thàinig litrichean Thobiah dan ionnsaigh‐san: Oir bha mòran ann an Iùdah air toirt am mionnan dha, a chionn gum bu chliamhain e do Shechaniah mac Arah agus gun do ghabh Iohanan a mhac nighean Mhesulaim, mhic Bherechiah, na mnaoi. Mar an ceudna dh’aithris iad a dheagh bhuaidhean ann am fhianais, agus dh’innis iad mo bhriathran‐sa dha. Agus chuir Tobiah litrichean uaithe gu eagal a chur orm. A‑nis nuair a thogadh am balla, agus a chuir mi suas na còmhlachan, agus a dh’òrdaicheadh na dorsairean, agus an luchd‐seinn, agus na Lèbhithich, Thug mi àithne dom bhràthair Hanani, agus Hananiah uachdaran na lùchairt, a‑thaobh Ierusaleim (oir bha e na dhuine fìrinneach, agus eagal Dhè air os cionn mhòrain); Agus thubhairt mi riu, Na fosglar geatachan Ierusaleim gus am fàs a’ ghrian teth; agus a’ seasamh dhaibh fhathast aig làimh, druideadh iad na còmhlachan, agus crannadh iad iad: agus shuidhich mi freiceadain de luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, gach aon na fhreiceadan, agus gach aon fa chomhair a thaighe fhèin. A‑nis bha am baile farsaing agus mòr: ach bha an sluagh tearc ann, agus cha robh na taighean air an togail. Agus chuir mo Dhia ann am chridhe gun cruinnichinn ri chèile na h‑àrd‐uaislean, agus an luchd‐riaghlaidh, agus an sluagh, gu bhith air an àireamh a rèir an ginealaichean: agus fhuair mi leabhar ginealach na muinntir a thàinig a‑nìos an toiseach, agus fhuair mi sgrìobhte ann: Is iad seo clann na mòr‐roinne, a chaidh suas de na braighdean, dhiubhsan a thugadh air falbh, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh leis, agus a thill gu Ierusalem agus gu Iùdah, gach fear da bhaile fhèin: A thàinig maille ri Serubabel, Iesua, Nehemiah, Asariah, Raamiah, Nahàmani, Mordecai, Bilsan, Misperet, Bigbhai, Nehum, Baanah. AIREAMH DAOINE SLUAGH ISRAEIL. Mic Pharois, dà mhìle, ceud trì‐fichead agus a dhà‐dheug. Mic Shephatiah, trì cheud, trì‐fichead agus a dhà‐dheug. Mic Arah, sia ceud, dà‑fhichead agus a dhà‐dheug. Mic Phahat‐mhòaib, de chloinn Iesua agus Ioaib, dà mhìle, ochd ceud agus ochd‐deug. Mic Elaim, mìle, dà cheud, leth‐cheud agus a ceithir. Mic Shatu, ochd ceud, dà‑fhichead agus a còig. Mic Shacai, seachd ceud agus trì‐fichead. Mic Bhinui, sia ceud, dà‑fhichead agus a h‑ochd. Mic Bhebai, sia ceud, fichead agus a h‑ochd. Mic Asgaid, dà mhìle, trì cheud, fichead agus a dhà. Mic Adonicaim, sia ceud, trì‐fichead agus a seachd. Mic Bhigbhai, dà mhìle, trì‐fichead agus a seachd. Mic Adin, sia ceud, leth‐cheud agus a còig. Mic Ateir o Heseciah, ceithir‐fichead agus ochd‐deug Mic Hasuim, trì cheud, fichead agus a h‑ochd. Mic Bhesai, trì cheud, fichead agus a ceithir. Mic Hariph, ceud agus a dhà‐dheug. Mic Ghibeoin, ceithir‐fichead agus còig‐deug. Fir Bhetleheim agus Netophah, ceud, ceithir‐fichead agus a h‑ochd. Fir Anatoit, ceud, fichead agus a h‑ochd. Fir Bhet‐asmabheit, dà‑fhichead agus a dhà. Fir Chiriat‐iearim, Chephirah, agus Bheeroit, seachd ceud, dà‑fhichead agus a trì. Fir Ramah agus Ghaba, sia ceud, fichead agus a h‑aon. Fir Mhichmais, ceud, agus fichead agus a dhà. Fir Bheteil agus Ai, ceud, fichead agus a trì. Fir Nebo eile, leth‐cheud agus a dhà. Mic Elaim eile, mìle, dà cheud, leth‐cheud agus a ceithir. Mic Harim, trì cheud, agus fichead. Mic Iericho, trì cheud, dà‑fhichead agus a còig. Mic Loid, Hadid agus Ono, seachd ceud, fichead agus a h‑aon. Mic Shenaah, trì mìle, naoi ceud, agus deich‐ar‑fhichead. Na sagartan: Mic Iedaiah, de thaigh Iesua, naoi ceud, trì‐fichead agus a trì‐deug. Mic Imeir, mìle, leth‐cheud agus a dhà. Mic Phasuir, mìle, dà cheud, dà‑fhichead agus a seachd. Mic Harim, mìle agus seachd‐deug. Na Lèbhitich: Mic Iesua agus Chadmieil, de chloinn Hodebhah, trì‐fichead agus a ceithir‐deug. An luchd‐seinn: Mic Asaiph, ceud, dà‑fhichead agus a h‑ochd. Na dorsairean: Mic Shaluim, mic Ateir, mic Thalmoin, mic Acuib, mic Hatita, mic Shobai, ceud agus ochd‐deug ar fhichead. Na Netinich: Mic Shiha, mic Hasupha, mic Thabaoit. Mic Cherois, mic Shia, mic Phadoin. Mic Lebana, mic Hagaba, mic Shalmai. Mic Hanain, mic Ghideil, mic Ghahair. Mic Reaiah, mic Resin, mic Necoda. Mic Ghadsaim, mic Udsa, mic Phaseah. Mic Bhesai, mic Mheunim, mic Nephisesim. Mic Bhacbuic, mic Hacupha, mic Harhuir. Mic Bhaslit, mic Mhehida, mic Harsa. Mic Bharcois, mic Shisera, mic Thamah. Mic Nesiah, mic Hatipha. Mic seirbhisich Sholaimh: Mic Shotai, mic Shophereit, mic Pherida. Mic Iaala, mic Dharcoin, mic Ghideil. Mic Shephatiah, mic Hatil, mic Phocherit o Shebaim, mic Amoin. Na Netinich uile, agus clann seirbhisich Sholaimh, trì cheud, ceithir‐fichead agus a dhà‐dheug. Agus seo iadsan a chaidh suas o Thelmelah, Telharsa, Cherub, Adon agus Imer; ach cha b’urrainn iad taigh an athar a nochdadh agus an sliochd, am b’ann de Israel iad. Mic Dhelaiah, mic Thobiah, mic Necoda, sia ceud, dà‑fhichead agus a dhà. Agus de na sagartan: Mic Habaiah, mic Chois, mic Bharsillai, a ghabh bean de nigheanan Bharsillai an Gileadach, agus a ghoireadh air an ainm. Dh’iarr iadsan an clàr‐sgrìobhaidh nam measg‐san a bha air an àireamh a rèir an ginealaichean, ach cha d’fhuaireadh e: uime sin ghearradh as on t‑sagartachd iad. Agus thubhairt an Tirsata riu nach faodadh iad ithe de na nithean ro‑naomha gus an seasadh sagart suas le Urim agus Tumim. An coitheanal uile cuideachd, dà‑fhichead agus dà mhìle, trì cheud agus trì‐fichead: A thuilleadh air an òglaich agus am banoglaich, den robh ann seachd mìle, trì cheud agus seachd‐deug ar fhichead, agus dhiubhsan dà cheud agus dà‑fhichead agus a còig nam fir agus nam mnathan‐seinn. An eich, seachd ceud agus sia‑deug ar fhichead: am muileidean, dà cheud, dà‑fhichead agus a còig: An càmhail, ceithir cheud agus còig‐deug ar fhichead: an asail, sia mìle, seachd ceud agus fichead. Agus thug cuid de chinn nan athraichean seachad airson na h‑obrach. Thug an Tirsata seachad don ionmhas mìle darcon òir, leth‐cheud cuach, còig ceud agus deich‐ar‑fhichead culaidh sagairt. Agus thug cuid de chinn nan athraichean seachad do ionmhas na h‑obrach fichead mìle darcon òir, agus dà mhìle agus dà cheud punnd airgid. Agus seo na thug a’ chuid eile den t‑sluagh: fichead mìle darcon òir, agus dà mhìle punnd airgid, agus trì‐fichead agus seachd culaidh sagairt. Agus ghabh na sagartan, agus na Lèbhithich, agus na dorsairean, agus an luchd‐seinn, agus cuid den t‑sluagh, agus na Netinich, agus Israel uile, còmhnaidh nam bailtean; agus nuair a thàinig an seachdamh mìos, bha clann Israeil nam bailtean. Agus chruinnich an sluagh uile an ceann a chèile mar aon duine don t‑sràid a tha fa chomhair geata an uisge: agus dh’iarr iad air Esra an sgrìobhaiche e a thoirt an làthair leabhar lagh Mhaois, a dh’àithn an Tighearna do Israel. Agus thug Esra an sagart an lagh an làthair a’ choitheanail, araon fhear agus bhan, agus gach uile a thuigeadh nuair a chluinneadh iad e, air a’ chiad là den t‑seachdamh mìos. Agus leugh e ann fa chomhair na sràide a tha fa chomhair geata an uisge, o mhadainn gu meadhon‐là, an làthair nam fear agus nam ban, agus na muinntir a thuigeadh; agus bha cluasan an t‑sluaigh uile ri leabhar an lagha. Agus sheas Esra an sgrìobhaiche air crannaig fhiodha, a rinn iad airson a’ ghnothaich, agus làimh ris sheas Matitiah, agus Sema, agus Anaiah, agus Uriah, agus Hilciah, agus Maaseiah, air a làimh dheis; agus air a làimh chlì Pedaiah, agus Misael, agus Malchiah, agus Hasum, agus Hasbadana, Sechariah agus Mesulam. Agus dh’fhosgail Esra an leabhar ann an sealladh an t‑sluaigh uile, oir bha e os cionn an t‑sluaigh uile; agus nuair a dh’fhosgail e e, sheas an sluagh uile. Agus bheannaich Esra an Tighearna, an Dia mòr: agus fhreagair an sluagh uile, Amen, Amen, a’ togail suas an làmh. Agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh don Tighearna len aghaidhean ris an talamh. Mar an ceudna thug Iesua, agus Bani, agus Serebiah, Iamin, Acub, Sabetai, Hodiah, Maaseiah, Celita, Asariah, Iosabad, Hanan, Pelaiah, agus na Lèbhithich air an t‑sluagh an lagh a thuigsinn: agus sheas an sluagh nan àite. Agus leugh iad ann an leabhar lagh Dhè gu soilleir, agus thug iad an seagh seachad, agus thug iad orrasan an leughadh a thuigsinn. Agus thubhairt Nehemiah, neach as e an Tirsata, agus Esra an sagart, an sgrìobhaiche, agus na Lèbhithich a theagaisg an sluagh, ris an t‑sluagh uile, Tha an là seo naomh don Tighearna ur Dia; na dèanaibh caoidh no gul: oir ghuil an sluagh uile, nuair a chuala iad briathran an lagha. An sin thubhairt e riu, Imichibh, ithibh nithean reamhar, agus òlaibh nithean milis, agus cuiribh cuibhreannan dan ionnsaigh‐san do nach d’ullaicheadh nì air bith; oir tha an là seo naomh dar Tighearna: agus na bithibh ri bròn, oir is e gàirdeachas an Tighearna ur neart. Agus chiùinich na Lèbhithich an sluagh uile, ag ràdh, Bithibh nur tosd, oir tha an là naomh, agus na bithibh ri bròn. Agus dh’imich an sluagh uile a dh’ithe agus a dh’òl, agus a chur chuibhreann uapa, agus a dhèanamh aoibhneis mhòir, a chionn gun do thuig iad na briathran a chuir iad an cèill dhaibh. Agus air an dara là chruinnicheadh cuideachd cinn athraichean an t‑sluaigh uile, na sagartan agus na Lèbhithich, gu Esra an sgrìobhaiche, a‑chum gun tuigeadh iad briathran an lagha. Agus fhuair iad sgrìobhte anns an lagh a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois gun gabhadh clann Israeil còmhnaidh ann am pàilleanan air an fhèill air an t‑seachdamh mìos. Agus nuair a chuala iad seo, thug iad gairm nam bailtean uile, agus ann an Ierusalem, ag ràdh, Rachaibh a‑mach don t‑sliabh, agus thugaibh leibh geugan chrann‐ola, agus geugan giuthais, agus geugan miortail, agus geugan pailme, agus geugan chraobh tiugha a dhèanamh phàillean, mar a tha e sgrìobhte. Agus chaidh an sluagh a‑mach, agus thug iad leo iad, agus rinn iad dhaibh fhèin pàilleanan, gach fear air mullach a thaighe, agus nan cùirtean, agus ann an cùirtean taigh Dhè, agus ann an sràid geata an uisge, agus ann an sràid geata Ephraim. Agus rinn uile choitheanal na muinntir a thàinig air an ais on bhraighdeanas pàilleanan, agus shuidh iad fo na pàilleanan: oir o làithean Iosua mhic Nuin, gu ruig an là sin, cha do rinn clann Israeil mar sin; agus bha gàirdeachas ro‑mhòr ann. Agus leugh e ann an leabhar lagh Dhè là an dèidh là, on chiad là gu ruig an là mu dheireadh: agus chùm iad an fhèill seachd làithean, agus air an ochdamh là, àrd‐choitheanal a rèir a’ ghnàtha. Agus air a’ cheathramh‐là‑fichead den mhìos seo chruinnicheadh clann Israeil ann an trasgadh, agus ann an sac‐aodach, agus ùir orra. Agus dhealaich sìol Israeil iad fhèin o uile chloinn choigreach, agus sheas iad, agus dh’aidich iad am peacaidhean, agus euceartan an athraichean. Agus dh’èirich iad nan àite, agus leugh iad ann an leabhar lagh an Tighearna an Dia, an ceathramh cuid den là; agus rè ceathramh eile dh’aidich iad, agus rinn iad adhradh don Tighearna an Dia. An sin dh’èirich air cheuman nan Lèbhitheach, Iesua, agus Bani, Cadmiel, Sebaniah, Buni, Serebiah, Bani, agus Chenani, agus ghlaodh iad le guth àrd ris an Tighearna an Dia. Agus thubhairt na Lèbhithich, Iesua agus Cadmiel, Bani, Hasabniah, Serebiah, Hodiah, Sebaniah, agus Petahiah, Eiribh, beannaichibh an Tighearna ur Dia gu saoghal nan saoghal: agus beannaichte gu robh d’ainm glòrmhor‐sa, a tha air àrdachadh os cionn gach beannachaidh agus cliù. Is tusa, is tusa ad aonar an Tighearna: rinn thu na nèamhan, nèamhan nan nèamh agus an slòigh uile, an talamh agus gach nì a tha air, na cuantan agus gach nì a tha annta, agus tha thu gan cumail suas uile; agus tha slòigh nan nèamh a’ dèanamh adhraidh dhut. Is tu fhèin an Tighearna, an Dia, a thagh Abram, agus a thug a‑mach e à Ur nan Caldèanach, agus a thug Abrahàm mar ainm air. Agus fhuair thu a chridhe fìrinneach ad fhianais, agus rinn thu coicheangal ris gun tugadh tu tìr nan Canàanach, nan Hiteach, nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Iebusach, agus nan Girgasach, gun tugadh tu seo da shliochd; agus choilean thu do bhriathran, oir tha thu ceart: Agus chunnaic thu àmhghar ar n‑athraichean anns an Eiphit, agus chuala tu an glaodh aig a’ mhuir ruaidh: Agus nochd thu comharraidhean agus iongantasan air Phàraoh, agus air a sheirbhisich uile, agus air uile shluagh a thìre; oir bha fhios agad gun do rinn iad gu h‑uaibhreach nan aghaidh: agus fhuair thu dhut fhèin ainm, mar air an là‑an‑diugh. Agus roinn thu a’ mhuir romhpa agus chaidh iad tro mheadhon na mara air talamh tioram; agus an luchd‐tòrachd thilg thu anns an doimhne, mar chloich anns na h‑uisgeachan làidir. Agus le meall neòil threòraich thu iad anns an là; agus le meall teine anns an oidhche, a shoillseachadh dhaibh na slighe air an imicheadh iad. Agus thàinig thu a‑nuas air sliabh Shinài, agus labhair thu riu o nèamh, agus thug thu dhaibh breitheanais chearta, agus laghannan fìrinn, reachdan agus àitheantan matha. Agus do shàbaid naomh dh’fhoillsich thu dhaibh; agus àitheantan, agus reachdan, agus lagh, dh’àithn thu dhaibh le làimh Mhaois d’òglach: Agus aran o nèamh thug thu dhaibh nan acras, agus uisge as a’ charraig thug thu a‑mach dhaibh nan tart: agus thubhairt thu riu dol a‑steach a shealbhachadh an fhearainn a mhionnaich thu gun tugadh tu dhaibh. Ach rinn iad fhèin agus ar n‑athraichean gu h‑uaibhreach, agus chruadhaich iad am muineal, agus cha d’èisd iad rid àitheantan. Agus dhiùlt iad èisdeachd, agus cha do chuimhnich iad d’iongantasan a rinn thu nam measg; ach chruadhaich iad am muineal, agus dh’òrdaich iad ceannard, a‑chum tilleadh dan daorsa anns an Eiphit: ach is Dia thusa a tha ealamh gu maitheanas a thoirt seachad, gràsmhor agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an truacantas, agus cha do thrèig thu iad. Eadhon nuair a rinn iad dhaibh fhèin laogh leaghte agus a thubhairt iad, Seo do dhia a thug a‑nìos thu as an Eiphit, agus a dh’obraich iad mòran brosnachaidh: Gidheadh ad thruacantas mòr cha do thrèig thu iad anns an fhàsach: cha do dhealaich am meall neòil riu anns an là, gu an treòrachadh air an t‑slighe; no am meall teine anns an oidhche, a shoillseachadh na slighe dhaibh air an imicheadh iad. Agus do spiorad math thug thu seachad gu an teagasg, agus do mhana cha do chùm thu om beul, agus uisge thug thu dhaibh nan tart. Eadhon dà‑fhichead bliadhna bheathaich thu iad anns an fhàsach: cha robh dìth orra: cha d’fhàs an aodach sean, agus cha d’at an casan. Agus thug thu dhaibh rìoghachdan agus slòigh, agus roinn thu iad ann an ceàrnan; agus shealbhaich iad tìr Shihoin, agus tìr rìgh Hesboin, agus tìr Og rìgh Bhasain. Agus rinn thu an clann lìonmhor mar reultan nan nèamh, agus thug thu iad don tìr mun dubhairt thu ri an athraichean, gun rachadh iad a‑steach ga sealbhachadh. Agus chaidh an clann a‑steach, agus shealbhaich iad an tìr, agus chìosnaich thu romhpa luchd‐àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, agus thug thu thairis nan làimh iad fhèin agus an rìghrean, agus sluagh na tìre, a dhèanamh riu mar a bu mhiann leo. Agus ghlac iad bailtean daingnichte, agus talamh reamhar, agus shealbhaich iad taighean làn de gach nì math, tobraichean cladhaichte, fìonliosan agus liosan‐ola, agus craobhan‐meas ann am pailteas: agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad, agus dh’fhàs iad reamhar, agus bha toil‐inntinn aca ann ad mhòr‐mhaitheas‐sa. Gidheadh, bha iad eas‐umhail, agus rinn iad ceannairc ad aghaidh, agus thilg iad do lagh air an cùlaibh, agus mharbh iad d’fhàidhean a thug fianais nan aghaidh, a‑chum an tilleadh ad ionnsaigh; agus dh’obraich iad mòran brosnachaidh. Air an adhbhar sin thug thu thairis iad do làimh an naimhdean, a shàraich iad: agus ann an àm an airce ghlaodh iad riut, agus o na nèamhan chuala tu, agus ad mhòr‐thròcair thug thu dhaibh luchd‐saoraidh, a shaor iad à làimh an naimhdean. Ach nuair a bha fois aca, rinn iad olc a‑rìs ad fhianais; uime sin dh’fhàg thu iad ann an làimh an naimhdean, agus bha uachdaranachd aca orra. Gidheadh, nuair a thill iad agus a ghlaodh iad riut, chuala tu o na nèamhan, agus shaor thu iad ad mhòr‐thròcair iomadh uair: Agus thug thu fianais nan aghaidh, a‑chum an toirt air an ais a dh’ionnsaigh do lagha; gidheadh, rinn iadsan gu h‑uaibhreach, agus cha d’èisd iad rid àitheantan, ach pheacaich iad an aghaidh do bhreitheanas, nithean ma nì duine, bidh e beò annta; agus tharraing iad air falbh an gualann, agus chruadhaich iad am muineal, agus chan èisdeadh iad. Agus ghiùlain thu leo rè iomadh bliadhna, agus rinn thu fianais nan aghaidh led spiorad le làimh d’fhàidhean: ach chan èisdeadh iad, agus thug thu thairis iad do làimh sluaigh nan tìrean. Gidheadh ann ad mhòr‐thròcair cha do chuir thu as dhaibh gu tur, agus cha do thrèig thu iad; oir is Dia gràsmhor agus tròcaireach thusa. A‑nis, matà, O ar Dia‑ne, a Dhè mhòir, chumhachdaich, agus uamhasaich, a chumas coicheangal agus tròcair, na measar beag ad fhianais an sàrachadh seo uile a thàinig oirnne, air ar rìghrean, air ar n‑uachdarain, agus air ar sagartan, agus air ar fàidhean, agus air ar n‑athraichean, agus air do shluagh uile, o làithean rìghrean Asiria gu ruig an là‑an‑diugh. Ach tha thusa cothromach anns gach nì a thàinig oirnn; oir rinn thusa gu fìrinneach, ach rinn sinne gu h‑aingidh. Cha do ghlèidh ar rìghrean, ar n‑uachdarain, ar sagartan, no ar n‑athraichean do lagh‐sa, agus cha d’èisd iad rid àitheantan, agus rid theisteas leis an tug thu teisteas nan aghaidh: Oir cha do rinn iad seirbhis dhut nan rìoghachd, agus anns a’ mhòr‐mhath a thug thu dhaibh, agus anns an fhearann fharsaing agus reamhar a chuir thu fan comhair; agus cha do thill iad on droch obraichean. Feuch, is seirbhisich sinn an‑diugh, agus am fearann a thug thu dar n‑athraichean a dh’ithe a thoraidh agus a mhaith, feuch, is seirbhisich sinn ann. Agus is mòr a thoradh do na rìghrean a chuir thu os ar cionn airson ar peacaidhean; agus tha uachdaranachd aca os cionn ar corp, agus os cionn ar sprèidhe, a rèir an toile, agus tha sinn ann an teinn mhòir. Agus airson seo uile nì sinn coicheangal cinnteach, agus sgrìobhaidh sinn e; agus cuiridh ar n‑uachdarain, ar Lèbhithich, agus ar sagartan an seula ris. Agus seo iadsan a chuir an seula ris: Nehemiah an Tirsata, mac Hachaliah, agus Sedeciah, Seraiah, Asariah, Ieremiah, Pasur, Amariah, Malchiah, Hatas, Sebaniah, Maluch, Harim, Meremot, Obadiah, Daniel, Gineton, Baruch, Mesulam, Abiah, Miamin, Maasiah, Bilgai, Semaiah, b’iad sin na sagartan. Agus na Lèbhithich: Iesuah mac Asaniah, Binui de mhic Henadaid, Cadmiel; Agus am bràithrean, Sèbaniah, Hodiah, Celita, Pelaiah, Hanan, Micha, Rehob, Hasabiah, Sacur, Serebiah, Sèbaniah, Hodiah, Bani, Beninu. Cinn an t‑sluaigh: Paros, Pahat‐mòab, Elam, Satu, Bani, Buni, Asgad, Bebai, Adoniah, Bigbhai, Adin, Ater, Hisciah, Adsur, Hodiah, Hasum, Besai, Hariph, Anatot, Nebai, Magpias, Mesulam, Hesir, Mesesabeel, Sadoc, Iadua, Pelatiah, Hanan, Anaiah, Hosèa, Hananiah, Hasub, Halohes, Pileha, Sobec, Rehum, Hasabnah, Maaseiah, Agus Ahiah, Hanan, Anan, Maluch, Harim, Baanah. Agus a’ chuid eile den t‑sluagh, na sagartan na Lèbhithich, na dorsairean, an luchd‐seinn, na Netinich, agus iadsan uile a dhealaich iad fhèin o shluagh nan tìrean a‑chum lagh Dhè, am mnathan, am mic, agus an nigheanan, gach aon aig an robh eòlas agus tuigse; Dhlùth‐lean iad rim bràithrean, an àrd‐uaislean, agus chaidh iad fo mhallachadh, agus fo mhionnan, gluasad ann an lagh Dhè, a thugadh seachad le làimh Mhaois, òglach Dhè, agus a choimhead agus a dhèanamh uile àitheantan Iehòbhah ar Tighearna, agus a bhreitheanas, agus a reachdan: Agus nach toir sinn ar nigheanan do shluagh na tìre, agus nach gabh sinn an nigheanan‐san dar mic: Agus ma bheir sluagh na tìre leo bathar no biadh air bith air là na sàbaid, ga reic, nach ceannaich sinn e uapa air an t‑sàbaid no air là naomh: agus gun leig sinn leis an t‑seachdamh bliadhna, agus le togail nam fiach uile. Mar an ceudna rinn sinn reachdan dhuinn fhèin, an treas cuid de shecel a chur de fhiachan oirnn fhèin gach bliadhna, airson seirbhis taigh ar Dè: Airson an arain thaisbeanta, agus airson an tabhartas‐bhìdh ghnàthaichte, agus airson ìobairt‐loisgte ghnàthaichte nan sàbaid agus nan gealach nodha, airson nam fèill suidhichte, agus airson nan nithean naomha, agus airson nan ìobairt‐pheacaidh, a dhèanamh rèite airson Israeil, agus airson uile obair taigh ar Dè. Agus thilg sinn croinn, na sagartan na Lèbhithich, agus an sluagh, mun tabhartas‐fhiodha, a‑chum a thabhairt gu taigh ar Dè, a rèir taigh ar n‑athraichean, air àmannan suidhichte, o bhliadhna gu bliadhna, a losgadh air altair an Tighearna ar Dia, mar a tha e sgrìobhte anns an lagh: Agus a thabhairt ciad‐thoradh ar fearainn, agus ciad‐thoradh uile mheas gach uile chraoibh, o bhliadhna gu bliadhna, gu taigh an Tighearna: Agus a thabhairt ciad‐ghin ar mac agus ar n‑ainmhidhean, mar a tha e sgrìobhte anns an lagh, agus ciad‐ghin ar cruidh agus ar caorach, gu taigh ar Dè, a dh’ionnsaigh nan sagart a fhrithealas ann an taigh ar Dè: Agus gun tugamaid ciad‐thoradh ar taoise, agus ar tabhartas, agus meas gach gnè craoibhe, fìona, agus ola, a dh’ionnsaigh nan sagart, gu seòmraichean taigh ar Dè; agus deicheamh ar fearainn do na Lèbhithich, air chor is gum faigheadh na Lèbhithich sin an deicheamh ann an uile bhailtean ar treabhachais. Agus bidh an sagart, mac Aaroin, maille ris na Lèbhithich, nuair a thogas na Lèbhithich suas leo deicheamh an deichimh gu taigh ar Dè, a‑steach do na seòmraichean, do thaigh an ionmhais: Oir bheir clann Israeil agus clann Lèbhi leo tabhartas an arbhair, an fhìona nuaidh, agus na h‑ola, a‑steach do na seòmraichean, far a bheil soithichean an ionaid naoimh, agus na sagartan, agus an luchd‐frithealaidh, agus na dorsairean, agus an luchd‐seinn. Agus cha trèig sinne taigh ar Dè. Agus chòmhnaich uachdarain an t‑sluaigh ann an Ierusalem; agus thilg a’ chuid eile den t‑sluagh croinn, a thoirt aoin as an deichnear a ghabhail còmhnaidh ann an Ierusalem, am baile naomh, agus gum biodh naoi earrannan anns na bailtean eile. Agus bheannaich an sluagh na daoine uile a thairg iad fhèin gu toileach gu còmhnaidh a ghabhail ann an Ierusalem. Agus is iad seo cinn na mòr‐roinne, a chòmhnaich ann an Ierusalem, agus ann am bailtean Iùdah: ghabh gach aon còmhnaidh na sheilbh fhèin, nam bailtean, na h‑Israelich, na sagartan, agus na Lèbhithich, agus na Netinich, agus mic seirbhisich Sholaimh. Agus chòmhnaich ann an Ierusalem de chloinn Iùdah, agus de chloinn Bheniàmin: de chloinn Iùdah: Ataiah mac Udsiah, mhic Shechariah, mhic Amariah, mhic Shephatiah, mhic Mahaleleeil, de chloinn Phereis: Agus Maaseiah mac Bharuich, mhic Cholhoseh, mhic Hasaiah, mhic Adaiah, mhic Ioarib, mhic Shechariah, mhic Shiloni. Mic Phereis uile a chòmhnaich ann an Ierusalem, ceithir cheud, trì‐fichead agus ochd fir threuna. Agus is iad seo mic Bheniàmin; Salu mac Mhesulaim, mhic Ioeid, mhic Phedaidh, mhic Cholaiah, mhic Mhaaseiah, mhic Itieil, mhic Iesaiah. Agus na dhèidh‐san Gabai, Salai, naoi ceud, fichead agus a h‑ochd. Agus Ioel mac Shichri na fhear‐amhairc thairis orra; agus Iùdah mac Shenuah an dara fear os cionn a’ bhaile. De na sagartan: Iedaiah, Ioiarib, Iachin, Seraiah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraioit, mhic Ahituib, fear‐riaghlaidh taigh Dhè. Agus am bràithrean a rinn obair an taighe, ochd ceud, fichead agus a dhà: agus Adaiah mac Ierohaim, mhic Phelaliah, mhic Amsi, mhic Shechariah, mhic Phasuir, mhic Mhalchiah, Agus a bhràithrean, cinn nan athraichean, dà cheud, dà‑fhichead agus a dhà: agus Amasai mac Asareeil, mhic Ahasai, mhic Mhesilemoit, mhic Imeir, Agus am bràithrean, fir chomasach ghaisgeil, ceud, fichead agus a h‑ochd: agus na fhear‐coimhead thairis orra Sabdiel, mac aoin de na daoine mòra. Agus de na Lèbhithich: Semaiah mac Hasuib, mhic Asricaim, mhic Hasabiah, mhic Bhuni; Agus Sabetai, agus Iosabad, de chinn nan Lèbhitheach, os cionn obair taigh Dhè on leth a‑muigh. Agus Mataniah mac Mhicha, mhic Shabdi, mhic Asaiph, an ciad fhear a thòisicheadh air buidheachas a thoirt ann an ùrnaigh; agus Bacbuciah, an dara fear am measg a bhràithrean, agus Abda mac Shamua, mhic Ghalail, mhic Iedutuin. Na Lèbhithich uile anns a’ bhaile naomh, dà cheud, ceithir‐fichead agus a ceithir. Agus na dorsairean, Acub, Talmon, agus am bràithrean a bha ri faire aig na geatachan, ceud, trì‐fichead agus a dhà‐dheug. Agus bha a’ chuid eile de Israel, na sagartan, agus na Lèbhithich, ann an uile bhailtean Iùdah, gach fear na sheilbh fhèin. Ach ghabh na Netinich còmhnaidh ann an Ophel; agus bha Siha agus Gispa os cionn nan Netineach. Agus b’e fear‐coimhead‐thairis nan Lèbhitheach ann an Ierusalem Udsi mac Bhani, mhic Hasabiah, mhic Mhataniah, mhic Mhicah. De mhic Asaiph, bha an luchd‐seinn, fa chomhair obair taigh Dhè: Oir b’i àithne an rìgh man timcheall gum biodh cuibhreann àraidh airson an luchd‐seinn, a dhlighe fhèin air gach là. Agus bha Petaiah mac Mheses‐abeeil, de chloinn Sherah mhic Iùdah, aig làimh an rìgh anns gach cùis a‑thaobh an t‑sluaigh. Agus a‑thaobh nam bailtean beaga nam fearann, chòmhnaich cuid de mhic Iùdah ann an Ciriat‐arba agus na bhailtean beaga, agus ann an Dibon agus na bhailtean beaga, agus ann an Iecabseel agus na bhailtean beaga, Agus ann an Iesua, agus ann am Moladah, agus ann am Bet‐pelet, Agus ann an Hasar‐sual, agus ann am Beer‐sèba agus na bhailtean beaga, Agus ann an Siclag, agus ann am Meconah agus na bhailtean beaga, Agus ann an En‑rimon, agus ann an Sareah, agus ann an Iarmut, Sanòah, Adulam, agus nam bailtean beaga, ann an Lachis agus na fhearann, ann an Asecah agus na bhailtean beaga. Agus chòmhnaich iad o Bheer‐sèba gu ruig gleann Hinoim; Agus mic Bheniàmin o Gheba, ann am Michmas, agus Aia, agus Betel agus na bhailtean beaga; Ann an Anatot, Nob, Ananiah, Hasor, Ramah, Gitaim, Hadid, Seboim, Nebalat, Lod, agus Ono, gleann an luchd‐ceàirde. Agus de na Lèbhithich bha roinnean ann an Iùdah, agus ann am Beniàmin. Agus is iad seo na sagartan agus na Lèbhithich a chaidh suas maille ri Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua: Seraiah, Ieremiah, Esra, Amariah, Maluch, Hatus, Sechaniah, Rehum, Meremot, Ido, Gineto, Abiah, Miamin, Maadiah, Bilgah, Semaiah, agus Ioiarib, Iedaiah, Salu, Amoc, Hilciah, Iedaiah: b’iad sin cinn nan sagart, agus am bràithrean ann an làithean Iesua. Agus na Lèbhithich: Iesua, Binui, Cadmiel, Serebiah, Iùdah, agus Mataniah, a bha os cionn nan laoidhean‐molaidh, e fhèin agus a bhràithrean; Agus Bacbuciah, agus Uni, agus am bràithrean, a bha thall fan comhair‐san anns na fairean. Agus ghin Iesua Ioiacim, agus ghin Ioiacim Eliasib, agus ghin Eliasib Ioiada, Agus ghin Ioiada Ionatan, agus ghin Ionatan Iadua. Agus ann an làithean Ioiacim bha sagartan, cinn nan athraichean: o Sheraiah, Meraiah: o Ieremiah, Hananiah: O Esra, Mesulam: o Amariah, Iehohanan: O Mhelicu, Ionatan: o Shechaniah, Iòseph: O Harim, Adnah: o Mheraiot, Helcai: O Ido, Sechariah: o Ghineton, Mesulam: O Abiah, Sichri: o Mhiamin, o Mhoadiah, Piltai: O Bhilgah, Samua: o Shemaiah, Iehonatan: O Ioiarib, Matenai: o Iedaiah, Udsi: O Shalai, Calai: o Amoc, Eber: O Hilciah, Hasabiah: o Iedaiah, Netaneel. Sgrìobhadh sìos na Lèbhithich ann an làithean Eliasib, Ioiada, agus Iehonain, agus Iadua, cinn nan athraichean; agus na sagartan gu ruig rìoghachadh Dhariuis am Persianach. Sgrìobhadh sìos mic Lèbhi, cinn nan athraichean, ann an leabhar nan eachdraidh, gu ruig làithean Iohanain mhic Eliasib. Agus cinn nan Lèbhitheach: Hasabiah, Serebiah, agus Iesua mac Chadmieil, agus am bràithrean thall fan comhair, a mholadh agus a thabhairt buidheachais a rèir àithne Dhaibhidh òglach Dhè, faire fa chomhair faire. Mataniah, agus Bacbuciah, Obadiah, Mesulam, Talmon, Acub, nan dorsairean a’ coimhead na faire aig stairsneachan nan geatachan. Iad sin ann an làithean Ioiacim mhic Iesua, mhic Iosadaic, agus ann an làithean Nehemiah an t‑uachdaran, agus Esra an sagart, an sgrìobhaiche. Agus aig coisrigeadh balla Ierusaleim dh’iarr iad na Lèbhithich as an àitean uile, a‑chum an tabhairt gu Ierusalem, a chumail a’ choisrigidh le aoibhneas, agus le breith‐buidheachais, agus le seinn, le ciombalan, saltairean, agus le clàrsaichean. Agus chruinnich mic an luchd‐seinn an ceann a chèile, araon as an tìr rèidh mu thimcheall Ierusaleim, agus à bailtean beaga Netophati; Agus à taigh Ghilgail, agus à machraichean Gheba agus Asmabheit; oir thog an luchd‐seinn bailtean beaga dhaibh fhèin mu thimcheall Ierusaleim. Agus ghlan na sagartan agus na Lèbhithich iad fhèin, agus ghlan iad an sluagh, agus na geatachan, agus am balla. An sin thug mi suas uachdarain Iùdah air a’ bhalla, agus dh’òrdaich mi dà chuideachd mhòr a‑chum molaidh, agus gun imicheadh aon a dh’ionnsaigh na làimhe deise air a’ bhalla gu geata an aolaich: Agus nan dèidh‐san chaidh Hosaiah, agus leth uachdarain Iùdah. Agus Asariah, Esra, agus Mesulam, Iùdah, agus Beniàmin, agus Semaiah, agus Ieremiah: Agus cuid de mhic nan sagart le trompaidean; Sechariah mac Ionatain, mhic Shemaiah, mhic Mhataniah, mhic Mhichaiah, mhic Shacuir, mhic Asaiph; Agus a bhràithrean Semaiah, agus Asareel, Milalai, Gilalai, Maai, Netaneel, agus Iùdah, agus Hanani, le innealan‐ciùil Dhaibhidh òglach Dhè, agus Esra an sgrìobhaiche romhpa. Agus aig geata an tobair a bha fan comhair, chaidh iad suas air ceuman baile Dhaibhidh, aig dol suas a’ bhalla, os cionn taigh Dhaibhidh, gu ruig geata an uisge a làimh na h‑àird an ear. Agus dh’imich a’ chuideachd eile a bha a‑chum molaidh thall fan comhair, agus mise nan dèidh, agus leth an t‑sluaigh air a’ bhalla, o thaobh shuas tùr nan àmhainn gu ruig am balla leathann; Agus o thaobh shuas geata Ephraim, agus os cionn an t‑seana gheata, agus os cionn geata an èisg, agus tùr Hananeeil, agus tùr Mheah, gu ruig geata nan caorach; agus sheas iad ann an geata a’ phrìosain. An sin sheas an dà chuideachd a bha a‑chum molaidh ann an taigh Dhè, agus mise agus leth an luchd‐riaghlaidh maille rium: Agus na sagartan, Eliacim, Maaseiah, Miniamin, Michaiah, Elioenai, Sechariah, Hananiah le trompaidean; Agus Maaseiah, agus Semaiah, agus Eleàsar, agus Udsi, agus Iehonanan, agus Malchiah, agus Elam, agus Eser: agus sheinn an luchd‐seinn gu h‑àrd, agus Iesraiah na fhear‐coimhead thairis orra. Agus dh’ìobair iad air an là sin ìobairtean mòra, agus rinn iad gàirdeachas; oir thug Dia orra gàirdeachas a dhèanamh le aoibhneas mòr: rinn na mnathan mar an ceudna agus a’ chlann gàirdeachas, agus chualas gàirdeachas Ierusaleim an cèin. Agus shuidhicheadh air an là cheudna daoine os cionn nan seòmar airson nan ionmhas, airson nan tabhartas, airson nan ciad‐thoradh, agus airson nan deicheamh, a‑chum gun cruinnicheadh iad annta à achaidhean nam bailtean cuibhreannan an lagha do na sagartan agus do na Lèbhithich: oir bha aoibhneas air Iùdah airson nan sagart agus airson nan Lèbhitheach a bha a’ feitheamh. Agus choimhead iad faire an Dè, agus faire a’ ghlanaidh, araon an luchd‐seinn agus na dorsairean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Sholaimh a mhac: Oir ann an làithean Dhaibhidh agus Asaiph o shean bha cinn ann air an luchd‐seinn, agus air na laoidhean molaidh agus buidheachais do Dhia. Agus thug Israel uile seachad ann an làithean Sherubabeil, agus ann an làithean Nehemiah, cuibhreannan an luchd‐seinn agus nan dorsair, dlighe gach là air a là fhèin; agus naomhaich iad nithean do na Lèbhithich; agus naomhaich na Lèbhithich do chloinn Aaroin. Air an là sin leughadh ann an leabhar Mhaois ann an èisdeachd an t‑sluaigh, agus fhuaireadh sgrìobhte ann nach tigeadh an t‑Amonach agus am Mòabach a‑steach do choitheanal Dhè gu bràth; A chionn nach do choinnich iad clann Israeil le aran agus le uisge, agus gun do thuarasdalaich iad Balàam nan aghaidh a‑chum am mallachadh: ach thionndaidh ar Dia am mallachadh gu beannachadh. A‑nis nuair a chuala iad an lagh, dhealaich iad an sluagh measgte uile o Israel. Agus roimhe seo bha aig Eliasib an sagart, a chuireadh os cionn seòmar taigh ar Dè, cleamhnas ri Tobiah. Agus rinn e dha seòmar mòr far an robh iad roimhe a’ cur an tabhartais‐bhìdh, na tùise, agus nan soitheach, agus deicheamh an arbhair, an fhìona nuaidh, agus na h‑ola (a dh’òrdaicheadh do na Lèbhithich, agus don luchd‐seinn, agus do na dorsairean), agus tabhartasan nan sagartan. Ach nuair a thachair seo uile cha robh mise ann an Ierusalem; oir ann an dara‑bliadhna‑deug ar fhichead Artacsercseis rìgh Bhàbiloin, thàinig mi a dh’ionnsaigh an rìgh, agus an dèidh làithean àraidh fhuair mi cead on rìgh: Agus thàinig mi gu Ierusalem, agus thuig mi an t‑olc a rinn Eliasib airson Thobiah, seòmar a dhèanamh dha ann an cùirtean taigh Dhè. Agus ghabh mi gu ro‑olc e; agus thilg mi uile àirneis taigh Thobiah a‑mach as an t‑seòmar. Agus dh’àithn mi, agus ghlan iad na seòmraichean: agus thug mi air an ais an sin soithichean taigh Dhè, an tabhartas‐bìdh agus an tùis. Agus dh’aithnich mi nach tugadh seachad cuibhreannan nan Lèbhitheach; oir theich na Lèbhithich agus an luchd‐seinn a rinn an obair, gach duine a dh’ionnsaigh a fhearainn fhèin. Agus thug mi achmhasan don luchd‐riaghlaidh, agus thubhairt mi, Carson a thrèigeadh taigh Dhè? Agus chruinnich mi iad ri chèile, agus shuidhich mi iad nan àite. Agus thug Iùdah uile deicheamh an arbhair, agus an fhìona nuaidh, agus na h‑ola, a‑steach do na taighean‐ionmhais. Agus chuir mi luchd‐coimhead os cionn nan ionmhas, Selemiah an sagart, agus Sadoc an sgrìobhaiche; agus de na Lèbhithich, Pedaiah; agus làimh riùsan Hanan mac Shacuir, mhic Mhataniah: oir mheasadh fìrinneach iad, agus bha orrasan roinn air am bràithrean. Cuimhnich orm, O mo Dhia, airson seo, agus na cuir as do shealladh mo dheagh ghnìomharan a rinn mi a‑thaobh taigh mo Dhè agus a‑thaobh a fhairean. Anns na làithean sin chunnaic mi ann an Iùdah daoine a’ saltairt fhìon‐amar air an t‑sàbaid, agus a’ toirt a‑steach sguab, agus a’ cur luchd air asalan; agus mar an ceudna fìon, fìondhearcan, agus fìgean, agus gach gnè eallaich, a thug iad a‑steach do Ierusalem air là na sàbaid: agus thug mi fianais nan aghaidh air an là air an do reic iad biadh. Ghabh mar an ceudna Tìoraich còmhnaidh ann, a thug a‑steach iasg agus gach gnè bhathair; agus reic iad air an t‑sàbaid ri cloinn Iùdah, agus ann an Ierusalem. Agus thug mi achmhasan do àrd‐uaislean Iùdah, agus thubhairt mi riu, Ciod an nì olc seo a tha sibh a’ dèanamh, agus sibh a’ briseadh là na sàbaid? Nach do rinn ur n‑athraichean mar seo, agus nach tug ar Dia an t‑olc seo uile oirnne, agus air a’ bhaile seo? Agus tha sibhse a’ toirt tuilleadh feirge air Israel leis an t‑sàbaid a bhriseadh. Agus nuair a thòisich geatachan Ierusaleim air a bhith dorcha ron t‑sàbaid, dh’àithn mi, agus dhruideadh na còmhlachan; agus dh’àithn mi nach biodh iad air am fosgladh gus an dèidh na sàbaid: agus cuid dem òglaich shuidhich mi aig na geatachan, a‑chum nach tigeadh eallach a‑steach air là na sàbaid. Agus ghabh na ceannaichean, agus luchd‐reic gach gnè bhathair, tàmh an taobh a‑muigh de Ierusalem uair no dhà. Agus thug mi fianais nan aghaidh, agus thubhairt mi riu, Carson a tha sibh a’ gabhail tàimh fa chomhair a’ bhalla? Ma nì sibh a‑rìs e, leagaidh mi làmh oirbh. On àm sin cha tàinig iad tuilleadh air an t‑sàbaid. Agus dh’àithn mi do na Lèbhithich, a bha gan glanadh fhèin, agus a thàinig a ghleidheadh nan geatachan, gun naomhaicheadh iad là na sàbaid. Cuimhnich orm, O mo Dhia, a‑thaobh seo mar an ceudna, agus caomhain mi a rèir meud do thròcair. Mar an ceudna, anns na làithean sin chunnaic mi Iùdhaich a phòs mnathan de Asdod, de Amon, agus de Mhòab. Agus labhair an clann leth ann an cainnt Asdoid, agus cha b’urrainn iad labhairt ann an cainnt nan Iùdhach, ach a rèir cainnt an dà shluaigh. Agus thug mi achmhasan dhaibh agus mhallaich mi iad, agus bhuail mi cuid dhiubh, agus spìon mi dhiubh am falt, agus thug mi orra mionnachadh air Dia, nach tugadh iad an nigheanan dam mic‐san, agus nach gabhadh iad an nigheanan‐san dam mic no dhaibh fhèin. Leis na nithean sin nach do pheacaich Solamh rìgh Israeil? Gidheadh am measg mòran chinneach cha robh rìgh ann cosmhail ris, a bha air a ghràdhachadh le a Dhia, agus a rinn Dia na rìgh air Israel uile: ach thug mnathan coimheach airsan fhèin peacachadh. An èisd sinn ribh, matà, gus an t‑olc mòr seo uile a dhèanamh, gu peacachadh an aghaidh ar Dè, le mnathan coimheach a phòsadh? Agus bha aon de mhic Ioiada, mhic Eliasib an t‑àrd‐shagart, na chliamhain aig Sanbalat an t‑Horonach: uime sin dh’fhògair mi uam e. Cuimhnich orra, O mo Dhia, a chionn gun do thruaill iad an t‑sagartachd, agus coicheangal na sagartachd agus nan Lèbhitheach. Mar seo ghlan mi iad o gach coigreach, agus dh’òrdaich mi fairean nan sagart agus nan Lèbhitheach, gach aon na ghnothach fhèin: Agus airson nan tabhartas‐fiodha, aig àmannan suidhichte, agus airson nan ciad‐thoradh. Cuimhnich orm, O mo Dhia, a‑chum maith. A‑nis ann an làithean Ahasueruis, (is e seo an t‑Ahasuerus a rìghich o India gu ruig Etiopia, os cionn ceud agus seachd‐ar‑fhichead mòr‐roinn;) Anns na làithean sin, nuair a shuidh rìgh Ahasuerus air rìgh‐chathair a rìoghachd, a bha ann an Susan an lùchairt; Anns an treas bliadhna de a rìoghachadh, rinn e cuirm da uachdarain uile, agus da sheirbhisich; agus cumhachd Phersia agus Mhedia, àrd‐uaislean agus uachdarain nam mòr‐roinn na làthair; Nuair a nochd e saoibhreas a rìoghachd ghlòrmhoir, agus urram a mhòrachd òirdheirc, rè ceud agus ceithir‐fichead là. Agus nuair a chrìochnaicheadh na làithean sin, rinn an rìgh don t‑sluagh uile a bha an làthair ann an Susan an lùchairt, eadar mhòr agus bheag, cuirm sheachd làithean, ann an cùirt lios taigh an rìgh. Bha na cùirteanan geal, uaine, agus gorm air an crochadh le còrdan de anart grinn agus de chorcar, air failbheagan airgid, agus puist mharmoir: na leapaichean de òr agus de airgead, air leac‐ùrlar de mharmor dearg, agus gorm, agus geal, agus dubh. Agus thug iad deoch seachad ann an soithichean òir, agus na soithichean eu‑cosmhail ri chèile, agus fìon rìoghail ann am pailteas, mar a thigeadh don rìgh. Agus bha an t‑òl a rèir an lagha, gun neach ann a cho‐èignicheadh; oir mar sin dh’àithn an rìgh do uile dhaoine mòra a thaighe, gun dèanadh iad mar a b’àill leis gach duine. Mar an ceudna rinn Bhasti a’ bhànrighinn fleadh do na mnathan anns an taigh rìoghail a bhuineadh do rìgh Ahasuerus. Air an t‑seachdamh là, nuair a bha cridhe an rìgh subhach le fìon, dh’àithn e do Mhehuman, do Bhista, do Harbona, do Bhigta, agus do Abagta, do Shetar, agus do Charcas, na seachd caillteanaich a fhritheil ann an làthair an rìgh Ahasueruis, Bhasti a’ bhànrighinn a thoirt an làthair an rìgh leis a’ chrùn rìoghail, a nochdadh don t‑sluagh agus do na h‑uachdarain a sgèimhe; oir bha i maiseach ri amharc oirre. Ach dhiùlt a’ bhànrighinn Bhasti teachd air àithne an rìgh a thug e seachad le làimh nan caillteanach: agus bha corraich mhòr air an rìgh, agus las a fhearg an taobh a‑staigh dheth. An sin thubhairt an rìgh ris na daoine glice, dom b’aithne na h‑aimsirean, (oir b’e sin gnàth an rìgh dan taobhsan uile a bha eòlach air lagh agus breitheanas: Agus làimh ris bha Carsena, Seta, Admata, Tarsis, Meres, Marsena, agus Memucan, seachd uachdarain Phersia agus Mhedia, a bha a’ faicinn gnùis an rìgh, agus a shuidh air thoiseach anns an rìoghachd), A rèir an lagha ciod a nì sinn ris a’ bhànrighinn Bhasti, a chionn nach do rinn i iarrtas an rìgh Ahasueruis le làimh nan caillteanach? Agus thubhairt Memucan an làthair an rìgh agus nan uachdaran, Chan ann air an rìgh a‑mhàin a rinn Bhasti a’ bhànrighinn eucoir, ach mar an ceudna air na h‑uachdarain uile, agus air an t‑sluagh uile, a tha ann an uile mhòr‐roinnean rìgh Ahasueruis: Oir thèid gnìomh na bànrighinn a‑mach a dh’ionnsaigh nam ban uile, air chor is gun dèan iad tàir air am fir nan sùilean nuair a their iad, Dh’àithn an rìgh Ahasuerus a’ bhànrighinn Bhasti a thoirt a‑steach na làthair, ach cha tàinig i. Mar an ceudna air an là‑an‑diugh their ban‐tighearnan Phersia agus Mhedia, a chluinneas mu ghnìomh na bànrighinn, ri uile uachdarain an rìgh: mar seo èiridh suas pailteas tàire agus feirge. Mas math leis an rìgh, thigeadh àithne rìoghail a‑mach uaithe, agus sgrìobhar i am measg laghannan nam Persianach agus nam Mèdach, a‑chum nach atharraichear i, Nach tig Bhasti nas mò an làthair an rìgh Ahasueruis, agus gun toir an rìgh a h‑inbhe rìoghail do mhnaoi eile as fheàrr na ise. Agus nuair a chluinnear àithne an rìgh a bheir e seachad air feadh a rìoghachd uile (oir tha i mòr), bheir na mnathan uile urram dam fir, eadar mhòr agus bheag. Agus thaitinn am facal ris an rìgh agus ra uachdarain; agus rinn an rìgh a rèir facal Mhemucain: Agus chuir e litrichean a dh’ionnsaigh uile mhòr‐roinnean an rìgh, a dh’ionnsaigh gach mòr‐roinne a rèir a sgrìobhaidh, agus a dh’ionnsaigh gach sluaigh a rèir an cànain, gum biodh gach fear na uachdaran na thaigh fhèin; agus gum biodh seo air fhoillseachadh a rèir cànan gach sluaigh. An dèidh nan nithean sin, nuair a thraogh fearg an rìgh Ahasueruis, chuimhnich e air Bhasti, agus na rinn i, agus na dh’àithneadh na h‑aghaidh. An sin thubhairt òglaich an rìgh a fhritheil dha, Iarrar don rìgh òighean òga sgiamhach: Agus òrdaicheadh an rìgh luchd‐riaghlaidh ann an uile mhòr‐roinnean a rìoghachd, agus cruinnicheadh iad na h‑òighean òga sgiamhach uile gu Susan an lùchairt, gu taigh nam ban, fo làimh Hegai, caillteanach an rìgh, fear‐gleidhidh nam ban; agus thugar dhaibh na nithean airson an glanaidh. Agus biodh an òigh a thaitneas ris an rìgh na bànrighinn an àite Bhasti. Agus thaitinn an nì ris an rìgh, agus rinn e mar sin. Bha Iùdhach àraidh ann an Susan an lùchairt dom b’ainm Mordecai, mac Iair, mhic Shimei, mhic Chis, duine de Bheniàmin, A thugadh air falbh o Ierusalem leis a’ bhraighdeanas a thugadh air falbh maille ri Ieconiah rìgh Iùdah, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh. Agus dh’àraich e Hadasah (b’i sin Ester), nighean bràthair a athar, oir cha robh athair no màthair aice; agus bha an òigh maiseach na cruth, agus sgiamhach na gnùis: agus nuair a dh’eug a h‑athair agus a màthair, ghabh Mordecai da ionnsaigh i mar a nighean fhèin. Agus nuair a chualas àithne an rìgh agus a òrdagh, agus nuair a chruinnicheadh iomadh òigh gu Susan an lùchairt, gu bhith fo làimh Hegai, thugadh Ester mar an ceudna gu taigh an rìgh, gu bhith fo làimh Hegai, fear‐gleidhidh nam ban. Agus thaitinn an òigh ris, agus fhuair i coibhneas na làthair, agus rinn e deifir gus a nithean airson glanaidh, agus na bhuineadh dhi, a thabhairt da h‑ionnsaigh, agus gu seachd maighdeannan iomchaidh a thabhairt dhi à taigh an rìgh; agus chuir e i fhèin agus a maighdeannan don àit a b’fheàrr de thaigh nam ban. Cha d’innis Ester a sluagh no a luchd‐dàimh: oir dh’àithn Mordecai dhi gun innse. Agus gach là bha Mordecai ag imeachd fa chomhair cùirt taigh nam ban, a dh’fhiosrachadh cionnas a bha Ester, agus ciod a dh’èireadh dhi. Agus nuair a thàinig àm gach òighe gu dol a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh Ahasueruis, an dèidh dhi a bhith dà‑mhìos‐dheug a rèir gnàth nam ban (oir mar sin choileanadh làithean an glanaidh, sia mìosan le ola mirr, agus sia mìosan le luibhean cùbhraidh, agus le nithean eile a‑chum glanadh nam ban), An sin mar seo thàinig gach òigh a dh’ionnsaigh an rìgh: gach nì a dh’iarr i thugadh dhi gu dol a‑steach leatha à taigh nam ban gu taigh an rìgh. Air feasgar chaidh i a‑steach, agus anns a’ mhadainn thill i gu dara taigh nam ban, fo làimh Shaasgais, caillteanach an rìgh, fear‐gleidhidh nan coileabach: cha tàinig i a‑steach tuilleadh a dh’ionnsaigh an rìgh, mura do ghabh an rìgh tlachd dhi, agus gun do ghairmeadh i air a h‑ainm. Agus nuair a thàinig àm Esteir, nighean Abihail, bràthair‐athar Mhordecai (a ghabh da ionnsaigh i mar a nighean fhèin) gu dol a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, cha d’iarr i nì air bith ach na dh’òrdaich Hegai, caillteanach an rìgh, fear‐gleidhidh nam ban: agus fhuair Ester gean‐math nan sùilean‐san uile a dh’amhairc oirre. Agus thugadh Ester a dh’ionnsaigh an rìgh Ahasueruis, a dh’ionnsaigh a thaighe rìoghail, anns an deicheamh mìos (is e sin mìos Thebeit) anns an t‑seachdamh bliadhna de a rìoghachadh. Agus ghràdhaich an rìgh Ester os cionn nam ban uile, agus fhuair i gean‐math agus coibhneas na làthair os cionn nan òighean uile; agus chuir e an crùn rìoghail air a ceann, agus rinn e na bànrighinn i an àite Bhasti. An sin rinn an rìgh fleadh mòr da uachdarain uile agus da sheirbhisich, fleadh Esteir: agus thug e saorsa do na mòr‐roinnean, agus thug e seachad tìodhlacan, mar a bu chubhaidh don rìgh. Agus nuair a chruinnicheadh na h‑òighean an dara uair, an sin shuidh Mordecai ann an geata an rìgh. Cha d’innis Ester fhathast a luchd‐dàimh no a sluagh, mar a dh’àithn Mordecai dhi; oir rinn Ester iarrtas Mhordecai, mar a rinn i nuair a dh’àraicheadh i maille ris. Anns na làithean sin, nuair a bha Mordecai na shuidhe ann an geata an rìgh, bha fearg air Bigtan agus Teres, dithis de chaillteanaich an rìgh, dhiubhsan a bha a’ coimhead an dorais, agus dh’iarr iad làmh a chur anns an rìgh Ahasuerus. Agus fhuair Mordecai fios air an nì sin, agus dh’innis e e do Ester a’ bhànrighinn; agus dh’innis Ester e don rìgh ann an ainm Mhordecai. Agus rannsaicheadh an nì, agus fhuaireadh a‑mach e, agus chrochadh suas iad le chèile air crann: agus sgrìobhadh e ann an leabhar nan eachdraidh am fianais an rìgh. An dèidh nan nithean sin rinn an rìgh Ahasuerus Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, na dhuine mòr, agus dh’àrdaich e e, agus chuir e a àite‐suidhe os cionn nan uachdaran uile a bha maille ris. Agus chrom na seirbhisich uile a bha ann an geata an rìgh iad fhèin, agus thug iad urram do Hàman, oir dh’àithn an rìgh mar sin da thaobh; ach cha do chrom Mordecai e fhèin, agus cha tug e urram dha. Agus thubhairt seirbhisich an rìgh, a bha ann an geata an rìgh, ri Mordecai, Carson a tha thu a’ briseadh àithne an rìgh? Agus nuair a labhair iad ris là an dèidh là, agus nach d’èisd e riu, an sin dh’innis iad e do Hàman, a dh’fheuchainn an seasadh briathran Mhordecai; oir dh’innis e dhaibh gum b’ Iùdhach e. Agus chunnaic Hàman nach do chrom Mordecai e fhèin, agus nach tug e urram dha, agus bha Hàman làn feirge. Agus cha b’fhiù leis làmh a chur ann am Mordecai na aonar, oir nochd iad dha sluagh Mhordecai; uime sin dh’iarr Hàman na h‑Iùdhaich uile a sgrios a bha ann an uile rìoghachd Ahasueruis, sluagh Mhordecai. Anns a’ chiad mhìos (is e sin mìos Nisain) anns an dara‑bliadhna‑deug de rìgh Ahasuerus, thilgeadh Pur, is e sin an crannchur, an làthair Hàmain, o là gu là, agus o mhìos gu mìos, gus an dara‑mìos‐deug, is e sin mìos Adair. Agus thubhairt Hàman ri rìgh Ahasuerus, Tha sluagh àraidh ann air an sgaoileadh agus air an roinn am measg an t‑sluaigh ann an uile mhòr‐roinnean do rìoghachd, agus tha laghan air leth aca seach gach sluagh, agus chan eil iad a’ coimhead laghan an rìgh; uime sin chan eil e airson leas an rìgh am fulang. Mas toil leis an rìgh, sgrìobhar gum bi iad air an sgrios, agus ìocaidh mise deich mìle tàlann airgid dan làimh‐san a nì an gnothach, a‑chum a thabhairt do ionmhasan an rìgh. Agus thug an rìgh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus thug e e do Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, nàmhaid nan Iùdhach. Agus thubhairt an rìgh ri Hàman, Tha an t‑airgead air a thabhairt dhut, agus an sluagh, a dhèanamh riu mar as àill leat. Agus ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an treas‐là‑deug den chiad mhìos; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Hàman, a‑chum àrd‐luchd‐riaghlaidh an rìgh, agus a‑chum nan uachdaran a bha os cionn gach mòr‐roinne, agus a‑chum cinn‐feadhna gach sluaigh, a‑chum gach mòr‐roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain: ann an ainm an rìgh Ahasuerus sgrìobhadh e agus sheulaicheadh e le fàinne an rìgh. Agus chuireadh na litrichean le làimh ghillean‐ruith gu uile mhòr‐roinnean an rìgh, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do na h‑Iùdhaich uile, eadar òg agus shean, chlann bheag agus mhnathan, ann an aon là, air an treas‐là‑deug den dara‑mìos‐deug (is e sin mìos Adair), agus am feudail a thogail mar chreich. B’e dùblachadh an sgrìobhaidh, Gun tugte àithne seachad anns gach mòr‐roinn, air a foillseachadh do gach sluagh, iad a bhith deas fa chomhair an là sin. Chaidh na gillean‐ruith a‑mach, air an greasadh le àithne an rìgh; agus thugadh an t‑òrdagh seachad ann an Susan an lùchairt: agus shuidh an rìgh agus Hàman sìos a dh’òl; ach bha am baile Susan fo amhluadh. Nuair a dh’aithnich Mordecai gach nì a rinneadh, reub e a aodach, agus chuir e sac‐aodach air agus luaithre, agus chaidh e a‑mach gu meadhon a’ bhaile, agus ghlaodh e le glaodh àrd agus searbh. Agus thàinig e eadhon fa chomhair geata an rìgh: oir chan fhaodadh neach air bith dol a‑steach do gheata an rìgh le sac‐aodach air. Agus anns gach uile mhòr‐roinn don tàinig facal an rìgh agus a òrdagh, bha bròn mòr am measg nan Iùdhach, agus trasgadh, agus gul, agus caoidh; agus laigh mòran ann an sac‐aodach agus an luaithre. Agus thàinig maighdeannan Esteir agus a caillteanaich, agus dh’innis iad sin dhi. Agus bha a’ bhànrighinn ro‑dhoilgheasach, agus chuir i aodach gu bhith air a chur air Mordecai, agus gun tugadh a aodach‐saic dheth: ach cha ghabhadh esan e. An sin ghoir Ester air Hatach, aon de chaillteanaich an rìgh, don d’òrdaich e feitheamh oirre, agus thug i àithne dha gu Mordecai, gum faigheadh e fios ciod e seo, agus carson seo. Agus chaidh Hatach a‑mach a dh’ionnsaigh Mhordecai, gu sràid a’ bhaile, a bha fa chomhair geata an rìgh. Agus dh’innis Mordecai dha gach nì a thachair dha, agus an t‑suim airgid a gheall Hàman a thomhas a‑steach do ionmhasan an rìgh airson nan Iùdhach, a‑chum an sgrios. Agus thug e dha dùblachadh sgrìobhadh an òrdaigh, a thugadh ann an Susan gus an sgrios, a‑chum a fheuchainn do Ester, agus a chur an cèill dhi, agus a dh’àithneadh dhi gun rachadh i a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, a dh’aslachadh air, agus a ghuidhe air as leth a sluaigh. Agus thàinig Hatach, agus dh’innis e do Ester briathran Mhordecai. Agus labhair Ester ri Hatach, agus thug i àithne dha gu Mordecai: Tha fhios aig seirbhisich an rìgh uile, agus aig sluagh mòr‐roinnean an rìgh, ge bè air bith fear no bean a thèid a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don chùirt as fhaide a‑staigh, air nach goirear, gu bheil aon lagh aige a chur gu bàs, ach a‑mhàin esan don sìn an rìgh a‑mach a shlat‐òir rìoghail, a‑chum gum bi e beò; ach cha do ghoireadh ormsa teachd a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh na deich‐là‑fichead seo. Agus dh’innis iad do Mhordecai briathran Esteir. Agus dh’àithn Mordecai freagradh a thoirt do Ester, Na smaoinich agad fhèin gun tèid thu as ann an taigh an rìgh nas mo na na h‑Iùdhaich uile: Oir ma bhios tusa gu tur ad thosd anns an àm seo, thig lasachadh agus saorsa do na h‑Iùdhaich o àit eile; ach sgriosar thusa agus taigh d’athar: agus cò aig a bheil fhios nach ann airson a leithid seo de àm a thàinig thu don rìoghachd? An sin dh’iarr Ester am freagradh seo a thoirt do Mhordecai: Falbh, cruinnich ri chèile na h‑Iùdhaich uile a gheibhear ann an Susan, agus traisgibh air mo shon‐sa, agus na ithibh agus na òlaibh rè trì làithean, a là no a dh’oidhche: traisgidh mise agus mo mhaighdeannan air an dòigh cheudna; agus an sin thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, nì nach eil a rèir an lagha; agus mar sin ma bhàsaicheas mi, bàsaicheam. Agus dh’imich Mordecai, agus rinn e a rèir gach nì a dh’àithn Ester dha. A‑nis an treas là chuir Ester oirre a culaidh rìoghail, agus sheas i anns a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh de thaigh an rìgh, fa chomhair taigh an rìgh: agus bha an rìgh na shuidhe air a rìgh‐chathair anns an taigh rìoghail, fa chomhair geata an taighe. Agus nuair a chunnaic an rìgh Ester a’ bhànrighinn na seasamh anns a’ chùirt, fhuair i deagh‐ghean na shealladh: agus shìn an rìgh a‑mach gu Ester an t‑slat‐òir rìoghail a bha na làimh: agus thàinig Ester am fagas, agus bhean i ri bàrr na slaite. An sin thubhairt an rìgh rithe, Ciod as àill leat, a bhànrighinn Ester? Agus ciod e d’iarrtas? Gu ruig leth na rìoghachd bheirear dhut e. Agus fhreagair Ester, Mas math leis an rìgh, thigeadh an rìgh agus Hàman an‑diugh a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich mi dha. Agus thubhairt an rìgh, Greasaibh Hàman a dhèanamh mar a thubhairt Ester. Agus thàinig an rìgh agus Hàman a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich Ester. Agus thubhairt an rìgh ri Ester aig cuirm an fhìona, Ciod i d’athchuinge? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas? Agus gu ruig leth na rìoghachd nìthear e. Agus fhreagair Ester, agus thubhairt i, Is i m’athchuinge agus m’iarrtas: Ma fhuair mi deagh‐ghean ann an sealladh an rìgh, agus mas math leis an rìgh m’athchuinge a dheònachadh, agus m’iarrtas a dhèanamh, thigeadh an rìgh agus Hàman a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaicheas mi dhaibh, agus a‑màireach nì mi a rèir facal an rìgh. Agus chaidh Hàman a‑mach air an là sin aoibhneach agus subhach na chridhe: ach nuair a chunnaic Hàman Mordecai ann an geata an rìgh, agus nach d’èirich e, agus nach do charaich e air a shon, bha e làn feirge an aghaidh Mhordecai. Gidheadh chùm Hàman air fhèin, agus chaidh e dhachaigh: agus chuir e fios uaithe, agus thug e air a chàirdean teachd da ionnsaigh, agus air Seres a bhean. Agus chuir Hàman an cèill dhaibh mòrachd a bheartais, agus lìonmhorachd a mhac, agus gach nì leis an do rinn an rìgh mòr e, agus mar a dh’àrdaich e e os cionn nan uachdaran, agus seirbhisich an rìgh. Thubhairt Hàman mar an ceudna, Os bàrr, cha tug Ester a’ bhànrighinn duine air bith a‑steach maille ris an rìgh a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich i, ach mi fhèin; agus mar an ceudna a‑màireach, tha mi air mo chuireadh leatha maille ris an rìgh. Gidheadh cha dèan seo uile a’ bheag de mhath dhomh, am feadh a chì mi Mordecai an t‑Iùdhach na shuidhe ann an geata an rìgh. Agus thubhairt Seres a bhean ris, agus a chàirdean uile, Dèanar croich leth‐cheud làmh‐choille air àirde, agus anns a’ mhadainn labhair ris an rìgh gun crochar Mordecai oirre; agus gabh a‑steach maille ris an rìgh a dh’ionnsaigh na cuirme gu subhach. Agus thaitinn an nì ri Hàman, agus thug e fa‑near a’ chroich a bhith air a dèanamh. Air an oidhche sin theich cadal an rìgh uaithe; agus dh’iarr e leabhar‐cuimhne nan eachdraidh làitheil a bhith air a thabhairt da ionnsaigh; agus leughadh iad am fianais an rìgh. Agus fhuaireadh sgrìobhte gun d’innis Mordecai air Bigtana agus air Teres, dithis de chaillteanaich an rìgh, dhiubhsan a bha a’ coimhead an dorais, a dh’iarr làmh a chur ann an rìgh Ahasuerus. Agus thubhairt an rìgh, Ciod an t‑urram agus an inbhe a thugadh do Mhordecai airson seo? Agus thubhairt òglaich an rìgh a fhritheil dha, Cha do rinneadh nì air bith air a shon. Agus thubhairt an rìgh, Cò a tha anns a’ chùirt? (A‑nis bha Hàman air teachd don chùirt a b’fhaide a‑muigh de thaigh an rìgh, a labhairt ris an rìgh, gum biodh Mordecai air a chrochadh air a’ chroich a dheasaich e dha.) Agus thubhairt òglaich an rìgh ris, Feuch, tha Hàman na sheasamh anns a’ chùirt. Agus thubhairt an rìgh, Thigeadh e a‑steach. Agus thàinig Hàman a‑steach: agus thubhairt an rìgh ris, Ciod a nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur? (A‑nis thubhairt Hàman na chridhe, Cò air an toil leis an rìgh urram a chur nas mò na orm fhèin?) Agus fhreagair Hàman an rìgh, Airson an duine air an toil leis an rìgh urram a chur, Thugar an làthair a’ chulaidh rìoghail a chuireas an rìgh air, agus an t‑each air am marcaich an rìgh, agus an crùn rìoghail a chuirear air a cheann: Agus thugar a’ chulaidh agus an t‑each do làimh aoin de uachdarain ro‑urramach an rìgh, agus sgeadaicheadh iad an duine air an toil leis an rìgh urram a chur, agus thugadh iad air marcachd air an each air sràid a’ bhaile mhòir, agus gairmeadh iad roimhe, Mar seo nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur. Agus thubhairt an rìgh ri Hàman, Greas ort, gabh a’ chulaidh agus an t‑each mar a thubhairt thu, agus dèan mar sin do Mhordecai an t‑Iùdhach, a tha na shuidhe ann an geata an rìgh: na dearmaid nì air bith de na thubhairt thu. An sin ghabh Hàman a’ chulaidh agus an t‑each, agus sgeadaich e Mordecai, agus thug e air marcachd air an each air sràid a’ bhaile mhòir, agus ghairm e roimhe, Mar seo nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur. Agus thill Mordecai gu geata an rìgh: ach ghreas Hàman da thaigh fhèin ri bròn, agus a cheann còmhdaichte. Agus dh’innis Hàman do Sheres a bhean, agus da chàirdean uile, gach nì a thachair dha. Agus thubhairt a dhaoine glice agus Seres a bhean ris, Mas ann de shliochd nan Iùdhach Mordecai, ron do thòisich thu air tuiteam, cha bhuadhaich thu na aghaidh, ach gun teagamh tuitidh tu roimhe. Nuair a bha iad fhathast a’ labhairt ris, thàinig caillteanaich an rìgh, agus rinn iad deifir gu Hàman a thabhairt a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich Ester. Agus thàinig an rìgh agus Hàman a‑chum na cuirme maille ri Ester a’ bhànrighinn. Agus thubhairt an rìgh ri Ester mar an ceudna air an dara là aig cuirm an fhìona, Ciod i d’athchuinge, a bhànrighinn Ester? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas? Agus gu ruig leth na rìoghachd nìthear e. Agus fhreagair Ester a’ bhànrighinn, agus thubhairt i, Ma fhuair mi deagh‐ghean ad shùilean, a rìgh, agus mas math leis an rìgh, thugar dhomh m’anam air m’athchuinge, agus mo shluagh air m’iarrtas: Oir reiceadh sinn, mise agus mo shluagh, gu bhith air ar dìtheachadh, air ar marbhadh, agus air ar lèirsgrios: ach nam b’ann mar thràillean agus mar bhan‐tràillean a reiceadh sinn, bhithinn am thosd, ged nach b’urrainn an nàmhaid call an rìgh a dhèanamh suas. Agus fhreagair rìgh Ahasuerus, agus thubhairt e ri Ester a’ bhànrighinn, Cò e seo? Agus càit a bheil esan, aig an robh de dhànadas na chridhe dèanamh mar sin? Agus thubhairt Ester, Is e an t‑eascaraid agus an nàmhaid Hàman an droch dhuine seo. Agus bha eagal air Hàman an làthair an rìgh agus na bànrighinn. Agus dh’èirich an rìgh na fheirg o chuirm an fhìona agus chaidh e do lios na lùchairt; agus sheas Hàman gu a anam a ghuidhe o Ester a’ bhànrighinn; oir chunnaic e gun do shònraicheadh olc na aghaidh leis an rìgh. Agus thill an rìgh o lios na lùchairt gu taigh cuirm an fhìona; agus bha Hàman air tuiteam air an leabaidh air an robh Ester. Agus thubhairt an rìgh, An èignich e a’ bhànrighinn mar an ceudna am làthair ann am thaigh? Nuair a chaidh am facal à beul an rìgh, chòmhdaich iad aghaidh Hàmain. Agus thubhairt Harbonah, aon de na caillteanaich, an làthair an rìgh, Feuch, tha mar an ceudna a’ chroich a rinn Hàman do Mhordecai, a labhair math airson an rìgh, na seasamh ann an taigh Hàmain, leth‐cheud làmh‐choille air àirde. Agus thubhairt an rìgh, Crochaibh e oirre. Agus chroch iad Hàman air a’ chroich a dheasaich e do Mhordecai. Agus thraogh fearg an rìgh. Air an là sin thug an rìgh Ahasuerus taigh Hàmain, eascaraid nan Iùdhach, do Ester a’ bhànrighinn; agus thàinig Mordecai an làthair an rìgh: oir dh’innis Ester ciod a b’e a dhàimh dhi: Agus thug an rìgh dheth a fhàinne a thug e o Hàman, agus thug e e do Mhordecai. Agus chuir Ester Mordecai os cionn taigh Hàmain. Agus labhair Ester a‑rìs an làthair an rìgh, agus thuit i sìos aig a chasan, agus ghuil i, agus ghuidh i air gun cuireadh e air falbh olc Hàmain an t‑Agagach, agus a ais‐innleachd a dhealbh e an aghaidh nan Iùdhach. Agus shìn an rìgh a‑mach an t‑slat‐òir rìoghail gu Ester. Agus dh’èirich Ester, agus sheas i an làthair an rìgh. Agus thubhairt i, Mas math leis an rìgh, agus ma fhuair mise deagh‐ghean na làthair, agus ma tha an nì ceart am fianais an rìgh, agus ma tha mi taitneach na shùilean, sgrìobhar a ghairm air an ais nan litrichean a dhealbhadh le Hàman mac Hamedata an t‑Agagach, a sgrìobh e a‑chum na h‑Iùdhaich a tha ann an uile mhòr‐roinnean an rìgh a sgrios: Oir cionnas as urrainn mi amharc air an olc a thig air mo shluagh? Agus cionnas as urrainn mi amharc air sgrios mo luchd‐dàimh? An sin thubhairt an rìgh Ahasuerus ri Ester a’ bhànrighinn, agus ri Mordecai an t‑Iùdhach, Feuch, taigh Hàmain thug mi do Ester, agus esan chroch iad air a’ chroich, a chionn gun do chuir e a làmh anns na h‑Iùdhaich. Sgrìobhaibh‐se mar an ceudna airson nan Iùdhach, mar as math leibh, ann an ainm an rìgh, agus seulaichibh le fàinne an rìgh: oir an sgrìobhadh a sgrìobhar ann an ainm an rìgh, agus a sheulaichear le fàinne an rìgh, chan fhaodar a chur air ais. Uime sin ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an àm sin anns an treas mìos (is e sin mìos Shibhain), air an treas‐là‑fichead dheth; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Mordecai, a‑chum nan Iùdhach, agus a‑chum an àrd‐luchd‐riaghlaidh, agus nan ceannard agus uachdaran nam mòr‐roinn a tha o India gu Etiopia, ceud, fichead agus seachd mòr‐roinn a‑chum gach mòr‐roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain, agus a‑chum nan Iùdhach a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an cànain. Agus sgrìobh e ann an ainm an rìgh Ahasuerus, agus sheulaich e le fàinne an rìgh, agus chuir e litrichean le làimh theachdairean air eich, a’ marcachd air eich luatha, agus air muileidean, sliochd nan capall; Anns an tug an rìgh cead do na h‑Iùdhaich, a bha anns gach baile, cruinneachadh an ceann a chèile, agus seasamh airson an anama, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do uile neart sluaigh agus mòr‐roinne a thigeadh nan aghaidh, araon an clann bheag agus am mnathan, agus an creach a thogail, Air aon là ann an uile mhòr‐roinnean an rìgh Ahasuerus, air an treas‐là‑deug den dara‑mìos‐deug (is e sin mìos Adair). B’e dùblachadh an sgrìobhaidh, Gun tugadh àithne seachad anns gach mòr‐roinn, air a foillseachadh do gach sluagh, gum biodh na h‑Iùdhaich deas air an là sin gu an dìoladh fhèin air an naimhdean. Chaidh na teachdairean a‑mach, a’ marcachd air eich luatha, agus air muileidean, le cabhaig, agus iad air an greasad le àithne an rìgh: agus thugadh an t‑òrdagh seachad ann an Susan an lùchairt. Agus chaidh Mordecai a‑mach à làthair an rìgh ann an aodach rìoghail de ghorm agus de gheal, agus le crùn mòr òir, agus le trusgan de anart grinn agus de chorcar: agus rinn baile Shusain gàirdeachas, agus bha e aoibhinn. Aig na h‑Iùdhaich bha sòlas, agus aoibhneas, agus gàirdeachas, agus urram. Agus anns gach mòr‐roinn, agus anns gach baile, ge bè àite don tàinig àithne an rìgh agus a òrdagh, bha aoibhneas agus gàirdeachas aig na h‑Iùdhaich, cuirm, agus là math. Agus dh’fhàs mòran de shluagh na tìre nan Iùdhaich: oir thuit eagal nan Iùdhach orra. A‑nis anns a dara‑mìos‐deug (is e sin mìos Adair), air an treas‐là‑deug den mhìos air an robh àithne an rìgh agus a òrdagh gu bhith air an coileanadh, air an là anns an robh dùil aig naimhdean nan Iùdhach cumhachd fhaghail os an cionn (ged thachair, air a’ chaochladh, gu robh aig na h‑Iùdhaich cumhachd os an cionn‐san a dh’fhuathaich iad), Chruinnich na h‑Iùdhaich iad fhèin an ceann a chèile nam bailtean, ann an uile mhòr‐roinnean an rìgh Ahasuerus, gu làmh a chur anntasan a dh’iarr an cron; agus cha b’urrainn duine air bith seasamh nan aghaidh, oir thuit an eagal air gach uile shluagh. Agus thug uile uachdarain nam mòr‐roinn agus an t‑àrd‐luchd‐riaghlaidh, agus na ceannardan, agus iadsan a rinn gnothaichean an rìgh, urram do na h‑Iùdhaich; oir thuit eagal Mhordecai orra: Oir bha Mordecai mòr ann an taigh an rìgh, agus chaidh a iomradh a‑mach air feadh nam mòr‐roinn uile; oir dh’fhàs an duine seo Mordecai na bu mhò agus na bu mhò. Agus bhuail na h‑Iùdhaich an naimhdean uile le buille a’ chlaidheimh, agus àir, agus sgrios; agus rinn iad mar a bu mhiann leo orrasan a dh’fhuathaich iad. Agus ann an Susan an lùchairt mharbh na h‑Iùdhaich agus sgrios iad còig ceud fear. Agus Parsandata, agus Dalphon, agus Aspata, Agus Porata, agus Asalia, agus Aridata, Agus Parmasta, agus Arisai, agus Aridai, agus Bhaiesata, Deich mic Hàmain mhic Hamedata, nàmhaid nan Iùdhach, mharbh iad: ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh. Air an là sin thugadh àireamh na muinntir a mharbhadh ann an Susan an lùchairt an làthair an rìgh. Agus thubhairt an rìgh ri Ester a’ bhànrighinn, Mharbh na h‑Iùdhaich agus sgrios iad còig ceud fear ann an Susan an lùchairt, agus deich mic Hàmain: agus anns a’ chuid eile de mhòr‐roinnean an rìgh ciod a rinn iad? Ach ciod i d’athchuinge? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas os bàrr? Agus nìthear e. Agus thubhairt Ester, Mas math leis an rìgh, thugar comas do na h‑Iùdhaich a tha ann an Susan dèanamh mar an ceudna a‑màireach a rèir òrdagh an là‑an‑diugh, agus crochar deich mic Hàmain air a’ chroich. Agus dh’àithn an rìgh a dhèanamh mar sin; agus thugadh an t‑òrdagh ann an Susan; agus chroch iad deich mic Hàmain. Agus chruinnich na h‑Iùdhaich a bha ann an Susan an ceann a chèile mar an ceudna air a’ cheathramh‐là‑deug de mhìos Adair, agus mharbh iad ann an Susan trì cheud fear; ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh. Agus chruinnich a’ chuid eile de na h‑Iùdhaich a bha ann am mòr‐roinnean an rìgh an ceann a chèile, agus sheas iad airson an anaman, agus bha fois aca on naimhdean, agus mharbh iad den eascairdean còig‐deug agus trì‐fichead mìle: ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh. Air an treas‐là‑deug de mhìos Adair rinn iad mar seo: agus bha fois aca air a’ cheathramh‐là‑deug den mhìos cheudna, agus rinn iad e na là cuirme agus aoibhneis. Ach chruinnich na h‑Iùdhaich a bha ann an Susan iad fhèin an ceann a chèile air an treas‐là‑deug, agus air a’ cheathramh‐là‑deug den mhìos; agus bha fois aca air a’ chòigeamh‐là‑deug den mhìos cheudna, agus rinn iad e na là cuirme agus aoibhneis. Uime sin rinn Iùdhaich nam bailtean beaga, a bha nan còmhnaidh ann am bailtean nam mòr‐roinn, an ceathramh‐là‑deug de mhìos Adair na là aoibhneis, agus cuirme, agus na là math, agus a chur chuibhreann a‑chum a chèile. Agus sgrìobh Mordecai na nithean seo, agus chuir e litrichean a‑chum nan Iùdhach uile a bha ann an uile mhòr‐roinnean an rìgh Ahasueruis, am fad is am fagas; A‑chum a shuidheachadh nam measg, gun cumadh iad an ceathramh‐là‑deug de mhìos Adair, agus an còigeamh‐là‑deug dheth gach bliadhna. A rèir nan làithean anns an d’fhuair na h‑Iùdhaich fois on naimhdean, agus a’ mhìos a dh’iompaicheadh dhaibh o thùirse gu aoibhneas, agus o bhròn gu àm math; gun dèanadh iad iad nan làithean cuirme, agus aoibhneis, agus a chur chuibhreann a‑chum a chèile, agus thìodhlacan a‑chum nam bochd. Agus ghabh na h‑Iùdhaich os làimh dèanamh mar a thòisich iad, agus mar a sgrìobh Mordecai dan ionnsaigh; A chionn gun do smaoinich Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, nàmhaid nan Iùdhach uile, an aghaidh nan Iùdhach a‑chum an sgrios, agus gun do thilg e Pur (is e sin, crannchur) a‑chum an dìtheachadh agus an sgrios. Ach nuair a thàinig Ester an làthair an rìgh, dh’òrdaich e le litir gun tilleadh a ais‐innleachd dhona a dhealbh e an aghaidh nan Iùdhach air a cheann fhèin, agus gum biodh esan agus a mhic air an crochadh air a’ chroich. Uime sin thug iad Purim mar ainm air na làithean sin, a rèir ainm Phuir. Air an adhbhar sin, airson uile bhriathran na litreach sin, agus na chunnaic iad a‑thaobh an nì seo, agus na thachair dhaibh, Shuidhich na h‑Iùdhaich, agus ghabh iad orra fhèin, agus air an sliochd, agus orrasan uile a leanadh riu, air chor is nach rachte thairis air, gun cumadh iad an dà là sin a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an àm, anns gach bliadhna: Agus gum biodh na làithean sin air an cuimhneachadh, agus air an cumail air feadh gach àite, gach teaghlaich, gach mòr‐roinne, agus gach baile; agus nach leigte sìos làithean sin Phurim am measg nan Iùdhach, agus nach rachadh as dan cuimhne on sliochd. Agus sgrìobh a’ bhànrighinn Ester nighean Abihail, agus Mordecai an t‑Iùdhach, leis an uile ùghdarras, a dhaingneachadh dara litir seo Phurim. Agus chuir e litrichean a‑chum nan Iùdhach uile, a‑chum a’ cheud agus nan seachd mòr‐roinn fhichead de rìoghachd Ahasueruis, le briathran sìth agus fìrinn, A dhaingneachadh làithean sin Phurim nan àmannan, mar a shuidhich Mordecai an t‑Iùdhach agus Ester a’ bhànrighinn dan taobh, agus mar a dh’òrdaich iad air an son fhèin, agus airson an sliochd, nithean nan trasgadh agus an èighich. Agus dhaingnich òrdagh Esteir nithean Phurim sin; agus sgrìobhadh e ann an leabhar. Agus chuir an rìgh Ahasuerus cìs air an tìr, agus air eileanan na mara. Agus uile ghnìomharan a thrèine agus a chumhachd, agus foillseachadh mòrachd Mhordecai a‑chum an d’àrdaich an rìgh e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Mhedia agus Phersia? Oir b’e Mordecai an t‑Iùdhach a b’fhaisge do rìgh Ahasuerus: agus bha e mòr am measg nan Iùdhach, agus taitneach do mhòr‐chuideachd a bhràithrean, ag iarraidh maith da shluagh, agus a’ labhairt sìth ra shliochd uile. Bha duine ann an tìr Uis dom b’ainm Iob; agus bha an duine sin coileanta agus dìreach, agus na neach air an robh eagal Dhè, agus a sheachainn olc. Agus rugadh dha seachd mic agus trì nigheanan. Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear. Agus chaidh a mhic agus rinn iad cuirm aig an taigh, gach fear air a là fhèin; agus chuir iad fios, agus thug iad cuireadh dan trì peathraichean a dh’ithe agus a dh’òl maille riu. Agus nuair a chaidh làithean na cuirme mun cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’èirich e moch anns a’ mhadainn, agus dh’ìobair e ìobairt‐loisgte a rèir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallaich iad Dia nan cridhe. Mar seo rinn Iob gach là. A‑nis bha là air an tàinig mic Dhè gu seasamh an làthair an Tighearna; agus thàinig mar an ceudna Sàtan nam measg. Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, O imeachd mun cuairt air an talamh, agus o shiubhal sìos agus suas air. Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc? Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, An ann an asgaidh a tha eagal Dhè air Iob? Nach do chuir thu gàrradh mun cuairt air fhèin, agus mun cuairt air a thaigh, agus mun cuairt air gach nì a tha aige air gach taobh? Obair a làmh bheannaich thu, agus dh’fhàs a mhaoin mòr anns an tìr: Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ris gach nì a tha aige, agus as an aodann mallaichidh e thu. Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha gach nì a tha aige ad làimh‐sa: a‑mhàin air fhèin na cuir do làmh. Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna. Agus bha là air an robh a mhic agus a nigheanan ag ithe agus ag òl fìona ann an taigh am bràthar a bu shine: Agus thàinig teachdaire gu Iob, agus thubhairt e, Bha na daimh ag àr, agus na h‑asail ag ionaltradh làimh riu; Agus leum na Sabèanaich orra, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h‑òglaich le faobhar a’ chlaidheimh: agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut. Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Thuit teine Dhè o na nèamhan, agus loisg e na caoraich, agus na h‑òglaich, agus chuir e as dhaibh; agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut. Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Rinn na Caldèanaich suas trì buidhnean, agus thug iad ionnsaigh air na càmhail, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h‑òglaich le faobhar a’ chlaidheimh; agus thàinig mise am aonar a dh’innse dhut. Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Bha do mhic agus do nigheanan ag ithe, agus ag òl fìona ann an taigh am bràthar a bu shine: Agus, feuch, thàinig gaoth mhòr on fhàsach, agus bhuail i air ceithir oisinnean an taighe, agus thuit e air na h‑òganaich, agus tha iad marbh; agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut. An sin dh’èirich Iob, agus reub e a fhallaing, agus bheàrr e a cheann, agus thuit e sìos air an talamh, agus rinn e adhradh. Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna. Ann an seo uile cha do pheacaich Iob, agus cha do labhair e gu h‑amaideach an aghaidh Dhè. A‑rìs bha là air an tàinig mic Dhè gu seasamh an làthair an Tighearna, agus thàinig mar an ceudna Sàtan nam measg gu seasamh an làthair an Tighearna. Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, O imeachd mun cuairt air an talamh, agus o shiubhal sìos agus suas air. Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc? Agus fhathast tha e a’ gleidheadh a ionracais, ged ghluais thusa mi na aghaidh a‑chum a sgrios gun adhbhar. Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, Craiceann airson craicinn, eadhon gach nì a tha aig duine bheir e airson a anama. Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ra chnàimh agus ra fheòil, agus as an aodann mallaichidh e thu. Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha e ad làimh‐sa; ach caomhain a bheatha. Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna, agus bhuail e Iob le neasgaidean cràiteach, o bhonn a choise gu mullach a chinn. Agus ghabh e slige‐chreadha ga sgrìobadh fhèin leatha; agus shuidh e am measg na luaithre. An sin thubhairt a bhean ris, A bheil thu fhathast a’ cumail d’ionracais? Mallaich Dia, agus faigh bàs. Ach thubhairt esan rithe, Mar a labhras aon de na mnathan amaideach tha thu a’ labhairt: seadh, an gabh sinn math o làimh Dhè, agus nach gabh sinn olc? An seo uile cha do pheacaich Iob le a bhilean. A‑nis nuair a chuala triùir chàirdean Iob an t‑olc seo uile a thàinig air, thàinig iad gach fear as a àite fhèin; Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach; oir shuidhich iad eatorra fhèin teachd a dhèanamh bròin maille ris, agus a thabhairt comhfhurtachd dha. Agus nuair a thog iad an sùilean fad as, agus nach d’aithnich iad e, thog iad an guth agus ghuil iad; agus reub iad gach fear a fhallaing, agus chrath iad duslach air an cinn a làimh nan nèamh. Agus shuidh iad sìos maille ris air an talamh seachd làithean agus seachd oidhcheannan, agus cha do labhair neach facal ris; oir chunnaic iad gu robh a dhoilgheas ro‑mhòr. Na dhèidh seo dh’fhosgail Iob a bheul, agus mhallaich e a là. Agus labhair Iob, agus thubhairt e, Rachadh as don là air an do rugadh mi, agus don oidhche anns an dubhairteadh, Ghineadh leanabh mic. Biodh an là sin na dhorchadas: na iarradh Dia e on àirde, agus na dealraicheadh solas air. Dubhadh an dorchadas agus sgàil a’ bhàis e; gabhadh neul còmhnaidh air; dèanadh iad uamhasach e mar na làithean as seirbhe. An oidhche sin, glacadh dorchadas i; na cuirear i ri làithean na bliadhna; ann an àireamh nam mìos na tigeadh i. Feuch, biodh an oidhche sin aonaranach; na tigeadh fonn aoibhinn oirre. Mallaicheadh iadsan i a mhallaicheas an là, a tha deas a thogail Lebhiatain. Dorchaichear reultan a dùbhra; amhairceadh i airson solais, ach na tigeadh e; agus na faiceadh i rosgan na maidne: A chionn nach do dhruid i dorsan mo bhronn, agus nach d’fhalaich i bròn om shùilean. Carson nach d’eug mi on bhroinn? Carson, nuair a thàinig mi as a’ bholg, nach tug mi suas an deò? Carson a ghabh na glùinean romham? Agus carson na cìochan, gun deoghailinn? Oir a‑nis laighinn sìos, agus gheibhinn fois; chaidlinn, an sin bhiodh tàmh agam; Maille ri rìghrean agus comhairlichean na talmhainn, a thog àitean aonaranach dhaibh fhèin; No maille ri uachdarain aig an robh òr, a lìon an taighean le airgead: No mar thorrachas anabaich falaichte, cha bhithinn ann; mar naoidheanan nach faca solas. An sin sguiridh na h‑aingidh de bhuaireas, agus an sin gheibh iadsan a tha sgìth le saothair fois: Cuideachd bidh tàmh aig na prìosanaich; cha chluinn iad guth an fhir‐shàrachaidh. Tha am beag agus am mòr an sin; agus an seirbhiseach saor o a mhaighistir. Carson a thug e don truagh solas, agus beatha dhaibhsan a tha ann an searbhas anama: A tha a’ gabhail fadail airson a’ bhàis, ach chan eil e a’ teachd: agus a chladhaicheas air a shon nas mò na airson ionmhais fhalaichte: A nì aoibhneas ro‑mhòr, a nì luath‐ghaire nuair a gheibh iad an uaigh: Don duine aig a bheil a shlighe falaichte, agus a dhruid Dia suas air gach taobh? Oir ro mo bhiadh thig m’osnaich, agus taomar a‑mach mar uisge mo bhùireadh. Oir an nì ron robh eagal mòr orm, thachair e dhomh; agus an nì ron robh mi fo uamhann, thàinig e orm. Cha robh mi ann an sìth, agus cha d’fhuair mi fois, agus cha robh tàmh agam; oir thàinig buaireas. An sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e, Ma dh’fheuchas sinn ri labhairt riut, an gabh thu gu h‑olc e? Ach cò as urrainn e fhèin a chumail o labhairt? Feuch, theagaisg thusa mòran, agus neartaich thu na làmhan laga. Esan a bha a’ tuiteam chùm do bhriathran suas, agus na glùinean anfhann neartaich thu. Ach a‑nis thàinig e ort, agus ghabh thu gu h‑olc e: bhean e riut, agus tha thu fo amhluadh. Nach e d’eagal diadhaidh d’earbsa, agus ionracas do shlighean do dhòchas? Cuimhnich, guidheam ort, cò e an neochiontach a sgriosadh? No càit an do ghearradh as na h‑ionracain? A rèir mar a chunnaic mise, iadsan a threabhas euceart, agus a chuireas aingidheachd, buainidh iad e. Le sèideadh Dhè sgriosar iad, agus le anail a shròine cuirear as dhaibh. Tha beucaich an leòmhainn, agus guth an leòmhainn ghairg, agus fiaclan nan leòmhann òga, air am briseadh. Tha seann leòmhann a’ bàsachadh a dhìth cobhartaich, agus sgarar o chèile cuileanan an leòmhainn bhoirinn. Ach am ionnsaigh‐sa thugadh facal gu h‑uaigneach, agus ghabh mo chluas beagan dheth. Ann an smuaintean o aislingean na h‑oidhche, nuair a thuiteas cadal trom air daoine, Thàinig eagal orm agus crith, a thug air mo chnàmhan gu lèir criothnachadh: Agus ghabh spiorad seachad ro mo ghnùis; sheas falt mo chuirp: Sheas e, ach cha d’aithnich mi a chruth: dealbh fa chomhair mo shùl‐tosd, agus chuala mi guth: Am bi duine nas ceirte na Dia? Am bi fear nas glaine na a Chruithear? Feuch, as a sheirbhisich chan earb e; agus as leth a ainglean cuiridh e amaideachd: Nach lugha na sin asdasan, a tha nan còmhnaidh ann an taighean creadha, aig a bheil am bunait anns an duslach, a bhruthar ron leòmann? O mhadainn gu feasgar bruthar iad; gun neach ann ga thoirt fa‑near, thèid as dhaibh gu bràth. Nach siubhail am feabhas air falbh maille riu? Bàsaichidh iad, agus chan ann le gliocas. Gairm a‑nis, ma tha e ann a fhreagras thu; agus cia de na naoimh ris an tionndaidh thu? Oir marbhaidh fearg an t‑amaideach, agus bheir tnù bàs an duine shuaraich. Chunnaic mi an t‑amaideach a’ freumhachadh; ach mhallaich mi a àite‐còmhnaidh air ball. Is fhad a bhios a mhic o thèarainteachd, agus bruthar iad anns a’ gheata, gun neach ann gu an teasairginn. Agus ithidh an t‑acrach suas a fhogharadh, agus eadhon as na drisean gabhaidh e e: sluigidh an creachadair suas am maoin. Ged nach tig àmhghar a‑mach as an duslach, agus nach fàs carraid as an talamh, Gidheadh, rugadh an duine a‑chum carraid, mar a dh’èireas na sradan suas. Ach dh’iarrainn‐sa a dh’ionnsaigh Dhè, agus a‑chum Dhè chuirinn mo ghuth: A tha a’ dèanamh nithean mòra agus do‑rannsachaidh; nithean iongantach gun àireamh: A tha a’ toirt frasan uisge air aghaidh na talmhainn, agus a’ cur uisgeachan air aghaidh nam machraichean; A‑chum iadsan a tha ìosal a chur an àirde, agus iadsan a tha dubhach a thogail suas an tèarainteachd: A tha a’ toirt innleachdan nan cuilbheartach gu neoni, air chor is nach coilean an làmhan an gnìomh: A tha a’ glacadh nan daoine glice nan cuilbheartachd fhèin, air chor is gun tilgear sìos comhairle nan daoine fiara. Anns an là coinnichidh iad dorchadas; agus mar anns an oidhche smeuraichidh iad mu mheadhon‐là. Agus saoraidh e am bochd on chlaidheamh, om beul, agus o làimh a’ chumhachdaich. Agus aig a’ bhochd bidh dòchas, agus druididh aingidheachd a beul. Feuch, is nèarrachd an duine a smachdaicheas Dia: air cronachadh an Uile‐chumhachdaich, matà, na dèan‐sa tàir. Oir cràdhaidh e, agus ceanglaidh e suas; lotaidh e, agus lèighsidh a làmhan. Ann an sia teanntachdan saoraidh e thu, agus anns an t‑seachdamh cha tig olc an gar dhut. Ann an gorta tèarnaidh e thu on bhàs; agus ann an cogadh, o chumhachd a’ chlaidheimh. O sgiùrsadh na teanga falaichear thu; agus cha bhi eagal ort ro sgrios nuair a thig e. Ri sgrios agus ri gorta gàiridh tu: agus ro fhiadh‐bheathaichean na talmhainn cha bhi eagal ort. Oir ri clachan na machrach bidh tu ann an coicheangal; agus bidh fiadh‐bheathaichean na machrach ann an sìth riut. Agus aithnichidh tu gum bi do phàillean ann an sìth; agus amhaircidh tu air d’àite‐còmhnaidh, agus cha dèan thu gu h‑olc. Aithnichidh tu mar an ceudna gum bi do shliochd lìonmhor, agus do ghineal mar fheur na talmhainn. Thig thu ann an làn aois a‑chum na h‑uaighe, mar a chuirear suas cruach arbhair na h‑àm. Feuch, seo an nì a rannsaich sinn; mar sin tha e; èisd ris, agus biodh fhios agad air, air do shon fhèin. Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, O nach robh mo dhoilgheas air a làn‐chothromachadh, agus mo dhòrainn togte anns na meidhean le chèile! Oir a‑nis bhiodh e na bu truime na gaineamh na fairge: uime sin tha mo bhriathran air an slugadh suas. Oir tha saighdean an Uile‐chumhachdaich annam, agus tha an nimh ag òl suas mo spioraid: tha uamhasan Dhè gan cur fhèin an òrdagh catha am aghaidh. An dèan am fiadh‐asal sitrich os cionn feòir? An dèan an damh geum os cionn a innlinn? An gabh an nì a tha neo‐bhlasda ithe gun salann? A bheil blas air gealagan an uibhe? Tha m’anam a’ diùltadh beantainn riu: tha iad sin mar mo bhiadh bròin. O nach tugte dhomh m’athchuinge; agus gun deònaicheadh Dia dhomh mo mhiann! Agus gum bu toil le Dia mo sgrios; gun cuireadh e a‑mach a làmh, agus gun gearradh e as mi! An sin bhiodh furtachd agam fhathast, ged bhithinn air mo chruadhachadh ann an do‑bhròn, agus nach caomhnadh e; oir cha do cheil mi briathran an Aoin naoimh. Ciod e mo neart, gum biodh dòchas agam? Agus ciod i mo chrìoch, gun sìninn mo bheatha? An e neart nan clach mo neart? A bheil m’fheòil de umha? Nach eil mo chobhair annam fhèin? Agus an d’fhuadaicheadh gliocas uam? Dhàsan a thrèigeas a charaid is mòr am masladh e; trèigidh e mar an ceudna eagal an Uile‐chumhachdaich. Mheall mo bhràithrean mi mar shruth: mar neart nan sruth ghabh iad seachad; A bhios dubh le eigh; anns am falaichear an sneachd: Nuair a leaghas iad, thèid as dhaibh; nuair a dh’fhàsas e teth, caithear as an àit iad. Tha ceuman an slighe air claonadh: thig iad gu neoni, agus sgriosar iad. Dh’amhairc buidhnean Thema, dh’fheith cuideachdan Shèba orra. Bha iad fo amhluadh, a chionn ro sin gu robh dòchas aca: thàinig iad an sin, agus bha nàire orra. Ach a‑nis tha sibhse nur neoni; chì sibh mo bhriseadh‐cridhe, agus tha eagal oirbh. An dubhairt mi, Thugaibh am ionnsaigh? No dur maoin thugaibh tìodhlac air mo shon? No tèarnaibh mi o làimh an nàmhaid? No o làimh nan cumhachdach saoraibh mi? Teagaisgibh mi, agus bidh mi am thosd; agus ma chaidh mi a’ bheag am mearachd, thugaibh orm a thuigsinn. Nach neartmhor briathran ceart? Ach ciod a chronaicheas esan a chronaicheas nur measg? An smaoinich sibh air briathran a chronachadh, agus cainnt an eu‑dòchasaich, a tha mar ghaoith? Seadh, tha sibh a’ leum air an dìlleachdan, agus a’ cladhach sluic dur caraid. A‑nis, uime sin, mas toil leibh, amhaircibh orm; agus bidh e soilleir dhuibh ma nì mi breug. Tillibh, guidheam oirbh, na biodh euceart ann; seadh, tillibh fhathast, tha m’fhìreantachd‐sa ann. A bheil ann am theangaidh euceart? Nach aithnich mo bhlas nithean fiara? Nach eil àm suidhichte aig an duine air thalamh, agus mar làithean fhir‐tuarasdail a làithean? Mar a mhiannaicheas an seirbhiseach an sgàil, agus mar a bhios sùil aig an fhear‐tuarasdail ri duais a obrach; Mar sin fhuair mise mar sheilbh dhomh fhèin mìosan dìomhanais, agus àirmhear dhomh oidhcheannan cràidh. Ma laigheas mi sìos, their mi, Cuin a dh’èireas mi, agus a thèid an oidhche thairis? Agus tha mi a’ làn‐luasgaidh a‑null agus a‑nall gu briseadh na fàire. Tha m’fheòil air a còmhdachadh le cnuimhean agus spairtean ùire; bhris mo chraiceann, agus tha e breun. Tha mo làithean nas luaithe na spàl figheadair, agus tha iad air an caitheamh gun dòchas. Cuimhnich gur gaoth mo bheatha: cha till mo shùil a dh’fhaicinn maith. Sùil an tì a chunnaic mi, chan fhaic i mi: bidh do shùilean orm, agus cha bhi mi ann. Caithear an neul, is thèid e as; mar sin esan a thèid sìos don uaigh, cha tig e a‑nìos. Cha till e nas mò a dh’ionnsaigh a thaighe; agus chan aithnich a àit e nas mò. Uime sin cha chùm mi mo bheul; labhraidh mi ann an teanntachd mo spioraid; gearainidh mi ann an seirbhe m’anama. Am muir mi, no muc‐mhara, gun cuireadh tu faire orm? Ma their mi, Bheir mo leabaidh furtachd dhomh; aotromaichidh m’uirigh mo ghearan; An sin cuiridh tu fuathas orm le aislingean, agus uamhas le seallaidhean: Agus is fheàrr lem anam tachdadh, bàs na beatha. Tha mi a’ gabhail gràin dheth; cha b’àill leam a bhith beò gu bràth: leig leam, oir is dìomhanas mo làithean. Ciod e an duine, gun àrdaicheadh tu e? Agus gun suidhicheadh tu do chridhe air? Agus gum fiosraicheadh tu e gach madainn? Gach mionaid gun dearbhadh tu e? Cia fhad a bhios tu gun dealachadh rium? Agus nach leig thu leam gus an sluig mi sìos mo shile? Pheacaich mi; ciod a nì mi dhut, O fhir‐coimhead dhaoine? Carson a chuir thu mi ad aghaidh, agus a tha mi am èire orm fhèin? Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann. An sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e, Cia fhad a labhras tu mar sin, agus a bhios briathran do bheòil mar ghaoith làidir? Am fiar Dia breitheanas, agus am fiar an t‑Uile‐chumhachdach ceartas? Ma pheacaich do chlann na aghaidh, agus gun tug e thairis iad dan easaontas; Nan iarradh tu gu moch a dh’ionnsaigh Dhè, agus air an Uile‐chumhachdach nan aslaicheadh tu; Nam biodh tu glan agus ionraic, gu cinnteach a‑nis mhosgaileadh e air do shon, agus dhèanadh e àite‐còmhnaidh d’fhìreantachd sìochail. Ged bhiodh do thùs beag, dh’fhàsadh do chrìoch gu mòr. Oir fiosraich, guidheam ort, den linn roimhe, agus deasaich thu fhèin a‑chum rannsachadh an athraichean: (Oir on dè tha sinne, agus chan aithne dhuinn, a chionn gur sgàil ar làithean air thalamh:) Nach teagaisg iad thu, nach innis iad dhut, agus on cridhe nach labhair iad briathran? Am fàs an luachair gun làthaich? Am fàs am mìn‐fheur gun uisge? Nuair a bhios e fhathast na ghlaise, cha ghearrar sìos e; gidheadh, ro gach luibh seargaidh e. Mar sin ceuman nan uile a dhìochuimhnicheas Dia; agus bàsaichidh dòchas a’ chealgair: Aig an gearrar a dhòchas as, oir is e lìon an damhain‐allaidh a earbsa. Leigidh e a thaic ra thaigh, ach cha seas e: cumaidh e gu daingeann e, ach cha mhair e. Uaine tha e fa chomhair na grèine; agus na lios fàsaidh a mheanglan suas. Air a’ chàrn bidh a fhreumhan air am fighe air feadh a chèile, agus fiosraichidh e àite nan clach. Ma ghearras e as o a àit e, an sin àichidh e e, ag ràdh, Chan fhaca mi thu. Feuch, is e seo aoibhneas a shlighe‐san; ach as an ùir fàsaidh aon eile. Feuch, cha tilg Dia air falbh an duine foirfe, agus cha ghabh e greim de làimh nan daoine aingidh: Gus an lìon e do bheul le gàire, agus do bhilean le gàirdeachas. Iadsan a dh’fhuathaicheas thu, còmhdaichear iad le nàire; agus cha bhi pàillean nan aingidh ann. Agus fhreagair Iob, agus thubhairt e, Gu deimhinn tha fhios agam gu bheil e mar sin: oir cionnas a shaoras duine e fhèin am fianais Dhè? Mas àill leis a chùis a thagradh na làthair, cha fhreagair e e aon uair as a’ mhìle. Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich? A dh’atharraicheas na beanntan, agus cha bhi fios aca air, a thilgeas bun‐os‑cionn iad na fheirg: A chrathas an talamh as a àit, agus criothnaichidh a phuist: A dh’àithneas don ghrèin, agus chan èirich i; agus air na reultan a chuireas seula: A sgaoileas a‑mach na nèamhan na aonar, agus a shaltras air tonnan na fairge: A tha a’ dèanamh Arcturuis, Orioin, agus Phleiades, agus seòmraichean na h‑àird a deas: A tha a’ dèanamh nithean mòra, nach bi e an comas fhaghail a‑mach, agus nithean iongantach nach gabh àireamh. Feuch, thèid e seachad orm, agus chan fhaic mi e; agus gabhaidh e thairis, ach cha mhothaich mi e. Feuch, ma bheir e air falbh, cò a bhacas e? Cò a their ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh? Cha tionndaidh Dia air falbh a fhearg: foidhe cromaidh fir‐chuideachaidh an àrdain; Nach ro‑lugha na sin a fhreagras mise e, a thaghas mi mo bhriathran ris? Oir ged bhithinn ionraic, cha fhreagrainn e; air mo bhritheamh dh’aslaichinn. Nan gairminn, agus gum freagradh e mi, cha chreidinn gun d’èisd e rim ghuth: Oir le doineann tha e gam bhruthadh, agus a’ dèanamh mo lot lìonmhor gun adhbhar. Cha leig e leam m’anail a tharraing, ach lìonaidh e mi le seirbhe. Ma labhrar mu neart, feuch, tha e làidir; agus ma labhrar mu bhreitheanas, cò a shuidhicheas àm air mo shon? Ma dh’fhìreanaicheas mi mi fhèin, dìtidh mo bheul fhèin mi; agus foirfe ma nì mi mi fhèin, nochdaidh e fiar mi. Foirfe ged bhithinn, chan aithnichinn e: am anam dhèanainn tàir air mo bheatha. Is aon nì e: uime sin thubhairt mi, Am foirfe agus an t‑aingidh tha e a’ sgrios. Ma mharbhas an t‑slat gu h‑obann, ri deuchainn nan neochiontach gàiridh e. Thugadh an talamh ann an làimh an aingidh: aghaidhean a bhritheamhan còmhdaichidh e: mura dèan e mar seo, càite, cò esan a nì? Bha mo làithean na bu luaithe na gille‐ruith: theich iad air falbh, chan fhaca iad math. Ghabh iad seachad mar na longan luatha; mar an iolair a’ dol air iteig a‑chum cobhartaich. Ma their mi, Dìochuimhnichidh mi mo ghearan, leigidh mi dhìom mo dhubhachas, agus bheir mi comhfhurtachd dhomh fhèin; Tha eagal orm ro mo dhoilgheasan uile; tha fhios agam nach meas thu neochiontach mi. Ma bhios mi aingidh, carson, matà, a shaothraichinn gu dìomhain? Ma nigheas mi mi fhèin ann an uisgeachan sneachda, agus ma ghlanas mi gu glan mo làmhan; An sin tumaidh tu mi anns an t‑sloc, agus gabhaidh m’aodach fhèin gràin dhìom. Oir cha duine e mar a tha mise, gum freagrainn e, gun tigeamaid cuideachd gu breitheanas. Chan eil fear‐rèite eadarainn, a chuireadh a làmh oirnn le chèile. Thugadh e air falbh a shlat dhìom, agus na cuireadh eagal roimhe uamhas orm. An sin labhrainn, agus cha bhiodh eagal orm roimhe: ach chan eil mi mar sin agam fhèin. Tha m’anam sgìth dem bheatha; fàgaidh mi mo ghearan orm fhèin; labhraidh mi ann an seirbhe m’anama. Their mi ri Dia, Na dìt mi; thoir fios dhomh carson a tha thu a’ cur am aghaidh. Am math leat gun sàraicheadh tu? Gun dèanadh tu tàir air obair do làmh? Agus gun dealraicheadh tu air comhairle nan aingidh? A bheil sùilean feòla agad? An ann mar a chì duine a chì thusa? An ann mar làithean duine a tha do làithean‐sa? A bheil do bhliadhnachan mar làithean duine, Gun sireadh tu airson m’euceirt, agus gun rannsaicheadh tu airson mo pheacaidh? Tha fhios agad nach do rinn mi gu h‑aingidh: agus chan eil neach ann a shaoras od làimh. Shaothraich do làmhan‐sa mi, agus rinn iad mi coicheart mun cuairt; agus an sgrios thu mi? Cuimhnich, guidheam ort, gur ann mar chriadh a rinn thu mi; agus gu duslach an tionndaidh thu mi a‑rìs? Mar bhainne nach do thaom thu mi a‑mach, agus mar chàise nach do dhaingnich thu mi? Le craiceann agus le feòil chòmhdaich thu mi, agus le cnàmhan agus fèithean‐luthaidh dhìon thu mi. Beatha agus coibhneas dheònaich thu dhomh, agus choimhead do fhreasdal mo spiorad. Agus na nithean seo dh’fhalaich thu ad chridhe: tha fhios agam gu bheil seo agad. Ma pheacaicheas mi, bheir thu fa‑near mi, agus om euceart cha saor thu mi. Ma bhios mi aingidh, mo thruaighe mi! Agus ma bhios mi ionraic, cha tog mi mo cheann. Làn maslaidh tha mi, agus faic fhèin m’àmhghar; Oir tha e a’ meudachadh; mar leòmhann garg tha thu a’ sealg orm: agus a‑rìs tha thu gad nochdadh fhèin iongantach orm. Tha thu ag ath‐nuadhachadh d’fhianaisean am aghaidh, agus a’ meudachadh do chorraich rium; tha caochladh agus cogadh am aghaidh. Carson, matà, a thug thu a‑mach as a’ bhroinn mi? Och nach tug mi suas an deò, gun sùil gam fhaicinn! Bhithinn mar nach bithinn ann: on bhroinn a dh’ionnsaigh na h‑uaighe bhithinn air mo ghiùlan. Nach tearc mo làithean? Sguir, matà, agus leig leam, agus gum faigh mi beagan comhfhurtachd, Mun siubhail mi, agus nach till mi tuilleadh, gu tìr an dorchadais agus sgàil a’ bhàis; Tìr dorchadais mar dhuibhre sgàil a’ bhàis; agus as eugmhais gach riaghailt, agus far a bheil an solas mar dhorchadas. An sin fhreagair Sophar an Naamatach, agus thubhairt e, Do lìonmhorachd bhriathar nach toirear freagradh? Agus an saorar fear na mòr‐bhruidhne? An toir do bhreugan‐sa air daoine a bhith nan tosd? Agus nuair a nì thu fanaid, nach cuir duine air bith nàire ort? Oir thubhairt thu, Glan tha mo theagasg, agus neochiontach tha mi ann ad shùilean. Ach, O nach labhradh Dia, agus nach fosgladh e a bhilean riut; Agus nach nochdadh e dhut nithean diamhair a’ ghliocais, gu bheil iad dùbailte na tha ann! Biodh fhios agad uime sin gu bheil Dia gad agairt airson d’euceirt. An urrainn thusa le rannsachadh Dia fhaghail a‑mach? An urrainn thu an t‑Uile‐chumhachdach fhaghail a‑mach gu h‑iomlan? Ard mar na nèamhan; ciod a nì thu? Nas doimhne na ifrinn; ciod as aithne dhut? Nas fhaide na an talamh a thomhas, agus nas leithne na an fhairge. Ma ghearras e as, no ma dhùineas e suas, no ma chruinnicheas e ri chèile, cò a bhacas e? Oir is aithne dha daoine faoine; agus nuair a chì e euceart, nach toir e fa‑near i? Agus b’àill leis an duine fhaoin a bhith glic, ged as ann mar loth asail fhiadhaich a bheirear duine. Ma dheasaicheas tu do chridhe, agus gun sìn thu da ionnsaigh do làmhan; Ma bhios euceart ad làimh, cuir fada uat i, agus na leig le aingidheachd còmhnachadh ad phàilleanan. Oir an sin togaidh tu suas do ghnùis gun smal, agus bidh tu seasmhach, agus cha bhi eagal ort: Oir dìochuimhnichidh tu do dhochair; mar na h‑uisgeachan a chaidh seachad cuimhnichidh tu i: Agus nas soilleire na meadhon‐là fàsaidh d’aois; ged robh thu ann an dorchadas, mar a’ mhadainn bidh tu. Agus earbaidh tu, oir bidh dòchas agad; agus cladhaichidh tu, agus gu tèarainte gabhaidh tu tàmh. Agus nuair a laigheas tu sìos, cha chuir neach air bith eagal ort; agus iarraidh mòran do ghnùis. Ach fàilnichidh sùilean nan aingidh, agus dol as cha bhi aca; agus bidh an dòchas mar thoirt suas an deò. Agus fhreagair Iob, agus thubhairt e, Chan eil teagamh nach sibhse an sluagh, agus maille ribhse bàsaichidh gliocas! Ach agamsa tha tuigse, mar a tha agaibhse; chan ìsle mise na sibhse: agus cò aig nach eil fhios air an leithidean sin? Mar neach a tha na bhall‐magaidh aig a charaid tha mise, a ghairmeas air Dia, agus freagraidh e e: na bhall‐fochaid tha an duine ceart ionraic. Mar lòchran fo thàir ann an smuaintean an tì a tha aig fois, bidh esan a bhios ullamh gu sleamhnachadh le a chois. Sìochail bidh pàilleanan chreachadairean; agus tèarainte bidh iadsan a bhrosnaicheas Dia; don tug Dia nì nan làimh. Ach feòraich a‑nis de na h‑ainmhidhean, agus teagaisgidh iad thu; agus de eunlaith nan speur, agus innsidh iad dhut: No labhair ris an talamh, agus teagaisgidh e thu; agus cuiridh iasg na mara an cèill dhut. Cò aig nach eil fhios a‑thaobh nan nithean seo uile, gur i làmh an Tighearna a rinn seo, Aig a bheil na làimh anam gach nì beò, agus anail gach uile fheòil dhaoine? Nach dearbh a’ chluas briathran? Agus nach blais am beul a bhiadh? Anns na h‑aosda tha gliocas; agus ann am fad làithean tuigse. Maille ris‐san tha gliocas agus neart; aige‐san tha comhairle agus tuigse. Feuch, brisidh e sìos, agus cha togar suas: druididh e suas duine, agus chan fhosglar. Feuch, cumaidh e na h‑uisgeachan air an ais, agus tiormaichidh iad suas; agus cuiridh e a‑mach iad, agus tilgidh iad bun‐os‑cionn an talamh. Aige‐san tha neart agus gliocas: is leis‐san esan a mheallar, agus esan a mheallas. Cuiridh e air falbh comhairlich creachte, agus de bhritheamhan nì e amadain. Cuibhreach rìghrean sgaoilidh e, agus crioslaichidh e crios air an leasraidh. Cuiridh e air falbh uachdarain creachte, agus tilgidh e sìos na cumhachdaich. Atharraichidh e cainnt nam fìrinneach, agus bheir e air falbh tuigse nan aosmhor. Taomaidh e tàir air àrd‐uaislean agus lagaichidh e neart nan daoine treuna. Taisbeanaidh e nithean doimhne à dorchadas, agus bheir e sgàil a’ bhàis gu solas. Meudaichidh e na cinnich, agus sgriosaidh e iad: farsaingichidh e na cinnich, agus cumhangaichidh e iad. Bheir e air falbh cridhe ceannardan sluagh na talmhainn, agus cuiridh e air seachran iad ann am fàsach as eugmhais slighe. Smeuraichidh iad anns an dorchadas, agus iad gun solas; agus bheir e orra tuisleachadh mar dhuine air mhisg. Feuch, chunnaic mo shùil seo uile; chuala mo chluas, agus mhothaich i e. Mar as aithne dhuibhse, is aithne dhòmhsa mar an ceudna: chan ìsle mise na sibhse. Ach labhrainn‐sa ris an Uile‐chumhachdach, agus b’àill leam tagradh ri Dia. Oir is luchd‐cumaidh bhreug sibhse, lèighean nach fiù sibh uile. O nach robh sibh gu tur nur tosd! agus b’e sin ur gliocas. Cluinnibh a‑nis mo thagradh, agus èisdibh ri deasbaireachd mo bhilean. An labhair sibh gu h‑aingidh airson Dhè? Agus air a shon‐san an labhair sibh gu cealgach? An gabh sibh ra ghnùis? Airson Dhè an dèan sibh còmhstri? A bheil e math gun rannsaicheadh e a‑mach sibh? Mar a nìthear fanaid air duine, an dèan sibh fanaid airsan? Gu cinnteach cronaichidh e sibh, ma ghabhas sibh ann an uaigneas ri pearsachan. Nach cuir a òirdhearcas‐san eagal oirbh? Agus nach tuit a uamhann‐san oirbh? Tha ur cuimhne cosmhail ri luaithre, mar chuirp creadha ur cuirp. Bithibh nur tosd am thaobh‐sa, agus labhraidh mi, agus thigeadh orm na dh’fhaodas. Carson a tha mi a’ gabhail m’fheòla am fhiaclan, agus a’ cur mo bheatha ann am làimh? Ged mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi as: ach tagraidh mi mo shlighean na fhianais. Mar an ceudna bidh e dhòmhsa a‑chum slàinte; oir cha tig cealgair na làthair. Eisdibh gu furachair rim chainnt, agus rim sgeul le ur cluasan. Feuch a‑nis, chuir mi mo chùis ann an òrdagh: tha fhios agam gun saorar mi. Cò esan a thagras rium? Oir a‑nis, ma bhios mi am thosd, bheir mi suas an deò. A‑mhàin dà nì na dèan rium; an sin od ghnùis chan fhalaich mi mi fhèin. Tarraing do làmh fada uam agus na cuireadh d’uamhann eagal orm. An sin gairm thusa, agus freagraidh mise: no labhraidh mise, agus freagair thusa mi. Cia lìonmhor m’euceartan agus mo pheacaidhean? Air m’easaontas agus mo pheacadh thoir fios dhomh. Carson a tha thu a’ falach do ghnùise, agus gam mheas mar nàmhaid dhut? Am bris thu an duilleag a thilgear a‑null agus a‑nall? Agus an ruaig thu an asbhuain thioram? Oir tha thu a’ sgrìobhadh nithean searbha am aghaidh, agus a’ toirt orm euceartan m’òige a shealbhachadh. Agus tha thu a’ cur mo chas anns a’ cheap, agus a’ geur‐amharc air mo shlighean gu lèir, agus a’ cur chomharraidhean air bonnan mo chas. Agus mar nì breun cuirear as dha, mar thrusgan a dh’itheas an leòmann. Tha an duine a rugadh o mhnaoi geàrr‐shaoghalach, agus làn àmhghair. Mar bhlàth thig e a‑mach, agus gearrar sìos e: agus teichidh e mar sgàil, agus chan fhan e. Gidheadh air a leithid sin dh’fhosgail thu do shùilean; agus mise tha thu a’ tabhairt gu breitheanas maille riut. Cò a bheir glan à neòghlan? Cha tabhair a h‑aon. Gu deimhinn tha a làithean suidhichte, tha àireamh a mhìos agadsa, dh’òrdaich thu a chrìochan, agus cha tèid e thairis orra. Tionndaidh uaithe a‑chum gum bi fois aige, gus an coilean e mar fhear‐tuarasdail a là. Oir tha dòchas à craoibh, mar ghearrar sìos i, gum fàs i a‑rìs, agus nach fàilnich a faillean òg. Ged fhàs a freumh sean anns an talamh, agus anns an ùir ged bhàsaich a stoc; Trìd fhàile an uisge ùr‑fhàsaidh i, agus bheir i a‑mach geugan mar òg‑chraoibh. Ach bàsaichidh fear, agus thèid gu tur as dha; agus bheir duine suas an deò, agus càit a bheil e? Fàilnichidh na h‑uisgeachan on mhuir, agus caithear an abhainn, agus tiormaichidh i suas: Mar sin laighidh an duine sìos, agus chan èirich e, gus nach bi na nèamhan ann, cha mhosgail iad, agus cha dùisgear as an cadal iad. Och, nach falaicheadh tu mi anns an uaigh, nach gleidheadh tu mi ann an uaigneas, gus am biodh d’fhearg thairis! Nach suidhicheadh tu dhomh àm àraidh, agus gun cuimhnicheadh tu mi! Ma bhàsaicheas duine, an tig e beò? Uile làithean m’aimsire suidhichte feithidh mi, gus an tig mo chaochladh. Gairmidh tusa, agus freagraidh mise thu: air obair do làmh bidh dèidh agad. Oir a‑nis tha thu ag àireamh mo cheum: agus nach eil thu ri faire air mo pheacadh? Seulaichte ann an ceanglachan tha m’easaontas, agus fuaighidh tu suas m’euceart. Agus gu deimhinn tuitidh a’ bheinn, agus thèid as dhi; agus atharraichear a’ charraig as a h‑àite. Caithidh na h‑uisgeachan na clachan: bheir thu tuil air na nithean a dh’fhàsas à ùir na talmhainn, agus sgriosaidh tu dòchas an duine. Buadhaichidh tu gu bràth na aghaidh, agus siùbhlaidh e: caochlaidh tu a ghnùis, agus cuiridh tu air falbh e. Urramach fàsaidh a mhic, agus cha bhi fhios aige air; agus ìslichear iad, ach cha toir e fa‑near iad. Ach bidh a fheòil an taobh a‑staigh dheth cràiteach, agus nì a anam an taobh a‑staigh dheth bròn. An sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e, An luaidh duine glic air eòlas gaoithe, agus an lìon e a chliabh leis a’ ghaoith an ear? An tagair e le briathran gun tairbhe, agus le cainnt leis nach dèan e math? Seadh, tha thu a’ tilgeadh dhìot eagail, agus a’ leigeadh ùrnaigh dhìot an làthair Dhè. Oir teagaisgidh aingidheachd do bheul, agus roghnaichidh tu teanga nan cuilbheartach. Dìtidh do bheul fhèin thu, agus cha mhise; agus bheir do bhilean fhèin fianais ad aghaidh. An tusa an ciad duine a rugadh? No ro na cnocan an do rinneadh thu? An cuala tu a’ bheag ann an comhairle dhiamhair Dhè? Agus ad ionnsaigh fhèin a‑mhàin an do tharraing thu gliocas? Ciod as aithne dhutsa, nach aithne dhuinne? A thuigeas tusa, nach tuig sinne? Tha araon an ceann‐liath agus an t‑aosmhor nar measg‐ne nas sine gu mòr na d’athair. Am beag leat sòlasan Dhè? Agus a bheil nì diamhair agad? Carson a tha do chridhe gad thoirt air falbh, agus carson a tha do shùilean a’ caogadh, Gu bheil thu a’ tionndadh do spioraid an aghaidh Dhè, agus a’ leigeadh an leithidean sin de bhriathran a‑mach as do bheul? Cò e an duine, gum biodh e glan? Agus gun saoradh esan e fhèin, a rugadh o mhnaoi? Feuch, as a naoimh chan earb e; agus chan eil na nèamhan glan na shùilean. Nach gràineile agus nach salaiche gu mòr an duine, a dh’òlas euceart mar uisge? Innsidh mi dhut, èisd rium; agus na chunnaic mi, cuiridh mi an cèill; A dh’aithris daoine glice, agus nach do cheil an athraichean orra: Don tugadh nan aonar an talamh, agus cha d’imich coigreach nam measg. Rè a làithean uile cràidhear an t‑aingidh; agus falaichear àireamh a bhliadhnachan air an fhear‐shàrachaidh. Tha fuaim eagalach na chluasan: na shoirbheachadh thig am fear‐millidh air. Cha chreid e gun till e as an dorchadas; agus feithear air leis a’ chlaidheamh. Tha e ag imeachd mun cuairt airson arain, ag ràdh, Càit a bheil e? Tha fhios aige gu bheil là an dorchadais deas aig a làimh. Cuiridh teanntachd agus àmhghar uamhas air: buadhaichidh iad air, mar rìgh deas a‑chum catha. Oir sìnidh e a‑mach a làmh an aghaidh Dhè, agus an aghaidh an Uile‐chumhachdaich neartaichidh e e fhèin. Ruithidh e air, air a mhuineal, air cupan tiugh a sgiath; A chionn gun do chòmhdaich e a ghnùis le a shult, agus gun do rinn e fillidhean saille air a leasraidh. Agus còmhnaichidh e ann am bailtean fàsaichte, ann an taighean nach eil air an àiteachadh, a tha ullamh gu bhith nan càrnan. Cha bhi e beartach, agus cha mhair a mhaoin; agus cha sìn e a‑mach a fhreumh anns an talamh. Cha triall e à dorchadas; tiormaichidh lasair a mheanglan; agus siùbhlaidh e le anail a bheòil. Na earbadh esan a mheallar à dìomhanas; oir dìomhanas bidh aige mar luigheachd. Ro a là coileanar e; agus cha bhi a gheug uaine. Crathaidh e dheth mar an fhìonain a fhìondhearcan anabaich, agus tilgidh e dheth mar an crann‐ola a bhlàth. Oir bidh coitheanal nan cealgair aonaranach, agus caithidh teine pàilleanan na duais‐bhratha. Ginidh iad donas, agus beiridh iad droch‐bheart, agus ullaichidh an com cealg. Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, Chuala mi mòran den leithidean sin: is luchd‐comhfhurtachd truagh sibh uile. Am bi crìoch air briathran gaoithe? No ciod a tha a’ toirt an dànadais dhut gu bheil thu a’ freagairt? Dh’fhaodainn‐sa mar an ceudna labhairt cosmhail ribhse: nam biodh ur n‑anam an àite m’anama‑sa, dh’fhaodainn briathran a chur cuideachd nur n‑aghaidh, agus mo cheann a chrathadh ribh: Ach neartaichinn sibh lem bheul, agus lùghdaicheadh gluasad mo bhilean ur doilgheas. Ged labhair mise, cha lùghdaichear mo dhoilgheas; agus ma bhios mi am thosd, ciod am fuasgladh a gheibh mi? Ach a‑nis sgìthich e mi: sgap thu mo chuideachd uile. Agus rinn thu mi làn phreasag‐aodainn; mar fhianais tha sin: agus dh’èirich mo chaoile am aghaidh; rim aodann freagraidh i. Reub a chorraich mi, agus tha fuath aige dhomh: chas e a fhiaclan rium; tha mo nàmhaid a’ geurachadh a shùl orm. Chas iad am beul rium; le masladh bhuail iad mo ghiallan; cuideachd chruinnich iad am aghaidh. Thug Dia mi thairis don an‑diadhaidh, agus an làimh nan aingidh thilg e mi. Ann an sìth bha mi, ach phronn e mi: agus rug e air mo mhuineal, agus chrath e as a chèile mi, agus chuir e suas mi dha fhèin mar chuspair. Tha a luchd‐shaighead gam chuartachadh air gach taobh: sgoiltidh e m’àirnean o chèile, agus cha chaomhain e; taomaidh e a‑mach mo dhomblas air an talamh. Brisidh e mi le briseadh air bhriseadh; ruithidh e orm mar churaidh. Dh’fhuaigh mi sac‐aodach air mo chraiceann, agus shalaich mi m’adharc anns an duslach. Tha m’aodann air at le gal, agus air mo rosgan tha sgàil a’ bhàis; Chan ann airson euceirt am làmhan: mar an ceudna tha m’ùrnaigh glan. A thalaimh, na còmhdaich thusa m’fhuil, agus na biodh àit aig mo ghlaodh. Mar an ceudna a‑nis, feuch, anns na nèamhan tha m’ fhianais, agus esan a bheir teisteas orm anns na h‑àrdan. A’ fanaid orm tha mo chàirdean; a‑chum Dhè tha mo shùil a’ taomadh dheur. O nach faodadh duine tagradh ri Dia, mar a thagras mac an duine ra choimhearsnach! Nuair a thig beagan de bhliadhnachan, an sin anns an t‑slighe air nach till mi siùbhlaidh mi. Thruailleadh m’anail; ghearradh as mo làithean; tha na h‑uaighean air mo shon‐sa. Nach eil luchd‐fanaid maille rium? Agus nam brosnachadh nach eil mo shùil a’ buanachadh? Cuir sìos a‑nis, thoir dhomh urras maille riut: cò esan a ghlacas mo làmh? Oir dh’fhalaich thu an cridhe o thuigse; uime sin chan àrdaich thu iad. Esan a nì miodal ra chàirdean, fàilnichidh sùilean a chloinne. Agus rinn e mi am ghnàth‐fhacal don t‑sluagh; agus tha mi mar bhall‐fochaid romhpa. Agus dhorchaich mo shùil le bròn, agus tha mo bhuill uile mar sgàil. Bidh uamhas air na h‑ionracain airson seo; agus dùisgidh an neo‐chiontach an aghaidh a’ chealgair. Agus cumaidh an duine cothromach a shlighe; agus gheibh esan a tha glan na làmhan tuilleadh neirt. Ach air ur son‐se uile, tillibh agus thigibh a‑nis; agus chan fhaigh mi duine glic nur measg. Chaidh mo làithean thairis, bhriseadh mo smuaintean air falbh, seilbh mo chridhe. An oidhche tionndaidhidh iad gu là: tha solas goirid a‑thaobh dorchadais. Ma dh’fheitheas mi, is i an uaigh mo thaigh: anns an dorchadas rinn mi mo leabaidh. Ri truaillidheachd thubhairt mi, Is tu m’athair; ris a’ chnuimh, Is tu mo mhàthair, agus mo phiuthar. Agus càit a‑nis a bheil mo dhòchas? Seadh, mo dhòchas‐sa, cò a chì e? Gu crannan an t‑sluic thèid iad sìos: an sin bidh ar fois cuideachd anns an duslach. An sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e, Cia fhada gus an cuir sibh crìoch air briathran? Tuigibh, agus na dhèidh sin labhramaid. Carson a mheasar sinne mar ainmhidhean, agus a tha sinn tàireil ad shùilean‐sa? Tha e a’ reubadh anama na chorraich: air do shon‐sa an trèigear an talamh? Agus an atharraichear a’ charraig as a h‑àite? Seadh, cuirear solas an aingidh as: agus cha dealraich lasair a theine. Dorchaichear an solas na phàillean, agus cuirear as a lòchran aige. Cumhangaichear ceuman a neirt, agus tilgidh a chomhairle fhèin sìos e: Oir cuirear ann an lìon e le a chasan fhèin, agus air ribe imichidh e. Glacaidh an còrd air shàil e; buadhaichidh am fear‐reubainn na aghaidh. Falaichte anns an talamh tha ribe air a shon, agus inneal‐glacaidh air a shon air an t‑slighe. Air gach taobh cuiridh uamhasan eagal air, agus fuadaichidh iad air a chasan e. Bidh a neart air a chlaoidh le acras, agus lèirsgrios deas aig a thaobh. Ithidh e suas neart a chraicinn; ithidh ciad‐ghin a’ bhàis suas a neart. Spìonar as a phàillean a dhòchas; agus bheir e e gu rìgh nan uamhann. Gabhaidh e còmhnaidh na phàillean, a chionn nach leis‐san e; crathar pronnasg air a àite‐còmhnaidh. Shìos tiormaichear a fhreumhan, agus shuas gearrar air falbh a bhàrr. Sgriosar a chuimhne as an talamh, agus cha bhi ainm aige air an t‑sràid. Fògrar e o sholas gu dorchadas, agus as an t‑saoghal tilgear e. Cha bhi mac aige, no mac a mhic am measg a shluaigh, no neach a mhaireas na àitean‐còmhnaidh. Ri a là bidh ioghnadh orrasan a thig na dhèidh, mar a ghlac uamhas iadsan a thàinig roimhe. Gu deimhinn is iad sin ionadan‐còmhnaidh an aingidh; agus is e seo a àite‐san, do nach aithne Dia. Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, Cia fhada a chuireas sibh doilgheas air m’anam, agus a bhriseas sibh mo chridhe le briathran? Na deich uairean seo mhaslaich sibh mi: cha nàir leibh gu bheil sibh cho coimheach rium. Agus gu deimhinn ma chaidh mi air seachran, fanaidh mo sheachran agam fhèin. An àrdaich sibhse da‑rìribh sibh fhèin am aghaidh, agus an tagair sibh mo mhasladh am aghaidh? Biodh fhios agaibh a‑nis gun do thilg Dia thairis mi, agus gun do chuir e a lìon mun cuairt orm. Feuch, glaodhaidh mi, Eucoir, ach chan èisdear rium; èighidh mi gu h‑àrd, ach chan eil breitheanas ann. Dhùin e suas mo shlighe air chor is nach urrainn mi dol seachad, agus chuir e dorchadas air mo cheuman. Bhuin e mo ghlòir dhìom, agus thug e an crùn bhàrr mo chinn. Sgrios e mi air gach taobh, agus chaidh as dhomh; agus chuir e air falbh, mar chraoibh, mo dhòchas. Agus las a fhearg am aghaidh, agus mheas e mi mar aon de a naimhdean. Cuideachd thàinig a bhuidhnean, agus chuir iad suas an slighe am aghaidh, agus champaich iad mun cuairt air mo phàillean. Chuir e mo bhràithrean fada uam; agus tha mo luchd‐eòlais gu deimhinn air fàs coimheach rium. Thrèig mo dhìlsean, agus dhìochuimhnich mo luchd‐eòlais mi. Mheas muinntir mo thaighe agus mo bhanoglaich mi mar choigreach: am eilthireach bha mi nan sùilean. Air mo sheirbhiseach ghairm mi, agus cha do fhreagair e: lem bheul fhèin ghuidh mi air. Bha m’anail coimheach dom mhnaoi, ged a ghuidh mi as leth clann mo chuirp fhèin. Rinn eadhon clann òg tàir orm: dh’èirich mi, agus labhair iad am aghaidh. Ghabh luchd mo rùin uile gràin dhìom; agus tha iadsan a ghràdhaich mi air tionndadh am aghaidh. Rim chraiceann agus rim fheòil dhlùth‐lean mo chnàmhan; agus chaidh mi as le craiceann m’fhiacal. Gabhaibh truas dhìom, gabhaibh truas dhìom, O mo chàirdean, oir bhean làmh Dhè rium. Carson a gheur‐leanas sibhse mi mar a nì Dia, agus lem fheòil nach sàsaichear sibh? O nach robh mo bhriathran a‑nis air an sgrìobhadh! O nach robh iad air an cur sìos ann an leabhar! Le peann iarainn agus luaidh gu bràth ann an carraig nach robh iad air an gearradh! Oir tha fhios agam gu bheil m’fhear‐saoraidh beò, agus mu dheireadh gun seas e air an talamh: Agus an dèidh dhaibh seo mo chraiceann a chnàmh, gidheadh ann am fheòil gum faic mi Dia: Neach a chì mise air mo shon fhèin, agus air an amhairc mo shùilean‐sa, agus chan e neach eile: seo uile chuir mi suas am chom fhèin. Ach their sibhse, Carson a gheur‐leanamaid e, agus gun d’fhuaireadh freumh a’ ghnothaich ann? Biodh eagal oirbh ron chlaidheamh; oir fàsaidh an claidheamh teth an aghaidh euceartan, a‑chum gum bi fhios agaibh gum bi breitheanas ann. An sin fhreagair Sophar an Naamatach, agus thubhairt e, Uime sin tha mo smuaintean a’ toirt orm freagairt, agus air a shon seo nì mi deifir. Achmhasan mo mhaslaidh cluinneam, agus tha spiorad mo thuigse a’ toirt orm freagairt. Nach aithne dhut seo o chian, o shuidhicheadh an duine air thalamh, Gur geàrr caithreim nan aingidh, agus nach eil gàirdeachas a’ chealgair ach car tiota? Ged èirich a àirde suas gus na nèamhan, agus ged ruig a cheann na neòil; Mar a aolach fhèin gu bràth thèid as dha: their iadsan a chunnaic e, Càit a bheil e? Mar aisling grad‐shiùbhlaidh e, agus chan fhaighear e; agus teichidh e mar shealladh na h‑oidhche: An t‑sùil a chunnaic e, chan fhaic i e tuilleadh; agus nas mò chan amhairc a àite fhèin air. Iarraidh a mhic na bochdan a thoileachadh, agus aisigidh a làmhan am maoin. Tha a chnàmhan làn de pheacadh a òige, agus maille ris anns an duslach laighidh e. Ged robh an t‑olc milis na bheul, ged fhalaich e e fo a theangaidh; Ged chaomhain e e, agus nach trèig e e, ach gun glèidh e e an taobh a‑staigh a bheòil; Tionndaidhear a bhiadh na mhionach, gu domblas nan nathraichean an taobh a‑staigh dheth. Shluig e sìos beartas, agus sgeithidh e a‑nìos e: tilgidh Dia a‑mach as a bhroinn e. Sùgaidh e nimh nan nathraichean: marbhaidh teanga na nathrach milltich e. Chan fhaic e na h‑aibhnichean nan roinnean, na sruthain meala agus ime. Aisigidh e an nì airson an do shaothraich e, agus cha sluig e sìos e: a rèir a shaoibhreis bidh a aiseag, agus cha dèan e gàirdeachas ann: A chionn gun do rinn e fòirneart, gun do thrèig e na bochdan, le ainneart gun tug e air falbh taigh nach do thog e. Oir cha mhothaich e suaimhneas na chom, cha tèarainn e a’ bheag de na mhiannaich e. Chan fhàgar a’ bheag de a bhiadh; uime sin cha bhi sùil aig duine air bith ra mhaoin. Ann an iomlaine a’ phailteis bidh e ann an teanntachd: thig gach adhbhar dragha air. Nuair a bhios e gus a bhrù a lìonadh, tilgidh Dia fraoch a fheirge air, agus frasaidh e air e nuair a bhios e ag ithe. Teichidh e ro na h‑arman iarainn; buailidh am bogha umha troimhe e. Tàirngear, agus thig a‑mach as a’ chorp, thig an claidheamh loinnreach a‑mach as a dhomblas: thig uamhasan air. Bidh gach uile dhorchadas falaichte na ionadan diamhair: loisgidh teine gun sèideadh e: èiridh gu h‑olc dhàsan a dh’fhàgar na phàillean. Foillsichidh na nèamhan a aingidheachd; agus èiridh an talamh na aghaidh. Triallaidh fàs a thaighe: sruthaidh a nithean as ann an là a fheirge. Is e seo cuibhreann an duine aingidh o Dhia, agus an oighreachd a dh’òrdaicheadh dha le Dia. Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, Eisdibh gu furachair rim chainnt, agus biodh seo mar ur comhfhurtachd. Fuilingibh dhomh, agus labhraidh mi; agus an dèidh dhomh labhairt, cuiribh ri ur fanaid. Am thaobh‐sa, an ann ri duine a tha mo ghearan? Agus nam b’ann, carson nach biodh mo spiorad fo bhuaireas? Amhaircibh orm, agus biodh ioghnadh oirbh, agus cuiribh ur làmh air ur beul. Oir nuair a chuimhnicheas mi, tha eagal orm; agus glacaidh geilt‐chrith m’fheòil. Carson a tha na h‑aingidh beò, a dh’fhàsas iad sean, agus a bhios iad àrd ann an cumhachd? Tha an sliochd air a dhaingneachadh nam fianais maille riu, agus an gineal fa chomhair an sùl. Tha an taighean saor o eagal; agus chan eil slat Dhè orra. Ginidh an tarbh, agus chan fhàilnich e; beiridh am bò laogh, agus cha tilg i e. Cuiridh iad a‑mach an clann bheag mar threud; agus dannsaidh an gineal. Togaidh iad an tiompan agus a’ chlàrsach; agus nì iad gàirdeachas ri fuaim an orgain. Caithidh iad an làithean ann an saoibhreas, agus ann an tiota thèid iad sìos don uaigh. Agus their iad ri Dia, Imich uainn; oir chan àill leinn eòlas do shlighean. Cò e an t‑Uile‐chumhachdach, gun dèanamaid seirbhis dha? Agus ciod an tairbhe a bhios ann dhuinn, ma nì sinn ùrnaigh ris? Feuch, chan eil am math nan làimh: tha comhairle nan aingidh fada uamsa. Cia minig a chuirear coinneal nan aingidh as? Agus a thig an sgrios orra? Roinnidh Dia doilgheasan na fheirg. Bidh iad mar asbhuain ron ghaoith, agus mar mholl a bheir an iomaghaoth leatha. Taisgidh Dia suas a euceart‐san da chloinn: dìolaidh e dha, agus bidh fhios aig air. Chì a shùilean a sgrios, agus de fheirg an Uile‐chumhachdaich òlaidh e. Oir ciod an tlachd a bhios aige na thaigh na dhèidh, nuair a ghearrar as àireamh a mhìos nam meadhon? Do Dhia an teagaisg neach air bith eòlas, agus gur e fhèin a bheir breith orrasan a tha àrd? Bàsaichidh e seo na làn neart, agus e uile aig fois agus an sìth. Tha a innidh làn saill, agus a chnàmhan air an taiseachadh le smior. Agus bàsaichidh e sin ann an seirbhe a anama, agus chan ith e idir le toil‐inntinn. Cuideachd anns an duslach laighidh iad, agus còmhdaichidh cnuimhean iad. Feuch, is aithne dhomh ur smuaintean, agus na h‑innleachdan a tha sibh a’ dealbhadh gu h‑eucorach am aghaidh: Oir their sibh, Càit a bheil taigh an duine mhòir, agus càit a bheil ionadan‐còmhnaidh nan aingidh? Nach d’fheòraich sibh dhiubhsan a ghabhas seachad air an t‑slighe? Agus nach aithne dhuibh an comharraidhean? Gun gleidhear an t‑aingidh a‑chum là an sgrios; a‑chum là na feirge gun toirear a‑mach iad. Cò a chuireas an cèill a shlighe as an aodann: agus cò a dh’ìocas dha na rinn e? Ach a‑chum na h‑uaighe bheirear e, agus anns an àit‐adhlacaidh fanaidh e. Bidh fòidean a’ ghlinne milis dha, agus tàirngidh gach duine na dhèidh, mar a tha iad do‑àireamh roimhe. Cionnas, matà, a tha sibh a’ tabhairt comhfhurtachd dhomh gu dìomhain, nuair a tha cealg nur freagradh? An sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e, Do Dhia am faod duine a bhith tairbheach, mar a dh’fhaodas esan a tha glic a bhith tairbheach dha fhèin? An toil‐inntinn don Uile‐chumhachdach gun saor thusa thu fhèin? Agus am buannachd e dhàsan, gun dèan thu do shlighean iomlan? Air eagal romhad an cronaich e thu? An tèid e a‑chum breitheanais leat? Nach eil d’aingidheachd mòr, agus d’euceartan gun chrìch? Oir ghabh thu geall od bhràithrean gun adhbhar, agus aodach nan lomnochd bhuin thu dhiubh. Cha tug thu uisge don sgìth ri òl, agus on acrach chùm thu aran. Ach aig fear a’ ghàirdein làidir bha an talamh; agus ghabh an duine urramach còmhnaidh ann. Chuir thu bantraichean uat falamh, agus bhriseadh gàirdeanan nan dìlleachdan. Air an adhbhar sin mun cuairt ort bha ribeachan, agus ghlac geilt obann thu; No dorchadas air chor is nach faiceadh tu; agus chòmhdaich pailteas uisgeachan thu. Nach eil Dia ann an àirde nan nèamh? Agus faic mullach nan rionnag, cia àrd a tha iad. Agus their thusa, Cionnas a tha fhios aig Dia? Tron dorchadas am breithnich e? Tha neòil nan còmhdachadh dha, agus chan fhaic e; agus ann an cùirt nan nèamh siùbhlaidh e. An tug thu fa‑near an t‑slighe o shean, air an d’imich daoine aingidh; A ghearradh sìos ron àm, agus thaom tuil thar am bunait; A thubhairt ri Dia, Imich uainn; agus ciod as urrainn an t‑Uile‐chumhachdach a dhèanamh air ar son? Gidheadh lìon e an taighean le nithean matha: ach guma fada a bhios comhairle nan aingidh uamsa. Chì na h‑ionraic, agus bidh aoibhneas orra; agus nì an neo‐chiontach gàire‐fanaid riu. An àite, nach do ghearradh ar maoin‐ne sìos; ach loisgidh teine am fuidheall‐san. Gabh‐sa a‑nis eòlas airsan, agus bi an sìth: mar sin thig math ad ionnsaigh. Gabh, guidheam ort, an lagh o a bheul, agus cuir suas a bhriathran ann ad chridhe. Ma thilleas tu a dh’ionnsaigh an Uile‐chumhachdaich, togar suas thu; cuiridh tu euceart am fad od phàilleanan. Agus cuiridh tu suas òr mar dhuslach, agus òr Ophir mar chlachan nan sruth. Agus bidh an t‑Uile‐chumhachdach na dhìdean agad, agus bidh pailteas airgid agad. Oir an sin bidh do thlachd anns an Uile‐chumhachdach, agus togaidh tu suas do ghnùis a dh’ionnsaigh Dhè. Nì thu ùrnaigh ris, agus èisdidh e riut, agus dìolaidh tu do bhòidean. Agus cuiridh tu nì romhad, agus daingnichear dhut e; agus air do shlighean dealraichidh solas. Nuair a dh’ìslichear daoine, an sin their thu, Bidh àrdachadh ann; agus saoraidh e an t‑iriosal. Saoraidh e esan nach eil neo‐chiontach, agus saorar e le glaine do làmh‐sa. Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, An‑diugh fhèin is searbh mo ghearan: is truime mo bhuille na m’osna. Och, gun fhios agam càit am faighinn esan, agus gun tiginn a dh’ionnsaigh a àite! Chuirinn mo chùis an òrdagh na làthair, agus lìonainn mo bheul le argamaidean. Bhiodh fhios agam air na briathran leis am freagradh e mi, agus thuiginn ciod a theireadh e rium. Le a mhòr‐chumhachd an tagradh e am aghaidh? Chan eadh; ach chuireadh e neart annam. An sin thagradh am fìrean ris, agus bhithinn air mo shaoradh gu bràth om bhritheamh. Feuch, thèid mi air m’aghaidh, ach chan eil esan ann; agus air m’ais, ach cha mhothaich mi e: Air an làimh chlì, far a bheil e ag obrachadh, ach chan fhaic mi e; falaichidh e e fhèin air an làimh dheis, agus cha lèir dhomh e. Ach is aithne dha an t‑slighe agam: nuair a dhearbhas e mi, mar òr thig mi a‑mach. Air a cheuman chùm mo chas; ghlèidh mi a shlighe agus cha do chlaon mi. O àithne a bhilean cha deachaidh mi air m’ais; nas mò na mo dhlighe bìdh mheas mi briathran a bheòil. Ach tha e anns an aon bheachd, agus cò a dh’iompaicheas e? Agus an nì as miann le a anam, sin nì e. Oir coileanaidh e an nì a dh’òrdaicheadh dhòmhsa: agus tha mòran den leithidean sin aige. Uime sin tha fiamh orm na fhianais; nuair a bheir mi fa‑near, tha eagal orm roimhe: Oir thaisich Dia mo chridhe, agus chuir an t‑Uile‐chumhachdach fiamh orm; A chionn nach do ghearradh as mi ron dorchadas, agus om ghnùis nach d’fhalaich e an dorchadas. Carson, o nach d’fhalaicheadh aimsirean on Uile‐chumhachdach, nach faic iadsan don aithne e a làithean? Atharraichidh iad na comharraidhean‐talmhainn; bheir iad treudan leo le fòirneart, agus biadhaidh iad iad. Iomainidh iad air falbh asal nan dìlleachdan; mar gheall glacaidh iad damh na bantraich. Tionndaidhidh iad na feumaich as an t‑slighe: le chèile falaichidh bochdan na talmhainn iad fhèin. Feuch, mar asalan fiadhaich anns an fhàsach thèid iad a‑mach a‑chum an obrach, ag èirigh gu moch a‑chum creiche: bheir am fàsach biadh dhaibh dan òigridh. Anns an fhearann buainidh iad arbhar; agus cruinnichidh iad fìon‐fhogharadh an aingidh. Bheir iad air an lomnochd laighe gun aodach, agus gun chòmhdachadh anns an fhuachd. Le frasan nam beann bidh iad fliuch, agus a dhìth fasgaidh gabhaidh iad nan glacan a’ charraig. Spìonaidh iad an dìlleachdan on chìch, agus on bhochd gabhaidh iad geall. Bheir iad air imeachd lomnochd, gun aodach; agus o na h‑acraich bheir iad leo an sguab. An taobh a‑staigh dem ballachan fàisgidh iad ola; bruthaidh iad am fìon‐amair, agus fuilingidh iad tart. As a’ bhaile tha daoine ag osnaich, agus èighidh anam nan daoine leònte; gidheadh cha chuir Dia amaideachd as an leth. Tha iad dhiubhsan a dh’èireas suas an aghaidh an t‑solais; chan aithne dhaibh a shlighean, agus cha ghluais iad na cheuman. Leis an t‑solas èiridh am mortair, agus marbhaidh e am bochd agus am feumach; agus anns an oidhche bidh e mar ghadaiche. Mar an ceudna feithidh sùil an adhaltranaich ris an dùbhra, ag ràdh, Chan fhaic sùil mi; agus cuiridh e falach air a aghaidh. Cladhaichidh iad anns an dorchadas tro thaighean a chomharraich iad dhaibh fhèin anns an là; chan aithne dhaibh an solas: Oir tha a’ mhadainn dhaibhsan mar sgàil a’ bhàis: ma dh’aithnicheas neach iad, bidh iad ann an uamhasan sgàil a’ bhàis. Luath tha e mar na h‑uisgeachan; mallaichear an cuibhreann air an talamh: chan fhaic e slighe nam fìonlios. Bheir tiormachd agus teas leo uisgeachan an t‑sneachda; an uaigh iadsan a pheacaich. Dìochuimhnichidh a’ bhrù e; biadhaidh a’ chnuimh gu milis air; nas mò cha chuimhnichear e; agus brisear aingidheachd mar chrann. Bidh e olc ris a’ mhnaoi neo‐thorraich, nach beir clann; agus don bhantraich cha dèan e math. Agus tàirngidh e na daoine treuna le a neart: èiridh e suas, agus chan eil neach air bith cinnteach de a bheatha. Bheir e dha a bhith ann an tèarainteachd, agus as a sin earbaidh e; ach tha a shùilean air an slighean. Ardaichear iad rè tamaill, ach cha bhi iad ann; ìslichear iad, agus mar na h‑uile bheirear air falbh iad, agus mar cheann dèise gearrar as iad. Agus mura eil e mar sin a‑nis, cò a nì breugaire dhìom, agus a bheir gu neoni mo chainnt? An sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e, Tha tighearnas agus eagal maille ris‐san: nì e sìth na ionadan àrda. A bheil àireamh air bith air a shlòigh? Agus cò air nach èirich a sholas? Cionnas, matà, a shaorar duine an làthair Dhè? Agus cionnas a bhios esan glan a rugadh o mhnaoi? Amhairc eadhon air a’ ghealaich, agus cha dealraich i; agus chan eil na rionnagan glan na shealladh. Cia as ro‑lugha na sin an duine a tha na chnuimh; agus mac an duine a tha na chnuimh? Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, Cionnas a chuidich thu leis an tì a tha gun chumhachd? Cionnas a shaor thu an gàirdean a tha gun neart? Cionnas a chomhairlich thu esan aig nach eil gliocas, agus a dh’fhoillsich thu gu pailt an nì mar a tha e? Cò ris a labhair thu briathran? Agus cò leis an spiorad a thàinig uat? Dealbhar nithean marbha fo na h‑uisgeachan, agus an luchd‐àiteachaidh. Lomnochd tha ifrinn na làthair, agus chan eil còmhdachadh air lèirsgrios. Tha e a’ sìneadh na h‑àird a tuath os cionn an ionaid fhalaimh, a’ crochadh na talmhainn air neoni; A’ ceangal suas nan uisgeachan na neòil, agus cha reubar an neul fodhpa; A’ cumail a‑staigh aghaidh a rìgh‐chathrach, a’ sgaoileadh a neòil oirre. Chuartaich e na h‑uisgeachan le crìochan, gus an teirig an là maille ris an oidhche. Criothnaichidh puist nan nèamh, agus bidh uamhas orra ra achmhasan. Le a chumhachd roinnidh e an fhairge, agus le a thuigse buailidh e an t‑uaibhreach. Le a spiorad sgeadaich e na nèamhan; dhealbh a làmh an nathair lùbach. Feuch, is iad sin cuid de a shlighean; ach cia beag a’ chuibhreann a chuala sinn dheth? Agus cò a dh’fhaodas tàirneanach a chumhachd a thuigsinn? Agus bhuanaich Iob na chosamhlachd a labhairt a‑mach, agus thubhairt e, Mar as beò Dia a thug air falbh mo bhreitheanas, agus an t‑Uile‐chumhachdach a chràidh m’anam, Cho fad is a bhios m’anail annam, agus spiorad Dhè ann am chuinneinean, Cha labhair mo bhilean aingidheachd, agus cha chan mo theanga cealg. Nar leigeadh Dia gun saorainn sibh: gus am bàsaich mi, chan atharraich mi m’ionracas uam. Ann am fhìreantachd fanaidh mi, agus cha leig mi uam i; cha mhaslaich mo chridhe mi rè mo làithean. Mar an t‑aingidh biodh mo nàmhaid; agus esan a dh’èireas suas am aghaidh mar an t‑eucorach. Oir ciod e dòchas a’ chealgair, ged a bhuanaich e, nuair a bheir Dia air falbh a anam? An èisd Dia ri a ghlaodh, nuair a thig àmhghar air? Anns an Uile‐chumhachdach an gabh e tlachd? An gairm e air Dia gach àm? Teagaisgidh mi sibh le làimh Dhè; an nì a tha aig an Uile‐chumhachdach, cha cheil mi. Feuch, chunnaic sibh fhèin uile e; carson, matà, a tha sibh cho ro‑fhaoin? Is i seo cuibhreann an duine aingidh aig Dia, agus oighreachd luchd‐fòirneirt a gheibh iad on Uile‐chumhachdach. Ma dh’fhàsas a mhic lìonmhor, is ann airson a’ chlaidheimh; agus cha sàsaichear a shliochd le aran. Adhlaicear iadsan a mhaireas na dhèidh anns a’ bhàs; agus cha ghuil a bhantraichean. Ged chàrn e suas airgead mar an duslach, agus ged dheasaich e aodach mar an làthach; Deasaichidh e e, ach cuiridh an t‑ionracan air e; agus roinnidh an neochiontach an t‑airgead. Togaidh e mar an leòmann a thaigh, agus mar bhothan a nì am fear‐coimhead. Laighidh an saoibhir sìos, ach cha chruinnichear e: fosglaidh e a shùilean, agus chan eil e ann. Glacaidh uamhasan e mar uisgeachan: anns an oidhche goididh doineann air falbh e. Bheir a’ ghaoth an ear leatha e, agus siùbhlaidh e; agus le iomaghaoith grad‐ghluaisidh i as a àit e. Oir caithidh Dia air, agus cha chaomhain e: bu mhiann leis teicheadh as a làimh. Buailidh daoine am basan ris, agus le sgeig fuadaichidh iad as a àit e. Gu cinnteach tha dol a‑mach aig an airgead, agus àit aig an òr anns an leagh iad e. Bheirear iarann as an talamh, agus leaghar a’ chlach na h‑umha. Chuir e crìoch air an dorchadas; agus rannsaichidh e a‑mach gach iomlaine, clachan duibhre agus sgàil a’ bhàis. Brisidh an sruth a‑mach on luchd‐àiteachaidh; dearmadar iad leis a’ chois; tiormaichear suas iad; o dhaoine siùbhlaidh iad. A‑thaobh na talmhainn, aisde thig aran; agus foidhpe tionndaidhear suas amhail teine: Is iad a clachan àite na saphir; agus tha duslach òir aice: Ceum nach aithne don eunlaith, agus nach faca sùil na fainge. Cha do shaltair cuileanan an leòmhainn air, agus cha deachaidh an leòmhann garg seachad air. Air a’ charraig cuiridh e a‑mach a làmh: tilgidh e bun‐os‑cionn na beanntan. Anns na creagan bheir e air aibhnichean briseadh a‑mach; agus chì a shùil gach nì luachmhor. Ceanglaidh e na h‑aibhnichean o dhol thairis; agus an nì a tha falaichte bheir e gu solas. Ach cia as a gheibhear gliocas? Agus càit a bheil ionad na tuigse? Chan aithne do dhuine a luach; agus chan fhaighear i ann an tìr nam beò. Their an doimhne, Chan eil i annamsa; agus their a’ mhuir, Chan eil i maille riumsa. Cha toirear òr air a son, agus cha tomhaisear airgead mar a luach. Cha mheasar i le òr na h‑Ophir, leis an onics luachmhoir, no leis an t‑saphir. Cha choimeasar òr no leug rithe; agus cha bhi a malairt le seudan den òr fhìorghlan. Air coireal no neamhnaidean cha luaidhear; oir tha luach gliocais os cionn nan clach as uaisle. Cha choimeasar topas na h‑Etiopia rithe: leis an òr fhìorghlan cha mheasar i. Cia as, matà, a thig gliocas? Agus càit a bheil ionad na tuigse? Oir tha i am falach o shùilean nan uile bheò; agus o eunlaith an adhair tha i an cleith. Thubhairt lèirsgrios agus am bàs, Le ar cluasan chuala sinn a cliù. Tuigidh Dia a slighe, agus is aithne dha a h‑àite: Oir gu crìochan na talmhainn amhaircidh esan; fo na nèamhan uile chì e: A‑chum gun dèan e cudthrom den ghaoith, agus gun tomhais e na h‑uisgeachan le tomhas. Nuair a rinn e reachd don uisge, agus slighe do dhealanach na tàirneanaich; An sin chunnaic e i, agus dh’fhoillsich e i; dheasaich e i, seadh, agus rannsaich e a‑mach i. Agus thubhairt e ris an duine, Feuch, eagal an Tighearna, is e sin gliocas; agus an t‑olc a thrèigsinn, tuigse. Agus bhuanaich Iob na chosamhlachd a labhairt a‑mach, agus thubhairt e, Och nach robh mi mar anns na mìosan a chaidh tharam, mar anns na làithean air an do choimhead Dia mi! Nuair a thug e air a lòchran dealrachadh air mo cheann, agus le a sholas a ghluais mi anns an dorchadas; Mar a bha mi ann an làithean m’òige, nuair a bha rùn‐diamhair Dhè air mo phàillean; Nuair a bha an t‑Uile‐chumhachdach fhathast maille rium, agus m’òganaich mum thimcheall; Nuair a nigh mi mo cheuman le ìm, agus a thaom a’ charraig a‑mach dhomh sruthain ola; Nuair a chaidh mi a‑mach gu geata a’ bhaile, a dheasaich mi m’àite‐suidhe anns an t‑sràid! Chunnaic na daoine òga mi, agus dh’fhalaich iad iad fhèin; agus dh’èirich na daoine aosda, agus sheas iad. Sguir na h‑uachdarain de labhairt, agus chuir iad an làmh air am beul. Dh’fhan na h‑àrd‐uaislean nan tosd, agus lean an teanga rin gial. Nuair a chuala a’ chluas, bheannaich i mi; agus nuair a chunnaic an t‑sùil, thug i fianais leam: A chionn gun do shaor mi am bochd a bha ag èigheach, agus an dìlleachdan aig nach robh fear‐cuideachaidh. Thàinig beannachadh an tì a bha ullamh gu bàsachadh orm; agus thug mi air cridhe na bantraich seinn le aoibhneas. Chuir mi ionracas orm, agus dh’èidich e mi: mar fhallaing agus mar choron bha mo bhreitheanas. Bu shùilean mi don dall, agus bu chasan mi don bhacach. Bha mi am athair do na bochdan; agus a’ chùis nach b’aithne dhomh rannsaich mi a‑mach. Agus bhris mi gial an droch dhuine, agus as a fhiaclan spìon mi a’ chreach. Agus thubhairt mi, Ann am nead gheibh mi bàs, agus mar a’ ghaineamh nì mi mo làithean lìonmhor. Bha mo fhreumh air a sgaoileadh a‑mach làimh ris na h‑uisgeachan, agus laigh an drùchd rè na h‑oidhche air mo mheangan. Bha mo ghlòir ùr agam, agus dh’athnuadhaicheadh mo bhogha ann am làimh. Riumsa dh’èisd daoine, agus dh’fheith iad, agus bha iad nan tosd rim chomhairle. An dèidh mo bhriathran cha do labhair iad a‑rìs; agus shil mo chainnt orra. Agus bha sùil aca rium, mar ris an uisge; agus dh’fhosgail iad am beul gu farsaing, mar airson an uisge dheireannaich. Ma ghàir mi riu, cha do chreid iad; agus solas mo ghnùise cha do thilg iad sìos. Thagh mi a‑mach an slighe, agus shuidh mi mar cheannard, agus chòmhnaich mi mar rìgh ann an armailt, mar aon a bheir comhfhurtachd do luchd‐bròin. Ach a‑nis tha iadsan as òige na mise a’ dèanamh fanaid orm, muinntir nach b’fhiù leam an athraichean a chur maille ri coin mo threuda. Seadh, ciod an tairbhe a bhiodh dhòmhsa ann an neart an làmh, aig an deachaidh as dan seann aois? Le dìth agus le gorta bha iad uaigneach, a’ teicheadh don fhàsach, a bha anns an àm a chaidh seachad na fhàsalachd agus na lèirsgrios: A’ gearradh sìos maloimh làimh ris na preasan, agus freumhan‐aiteil mar bhiadh. O mheasg dhaoine dh’fhògradh a‑mach iad: dh’èigh iad nan aghaidh, mar an aghaidh gadaiche. Bha iad a chòmhnaidh ann an sgaradh nan gleann, ann an uamhan na talmhainn agus nan creag. Am measg nam preas rinn iad gearan: fon fheanntagaich chruinnicheadh iad ri chèile: Clann nan amadan, seadh, clann dhaoine gun chliù: bha iad na bu tàireile na an talamh. Agus a‑nis is mise as òran dhaibh, agus tha mi am leth‐fhacal aca. Tha iad a’ gabhail gràin dhìom, tha iad a’ teicheadh fad as uam, agus cha chaomhain iad smugaid a thilgeadh am aodann. A chionn gun d’fhuasgail e mo chòrd, agus gun do shàraich e mi, leig iadsan mar an ceudna an t‑srian sgaoilte romham. Air mo dheaslàimh dh’èirich an òigridh; thug iad air mo chasan sleamhnachadh uam, agus thog iad suas am aghaidh slighean an sgrios. Mhill iad mo cheuman, chuir iad m’aimhleas air aghaidh, gun fhear‐cuideachaidh aca. Mar bhriseadh a‑steach leathann thàinig iad, mar ann an lèirsgrios thaom iad a‑steach. Thionndaidh uamhasan am aghaidh: ruaig iad m’anam mar a’ ghaoth; agus mar neul chaidh mo thèarainteachd seachad. Agus a‑nis tha m’anam air a dhòrtadh a‑mach orm; ghlac làithean àmhghair mi. Anns an oidhche tha mo chnàmhan air an tolladh annam: agus cha bhi m’fhèithean aig fois. Le meud a neirt mhùth e m’aodach: mar bhile mo chòta chuartaich e mi. Thilg e mi anns an làthaich, agus tha mi air fàs cosmhail ri duslach agus ri luaithe. Dh’èigh mi riut, agus cha d’èisd thu rium; sheas mi suas, agus cha tug thu fa‑near mi. Tha thu air fàs an‑iochdmhor rium; le neart do làimhe tha thu gad chur fhèin am aghaidh. Tha thu gam thogail ris a’ ghaoith: tha thu a’ toirt orm marcachd oirre, agus a’ leaghadh as mo bhrìgh: Oir tha fhios agam gun toir thu mi gu bàs, agus a‑chum an taighe a dh’òrdaicheadh do gach uile bheò. Gidheadh cha sìn e a‑mach a làmh a‑chum na h‑uaighe, ged ghlaodh iad na sgrios. Nach do ghuil mise air a shon‐san a bha ann an àmhghar? Nach robh m’anam duilich airson an duine bhochd? Nuair a bha sùil agam ri math, an sin thàinig olc; agus nuair a bha dùil agam ri solas, thàinig dorchadas. Bha m’innidh air ghoil, agus cha robh fois aca: chuir làithean àmhghair romham. Ri bròn dh’imich mi as eugmhais na grèine: dh’èirich mi, anns a’ cho‐chruinneachadh dh’èigh mi. Is bràthair mi do na dràgonan, agus is companach mi do na comhachagan. Dhubhadh mo chraiceann orm, agus loisgeadh mo chnàmhan le teas. Agus tha mo chlàrsach air tionndadh gu bròn, agus m’organ gu guth na muinntir a ghuileas. Rinn mi coicheangal rim shùilean: carson, matà, a smaoinichinn air maighdinn? Oir ciod e cuibhreann Dhè on ionad shuas, agus oighreachd an Uile‐chumhachdaich on àirde? Nach eil sgrios ann don droch dhuine, agus coimhichead do luchd‐dèanamh na h‑euceirt? Nach eil e a’ faicinn mo shlighean, agus ag àireamh mo cheuman gu lèir? Ma ghluais mi le dìomhanas, agus ma ghreas mo chas a‑chum ceilge; Cudthromaichear mi ann am meidhean a’ cheartais, a‑chum gum bi fhios aig Dia air m’ionracas. Ma thionndaidh mo cheum as an t‑slighe, agus an dèidh mo shùl gun do ghluais mo chridhe, agus rim làmhan gun do lean smal air bith; Cuiream, agus itheadh neach eile; seadh, biodh mo shliochd air an spìonadh as am freumh. Ma mhealladh mo chridhe le mnaoi, agus aig doras mo choimhearsnaich ma rinn mi feall‐fhalach; Meileadh mo bhean do neach eile, agus cromadh daoine eile oirre: Oir is cionta mòr seo, agus is euceart e airson nam britheamh. Oir is teine e a loisgeas a‑chum sgrios, agus a spìonadh as m’fhàs uile. Ma rinn mi tàir air cùis m’òglaich, no mo bhanoglaich, nuair a thagair iad rium; Ciod, matà, a nì mi nuair a dh’èireas Dia? Agus nuair a dh’fhiosraicheas e, ciod a fhreagras mi dha? Nach e an tì a rinn mise anns a’ bhroinn, a rinn esan? Agus nach aon a dhealbh sinn anns a’ bhroinn? Ma chùm mi na bochdan o am miann, agus ma thug mi air sùilean na bantraich fàilneachadh; No ma dh’ith mi mo ghreim am aonar, agus nach d’ith an dìlleachdan dheth; (Oir om òige dh’fhàs e suas maille rium, mar aig a athair: agus o bhroinn mo mhàthar threòraich mi ise;) Ma chunnaic mi neach a’ bàsachadh a dhìth aodaich, agus nach robh còmhdachadh aig a’ bhochd; Mura do bheannaich a leasraidh mi, agus mura do bhlàthaicheadh e le lomradh mo chaorach; Ma thog mi mo làmh an aghaidh an dìlleachdain, nuair a chunnaic mi mo chòmhnadh anns a’ gheata; Tuiteadh mo ghàirdean on t‑slinnean, agus brisear mo ruighe on chnàimh. Oir bha sgrios o Dhia na uamhas dhòmhsa, agus a‑thaobh a àirde‐san cha robh e an comas dhomh fulang. Ma chuir mi anns an òr mo dhòchas, agus ma thubhairt mi ris an òr fhìorghlan, Is tu m’earbsa; Ma rinn mi gàirdeachas a chionn gu robh mo bheartas mòr, agus a chionn gun d’fhuair mo làmh mòran; Ma dh’amhairc mi air a’ ghrèin nuair a dhealraich i, no air a’ ghealaich a’ gluasad ann an soillse, Agus gun do mhealladh mo chridhe os ìosal, agus gun do phòg mo bheul mo làmh: Is cionta seo mar an ceudna airson a’ bhritheimh; oir dh’àichinn an Dia a tha shuas. Ma rinn mi gàirdeachas ri sgrios an tì a dh’fhuathaich mi, agus ma thog mi mi fhèin suas a chionn gun tàinig olc air: Oir cha do leig mi lem bheul peacachadh le mallachadh iarraidh air a anam. Mura dubhairt fir mo phàillein, Och nach robh sinn air ar sàsachadh le a fheòil! A‑muigh cha do laigh an coigreach: mo dhoras dh’fhosgail mi don fhear‐turais. Ma cheil mi, mar Adhamh, m’easaontais, lem euceart fhalach am uchd: Nuair a bha eagal orm ro mhòr‐shluagh, no a chuir tarcais theaghlach uamhas orm, agus a bha mi am thosd, agus nach deachaidh mi a‑mach air doras. Och nach èisdeadh aon rium! Feuch, is e mo mhiann gum freagradh an t‑Uile‐chumhachdach mi, agus gun sgrìobhadh m’fhear‐casaid leabhar. Gu deimhinn air mo ghualainn ghabhainn e; cheanglainn e mar choron orm. Aireamh mo cheuman chuirinn an cèill dha; mar cheannard rachainn am fagas dha. Ma dh’èigheas m’fhearann am aghaidh, no ma ghearaineas mar an ceudna a chlaisean: Ma dh’ith mi a thoradh gun airgead, no ma thug mi air a luchd‐seilbh an anam a chall: An àite cruithneachd fàsadh droighneach, agus an àite eòrna, feanntagach. Chrìochnaicheadh briathran Iob. An sin sguir an triùir dhaoine seo de thoirt freagraidh air Iob, a chionn gu robh e ionraic na shùilean fhèin. Agus las fearg Elihu mhic Bharacheil am Busitheach, de chinneadh Ram; an aghaidh Iob las a fhearg, a chionn gun d’fhìreanaich e e fhèin nas mò na Dia. Mar an ceudna an aghaidh a thriùir chàirdean las a fhearg, a chionn nach d’fhuair iad freagradh, agus gun do dhìt iad Iob. A‑nis dh’fheith Elihu gus an do labhair Iob, a chionn gum bu shine iad na esan. Nuair a chunnaic Elihu nach robh freagradh air bith ann am beul an triùir dhaoine seo, an sin las a fhearg. Agus fhreagair Elihu mac Bharacheil am Busitheach, agus thubhairt e, Tha mise òg, agus sibhse aosmhor; uime sin bha eagal orm, agus bha mi sgàthach mum bharail a nochdadh dhuibh. Thubhairt mi, Labhradh làithean, agus teagaisgeadh lìonmhorachd bhliadhnachan gliocas. Ach tha spiorad anns an duine, agus bheir anail an Uile‐chumhachdaich tuigse dha. Cha bhi daoine mòra a‑ghnàth glic; agus cha tuig na h‑aosmhoir breitheanas. Uime sin thubhairt mi, Eisdibh rium; nochdaidh mise mar an ceudna mo bharail. Feuch, dh’fheith mi ri ur briathran; dh’èisd mi ri ur reusanan, gus an do rannsaich sibh ciod a theireadh sibh. Seadh, thug mi fa‑near sibh; agus, feuch, cha robh aon agaibh a dhearbh an aghaidh Iob, no a thug freagradh air a bhriathran; Air eagal gun abradh sibh, Fhuair sinn a‑mach gliocas: is e Dia a thilgeas sìos e, chan e duine. A‑nis cha do chuir e a bhriathran an òrdagh am aghaidh‐sa; agus le ur faclan‐se cha fhreagair mise e. Bha uamhas orra; cha do fhreagair iad na bu mhò; sguir iad de labhairt. Agus dh’fheith mi, ach cha do labhair iad; ach sheas iad, agus cha do fhreagair iad na bu mhò. Freagraidh mise mar an ceudna mo chuid fhèin; nochdaidh mise mar an ceudna mo bharail. Oir tha mi làn de bhriathran; tha spiorad mo chuim gam èigneachadh. Feuch, tha mo chom mar fhìon gun dol as aige; mar shearragan nuadha, tha e ullamh gu bhith air a reubadh. Labhraidh mi, agus bidh lasachadh agam; fosglaidh mi mo bhilean, agus freagraidh mi. Na gabham‐sa, guidheam ort, ri gnùis duine air bith; agus ri duine na labhram gu miodalach. Oir chan aithne dhòmhsa cainnt mhiodalach: nam b’aithne, gu h‑aithghearr bheireadh mo Chruithear air falbh mi. Uime sin, a Iob, cluinn, guidheam ort, mo bhriathran, agus èisd rim bhriathran uile. Feuch, a‑nis dh’fhosgail mi mo bheul; labhair mo theanga ann am bheul. O ionracas mo chridhe thig mo bhriathran; agus labhraidh mo bhilean eòlas gu soilleir. Rinn spiorad Dhè mi, agus thug anail an Uile‐chumhachdaich beatha dhomh. Mas urrainn thu, freagair mi, cuir do bhriathran an òrdagh am làthair, seas suas. Feuch, tha mise, mar a tha thu fhèin, o Dhia; as a’ chrèidh dhealbhadh mise mar an ceudna. Feuch, cha chuir m’uamhas‐sa eagal ort, agus cha bhi mo làmh trom ort. Gu cinnteach labhair thu am èisdeachd, agus chuala mi guth do bhriathrar, ag ràdh, Glan tha mi, gun easaontas; neo‐chiontach tha mi, agus chan eil euceart annam. Feuch, tha e a’ faghail chùisean am aghaidh; tha e gam mheas mar a nàmhaid; The e a’ cur mo chas anns a’ cheap; tha e a’ geur‐amharc air mo cheuman gu lèir. Feuch, an seo chan eil thu ceart; freagraidh mi thu gur mò Dia na duine. Carson a chuireas tu na aghaidh? Oir ann an aon air bith de a nithean cha toir e cunntas. Oir aon uair labhraidh Dia, agus an dara uair chan amhairc e thairis air. Ann an aisling, ann an sealladh na h‑oidhche, nuair a thuiteas cadal trom air daoine, nuair a bhios iad nan suain air an leabaidh; An sin fosglaidh e cluasan dhaoine, agus seulaichidh e an teagasg, A‑chum gun tarraing e duine o a dhèanadas, agus gum falaich e uabhar o dhuine; Gun cùm e a anam on t‑sloc, agus a bheatha o sgrios leis a’ chlaidheamh. Oir smachdaichear e le pèin air a leabaidh, agus lìonmhorachd a chnàmh le pèin làidir: Air chor is gun gabh a bheatha gràin de aran, agus a anam de bhiadh deagh‐bhlasda. Caithear a fheòil air chor is nach faicear i; agus a chnàmhan nach facas, seasaidh a‑mach. Agus tàirngidh a anam am fagas don uaigh, agus a bheatha do na milltearan. Ma bhios teachdaire aige, eadar‐theangair, aon am measg mhìle, a nochdadh a ionracais do dhuine; An sin gabhaidh e truas dheth, agus their e, Saor e o dhol sìos don t‑sloc; fhuair mi èirig. Bidh a fheòil nas ùire na feòil leinibh; thig e air ais gu làithean a òige: Nì e ùrnaigh ri Dia, agus gabhaidh e gu coibhneil ris; agus chì e a ghnùis le gàirdeachas; oir ìocaidh e do dhuine a ionracas. Amhaircidh e air daoine, agus ma their aon duine, Pheacaich mi, agus chlaon mi an nì a bha ceart, agus cha robh e a‑chum tairbhe dhomh; Saoraidh e a anam o dhol sìos don t‑sloc, agus chì a bheatha solas. Feuch, na nithean sin uile obraichidh Dia gu minig a‑thaobh duine. A thoirt a anama air ais on t‑sloc gu bhith air a shoillseachadh le solas nam beò. Thoir fa‑near, a Iob, èisd rium; bi ad thosd, agus labhraidh mi. Ma tha a’ bheag agad ri ràdh, freagair mi: labhair, oir bu mhiann leam do shaoradh. Mura eil, èisd thusa riumsa: bi ad thosd, agus teagaisgidh mise dhut gliocas. A thuilleadh air seo fhreagair Elihu, agus thubhairt e, Cluinnibh mo bhriathran, a dhaoine glice, agus èisdibh rium, sibhse aig a bheil eòlas: Oir dearbhaidh a’ chluas briathran, agus blaisidh am beul biadh. Roghnaicheamaid dhuinn fhèin breitheanas: biodh fhios againn eadarainn fhèin ciod an nì a tha math. Oir thubhairt Iob, Tha mi ionraic; agus thug Dia air falbh mo bhreitheanas. Ann am bhreitheanas tha mi air mo mhealladh: tha mo lot do‑leighis, as eugmhais easaontais. Cò an duine a tha cosmhail ri Iob, a dh’òlas suas magadh mar uisge? A dh’imicheas ann an cuideachd luchd‐dèanamh na h‑euceirt, agus a shiùbhlas le droch dhaoine. Oir thubhairt e, Chan eil tairbhe ann do dhuine tlachd a ghabhail ann an Dia. Uime sin èisdibh rium, sibhse a dhaoine tuigseach: Fada gu robh aingidheachd o Dhia, agus euceart on Uile‐chumhachdach. Oir gnìomh duine ìocaidh e dha agus bheir e air gach duine gum faigh e a rèir a shlighe. Seadh, gu cinnteach cha dèan Dia gu h‑aingidh, agus cha chlaon an t‑Uile‐chumhachdach breitheanas. Cò a chuir an talamh fo a chùram, agus cò a shuidhich an domhan uile? Ma chuireas e a chridhe air, ma chruinnicheas e da ionnsaigh fhèin a spiorad agus a anail; Bàsaichidh gach uile fheòil le chèile, agus tillidh an duine a‑rìs don duslach. A‑nis ma tha tuigse agad, cluinn seo; èisd ri guth mo bhriathar: An riaghail esan fhèin aig a bheil fuath do cheartas? Agus an dìt thu esan as ro‑cheirte? An abrar ri rìgh, Tha thu aingidh? Ri daoine urramach, Tha sibh ain‐diadhaidh? Ris‐san nach gabh ri gnùis uachdaran, agus nach meas an saoibhir nas mò na am bochd? Oir is iad uile obraichean a làmh. Gu h‑obann gheibh iad bàs, agus mu mheadhon‐oidhche cuirear an sluagh fo bhuaireas, agus siùbhlaidh iad: agus bheirear an cumhachdach air falbh gun làmh. Oir tha a shùilean air slighean duine, agus chì e a cheuman gu lèir. Chan eil dorchadas no sgàil bàis ann, far am falaich luchd‐dèanamh na h‑aingidheachd iad fhèin. Oir cha leig e tuilleadh is a chòir air duine, a‑chum gun rachadh e ann am breitheanas ri Dia. Brisidh e sìos daoine cumhachdach gun àireamh, agus cuiridh e suas daoine eile nan àite. Uime sin is aithne dha an gnìomharan, agus tilgidh e bun‐os‑cionn iad anns an oidhche, agus sgriosar iad. Mar dhroch dhaoine buailidh e iad ann an sealladh soilleir dhaoine eile: A chionn gun do thionndaidh iad air an ais uaithe, agus nach tug iad fa‑near aon air bith de a shlighean. Air chor is gun tug iad air glaodh nam bochd teachd da ionnsaigh, agus gun cuala e glaodh nan truaghan. Nuair a bheir esan fois, cò a nì buaireas? Agus nuair a dh’fhalaicheas e a ghnùis, cò a chì e? Mas ann a‑thaobh cinnich, no a‑thaobh duine a‑mhàin. A‑chum nach rìghich duine a bhios na chealgair, air eagal gum biodh an sluagh air an ribeadh. Gu cinnteach ri Dia tha e iomchaidh ra ràdh, Ghiùlain mi smachdachadh, cha chiontaich mi nas mò. An nì nach lèir dhomh, teagaisg thusa dhomh: ma rinn mi aingidheachd, cha dèan mi sin nas mò. An ann a rèir do thoile‐sa a bu chòir an nì a bhith? Dìolaidh e e, ma dhiùltas tusa, oir is tu fhèin a roghnaicheas, agus cha mhise; uime sin an nì as aithne dhut labhair. Innseadh daoine tuigseach dhomh, agus èisdeadh duine glic rium. Labhair Iob gun eòlas, agus bha a bhriathran as eugmhais gliocais. Is e mo mhiann Iob a bhith air a dhearbhadh a‑chum na crìche, airson a fhreagraidhean le daoine aingidh. Oir tha e a’ cur ceannairc ra pheacadh, a’ bualadh a bhas nar measg, agus a’ dèanamh a bhriathran lìonmhor an aghaidh Dhè. Fhreagair Elihu a‑rìs, agus thubhairt e, An saoil thusa seo a bhith ceart, gun dubhairt thu, Tha m’fhìreantachd‐sa os cionn fìreantachd Dhè; Oir thubhairt thu, Ciod an tairbhe a bhios ann dhutsa? Agus, ciod a’ bhuannachd a bhios ann dhòmhsa, ma shaorar mi om pheacadh? Freagraidh mise thu, agus do chompanaich maille riut. Amhairc air na nèamhan, agus, feuch; agus faic na neòil as àirde na thu. Ma pheacaicheas tu, ciod a nì thu na aghaidh‐san? Agus ma dh’fhàsas d’easaontais lìonmhor, ciod a nì thu airsan? Ma bhios tu ionraic, ciod a bheir thu dhàsan? No ciod a gheibh e od làimh? Faodaidh d’aingidheachd cron a dhèanamh do dhuine mar a tha thusa, agus d’fhìreantachd a bhith tairbheach do mhac an duine. Glaodhaidh iadsan a tha air an sàrachadh le mòran, èighidh iad airson gàirdean na mòr‐chuideachd. Ach chan abair aon neach, Càit a bheil Dia mo Chruithear, a tha a’ tabhairt dhàn seachad anns an oidhche, A tha gar teagasg nas mò na ainmhidhean na talmhainn, agus gar dèanamh nas glice na eunlaith nan speur? An sin èighidh iad, ach cha fhreagair neach air bith iad, airson uabhar dhroch dhaoine. Gu cinnteach chan èisd Dia ri dìomhanas, agus cha bhi meas aig an Uile‐chumhachdach air. Ged their thu nach faic thu e, tha breitheanas na làthair; uime sin earb thusa as. Ach a‑nis a chionn nach eil e mar sin, dh’fhiosraich e na chorraich; gidheadh chan aithne dha sin ann an deuchainn mhòir. Uime sin fosglaidh Iob a bheul gu dìomhain: nì e briathran lìonmhor gun eòlas. Agus chaidh Elihu air aghaidh, agus thubhairt e, Leig dhomh beagan, agus nochdaidh mi dhut gu bheil fhathast nì agam ri labhairt airson Dhè. Tàirngidh mi m’eòlas o chèin, agus dom Chruithear bheir mi ceartas. Oir gu cinnteach cha bhi mo bhriathran breugach: tha esan a tha iomlan ann an eòlas maille riut. Feuch, tha Dia cumhachdach, agus cha dèan e tàir; cumhachdach ann an neart le gliocas. Cha ghlèidh e beò an t‑aingidh; ach bheir e ceartas do na bochdan. Cha tarraing e a shùilean on ionracan; ach tha iad le rìghrean air an rìgh‐chathair, agus daingnichidh e iad gu bràth, agus àrdaichear iad. Agus ma bhios iad ceangailte an geimhlean ma ghlacar iad ann an cùird àmhghair; An sin nochdaidh e dhaibh an obair agus an easaontais, gu robh iad anabarrach. Agus fosglaidh e an cluas a‑chum fòghlaim, agus àithnidh e dhaibh tilleadh o euceart. Ma dh’èisdeas iad ris agus ma nì iad seirbhis dha, caithidh iad an làithean ann an saoibhreas, agus am bliadhnachan ann an subhachas. Ach mura èisd iad, cuirear as dhaibh leis a’ chlaidheamh, agus gheibh iad bàs gun eòlas. Ach càrnaidh na cealgairean anns a’ chridhe suas fearg; chan èigh iad nuair a cheanglas e iad. Gheibh iad bàs nan òige, agus tha am beatha am measg nan neòghlan. Saoraidh e am bochd na àmhghar; agus fosglaidh e an cluasan nan sàrachadh. Eadhon mar sin dh’atharraicheadh e thusa à meadhon teanntachd gu àite farsaing, far nach eil teanntachd air bith; agus bhiodh na chuirte air do bhòrd làn de shaill. Ach choilean thu breitheanas an aingidh: gabhaidh breitheanas agus ceartas greim dhìot. A chionn gu bheil fearg riut, thoir an aire nach toir e air falbh thu le a bhuille: an sin cha saor èirig mhòr thu. Am meas e do shaoibhreas? Cha mheas, no òr, no uile neart cumhachd. Na miannaich an oidhche nuair a ghearrar as sluagh nan àite. Tabhair an aire nach claon thu gu euceart; oir seo roghnaich thu thar àmhghar. Feuch, àrdaichidh Dia le a chumhachd; cò a theagaisgeas cosmhail ris‐san? Cò a dh’fhiosraich a shlighe? Agus cò a dh’fhaodas a ràdh, Rinn thu euceart? Cuimhnich gun àrdaich thu a obair‐san, a chì daoine. Chì na h‑uile dhaoine i: chì duine i o chèin. Feuch, tha Dia mòr, agus chan aithne dhuinne e; agus cha rannsaichear a‑mach àireamh a bhliadhnachan. Oir nì e meanbh na braoin uisge: taomaidh iad a‑nuas uisge a rèir a cheò, A shileas na neòil; frasaidh iad air an duine gu pailt. A bhàrr air seo, an urrainn neach air bith sgaoileadh nan neul a thuigsinn, no fuaim a phàillein? Feuch, sgaoilidh e a sholas air, agus còmhdaichidh e ìochdar na fairge. Oir leo sin bheir e breith air an t‑sluagh; bheir e biadh seachad ann am pailteas. Le a làmhan còmhdaichidh e an solas, agus àithnidh e dha teachd a‑rìs. Nochdaidh an fhuaim aige a‑thaobh sin, an sprèidh mar an ceudna a‑thaobh na thèid suas. Mar an ceudna uime seo chriothnaich mo chridhe, agus charaicheadh as a àit e. Eisdibh gu furachair ri fuaim a ghutha, agus an torman a thèid a‑mach as a bheul. Fo na nèamhan uile stiùraidh e e, agus a dhealanach gu crìochan na talmhainn. Na dhèidh sin beucaidh guth: nì e tàirneanach le guth a mhòralachd; agus cha chùm e air an ais iad nuair a chluinnear a ghuth. Nì Dia tàirneanach le a ghuth gu h‑iongantach; nì e nithean mòra do‑thuigsinn. Oir ris an t‑sneachd their e, Bi‑sa air an talamh; mar an ceudna ris an uisge mheanbh, agus ri uisge mòr a neirt. Air làimh gach duine cuiridh e seula, a‑chum gun aithnich na h‑uile dhaoine a obair‐san. Agus thèid na fiadh‐bheathaichean a‑steach dan garaidhean, agus nan àitean‐tàimh laighidh iad. As an àird a deas thig an ioma‑ghaoth, agus fuachd as an àird a tuath. Le anail Dhè bheirear reodhadh; cumhangaichear leud nan uisgeachan. Mar an ceudna le uisgeachadh sgìthichidh e an neul tiugh: sgaoilidh e a neul soillseach. Agus tionndaidhear mun cuairt e le a chomhairle; a‑chum gun dèan iad ge bè nì a dh’àithneas e dhaibh air aghaidh a’ chruinne‐chè. Bheir e air teachd, mas ann a‑chum smachdachaidh, no airson a fhearainn, no airson tròcair. Eisd ri seo, a Iob; seas, agus tabhair fa‑near obraichean iongantach Dhè. A bheil fhios agad cuin a dh’òrdaich Dia iad, agus a thug e air solas a neòil dealrachadh? A bheil fhios agad air cothromachadh nan neul, air obraichean iongantach an tì a tha iomlan ann an eòlas? Cionnas a tha d’aodach blàth, nuair a chiùinichear an talamh leis a’ ghaoith a deas? An do sgaoil thu a‑mach maille ris‐san na speuran, a tha làidir, mar sgàthan leaghte? Nochd dhuinn ciod a their sinn ris: chan urrainn sinn ar cainnt a chur an òrdagh a‑thaobh dorchadais. An innsear dha nuair a labhras mi? Ma labhras duine, gu cinnteach sluigear suas e. Agus a‑nis chan fhaic daoine an solas dealrach a tha anns na neòil: ach siùbhlaidh a’ ghaoth, agus glanaidh i iad. As an àird a tuath thig soineann: aig Dia tha mòrachd uamhasach. An t‑Uile‐chumhachdach, chan urrainn sinn fhaghail a‑mach: tha e òirdheirc ann an cumhachd, agus ann am breitheanas, agus ann an làn cheartas: cha sàraich e. Uime sin bidh eagal air daoine roimhe: cha bhi meas aige air duine sam bith a bhios glic an cridhe. An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt‐ghaoith, agus thubhairt e, Cò e seo a tha a’ dorchachadh comhairle le briathran gun eòlas? Crioslaich a‑nis mar fhear do leasraidh, agus feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi. Càit an robh thu nuair a leag mise bunaitean na talmhainn? Innis, ma tha tuigse agad. Cò a shuidhich a thomhaisean, mas aithne dhut, no cò a shìn an t‑sreang‐thomhais air? Ciod air a bheil a bhunaitean air an daingneachadh, no cò a leag a chlach‐oisinn, Nuair a sheinn reultan na maidne cuideachd, agus a rinn uile mhic Dhè gàirdeachas? No cò a dhruid a‑staigh an fhairge le dorsan nuair a bhris i a‑mach mar gun tigeadh i as a’ bhroinn; Nuair a rinn mi neul na thrusgan dhi, agus tiugh dhorchadas na chrios‐pasgaidh dhi; Agus a bhris mi suas dhi m’àite suidhichte, agus a rinn mi dhi crannan agus dorsan; Agus a thubhairt mi, Gu ruig seo thig thu, ach cha tig nas fhaide, agus an seo caisgear do thonnan uaibhreach? O thoiseach do làithean an tug thu àithne don mhadainn? An tug thu fios a h‑àite don sgarthanaich? A‑chum greim a ghabhail de chrìochan na talmhainn, agus gun crathte na h‑aingidh as. Tionndaidhear e mar chriadh ris an t‑seula; agus seasaidh iadsan mar aodach. Agus cumar an solas o na h‑aingidh, agus brisear an gàirdean àrd. An deachaidh tu a‑steach gu tobraichean na fairge? No ann an rannsachadh an dubh‐aigein an d’imich thu? An d’fhosgladh geatachan a’ bhàis dhut? No am faca tu dorsan sgàil a’ bhàis? An tug thu fa‑near leud na talmhainn? Innis, mas aithne dhut e uile. Càit a bheil an t‑slighe anns an còmhnaich an solas? Agus an dorchadas, càit a bheil a ionad‐san? Gun gabhadh tu e ga chrìch, agus gum b’aithne dhut na ceuman a dh’ionnsaigh a thaighe? An aithne dhut e, a chionn gun do rugadh tu an sin, no gu bheil àireamh do bhliadhnachan mòr? An deachaidh tu a‑steach gu ionmhasan an t‑sneachda? No am faca tu ionmhasan na cloiche‐meallain, A thaisg mise fa chomhair aimsir na teanntachd, fa chomhair là a’ chatha agus a’ chogaidh? Cia an rathad a dhealaichear an solas, a sgaoileas a’ ghaoth an ear air an talamh? Cò a roinn sruth‐chlais airson na tuile, agus slighe airson dealanach na tàirneanaich; A thoirt air frasadh air an talamh far nach eil duine; air an fhàsach gun duine ann; A shàsachadh an fhàsaich agus an dìthreibh, agus a thoirt air cinneas an luis mhaoith fàs suas? A bheil athair aig an uisge? No cò a ghin braoin an drùchda? A broinn cò an tàinig an eigh? Agus liath‐reodhadh nan speur, cò a ghin e? Mar chloich tha na h‑uisgeachan air an cruadhachadh, agus aghaidh na doimhne air reodhadh. Am faod thusa cumhachdan milis Phleiades a cheangal, no ceanglaichean Orioin fhuasgladh? An toir thu a‑mach Madsarot na àm? No an stiùir thu Arcturus maille ra mhic? An aithne dhut reachdan nan nèamh? An suidhich thu an uachdaranachd air an talamh? An tog thu suas a dh’ionnsaigh nan neul do ghuth, air chor is gun còmhdaich pailteas uisgeachan thu? An cuir thu uat dealanaich, agus an tèid iad, agus an abair iad riut, Tha sinn an seo? Cò a chuir gliocas anns an taobh a‑staigh? No cò a thug tuigse don chridhe? Cò a dh’àireamhas na neòil an gliocas? No cò a chaisgeas searragan nan nèamh; Nuair a dh’fhàsas an duslach na mheall cruaidh, agus a dhlùth‐leanas na fòidean ri chèile? An sealg thusa cobhartach don leòmhann bhoireann, agus an sàsaich thu cìocras nan leòmhann òga; Nuair a chrùbas iad nan garaidhean, a dh’fhanas iad ann an sgàil a‑chum feall‐fheitheimh? Cò a sholaras don fhitheach a lòn? An uair a dh’èigheas an t‑àl òg aige ri Dia, thèid iad air iomrall a chion bìdh. An aithne dhutsa an t‑àm anns am beir gobhair fhiadhaich na creige? An toir thu fa‑near cuin a bheireas na h‑èildean laoigh? An urrainn thu na mìosan àireamh a choileanas iad, agus an aithne dhut an t‑àm anns am beir iad? Cromaidh iad iad fhèin, beiridh iad an àl, tilgidh iad dhiubh an do‑bhròn. Tha an àl ann an culaidh mhaith, tha iad a’ fàs suas anns na cluainean; thèid iad a‑mach, agus cha till iad dan ionnsaigh. Cò a chuir a‑mach an t‑asal fiadhaich saor, agus cò a dh’fhuasgail ceanglaichean an asail fhiadhaich? Don do rinn mi a thaigh den fhàsach, agus a àite‐còmhnaidh den fhearann neo‐thorrach. Nì e tarcais air mòr‐shluagh a’ bhaile; ri èigheach an fhir‐ghreasaidh chan èisd e. Rannsaichidh e na slèibhtean a‑chum ionaltraidh, agus siridh e an dèidh gach nì uaine. Am bi an t‑aon‐adharcach toileach air seirbhis a dhèanamh dhut? Am fan e aig do phrasaich? An ceangail thu an t‑aon‐adharcach le a chuing anns a’ chlais? No an cliath e na gleanntan ad dhèidh? An earb thu as, a chionn gur mòr a neart? No am fàg thu d’obair dha? An creid thu e gun aisig e do shìol, agus gun cruinnich e e dod ùrlar‐bualaidh? An tusa a thug sgiathan brèagha do na peucagan? No sgiathan agus iteach don struth; A dh’fhàgas a h‑uibhean anns an talamh, agus a bhlàthaicheas iad anns an duslach, Agus a dhìochuimhnicheas gum faod cas am bruthadh, no fiadh‐bheathach na machrach am briseadh? Cruadhaichear i an aghaidh a h‑àlaich, mar nach bu leatha iad: dìomhain tha a saothair gun eagal; A chionn gun do dhiùlt Dia dhi gliocas, agus nach do roinn e tuigse rithe. Ge bè uair a thogas i i fhèin an àird, nì i tàir air an each, agus air a mharcach. An tug thusa neart don each? An d’èidich thu a mhuineal le tàirneanaich? An dèan thu gealtach e mar an leumnach‐uaine? Is uamhasach glòir a chuinneinean. Bùraichidh e le a chois anns a’ ghleann, agus nì e gàirdeachas na neart: thèid e air aghaidh an coinneamh an airm. Nì e magadh air eagal, agus cha bhi uamhann air, agus cha till e air ais o fhaobhar a’ chlaidheimh. Nì am balg‐saighid torman na aghaidh, an t‑sleagh loinnreach agus an gath. Le gairge agus feirg cladhaichidh e an talamh; agus cha chreid e gur i fuaim na trompaid a tha ann. Am meadhon fuaim na trompaid their e, Ha, ha! agus fad as gabhaidh e boladh a’ chatha, tàirneanaich nan ceannard, agus na h‑iolaich. An ann led ghliocas‐sa a dh’itealaicheas an t‑seabhag, a shìneas i a sgiathan a làimh na h‑àird a deas? An ann air d’àithne‐sa a dh’èireas an iolaire suas, agus a nì i a nead gu h‑àrd? Gabhaidh i còmhnaidh anns a’ charraig, agus fanaidh i air sgòrr na carraig, agus anns an daingneach. As a sin iarraidh i cobhartach; chì a sùilean fad as. Agus sùgaidh a h‑àlach suas fuil; agus far am bi na mairbh, an sin bidh ise. A thuilleadh air seo fhreagair an Tighearna Iob, agus thubhairt e, An teagaisg esan a nì strì ris an Uile‐chumhachdach? Esan a thagras ri Dia, freagradh e air a shon. Agus fhreagair Iob an Tighearna agus thubhairt e, Feuch, tha mi gràineil; ciod a fhreagras mi dhut? Cuiridh mi mo làmh air mo bheul. Aon uair labhair mi, ach cha fhreagair mi; seadh, dà uair, ach chan abair mi tuilleadh. An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt‐ghaoith, agus thubhairt e, Crioslaich a‑nis mar dhuine do leasraidh: feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi. An toir thusa mo bhreitheanas‐sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin? A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris‐san? Sgeadaich thu fhèin a‑nis le mòrachd agus le òirdheirceas, agus èidich thu fhèin le glòir agus maise. Taom a‑mach fraoch d’fheirge, agus faic gach neach a tha uaibhreach, agus irioslaich e. Faic gach neach a tha uaibhreach, ìslich e, agus saltair sìos na droch dhaoine nan àite. Falaich iad anns an duslach le chèile, ceangail an aghaidhean ann an diamhaireachd. An sin mar an ceudna aidichidh mise dhut gun saor do dheaslàmh fhèin thu. Feuch a‑nis Behemot, a rinn mise maille riut; ithidh e feur mar dhamh. Feuch a‑nis, tha a neart na leasraidh, agus a spionnadh ann an imleig a bhronn. Gluaisidh e a earball mar sheudar: tha fèithean‐luthaidh a shlèisdean ceangailte ri chèile. Tha a chnàmhan làidir mar umha; tha a chnàmhan mar chroinn iarainn. Is e tùs slighean Dhè e: an tì a chruthaich e, faodaidh esan a chlaidheamh a thoirt am fagas dha. Gu cinnteach bheir na slèibhtean dha feur, far am bi uile bheathaichean na machrach ri sùgradh. Fo na croinn dhubharach laighidh e, ann am falach na cuilce agus na làthaich. Còmhdaichidh na croinn dhubharach e len sgàil: cuartaichidh seileach an t‑sruthain e. Feuch, thig abhainn gu cruaidh air, agus cha dèan e deifir: bidh dòchas aige nuair a thig Iòrdan a‑mach ga bheul. Na shùilean an glac duine e? Le dubhain an toll e a shròn? An tarraing thu a‑mach Lebhiatan le dubhan, no a theanga le còrd a leigeas tu sìos? An cuir thu cromag na shròin, agus le deilg an toll thu a ghial? An dèan e mòran aslachaidh ort? An labhair e briathran mìne riut? An dèan e coicheangal riut? An gabh thu e mar sheirbhiseach gu bràth? An dèan thu cluich ris mar ri eun? No an ceangail thu e dod ghruagaichean? An dèan na companaich cuirm dheth? An roinn iad e am measg nan ceannaichean? An lìon thu le gathan a chroiceann, no le morghathan èisg a cheann? Cuir do làmh air, cuimhnich an cath, na dèan tuilleadh. Feuch, is dìomhain a dhòchas‐san: eadhon aig a shealladh nach tilgear duine sìos? Nach borb e nuair a dhùisgeas neach e? Agus cò esan a sheasas na làthair? Cò a ghabh romham, agus gun dìolainn? Gach nì a tha fo na nèamhan uile is leamsa e. Cha cheil mi a bhuill, no a neart, no a dhealbh sgiamhach. Cò a dh’fhoillsicheas aghaidh a aodaich? Cò a thig da ionnsaigh le a shrian dùbailte? Cò a dh’fhosglas dorsan a aghaidh? Tha a fhiaclan uamhasach mun cuairt. Is iad a lannan a uaill, dùinte suas le chèile mar le seula daingeann; Aon air a cur ri aon eile, air chor is nach tig deò eatorra. Tha iad air an tàthadh ri chèile, tha iad a’ dlùth‐leantainn ri chèile, agus cha ghabh iad dealachadh. Le a shitrich soillsichidh solas; agus tha a shùilean cosmhail ri rosgan na maidne. As a bheul thèid leusan; leumaidh sradan teine a‑mach. A cuinneinean a shròine thig deatach a‑mach, mar à poit air ghoil, no coire. Lasaidh a anail gual, agus thèid lasair a‑mach as a bheul. Na mhuineal còmhnaichidh neart, agus roimhe ruithidh bròn. Tha fillidhean a fheòla a’ leantainn ri chèile: tha iad daingeann annta fhèin, cha ghabh iad gluasad. Tha a chridhe cruaidh mar chloich, cruaidh eadhon mar chloich‐mhuilinn ìochdaraich. Nuair a thogas e e fhèin suas, bidh na cumhachdaich fo gheilt: air eagal brisidh glanaidh iad iad fhèin. Cha seas claidheamh an tì a bheanas ris; an t‑sleagh, an gath, no lùireach. Measaidh e mar chonnlaich an t‑iarann, mar fhiodh grod an t‑umha. Cha toir an t‑saighead air teicheadh; nan connlaich tionndaidhear leis clachan a’ chroinn‐tabhaill. Mar chonnlaich measar gathan; agus nì e gàire ri crathadh sleagha. Foidhe tha clachan geura: sgaoilidh e nithean geura air an làthaich. Bheir e air an doimhne a bhith air ghoil mar choire: an fhairge nì e mar phoit ola‑ungaidh. Na dhèidh bheir e air a shlighe soillseachadh: saoilidh neach an t‑aigean a bhith liath. Air thalamh chan eil a shamhail, a rinneadh as eugmhais eagail. Chì e gach nì àrd: tha e na rìgh os cionn uile chlann an uabhair. An sin fhreagair Iob an Tighearna, agus thubhairt e, Tha fhios agam gur urrainn thusa gach nì a dhèanamh, agus nach ceilear smuain air bith ort. Cò esan a cheileas comhairle gun eòlas? Uime sin chuir mi an cèill nithean nach do thuig mi; nithean tuilleadh is iongantach air mo shon‐sa, nach b’aithne dhomh. Eisd, guidheam ort, agus labhraidh mi: feòraichidh mi dhìot, agus foillsich thusa dhomh. Le èisdeachd na cluaise chuala mi thu; ach a‑nis chunnaic mo shùil thu. Uime sin gabhaidh mi gràin dhìom fhèin, agus nì mi aithreachas ann an duslach agus ann an luaithre. Ach an dèidh don Tighearna na briathran sin a labhairt ri Iob, thubhairt an Tighearna ri Eliphas an Temanach, Tha m’fhearg air a lasadh ad aghaidh‐sa, agus an aghaidh do dhithis chàirdean, a chionn nach do labhair sibh am thaobh‐sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob. Agus uime sin gabhaibh dhuibh fhèin seachd tairbh òga agus seachd reitheachan, agus rachaibh a dh’ionnsaigh m’òglaich Iob, agus ìobraibh ìobairt‐loisgte air ur son fhèin; agus nì m’òglach Iob ùrnaigh air ur son, oir ris‐san gabhaidh mi: a‑chum nach buin mi ribh a rèir ur n‑amaideachd, a chionn nach do labhair sibh am thaobh‐sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob. Agus chaidh Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach, agus rinn iad mar a dh’àithn an Tighearna dhaibh: agus ghabh an Tighearna ri Iob. Agus thionndaidh an Tighearna braighdeanas Iob, nuair a rinn e ùrnaigh airson a chàirdean: agus thug an Tighearna do Iob a dhà uiread is a bha aige roimhe. Agus thàinig a bhràithrean uile da ionnsaigh, agus a pheathraichean uile, agus iadsan uile dom b’aithne e roimhe, agus dh’ith iad aran maille ris na thaigh; agus bha truas aca dheth, agus thug iad comhfhurtachd dha a‑thaobh an uilc uile a thug an Tighearna air: agus thug iad dha gach aon dhiubh bonn airgid, agus gach aon dhiubh cluas‐fhàinne òir. Agus bheannaich an Tighearna crìoch Iob nas mò na a thoiseach; agus bha aige ceithir‐mìle‐deug caora, agus sia mìle càmhal, agus mìle cuing dhamh, agus mìle asal bhoireann. Agus bha aige seachd mic, agus triùir nighean. Agus thug e Iemima mar ainm air a’ chiad nighinn, agus Cesiah mar ainm air an dara, agus Ceren‐hapuch mar ainm air an treas nighinn. Agus cha d’fhuaireadh mnathan cho sgiamhach ri nigheanan Iob anns an tìr uile; agus thug an athair dhaibh oighreachd am measg am bràithrean. Agus bha Iob beò na dhèidh seo ceud agus dà‑fhichead bliadhna; agus chunnaic e a mhic, agus mic a mhac, ceithir ginealaichean. Agus fhuair Iob bàs na sheann duine agus làn de làithean. Is beannaichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an cathair luchd‐fanaid: Ach aig a bheil tlachd ann an lagh an Tighearna, agus a smaoinicheas air a lagh‐san a là agus a dh’oidhche. Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e. Chan ann mar sin a bhios na h‑aingidh, ach mar mholl a sgapas a’ ghaoth. Air an adhbhar sin cha seas na h‑aingidh ann am breitheanas, no peacaich ann an coitheanal nam fìrean. Oir is aithne don Tighearna slighe nam fìrean, ach sgriosar slighe nan aingidh. Carson a ghabh na cinnich boile, agus a smaoinich na slòigh nì dìomhain? Carson a dh’èirich rìghrean na talmhainn, agus a ghabh na h‑uachdarain comhairle le chèile an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Aoin ungte‐san, ag ràdh, Briseamaid o chèile an cuibhreach, agus tilgeamaid dhinn an cuing? An tì a tha na shuidhe air nèamh, nì e gàire; nì an Tighearna fanaid orra. An sin labhraidh e riu na fheirg, agus na chorraich cuiridh e uamhann orra. Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh‐sa. Cuiridh mi an cèill òrdagh an Tighearna: thubhairt e rium, Is tu mo mhac‐sa; an‑diugh ghin mi thu. Iarr orm, agus bheir mi dhut na cinnich mar oighreachd, agus crìochan na talmhainn mar sheilbh. Brisidh tu iad le slait iarainn; mar shoitheach creadhadair, pronnaidh tu iad nam bloighdean. A‑nis, matà, a rìghrean, bithibh glic; gabhaibh fòghlam, a bhritheamhan na talmhainn. Dèanaibh seirbhis don Tighearna le eagal, agus dèanaibh gàirdeachas le ball‐chrith. Pògaibh am Mac air eagal gum bi fearg air, agus gun sgriosar sibh anns an t‑slighe, nuair a lasas ach gu beag a chorraich. Is beannaichte iadsan uile a dh’earbas as. A Thighearna, nach lìonmhor a dh’fhàs mo naimhdean? Is iomadh iad a tha ag èirigh am aghaidh. Is iomadh iad a their rim anam nach eil furtachd aige ann an Dia. Selah. Ach tha thusa, a Thighearna, ad sgèith dhòmhsa; mo ghlòir agus fear‐togail mo chinn. Lem ghuth dh’èigh mi ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium as a shliabh naomh. Selah. Laigh mi sìos agus chaidil mi: dhùisg mi, oir chùm an Tighearna suas mi. Chan eagal leam deich mìle sluaigh, a chuir iad fhèin am aghaidh air gach taobh. Eirich, a Thighearna; saor mi, O mo Dhia; oir bhuail thu mo naimhdean uile air an gial; bhris thu fiaclan nan aingidh. Is leis an Tighearna an fhurtachd; air do shluagh tha do bheannachd. Selah. Nuair a dh’èigheas mi, èisd rium, a Dhè m’ionracais; nuair a bha mi ann an teinn, dh’fhuasgail thu orm; dèan tròcair orm, agus èisd rim ùrnaigh. A chlann nan daoine, cia fhad a thionndaidheas sibh mo ghlòir a‑chum nàire, a ghràdhaicheas sibh dìomhanas, a shireas sibh an dèidh bhreug? Selah. Ach biodh fhios agaibh gun do roghnaich an Tighearna an duine naomh dha fhèin; èisdidh an Tighearna nuair a dh’èigheas mi ris. Biodh eagal oirbh, agus na peacaichibh; labhraibh ri ur cridhe air ur leabaidh, agus bithibh tosdach. Selah. Iobraibh ìobairtean ionracais, agus earbaibh as an Tighearna. Tha mòran ag ràdh, Cò a nochdas dhuinn nì math? Tog oirnne solas do ghnùise, a Thighearna. Chuir thu aoibhneas ann am chridhe, nas mò na nuair as pailte an arbhar agus am fìon‐san. Ann an sìth araon laighidh mi, agus caidlidh mi; oir is tusa a‑mhàin, a Thighearna, a bheir orm còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte. Rim bhriathran èisd, a Thighearna; beachdaich air mo smuaintean. Thoir an aire do ghuth mo ghlaoidh, mo Rìgh agus mo Dhia, oir riutsa nì mi ùrnaigh. A Thighearna, air madainn cluinnidh tu mo ghuth; air madainn deasaichidh mi mi fhèin ad làthair, agus amhaircidh mi suas. Oir cha Dia thusa aig a bheil tlachd ann an aingidheachd, agus cha chòmhnaich an t‑aingidh maille riut. Cha seas na h‑amadain ad làthair; is fuath leat luchd‐dèanamh an uilc. Sgriosaidh tu luchd‐labhairt bhreug; is gràin leis an Tighearna an duine fuileachdach agus cealgach. Ach air mo shon‐sa, ann an lìonmhorachd do thròcair thig mi a‑steach dod thaigh; sleuchdaidh mi aig do theampall naomh ann ad eagal. A Thighearna, treòraich mi ann ad fhìreantachd; air sgàth mo naimhdean dèan do shlighe dìreach romham, Oir chan eil ceart nam beul; is fìor aingidheachd an taobh a‑staigh dhiubh; is uaigh fhosgailte an sgòrnan; nì iad miodal len teangaidh. Sgrios iad, a Dhè; tuiteadh iad len comhairle fhèin; airson lìonmhorachd an euceartan tilg a‑mach iad, oir rinn iad ceannairc ad aghaidh. Ach dèanadh iadsan uile aoibhneas a chuireas an dòigh annad; gu bràth dèanadh iad iolach, a chionn gun dìon thu iad; agus dèanadh iadsan luath‐ghaire annad, leis an ionmhainn d’ainm. Oir beannaichidh tusa am fìrean, a Thighearna; le deagh‐ghean cuartaichidh tu e, mar le sgèith. A Thighearna, ann ad chorraich na cronaich mi, agus ann ad fheirg na smachdaich mi. Gabh truas dhìom, a Thighearna, oir tha mi lag; slànaich mi, a Thighearna, oir tha mo chnàmhan air an cràdh; Agus tha m’anam air a chràdh gu mòr: ach thusa, a Thighearna, cia fhad? Till, a Thighearna, fuasgail m’anam; saor mi, air sgàth do thròcair. Oir anns a’ bhàs chan eil cuimhne ort; anns an uaigh cò a bheir dhut cliù? Tha mi sgìth lem osnaich; rè na h‑oidhche tha mi a’ cur mo leapa air snàmh; lem dheòir tha mi ag uisgeachadh m’uirigh. Caithear le dubhachas mo shùil; fàsaidh i sean, airson m’eascairdean gu lèir. Imichibh uam, sibhse uile a luchd‐dèanamh na h‑euceirt, oir chuala an Tighearna guth mo chaoidh. Chuala an Tighearna m’athchuinge; gabhaidh an Tighearna rim ùrnaigh. Cuirear gu nàire agus gu mòr‐amhluadh mo naimhdean gu lèir: tilleadh iad, cuirear gu h‑obann gu nàire iad. A Thighearna mo Dhia, annad cuiridh mi mo dhòigh; saor mi uapasan uile a tha an tòir orm, agus teasairg mi, Air eagal mar leòmhann gun reub e m’anam, ga liodairt, gun neach a shaoras. A Thighearna mo Dhia, ma rinn mi seo, ma tha lochd am làmhan, Ma dh’ìoc mi olc don fhear a bha an sìth rium, no ma rinn mi fòirneart airsan a bha na eascaraid dhomh gun adhbhar, Geur‐leanadh an nàmhaid m’anam, agus glacadh e e, agus saltradh e mo bheatha gu làr, agus leagadh e mo chliù anns an duslach. Selah. Eirich, a Thighearna, ad fheirg; tog suas thu fhèin airson corraich mo naimhdean, agus mosgail air mo shon a‑chum na breith a dh’àithn thu. An sin cuartaichidh coitheanal an t‑sluaigh thu; air an son‐san, uime sin, till gu ionad àrd. Bheir an Tighearna breith air an t‑sluagh; thoir breith orm, a Thighearna, a rèir m’fhìreantachd, agus a rèir m’ionracais a tha annam. Thigeadh crìoch air aingidheachd nan aingidh, ach daingnich thusa am fìrean, oir dearbhaidh tu na cridheachan agus na h‑àirnean, a Dhè chothromaich. Is e Dia mo sgiath, a shaoras iadsan a tha ceart ann an cridhe. Is britheamh cothromach Dia, agus bidh Dia ann am feirg ris a’ chiontach gach là. Mura till e, geuraichidh e a chlaidheamh; chuir e a bhogha air lagh, agus dheasaich e e. Agus dh’ullaich e air a shon innealan bàis; dhealbh e a shaighdean an aghaidh luchd geur‐leanmhainn. Feuch, tha e ri saothair le euceart; ghin e olc, agus rug e breug. Dh’fhosgail e sloc, agus chladhaich e e, agus thuit e fhèin anns a’ chlais a rinn e. Tillidh a olc air a cheann fhèin, agus thig a fhòirneart a‑nuas air a chlaigeann fhèin. Molaidh mise an Tighearna a rèir a cheartais, agus seinnidh mi cliù do ainm an Tighearna as ro‑àirde. O Iehòbhah ar Tighearna, cia òirdheirc d’ainm air feadh na talmhainn uile! a shocraich do ghlòir os cionn nan nèamh. A beul naoidhean agus chìochran dh’òrdaich thu neart, airson do naimhdean, a‑chum gun caisgeadh tu an nàmhaid agus an dìoghaltach. Nuair a dh’amhairceas mi air do nèamhan, obair do mheur; air a’ ghealaich agus na reultan, a shuidhich thu; Cò e an duine gum biodh tusa cuimhneachail air, agus mac an duine gum fiosraicheadh tu e? Rinn thu e beagan na b’ìsle na na h‑ainglean, agus chrùn thu e le glòir agus le urram. Thug thu uachdaranachd dha air obraichean do làmh; chuir thu gach nì fo a chasan; Caoraich agus buar uile, agus mar an ceudna ainmhidhean na machrach; Eunlaith nan speur, agus iasg na mara, a shiùbhlas air slighean nan cuan. O Iehòbhah ar Tighearna, cia òirdheirc d’ainm air feadh na talmhainn uile! Molaidh mi thu, a Thighearna, lem uile chridhe; cuiridh mi an cèill d’obraichean iongantach gu lèir. Nì mi aoibhneas agus gàirdeachas annad; seinnidh mi cliù dod ainm, O Thì as àirde. Nuair a thillear mo naimhdean air an ais, tuitidh iad agus thèid as dhaibh ad fhianais; Oir sheas thu dhomh mo chòir agus mo chùis; shuidh thu air do rìgh‐chathair a’ toirt breith le ceartas. Smachdaich thu na cinnich, sgrios thu na h‑aingidh; chuir thu as dan ainm gu saoghal nan saoghal. Chaidh crìoch air sgrios an nàmhaid am feasd; leag thu sìos am bailtean mòra; thèid as dan cuimhne maille riu fhèin. Ach mairidh an Tighearna gu sìorraidh; dheasaich e a rìgh‐chathair a‑chum breitheanais. Agus bheir esan breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, nì e breitheanas don t‑sluagh ann an ceartas. Agus bidh an Tighearna na dhaingneach don tì a shàraichear, na dhaingneach ann an aimsirean teanntachd. Agus cuiridh iadsan don aithne d’ainm an dòigh annad, oir cha trèig thusa, a Thighearna, iadsan a dh’iarras thu. Seinnibh cliù don Tighearna a chòmhnaicheas ann an Sion; aithrisibh am measg nan cinneach a ghnìomharan. Nuair a nì e rannsachadh air fuil, cuimhnichidh e orra; cha dìochuimhnich e glaodh nam bochd. Dèan tròcair orm, a Thighearna; amhairc air m’àmhghar a tha mi a’ fulang uapasan lem fuathach mi, O thusa a tha gam thogail suas o gheatachan a’ bhàis; A‑chum gum foillsich mi do chliù uile ann an geatachan nighean Shioin: nì mi gàirdeachas ann ad shlàinte. Thuit na cinnich sìos anns an t‑sloc a rinn iad; anns an lìon a dh’fhalaich iad chaidh an cas fhèin an sàs. Aithnichear an Tighearna anns a’ bhreitheanas a rinn e; ann an gnìomh a làmh fhèin ribear an t‑aingidh. Higaion. Selah. Cuirear na h‑aingidh gu ifrinn, na cinnich uile nach cuimhnich Dia. Oir cha dìochuimhnichear an t‑ainnis gu bràth; cha tèid as do dhòchas nam bochd gu sìorraidh. Eirich, a Thighearna, na buadhaicheadh duine; thugar breith air na cinnich ad fhianais. Cuir, a Thighearna, eagal orra, a‑chum gun aithnich na cinnich nach eil annta fhèin ach daoine. Selah. Carson, a Thighearna, a sheasas tu fad o làimh, a dh’fhalaicheas tu thu fhèin ann an aimsirean teanntachd? Na uabhar geur‐leanaidh an t‑aingidh am bochd; glacar iad anns na h‑innleachdan a dhealbh iad. Oir nì an t‑aingidh ràiteachas à miann a chridhe; agus molaidh e an duine sanntach as beag le Dia. Ann an uabhar a ghnùise chan iarr an t‑aingidh Dia; chan eil Dia na uile smuaintean. Tha a shlighean doilgheasach anns gach àm; tha do bhreitheanais àrd as a shealladh; a‑thaobh a naimhdean uile, nì e tarcais orra. Thubhairt e na chridhe, Cha ghluaisear mi; gu bràth cha bhi mi ann an àmhghar. Tha a bheul làn de mhallachadh agus de cheilg agus de mhealltaireachd; fo a theangaidh tha donas agus dìomhanas. Suidhidh e ann an ionadan‐falaich nam bailtean beaga; ann an àitean diamhair mortaidh e an neochiontach; tha a shùilean ann an uaigneas a’ dearcadh air a’ bhochd. Nì e feall‐fhalach gu diamhair, mar leòmhann na gharaidh; nì e feall‐fhalach a‑chum gun glac e an duine bochd; glacaidh e an duine bochd, ga tharraing na lìon. Crùbaidh e, cromaidh e sìos, agus tuitidh am bochd le a dhaoine làidir. Thubhairt e na chridhe, Dhìochuimhnich Dia; dh’fhalaich e a ghnùis; cha lèir dha siud am feasd. Eirich, a Thighearna Dhè, tog suas do làmh; na dìochuimhnich na daoine bochda. Carson a rinn an t‑aingidh tàir air Dia, a thubhairt e na chridhe, Chan iarr thu e? Chunnaic thu e, oir is lèir dhut olc agus mìorun, a‑chum an dìoladh led làimh: ortsa fàgaidh an duine bochd e fhèin; is tu fear‐cuideachaidh an dìlleachdain. Bris thusa gàirdean an aingidh agus an droch dhuine; rannsaich a‑mach a aingidheachd gus nach faigh thu i. Tha an Tighearna na Rìgh gu saoghal nan saoghal; sgriosadh na cinnich a‑mach as a thìr. A Thighearna, chuala tu miann nan daoine bochda; deasaichidh tu an cridhe; bheir thu air do chluais èisdeachd, A chumail còir ris an dìlleachdan agus ris an truaghan, a‑chum nach dèan duine on ùir fòirneart nas mò. As an Tighearna earbaidh mi. Carson a their sibh rim anam, Teich as mar eun gud shliabh? Oir feuch, chuir na h‑aingidh bogha air lagh; ghleus iad an saighead air sreing, a‑chum tilgeadh anns an dorchadas orrasan a tha ceart nan cridhe. Ma sgriosar na bunaitean, ciod a nì am fìrean? Tha an Tighearna na theampall naomh; tha rìgh‐chathair an Tighearna anns na nèamhan; chì a shùilean, rannsaichidh a rosgan clann nan daoine. Rannsaichidh an Tighearna am fìrean; ach an t‑aingidh, agus esan a thug spèis do fhòirneart, is fuath le a anam. Frasaidh e air na h‑aingidh ribeachan, teine agus pronnasg agus doineann uamhasach, mar chuibhreann an cupain. Oir is ionmhainn leis an Tighearna cheart ceartas; amhaircidh a ghnùis air an duine ionraic. Cuidich leam, a Thighearna, oir chan eil duine diadhaidh ann; oir theirig na h‑ionraic o mheasg clann nan daoine. Labhraidh iad dìomhanas gach neach ra choimhearsnach; le bilean miodalach, le cridhe dùbailte labhraidh iad. Sgathaidh an Tighearna na bilean miodalach uile, an teanga a labhras nithean mòra; Iadsan a thubhairt, Le ar teangaidh buadhaichidh sinn; is leinn fhèin ar bilean; cò a tha na thighearna os ar cionn? Airson fòirneart nam bochd, airson osnaich nan ainnis, a‑nis èiridh mi, arsa an Tighearna; cuiridh mi e ann an tèarainteachd uaithesan a bhagras na aghaidh. Is briathran fìorghlan briathran an Tighearna; mar airgead air a dhearbhadh ann an àmhainn chreadha, air a ghlanadh seachd uairean. Gleidhidh tusa sinn, a Thighearna; dìonaidh tu sinn on ghinealach seo gu bràth. Gluaisidh na h‑aingidh air gach taobh, nuair a dh’àrdaichear iadsan as suaraiche de chloinn nan daoine. Cia fhad, a Thighearna, a dhìochuimhnicheas tu mi? An ann gu bràth? Cia fhad a dh’fhalaicheas tu do ghnùis uam? Cia fhad a ghabhas mi comhairle ann am anam, bròn ann am chridhe gach là? Cia fhad a dh’àrdaichear mo nàmhaid os mo chionn? Amhairc orm, èisd rium, a Thighearna mo Dhia; soillsich mo shùilean, air eagal gun caidil mi a‑chum bàis; Air eagal gun abair mo nàmhaid, Bhuadhaich mi na aghaidh; gun dèan m’eascairdean gàirdeachas nuair a dh’aomar mi. Ach dh’earb mise as do thròcair; nì mo chridhe gàirdeachas ann ad shlàinte. Seinnidh mi don Tighearna, a chionn gun do bhuin e rium gu fial, agus seinnidh mi cliù do ainm an Tighearna as ro‑àirde. Thubhairt an t‑amadan na chridhe, Chan eil Dia ann. Tha iad truaillidh; rinn iad obraichean gràineil; chan eil neach ann a nì math. Dh’amhairc an Tighearna a‑nuas o nèamh air cloinn nan daoine, a dh’fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ag iarraidh Dhè. Chlaon iad uile; tha iad gu lèir air fàs salach; chan eil neach ann a nì math, chan eil eadhon aon. Nach eil eòlas acasan uile a tha a’ dèanamh na h‑eucoir, a tha ag ithe suas mo shluaigh, mar a dh’itheadh iad aran, agus nach gairm air an Tighearna? An sin ghabh iad eagal mòr, a chionn gu bheil Dia ann an ginealach nam fìrean. Nàraich iad comhairle an duine bhochd, a chionn gur e an Tighearna a thèarmann. O gun tigeadh slàinte Israeil a‑mach à Sion! Nuair a bheir an Tighearna air ais braighdeanas a shluaigh, nì Iàcob gàirdeachas, nì Israel aoibhneas. A Thighearna, cò a dh’fhanas ann ad phàillean? Cò a chòmhnaicheas air do shliabh naomh? Esan a ghluaiseas gu h‑ionraic, agus a nì ceartas, agus a labhras an fhìrinn na chridhe; Nach dèan cùl‐chàineadh le a theangaidh, nach dèan olc da charaid, agus nach tog droch sgeul air a choimhearsnach; Leis an suarach an droch dhuine, ach a bheir urram dhaibhsan air am bi eagal an Tighearna; a mhionnaicheas a‑chum a challdaich fhèin, agus nach caochail; Nach cuir a airgead a‑mach air ocar, agus nach gabh duais an aghaidh an neochiontaich. Esan a nì na nithean sin, cha ghluaisear gu bràth e. Glèidh mi, a Dhè, oir chuir mi mo dhòigh annad. Thubhairt mi ri Iehòbhah, Is tu mo Thighearna; cha ruig mo mhaitheas ortsa. A‑thaobh nan naomh a tha air thalamh agus nam flath, tha mo thlachd uile annta. Meudaichear an doilgheasan dhaibhsan a nì deifir an dèidh dhiathan eile; chan ìobair mi an ìobairtean‐dibhe de fhuil, agus cha luaidh mi air an ainmean lem bhilean. Is e an Tighearna cuibhreann m’oighreachd agus mo chupain; is tusa a chumas suas mo chrannchur. Thuit mo roinn dhòmhsa ann an ionadan aoibhneach; seadh, tha oighreachd thaitneach agam. Beannaichidh mise an Tighearna, a thug comhairle orm; tha m’àirnean mar an ceudna gam theagasg an àm na h‑oidhche. Chuir mi an Tighearna romham a‑ghnàth; a chionn gu bheil e air mo dheaslàimh, cha ghluaisear mi. Uime sin nì mo chridhe aoibhneas, agus nì mo ghlòir gàirdeachas: gabhaidh m’fheòil mar an ceudna fois ann an dòchas. Oir chan fhàg thu m’anam anns an uaigh; cha leig thu led aon naomh truaillidheachd fhaicinn. Feuchaidh tu dhomh slighe na beatha; tha lànachd aoibhneis ad làthair‐sa; tha mòr‐shubhachas aig do dheaslàimh gu sìorraidh. Eisd ri ceartas, a Thighearna, thoir aire dom ghlaodh; cluinn m’ùrnaigh, a thig a‑mach chan ann o bhilean cealgach. Od fhianais thigeadh mo bhreith; faiceadh do shùilean nithean cothromach. Dhearbh thu mo chridhe; dh’fhiosraich thu mi anns an oidhche; rannsaich thu mi, cha d’fhuair thu a’ bheag; is e mo rùn nach ciontaich mo bheul. A‑thaobh gnìomharan dhaoine, le facal do bhilean sheachain mi ceuman a’ mhillteir. Cùm suas mo cheuman ann ad shlighean, a‑chum nach sleamhnaich mo chasan. Ghairm mi ort, oir èisdidh tu rium, a Dhè; aom do chluas am ionnsaigh, cluinn mo chainnt. Taisbein do choibhneas iongantach, O thusa a shaoras led dheaslàimh iadsan a dh’earbas asad, uapasan a dh’èireas suas nan aghaidh. Glèidh mi mar chloich na sùla, fo sgàil do sgiathan falaich mi, O ghnùis nan droch dhaoine a tha ri fòirneart orm, naimhdean m’anama a tha gam chuartachadh air gach taobh. Nan saill tha iad air an druideadh suas; lem beul labhraidh iad gu h‑uaibhreach. Nar ceum a‑nis chuartaich iad sinn; shuidhich iad an sùilean, a’ cromadh sìos gu làr; Cosmhail ri leòmhann a tha gionach a‑chum cobhartaich, agus ri leòmhann òg a’ feitheamh ann an ionadan diamhair. Eirich, a Thighearna, cuir roimhe, leag sìos e, saor m’anam on aingidh led chlaidheamh; O dhaoine led làimh, a Thighearna, o dhaoine an t‑saoghail, dom bheil an cuibhreann anns a’ bheatha seo, agus don do lìon thu am brù led ionmhas falaichte: sàsaichear an clann, agus fàgaidh iad am fuidheall dan naoidheanan. Air mo shonsa, ann am fìreantachd chì mi do ghnùis; sàsaichear mi, nuair a dhùisgeas mi, led choslas. Gràdhaichidh mi thu, a Thighearna mo neart. Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear‐saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd. Gairmidh mi air an Tighearna as airidh air cliù, agus om naimhdean saorar mi. Chuartaich piantan a’ bhàis mi, agus chuir tuiltean dhroch dhaoine eagal orm. Chuartaich piantan ifrinn mi; ghabh lìontan a’ bhàis romham. Am èiginn ghairm mi air an Tighearna, agus rim Dhia ghlaodh mi; chuala e as a theampall mo ghuth, agus thàinig mo ghlaodh na làthair da chluasan. An sin chrathadh agus chriothnaich an talamh, agus ghluaiseadh bunaitean nam beann agus chrathadh iad, a chionn gu robh corraich air. Chaidh deatach suas as a shròin, agus dhian‐loisg teine as a bheul; lasadh èibhlean leis. Agus lùb e na nèamhan, agus thùirling e a‑nuas, agus bha dorchadas fo a chasan. Agus mharcaich e air cerub, agus chaidh e air iteig, agus dh’itealaich e air sgiathan na gaoithe. Chuir e dorchadas mar ionad diamhair mun cuairt air; bu phàillean dha duibhre uisgeachan, neòil nan speur. On dealradh a bha fa chomhair chaidh a neòil thairis, clachan‐meallain agus èibhlean teine. Agus rinn an Tighearna tàirneanaich anns na speuran, agus chuir an Tì as àirde a‑mach a ghuth. Agus chuir e a‑mach a shaighdean, agus sgap e iad, agus thilg e mòran tein‐adhair, agus chlaoidh e iad. Agus chunnacas aigean nan uisgeachan, agus nochdadh bunaitean an domhain led achmhasan, a Thighearna, le sèideadh anail d’fheirge. Chuir e a‑nuas on àirde, ghlac e mi, tharraing e mi à uisgeachan lìonmhor. Shaor e mi om nàmhaid làidir, agus uapasan a dh’fhuathaich mi, oir bu treasa iad na mise. Ghabh iad romham ann an là m’àmhghair, ach bha an Tighearna na chùl‐taice dhomh. Agus thug e a‑mach mi gu ionad farsaing; shaor e mi, a chionn gun do ghabh e tlachd annam. Thug an Tighearna luigheachd dhomh a rèir m’ionracais; a rèir glaine mo làmh dhìol e dhomh. Oir ghlèidh mi slighean an Tighearna, agus cha do chlaon mi gu h‑aingidh om Dhia. Oir bha a bhreitheanais uile am fhianais, agus a reachdan cha do chuir mi uam. Agus bha mi ionraic na fhianais, agus ghlèidh mi mi fhèin om aingidheachd. Uime sin dhìol an Tighearna dhomh a rèir m’ionracais, a rèir glaine mo làmh ann an sealladh a shùl. Don duine thròcaireach nochdaidh tu thu fhèin tròcaireach; don duine ionraic nochdaidh tu thu fhèin ionraic. Don duine ghlan nochdaidh tu thu fhèin glan; agus don duine reasgach nochdaidh tu thu fhèin reasgach. Oir saoraidh tu an sluagh a tha fo àmhghar; ach na sùilean àrda bheir thu a‑nuas. Oir lasaidh tusa mo lòchran, a Thighearna; soillsichidh mo Dhia mo dhorchadas. Oir leatsa ruith mi tro bhuidhinn, agus lem Dhia leum mi thar balla. A‑thaobh Dhè tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh; is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann. Oir cò as Dia ann ach an Tighearna? Agus cò as carraig ann ach ar Dia‑ne? Is e Dia a tha gam chrioslachadh le neart, agus a’ dèanamh mo shlighe iomlan. Tha e a’ dèanamh mo chas mar chasan èilde, agus gam shocrachadh air m’àitean àrda. Tha e ag ionnsachadh mo làmh gu cath, air chor is gum brisear bogha umha lem ghàirdeanan. Agus thug thu dhomh sgiath do shlàinte; agus chùm do dheaslàmh suas mi, agus rinn do choibhneas mòr mi. Rinn thu mo cheuman farsaing fodham, air chor is nach do shleamhnaich mo chasan. Lean mi mo naimhdean, agus rug mi orra, agus cha do thill mi air m’ais gus an do chuir mi as dhaibh. Lot mi iad, agus cha bhi e an comas dhaibh èirigh; thuit iad fom chasan. Oir chrioslaich thu mi le neart a‑chum catha; leag thu sìos fodham iadsan a dh’èireas suas am aghaidh. Agus thug thu dhomh mo naimhdean air mhuineal, iadsan a dh’fhuathaich mi, agus gheàrr mi as iad. Ghlaodh iad, ach cha robh fear‐saoraidh ann; eadhon air an Tighearna, ach cha do fhreagair e iad. An sin mhìn‐phronn mi iad mar dhuslach fa chomhair na gaoithe; mar chlàbar na sràide bhrùth mi iad. Shaor thu mi o chòmhstri an t‑sluaigh; rinn thu mi am cheann air na cinnich; nì sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh. Cho luath is a chluinneas iad, gèillidh iad dhomh; strìochdaidh coigrich dhomh. Seargaidh coigrich as, agus bidh eagal orra a‑mach as an àitean‐daingeann. Is beò an Tighearna, agus guma beannaichte mo charraig‐sa, agus air àrdachadh gu robh Dia mo shlàinte! Is e Dia a nì dìoghaltas air mo shon, agus a chuireas an sluagh fodham; A shaoras mi om naimhdean. Seadh, os an cionn‐san a dh’èireas suas am aghaidh togaidh tusa suas mi; o fhear an ainneirt saoraidh tu mi. Uime sin cliùthaichidh mi thu, a Thighearna, am measg nan cinneach, agus seinnidh mi dod ainm. Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh agus da shliochd gu bràth. Cuiridh na nèamhan an cèill glòir Dhè, agus nochdaidh na speuran gnìomh a làmh. Tha là a’ dèanamh sgeòil do là, agus oidhche a’ foillseachadh eòlais do oidhche. Chan eil cainnt, chan eil briathran, anns nach cluinnear an guth. Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim a‑mach, agus am facail gu iomall an domhain. Don ghrèin chuir e pàillean annta, agus tha i mar nuadh fhear‐pòsda a’ teachd a‑mach as a sheòmar; nì i gàirdeachas mar ghaisgeach a’ ruith na rèise. Tha a dol a‑mach o chrìch nan speur, agus a cuairt gu ruig na crìochan, agus chan eil nì air bith a dh’fhalaichear o a teas. Is iomlan lagh an Tighearna, ag iompachadh an anama; tha fianais an Tighearna cinnteach, a’ dèanamh a’ bhaoghalta glic. Tha reachdan an Tighearna ceart, a’ dèanamh a’ chridhe aoibhneach; tha àithne an Tighearna glan, a’ soillseachadh nan sùl. Tha eagal an Tighearna fìorghlan, a’ maireachdainn am feasd; is fìrinn breitheanais an Tighearna; tha iad gu h‑iomlan cothromach. Nas mò rin iarraidh tha iad na an t‑òr, seadh, na mòran den òr fhìorghlan; agus nas mìlse na a’ mhil, seadh, na a’ mhil a shileas as na cìrean‐meala. Os bàrr, tha do sheirbhiseach a’ faotainn rabhaidh uapa; nan coimhead tha mòr‐dhuais. Cò a thuigeas a sheachrain? O lochdan diamhair glan thusa mi. Mar an ceudna, o pheacaidhean dànadais cùm air ais d’òglach; na biodh àrd‐cheannas aca orm; an sin bidh mi ionraic, agus bidh mi neo‐chiontach o easaontas mòr. Biodh briathran mo bheòil agus smuaintean mo chridhe taitneach ad làthair, a Thighearna, mo charraig agus m’fhear‐saoraidh. Gun èisdeadh an Tighearna riut ann an là teanntachd! Gun cumadh ainm Dia Iàcoib suas thu! Gun cuireadh e cobhair thugad as a ionad naomh, agus à Sion gun neartaicheadh e thu! Gun cuimhnicheadh e do thabhartasan uile, agus gun gabhadh e gu taitneach uat d’ìobairt‐loisgte! Selah. Gun tugadh e dhut a rèir do chridhe fhèin, agus gun coileanadh e do chomhairle uile! Nì sinne aoibhneas ann ad shlàinte, agus ann an ainm ar Dè‑ne togaidh sinn suas ar bratach. Gun coileanadh Dia d’iarrtasan uile! A‑nis tha fhios agam gun saor an Tighearna a aon ungte fhèin; èisdidh e ris o nèamhan a naomhachd, le neart‐saoraidh a dheaslàimh. Earbaidh cuid à carbadan, agus cuid à eich, ach cuimhnichidh sinne ainm an Tighearna ar Dia. Dh’ìslicheadh iadsan, agus thuit iad; ach dh’èirich sinne, agus sheas sinn. Saor an rìgh, a Thighearna, agus èisd rinn anns an là anns an gairm sinn. Ann ad neart, a Thighearna, nì an rìgh aoibhneas; agus ann ad shlàinte cia mòr an gàirdeachas a nì e! Miann a chridhe thug thu dha, agus athchuinge a bhilean cha do dhiùlt thu dha. Selah. Oir ghabh thu roimhe le beannachadh do mhaitheis; chuir thu ma cheann coron de òr fìorghlan. Dh’iarr e beatha ort; thug thu dha fad làithean gu saoghal nan saoghal. Is mòr a ghlòir trìd do shlàinte‐sa; urram agus mòralachd chuir thu air. Oir rinn thu e ro‑bheannaichte gu bràth; rinn thu e ro‑aoibhneach led ghnùis. Oir earbaidh an rìgh as an Tighearna, agus trìd tròcair an Tì as àirde, cha ghluaisear e. Gheibh do làmh a‑mach do naimhdean uile; gheibh do dheaslàmh a‑mach iadsan lem fuathach thu. Nì thu iad mar àmhainn theinntich ann an àm d’fheirge; sluigidh an Tighearna sìos iad na chorraich, agus caithidh an teine iad. An toradh sgriosaidh tu on talamh, agus an sliochd o chloinn nan daoine. Oir dhealbh iad olc ad aghaidh; smaoinich iad droch smuaintean, nach b’urrainn iad a choileanadh. Uime sin bheir thu orra an cùl a thionndadh; air sreangan do bhogha gleusaidh tu do shaighdean nan aghaidh. Bi air d’àrdachadh, a Thighearna, ann ad neart; seinnidh sinne agus molaidh sinn do chumhachd. Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi, fad om ghlaodh, o bhriathran mo bhùiridh? O mo Dhia, gairmidh mi anns an là, ach cha fhreagair thu, agus anns an oidhche, ach chan eil fois agam. Ach tha thusa naomh, ann ad chòmhnaidh far a bheil cliù Israeil. Asadsa dh’earb ar n‑athraichean; dh’earb iad agus shaor thu iad. Riutsa ghlaodh iad, agus theasairgeadh iad; asadsa dh’earb iad, agus cha robh nàire orra. Ach is cnuimh mise, agus cha duine; masladh dhaoine, agus tàir an t‑sluaigh. Nì iadsan uile a chì mi gàire‐fanaid rium; casaidh iad am beul, crathaidh iad an ceann, ag ràdh, Chuir e a dhòigh anns an Tighearna, fuasgladh e air; saoradh e e a chionn gu bheil tlachd aige ann. Ach is tusa an Tì a thug a‑mach as a’ bhroinn mi; bu tu adhbhar mo dhòchais air cìch mo mhàthar. Ortsa thilgeadh mi on bhroinn; o bhroinn mo mhàthar is tusa mo Dhia. Na bi‑sa fada uam, oir tha àmhghar dlùth dhomh, agus gun neach ann gum chuideachadh. Chuartaich mòran tharbh mi; dh’iadh tairbh làidir Bhasain umam. Dh’fhosgail iad orm am beul, mar leòmhann reubach agus beucach. Mar uisge dhòirteadh a‑mach mi, agus sgàin mo chnàmhan uile o chèile; tha mo chridhe mar chèir, air leaghadh ann am meadhon mo chuim. Air tiormachadh mar shoitheach creadha tha mo neart, agus tha mo theanga a’ leantainn rim ghial, agus gu ùir a’ bhàis thug thu mi. Oir chuartaich madraidh mi; dh’iadh coitheanal dhroch dhaoine umam; lot iad mo làmhan agus mo chasan. Faodaidh mi mo chnàmhan uile àireamh; tha iadsan a’ sealltainn, tha iad a’ geur‐amharc orm. Roinn iad mo thrusgan eatorra, agus air mo bhrat thilg iad crannchur. Ach na bi‑sa, a Thighearna, fada uam; O thusa mo neart, greas gum chobhair. Teasairg m’anam on chlaidheamh, m’aon ghràidh o neart a’ mhadaidh. Saor mi o bheul an leòmhainn, agus o adhaircean nam buabhall teasairg mi. Cuiridh mi an cèill d’ainm dom bhràithrean; ann am meadhon a’ choitheanail molaidh mi thu. Sibhse air a bheil eagal Dhè, molaibh e; sibhse uile de shìol Iàcoib, thugaibh glòir dha; agus biodh a eagal‐san oirbh, sibhse uile de shìol Israeil. Oir cha do rinn e tàir air, agus cha do ghabh e gràin de àmhghar an truaghain, agus cha d’fhalaich e a ghnùis air; ach nuair a ghlaodh e ris, dh’èisd e. Ortsa bidh mo mholadh anns a’ mhòr‐choitheanal; mo bhòidean ìocaidh mi nan làthair‐san don eagal e. Ithidh na daoine macanta agus sàsaichear iad; molaidh iadsan an Tighearna; molaidh iadsan an Tighearna a dh’iarras e; bidh an cridhe beò gu bràth. Cuimhnichidh air, agus tillidh a dh’ionnsaigh an Tighearna, uile chrìochan na talmhainn; agus strìochdaidh uile theaghlaichean nan cinneach na làthair. Oir is leis an Tighearna an rìoghachd, agus tha esan na uachdaran air na cinnich. Ithidh daoine reamhar na talmhainn uile, agus nì iad adhradh; na làthair‐san sleuchdaidh iadsan uile a thèid sìos don duslach; oir cha chùm neach a anam beò. Nì sliochd seirbhis dha; measar e don Tighearna mar ghinealach. Thig iad agus cuiridh iad an cèill a fhìreantachd don àl ri teachd, gum b’esan a rinn siud. Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dìth. Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi. Aisigidh e m’anam; treòraichidh e mi air slighean na fìreantachd air sgàth a ainme fhèin. Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh. Deasaichidh tu bòrd fam chomhair ann am fianais mo naimhdean; dh’ung thu le ola mo cheann; tha mo chupan a’ cur thairis. Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh an Tighearna fad mo làithean. Is leis an Tighearna an talamh agus a làn, an domhan agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann. Oir shuidhich e air na cuantan e, agus shocraich e air na sruthan e. Cò a thèid suas gu sliabh an Tighearna, agus cò a sheasas na ionad naomh‐san? Esan aig a bheil làmhan neochiontach agus cridhe glan, nach do thog a anam ri dìomhanas, agus nach do mhionnaich a‑chum ceilge. Gheibh esan beannachadh on Tighearna, agus fìreantachd o Dhia a shlàinte. Is e seo ginealach na dream a dh’iarras e, a dh’iarras do ghnùis, a Dhia Iàcoib. Selah. Togaibh, a gheatachan, ur cinn, agus bithibh air ur togail suas, a dhorsan sìorraidh, agus thig Rìgh na glòire a‑steach. Cò e seo Rìgh na glòire? An Tighearna làidir agus treun, an Tighearna treun ann an cath. Togaibh suas ur cinn, a gheatachan, agus bithibh air ur togail suas, a dhorsan sìorraidh, agus thig Rìgh na glòire a‑steach. Cò e seo Rìgh na glòire? Tighearna nan slògh, is esan Rìgh na glòire. Selah. Riutsa, a Thighearna, togaidh mi m’anam suas. Annadsa, mo Dhia, cuiridh mi mo dhòchas; na nàraichear mi, agus na dèanadh mo naimhdean gàirdeachas os mo chionn. Seadh, na nàraichear neach sam bith a dh’fheitheas ortsa; biodh nàire orrasan a chiontaicheas gun adhbhar. Nochd dhomh do shlighean, a Thighearna; teagaisg dhomh do cheuman. Treòraich mi ann ad fhìrinn agus teagaisg mi, oir is tusa Dia mo shlàinte, agus ortsa tha mi a’ feitheamh gach là. Cuimhnich do chaomh‐thròcairean, a Thighearna, agus do choibhneasan gràdhach, oir tha iad ann o chian nan cian. Peacaidhean m’òige agus m’easaontais, na cuimhnich thusa; a rèir do thròcair bi‑sa cuimhneachail orm, air sgàth do mhaitheis, a Thighearna. Is math agus is dìreach an Tighearna; uime sin teagaisgidh e peacaich anns an t‑slighe. Treòraichidh e na daoine ciùine ann am breitheanas, agus teagaisgidh e do na daoine ciùine a shlighe. Is tròcair agus fìrinn uile shlighean an Tighearna, dhaibhsan a ghleidheas a choicheangal agus a theisteis. Air sgàth d’ainme, a Thighearna, lagh mo chionta, oir tha e mòr. Cò e am fear air a bheil eagal an Tighearna? Seòlaidh e esan anns an t‑slighe a roghnaicheas e. Nì a anam tàmh ann am math, agus mealaidh a shliochd an tìr. Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal. Tha mo shùilean a‑ghnàth ris an Tighearna, oir bheir esan mo chasan as an lìon. Amhairc orm, agus gabh truas dhìom, oir tha mi am aonar agus fo àmhghar. Tha teinn mo chridhe a’ dol am meud; om àmhgharan saor thusa mi. Amhairc air m’àmhghar agus air mo phèin, agus lagh mo pheacaidhean gu lèir. Amhairc air mo naimhdean, oir tha iad lìonmhor, agus le fuath anabarrach tha iad gam fhuathachadh. Glèidh m’anam, agus saor mi; na leig fo nàire mi, oir chuir mi mo dhòigh annad. Dìonadh ionracas agus ceartas mi, oir tha mi a’ feitheamh ortsa. Saor Israel, a Dhè, as a àmhgharan uile. Thoir breith orm, a Thighearna, oir ghluais mi ann an ionracas; o chuir mi mo dhòigh anns an Tighearna, cha ghluaisear mi. Fidir mi, a Thighearna, agus dearbh mi; rannsaich m’àirnean agus mo chridhe; Oir tha do choibhneas gràdhach fa chomhair mo shùl, agus ghluais mi ann ad fhìrinn. Cha do shuidh mi le daoine mealltach, agus maille ri luchd‐ceilge cha tèid mi a‑steach. Is beag orm coitheanal luchd‐uilc, agus le daoine aingidh cha suidh mi. Nighidh mi mo làmhan ann an neochiontas, agus cuartaichidh mi d’altair, a Thighearna, A‑chum gum foillsich mi le guth molaidh agus gun cuir mi an cèill d’obraichean iongantach gu lèir. A Thighearna, is ionmhainn leam còmhnaidh do thaighe‐sa, agus ionad pàillean do ghlòire. Na cruinnich m’anam le peacaich, no mo bheatha le daoine fuileachdach, Aig a bheil lochd nan làmhan, agus an làmh dheas làn de dhuais‐bhratha. Ach gluaisidh mise ann an ionracas; saor mi, agus dèan tròcair orm. Tha mo chas na seasamh ann an ionad còmhnard; anns na coitheanalan beannaichidh mi an Tighearna. Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm? Nuair a thàinig luchd‐uilc orm a dh’ithe suas m’fheòla, mo naimhdean agus m’eascairdean, thuislich iad fhèin agus thuit iad. Ged champaicheadh feachd am aghaidh, cha bhiodh eagal air mo chridhe; ged dh’èireadh cogadh am aghaidh, à seo nì mi mo bhun. Aon nì ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhith am chòmhnaidh ann an taigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, a‑chum gum faicinn maise an Tighearna, agus gum fiosraichinn na theampall; Oir falaichidh e mi na sgàth‐thaigh ann an là an uilc; falaichidh e mi ann an diamhaireachd a phàillein; air carraig togaidh e suas mi. Agus a‑nis togar suas mo cheann os cionn mo naimhdean mun cuairt orm; agus ìobraidh mi na phàillean ìobairtean aoibhneis; seinnidh mi agus canaidh mi cliù don Tighearna. Eisd, a Thighearna, rim ghuth nuair a dh’èigheas mi; dèan tròcair orm agus freagair mi. Nuair a thubhairt thusa, Iarraibh‐se mo ghnùis, thubhairt mo chridhe riut, Do ghnùis, a Thighearna, iarraidh mi. Na falaich do ghnùis uam; na cuir air falbh d’òglach ann am feirg; bu tusa mo chobhair; na fàg mi agus na trèig mi, a Dhia mo shlàinte. Nuair a thrèigeas m’athair agus mo mhàthair mi, an sin togaidh an Tighearna suas mi. Teagaisg dhomh do shlighe, a Thighearna, agus treòraich mi air slighe dhìrich air sgàth mo naimhdean. Na tabhair thairis mi do thoil mo naimhdean, oir dh’èirich fianaisean brèige am aghaidh agus luchd‐bagairt fòirneirt. Gidheadh chreid mise gum faicinn maitheas an Tighearna ann an tìr nam beò. Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith, tha mi ag ràdh, air an Tighearna. Riutsa, a Thighearna, èighidh mi, mo charraig; na bi‑sa ad thosd am thaobh, air eagal, ma bhios tu ad thosd am thaobh, gum fàs mi cosmhail riùsan a thèid sìos don uaigh. Eisd ri guth m’athchuingean nuair a ghlaodhas mi riut, an uair a thogas mi mo làmhan a‑chum do ghuth‐àite naoimh‐sa. Na tarraing mi a‑mach leis na h‑aingidh, agus le luchd‐dèanamh na h‑eucoir, a tha a’ labhairt sìth rin coimhearsnaich agus olc aca nan cridhe. Thoir dhaibh a rèir an obrach, agus a rèir aingidheachd an gnìomharan; a rèir obair an làmh thoir dhaibh; ìoc an luigheachd dhaibh. A chionn nach toir iad an aire do ghnìomharan an Tighearna no do obair a làmh, sgriosaidh e iad agus cha tog e suas iad. Beannaichte gu robh an Tighearna, a chionn gun d’èisd e ri guth m’athchuinge. Is e an Tighearna mo neart agus mo sgiath; annsan chuir mo chridhe a dhòchas, agus chuidicheadh leam; uime sin rinn mo chridhe gàirdeachas, agus lem laoidh molaidh mi e. Is e an Tighearna neart a shluaigh, agus is esan neart slàinte a aoin ungte fhèin. Saor do shluagh agus beannaich d’oighreachd; beathaich iad agus àrdaich iad gu bràth. Thugaibh don Tighearna, a chlann nan cumhachdach, thugaibh don Tighearna glòir agus neart. Thugaibh don Tighearna a’ ghlòir as cubhaidh da ainm; sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd. Tha guth an Tighearna os cionn nan uisgeachan; rinn Dia na glòire tàirneanaich, an Tighearna os cionn nan uisgeachan mòra. Tha guth an Tighearna cumhachdach; tha guth an Tighearna làn mòralachd. Brisidh guth an Tighearna na seudairean; seadh, brisidh guth an Tighearna seudairean Lebanoin. Agus bheir e orra leum mar laogh, Lebanon agus Sirion, mar bhuabhall òg. Sgoiltidh guth an Tighearna lasraichean an teine. Crathaidh guth an Tighearna am fàsach; crathaidh an Tighearna fàsach Chadeis. Bheir guth an Tighearna air na h‑èildean an laoigh a thilgeadh, agus lomaidh e na coilltean; agus na theampall cuiridh gach neach an cèill a ghlòir. Suidhidh an Tighearna air an tuil, agus suidhidh an Tighearna na Rìgh gu sìorraidh. Bheir an Tighearna a neart da shluagh; beannaichidh an Tighearna a shluagh le sìth. Molaidh mi thu, a Thighearna, oir thog thu suas mi, agus cha tug thu air m’eascairdean gàirdeachas a dhèanamh os mo chionn. A Thighearna mo Dhia, ghlaodh mi riut agus shlànaich thusa mi. A Thighearna, thog thu m’anam a‑nìos as an uaigh; ghlèidh thu beò mi, a‑chum nach rachainn sìos don t‑sloc. Seinnibh don Tighearna, sibhse a naoimh‐san, agus thugaibh buidheachas ri cuimhneachadh air a naomhachd. Oir chan eil ach tiota na fheirg; tha beatha na dheagh‐ghean; rè oidhche mairidh bròn, ach air madainn thig gàirdeachas. Thubhairt mise ann am shocair, Cha ghluaisear mi am feasd. A Thighearna, led dheagh‐ghean thug thu air mo bheinn seasamh gu daingeann; dh’fhalaich thu do ghnùis; bha mi fo amhluadh. Ghlaodh mi riutsa, a Thighearna, agus air an Tighearna dh’aslaich mi. Ciod an tairbhe a tha ann am fhuil, nuair a thèid mi sìos don t‑sloc? Am mol an ùir thu? An cuir i an cèill d’fhìrinn? Eisd rium, a Thighearna, agus dèan tròcair orm. A Thighearna, bi‑sa ad fhear‐cuideachaidh leam. Thionndaidh thu dhòmhsa mo bhròn gu dannsa; chuir thu dhìom m’aodach‐saic, agus chrioslaich thu mi le aoibhneas; A‑chum gun seinneadh mo ghlòir cliù dhut, agus nach biodh i na tosd. A Thighearna mo Dhia, gu bràth molaidh mise thu. Annadsa, a Thighearna, cuiridh mi mo dhòigh; na nàraichear mi gu bràth; trìd d’fhìreantachd saor mi. Aom am ionnsaigh do chluas; gu grad furtaich orm; bi‑sa ad charraig làidir dhomh, ad thaigh‐tèarmainn a‑chum mo dhìon. Oir is tusa mo charraig, agus mo dhaingneach; agus air sgàth d’ainme treòraichidh agus stiùraidh tu mi. Bheir thu mi as an lìon a dh’fhalaich iad fam chomhair, oir is tusa mo neart. Ann ad làimh‐sa tiomnam mo spiorad: saor mi, a Thighearna Dhè na fìrinn. Is fuath leat iadsan a bheir fa‑near dìomhanasan breugach; ach anns an Tighearna chuir mise mo dhòchas. Nì mi aoibhneas agus gàirdeachas ann ad thròcair, oir chunnaic thu m’àmhghar; b’aithne dhut m’anam ann an teanntachdan. Agus cha do dhruid thu suas mi ann an làimh mo nàmhaid; shocraich thu mo chasan ann an àite farsaing. Gabh truas dhìom, a Thighearna, oir tha mi ann an teinn; tha mo shùil, m’anam agus mo chom air seargadh as le doilgheas. Oir chlaoidheadh mo bheatha le bròn, agus mo bhliadhnachan le osnaich; airson m’euceirt thuit mo neart, agus chaitheadh mo chnàmhan. Am measg mo naimhdean gu lèir bha mi am mhasladh, agus gu h‑àraidh dom choimhearsnaich, agus am adhbhar eagail dom luchd‐eòlais; iadsan a chunnaic mi a‑muigh, theich iad uam. Dhìochuimhnicheadh mi mar dhuine marbh a’ dol à cuimhne; tha mi mar shoitheach briste. Oir chuala mi cùl‐chàineadh mòran dhaoine; bha eagal air gach taobh nuair a ghabh iad comhairle le chèile am aghaidh, a dhealbh iad mo bheatha a thoirt uam. Ach dh’earb mise asadsa, a Thighearna; thubhairt mi, Is tusa mo Dhia. Ann ad làimh‐sa tha m’aimsirean: saor mi à làimh mo naimhdean, agus uapasan a tha an tòir orm. Thoir air do ghnùis dealrachadh air d’òglach; saor mi air sgàth do thròcair. Na nàraichear mi, a Thighearna, oir ghairm mi ort; nàire biodh air na h‑aingidh, nan tosd biodh iad anns an uaigh! Dèanar balbh na bilean breugach, a labhras an aghaidh an fhìrein gu cruaidh, le uabhar agus le tarcais. Cia mòr do mhaitheas, a thaisg thu dhaibhsan don eagal thu, a rinn thu dhaibhsan a dh’earbas asad, am fianais clann nan daoine! Falaichidh tu iad ann an diamhaireachd do làthaireachd o àilgheas dhaoine; falaichidh tu iad ann am pàillean o strì nan teanga. Beannaichte gu robh an Tighearna, oir nochd e gu h‑iongantach a choibhneas dhòmhsa ann am baile daingnichte. Thubhairt mise am dheifir, Ghearradh as mi o fhianais do shùl; gidheadh dh’èisd thu ri guth m’aslachaidh nuair a dh’èigh mi riut. Gràdhaichibh an Tighearna, sibhse uile a naoimh‐san: gleidhidh an Tighearna na daoine treibhdhireach, agus dìolaidh e gu pailt dhàsan a nì gu h‑uaibhreach. Bithibh‐se misneachail, agus neartaichidh esan ur cridhe, sibhse uile a chuir ur dòchas anns an Tighearna. Is beannaichte esan don do mhaitheadh a easaontas, da bheil a pheacadh air a fhalach. Is beannaichte an duine nach cuir an Tighearna euceart as a leth, agus aig nach eil cealg na spiorad. Nuair a bha mi am thosd, laigh aois air mo chnàmhan lem bhùireadh fad an là. Oir a là agus a dh’oidhche bha do làmh trom orm; tha mo bhrìgh air a h‑atharrachadh gu tiormachd an t‑samhraidh. Selah. Dh’aidich mi mo pheacadh dhut, agus cha do cheil mi m’euceart. Thubhairt mi, Aidichidh mi m’easaontais don Tighearna, agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh. Selah. Air an adhbhar sin nì gach duine diadhaidh ùrnaigh riutsa anns an àm anns am faighear thu: gu cinnteach ann an tuil nan uisgeachan mòra, cha tig iad am fagas dha. Tha thusa ad ionad‐falaich dhomh; o theinn gleidhidh tu mi; le òrain shaorsa cuartaichidh tu mi. Selah. Fìor‐theagaisgidh mi thu, agus nochdaidh mi dhut an t‑slighe air an tigeadh dhut triall; seòlaidh mi dhut lem shùil. Na bi mar each no mar mhuileid aig nach eil ciall, don cuirear sparrag agus srian nam beul, a‑chum nach tig iad am fagas dhut. Is lìonmhor doilgheasan don aingidh, ach cuartaichidh tròcair esan a dh’earbas as an Tighearna. Bithibh aoibhneach anns an Tighearna, agus dèanaibh gàirdeachas, sibhse a fhìreanan; agus dèanaibh luathghaire, sibhse uile a tha ceart ann an cridhe. Dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna, sibhse a fhìreanan; do na h‑ionraic tha cliù ciatach. Molaibh an Tighearna air clàrsaich; air an t‑saltair, inneal‐ciùil nan deich teud, seinnibh dha. Canaibh dha òran nuadh; seinnibh fonn gu h‑ealanta, le fuaim àrd. Oir tha facal an Tighearna ceart, agus tha a obraichean uile dèante ann am fìrinn. Is ionmhainn leis ceartas agus breitheanas; de mhaitheas an Tighearna tha an talamh làn. Le facal an Tighearna rinneadh na nèamhan, agus le anail a bheòil an slòigh uile. Càrnaidh e suas mar thòrr uisgeachan na fairge; cuiridh e an doimhne suas na thaighean‐tasgaidh. Ron Tighearna biodh eagal air an talamh uile; roimhesan biodh fiamh air luchd‐àiteachaidh an domhain; Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e. Rinn an Tighearna comhairle nan cinneach faoin; thug e innleachdan an t‑sluaigh gu neoni. Seasaidh comhairle an Tighearna gu sìorraidh, smuaintean a chridhe o linn gu linn. Is beannaichte an cinneach sin aig a bheil an Tighearna na Dhia dhaibh, an sluagh a roghnaich e mar oighreachd dha fhèin. O na nèamhan amhaircidh an Tighearna a‑nuas; chì e uile chlann nan daoine. O ionad seasmhach a chòmhnaidh beachdaichidh e air uile luchd‐àiteachaidh na talmhainn. Chùm esan an cridhe air aon dòigh; bheir e fa‑near an gnìomharan uile. Cha tèarnar rìgh le meud a fheachd; cha saorar laoch le meud a neirt. Is dìomhain an t‑each a‑chum tèarainteachd, agus le meud a neirt cha saor e. Feuch, tha sùil an Tighearna orrasan don eagal e, orrasan a chuireas an dòchas na thròcair, A‑chum an anam a theasairginn on bhàs, agus an cumail beò anns a’ ghorta. Feithidh ar n‑anam air an Tighearna; is esan ar cobhair agus ar sgiath. Oir annsan nì ar cridhe gàirdeachas, a chionn na ainm naomh‐san gun do chuir sinn ar dòigh. Gu robh do thròcair, a Thighearna, oirnn, a rèir mar a chuir sinn ar dòchas annad. Beannaichidh mi an Tighearna gach àm; an còmhnaidh bidh a mholadh ann am bheul. Anns an Tighearna nì m’anam uaill; cluinnidh na daoine sèimhe, agus nì iad aoibhneas. Molaibh an Tighearna leamsa, agus àrdaicheamaid a ainm le chèile. Dh’iarr mi an Tighearna, agus dh’èisd e rium, agus shaor e mi o gach adhbhar eagail a bha agam. Dh’amhairc iad air, agus shoillsicheadh iad, agus cha robh nàire air an gnùis. Ghlaodh an duine bochd seo, agus dh’èisd an Tighearna ris, agus as a theanntachdan gu lèir shaor e e. Campaichidh aingeal an Tighearna man timcheall‐san don eagal e, agus teasairgidh e iad. O blaisibh agus faicibh gur math an Tighearna; is beannaichte an duine sin a dh’earbas as. Biodh eagal an Tighearna oirbh, a naoimh‐san, oir cha bhi dìth air a luchd‐eagail‐san. Bidh easbhaidh air na leòmhainn òga, agus bidh acras orra, ach orrasan a dh’iarras an Tighearna cha bhi math air bith a dhìth. Thigibh, a chlann, agus èisdibh rium; teagaisgidh mi dhuibh eagal an Tighearna. Cò e am fear a mhiannaicheas beatha, a ghràdhaicheas làithean a dh’fhaicinn maith? Glèidh do theanga o olc, agus do bhilean o labhairt ceilg. Seachainn an t‑olc, agus dèan am math; iarr sìochaint, agus lean i. Tha sùilean an Tighearna air na fìreanan, agus a chluas rin glaodh. Tha gnùis an Tighearna an aghaidh luchd‐dèanamh uilc, a‑chum an cuimhne a ghearradh as on talamh. Ghlaodh na fìreanan, agus dh’èisd an Tighearna, agus as an teanntachdan gu lèir shaor e iad. Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad. Is lìonmhor àmhgharan an fhìrein, ach asda air fad saoraidh an Tighearna e. Gleidhidh an Tighearna a chnàmhan uile; cha bhi aon dhiubh briste. Marbhaidh olc na h‑aingidh; agus iadsan a tha a’ toirt fuath don fhìrean, lom‐sgriosar iad. Saoraidh an Tighearna anam a sheirbhiseach, agus cha sgriosar aon air bith dhiubhsan a chuireas an dòigh ann. Tagair, a Tighearna, riùsan a thagras am aghaidh; cog nan aghaidh‐san a chogas am aghaidh. Glac targaid agus sgiath, agus èirich a‑chum mo chuideachaidh. Agus tarraing a‑mach an t‑sleagh, agus druid an t‑slighe nan aghaidh‐san a tha an tòir orm. Abair rim anam, Is mi do shlàinte. Nàire agus masladh gu robh orrasan a tha ag iarraidh m’anama; gun tillear iadsan air an ais, agus gu robh amhluadh orra, a tha a’ smaoineachadh uilc dhomh. Biodh iad mar mholl fa chomhair na gaoithe, agus aingeal an Tighearna gan ruagadh. Biodh an slighe dorcha agus sleamhainn, agus aingeal an Tighearna an tòir orra. Oir gun adhbhar dh’fhalaich iad air mo shon an lìon; sloc gun adhbhar chladhaich iad airson m’anama. Thigeadh sgrios air gun fhios dha, agus a lìon a dh’fhalaich e, glacadh e e fhèin; anns an sgrios sin tuiteadh e. Ach nì m’anam‐sa gàirdeachas anns an Tighearna; nì e aoibhneas na shlàinte. Their mo chnàmhan uile, A Thighearna, cò as cosmhail riutsa, a theasairgeas am bochd uaithesan as treasa na e, agus am bochd agus an t‑ainnis uaithesan a chreachadh e. Dh’èirich fianaisean eucorach; chuir iad as mo leth nithean air nach robh fhios agam. Dhìol iad dhomh olc an èirig maith, a’ cur romhpa mo bheatha a thoirt uam. Ach am thaobh‐sa, nuair a bha iadsan gu tinn, b’e aodach‐saic mo chulaidh; dh’ioraslaich mi m’anam le trasgadh, agus thill m’ùrnaigh am uchd fhèin. Mar gum bu charaid no bràthair dhomh a bhiodh ann, ghluais mi; mar fhear‐caoidh a mhàthar, gu dubhach chrom mi sìos. Ach air bhith dhòmhsa ann an àmhghar, bha iadsan ait, agus chruinnich iad le chèile; chruinnich daoine suarach nach b’aithne dhomh le chèile am aghaidh; reub iad, agus cha do sguir iad. Le luchd dian‐mhagaidh cealgach, chas iad am fiaclan rium. Cia fhad, a Thighearna, a dh’amhairceas tu air seo? Saor m’anam om milleadh, m’aon ghràidh o na leòmhainn. Cliùthaichidh mi thu anns a’ mhòr‐choitheanal; am measg sluaigh lìonmhoir molaidh mi thu. Na dèanadh iadsan a tha nan naimhdean dhomh gu h‑eucorach gàirdeachas os mo chionn; iadsan aig a bheil fuath dhomh gun adhbhar, na caogadh iad len sùil. Oir cha labhair iad sìth, ach an aghaidh daoine ciùine na tìre dealbhaidh iad nithean cealgach. Dh’fhosgail iad am beul gu farsaing am aghaidh; thubhairt iad, Ahà, ahà! chunnaic ar sùil. Chunnaic thusa seo, a Thighearna; na bi ad thosd, a Thighearna, na bi fada uam. Tog ort, agus mosgail a‑chum mo cheirt, a‑chum mo chùise, mo Dhia agus mo Thighearna. Thoir breith orm a rèir do cheartais, a Thighearna mo Dhia, agus na dèanadh iad gàirdeachas os mo chionn. Na abradh iad nan cridhe, Ahà, is e siud ar miann: idir na abradh iad, Shluig sinn suas e. Nàire agus amhluadh gu robh orrasan le chèile, a tha a’ dèanamh gàirdeachais rim olc; còmhdaichear le nàire agus masladh iadsan a dh’àrdaicheas iad fhèin am aghaidh! Dèanadh iadsan iolach, agus biodh iad aoibhneach, a sheasas mo chòir dhomh; agus abradh iad a‑ghnàth, Mòr‐chliù gu robh don Tighearna, aig a bheil tlachd ann an sìth a sheirbhisich! An sin cuiridh mo theanga an cèill do cheartas, air feadh an là do chliù. Is e a their an t‑aingidh an taobh a‑staigh de a chridhe, gum peacaich e; chan eil eagal Dhè fa chomhair a shùl. Oir nì e bàigh ris fhèin na shùilean fhèin, gus am faighear a‑mach a chionta mar adhbhar fuatha. Is euceart agus cealg briathran a bheòil; leig e dheth a bhith glic, math a dhèanamh. Dealbhaidh e euceart air a leabaidh; suidhichidh e e fhèin air slighe nach eil math; chan oillteil leis an t‑olc. A Thighearna, anns na nèamhan tha do thròcair; tha d’fhìrinn gu ruig na neòil. Tha d’fhìreantachd mar na beanntan àrda, do bhreitheanais nan doimhne mhòir; gleidhidh tusa, a Thighearna, duine agus ainmhidh. Cia luachmhor do choibhneas gràdhach, a Dhè! Uime sin, earbaidh clann nan daoine à sgàil do sgiathan. Sàsaichear iad gu mòr le saill do thaighe, agus à abhainn do shòlasan bheir thu orra òl. Oir agadsa tha tobar na beatha; ann ad sholas‐sa chì sinne solas. Buanaich do choibhneas gràidh dhaibhsan a chuir eòlas ort, agus d’fhìreantachd dhaibhsan a tha ionraic nan cridhe. Na tigeadh cas an àrdain orm, agus na gluaiseadh làmh nan aingidh mi. An sin thuit luchd‐dèanamh na h‑euceirt sìos; leagadh sìos iad, agus chan urrainn dhaibh èirigh. Na biodh campar ort mu dhaoine aingidh, agus na gabh farmad ri luchd‐dèanamh na h‑euceirt, Oir mar am feur gearrar gu grad sìos iad, agus mar an luibh ghlas seargaidh iad. Earb thusa as an Tighearna, agus dèan math; mar sin gabhaidh tu còmhnaidh anns an tìr, agus beathaichear thu gu cinnteach. Mar an ceudna gabh tlachd anns an Tighearna, agus bheir e dhut iarrtasan do chridhe. Tabhair suas do shlighe don Tighearna, agus earb as, agus nì e e; Agus bheir e a‑mach d’fhìreantachd mar an solas, agus do bhreitheanas mar am meadhon‐là. Bi ad thosd an làthair an Tighearna, agus feith le foighidinn air; na biodh campar ort mun tì a shoirbhicheas na shlighe, mun fhear a bheir a dhroch innleachdan gu buil. Leig fearg dhìot, agus trèig corraich; na biodh campar ort air aon chor a‑chum uilc. Oir gearrar as droch dhaoine, ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, buan‐mhealaidh iad an talamh. Oir fhathast tamall beag, agus cha bhi an t‑aingidh ann; seadh, bheir thu fa‑near a àite‐san, agus cha bhi e ann. Ach mealaidh daoine macanta an talamh, agus gabhaidh iad tlachd ann am meud na sìth. Tha an t‑aingidh a’ cumadh uilc don ionraic, agus a’ casadh a fhiaclan ris. Nì Dia fanaid air, oir is lèir dha gu bheil a là a’ teachd. Tharraing na h‑aingidh an claidheamh, agus chuir iad am bogha air ghleus, a leagadh sìos a’ bhochd agus an ainnis, a mharbhadh luchd deagh‐bheus. Thèid an claidheamh a‑steach nan cridhe fhèin, agus brisear am bogha. Is fheàrr beagan aig an duine ionraic na saoibhreas mòran dhroch dhaoine. Oir brisear gàirdeanan dhroch dhaoine, ach cumaidh Dia suas na fìreanan. Is fiosrach Dia air làithean nan daoine ionraic, agus bidh an oighreachd gu sìorraidh. Cha chuirear gu nàire iad ann an àm an uilc, agus ann an làithean na gorta sàsaichear iad. Ach sgriosar droch dhaoine, agus bidh naimhdean an Tighearna mar shaill uan; thèid as dhaibh, mar dheataich thèid as dhaibh. Gabhaidh an t‑aingidh air iasad, agus cha dìol e a‑rìs; ach tha am fìrean tròcaireach, agus bheir e uaithe. Oir iadsan a bheannaichear leis, mealaidh iad an talamh, agus iadsan a mhallaichear leis, gearrar as iad. Leis an Tighearna tha ceuman duine air an òrdachadh, agus gabhaidh e tlachd na shlighe. Ged thuit e, cha tilgear gu tur sìos e, oir cumaidh an Tighearna suas air làimh e. Bha mi òg, agus a‑nis tha mi sean; gidheadh chan fhaca mi am fìrean air a thrèigsinn, agus a shliochd ag iarraidh arain. Tha e a‑ghnàth truacanta agus coingheallach, agus bidh a shliochd beannaichte. Seachainn an t‑olc, agus dèan am math, agus gabh còmhnaidh gu bràth. Oir is toigh leis an Tighearna breitheanas, agus cha trèig e a naoimh; gu bràth coimheadar iadsan, ach gearrar as sliochd nan aingidh. Mealaidh na fìreanan an tìr, agus gabhaidh iad còmhnaidh innte gu bràth. Cuiridh beul an fhìrein an cèill gliocas, agus labhraidh a theanga breitheanas. Tha lagh Dhè na chridhe; cha shleamhnaich a cheuman. Bidh an droch dhuine ri faire air an fhìrean, agus iarraidh e a mharbhadh. Chan fhàg an Tighearna e na làimh, agus cha dìt e e nuair a bheirear gu breith e. Feith air an Tighearna, agus glèidh a shlighe, agus àrdaichidh e thu a‑chum an tìr a mhealtainn; nuair a ghearrar as droch dhaoine, chì thu e. Chunnaic mi an duine aingidh ann am mòr‐chumhachd, agus e ga sgaoileadh fhèin a‑mach mar ùr‑chraoibh uaine. Ach chaidh e seachad, agus, feuch, cha robh e ann; agus dh’iarr mi e, ach cha d’fhuaireas e. Thoir fa‑near an duine foirfe, agus amhairc air an duine ionraic, oir is i sìth as crìoch don duine sin. Ach sgriosar luchd‐easaontais faraon; gearrar as crìoch dhroch dhaoine. Tha slàinte nam fìrean on Tighearna; is esan an neart ann an àm teanntachd; Agus cuidichidh an Tighearna leo, agus teasairgidh e iad; teasairgidh e iad o dhroch dhaoine, agus saoraidh e iad, a chionn gun d’earb iad as. A Thighearna, na cronaich mi ann ad chorraich, agus na smachdaich mi ann an teas d’fheirge; Oir shàthadh do shaighdean annam, agus tha do làmh trom orm. Chan eil fallaineachd am fheòil airson d’fheirge; chan eil sìth am chnàmhan airson mo pheacaidh. Oir chaidh m’euceartan thar mo chinn; mar èire thruim tha iad ro throm air mo shon. Tha mo chreuchdan lobhte, breun airson m’amaideachd. Tha mi cràiteach; chromadh sìos mi gu mòr; air feadh an là uile tha mi ag imeachd gu dubhach; Oir tha mo leasraidh làn de ghalar grànda, agus chan eil fallaineachd am fheòil. Tha mi lag agus ro‑bhrùite; tha mi a’ bùireadh trìd mì‑shuaimhneas mo chridhe. A Thighearna, tha mo mhiann uile ad làthair, agus chan eil m’osnaich falaichte ort. Tha mo chridhe a’ plosgartaich; thrèig mo neart mi; a‑thaobh fradharc mo shùl, sin mar an ceudna chan eil agam. Tha luchd mo ghaoil agus mo chàirdean a’ seasamh fa chomhair mo leòin, agus tha mo dhìlsean a’ seasamh fada uam. Agus tha luchd‐iarraidh m’anama a’ cur ribeachan romham, agus luchd‐iarraidh m’uilc a’ labhairt nithean aimhleasach, agus a’ smaoineachadh ceilge air feadh an là uile. Ach mar dhuine bodhar, cha chluinn mise; agus tha mi mar dhuine balbh, nach fhosgail a bheul. Tha mi eadhon mar fhear nach cluinn, agus aig nach eil achmhasain na bheul. Oir annadsa, a Thighearna, chuir mi mo dhòchas; èisdidh tusa, a Thighearna mo Dhia. Oir thubhairt mi, Air eagal gun dèan iad gàirdeachas am aghaidh; nuair a shleamhnaicheas mo chas, gun àrdaich iad iad fhèin nam aghaidh. Oir tha mi ealamh gu tuisleachadh, agus tha mo dhoilgheas am fhianais a‑ghnàth. Oir aidichidh mi m’euceart; bidh mi duilich airson mo pheacaidh. Ach tha mo naimhdean beòthail, tha iad làidir; agus tha iadsan aig a bheil fuath dhomh gu h‑eucoireach air fàs lìonmhor. Agus tha iadsan a dhìolas olc airson maith a’ cur am aghaidh, a chionn gu bheil mi a’ leantainn a’ mhaith. Na trèig mi, a Thighearna mo Dhia; na bi‑sa fada uam. Greas a‑chum mo chuideachaidh, a Thighearna, mo shlàinte. Thubhairt mi, Bheir mi an aire dom shlighean, nach peacaich mi lem theangaidh; gleidhidh mi srian air mo bheul, nuair a bhios an duine aingidh am fhianais. Bha mi balbh, tosdach; dh’fhan mi o labhairt maith fhèin; ach dhùisgeadh mo dhoilgheas. Dh’fhàs mo chridhe teth an taobh a‑staigh dhìom; nuair a bha mi a’ beachd‐smaoineachadh, las an teine; labhair mi lem theangaidh. Thoir fios dhomh, a Thighearna, air mo chrìch, agus tomhas mo làithean ciod e, a‑chum gum bi fhios agam cia geàrr mo rè. Feuch, mar leud boise rinn thu mo làithean, agus tha m’aois mar neoni ad fhianais: gu deimhinn, is dìomhanas gach duine da fheabhas. Selah. Gu deimhinn, tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh dìomhain; gu deimhinn, cuirear mì‑shuaimhneas orra gu faoin; càrnaidh neach suas beartas, gun fhios aige cò a mhealas e. Agus a‑nis ciod ris am feith mi, a Thighearna? Tha mo dhòchas annadsa. Saor mi o m’easaontasan uile; na dèan ball‐maslaidh an amadain dhìom. Bha mi am thosd, cha d’fhosgail mi mo bheul, a chionn gur tusa a rinn e. Tog dhìom do bhuille; le beum do làimhe chlaoidheadh mi. Le achmhasain airson euceirt nuair a chronaicheas tu duine, bheir thu air a shnuadh caitheamh mar leòmann; gu deimhinn, is dìomhanas gach duine. Selah. Cluinn m’ùrnaigh, a Thighearna, agus èisd rim ghlaodh; rim dheòir na bi ad thosd; oir is coigreach mi maille riut, agus fear‐cuairt, mar m’athraichean uile. O caomhainn mi a‑chum gum faigh mi neart mun siubhail mi, agus nach bi mi ann nas mò! Dh’fheith mi le foighidinn ris an Tighearna, agus chrom e thugam, agus chuala e mo ghlaodh. Agus thug e a‑nìos à sloc uamhainn mi, à clàbar làthaich, agus chuir e mo chasan air carraig; shocraich e mo cheuman. Agus chuir e òran nuadh ann am bheul, òran‐molaidh dar Dia: chì mòran e, agus bidh eagal orra, agus earbaidh iad as an Tighearna. Is beannaichte an duine sin a chuireas a dhòchas anns an Tighearna, agus nach seall an dèidh nan uaibhreach, no nan dèidh‐san a chlaonas a‑chum brèige. Is lìonmhor, a Thighearna mo Dhia, na nithean a rinn thu! D’obraichean iongantach agus do smuaintean dar taobh‐ne, chan eil e an comas a chur sìos an òrdagh dhut; nochdainn agus chuirinn an cèill iad, ach tha iad nas lìonmhoire na gun gabh iad àireamh. Ann an ìobairt agus ann an tabhartas cha do ghabh thu tlachd; dh’fhosgail thu mo chluasan; ìobairt‐loisgte agus ìobairt‐pheacaidh cha d’iarr thu. An sin thubhairt mi, Feuch, tha mi a’ teachd; ann an ròla an leabhair tha e sgrìobhte ormsa. Is e mo thlachd do thoil a dhèanamh, a Dhè; seadh, tha do lagh an taobh a‑staigh dem chridhe. Rinn mi sgeul air d’fhìreantachd anns a’ choitheanal mhòr; feuch, cha do chaisg mi mo bhilean, a Thighearna; is aithne dhut. Cha d’fhalaich mi d’fhìreantachd ann am meadhon mo chridhe; chuir mi an cèill d’fhìrinn agus do shlàinte; cha do cheil mi do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn on choitheanal mhòr. A Thighearna, na cùm‐sa do chaomh‐thròcairean uam; gleidheadh do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn a‑ghnàth mi. Oir dh’iadh uilc gun àireamh mun cuairt orm; ghlac m’euceartan mi, agus chan eil e an comas dhomh sealltainn suas; nas lìonmhoire tha iad na falt mo chinn, agus thrèig mo chridhe mi. Guma toil leat, a Thighearna, mo theasairginn; greas, a Thighearna, a‑chum mo chuideachaidh. Nàire agus amhluadh gu robh orrasan le chèile a tha ag iarraidh m’anama ga sgrios; ruaigear air an ais agus nàraichear iadsan a tha a’ guidhe uilc dhomh. Aonaranach gu robh iadsan mar thuarasdal an nàire, a their riumsa, Ahà, ahà! Dèanadh iadsan uile a dh’iarras thusa gàirdeachas agus aoibhneas annad; abradh iadsan an còmhnaidh a ghràdhaicheas do shlàinte, Mòr‐mholadh gu robh don Tighearna. Tha mise bochd agus uireasbhaidheach, ach smaoinichidh an Tighearna orm. Is tusa m’fhear‐cobhair agus m’fhear‐saoraidh; a Dhè, na dèan moille. Is beannaichte esan a bheir an aire don duine bhochd; ann an là an uilc saoraidh an Tighearna e. Gleidhidh an Tighearna e, agus cumaidh e beò e, agus bidh e beannaichte air thalamh; na tabhair thusa e do thoil a naimhdean. Bheir an Tighearna neart dha air leabaidh a thinneis iarganaich; a leabaidh uile nì thusa dha na easlainte. Thubhairt mi, A Thighearna, dèan tròcair orm; leighis m’anam, oir pheacaich mi ad aghaidh. Tha mo naimhdean a’ labhairt uilc orm, ag ràdh, Cuin a gheibh e bàs agus a sgriosar a ainm? Agus ma thig neach gam shealltainn, labhraidh e dìomhanas; càrnaidh a chridhe euceart dha fhèin; thèid e a‑mach agus labhraidh e e. Tha iadsan uile aig a bheil fuath dhomh a’ cagarsaich am aghaidh; tha iad a’ dealbh uilc am aghaidh. Tha droch nì, arsa iadsan, air teachd air; agus esan a tha a‑nis na laighe, chan èirich e nas mò. Eadhon fear mo shìth as an d’earb mi, esan a dh’ith dem aran, thog e a shàil am aghaidh. Ach dèan‐sa, a Thighearna, tròcair orm, agus tog suas mi, agus bheir mi an luigheachd dhaibh. Le seo tha fhios agam gu bheil tlachd agadsa annam, a chionn nach eil mo nàmhaid a’ dèanamh caithreim os mo chionn. Ach air mo shonsa, cumaidh tu suas mi ann an ionracas, agus suidhichidh tu mi ad fhianais gu bràth. Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia Israeil, o shìorraidheachd gu sìorraidheachd! Amen agus Amen! Mar a thogras am fiadh a‑chum nan sruth uisge, mar sin tha m’anam a’ togairt ad ionnsaigh, a Dhè. Tha tart air m’anam an dèidh Dhè, an dèidh an Dè bheò; cuin a thig mi agus a nochdar mi am fianais Dhè? Is iad mo dheòir as biadh dhomh a là agus a dh’oidhche, nuair a theirear rium gach là, Càit a bheil do Dhia? Na nithean seo is cuimhne leam, agus tha mi a’ dòrtadh a‑mach m’anama leam fhèin, oir ghabh mi thairis leis a’ mhòr‐chuideachd, chaidh mi leo gu taigh Dhè, le fuaim gàirdeachais agus molaidh, leis a’ chuideachd a bha a’ cumail là fèille. Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia. Leagadh sìos m’anam an taobh a‑staigh dhìom; uime sin, cuimhnichidh mi ortsa, mo Dhia, o thìr Iòrdain agus o Hermon, o shliabh Mhitsair. Tha doimhne a’ gairm air doimhne le fuaim d’fheadain uisge; chaidh do stuaighean agus do thonnan uile tharam. Anns an là àithnidh an Tighearna a thròcair, agus anns an oidhche bidh a laoidh maille rium, agus m’ùrnaigh ri Dia mo bheatha. Their mi ri Dia mo charraig, Carson a dhìochuimhnich thu mi? Carson a tha mi a’ triall gu dubhach airson fòirneart an eascaraid? Mar chlaidheamh am chnàmhan, tha mo naimhdean a’ toirt maslaidh dhomh nuair a their iad rium gach là, Càit a bheil do Dhia? Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia. Thoir breith orm, a Dhè, agus tagair mo chùis; o chinneach an‑iochdmhor, o fhear na ceilge agus na h‑euceirt, saor thusa mi. Oir is tusa Dia mo neirt. Carson a chuir thu mi fada uat? Carson a tha mi a’ triall gu dubhach airson fòirneart an eascaraid? O, cuir a‑mach do sholas agus d’fhìrinn! Seòladh iadsan mi, thugadh iad mi a‑chum do shlèibh naoimh‐sa, agus a‑chum do phàilleanan. An sin thèid mi a dh’ionnsaigh altair Dhè, a dh’ionnsaigh Dhè, m’aoibhneas ro‑mhòr, agus molaidh mi thu air a’ chlàrsaich, a Dhè, mo Dhia. Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia. A Dhè, le ar cluasan chuala sinn, dh’innis ar n‑athraichean dhuinn an obair a rinn thu nan làithean‐san, anns na làithean o shean. Led làimh thilg thu a‑mach na cinnich, ach shuidhich thu iadsan; chlaoidh thu na slòigh, ach thug thu orrasan soirbheachadh. Oir chan ann len claidheamh fhèin a fhuair iad sealbh anns an tìr, agus chan e an gàirdean fhèin a shaor iad, ach do dheaslàmh agus do ghàirdean‐sa agus solas do ghnùise, a chionn gu robh deagh‐ghean agad dhaibh. Is tu fhèin mo Rìgh, a Dhè; àithn thusa saorsa do Iàcob. Tromhadsa buailidh sinn air naimhdean; trìd d’ainme‐sa saltraidh sinn orrasan a dh’èireas nar naghaidh. Oir as mo bhogha chan earb mi, agus cha saor mo chlaidheamh mi. Ach shaor thusa sinn o ar naimhdean, agus nàraich thu iadsan aig an robh fuath dhuinn. A Dia nì sinne uaill air feadh an là, agus d’ainm‐sa molaidh sinn gu sìorraidh. Selah. Ach a‑nis thilg thu uat sinn, agus nàraich thu sinn, agus chan eil thu a’ dol a‑mach le ar n‑armailtean. Thug thu oirnn tionndadh air ar n‑ais on nàmhaid, agus tha iadsan lem fuathach sinn gar creachadh. Thug thu sinn mar chaoraich airson bìdh, agus am measg nan cinneach sgap thu sinn. Reic thu do shluagh gun fhiach, agus cha do mheudaich thu do mhaoin len luach. Rinn thu sinn nar masladh dar coimhearsnaich, nar ball‐fanaid agus magaidh dhaibhsan a tha mun cuairt oirnn. Rinn thu gnàth‐fhacal dhinn am measg nan cinneach, adhbhar crathadh cinn am measg an t‑sluaigh. Fad an là tha m’amhluadh am fhianais, agus chòmhdaich nàire mo ghnùise mi, Airson guth an fhir a bheir masladh agus toibheum, airson fianais an nàmhaid agus an dìoghaltaich. Thàinig seo uile oirnn; gidheadh, cha do dhìochuimhnich sinn thu, agus cha do rinn sinn cealg ann ad choicheangal. Cha do thionndaidh ar cridhe air ais, agus cha do chlaon ar cas od shlighe, Ged mhìn‐phronn thu sinn ann an ionad dhràgon, agus ged chòmhdaich thu sinn le sgàil a’ bhàis. Ma dhìochuimhnich sinn ainm ar Dè, no ma shìn sinn ar làmhan gu Dia coimheach, Nach rannsaich Dia seo a‑mach, oir tha fhios aigesan air nithean diamhair a’ chridhe? Ach air do shonsa mharbhadh sinn rè an là gu lèir; mheasadh sinn mar chaoraich a‑chum casgraidh. Mosgail! Carson a chaidleas tu, a Thighearna? Dùisg; na tilg sinn uat gu bràth. Carson a dh’fhalaicheas tu do ghnùis, a dhìochuimhnicheas tu ar n‑àmhghar agus ar fòirneart? Oir chromadh sìos ar n‑anam don ùir; dhlùth‐lean ar com ris an talamh. Eirich, cuidich leinn, agus saor sinn air sgàth do thròcair. Tha mo chridhe a’ deachdadh deagh nì; cuiridh mi an cèill na nithean a rinn mi don Rìgh; bidh mo theanga mar pheann fir‐sgrìobhaidh dheis. Is maisiche thu na clann nan daoine; dhòrtadh gràs ann ad bhilean; uime sin bheannaich Dia thu gu bràth. Crioslaich do chlaidheamh air do leis, O ghaisgich, led ghlòir agus led mhòralachd. Marcaich air d’aghaidh gu buadhach air sgàth na fìrinn agus na macantachd agus na fìreantachd, agus teagaisgidh do dheaslàmh dhut nithean uamhasach. Is geur do shaighdean, tuitidh na slòigh fodhad; is geur iad ann an cridhe naimhdean an Rìgh. Tha do rìgh‐chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal; is slat cheartais slat‐shuaicheantais do rìoghachd‐sa. Ghràdhaich thusa fìreantachd, agus thug thu fuath do aingidheachd; uime sin dh’ung Dia, do Dhia‑sa, thu le ola aoibhneis os cionn do chompanach. De mhirr agus de alos agus de chasia, thèid fàile od thrusgan uile a‑mach à lùchairtean de fhiaclan elephant, leis an do chuireadh aoibhneas ort. Tha nigheanan rìghrean am measg do bhan urramach; seasaidh do bhànrighinn air do dheaslàimh, ann an òr na h‑Ophir. Eisd, a nighean, agus amhairc, agus aom do chluas; agus dìochuimhnich do shluagh fhèin agus taigh d’athar. An sin gabhaidh an Rìgh mòr‐thlachd ann ad àille; a chionn gur esan do Thighearna, thoir‐sa urram dha. Thig eadhon nighean Thìruis le tìodhlac; aslaichidh daoine saoibhir an t‑sluaigh do dheagh‐ghean. Uile ghlòrmhor tha nighean an rìgh a‑staigh; air obrachadh le òr tha a h‑aodach. Ann an trusgan de obair‐ghrèis bheirear i a‑chum an Rìgh; bheirear na maighdeannan na dèidh, a bana‑chompanaich, a‑steach thugad. Bheirear iad le aoibhneas agus le gàirdeachas; thèid iad a‑steach do lùchairt an Rìgh. An àite d’athraichean bidh do mhic; nì thu iad nan uachdarain air an talamh uile. Bheir mi air d’ainm a bhith air chuimhne anns gach linn a thig; uime sin molaidh an sluagh thu gu saoghal nan saoghal. Is e Dia ar tèarmann agus ar neart, ar cobhair ro‑dheas ann an teanntachdan. Air an adhbhar sin cha bhi eagal oirnn, ged ghluaisear an talamh, agus ged atharraichear na beanntan gu meadhon na fairge. Ged bheuc na h‑uisgeachan, agus ged chuirear thar a chèile iad; ged chriothnaich na beanntan le a h‑ataireachd. Selah. Tha abhainn ann, agus nì a sruthan cathair Dhè ait; naomh‐ionad pàilleanan an Tì as àirde. Tha Dia na meadhon; cha ghluaisear i; cuidichidh Dia leatha gu moch air mhadainn. Ghabh na cinnich boile; ghluaiseadh na rìoghachdan; chuir e a‑mach a ghuth; leagh an talamh. Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah. Thigibh, faicibh obraichean an Tighearna, gach lèirsgrios a rinn e air thalamh. Caisgidh e an cogadh gu iomall na talmhainn; brisidh e am bogha, agus gearraidh e an t‑sleagh; na carbadan‐cogaidh loisgidh e le teine. Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh. Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah. Buailibh ur basan, uile shlòigh; togaibh iolach do Dhia le guth gàirdeachais. Oir tha an Tighearna, an Tì as àirde, na adhbhar eagail; is Rìgh mòr e os cionn na talmhainn uile. Cuiridh e na slòigh fo ar smachd, agus na cinnich fo ar casan. Taghaidh e ar n‑oighreachd dhuinn, òirdheirceas Iàcoib, a ghràdhaich e. Selah. Chaidh Dia suas le caithreim, an Tighearna le fuaim trompaid. Seinnibh moladh do Dhia, seinnibh; seinnibh moladh dar Rìgh, seinnibh; Oir is e Dia rìgh na talmhainn uile; seinnibh moladh gu h‑eòlach. Tha Dia na Rìgh os cionn nan cinneach; tha Dia na shuidhe air rìgh‐chathair a naomhachd. Chruinnicheadh uachdarain nan sluagh le chèile, sluagh Dia Abrahàim; oir is le Dia sgiathan na talmhainn; tha e air àrdachadh gu mòr. Is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh air cliù e ann am baile ar Dè, ann an sliabh a naomhachd. Tha sliabh Shioin sgiamhach na shuidheachadh; is e aoibhneas na talmhainn uile; air an taobh mu thuath tha baile an Rìgh mhòir. Aithnichear Dia na lùchairtean mar thèarmann. Oir feuch, chruinnicheadh na rìghrean; ghabh iad thairis le chèile. Chunnaic iad, agus b’ioghnadh leo; bha uamhas orra, ghreas iad orra. Ghlac geilt‐chrith iad an sin, pian mar phèin mnà ri saothair. Le gaoith an ear mion‐bhrisidh tu longan Tharsis. Mar a chuala sinn, is amhail a chunnaic sinn ann am baile Tighearna nan slògh, ann am baile ar Dè; daingnichidh e e gu bràth. Selah. Smaoinich sinn air do choibhneas gràidh, a Dhè, ann am meadhon do theampaill. Mar d’ainm, a Dhè, mar sin tha do chliù gu crìochan na talmhainn; tha do dheaslàmh làn de fhìreantachd. Dèanadh sliabh Shioin aoibhneas, dèanadh nigheanan Iùdah gàirdeachas, airson do bhreitheanas. Cuartaichibh Sion, agus rachaibh ma timcheall; àirmhibh a tùir. Thugaibh an aire da balla làidir, comharraichibh a lùchairtean, a‑chum gun cuir sibh an cèill e don àl ri teachd. Oir is e an Dia seo ar Dia‑ne gu saoghal nan saoghal; stiùraidh e sinn gu ruig am bàs. Cluinnibh seo, a shlòigh uile, èisdibh, sibhse uile luchd‐àiteachaidh an domhain, Araon a dhaoine ìosal agus àrd, beartach agus bochd le chèile. Labhraidh mo bheul gliocas, agus smaoinichidh mo chridhe air tuigse. Aomaidh mi gu cosamhlachd mo chluas; nochdaidh mi air a’ chlàrsaich mo ràdh dorcha. Carson a bhiodh eagal orm ann an làithean an uilc, nuair a chuartaicheas aingidheachd m’eascairdean mi, A dh’earbas as an saoibhreas, agus a nì uaill à pailteas am beartais? Chan urrainn duine air chor sam bith a bhràthair a shaoradh, no èirig a thabhairt do Dhia air a shon: (Oir tha saorsa an anama luachmhor, agus sguiridh e am feasd:) Gum maireadh e beò gu sìorraidh, agus nach faiceadh e truaillidheachd. Oir chì e gum faigh na daoine glice bàs, gun sgriosar le chèile an t‑amadan agus an t‑ùmpaidh, agus gum fàg iad am beartas aig daoine eile. Is iad smuaintean an cridhe gum mair an taighean gu bràth, an ionadan‐còmhnaidh o linn gu linn; bheir iad ainm air am fearann a rèir an ainme fhèin. Ach ged robh an duine ann an urram, cha mhair e; is cosmhail e ris na h‑ainmhidhean, a ghearrar as. Is i seo an slighe, eadhon an amaideachd; gidheadh gabhaidh an sliochd tlachd nan cainnt. Selah. Mar chaoraich cuirear iad anns an uaigh; ithidh am bàs iad, agus bidh uachdaranachd aig na fìreanan os an cionn anns a’ mhadainn; seargaidh an dreach as anns an uaigh, an ionad‐còmhnaidh. Ach saoraidh Dia m’anam‐sa o chumhachd na h‑uaighe, oir gabhaidh e mi da ionnsaigh. Selah. Na gabh thusa eagal nuair a dh’fhàsas duine beartach, an uair a mheudaichear glòir a thaighe; Oir nuair a gheibh e bàs, cha toir e nì air bith leis; cha tèid a ghlòir sìos na dhèidh, Ged bheannaich e a anam fhèin, nuair a tha e beò; agus molar thusa nuair a nì thu math dhut fhèin. Thèid e gu àl a shinnsear; gu bràth chan fhaic iadsan solas. Tha an duine a tha ann an urram agus a tha gun tuigse cosmhail ris na h‑ainmhidhean, a ghearrar as. Labhair Dia nan dia, Iehòbhah, agus ghairm e an talamh o èirigh gu ruig laighe grèine. A‑mach à Sion, iomlaine na maise, dhealraich Dia. Thig ar Dia‑ne, agus cha bhi e na thosd; ro a ghnùis lasaidh teine millteach, agus mun cuairt air bidh doineann mhòr. Gairmidh e air na nèamhan on àirde agus air an talamh, a‑chum breith a thoirt air a shluagh. Cruinnichibh mo naoimh am ionnsaigh, iadsan a rinn coicheangal rium le ìobairt. Agus cuiridh na nèamhan an cèill a cheartas; oir is e Dia fhèin as Britheamh ann. Selah. Eisdibh, O mo shluagh, agus labhraidh mi, O Israeil, agus nì mi fianais ad aghaidh; is mise Dia, do Dhia‑sa. Airson d’ìobairtean chan agair mi thu, oir tha d’ìobairtean‐loisgte a‑ghnàth am fhianais. Cha ghabh mi tarbh òg as do thaigh, no gobhair fhireann as do mhainnirean; Oir is leamsa uile bheathaichean na coille, an sprèidh air mìle sliabh. Is aithne dhòmhsa uile eunlaith nam beann, agus is leamsa fiadh‐bheathaichean na machrach. Nam bithinn acrach, chan innsinn dhutsa, oir is leamsa an domhan agus a làn. An e gun ithinn feòil tharbh, agus gun òlainn fuil ghobhar? Iobair ìobairt‐bhuidheachais do Dhia, agus ìoc do bhòidean don Tì as àirde. Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa. Ach ris an droch dhuine their Dia, Ciod e do ghnothach‐sa mo reachdan a chur an cèill, no gun gabhadh tu mo choicheangal ann ad bheul, Nuair a bha fuath agad air fòghlam, agus a thilg thu mo bhriathran air do chùl? Ma chunnaic thu gadaiche, dh’aontaich thu leis, agus maille ri luchd adhaltranais bha do chuibhreann. Chuir thu do bheul a‑chum uilc, agus dhealbh do theanga cealg. Shuidh thu, agus an aghaidh do bhràthar labhair thu, agus do mhac do mhàthar thug thu beum. Na nithean seo rinn thu, agus bha mise am thosd; shaoil thu gu robh mi gu tur mar thu fhèin; cronaichidh mi thu, agus cuiridh mi gach nì an òrdagh fa chomhair do shùl. Smaoinichibh a‑nis air seo, sibhse nach cuimhnich Dia, air eagal gun reub mi as a chèile, gun neach ann a theasairgeas. Esan a dh’ìobras moladh, bheir e glòir dhòmhsa; agus dhàsan a dh’òrdaicheas a shlighe, nochdaidh mi slàinte Dhè. Dèan tròcair orm, a Dhè, a rèir do choibhneas gràidh; a rèir lìonmhorachd do chaomh‐thròcairean, dubh as m’easaontas. Gu h‑iomlan ionnail mi om lochd, agus glan mi om pheacadh, Oir tha mi ag aideachadh m’easaontais, agus tha mo pheacadh am làthair a‑ghnàth. Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith. Feuch, ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh ghabh mo mhàthair mi na broinn. Feuch, is ionmhainn leat an fhìrinn anns an taobh a‑staigh, agus anns an ionad fhalaichte bheir thu orm gliocas a thuigsinn. Glan mi le hiosop agus bidh mi glan; ionnail mi, agus bidh mi nas gile na sneachd. Thoir orm guth subhachais agus aoibhneis a chluinntinn, agus nì na cnàmhan a bhris thu gàirdeachas. Falaich do ghnùis om pheacaidhean, agus dubh as m’euceartan gu lèir. Cruthaich annam cridhe glan, a Dhè, agus ath‐nuadhaich spiorad ceart an taobh a‑staigh dhìom. Na tilg mi od shealladh, agus na toir do spiorad naomh uam. Aisig dhomh gàirdeachas do shlàinte, agus led spiorad saor cùm suas mi. Teagaisgidh mi do luchd‐easaontais do shlighean, agus iompaichear peacaich ad ionnsaigh. Saor mi o chionta fala, a Dhè, a Dhè mo shlàinte; àrd‐mholaidh mo theanga d’fhìreantachd. A Thighearna, fosgail mo bhilean, agus cuiridh mo bheul an cèill do chliù. Oir chan iarr thu ìobairt, no bheirinn dhut i; ann an ìobairt‐loisgte chan eil tlachd agad. Is iad ìobairtean Dhè spiorad briste; air cridhe briste agus brùite, a Dhè, cha dèan thusa tàir. Dèan math, ad dheagh‐ghean, do Shion; tog suas ballachan Ierusaleim. An sin taitnidh ìobairtean ionracais riut, ìobairtean‐loisgte agus làn ìobairtean‐loisgte; an sin ìobraidh iad tairbh òga air d’altair. Carson a nì thu uaill as an olc, O ghaisgich? Mairidh maitheas Dhè a‑ghnàth. Dealbhaidh do theanga aimhleas, mar ealtainn ghèir, ag obrachadh ceilge. Is annsa leat an t‑olc na am math, a’ bhreug na briathran a’ cheartais. Selah. Is ionmhainn leat gach facal millteach, a theanga chealgach. Uime sin sgriosaidh Dia thu gu bràth; bheir e air falbh thu, agus tàirngidh e as do phàillean thu, agus spìonaidh e do fhreumhan à tìr nam beò. Selah. Agus chì na fìreanan, agus bidh eagal orra, agus nì iad gàire uime, ag ràdh, Feuch, seo am fear nach do rinn a neart de Dhia, ach a dh’earb à pailteas a bheartais, agus a neartaich e fhèin na aingidheachd. Ach bidh mise mar chrann‐ola uaine ann an taigh Dhè; earbaidh mi à tròcair Dhè gu saoghal nan saoghal. Molaidh mise thu gu sìorraidh, a chionn gun do rinn thu e; agus feithidh mi air d’ainm‐sa, oir tha e math an làthair do naomh. Thubhairt an t‑amadan na chridhe, Chan eil Dia ann; tha iad truaillidh, agus rinn iad aingidheachd ghràineil; chan eil neach ann a nì math. Dh’amhairc Dia a‑nuas o nèamh air cloinn nan daoine, a dh’fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ag iarraidh Dhè. Chaidh gach aon dhiubh air ais; tha iad gu lèir air fàs salach; chan eil neach ann a nì math, chan eil eadhon aon. Nach eil eòlas acasan a tha a’ dèanamh na h‑eucoir, a tha ag ithe suas mo shluaigh mar a dh’itheadh iad aran, agus nach gairm air Dia? An sin ghabh iad eagal mòr, nuair nach robh adhbhar eagail ann; sgaoil Dia a chnàmhan‐san o chèile a champaich ad aghaidh; nàraich thu iad, a chionn gun do rinn Dia tàir orra. O gun tigeadh slàinte Israeil a‑mach à Sion! An uair a bheir Dia air ais braighdeanas a shluaigh, nì Iàcob gàirdeachas, nì Israel aoibhneas. Air sgàth d’ainme, a Dhè, saor thusa mi, agus led chumhachd cùm cothrom rium. Cluinn m’ùrnaigh, a Dhè; èisd ri briathran mo bheòil. Oir dh’èirich coigrich am aghaidh, agus dh’iarr luchd‐fòirneirt mo bheatha; cha do chuir iad Dia fan comhair. Selah. Feuch, is e Dia m’fhear‐cuideachaidh; tha an Tighearna dhiubhsan a chumas suas mo bheatha. Dìolaidh e olc dom naimhdean; ad fhìrinn geàrr as iad. Le saor thoil bheir mi ìobairt dhut; molaidh mi d’ainm, a Thighearna, oir tha e math. Oir shaor thu mi as gach teinn; agus chunnaic mo shùil mo mhiann air mo naimhdean. Eisd, a Dhè, rim ùrnaigh, agus na falaich thu fhèin om aslachadh. Thoir aire dhomh, agus èisd rium; tha mi àrd ann am ghearan, agus ri bùireadh, Airson guth m’eascaraid, airson fòirneart an duine aingidh, oir tha iad a’ tilgeadh euceirt orm, agus ann am feirg tha iad a’ toirt fuatha dhomh. Tha mo chridhe air a chràdh an taobh a‑staigh dhìom, agus thuit uamhasan a’ bhàis orm. Thàinig eagal agus crith orm, agus chòmhdaich uamhann mi. Agus thubhairt mi, Och, nach robh agam sgiathan! Mar chalaman theichinn as air iteig, agus gheibhinn fois. Feuch, shiùbhlainn fad as; chòmhnaichinn anns an fhàsach. Selah. Dhèanainn deifir gu dol as o ghaoith làidir agus on doininn. Sgrios, a Thighearna, agus roinn an teanga, oir chunnaic mi fòirneart agus connsachadh anns a’ bhaile. A là agus a dh’oidhche tha iad a’ dol mun cuairt air, air a bhallachan; agus tha euceart agus aimhleas na mheadhon. Tha aingidheachd na mheadhon, agus cha dealaich foill agus cealg ra shràidean. Oir cha bu nàmhaid a thug masladh dhomh, no dh’fhuilinginn e; cha b’e fear lem b’fhuathach mi a dh’àrdaich e fhèin am aghaidh, no dh’fhalaichinn mi fhèin uath: Ach thusa, fear a bu choimpire dhomh fhèin, fear m’iùil agus fear m’eòlais! Le chèile ghabh sinn comhairle bhlasda; gu taigh Dhè dh’imich sinn cuideachd. Gabhadh am bàs sealbh orra, rachadh iad sìos don uaigh; oir tha uilc nan àite‐còmhnaidh, nam meadhon. Glaodhaidh mise ri Dia, agus saoraidh Iehòbhah mi. Air feasgar, air madainn agus aig meadhon‐là nì mi ùrnaigh, agus glaodhaidh mi gu h‑àrd; agus èisdidh esan rim ghuth. Saoraidh e m’anam ann an sìth on chòmhraig am aghaidh; oir is lìonmhor iad a tha a’ strì rium. Eisdidh Dia, agus bheir e a‑nuas iad, eadhon esan a tha ann o chian. Selah: oir chan eil atharrachadh orra, agus chan eil eagal Dhè orra. Shìn e a‑mach a làmh nan aghaidh‐san a bha an sìth ris; bhris e a choicheangal. Bu mhìne na ìm facail a bheòil, ach bha cogadh na chridhe; bu bhuige a bhriathran na ola, ach bu chlaidheamhan rùisgte iad. Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu; cha leig e am feasd don fhìrean a bhith air a ghluasad. Ach tilgidh tusa, a Dhè, sìos iad gu sloc an sgrios; cha mhair daoine fuileachdach agus cealgach leth an làithean; ach cuiridh mise mo dhòigh annadsa. Dèan iochd orm, a Dhè, oir b’àill le duine mo shlugadh suas; tha e gam shàrachadh gach là le cogadh. B’àill lem eascairdean mo shlugadh suas gach là, oir is lìonmhor iad a tha a’ cogadh rium o ionad àrd. Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa. Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm. Gach là tha iad a’ fiaradh mo bhriathran; tha an smuaintean uile am aghaidh a‑chum uilc. Tha iad a’ cruinneachadh le chèile, tha iad gam falach fhèin; tha iad a’ toirt fa‑near mo cheuman nuair a tha iad a’ feitheamh airson m’anama. Le eucoir an tèid iad as? Ann ad fheirg tilg sìos na slòigh, a Dhè. Rinn thu mo sheachrain àireamh; cuir mo dheòir ann ad shearraig; nach eil iad ann ad leabhar? An sin tillear mo naimhdean air an ais, anns an là a ghairmeas mi ort: air seo tha fhios agam, oir tha Dia leam. Ann an Dia molaidh mi a fhacal; anns an Tighearna molaidh mi a fhacal. Ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm. Ormsa, a Dhè, tha do bhòidean; ìocaidh mi cliù dhut; Oir shaor thu m’anam on bhàs, agus mar an ceudna mo chasan o thuisleadh, a‑chum gun gluaisinn ann ad fhianais, a Dhè, ann an solas nam beò. Dèan tròcair orm, a Dhè, dèan tròcair orm, oir annadsa tha m’anam a’ cur a dhòigh, agus fo sgàil do sgiathan gabhaidh mi mo thèarmann gus an tèid na h‑uilc seo uile thairis. Eighidh mi ris an Dia as àirde, ri Dia a choileanas nithean air mo shon. Cuiridh e neart o nèamh, agus saoraidh e mi; bheir e masladh don fhear lem b’àill mo shlugadh suas. Selah. Cuiridh Dia a‑mach a thròcair agus a fhìrinn. Tha m’anam am measg leòmhann; tha mi am laighe am measg dream air lasadh, daoine aig a bheil am fiaclan nan sleaghan agus nan saighdean, agus an teanga na claidheamh geur. Ardaich thu fhèin os cionn nan nèamh, a Dhè; do ghlòir os cionn na talmhainn uile. Dheasaich iad lìon fa chomhair mo cheum; chrom iad m’anam sìos; chladhaich iad sloc romham; thuit iad fhèin na mheadhon. Selah. Tha mo chridhe deas, a Dhè, tha mo chridhe deas; seinnidh mi agus molaidh mi. Mosgail, mo ghlòir; mosgail, a shaltair agus a chlàrsach; mosglaidh mi fhèin moch air mhadainn. Molaidh iad thu am measg nan sluagh, a Thighearna; seinnidh mi dhut am measg nan cinneach; Oir is mòr do thròcair gu ruig na nèamhan, agus d’fhìrinn gu ruig na neòil. Ardaich thu fhèin os cionn nan nèamh, a Dhè; do ghlòir os cionn na talmhainn uile. An labhair sibh, a choitheanail, da‑rìribh an ceartas? An toir sibh breith gu cothromach, a chlann nan daoine? Seadh, nur cridhe tha sibh a’ dealbh aingidheachd; air talamh tha sibh a’ tomhas fòirneart ur làmh. Tha na h‑aingidh a’ claonadh on bhroinn; tha iad a’ dol air seachran om breith, a’ labhairt bhreug. Tha an nimh mar nimh nathrach; tha iad mar nathair bhodhar, a dhruideas a cluas; Nach èisd ri guth nan draoidh, a tha ro‑sheòlta nan draoidheachd. Bris am fiaclan, a Dhè, nam beul; pronn gu tur tuisg nan leòmhann òga, a Thighearna. Leaghadh iad, mar uisgeachan a ruitheas gu saor; cuireadh Dia a shaighdean nan aghaidh, agus gearrar as iad. Mar sheilcheig a bhios a’ leaghadh as, rachadh iad as; mar thorrachas anabaich mnà, na faiceadh iad a’ ghrian. Mum mothaich ur coireachan teas on droighnich, bheir e air falbh iad mar le iomaghaoith, araon beò, agus na chorraich. Bidh aoibhneas air an fhìrean, nuair a chì e an dìoghaltas; nighidh e a chasan ann am fuil an duine aingidh. An sin their duine, Gu deimhinn tha duais ann don fhìrean; gu cinnteach tha Dia ann a tha a’ toirt breith air an talamh. Teasairg mi om naimhdean, O mo Dhia; dìon mi uapasan a tha ag èirigh am aghaidh. Teasairg mi o luchd‐dèanamh na h‑euceirt, agus o dhaoine fuileachdach saor mi; Oir feuch, tha iad a’ feitheamh nam fàth an aghaidh m’anama; tha daoine cumhachdach air cruinneachadh am aghaidh; chan ann airson mo lochd‐sa, no airson mo pheacaidh, a Thighearna. Gun choire agamsa, ruithidh iad, agus ullaichidh iad iad fhèin; mosgail thusa a chuideachadh leam, agus amhairc. O thusa, a Thighearna, a Dhè nan sluagh, a Dhè Israeil, mosgail a dh’fhiosrachadh nan cinneach uile; na dèan iochd air luchd‐easaontais ciontach sam bith. Selah. Tillidh iad anns an fheasgar, nì iad donnalaich mar choin, agus thèid iad mun cuairt air a’ bhaile. Feuch, brùchdaidh iad a‑mach lem beul; tha claidheamhan nam bilean. Oir cò, arsa iadsan, a chluinneas? Ach nì thusa, a Thighearna, gàire umpa; nì thu fanaid air na cinnich uile. O thusa mo neart, feithidh mi ort, oir is e Dia mo dhaingneach. Mo Dhia, gabhaidh a thròcair romham: bheir Dia dhomh gum faic mi mo mhiann air m’eascairdean. Na marbh iad, air eagal gun dìochuimhnich mo shluagh; sgaoil iad led neart, agus leag gu h‑ìosal iad, a Thighearna, ar sgiath. Airson peacadh am beòil, airson briathran am bilean, glacar iad nan àrdan, eadhon airson nam mallachd agus nam breug a labhras iad. Sgrios iad ann am feirg, sgrios iad, agus na biodh iad ann; agus biodh fhios aig daoine gu bheil Dia na uachdaran ann an Iàcob, gu ruig crìochan na talmhainn. Selah. Tillidh iad anns an fheasgar, nì iad donnalaich mar choin, agus thèid iad mun cuairt air a’ bhaile. Gabhaidh iad a‑null agus a‑nall airson bìdh, agus mura sàsaichear iad, nì iad gearan. Ach seinnidh mise mud neart, agus àrd‐mholaidh mi anns a’ mhadainn do thròcair; oir bu tusa mo dhaingneach agus mo dhìdean ann an là mo theanntachd. O thusa mo neart, canaidh mi dhut; oir is e Dia mo dhaingneach, mo Dhia‑sa, mo thròcair. A Dhè, thilg thu uat sinn, sgap thu sinn, bha fearg ort. O till thusa rinn! Chuir thu an talamh air chrith; bhris thu e; slànaich a bhriseadh, oir tha e air a luasgadh. Nochd thu dod shluagh nithean cruaidhe; thug thu oirnn fìon a’ bhuaireis òl. Thug thu bratach dhaibhsan don eagal thu, gu bhith air a togail suas air sgàth na fìrinn. Selah. A‑chum gun teasairgear iadsan as ionmhainn leat, saor thusa led dheas‐làimh, agus èisd rium. Labhair Dia, na naomhachd: nì mi aoibhneas; roinnidh mi Sechem, agus tomhaisidh mi gleann Shucoit. Is leamsa Gilead, agus is leam Manaseh; agus is e Ephraim neart mo chinn, Iùdah fear‐tabhairt mo lagha. Is e Mòab mo shoitheach‐ionnlaid; os cionn Edoim tilgidh mi mo bhròg; thar Pailistin nì mi caithreim. Cò a bheir mi don bhaile dhaingnichte? Cò a threòraicheas mi gu Edom? Nach tusa, a Dhè, thusa a thilg uat sinn, agus nach deachaidh a‑mach, a Dhè, maille ri ar n‑armailtean? Thoir còmhnaidh dhuinn ann an teinn, oir is dìomhain furtachd duine. Trìd Dhè nì sinn treubhantas, oir saltraidh esan sìos ar naimhdean. Eisd, a Dhè, rim ghlaodh; thoir an aire dom ùrnaigh. O iomall na talmhainn èighidh mi riut, nuair a bhios mo chridhe lag; a‑chum na carraig as àirde na mi fhèin, treòraich thusa mi, Oir bha thusa ad thèarmann dhomh, ad thùr làidir an aghaidh an nàmhaid. Gabhaidh mi còmhnaidh ann ad phàillean gu bràth; cuiridh mi mo dhòigh ann an sgàil do sgiathan. Selah. Oir chuala tusa, a Dhè, mo bhòidean; thug thu oighreachd dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme. Cuir thusa làithean ri làithean an rìgh; biodh a bhliadhnachan mar linn agus linn. Maireadh e gu bràth am fianais Dhè; gleidheadh tròcair agus fìrinn e. Mar sin seinnidh mi cliù dod ainm gu bràth, a‑chum gun dìol mi mo bhòidean o là gu là. Air Dia a‑mhàin tha m’anam a’ feitheamh; uaithesan thig mo shlàinte. Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear gu mòr mi. Cia fhad a dhealbhas sibh aimhleas an aghaidh duine? Marbhar sibh uile; mar bhalla ag aomadh, mar ghàrradh air chrith bidh sibh. A‑mhàin a‑chum a thilgeadh sìos o a àirde tha iad a’ gabhail comhairle le chèile; is miann leo breugan; lem beul beannaichidh iad, ach nan cridhe mallaichidh iad. Selah. A‑mhàin air Dia feith, O m’anam, oir is ann uaithesan a tha mo dhòchas. Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear mi. Ann an Dia tha mo shlàinte agus mo ghlòir; carraig mo neirt, mo thèarmann is e Dia. Cuiribh air gach àm ur dòigh ann, O a shluagh; dòirtibh a‑mach ur cridhe na fhianais; tha Dia na thèarmann dhuinn. Selah. Gu cinnteach tha clann Adhaimh nan dìomhanas, clann an duine nam brèig; air meidh ma chuirear iad, is aotroime iad gu lèir na dìomhanas. Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air. Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd. Mar an ceudna dhutsa, a Thighearna, buinidh tròcair, oir bheir thu luigheachd do dhuine a rèir a obrach. A Dhia, is tu mo Dhia‑sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge; A‑chum, mar a chunnaic mi thu ann ad ionad naomh, gum faicinn do chumhachd agus do ghlòir. A chionn gur fheàrr do choibhneas gràidh na beatha, bheir mo bhilean cliù dhut. Mar sin beannaichidh mi thu, an cian as beò mi; ann ad ainm togaidh mi mo làmhan. Mar le smior agus le saill sàsaichear m’anam, agus le bilean aoibhneach molaidh mo bheul thu; An uair a chuimhnicheas mi ort air mo leabaidh, a bheachd‐smaoinicheas mi ort ann am fairean na h‑oidhche. A chionn gu robh thu ad chobhair agam, uime sin fo sgàil do sgiathan nì mi gàirdeachas. Tha m’anam a’ dlùth‐leantainn riut; cumaidh do dheaslàmh suas mi. Ach iadsan a dh’iarras m’anam a‑chum a sgrios, thèid iad do ionadan ìochdarach na talmhainn. Tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh; mar chuibhreann do na sionnaich bidh iad. Ach bidh an rìgh aoibhneach ann an Dia; nì gach neach a mhionnaicheas airsan uaill, nuair a dhruidear beul na dream a labhras breug. Eisd, a Dhè, rim ghuth ann am aslachadh; o eagal an nàmhaid glèidh mo bheatha. Falaich mi o chomhairle dhiamhair dhroch dhaoine, o cho‐chruinneachadh luchd‐dèanamh na h‑euceirt, A gheuraich mar chlaidheamh an teanga, a dheasaich an saighdean, eadhon briathran searbha, A‑chum an tilgeadh ann an ionadan diamhair air an duine ionraic; gu h‑obann tilgidh iad air, agus cha bhi eagal orra. Gabhaidh iad misneach dhaibh fhèin ann an droch‐bheairt; labhraidh iad le chèile mu leagadh ribeachan gu diamhair; is e a their iad, Cò a chì sinn? Rannsaichidh iad a‑mach euceartan; coileanaidh iad mion‐rannsachadh; agus sin an taobh a‑staigh de dhuine, eadhon anns a’ chridhe dhomhain. Ach tilgidh Dia saighead orrasan; gu h‑obann bidh iad air an lotadh. Agus bheir iad air an teangaidh fhèin tuiteam orra fhèin; teichidh gach neach a chì iad. Agus bidh eagal air gach duine, agus cuiridh iad an cèill obair Dhè, oir tuigidh iad a ghnìomh‐san. Nì am fìrean aoibhneas anns an Tighearna, agus cuiridh e a dhòchas ann; agus nì iadsan uile a tha ceart nan cridhe gàirdeachas. Ortsa, a Dhè, tha moladh a’ feitheamh ann an Sion, agus dhutsa dìolar a’ bhòid. O thusa a dh’èisdeas ri ùrnaigh, thugadsa thig gach feòil. Thug euceartan buaidh oirnn; ar n‑easaontais glanaidh tusa uainn. Is beannaichte esan a thaghas tusa, agus a bheir thu am fagas dhut; gheibh e còmhnaidh ad chùirtean; sàsaichear sinn le maitheas do thaighe, do theampaill naoimh. Le nithean uamhasach ann an ceartas bheir thu freagradh dhuinn, a Dhè ar slàinte, dòchas uile chrìochan na talmhainn agus na fairge fada uainn, A tha a’ socrachadh nam beann led chumhachd, air do chrioslachadh le neart, A chaisgeas fuaim fhairgeachan, fuaim an tonn, agus buaireas nan cinneach. Gabhaidh eadhon luchd‐àiteachaidh nan crìoch fada a‑mach eagal rod chomharraidhean; bheir thusa air dol a‑mach na maidne agus an fheasgair gàirdeachas a dhèanamh. Tha thu a’ fiosrachadh na talmhainn, agus ga uisgeachadh; nì thu ro‑bheartach e, oir tha abhainn Dhè làn de uisge; deasaichidh tu arbhar, nuair a dh’ullaich thu e mar seo. Tha thu gu pailt ag uisgeachadh a iomairean; tha thu a’ leagadh sìos a sgrìoban; le frasan nì thu tais e; beannaichidh tu a fhàs. Crùnaidh tu a’ bhliadhna led mhaitheas, agus silidh do cheuman saill. Silidh iad air cluainean an fhàsaich, agus nì na cnuic gàirdeachas air gach taobh. Tha na cluainean air an sgeadachadh le treudan, agus tha na glinn air an còmhdachadh le arbhar; nì iad iolach ait, seadh, seinnidh iad. Togaibh iolach ait do Dhia, a thìrean uile; Seinnibh glòir a ainme, dèanaibh a chliù glòrmhor. Abraibh ri Dia, Cia uamhasach d’obraichean! Trìd meud do neirt strìochdaidh do naimhdean dhut. Sleuchdaidh gach tìr dhut, agus seinnidh iad dhut; seinnidh iad dod ainm. Selah. Thigibh agus faicibh obraichean Dhè; uamhasach tha e na ghnìomharan air cloinn nan daoine. Thionndaidh e a’ mhuir gu talamh tioram; tron t‑sruth ghabh iad thairis dan cois; an sin rinn sinn gàirdeachas ann. Le a threun‐neart riaghlaidh e gu bràth; amhaircidh a shùilean air na cinnich; na àrdaicheadh luchd‐ceannairc iad fèin. Beannaichibh, O a shlòigh, ar Dia‑ne, agus thugaibh air fuaim a mholaidh a bhith air a cluinntinn; Neach a chumas ar n‑anam beò, agus nach leig le ar cois carachadh. Oir dhearbh thu sinn, a Dhè; ghlan thu sinn anns an teine, mar a ghlanar airgead. Thug thu a‑steach anns an lìon sinn; chuir thu teinn air ar leasraidh. Thug thu air daoine marcachd thar ar cinn; chaidh sinn tro theine agus tro uisge, ach thug thu a‑mach sinn gu ionad saoibhir. Thèid mi dod thaigh le ìobairtean‐loisgte; coileanaidh mi dhut mo bhòidean, Leis an d’fhosgladh mo bhilean agus a labhair mo bheul, nuair a bha mi ann an èiginn. Iobairtean‐loisgte de fheudail reamhar ìobraidh mi dhut, maille ri tùis reitheachan; bheir mi suas buar maille ri gobhair. Selah. Thigibh, èisdibh, sibhse uile air a bheil eagal Dhè, agus cuiridh mi an cèill na rinn e airson m’anama. Ghlaodh mi ris lem bheul, agus dh’àrdaicheadh e lem theangaidh. Ma bheir mi spèis do euceart am chridhe, chan èisd an Tighearna rium. Gu dearbh dh’èisd Dia, thug e an aire do ghuth m’ùrnaigh. Beannaichte gu robh Dia, nach do thionndaidh m’ùrnaigh uaithesan agus a thròcair uamsa. Gun dèanadh Dia tròcair oirnn, agus gum beannaicheadh e sinn! Agus gun tugadh e air a ghnùis dealrachadh oirnn! Selah. A‑chum gun aithnichear do shlighe air an talamh, do shlàinte am measg nan uile chinneach. Moladh na slòigh thu, a Dhè! Moladh na slòigh uile thu! Biodh na cinnich aoibhneach, agus dèanadh iad luathghaire, oir bheir thusa breith air na slòigh ann an ceartas, agus riaghlaidh tu na cinnich air an talamh. Selah. Moladh na slòigh thu, a Dhè! Moladh na slòigh uile thu! Bheir an talamh a thoradh. Gum beannaicheadh Dia, ar Dia‑ne, sinn. Gum beannaicheadh Dia sinn, agus gu robh a eagal‐san air uile chrìochan na talmhainn! Eireadh Dia! Biodh a naimhdean air an sgapadh, agus teicheadh iadsan aig a bheil fuath dha o a ghnùis! Mar a dh’fhuadaichear deatach, fuadaichear iad; mar a leaghar cèir fa chomhair an teine, sgriosar droch dhaoine am fianais Dhè. Ach biodh na fìreanan aoibhneach; dèanadh iad gàirdeachas am fianais Dhè, agus biodh iad suilbhir le luath‐ghaire. Seinnibh do Dhia, molaibh a ainm; àrdaichibh esan a tha a’ marcachd air na nèamhan le a ainm Iah, agus dèanaibh gàirdeachas na fhianais. Athair nan dìlleachdan agus britheamh nam bantrach, is e Dia ann an ionad‐còmhnaidh a naomhachd. Suidhichidh Dia na daoine aonaranach ann an teaghlach; bheir e a‑mach iadsan a tha ceangailte le cuibhrichean; ach gabhaidh na ceannaircich còmhnaidh ann an tìr thartmhoir. A Dhè, nuair a chaidh thu a‑mach rod shluagh, nuair a dh’imich thu anns an fhàsach; Selah; Chriothnaich an talamh, shil mar an ceudna na nèamhan; leagh na beanntan o làthair Dhè, Sinài sin fhèin o làthair an Tighearna, Dia Israeil. Shil thu a‑nuas uisge gu pailt, a Dhè; air d’oighreachd, agus i sgìth, dh’fhurtaich thu. Chòmhnaich do choitheanal innte; dheasaich thu, a Dhè, ded mhaitheas don bhochd. Chuir an Tighearna a ghuth a‑mach; bu lìonmhor cuideachd na muinntir a dh’fhoillsich e. Theich, theich rìghrean nan armailtean, agus roinn ise a dh’fhan aig an taigh a’ chreach. Ged laigh sibh am measg choireachan, bidh sibh mar sgiathan calamain air an còmhdach le airgead, agus a iteagan le òr buidhe. Nuair a sgaoil an t‑Uile‐chumhachdach rìghrean innte, bha i geal mar shneachd air Salmon. Tha beinn Dhè mar bheinn Bhasain, na beinn àrd mar bheinn Bhasain. Carson a leumas sibh, a bheanntan àrda? Is i seo a’ bheinn anns am miann le Dia còmhnaidh a ghabhail; seadh, còmhnaichidh an Tighearna innte gu bràth. Tha carbadan Dhè nam fichead mìle, le mìltean de mhìltean aingeal; tha an Tighearna nam measg, mar ann an Sinài, anns an ionad naomh. Chaidh thu suas air ionad àrd, thug thu bruid ann am braighdeanas; thug thu tìodhlacan do dhaoine, seadh, eadhon do dhaoine ceannairceach, a‑chum gun gabhadh an Tighearna còmhnaidh nam measg. Beannaichte gu robh an Tighearna, a tha gach là gar cumail suas, Dia ar slàinte! Selah. Is e ar Dia‑ne Dia na slàinte, agus don Tighearna Dia buinidh an t‑slighe on bhàs. Ach brisidh Dia ceann a naimhdean, claigeann greannach an fhir a dh’imicheas na pheacaidhean. Thubhairt an Tighearna, Mar o Bhasan bheir mi mo shluagh air an ais; bheir mi air an ais iad mar o dhoimhneachdan na fairge; A‑chum gun tumar do chas ann am fuil do naimhdean, teanga do mhadraidh anns an nì cheudna. Chunnaic iad do thriall, a Dhè, triall mo Dhè, mo Rìgh, anns an ionad naomh! Dh’imich an luchd‐seinn air thoiseach, an luchd‐ciùil nan dèidh, am meadhon mhaighdeann a’ bualadh thiompan. Anns na coitheanalan beannaichibh an Tighearna Dia, an Tighearna o thobar Israeil. An sin tha Beniàmin beag na uachdaran orra, ceannardan Iùdah an luchd‐comhairle, ceannardan Shebuluin, ceannardan Naphtali. Dh’àithn do Dhia dhut do neart; neartaich, a Dhè, an nì seo a rinn thu air ar son. Airson do theampaill ann an Ierusalem, bheir rìghrean tìodhlac dhut. Smachdaich luchd nan sleagh, mòr‐chuideachd nan tarbh le laoigh an t‑sluaigh, gus an strìochd iad le mìrean airgid; sgap thusa na slòigh a ghabh tlachd den chogadh. Thig àrd‐uaislean as an Eiphit; sìnidh Etiopia a làmhan a‑mach gu luath ri Dia. A rìoghachdan na talmhainn, seinnibh do Dhia; seinnibh moladh don Tighearna: Selah: Dhàsan a tha a’ marcachd air nèamhan nan nèamh o chian! Feuch, tha e a’ cur a‑mach a ghutha, guth neirt. Thugaibh‐se neart do Dhia; thar Israel tha a ghlòir, agus tha a neart anns na neòil. Is uamhasach thusa, a Dhè, od ionadan naomha! Is e Dia Israeil a bheir neart agus treòir da shluagh. Guma beannaichte Dia! Teasairg mi, a Dhè, oir thàinig na h‑uisgeachan a‑steach gu ruig m’anam. Tha mi a’ dol fodha ann an làthaich dhomhain, gun àite gu seasamh; tha mi air teachd gu doimhneachdan nan uisgeachan, agus tha an sruth a’ dol tharam. Tha mi sgìth lem ghlaodhaich; tha mo sgòrnan air tiormachadh; tha mo shùilean air fàilneachadh le feitheamh air mo Dhia. Is lìonmhoire na falt mo chinn iadsan aig a bheil fuath dhomh gun adhbhar; tha iadsan air fàs làidir lem b’àill mo mhilleadh, a tha nan naimhdean dhomh gu h‑eucorach; an nì sin nach tug mi leam, an sin is èiginn dhomh a aiseag. Tha fhios agadsa, a Dhè, air m’amaideachd, agus chan eil mo lochdan falaichte ortsa. Na biodh nàire air mo sgàth‐sa orrasan a dh’fheitheas ortsa, a Thighearna Dhè nan slògh; na biodh, air mo sgàth‐sa, amhluadh orrasan a dh’iarras thusa, a Dhè Israeil. Oir air do sgàth‐sa dh’fhuiling mi masladh; chòmhdaich amhluadh mo ghnùis. Is coigreach mi dom bhràithrean, agus coimheach do chloinn mo mhàthar. Oir dh’ith eud do thaighe suas mi, agus ormsa thuit toibheum na muinntir sin a thug toibheum dhutsa. Agus nuair a dh’irioslaich mi m’anam le trasgadh, bha e na mhasladh dhomh. Agus rinn mi mo chulaidh de shac‐aodach, agus bha mi am leth‐fhacal aca. Tha iadsan a tha nan suidhe anns a’ gheata a’ labhairt am aghaidh, agus tha mi am òran acasan a tha ag òl dibhe làidir. Ach air mo shonsa, tha m’ùrnaigh riutsa, a Thighearna, ann an àm taitneach; a Dhè, ann an lìonmhorachd do thròcair èisd rium, ann am fìrinn do shlàinte. Saor mi on làthaich, agus na racham sìos; teasairgear mi uapasan lem fuathach mi, agus o na h‑uisgeachan domhain. Na rachadh tuil nan uisgeachan tharam, agus na sluigeadh an doimhneachd mi, agus na druideadh an sloc a bheul orm! Eisd rium, a Thighearna, oir is math do choibhneas gràdhach; a rèir lìonmhorachd do chaomh‐thròcairean till rium. Agus na falaich do ghnùis od òglach, oir tha mi ann an airc; èisd rium gu grad. Druid rim anam, saor e; do bhrìgh m’eascairdean, teasairg mi. Is aithne dhut mo mhasladh agus mo nàire agus mo mhì‐chliù; ad fhianais tha mo naimhdean uile. Bhris masladh mo chridhe agus tha mi iarganach, agus dh’amhairc mi airson neach a ghabhadh truas, ach cha robh e ann; agus airson luchd‐comhfhurtachd, ach cha d’fhuair mi iad. Agus thug iad dhomh, mar mo bhiadh, domblas; agus ann am ìotadh thug iad dhomh fìon‐geur ri òl. Biodh am bòrd fan comhair mar ribe, agus an soirbheachadh mar cheap‐tuislidh dhaibh. Dorchaichear an sùilean a‑chum nach faic iad; agus thoir air an leasraidh a‑ghnàth a bhith air chrith. Dòirt d’fhearg orra, agus glacadh do chorraich gheur iad. Biodh an àite‐tàimh fàs; nam pàilleanan na gabhadh neach còmhnaidh! Oir gheur‐lean iad an tì a bhuail thusa, agus labhair iad a‑chum doilgheis dhaibhsan a lot thu. Cuir euceart rin euceart, agus na tigeadh iad a‑steach ad fhìreantachd‐sa. Dubh a‑mach iad à leabhar nam beò, agus maille ris na fìreanan na sgrìobhar iad. Ach mise, a tha bochd agus brònach, togadh do shlàinte, a Dhè, an àird mi. Molaidh mise ainm Dhè le òran, agus àrdaichidh mi e le breith‐buidheachais. Agus is fheàrr leis an Tighearna seo na damh, na tarbh òg a tha adharcach, crodhanach. Chì na daoine sèimhe seo, agus bidh aoibhneas orra; sibhse a dh’iarras an Tighearna, bidh ur cridhe beò. Oir èisdidh an Tighearna ri bochdan, agus cha dèan e tàir air a phrìosanaich. Moladh na nèamhan agus an talamh e, na cuantan agus gach nì a ghluaiseas annta! Oir saoraidh Dia Sion, agus togaidh e bailtean Iùdah, agus gabhaidh iad còmhnaidh an sin, agus mealaidh iad i. Sealbhaichidh sliochd a sheirbhiseach i, agus gabhaidh iadsan a ghràdhaicheas a ainm‐san còmhnaidh innte. A Dhè, a‑chum mo theasairginn, a Thighearna, a‑chum mo chuideachaidh dèan deifir. Biodh nàire agus amhluadh orrasan a tha ag iarraidh m’anama; tillear air an ais iad, agus mòr‐amhluadh gu robh orrasan a tha a’ miannachadh uilc dhomh. Gun tillear iadsan air an ais mar thuarasdal dan nàire, a their rium, Ahà, Ahà! Dèanadh iadsan uile a tha gad iarraidh aoibhneas agus gàirdeachas annad, agus abradh iadsan a‑ghnàth len ionmhainn do shlàinte, Mòr‐mholadh gu robh do Dhia! Ach tha mise bochd agus uireasbhaidheach; a Dhè, greas am ionnsaigh; is tusa mo chobhair agus m’fhear‐saoraidh; a Thighearna, na dèan moille. Annadsa, a Thighearna, cuiridh mi mo dhòigh; nàire na biodh orm am feasd. Ad cheartas teasairg mi, agus thoir orm dol as; aom do chluas rium, agus saor mi. Bi‑sa ad charraig làidir dhomh, a‑chum an rachainn a‑ghnàth; dh’àithn thu mi a bhith air mo shaoradh, oir is tu mo charraig agus mo dhaingneach. O mo Dhia, thoir fuasgladh dhomh à làimh an aingidh, à làimh an duine eucoraich agus an‑iochdmhoir; Oir is tusa mo dhòchas, a Thighearna Dhè, mo dhòigh om òige. Leatsa chumadh mise suas on bhroinn; à innibh mo mhàthar bhuin thu mi; ortsa bidh mo mholadh an còmhnaidh. Mar adhbhar iongantais tha mi aig mòran, ach is tusa mo thèarmann làidir. Lìonar mo bheul led mholadh, led urram‐sa gach là. Na tilg uat mi an àm seann aoise; nuair a dh’fhàilnicheas mo neart, na trèig mi. Oir labhair mo naimhdean am aghaidh; agus ghabh iadsan a tha a’ feitheamh nam fàth air m’anam, comhairle le chèile, Ag ràdh, Thrèig Dia e; leanaibh e gu teann, agus glacaibh e, oir chan eil neach ann a shaoras e. A Dhè, na bi‑sa fada uam; O mo Dhia, greas gum chobhair. Biodh nàire, biodh claoidh air eascairdean m’anama; còmhdaichear le masladh agus le mì‑chliù iadsan a tha ag iarraidh m’uilc. Ach sìor earbaidh mise, agus cuiridh mi rid chliù uile. Aithrisidh mo bheul d’fhìreantachd, air feadh an là do shlàinte, ged nach aithne dhomh an àireamh. Thèid mi air m’aghaidh ann an neart an Tighearna Dia; nì mi sgeul air d’fhìreantachd, d’fhìreantachd fhèin a‑mhàin. O Dhè, theagaisg thu mi om òige, agus gu ruige seo chuir mi d’obraichean iongantach an cèill. Agus a‑nis, nuair a tha mi sean agus liath, a Dhè, na trèig mi; gus an cuir mi an cèill do neart don àl seo, do gach àl ri teachd do chumhachd. Agus tha d’fhìreantachd‐sa, a Dhè, ro‑àrd, O thusa a rinn nithean mòra, A Dhè, cò as cosmhail riut. A nochd dhomh teanntachdan mòra agus cruaidhe, a bheothaicheas mi a‑rìs, agus o dhoimhneachdan na talmhainn a bheir mi a‑nìos a‑rìs? Meudaichidh tu mo mhòrachd, agus air gach taobh bheir thu sòlas dhomh. Uime sin molaidh mise thu air an t‑saltair, seadh, d’fhìrinn‐sa, mo Dhia; seinnidh mi dhut air a’ chlàrsaich, O Aoin naoimh Israeil. Nì mo bhilean mòr‐ghàirdeachas nuair a sheinneas mi dhut, agus m’anam a shaor thu. Labhraidh mar an ceudna mo theanga air d’fhìreantachd air feadh an là, oir chuireadh amhluadh, oir chuireadh nàire orrasan a tha ag iarraidh m’aimhleis. A Dhè, thoir do bhreitheanais don rìgh, agus d’fhìreantachd do mhac an rìgh. Bheir esan breith air do shluagh le fìreantachd, agus air do bhochdan le ceartas. Bheir na beanntan sìth don t‑sluagh, agus na tulaichean. Le ceartas bheir e breith air bochdan an t‑sluaigh; saoraidh e clann nan ainnis, ach mion‐bhrisidh e fear an fhòirneirt. Bidh d’eagal orra am feadh a mhaireas a’ ghrian agus a’ ghealach, o linn gu linn. Thig e a‑nuas mar uisge air an fhaiche bhuainte, mar fhrasan a dh’uisgicheas an talamh. Na làithean‐san soirbhichidh leis an fhìrean, agus bidh pailteas sìth ann, gus nach bi a’ ghealach ann nas mò. Agus bidh uachdaranachd aige o fhairge gu fairge, agus on abhainn gu ruig crìochan na talmhainn. Na fhianais sleuchdaidh sìos luchd‐còmhnaidh an fhàsaich, agus imlichidh a naimhdean an ùir. Bheir rìghrean Tharsis agus nan eilean tìodhlacan uapa; bheir rìghrean Shèba agus Shaba tabhartasan dha. Agus sleuchdaidh na h‑uile rìghrean sìos dha; nì na cinnich uile seirbhis dha. Oir saoraidh e an t‑ainnis nuair a dh’èigheas e, agus an truaghan, aig nach eil fear‐cuideachaidh. Caomhnaidh e am bochd agus am feumach, agus tèarnaidh e anaman nam feumach. O fhoill agus o fhòirneart saoraidh e an anam, agus bidh am fuil luachmhor na shùilean. Agus bidh e beò, agus bheirear dha de òr Shèba, agus nìthear ùrnaigh air a shon a‑ghnàth; gach là beannaichear e. Bidh dòrlach sìl anns an talamh air mullach nam beann; crathaidh mar Lebanon a thoradh; agus thig muinntir a’ bhaile fo bhlàth, mar luibh na talmhainn. Bidh a ainm‐san buan gu sìorraidh; co‑mhaireann ris a’ ghrèin bidh a ainm‐san; agus annsan beannaichear na slòigh uile, agus beannaichidh iadsan e. Beannaichte gu robh an Tighearna Dia, Dia Israeil, an tì a‑mhàin a nì nithean iongantach! Agus beannaichte gu robh a ainm glòrmhor‐san gu sìorraidh, agus lìonar an talamh uile le a ghlòir! Amen agus Amen! Chrìochnaicheadh ùrnaighean Dhaibhidh mhic Iese. Gu deimhinn, tha Dia math do Israel, dhaibhsan a tha glan nan cridhe. Ach air mo shonsa, is beag nach d’aom mo chasan; cha mhòr nach do shleamhnaich mo cheuman uam. Oir ghabh mi tnù ri amadain, ri faicinn soirbheachadh dhaoine aingidh. Oir chan eil cuibhrichean nam bàs, ach tha an neart làidir. Ann an docair mar dhaoine eile chan eil iad, agus mar dhaoine eile chan eil iad air an sàrachadh. Uime sin mar shlabhraidh chuartaich àrdan iad; mar thrusgan chòmhdaich fòirneart iad. Sheas an sùil a‑mach le saill; fhuair iad thar miann an cridhe. Tha iad truaillidh, agus labhraidh iad gu h‑aingidh air fòirneart; gu h‑àrd labhraidh iad. Chuir iad am beul an aghaidh nan nèamh, agus ghluais an teanga air feadh na talmhainn. Air an adhbhar sin tillidh a shluagh an seo, agus fàisgear uisgeachan cupain làin a‑mach dhaibh. Agus their iad, Cionnas as aithne do Dhia, agus a bheil eòlas aig an Tì as àirde? Feuch, is iad sin na daoine aingidh a tha a’ soirbheachadh anns an t‑saoghal; tha iad a’ càrnadh suas beartais. Da‑rìribh, gu dìomhain ghlan mi mo chridhe, agus nigh mi mo làmhan ann an neochiontas. Oir bhuaileadh mi air feadh an là, agus smachdaicheadh mi gach madainn. Nan abrainn, Labhraidh mi mar seo, feuch, air ginealach do chloinne dhèanainn eucoir. Nuair a smaoinich mi air seo a thuigsinn, bu chruaidh an gnothach e ann am shùilean, Gus an deachaidh mi a‑steach do naomh‐ionad Dhè: an sin thuig mi an crìoch‐san. Gu deimhinn, ann an àitean sleamhainn chuir thu iad; thilg thu sìos iad gu sgrios. Cionnas a thugadh iad gu sgrios, mar ann an tiota, agus a chuireadh as dhaibh gu tur le uamhasan! Mar aisling nuair a dhùisgeas neach, a Thighearna, anns a’ bhaile nì thu tarcais air an dealbh. Ach bha mo chridhe goirt, agus bha goimh am àirnean; Agus bha mi baoth agus aineolach; mar ainmhidh bha mi ad làthair. Gidheadh, tha mi a‑ghnàth maille riut; chùm thu suas mi air do dheas‐làimh. Led chomhairle stiùraidh tu mi, agus fa dheòidh gabhaidh tu mi a‑chum glòire. Cò a tha agam anns na nèamhan ach thusa? Agus an coimeas riut chan eil neach air thalamh air a bheil mo dhèidh. Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh. Oir feuch, sgriosar iadsan a thèid fada uat; gheàrr thu as gach neach a chaidh uat le strìopachas. Ach is math dhòmhsa teachd dlùth do Dhia. Anns an Tighearna chuir mi mo dhòigh, a‑chum gum foillsichinn d’obraichean uile. Carson, a Dhè, a thilg thu uat sinn gu bràth, agus a lasas d’fhearg ri caoraich d’ionaltraidh? Cuimhnich do choitheanal, a cheannaich thu o chian, a shaor thu; slat d’oighreachd, beinn Shioin seo anns an do ghabh thu còmhnaidh. Tog do chasan a‑chum nam fàsach sìorraidh, a‑chum nan olc a rinn an nàmhaid ann ad ionad naomh. Bheuc do naimhdean am measg do choitheanail; chuir iad suas am brataichean mar chomharraidhean. Bha neach ainmeil mar a thogadh e a thuagh gu h‑àrd air coille thiugh. A‑nis mar an ceudna bhris iad sìos a obair gheàrrte le chèile le tuaghan agus le ùird. Chuir iad ri theine d’ionad naomh gu ruig an làr; thruaill iad pàillean d’ainme‐sa. Thubhairt iad nan cridhe, Sgriosamaid iad le chèile; loisg iad ionadan‐cruinneachaidh Dhè anns an tìr. Ar comharraidhean chan fhaic sinn; chan eil fàidh ann nas mò, agus chan eil neach nar measg aig a bheil fhios cia fhad. Cia fhad, a Dhè, a bheir an t‑eascaraid beum? An dèan an nàmhaid tarcais air d’ainm gu bràth? Carson a thilleas tu do làmh, do dheaslàmh fhèin, air a h‑ais? Buin a‑mach od bhroilleach i. Oir is e Dia mo rìgh o chian, ag obrachadh slàinte am meadhon na talmhainn. Sgaoil thusa an fhairge led neart, bhris thu cinn nan dràgon air na h‑uisgeachan. Phronn thu cinn Lebhiatain; thug thu e mar bhiadh don t‑sluagh anns an fhàsach. Sgoilt thu an tobar agus an sruth; thiormaich thu aibhnichean mòra. Is leatsa an là, mar an ceudna is leatsa an oidhche; is tu a dheasaich solas agus grian. Shuidhich thu uile chrìochan na talmhainn; rinn thu an samhradh agus an geamhradh. Cuimhnich seo; thug an t‑eascaraid beum, a Thighearna, agus rinn sluagh amaideach tarcais air d’ainm. Na toir suas don fhiadh‐bheathach anam do chalamain; anaman do dhaoine truagha na dìochuimhnich gu bràth. Thoir an aire don choicheangal, oir tha àitean dorcha na tìre làn de ionadan‐còmhnaidh an fhòirneirt. Na tillear air ais le nàire an tì a shàraichear; moladh am bochd agus am feumach d’ainm. Eirich, a Dhè, tagair do chùis fhèin; cuimhnich mar a tha an t‑amadan a’ toirt toibheim dhut gach là. Na dìochuimhnich guth do naimhdean, toirm na muinntir a dh’èirich ad aghaidh, a tha a’ dol suas an còmhnaidh. Bheir sinn moladh dhut, a Dhè, bheir sinn moladh; oir gu bheil d’ainm am fagas, cuiridh d’obraichean iongantach an cèill. Nuair a ghlacas mi an t‑àm suidhichte, bheir mi breith le ceartas. Sgaoileadh an tìr agus a luchd‐àiteachaidh gu lèir; cumaidh mise suas a puist. Selah. Thubhairt mi ris na h‑amadain, Na bithibh amaideach; agus ris na h‑aingidh, Na togaibh suas ur n‑adharc. Na togaibh suas ur n‑adharc gu h‑àrd; na labhraibh le muineal cruaidh. Oir chan ann on ear, no on iar, no o dheas a thig àrdachadh; Ach is e Dia am Britheamh; leagaidh e sìos am fear seo, agus àrdaichidh e am fear sin. Oir tha cupan ann an làimh an Tighearna, agus tha am fìon dearg; làn coimeisg tha e, agus dòrtaidh e cuid as; ach a dheasgainnean fàisgidh agus òlaidh uile dhaoine aingidh na talmhainn. Ach nì mise gàirdeachas gu bràth; seinnidh mi moladh do Dhia Iàcoib. Agus sgathaidh mi sìos uile adharcan nan aingidh; àrdaichear adharcan an fhìrein. Aithnichear Dia ann an Iùdah; ann an Israel tha a ainm mòr; Agus ann an Sàlem tha a phàillean, agus a ionad‐còmhnaidh ann an Sion. An sin bhris e saighdean a’ bhogha, an sgiath agus an claidheamh agus an cath. Selah. Is urramach thusa, is glòrmhor thu os cionn beanntan na creiche. Chreachadh iadsan a bha misneachail ann an cridhe; chaidil iad an cadal, agus cha d’fhuair na daoine treuna gu lèir an làmhan. Led achmhasan, a Dhè Iàcoib, chuireadh araon am marcach agus an t‑each nan suain. Is cùis eagail thusa, eadhon thusa; agus cò a sheasas ad làthair nuair a bhios fearg ort? Thug thusa air breitheanas gun cualas o nèamh e; bha eagal air an talamh, agus bha e na thàmh, Nuair a dh’èirich Dia a‑chum breitheanais, a shaoradh uile dhaoine ciùine na talmhainn. Selah. Gu cinnteach bheir fearg duine moladh dhut; fuidheall na feirge caisgidh tu. Bòidichibh, agus ìocaibh don Tighearna ur Dia: thugadh iadsan uile a tha ma thimcheall tìodhlacan dhàsan as adhbhar eagail ann. Sgathaidh e sìos spiorad uachdaranan; is cùis eagail e do rìghrean na talmhainn. Lem ghuth dh’èigh mi ri Dia, lem ghuth dh’èigh mi ri Dia, agus dh’èisd e rium. Ann an là mo theinn dh’iarr mi an Tighearna; shìneadh mo làmh a‑mach anns an oidhche gun sgur; dhiùlt m’anam sòlas a ghabhail. Chuimhnich mi air Dia, agus bha mi fo bhuaireas; rinn mi gearan agus chlaoidheadh mo spiorad. Selah. Chùm thu mo shùilean nam faireachadh; tha mi iarganach, agus chan urrainn mi labhairt. Smaoinich mi air na làithean o shean, air bliadhnachan na h‑aimsir chèin. Chuimhnich mi mo cheòl anns an oidhche; rinn mi cainnt rim chridhe fhèin, agus rannsaich mo spiorad gu geur: An tilg an Tighearna uaithe gu bràth, agus nach nochd e a dheagh‐ghean nas mò? An do sguir a choibhneas am feasd. An d’fhàilnich a fhacal o linn gu linn? An do dhearmad Dia a bhith gràsmhor? An do dhruid e na chorraich a chaomh‐thròcairean? Selah. An sin thubhairt mise, Is e seo m’anfhannachd; is e caochladh deaslàmh an Tì as àirde a tha ann. Cuimhnichidh mi obraichean an Tighearna; gu deimhinn, cuimhnichidh mi d’iongantasan on aimsir chèin; Agus beachd‐smaoinichidh mi air d’obraichean gu lèir, agus air do ghnìomharan labhraidh mi. Tha do shlighe, a Dhè, anns an ionad naomh; cò a tha na Dhia mòr mar ar Dia‑ne? Is tusa an Dia a tha a’ dèanamh nithean iongantach; thaisbein thu am measg nan sluagh do neart. Shaor thu led ghàirdean do shluagh, mic Iàcoib agus Iòseiph. Selah. Chunnaic na h‑uisgeachan thu, a Dhè, chunnaic na h‑uisgeachan thu. Bha eagal orra, seadh, ghluaiseadh na doimhneachdan. Dhòirt na neòil a‑nuas uisge; thug na speuran fuaim; mar an ceudna chaidh do shaighdean a‑mach. Bha guth do thàirneanaich anns an speur; shoillsich do dhealanaich an saoghal; ghluaiseadh agus chriothnaich an talamh. Anns an fhairge bha do shlighe, agus do cheuman anns na h‑uisgeachan mòra; agus cha d’aithnicheadh luirg do chas. Threòraich thu mar threud do shluagh, le làimh Mhaois agus Aaroin. Eisdibh, O mo shluagh, rim reachd; aomaibh ur cluas a‑chum briathran mo bheòil. Fosglaidh mi mo bheul ann an cosamhlachd; cuiridh mi sean‐fhacail dhorcha an cèill, A chuala sinn, agus a b’aithne dhuinn, agus a dh’innis ar n‑athraichean dhuinn. Cha cheil sinn air an cloinn iad, a’ foillseachadh cliù an Tighearna don àl a tha ri teachd, agus a neart agus a obraichean iongantach a rinn e; Oir chuir e suas teisteas ann an Iàcob, agus shuidhich e lagh ann an Israel, a dh’àithn e dar n‑athraichean gun dèanadh iad aithnichte dan cloinn; A‑chum gum biodh fhios aig an àl ri teachd orra, gun èireadh a’ chlann a bheirte, agus gun cuireadh iad an cèill iad dan cloinn fhèin; Agus gun cuireadh iad an dòchas ann an Dia, agus nach dìochuimhnicheadh iad obraichean Dhè, ach gun gleidheadh iad a àitheantan; Agus nach biodh iad mar an athraichean, nan ginealach reasgach agus ceannairceach, ginealach nach do shuidhich an cridhe gu ceart, agus nach robh an spiorad tairis do Dhia. Ged bha clann Ephraim fon airm, agus ged thilg iad le bogha, thill iad air an ais ann an là catha. Cha do ghlèidh iad coicheangal Dhè, agus dhiùlt iad imeachd na reachd. Agus dhìochuimhnich iad a obraichean, agus a iongantasan a nochd e dhaibh. An làthair an athraichean rinn e nithean iongantach, ann an tìr na h‑Eiphit, ann am machair Shòain. Sgoilt e an fhairge, agus thug e iadsan thairis, agus thug e air na h‑uisgeachan seasamh mar thòrr. Agus stiùir e iad le neul anns an là, agus air feadh na h‑oidhche le solas teine. Sgoilt e na creagan anns an fhàsach, agus thug e deoch dhaibh, mar a doimhneachdan mòra. Agus thug e sruthan a‑mach as a’ charraig, agus thug e air uisgeachan ruith sìos mar aibhnichean. Gidheadh pheacaich iad fhathast nas mò na aghaidh, a’ brosnachadh an Tì as àirde anns an fhàsach. Agus bhuair iad Dia nan cridhe, ag iarraidh bìdh dam miann. Seadh, labhair iad an aghaidh Dhè; thubhairt iad, An urrainn Dia bòrd a dheasachadh anns an fhàsach? Feuch, bhuail e a’ chreag, agus bhrùchd uisgeachan a‑mach, agus dh’èirich na tuiltean. An urrainn e mar an ceudna aran a thabhairt? An deasaich e feòil da shluagh? Uime sin, chuala an Tighearna, agus bha corraich air, agus las teine an aghaidh Iàcoib, agus mar an ceudna dh’èirich fearg an aghaidh Israeil; A chionn nach do chreid iad ann an Dia, agus nach d’earb iad as a shlàinte; Ged dh’àithn e do na neòil on àirde, agus ged dh’fhosgail e dorsan nan nèamh; Agus ged fhras e a‑nuas mana orra ri ithe, agus ged thug e dhaibh coirce nan nèamh. Dh’ith daoine biadh nan aingeal; thug e dhaibh an sàth de lòn. Thug e air gaoith an ear imeachd anns na nèamhan, agus le a neart thug e a‑steach a’ ghaoth a deas. Agus fhras e a‑nuas feòil orra mar dhuslach, agus eunlaith iteagach mar ghaineamh na fairge. Agus thug e orra tuiteam am meadhon an campa, mu thimcheall an àitean‐còmhnaidh. Agus dh’ith iad, agus làn‐shàsaicheadh iad, oir thug e dhaibh am miann fhèin. Cha robh iad air an sgarachdainn om miann; fhathast bha am biadh nam beul. An sin thàinig fearg Dhè orra, agus mharbh e iadsan a bu shultmhoire dhiubh, agus leag e sìos daoine taghte Israeil. An dèidh seo gu lèir, pheacaich iad fhathast, agus cha do chreid iad airson a obraichean iongantach‐san. Uime sin chaith e an làithean ann an dìomhanas, agus am bliadhnachan ann an uamhas. Nuair a mharbh e iad, an sin dh’iarr iad e, agus thill iad, agus bha iad gu moch ag iarraidh Dhè; Agus chuimhnich iad gum b’e Dia an carraig, agus an Dia as àirde am fear‐saoraidh. Ach rinn iad miodal ris lem beul, agus rinn iad breug dha len teangaidh, Oir cha robh an cridhe ceart maille ris, agus cha robh iad dìleas na choicheangal. Gidheadh, gu h‑iochdmhor mhaith esan an lochd, agus cha do sgrios e iad; seadh, iomadh uair thionndaidh e a fhearg uaithe, agus cha do dhùisg e a chorraich uile. Oir chuimhnich e nach robh annta ach feòil; osag gaoithe a shiùbhlas, agus nach till a‑rìs. Cia tric a bhrosnaich iad e anns an fhàsach, a chuir iad campar air anns an ionad uaigneach? Seadh, thill iad air an ais, agus bhuair iad Dia, agus chuir iad tomhas air Aon naomh Israeil. Cha do chuimhnich iad a làmh, no an là air an do shaor e iad on nàmhaid; Mar a nochd e a chomharraidhean anns an Eiphit, agus a obraichean iongantach ann am machair Shòain; Agus a thionndaidh e an uisgeachan gu fuil, agus an sruthan, air chor is nach faodte òl dhiubh; A chuir e nam measg iomadh gnè chuileag a dh’ith suas iad, agus losgainn a sgrios iad; A thug e an toradh don bhurras, agus an saothair don lòcast; A mhill e an croinn‐fhìona le cloich‐mheallain, agus an croinn‐fhìge le reothadh; Agus a thug e thairis am feudail don chloich‐mheallain, agus an treudan don tein‐adhair; A thilg e orra teas a fheirge, boile agus corraich, agus teinn, le ainglean olca a chuir e nam measg; A rinn e slighe da fheirg, nach do chaomhain e an anam on bhàs, ach a thug e thairis an anam don phlàigh; Agus a bhuail e gach ciad‐ghin anns an Eiphit, toiseach an neirt ann am pàilleanan Ham; Ach a thug e a‑mach mar chaoraich a shluagh fhèin, agus a threòraich e iad mar threud anns an fhàsach; Agus a stiùir e iad gu tèarainte, air chor is nach robh eagal orra, ach a chòmhdaich an fhairge an naimhdean; Agus a thug e iad gu crìch a ionaid naoimh‐san, don t‑sliabh seo a choisinn a dheaslàmh; Agus a thilg e a‑mach na cinnich romhpa, agus a roinn e oighreachd dhaibh le crannchur, agus a thug e air treubhan Israeil còmhnaidh a ghabhail nam pàilleanan‐san. Gidheadh bhuair agus bhrosnaich iad an Dia as àirde, agus cha do ghlèidh iad a theisteas. Ach thill iad, agus ghluais iad gu fealltach mar an athraichean; chaidh iad a thaobh, mar bhogha fiar. Agus bhrosnaich iad e len ionadan àrda, agus len dealbhan geàrrte dhùisg iad e gu eud. Chuala Dia, agus bha fearg air, agus ghabh e gràin mhòr de Israel; Agus thrèig e pàillean Shiloh, am bùth a shuidhich e am measg dhaoine; Agus thug e suas a neart gu braighdeanas, agus a ghlòir do làimh an nàmhaid; Agus thug e thairis a shluagh don chlaidheamh, agus ghabh e fearg ra oighreachd. Loisg an teine an òigridh, agus cha d’fhuair an òighean pòsadh. Thuit an sagartan leis a’ chlaidheamh, agus cha do rinn am bantraichean bròn. An sin mhosgail an Tighearna mar neach a bha na chadal, mar churaidh a nì iolach an dèidh dha fìon òl. Agus bhuail e a naimhdean nan deireadh; thug e masladh bithbhuan dhaibh. Agus dhiùilt e pàillean Iòseiph, agus cha do thagh e treubh Ephraim; Ach thagh e treubh Iùdah, sliabh Shioin a ghràdhaich e; Agus thog e a ionad naomh fhèin mar lùchairt àrd, mar an talamh a shuidhich e gu bràth; Agus thagh e Daibhidh a òglach, agus thug e e o chrò nan caorach; O bhith an dèidh nan caorach a bha trom le àl, thug e e a bheathachadh Iàcoib a shluagh, agus Israel a oighreachd. Agus bheathaich e iad a rèir ionracas a chridhe, agus le seòltachd a làmh stiùir e iad. A Dhè, thàinig na cinnich a‑steach dod oighreachd; thruaill iad do theampall naomh; dh’fhàg iad Ierusalem na cùirn. Thug iad cuirp do sheirbhiseach mar bhiadh do eunlaith nan speur, feòil do naomh do fhiadh‐bheathaichean na talmhainn. Dhòirt iad am fuil mar uisge timcheall Ierusaleim, agus cha robh neach gu an adhlacadh. Tha sinn nar masladh dar coimhearsnaich, nar n‑adhbhar fanaid agus magaidh dhaibhsan a tha mun cuairt oirnn. Cia fhad, a Thighearna, a bhios fearg ort? Gu bràth an las d’eud mar theine? Dòirt do chorraich air na cinnich aig nach eil eòlas ort, agus air na rìoghachdan nach gairm air d’ainm; Oir chuir iad as do Iàcob, agus rinn iad a àite‐còmhnaidh na fhàsach. Na cuimhnich thusa nar n‑aghaidh ar n‑euceartan roimhe seo; gu luath gabhadh do thròcairean romhainn, oir thugadh gu ro‑ìosal sinn. Cuidich leinn, a Dhè ar slàinte, air sgàth glòir d’ainme, agus teasairg sinn, agus glan ar peacaidhean uainn airson d’ainme fhèin. Carson a theireadh na cinnich, Càit a bheil an Dia? Aithnichear am measg nan cinneach fa chomhair ar sùl dìoghaltas fuil do sheirbhiseach, a dhòirteadh! Thigeadh osnaich a’ phrìosanaich ad làthair, a rèir meud do neirt; saor thusa iadsan a dh’òrdaicheadh a‑chum bàis. Agus ìoc dar coimhearsnaich a sheachd uiread nam broilleach, am masladh leis an do mhaslaich iad thusa, a Thighearna. Agus molaidh sinne, do shluagh agus caoraich d’ionaltraidh, thusa gu bràth; o linn gu linn cuiridh sinn an cèill do chliù. O aodhair Israeil, èisd thusa a stiùras Iòseph mar threud; thusa a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban, dealraich a‑mach. An làthair Ephraim agus Bheniàmin agus Mhanaseh, dùisg do chumhachd agus thig gar saoradh. Till sinn, a Dhè, agus thoir air do ghnùis dealrachadh, agus saorar sinn. A Thighearna Dhè nan slògh, cia fhad a bhios fearg ort ri ùrnaigh do shluaigh? Thug thu dhaibh aran nan deur ri ithe, agus thug thu dhaibh deòir rin òl ann am pailteas. Rinn thu sinn nar n‑adhbhar strì dar coimhearsnaich, agus nì ar n‑eascairdean gàire fanaid umainn. A Dhè nan slògh, till sinn, agus thoir air do ghnùis dealrachadh, agus saorar sinn. Thug thu fìonan as an Eiphit; thilg thu a‑mach na cinnich, agus shuidhich thu i. Rèitich thu àite fa comhair, agus thug thu oirre freumhachadh gu daingeann, agus lìon i an tìr. Chòmhdaicheadh beanntan le a sgàil, agus le a geugan seudair àrda. Chuir i a‑mach a meòir gu ruig a’ mhuir, agus a meanglain gu ruig an abhainn. Carson a bhris thu sìos a ballachan‐dìonaidh, air chor is gu bheil uile luchd‐gabhail na slighe ga spìonadh? Tha an torc as a’ choille ga fàsachadh, agus tha fiadh‐bheathach na machrach ga h‑ithe suas. A Dhè nan slògh, till, guidheamaid ort; amhairc a‑nuas o nèamh, agus faic agus fiosraich an fhìonain seo; Agus am fìonlios a shuidhich do dheaslàmh, agus am meanglan a neartaich thu dhut fhèin. Loisgeadh i le teine, ghearradh sìos i; le achmhasan do ghnùise sgriosar iad. Biodh do làmh air fear do làimhe deise, air mac an duine a neartaich thu dhut fhèin. An sin cha till sinn air ar n‑ais uat; beòthaich sinn, agus gairmidh sinn air d’ainm. A Thighearna Dhè nan slògh, till sinn, thoir air do ghnùis dealrachadh, agus saorar sinn. Seinnibh gu h‑ait do Dhia ar neart; togaibh iolach to Dhia Iàcoib. Glacaibh salm, agus thugaibh tiompan leibh; a’ chlàrsach bhinn maille ris an t‑saltair. Anns a’ ghealaich nuaidh sèidibh an trompaid, anns an àm shuidhichte, air là ar fèille. Oir bu reachd seo do Israel, riaghailt le Dia Iàcoib. Mar fhianais shuidhich e e ann an Iòseph, nuair a thàinig e a‑mach à tìr na h‑Eiphit, far an cuala e cainnt nach do thuig e. On eallaich thug mi as a ghualainn; o na poitean shaoradh a làmhan. Ann an teinn ghairm thu, agus shaor mi thu; fhreagair mi thu ann an ionad diamhair an tàirneanaich; dhearbh mi thu làimh ri uisgeachan Mheribah. Selah. Eisd, O mo shluagh, agus bheir mi fianais dhut; O Israeil, ma dh’èisdeas tu rium; Cha bhi dia coigreach annad, agus cha chrom thu sìos do dhia coimheach. Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; fosgail do bheul gu farsaing, agus lìonaidh mise e. Gidheadh cha d’èisd mo shluagh rim ghuth, agus cha do ghabh Israel rium. Uime sin thug mi thairis iad do ana‑miann an cridhe fhèin; dh’imich iad nan comhairle fhèin. O nach èisdeadh mo shluagh rium, nach imicheadh Israel am shlighean! Gu luath leagainn sìos an eascairdean, agus thionndaidhinn mo làmh an aghaidh an naimhdean. Bheireadh luchd‐fuath an Tighearna ùmhlachd dha, ach mhaireadh an aimsir‐san gu bràth. Agus bheathaicheadh e iad le smior a’ chruithneachd, agus le mil on charraig shàsaichinn thu. Tha Dia na sheasamh ann an coitheanal nan cumhachdach; am measg nan diathan bheir e breith. Cia fhad a bheir sibh breith gu h‑eucorach, agus a ghabhas sibh ri gnùis dhaoine aingidh? Selah. Dèanaibh ceartas don bhochd agus don dìlleachdan; cumaibh còir ris an truagh agus ris an fheumach. Teasairgibh am bochd agus an t‑ainnis; à làimh nan aingidh saoraibh iad. Chan eil eòlas no tuigse aca; ann an dorchadas gluaisidh iad; tha uile bhunaitean na talmhainn air chrith. Thubhairt mi, Is diathan sibh, agus is mic sibh uile don Tì as àirde. Ach gheibh sibh bàs mar dhaoine, agus tuitidh sibh mar aon de na h‑uachdarain. Eirich, a Dhè, thoir breith air an talamh, oir sealbhaichidh tu na h‑uile chinnich mar oighreachd. A Dhè, na bi ad thosd; na bi sàmhach, agus na bi ad thàmh, a Dhè; Oir feuch, tha do naimhdean ri buaireas, agus thog iadsan lem fuathach thu suas an guth. An aghaidh do shluaigh gu cuilbheartach dhealbh iad olc, agus ghabh iad comhairle le chèile an aghaidh do mhuinntir dhiamhair. Thubhairt iad, Thigibh agus gearramaid as iad o bhith nan cinneach, a‑chum nach cuimhnichear ainm Israeil nas mò. Oir le aon inntinn ghabh iad comhairle le chèile, ad aghaidh‐sa rinn iad coicheangal. Pàilleanan Edoim agus na h‑Ismaelich, Mòab agus na Hàgaraich, Gebal agus Amon agus Amalec, na Philistich maille ri luchd‐àiteachaidh Thìruis; Mar an ceudna dhlùth‐lean Asur riu; bu chòmhnadh iad do chloinn Lot. Selah. Dèan orra mar air Midian, mar air Sisera, mar air Iabin, aig sruth Chisoin; A sgriosadh aig En‑dor, a rinneadh mar aolach don talamh. Dèan an àrd‐uaislean mar Oreb agus mar Sheeb, agus an uachdarain gu lèir mar Shèba agus mar Shalmuna; A thubhairt, Glacamaid dhuinn fhèin mar oighreachd àiteachan‐còmhnaidh Dhè. O mo Dhia, dèan iad mar roth, mar asbhuain ron ghaoith. Mar a loisgeas teine a’ choille, agus mar a chuireas lasair na beanntan ri theine, Mar sin dèan thusa tòrachd orra led dhoininn, agus led iomaghaoith cuir uamhann orra. Lìon an aodann le masladh, a‑chum gun iarr iad d’ainm, a Thighearna. Biodh amhluadh agus buaireas orra gu bràth; seadh, glacadh nàire iad, agus sgriosar iad; A‑chum gum bi fhios aig daoine gur tusa a‑mhàin don ainm Iehòbhah, an Tì as àirde os cionn na talmhainn uile. Cia so‑ghràdhach do phàilleanan, a Thighearna nan slògh! Tha m’anam a’ miannachadh, seadh, eadhon a’ fannachadh le dèidh air cùirtean an Tighearna; tha mo chridhe agus m’fheòil ag èigheach gu h‑àrd airson an Dè bheò. Fhuair eadhon an gealbhan taigh, agus an gòbhlan‐gaoithe nead dhi fhèin anns an cuireadh i a h‑àlach; d’altairean‐sa, a Thighearna nan slògh, mo Dhia agus mo Rìgh. Is beannaichte iadsan a tha nan còmhnaidh ad thaigh‐sa; molaidh iad thu a‑ghnàth. Selah. Is beannaichte an duine sin aig a bheil a neart annadsa, agus iadsan aig a bheil do shlighean nan cridhe. A’ dol tro ghleann Baca, nì iad sin tobar ann; lìonaidh mar an ceudna an t‑uisge na linneachan. Imichidh iad o neart gu neart; nochdar gach aon dhiubh an làthair Dhè ann an Sion. A Thighearna Dhè nan slògh, cluinn m’ùrnaigh; èisd, a Dhè Iàcoib. Selah. A Dhè ar sgiath, faic agus amhairc air gnùis d’Aoin ungte; Oir is fheàrr là ad chùirtean na mìle; b’fheàrr leam a bhith ri dorsaireachd ann an taigh mo Dhè na a bhith am chòmhnaidh ann am pàilleanan aingidheachd; Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic. A Thighearna nan slògh, is beannaichte an duine a chuireas a dhòigh annadsa. Bha thusa bàidheil, a Thighearna, rid thìr; thug thu air ais braighdeanas Iàcoib. Mhaith thu cionta do shluaigh; dh’fhalaich thu am peacadh uile. Selah. Chaisg thu do chorraich uile; thionndaidh thu o fhraoch d’fheirge. Till sinn, a Dhè ar slàinte, agus tog d’fhearg dhinn. Gu bràth am bi corraich ort rinn? An sìn thu d’fhearg o linn gu linn? Nach ath‐bheothaich thu sinn, a‑chum gun dèan do shluagh gàirdeachas annad? Nochd dhuinn, a Thighearna, do thròcair, agus deònaich dhuinn do shlàinte. Cluinnidh mi ciod a their Dia an Tighearna, oir labhraidh e sìth ra shluagh agus ra naoimh; ach na tilleadh iad a‑chum amaideachd. Gu dearbh tha a shlàinte dlùth dhaibhsan don eagal e; a‑chum gun còmhnaich glòir nar tìr. Tha tròcair agus fìrinn air còmhlachadh a chèile; tha ceartas agus sìth air pògadh a chèile. Fàsaidh fìrinn a‑nìos as an talamh, agus seallaidh ceartas a‑nuas o na nèamhan. Seadh, bheir an Tighearna math dhuinn, agus bheir ar fearann uaithe a thoradh. Imichidh ceartas roimhe, agus stiùraidh e a cheuman anns an t‑slighe. Aom, a Thighearna, do chluas; èisd rium, oir tha mi bochd agus uireasbhaidheach. Glèidh m’anam, oir tha mi diadhaidh; O thusa mo Dhia, saor d’òglach, a dh’earbas asad. Dèan tròcair orm, a Thighearna, oir tha mi a’ glaodhaich riut gach là. Dèan anam d’òglaich fhèin aoibhinn, oir riutsa, a Thighearna, togaidh mi m’anam. Oir tha thusa, a Thighearna, math agus iochdmhor, agus pailt ann an tròcair dhaibhsan uile a ghairmeas ort. Eisd, a Thighearna, rim ùrnaigh, agus thoir fa‑near guth m’athchuinge. Ann an là mo theinn gairmidh mi ort, oir freagraidh tu mi. Chan eil do shamhail‐sa am measg nan diathan, a Thighearna, agus chan eil obraichean ann cosmhail rid obraichean‐sa. Thig na cinnich uile a rinn thu, agus sleuchdaidh iad ad làthair, a Thighearna, agus bheir iad glòir dod ainm. Oir is mòr thusa, agus tha thu a’ dèanamh nithean iongantach; is tusa Dia, thu fhèin a‑mhàin. Teagaisg dhomh, a Thighearna, do shlighe; gluaisidh mi ad fhìrinn; coicheangail mo chridhe a‑chum eagal d’ainme a bhith orm. Molaidh mi thu, a Thighearna mo Dhia, lem uile chridhe, agus bheir mi glòir dod ainm gu bràth; Oir is mòr do thròcair ormsa, agus shaor thu m’anam on t‑sloc as ìochdaraiche. A Dhè, dh’èirich na h‑uaibhrich am aghaidh, agus dh’iarr coitheanal luchd‐fòirneirt m’anam; agus cha do chuir iad thusa fan comhair. Ach tha thusa, a Thighearna, ad Dhia iochdmhor agus gràsmhor, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair agus ann am fìrinn. Amhairc orm, agus dèan tròcair orm; thoir neart dod òglach, agus saor mac do bhanoglaich. Thoir dhomh comharradh air math, a‑chum gum faic iadsan e aig a bheil fuath dhomh, agus gun gabh iad nàire, a chionn, a Thighearna, gun do chuidich thusa leam agus gun tug thu comhfhurtachd dhomh. Tha a bhunait anns na beanntan naomha. Is ionmhainn leis an Tighearna geatachan Shioin thar uile ionadan‐còmhnaidh Iàcoib. Innsear nithean glòrmhor ortsa, a chathair Dhè. Selah. Cuimhnichidh mi Rahab agus Bàbel dhaibhsan don aithne mi; feuch, Pailistin agus Tìrus, maille ri Etiopia; rugadh am fear seo an sin. Ach mu Shion theirear, Rugadh am fear seo agus am fear ud innte, agus daingnichidh an Tì as àirde i. Comharraichidh an Tighearna, nuair a sgrìobhas e sìos na fineachan, gun do rugadh am fear seo an siud. Bidh araon luchd‐seinn agus luchd‐ciùil an sin; tha mo thobraichean uile annadsa. A Thighearna, a Dhè mo shlàinte, a là agus a dh’oidhche ghlaodh mi ad fhianais. Thigeadh m’ùrnaigh ann ad làthair; aom do chluas rim ghlaodh; Oir tha m’anam làn truaighe, agus tha mo bheatha dlùth don uaigh. Mheasadh mi mar iadsan a thèid sìos don t‑sloc; tha mi mar dhuine gun neart; Saor am measg nam marbh, mar iadsan a mharbhadh, a tha nan laighe anns an uaigh, air nach eil cuimhne agad nas mò, oir od làimh ghearradh as iad. Chuir thu mi anns an t‑sloc as ìsle ann an dorchadas, anns na doimhneachdan. Laigh d’fhearg orm gu teann, agus led thonnan uile chlaoidh thu mi. Selah. Chuir thu mo luchd‐eòlais fada uam; rinn thu mi am ghràinealachd dhaibh; druidte suas tha mi, agus chan urrainn mi teachd a‑mach. Tha mo shùil a’ fàilneachadh do bhrìgh m’àmhghair; ghairm mi ort, a Thighearna, gach là; shìn mi mo làmhan riut. Do na mairbh an nochd thu iongantasan? An èirich na mairbh agus am mol iad thu? Selah. An cuirear an cèill do choibhneas caomh anns an uaigh, d’fhìrinn ann an sgrios? An aithnichear d’iongantasan anns an dorchadas, agus d’fhìreantachd ann an talamh na dìochuimhne? Ach riutsa, a Thighearna, ghlaodh mise, agus anns a’ mhadainn thig m’ùrnaigh ad làthair. Carson, a Thighearna, a thilgeas tu m’anam uat, a dh’fhalaicheas tu do ghnùis uam? Tha mise air mo chràdh, agus dlùth don bhàs, om òige; dh’fhuiling mi d’uamhasan, tha mi ann an imcheist. Dh’imich d’fhearg gheur tharam; chlaoidh d’uamhasan mi. Chaidh iad timcheall orm mar uisge gach là; chuartaich iad mi le chèile. Chuir thu fear mo ghaoil agus mo charaid fada uam; tha luchd m’eòlais ann an dorchadas. Air tròcairean an Tighearna gu bràth seinnidh mi; o linn gu linn foillsichidh mi d’fhìrinn lem bheul. Oir thubhairt mi, Gu bràth togar suas tròcair; anns na nèamhan daingnichidh mi d’fhìrinn, ag ràdh, Rinn mi coicheangal rim Aon taghte; mhionnaich mi do Dhaibhidh, m’òglach, Gu bràth daingnichidh mi do shliochd agus togaidh mi suas do rìgh‐chathair o linn gu linn. Selah. Molaidh na nèamhan d’iongantasan, a Thighearna; mar an ceudna d’fhìrinn ann an coitheanal nan naomh. Oir cò ann am flaitheanas a choimeasar ris an Tighearna? Cò am measg mic nan cumhachdach a shamhlaichear ris an Tighearna? Is adhbhar eagail Dia gu mòr ann an coitheanal nan naomh, agus is còir urram a thoirt dha os an cionn‐san uile a tha mun cuairt dha. A Thighearna Dhè nan slògh, cò a tha cosmhail riut? Treun tha thusa, a Thighearna, agus tha d’fhìrinn mun cuairt dhut. Riaghlaidh tusa onfhadh na fairge; nuair a dh’èireas a tonnan, caisgidh tu iad. Mhìn‐phronn thu Rahab, mar dhuine leònte; le gàirdean do neirt sgap thu do naimhdean. Is leatsa na nèamhan; mar an ceudna is leat an talamh; shuidhich thusa an cruinne‐cè agus a làn. Chruthaich thusa an àird a tuath agus an àird a deas; nì Tabor agus Hermon gàirdeachas ann ad ainm. Agadsa tha gàirdean neartmhor; is làidir do làmh, is àrd do dheaslàmh. Is iad ceartas agus breitheanas àite‐tàimh do rìgh‐chathrach; thèid tròcair agus fìrinn rod ghnùis. Is beannaichte an sluagh don aithne an fhuaim aoibhneach; imichidh iad, a Thighearna, ann an solas do ghnùise. Ann ad ainm‐sa nì iad gàirdeachas air feadh an là, agus ann ad fhìreantachd àrdaichear iad. Oir is tusa glòir an neirt, agus ann ad dheagh‐ghean àrdaichear ar n‑adharc. Oir is e an Tighearna ar sgiath, agus Aon naomh Israeil ar Rìgh. An sin labhair thu ann an taisbeanadh rid Aon naomh, agus thubhairt thu. Chuir mise cuideachadh air aon a tha cumhachdach; dh’àrdaich mi aon taghte as an t‑sluagh. Fhuair mi Daibhidh m’òglach; lem ola naoimh dh’ung mi e, Lem bi mo làmh gu daingeann; mar an ceudna neartaichidh mo ghàirdean e. Cha tog an nàmhaid cìs dheth, agus cha chlaoidh mac an uilc e. Agus pronnaidh mi a naimhdean roimhe, agus buailidh mi iadsan lem fuathach e. Agus bidh m’fhìrinn agus mo thròcair maille ris, agus ann am ainm‐sa àrdaichear a adharc‐san. Agus cuiridh mi a làmh anns an fhairge, agus a dheaslàmh anns na h‑aibhnichean. Glaodhaidh e rium, Is tu m’athair, mo Dhia agus carraig mo shlàinte. Mar an ceudna nì mi mo chiad‐ghin dheth, àrd os cionn rìghrean na talmhainn. Gu bràth gleidhidh mi mo thròcair dha, agus bidh mo choicheangal seasmhach leis. Agus suidhichidh mi gu bràth a shliochd, agus a rìgh‐chathair mar làithean nan nèamh. Ma thrèigeas a chlann mo lagh, agus nach gluais iad ann am bhreitheanais, Ma mhì‐naomhaicheas iad mo reachdan, agus nach glèidh iad m’àitheantan, An sin fiosraichidh mi le slait an easaontas, agus le buillean an euceart. Gidheadh, cha bhuin mi gu tur mo choibhneas gràidh uaithe, agus cha bhreugnaich mi mo ghealladh. Cha bhris mi mo choicheangal, agus an nì a thàinig as mo bhilean chan atharraich mi. Aon uair mhionnaich mi air mo naomhachd nach dèan mi breug do Dhaibhidh. Mairidh a shliochd gu bràth, agus a rìgh‐chathair mar a’ ghrian am làthair. Mar a’ ghealach daingnichear e gu bràth, agus mar fhianais dhìleas ann an nèamh. Selah. Ach thilg thu uat, agus ghabh thu gràin; bha fearg ort rid Aon ungte. Sgaoil thu coicheangal d’òglaich; thruaill thu a choron, ga thilgeadh gu làr. Bhris thu a bhallachan‐dìonaidh uile; rinn thu a dhaingnichean nan sgrios. Creachaidh iadsan uile a ghabhas an t‑slighe e; tha e na mhasladh da choimhearsnaich. Thog thu suas deaslàmh a naimhdean; rinn thu a eascairdean uile ait. Mar an ceudna thill thu faobhar a chlaidheimh, agus cha tug thu air seasamh anns a’ chath. Chuir thu as da ghlòir, agus thilg thu sìos a rìgh‐chathair gu làr. Ghiorraich thu làithean a òige; chòmhdaich thu e le nàire. Selah. Cia fhad, a Thighearna, a dh’fhalaicheas tu thu fhèin gu tur, a loisgeas mar theine do chorraich? Cuimhnich cia geàrr m’aimsir; carson a chruthaich thu gu dìomhain clann nan daoine uile? Cò e an duine a tha beò agus nach faic am bàs, no a theasairgeas a anam fhèin o làimh na h‑uaighe? Càit a bheil do choibhneasan gràidh roimhe seo, a Thighearna, a mhionnaich thu do Dhaibhidh air d’fhìrinn? Cuimhnich, a Thighearna, masladh do sheirbhiseach, gun do ghiùlain mise ann am uchd uile mhasladh sluaigh mhòir, Leis an do mhaslaich do naimhdean, a Thighearna, leis an do mhaslaich iad ceuman d’Aoin ungte. Beannaichte gu robh an Tighearna gu sìorraidh! Amen agus Amen. A Thighearna, bha thusa ad ionad‐còmhnaidh dhuinn o linn gu linn. Mun do ghineadh na beanntan, agus mun do dhealbh thu an talamh agus an cruinne‐cè, eadhon o bhithbhuantachd gu bithbhuantachd is tusa Dia. Tionndaidhidh tu an duine gu sgrios, agus their thu, Tillibh, a chlann nan daoine. Oir tha mìle bliadhna ann ad shealladh‐sa mar an là‑an‑dè nuair a thèid e seachad, agus mar fhaire anns an oidhche. Dh’fhuadaich thu iad mar le sruth; mar chadal tha iad; anns a’ mhadainn tha iad mar fheur a dh’fhàsas suas. Air madainn thig e fo bhlàth, agus fàsaidh e suas; air feasgar gearrar sìos e, agus seargaidh e. Oir tha sinn air ar caitheamh led fheirg, agus led chorraich tha sinn air ar claoidh. Chuir thu ar n‑euceartan ad fhianais, ar peacaidhean diamhair ann an solas do ghnùise. Oir tha ar làithean air teireachdainn ann ad fheirg; chaith sinn ar làithean mar sgeul a dh’innseadh. Tha làithean ar bliadhnachan nan trì‐fichead bliadhna agus a deich; agus le tuilleadh neirt ma bhios ceithir‐fichead ann, is saothair agus doilgheas an spionnadh, oir gearrar as e gu grad agus siùbhlaidh sinn. Cò don aithne neart d’fheirge, agus, a rèir d’eagail, do chorraich? Teagaisg dhuinn mar seo ar làithean àireamh, a‑chum gun socraich sinn ar cridhe air gliocas. Till, a Thighearna‑cia fhad? – agus gabh aithreachas a‑thaobh do sheirbhiseach. Sàsaich sinn gu moch led thròcair, a‑chum gun dèan sinn gàirdeachas agus aoibhneas rè ar làithean uile. Dèan aoibhneach sinn a rèir nan làithean air an do chràidh thu sinn, nam bliadhnachan anns am faca sinn olc. Faicear d’obair led sheirbhisich, agus do ghlòir len cloinn. Agus biodh maise an Tighearna ar Dia oirnn, agus daingnich thusa obair ar làmh dhuinn; seadh, daingnich obair ar làmh. Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile‐chumhachdaich. Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh. Gu dearbh saoraidh e thu o rib an eunadair, on phlàigh mhilltich. Le a iteagan còmhdaichidh e thu, agus fo a sgiathan bidh d’earbsa; bidh a fhìrinn na sgèith agus na targaid dhut. Cha bhi eagal ort a‑thaobh an uamhais anns an oidhche, no na saighde a ruitheas anns an là, No na plàigh a ghluaiseas ann an dorchadas, no an sgrios a mhilleas mu mheadhon‐là. Tuitidh mìle rid thaobh, agus deich mìle air do làimh dheis, ach cha tig e am fagas dhut. A‑mhàin led shùilean seallaidh tu, agus chì thu dìol nan aingidh. A chionn gun do rinn thu an Tighearna na thèarmann, an Tì as àirde na ionad‐còmhnaidh dhut, Chan èirich olc air bith dhut, agus cha tig plàigh am fagas dod fhàrdaich; Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile. Nan làmhan togaidh iad suas thu, air eagal gum buail thu do chas air cloich. Air an leòmhann agus an nathair‐nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fod chois an leòmhann òg agus an dràgon. A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha. Le fad làithean sàsaichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte. Is math an nì buidheachas a thabhairt don Tighearna, agus cliù a thabhairt dod ainm‐sa, O Thì as àirde; Do choibhneas gràidh a chur an cèill anns a’ mhadainn, agus d’fhìrinn gach oidhche, Air inneal‐ciùil nan deich teud agus air an t‑saltair, air a’ chlàrsaich le fuaim fhonnmhoir àird. Oir rinn thu mi aoibhinn, a Thighearna, trìd d’obraichean‐sa; ann an gnìomharan do làmh nì mi gàirdeachas. Cia mòr do ghnìomharan‐sa, a Thighearna! Ro‑dhomhain tha do smuaintean. Chan eòl don amhlair, agus cha tuig an t‑amadan seo. Nuair a chinneas na h‑aingidh mar fheur, agus a thig uile luchd‐dèanamh na h‑euceirt fo bhlàth, bidh iad air an sgrios am feasd. Ach tha thusa ro‑àrd gu sìorraidh, a Thighearna; Oir feuch do naimhdean, a Thighearna, oir feuch do naimhdean, sgriosar iad; sgapar uile luchd‐dèanamh na h‑euceirt. Ach mar adharc buabhaill àrdaichidh tu m’adharc‐sa; ungar mi le ola ùir; Agus amhaircidh mo shùil air m’eascairdean; mu na droch dhaoine a dh’èireas suas am aghaidh cluinnidh mo chluasan. Mar chrann‐pailme thig am fìrean fo bhlàth; mar sheudair air Lebanon fàsaidh e suas. Iadsan a shuidhichear ann an taigh an Tighearna, ann an cùirtean ar Dè‑ne thig iad fo bhlàth; Fhathast nan seann aois bheir iad a‑mach toradh; sultmhor agus ùr bidh iad, A‑chum gun nochd iad gu bheil an Tighearna, mo charraig, cothromach, agus nach eil euceart ann. Tha an Tighearna a’ rìoghachadh, tha e air a sgeadachadh le mòralachd; tha an Tighearna air a sgeadachadh le neart, agus chrioslaich e e fhèin; tha an saoghal mar an ceudna air a dhaingneachadh, a‑chum nach gluaisear e. Dhaingnicheadh do rìgh‐chathair o chian; o shìorraidheachd tha thusa ann. Thog na tuiltean suas, a Thighearna, thog na tuiltean suas an guth; togaidh na tuiltean suas an tonnan. Os cionn toirm uisgeachan lìonmhor, os cionn tonnan neartmhor na mara, is neartmhor anns na h‑àrdan an Tighearna. Tha do theisteis ro‑fhìor; dod thaigh‐sa is iomchaidh naomhachd, a Thighearna, gu bràth. A Dhè an dìoghaltais, a Thighearna Dhè an dìoghaltais, dealraich a‑mach. Ardaich thu fhèin, a Bhritheamh na talmhainn; ìoc luigheachd do na h‑uaibhrich. Cia fhad a nì na h‑aingidh, a Thighearna, cia fhad a nì na h‑aingidh caithreim? Cia fhad a bhrùchdas iad briathran, a labhras iad nithean cruaidhe, a bhios uile luchd‐dèanamh an uilc ri ràiteachas; A bhruthas iad do shluagh, a Thighearna, agus a chlaoidheas iad d’oighreachd; A mharbhas iad a’ bhantrach agus an coigreach, agus a mhortas iad na dìlleachdain; Agus a their iad, Chan fhaic an Tighearna, agus cha toir Dia Iàcoib fa‑near e? Tuigibh, sibhse amhlairean am measg an t‑sluaigh; agus amadana, cuin a bhios sibh glic? An tì a shuidhich a’ chluas, nach cluinn e? An tì a dhealbh an t‑sùil, nach faic e? An tì a smachdaicheas na fineachan, nach cronaich e? An tì a theagaisgeas eòlas don duine, nach eil eòlas aige? Is fiosrach an Tighearna air smuaintean dhaoine, gur dìomhanas iad. Is beannaichte an duine a smachdaicheas tusa, a Thighearna, agus a theagaisgeas tu as do lagh; A‑chum fois a thabhairt dha o làithean an uilc, gus an cladhaichear sloc don aingidh. Oir cha tilg Dia dheth a shluagh, agus cha trèig e a oighreachd fhèin; Ach tillidh breitheanas ri ceartas, agus leanaidh iadsan uile a tha ionraic nan cridhe e. Cò a dh’èireas leam an aghaidh luchd‐dèanamh an uilc? Cò a sheasas air mo shon an aghaidh luchd‐dèanamh na h‑aingidheachd? Mura biodh an Tighearna gam chuideachadh, is beag nach robh m’anam na thàmh gu tosdach. Nuair a thubhairt mi, Tha mo chas air sleamhnachadh uam, chùm do thròcair, a Thighearna, suas mi. Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam. Am bi comann riutsa aig rìgh‐chathair na h‑euceirt, a dhealbhas aimhleas le reachd? Cruinnichidh iad le chèile an aghaidh anam an fhìrein, agus dìtidh iad fuil neochiontach. Ach is e an Tighearna mo dhaingneach, agus is e mo Dhia carraig mo dhòchais. Agus dìolaidh e orra fhèin an euceart, agus nan aingidheachd fhèin gearraidh e as iad; gearraidh an Tighearna ar Dia as iad. O thigibh, seinneamaid don Tighearna; togamaid iolach do charraig ar slàinte. Thigeamaid na fhianais le buidheachas, agus le sailm togamaid ceòl dha gu suilbhireach; Oir is Dia mòr ar Tighearna, agus is Rìgh mòr e os cionn nan uile dhiathan. Na làimh‐san tha doimhneachdan na talmhainn, agus is leis àirde nam beann. Is leis an fhairge, oir is e a rinn i, agus dhealbh a làmh an talamh tioram. O thigibh, sleuchdamaid, agus cromamaid sìos; tuiteamaid air ar glùinean am fianais an Tighearna a rinn sinn; Oir is esan Dia, agus is sinne sluagh a ionaltraidh‐san, agus caoraich a làimhe. An‑diugh, ma dh’èisdeas sibh ra ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ chonnsachadh, mar ann an là a’ bhuairidh, anns an fhàsach; Nuair a bhuair ur n‑athraichean mi, a dhearbh iad mi, agus a chunnaic iad m’obraichean rè dà‑fhichead bliadhna. Chuireadh campar orm leis a’ ghinealach ud, agus thubhairt mi, Is sluagh seachranach nan cridhe iad, agus chan aithne dhaibh mo shlighean, Don tug mi mo mhionnan am fheirg, nach rachadh iad a‑steach dom fhois. Canaibh don Tighearna laoidh nuadh; canaibh don Tighearna, a thìrean uile. Canaibh don Tighearna, beannaichibh a ainm; foillsichibh o là gu là a shlàinte. Cuiribh an cèill am measg nan cinneach a ghlòir, am measg gach sluaigh a iongantasan‐san. Oir is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh e air cliù; is adhbhar eagail esan os cionn nan uile dhiathan. Oir is iodhalan uile dhiathan nan cinneach, ach is e an Tighearna a rinn na nèamhan. Tha urram agus mòralachd na fhianais, neart agus maise na ionad naomh. Thugaibh don Tighearna, sibhse fhineachan nan sluagh, thugaibh don Tighearna glòir agus neart. Thugaibh don Tighearna a’ ghlòir as cubhaidh da ainm; thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh a‑steach da chùirtean. Sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd; biodh eagal oirbh na fhianais, gach uile thìr. Abraibh am measg nan cinneach, Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; mar an ceudna daingnichear an domhan, a‑chum nach gluaisear e; bheir e breith air na slòigh le ceartas. Biodh na nèamhan aoibhneach, agus dèanadh an talamh gàirdeachas; beucadh an fhairge agus a làn. Biodh a’ mhachair ait, agus gach nì a tha innte; an sin dèanadh uile chroinn na coille luathghaire: An làthair an Tighearna, oir tha e a’ teachd, oir tha e a’ teachd a thoirt breith air an talamh; bheir e breith air an t‑saoghal le ceartas, agus air na slòigh le a fhìrinn. Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; biodh aiteas air an talamh; dèanadh na h‑eileanan lìonmhor gàirdeachas. Tha neòil agus dorchadas ma thimcheall; is iad ceartas agus breitheanas àite‐còmhnaidh a rìgh‐chathrach. Thèid teine roimhe, agus loisgidh e suas a naimhdean air gach taobh. Shoillsich a dhealanaich an cruinnecè; chunnaic agus chriothnaich an talamh. Leagh na beanntan as mar chèir o làthair an Tighearna, o làthair Tighearna na talmhainn uile. Cuiridh na nèamhan an cèill a cheartas, agus chì an sluagh a ghlòir. Bidh amhluadh orrasan uile a nì seirbhis do dhealbhan snaidhte, a nì uaill à iodhalan; sleuchdaibh dha, a dhiathan uile. Chuala Sion, agus bha aoibhneas oirre; agus rinn nigheanan Iùdah gàirdeachas airson do bhreitheanas, a Thighearna. Oir tha thusa, a Thighearna, àrd os cionn na talmhainn uile; tha thu air d’àrdachadh gu mòr os cionn nan uile dhiathan. Sibhse a ghràdhaicheas an Tighearna, fuathaichibh olc; gleidhidh e anaman a naomh; à làimh nan aingidh saoraidh e iad. Dh’èirich solas don fhìrean, agus aoibhneas dhaibhsan a tha ionraic nan cridhe. Biodh aoibhneas oirbh, fhìreanan, anns an Tighearna, agus thugaibh buidheachas ri cuimhneachadh air a naomhachd. O seinnibh don Tighearna laoidh nuadh, oir rinn e nithean iongantach; dh’obraich a dheaslàmh agus a ghàirdean naomh slàinte dha. Thaisbein an Tighearna a shlàinte; ann an sealladh nan cinneach dh’fhoillsich e a fhìreantachd. Chuimhnich e a thròcair agus a fhìrinn do theaghlach Israeil; chunnaic uile chrìochan na talmhainn slàinte ar Dè. Togaibh iolach ait don Tighearna, a thìrean uile; togaibh ur guth, dèanaibh gàirdeachas agus seinnibh cliù. Seinnibh don Tighearna le clàrsaich, le clàrsaich agus guth sailme. Le trompaidean agus guth na h‑adhairc, togaibh iolach ait an làthair an Rìgh Iehòbhah. Beucadh an fhairge agus a làn, an saoghal agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann. Buaileadh na tuiltean am basan; cuideachd dèanadh na beanntan luathghaire An làthair an Tighearna, oir tha e a’ teachd a thabhairt breith air an talamh; bheir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, agus air na slòigh ann an ceartas. Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; criothnaicheadh na slòigh; tha e na shuidhe eadar ceruban; biodh crith air an talamh. Tha an Tighearna mòr ann an Sion, agus tha e àrd os cionn gach sluaigh. Moladh iad d’ainm mòr agus uamhasach; is naomh e. Agus is toigh leis an Rìgh chumhachdach breitheanas; is tu a shocraicheas a’ chòir; nì thusa breitheanas agus ceartas ann an Iàcob. Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig stòl a chas; is naomh esan. Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg‐san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad. Ann am baideal neòil labhair e riu; ghlèidh iad a theisteis agus an reachd a thug e dhaibh. A Thighearna ar Dia, fhreagair thusa iad; is tu an Dia a thug maitheanas dhaibh, ged rinn thu dìoghaltas airson an gnìomharan. Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig a shliabh naomh, oir is naomh an Tighearna ar Dia. Togaibh iolach ait don Tighearna, a thìrean uile. Dèanaibh seirbhis don Tighearna le aoibhneas, thigibh na fhianais le luathghaire. Biodh fhios agaibh gur e an Tighearna as Dia ann; is e a rinn sinn, agus cha sinn fhèin; is sinn a shluagh, agus caoraich a ionaltraidh‐san. Thigibh a‑steach na gheatachan le buidheachas, na chùirtean le moladh; thugaibh buidheachas dha, beannaichibh a ainm; Oir tha an Tighearna math; mairidh a thròcair gu bràth, agus a fhìrinn o linn gu linn. Mu thròcair agus mu bhreitheanas canaidh mi; dhutsa, a Thighearna, seinnidh mi. Iomchairidh mi mi fhèin gu glic air slighe ionraic. O cuin a thig thu am ionnsaigh? Gluaisidh mi ann an ionracas mo chridhe ann am meadhon mo thaighe. Cha chuir mi olc sam bith fa chomhair mo shùl; is fuathach leam obair luchd‐easaontais; cha lean i rium. Triallaidh cridhe iargalta uam; air an daoi cha chuir mi eòlas. An tì gu diamhair a bheir beum da choimhearsnach, esan gearraidh mi as; an tì aig a bheil sealladh àrd agus cridhe uaibhreach, esan chan fhuiling mi. Bidh mo shùilean air fìreanan na tìre, a‑chum gun gabh iad còmhnaidh leam; esan a ghluaiseas ann an slighe ionraic, nì e seirbhis dhomh. Cha ghabh fear‐dèanamh ceilge còmhnaidh ann am thaigh; chan fhuirich fear‐labhairt bhreug fa chomhair mo shùl. Gu moch gearraidh mi as uile dhroch dhaoine na tìre, a‑chum gun sgath mi as o chathair an Tighearna uile luchd‐dèanamh an uilc. A Thighearna, èisd rim ùrnaigh, agus thigeadh mo ghlaodh ad ionnsaigh. Na falaich do ghnùis uam ann an là mo theinn; aom do chluas rium anns an là air an gairm mi ort; èisd rium gu grad. Oir tha mo làithean air teireachdainn mar dheataich, agus tha mo chnàmhan air an losgadh mar theintein. Tha mo chridhe air a bhualadh agus air seargadh mar fheur, air chor is nach cuimhne leam m’aran ithe. Le guth m’osnaich, lean mo chnàmhan rim fheòil. Tha mi cosmhail ri pelican an fhàsaich; tha mi mar chomhachaig nan ionad aonaranach. Tha mi ri faire, agus tha mi mar eun na aonar air mullach taighe. Air feadh an là tha mo naimhdean gam mhaslachadh; agus iadsan a tha air bhoile rium, mhionnaich iad am aghaidh. Oir dh’ith mi luath mar aran, agus mheasg mi mo dheoch lem dheòir, Trìd do chorraich agus d’fheirge, oir thog thu mi suas, agus leag thu mi sìos. Tha mo làithean mar sgàil ag aomadh sìos, agus tha mi fhèin mar fheur air seargadh. Ach mairidh tusa, a Thighearna, gu bràth, agus do chuimhne o linn gu linn. Eiridh tusa, nì thu tròcair air Sion, oir tha an t‑àm gu deagh‐ghean a nochdadh dhi, seadh, an t‑àm suidhichte air teachd; Oir tha do sheirbhisich a’ gabhail tlachd na clachan, agus tha deagh rùn aca da luaithre. Mar sin bidh eagal air na cinnich ro ainm an Tighearna, agus air uile rìghrean na talmhainn ro a ghlòir. Nuair a thogas an Tighearna suas Sion, chìthear e na ghlòir. Bheir e an aire do ùrnaigh nan dìobarach, agus cha dèan e tàir air an athchuinge. Sgrìobhar seo don àl ri teachd, agus molaidh an sluagh a ghinear an Tighearna. Oir dh’amhairc e a‑nuas o àirde a naomhachd fhèin; o na nèamhan sheall an Tighearna air an talamh, A chluinntinn osnaich a’ phrìosanaich, a‑chum fuasgladh orrasan a dh’òrdaicheadh a‑chum bàis; A‑chum ainm an Tighearna a chur an cèill ann an Sion, agus a chliù ann an Ierusalem; Nuair a chruinnichear na slòigh le chèile, agus na rìoghachdan gu seirbhis a dhèanamh don Tighearna. Chlaoidh e anns an t‑slighe mo neart; ghiorraich e mo làithean. Thubhairt mi, Mo Dhia, na toir air falbh mi ann am meadhon mo làithean; tha do bhliadhnachan‐sa air feadh nan uile linn. O chian leag thu bunaitean na talmhainn, agus is iad na nèamhan obair do làmh. Thèid as dhaibhsan, ach mairidh tusa; fàsaidh iadsan uile sean mar aodach; mar thrusgan caochlaidh tu iad, agus bidh iad air an caochladh. Ach is tusa an Tì ceudna, agus cha chrìochnaichear do bhliadhnachan. Mairidh clann do sheirbhiseach, agus daingnichear an sliochd ad fhianais. Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus moladh gach nì a tha an taobh a‑staigh dhìom a ainm naomh‐san. Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus na dìochuimhnich a thìodhlacan uile. Is e a mhaitheas dhut do pheacaidhean gu lèir, a shlànaicheas d’easlaintean uile; A shaoras do bheatha o sgrios, a chrùnas thu le coibhneas gràidh agus le caomh‐thròcairean; A shàsaicheas do bheul le nithean matha, air chor is gun ath‐nuadhaichear d’òige, mar òige na h‑iolaire. Nì an Tighearna ceartas agus breitheanas dhaibhsan uile a tha air an sàrachadh. Dh’fhoillsich e a shlighean do Mhaois, a ghnìomharan do chloinn Israeil. Is tròcaireach agus is gràsmhor an Tighearna, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an coibhneas gràidh. Cha bhi e a’ cronachadh gu sìorraidh, agus cha ghlèidh e a fhearg gu bràth. A rèir ar peacaidhean cha do rinn e oirnn, agus a rèir ar n‑euceartan cha tug e luigheachd dhuinn. Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh‐san don eagal e. Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais. Mar a ghabhas athair truas da chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan don eagal e; Oir is aithne dha ar dealbh; is cuimhne leis gur duslach sinn. An duine, mar fheur tha a làithean; mar bhlàth na machrach, mar sin fàsaidh e fo bhlàth; Oir gabhaidh a’ ghaoth thairis, agus cha bhi e ann, agus chan aithnich a ionad fhèin e nas mò. Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne, Dhaibhsan a chumas a choicheangal, agus a chuimhnicheas a àitheantan a‑chum an dèanamh. Shocraich an Tighearna a rìgh‐chathair anns na nèamhan, agus tha a rìoghachd a’ riaghladh os cionn nan uile. Beannaichibh an Tighearna, sibhse a ainglean, treun ann an neart, a’ dèanamh a iarrtais, ag èisdeachd ri fuaim a fhacail. Beannaichibh an Tighearna, a shlòigh uile, sibhse a luchd‐frithealaidh a tha a’ dèanamh a thoile. Beannaichibh an Tighearna, a obraichean uile, anns gach àite de a thighearnas; beannaich an Tighearna, O m’anam! Beannaich an Tighearna, O m’anam! A Thighearna mo Dhia, tha thusa ro‑mhòr; le urram agus mòralachd tha thusa air do sgeadachadh. Tha thu a’ cur solais umad mar thrusgan, a’ sìneadh a‑mach nan nèamh mar chùirtean. Tha e a’ leagadh sailthean a sheòmraichean anns na h‑uisgeachan, a’ dèanamh nan neul nan carbad dha fhèin, a’ siubhal air sgiathan na gaoithe; A’ dèanamh a ainglean nan spioradan, a luchd‐frithealaidh nan teine lasrach. Shuidhich e an talamh air a bhunaitean, a‑chum nach gluaiste e gu bràth. Leis an doimhneachd, mar le trusgan, chòmhdaich thu e; sheas na h‑uisgeachan os cionn nam beann. Od achmhasan‐sa theich iad, o ghuth do thàirneanaich ghreas iad romhpa. Chaidh iad suas ri taobh nam beann; chaidh iad sìos air feadh nan gleann don àite a dh’òrdaich thusa dhaibh. Shuidhich thu crìoch air nach tèid iad thairis, a‑chum nach till iad a‑rìs a chòmhdachadh na talmhainn. Tha e a’ cur thobraichean anns na gleanntan, a tha a’ ruith air feadh nam beann. Bheir iad deoch do uile bheathaichean na machrach; caisgidh na h‑asail fhiadhaich an ìotadh. Am fagas dhaibh còmhnaichidh eunlaith nan speur, a bhios a’ seinn am measg nan geug. Uisgichidh e na beanntan o a sheòmraichean; le toradh a ghnìomh sàsaichear an talamh. Bheir e air feur fàs don sprèidh, agus air luibh a‑chum seirbhis an duine, a‑chum aran a thabhairt as an talamh, Agus fìon a nì cridhe an duine subhach, ola a nì a ghnùis dealrach, agus aran a neartaicheas cridhe an duine. Tha craobhan an Tighearna làn brìgh, seudair Lebanoin a shuidhich e, Far an dèan na h‑eòin an neadan; aig an storc tha na craobhan giuthais mar ionad‐tàimh. Tha na beanntan àrda nan tèarmann do na gobhair fhiadhaich, na creagan do na coineanan. Rinn e a’ ghealach airson aimsirean; is aithne don ghrèin mar a laigheas i. Nì thu dorchadas, agus tha an oidhche ann; an sin snàigidh uile bheathaichean na coille a‑mach. Beucaidh na leòmhainn òga airson cobhartaich, agus ag iarraidh am bìdh air Dia. Eiridh a’ ghrian, cruinnichidh iad le chèile, agus nan àitean‐tàimh laighidh iad. Thèid an duine a‑mach gu a obair, agus gu a shaothair gu feasgar. Cia lìonmhor d’obraichean, a Thighearna! Ann an gliocas rinn thu iad gu lèir; tha an talamh làn led shaoibhreas. Mar an ceudna an cuan seo a tha mòr agus farsaing, anns a bheil creutairean snàigeach gun àireamh, araon beathaichean beaga agus mòra. An sin siùbhlaidh na longan, agus an Lebhiatan sin a dhealbh thu gu bhith a’ sùgradh ann. Feithidh iad sin uile ortsa, a‑chum gun toir thu dhaibh am biadh na thràth. Bheir thusa dhaibh, cruinnichidh iadsan; fosglaidh tu do làmh; sàsaichear iad le math. Falaichidh tu do ghnùis, bidh iad fo amhluadh; bheir thu uapa an deò, eugaidh iad, agus tillidh iad rin ùir. Cuiridh tu a‑mach do spiorad, cruthaichear iad; agus ath‐nuadhaichidh tu aghaidh na talmhainn. Mairidh glòir an Tighearna gu bràth; nì an Tighearna gàirdeachas na obraichean. Seallaidh e air an talamh, agus criothnaichidh e; beanaidh e ris na beanntan, agus bidh deatach dhiubh. Seinnidh mise don Tighearna an cian as beò mi; canaidh mi moladh dom Dhia fhads a bhios bith agam. Bidh mo smuaintean air milis; nì mi gàirdeachas anns an Tighearna. Sgriosar peacaich a‑mach as an talamh, agus cha bhi na h‑aingidh ann nas mò. Beannaich an Tighearna, O m’anam. Molaibh‐se an Tighearna. O thugaibh buidheachas don Tighearna; gairmibh air a ainm; foillsichibh am measg nan sluagh a ghnìomharan. Seinnibh dha; seinnibh sailm dha; labhraibh air a obraichean iongantach‐san gu lèir. Dèanaibh uaill as a ainm naomh‐san; biodh gàirdeachas air cridhe na dream a dh’iarras an Tighearna. Iarraibh an Tighearna agus a neart; iarraibh a ghnùis a‑ghnàth. Cuimhnichibh a obraichean iongantach a rinn e, a chomharraidhean agus breitheanais a bheòil, O sibhse a shliochd Abrahàim a òglach‐san, sibhse a chlann Iàcoib, a dhaoine taghte‐san. Is esan an Tighearna ar Dia‑ne; air feadh na talmhainn uile tha a bhreitheanais. Chuimhnich e gu sìorraidh a choicheangal‐san, am facal a dh’òrdaich e do mhìle ginealach; A rinn e ri Abrahàm, agus a mhionnan do Isaac; Agus dhaingnich e sin do Iàcob mar reachd, do Israel mar choicheangal bithbhuan; Ag ràdh, Dhutsa bheir mi fearann Chanàain, crannchur ur n‑oighreachd. Nuair nach robh iad ach ro‑thearc ann an àireamh agus nan coigrich ann, Agus a chaidh iad o chinneach gu cinneach, o rìoghachd gu sluagh eile, Cha do leig e le duine sam bith eucoir a dhèanamh orra, agus smachdaich e rìghrean air an son, Ag ràdh, Na beanaibh rim dhaoine ungte, agus air m’fhàidhean na dèanaibh cron. Agus ghairm e gorta air an tìr; bhris e uile lorg an arain. Chuir e duine romhpa, Iòseph, a reiceadh mar thràill. Le geimhlean dhochainn iad a chasan; chuireadh ann an iarann e gu teann, Gu ruig an t‑àm anns an tàinig a bhriathar; dhearbh facal an Tighearna e. Chuir an rìgh teachdaire uaithe, agus dh’fhuasgail e air; uachdaran an t‑sluaigh, agus leig e saor as e. Rinn e e na thighearna air a thaigh, agus na uachdaran os cionn a mhaoin uile, A‑chum gun ceangladh e a àrd‐cheannardan a rèir a thoile, agus gun dèanadh e a sheanairean glic. Agus thàinig Israel don Eiphit, agus bha Iàcob air chuairt ann an tìr Cham. Agus thug e air a shluagh fàs ro‑lìonmhor, agus rinn e na bu treasa iad na an naimhdean. Dh’iompaich e an cridhe gu fuath a thoirt da shluagh, agus gu buntainn gu cealgach ra sheirbhisich. Chuir e dan ionnsaigh Maois, a òglach fhèin, Aaron a thagh e. Nochd iad a chomharraidhean nam measg, agus a bheartan iongantach ann an tìr Cham. Chuir e a‑mach dorchadas, agus bha dorchadas ann; agus cha do rinn iad ceannairc an aghaidh a fhacail. Thionndaidh e an uisgeachan gu fuil, agus mharbh e an iasg. Thug an tìr a‑mach losgainn gu pailt, ann an seòmraichean an rìghrean. Labhair e, agus thàinig iomadh gnè chuileag agus mialan nan crìochan uile. Airson an uisge thug e dhaibh clach‐mheallain, agus teine lasrach, nan tìr. Agus bhuail e an croinn‐fhìona agus an croinn‐fhìge; agus bhris e craobhan nan crìoch. Labhair e, agus thàinig lòcaist agus burrais, agus sin gun àireamh. Agus dh’ith iad gach luibh nan tìr, agus dh’ith iad meas am fearainn. Agus bhuail e gach ciad‐ghin nan tìr, toiseach an neirt uile. Agus thug e a‑mach iad le airgead agus le òr, agus nan treubhan uile cha robh aon neach lag. Bha aoibhneas air an Eiphit nuair a chaidh iad a‑mach, oir thuit an eagal‐san orra. Sgaoil e neul mar chòmhdach, agus teine gu solas a thoirt anns an oidhche. Dh’iarr iad, agus thug e dhaibh gearra‑goirt, agus le aran nèimh shàsaich e iad. Dh’fhosgail e a’ chreag, agus bhrùchd uisgeachan a‑mach; ruith iad air na h‑ionadan tioram mar abhainn. Oir chuimhnich e a ghealladh naomh do Abrahàm, a sheirbhiseach. Agus thug e a‑mach a shluagh le aoibhneas, a dhaoine taghte le gàirdeachas. Agus thug e dhaibh fearann nan cinneach, agus shealbhaich iad saothair nan sluagh; A‑chum gun tugadh iad fa‑near a reachdan, agus gun gleidheadh iad a laghan. Molaibh an Tighearna. Molaibh an Tighearna. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair. Cò as urrainn gnìomharan treuna an Tighearna a chur an cèill? Cò as urrainn a chliù uile fhoillseachadh? Is beannaichte iadsan a choimheadas breitheanas, a nì ceartas anns gach àm. Cuimhnich oirnn, a Thighearna, leis an deagh‐ghean a tha thu a’ nochdadh dod shluagh fhèin; O fiosraich sinn led shlàinte; A‑chum gum faic sinn math do dhaoine taghte, a‑chum gun dèan sinn aoibhneas ann an aoibhneas do chinnich, a‑chum gun dèan sinn uaill led oighreachd‐sa. Pheacaich sinn le ar n‑athraichean; rinn sinn gu h‑olc, rinn sinn gu h‑aingidh. Cha do thuig ar n‑athraichean d’iongantasan anns an Eiphit; cha do thuig iad lìonmhorachd do thròcairean, ach bhrosnaich iad thu làimh ris a’ mhuir, aig a’ mhuir ruaidh. Gidheadh theasairg e iad air sgàth a ainme fhèin, a‑chum gun nochdadh e a chumhachd. Agus smachdaich e a’ mhuir ruadh, agus thiormaicheadh i; agus threòraich e iad tro na doimhneachdan, mar tro fhàsach. Agus theasairg e iad o làimh an tì a thug fuath dhaibh, agus shaor e iad o làimh an nàmhaid. Agus dh’fhalaich na h‑uisgeachan an eascairdean; cha d’fhàgadh aon dhiubh. An sin chreid iad a bhriathran, agus sheinn iad a chliù. Gu luath dhìochuimhnich iad a ghnìomharan; cha d’fheith iad ra chomhairle. Ach ghlac ana‑miann iad anns an fhàsach, agus bhuair iad Dia anns an ionad uaigneach. Agus thug e dhaibh an iarrtas, ach chuir e caoile air an anam. Agus ghabh iad farmad ri Maois anns a’ champ, agus ri Aaron, sagart naomh an Tighearna. Dh’fhosgail an talamh, agus shluig e sìos Datan, agus dh’fhalaicheadh cuideachd Abiraim. Agus las teine nan cuideachd; loisg an lasair suas na droch dhaoine. Rinn iad laogh ann an Hòreb, agus shleuchd iad don dealbh leaghte. Agus chaochail iad an glòir gu coslas daimh a dh’itheas feur. Dhìochuimhnich iad Dia am fear‐saoraidh, a rinn nithean mòra anns an Eiphit, Nithean iongantach ann an tìr Cham, nithean uamhasach aig a’ mhuir ruaidh. Uime sin thubhairt e gum milleadh e iad, mura bitheadh gun do sheas a òglach taghte Maois fa chomhair anns a’ bheàrn, gus a chorraich a thionndadh uapa, a‑chum nach sgriosadh e iad. Agus rinn iad tarcais air an tìr thaitnich; cha do chreid iad a fhacal. Agus rinn iad gearan nam bùthan, agus cha d’èisd iad ri guth an Tighearna. An sin thog e a làmh nan aghaidh a thoirt orra tuiteam anns an fhàsach, Agus a thilgeadh sìos an sliochd am measg nan cinneach, agus gus an sgaoileadh air feadh nan tìr. Mar an ceudna naisg iad iad fhèin ri Bàal‐peor, agus dh’ith iad ìobairtean nam marbh. Agus bhrosnaich e iad len gnìomharan, agus bhris a’ phlàigh a‑steach orra. An sin sheas Phinehas, agus chuir e breitheanas an gnìomh, agus chaisgeadh a’ phlàigh. Agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd, o linn gu linn gu bràth. Chuir iad fearg air mar an ceudna aig uisgeachan Mheribah, agus dh’èirich olc do Mhaois air an son; Oir bhrosnaich iad a spiorad, air chor is gun do labhair e gu h‑aithghearr le a bhilean. Cha do sgrios iad na slòigh mun tug an Tighearna àithne dhaibh. Ach cho‐mheasg iad iad fhèin am measg nan cinneach, agus dh’fhòghlaim iad an obraichean; Agus rinn iad seirbhis dan iodhalan, a bha mar ribe dhaibh; Agus dh’ìobair iad am mic agus an nigheanan do dheamhain. Agus dhòirt iad fuil neochiontach, fuil am mac agus an nighean, a dh’ìobair iad do iodhalan Chanàain, agus thruailleadh an tìr le fuil. Agus rinneadh neòghlan iad len obraichean, agus chaidh iad air strìopachas len gnìomharan. Agus las fearg an Tighearna an aghaidh a shluaigh, agus ghabh e gràin da oighreachd. Agus thug e suas iad do làimh nan cinneach, agus bha iadsan a dh’fhuathaich iad nan uachdarain os an cionn. Agus shàraich an naimhdean iad, agus leagadh gu h‑ìosal iad fon làimh. Iomadh uair shaor e iad, ach bhrosnaich iad e len comhairlean, agus thugadh sìos iad airson an cionta. Gidheadh thug e an àmhghar fa‑near, nuair a chuala e an glaodh; Agus chuimhnich e dhaibh a choicheangal, agus ghabh e aithreachas a rèir lìonmhorachd a thròcairean. Agus fhuair e truas dhaibh ann an sealladh na muinntir sin a thug leo nam braighdean iad. Saor sinn, a Thighearna ar Dia, agus tionail sinn o mheasg nan cinneach, a‑chum buidheachas a thabhairt dod ainm naomh‐sa, a‑chum caithreim a dhèanamh ann ad chliù. Guma beannaichte an Tighearna, Dia Israeil, o shìorraidheachd gu sìorraidheachd! Agus abradh an sluagh uile, Amen. Molaibh‐se an Tighearna. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair. Mar seo abradh iadsan a shaoradh leis an Tighearna, a shaor e o làimh an nàmhaid; Agus a chruinnich e as na tìrean, on àird an ear agus on àird an iar, on àird a tuath agus on àird a deas. Chaidh iad air seachran anns an fhàsach, ann an ionad uaigneach; slighe gu baile tàimh cha d’fhuair iad. Acrach agus tartmhor, dh’fhàilnich an anam annta. An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad; Agus threòraich e iad air slighe cheirt, a‑chum gun rachadh iad gu baile tàimh. O gum moladh daoine Dia airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine! Oir shàsaich e an t‑anam cìocrach, agus lìon e an t‑anam acrach le math. Iadsan a shuidh ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, ceangailte ann an truaighe agus ann an iarann, A chionn gun do rinn iad ceannairc an aghaidh briathran Dhè, agus gun do rinn iad tàir air comhairle an Tì as àirde, Aig an do leagadh sìos an cridhe le anshocair; thuit iad, agus cha robh fear‐cuideachaidh ann. An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad. Thug e iad à dorchadas, agus à sgàil a’ bhàis, agus bhris e o chèile an cuibhreach. O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine! Oir bhris e na geatachan umha, agus gheàrr e sìos na croinn iarainn. Bha amadain, airson an easaontais agus airson an euceartan, fo àmhghar. De gach biadh ghabh an anam gràin, agus thàinig iad dlùth do gheatachan bàis. An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad. Chuir e a fhacal uaithe, agus shlànaich e iad; agus shaor e iad o sgrios. O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine! Agus gun ìobradh iad ìobairtean buidheachais, agus gun cuireadh iad an cèill a ghnìomharan le luathghaire! Iadsan a thèid sìos don fhairge air longan, a nì obair air uisgeachan mòra, Chì iadsan gnìomharan an Tighearna, agus a bheartan iongantach anns an doimhne; Oir labhraidh e, agus dùisgidh e a’ ghaoth dhoineannach, agus togaidh i a tonnan. Thèid iad suas do na nèamhan, thèid iad sìos do na doimhneachdan; le àmhghar leaghaidh an anam. Thèid iad thuige agus uaithe, agus tuislichidh iad mar dhuine air mhisg; agus thèid as dan cèill uile. An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan bheir e iad. Cuiridh e an doineann gu fèith, agus bidh a tonnan nan tàmh. An sin bidh iad ait, a chionn gum bi iad sàmhach; agus bheir e iad don chaladh as miannach leo. O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine! Agus gun àrdaicheadh iad e ann an coitheanal an t‑sluaigh, agus ann a àite‐suidhe nan seanairean gum moladh iad e! Nì e aibhnichean nam fàsach, agus tobraichean uisge nan talamh tartmhor. Fearann beartach nì e fàs airson aingidheachd a luchd‐àiteachaidh. Nì e fàsach na linne uisge, agus fearann tioram na thobraichean uisge. Agus an sin bheir e air na h‑acraich còmhnaidh a ghabhail, agus deasaichidh iad baile tàimh; Agus sìol‐chuiridh iad achaidhean, agus suidhichidh iad fìonliosan, agus bheir iad toradh pailt uapa. Agus beannaichidh e iad, agus fàsaidh iad ro‑lìonmhor; agus cha lùghdaich e an sprèidh. Ach ma pheacaicheas iad, lùghdaichear agus leigear sìos iad le fòirneart, olc agus doilgheas. Dòirtidh e tarcais air àrd‐uaislean, agus cuiridh e air seachran iad ann am fàsach as eugmhais slighe. Agus togaidh e suas am bochd o thruaighe, agus nì e teaghlaichean dha mar threud. Chì na fìreanan seo, agus bidh iad ait, agus druididh gach euceart a beul. Cò a tha glic, agus a bheir fa‑near na nithean sin? Tuigidh esan coibhneas gràdhach an Tighearna. Tha mo chridhe deas, a Dhè; seinnidh mi agus molaidh mi, eadhon lem ghlòir. Mosgail, a shaltair agus a chlàrsach; mosglaidh mi fhèin moch air mhadainn. Molaidh mi thu am measg nan sluagh, a Thighearna, agus seinnidh mi dhut am measg nan cinneach. Oir is mòr do thròcair os cionn nan nèamh, agus tha d’fhìrinn gu ruig na neòil. Bi air d’àrdachadh os cionn nan nèamh, a Dhè; agus os cionn na talmhainn uile biodh do ghlòir. A‑chum gun teasairgear iadsan as ionmhainn leat, saor thusa led dheas‐làimh, agus èisd rium. Labhair Dia, na naomhachd, Nì mi aoibhneas, roinnidh mi Sechem, agus tomhaisidh mi gleann Shucoit. Is leamsa Gilead; is leamsa Manaseh; agus is e Ephraim neart mo chinn; Iùdah fear‐tabhairt mo lagha. Is e Mòab mo shoitheach‐ionnlaid; os cionn Edoim tilgidh mi mo bhròg; thar Palestin nì mi caithreim. Cò a bheir mi don bhaile dhaingnichte? Cò a threòraicheas mi gu Edom? Nach tusa, a Dhè? Nach tusa a thilg uat sinn, agus nach deachaidh a‑mach, a Dhè, le ar n‑armailtean? Thoir còmhnaidh dhuinn ann an airc, oir is dìomhain furtachd duine. Trìd Dhè nì sinn treubhantas, oir saltraidh esan sìos ar naimhdean. A Dhè mo chliù, na bi ad thosd. Oir tha beul an aingidh agus beul na ceilge fosgailte am aghaidh; labhraidh iad am aghaidh le teangaidh nam breug. Agus le briathran fuatha chuartaich iad mi, agus chog iad am aghaidh gun adhbhar. An èirig mo ghràidh tha iad naimhdeil dhomh, agus mi ri ùrnaigh. Agus dhìol iad dhomh olc an èirig maith, agus fuath an èirig mo ghràidh. Cuir an t‑aingidh os a chionn, agus seasadh Sàtan aig a dheaslàimh. Nuair a bheirear breith air, faighear ciontach e, agus biodh ùrnaigh dha na pheacadh. Biodh a làithean tearc, agus glacadh neach eile a dhreuchd. Biodh a chlann nan dìlleachdain, agus a bhean na bantraich. A‑ghnàth air seachran biodh a chlann, agus iarradh iad dèirc, agus sireadh iad as an àitean fàs. Glacadh fear nam fiach gach nì a tha aige, agus creachadh coigrich a shaothair. Na biodh neach ann a nì tròcair air, agus na biodh aon ann a ghabhas truas da chloinn gun athair. Sgrios gu robh air a shliochd; anns an àl a thig na dhèidh gun cuirear as da ainm. Air chuimhne biodh aingidheachd a athraichean aig an Tighearna, agus na cuirear as peacadh a mhàthar. Biodh iad am fianais an Tighearna a‑ghnàth, agus gearradh e as an cuimhne on talamh. A chionn nach do chuimhnich e tròcair a nochdadh, ach gun do gheur‐lean e an duine bochd agus uireasbhaidheach, agus aig an robh cridhe goirt, a‑chum a mharbhadh. Mar a ghràdhaich e mallachadh, thigeadh e air; mar nach robh tlachd aige ann am beannachadh, biodh e fada uaithe. Mar a chuir e mallachadh uime mar aodach, thigeadh e a‑steach mar uisge na chom, agus mar ola na chnàmhan. Biodh e dha mar an trusgan leis an còmhdaichear e, agus mar an crios leis an crioslaichear e a‑ghnàth. Is e seo obair m’eascairdean an làthair an Tighearna agus nan daoine a labhras olc an aghaidh m’anama. Ach dèan thusa air mo shon, a Thighearna Dhè, air sgàth d’ainme; a chionn gu bheil do thròcair math, saor thusa mi. Oir tha mi bochd agus uireasbhaidheach, agus tha mo chridhe air a lotadh an taobh a‑staigh dhìom. Mar sgàil a’ claonadh sìos tha mi a’ siubhal; tha mi air m’fhuadachadh mar an lòcast. Tha mo ghlùinean lag le trasgadh, agus tha m’fheòil a’ teireachdainn le dìth sulta. Agus tha mi am adhbhar maslaidh dhaibh; nuair a sheall iad orm, chrath iad an cinn. Cuidich leam, a Thighearna mo Dhia; saor mi a rèir do thròcair, A‑chum gum bi fhios aca gur i seo do làmh, gur tusa, a Thighearna, a rinn e. Mallaicheadh iadsan, ach beannaich thusa; nuair a dh’èireas iad, biodh nàire orra; ach biodh d’òglach‐sa ait. Biodh m’eascairdean air an còmhdachadh le nàire, agus biodh iad air am falach len amhluadh fhèin, mar le fallaing. Ard‐mholaidh mi an Tighearna lem bheul, agus am measg na mòr‐chuideachd bheir mi cliù dha. Oir seasaidh e aig deaslàimh an duine bhochd, a‑chum a shaoradh o luchd‐dìtidh a anama. Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh aig mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan. Slat‐shuaicheantais do chumhachd cuiridh an Tighearna a‑mach à Sion; bi thusa ad uachdaran am meadhon do naimhdean. Bidh do shluagh ro‑thoileach ann an là do chumhachd; ann am maise na naomhachd, mar an drùchd o bholg na maidne, bidh d’òige agad. Mhionnaich an Tighearna, agus cha ghabh e aithreachas, Is sagart thu gu bràth, a rèir òrdagh Mhelchisedeic. Buailidh an Tighearna, a tha air do dheaslàimh, rìghrean ann an là a fheirge. Bheir e breith am measg nan cinneach; lìonaidh gach àite le cuirp mharbha; lotaidh e an t‑uachdaran os cionn iomadh tìr. Den t‑sruth air an t‑slighe òlaidh e; uime sin togaidh e suas a cheann. Molaibh‐se an Tighearna. Bheir mise cliù don Tighearna lem uile chridhe, ann an coinneamh nam fìrean agus anns a’ choitheanal. Tha gnìomharan an Tighearna mòr; rannsaichear iad leòsan uile aig a bheil tlachd annta. Urramach agus glòrmhor tha a obair‐san; mairidh a fhìreantachd gu bràth. Chuir e a ghnìomharan iongantach air chuimhne; gràsmhor agus truacanta tha an Tighearna. Thug e lòn dhaibhsan don eagal e; cuimhnichidh e gu bràth a choicheangal. Chuir e neart a obrach an cèill da shluagh, le oighreachd nan cinneach a thabhairt dhaibh. Is iad fìrinn agus ceartas gnìomharan a làmh; tha a àitheantan‐san uile fìor. Seasmhach tha iad gu saoghal nan saoghal, dèante ann am fìrinn agus ann an ceartas. Chuir e saorsa a dh’ionnsaigh a shluaigh; dh’àithn e a choicheangal gu bràth; is naomh agus urramach a ainm‐san. Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais; tha deagh thuigse acasan uile a nì a àitheantan‐san; mairidh a chliù gu bràth. Molaibh‐se an Tighearna. Is beannaichte an duine air am bi eagal an Tighearna, a ghabhas tlachd mòr da àitheantan. Làidir anns an tìr bidh a shliochd; beannaichear ginealach nam fìrean. Bidh maoin agus saoibhreas na thaigh, agus mairidh a fhìreantachd gu bràth. Ann an dorchadas èiridh solas do na fìreanan; gràsmhor agus làn truacantais, agus cothromach tha an Tighearna. Is math don duine a bhios truacanta agus coingheallach, a riaghlas a ghnothaichean gu ceart, Oir gu bràth cha ghluaisear e; air chuimhne gu bràth bidh am fìrean. Ro dhroch sgeul cha bhi eagal air; tha a chridhe suidhichte, ag earbsa as an Tighearna. Tha a chridhe air a shocrachadh; cha bhi eagal air, gus am faic e crìoch a naimhdean. Sgaoil e, thug e do na bochdan; mairidh a fhìreantachd gu bràth; mairidh a adharc le urram. Chì an droch dhuine, agus bidh fearg air; casaidh e a fhiaclan, agus seargaidh e as; sgriosar miann nan aingidh. Molaibh‐se an Tighearna. Molaibh, O sibhse òglacha an Tighearna, molaibh ainm an Tighearna. Guma beannaichte ainm an Tighearna, on àm seo agus gu bràth. O èirigh na grèine gu ruig a laighe, is ionmholta ainm an Tighearna. Ard os cionn nan cinneach uile tha an Tighearna, os cionn nan nèamh a ghlòir. Cò as cosmhail ris an Tighearna ar Dia, a tha na chòmhnaidh shuas, A dh’ìslicheas e fhèin gu amharc air na nithean a tha anns na nèamhan, agus air an talamh? Togaidh e am bochd on duslach; on òtraich àrdaichidh e an t‑ainnis, A‑chum a chur na shuidhe le àrd‐uaislean, le àrd‐uaislean a shluaigh. Bheir e air a’ mhnaoi a tha gun sliochd còmhnaidh a ghabhail ann an taigh, na màthair ait cloinne. Molaibh‐se an Tighearna. Nuair a thàinig Israel a‑mach as an Eiphit, taigh Iàcoib o shluagh coimheach, Bha Iùdah dha mar a chòmhnaidh naomh, Israel mar a thighearnas. Chunnaic an cuan, agus theich e; thionndaidh Iòrdan air a h‑ais. Leum na beanntan mar reitheachan, na cnuic mar uain. Ciod, a chuain, a thug ort teicheadh; a Iòrdain, a thug ort tionndadh air d’ais? A bheanntan, a thug oirbh leum mar reitheachan; a chnocan, mar uain? Criothnaich, a thalaimh, an làthair an Tighearna, an làthair Dia Iàcoib, A thionndaidheas a’ charraig gu linne uisge, an ailbhinn gu tobar uisge! Tabhair glòir, a Thighearna, chan ann dhuinne, chan ann dhuinne, ach dod ainm fhèin, airson do thròcair agus airson d’fhìrinn. Carson a theireadh na cinnich, Càit a‑nis a bheil an Dia? Ach tha ar Dia‑ne anns na nèamhan, agus rinn e gach nì a b’àill leis. Is airgead agus òr an iodhalan‐san, obair làmhan dhaoine! Tha beòil aca, ach cha labhair iad; sùilean aca, ach chan fhaic iad. Tha cluasan aca, ach cha chluinn iad; srònan aca, ach cha ghabh iad fàile. Tha làmhan aca, ach cha làimhsich iad; casan aca, ach chan imich iad; agus cha labhair iad tro an sgòrnan. Cosmhail riu fhèin tha iadsan a nì iad, agus gach neach a dh’earbas asda. Earbaidh taigh Israeil as an Tighearna; is esan an còmhnadh agus an sgiath. Earbaidh taigh Aaroin as an Tighearna; is esan an còmhnaidh agus an sgiath. Iadsan air am bi eagal an Tighearna, earbadh iad as an Tighearna; is esan an còmhnaidh agus an sgiath. Bha an Tighearna cuimhneachail oirnn; beannaichidh e sinn; beannaichidh e taigh Israeil; beannaichidh e taigh Aaroin. Beannaichidh e iadsan air am bi eagal an Tighearna, na big agus na mòir. Cuiridh an Tighearna sibh ann an lìonmhorachd, sibh fhèin agus ur clann. Is beannaichte sibhse on Tighearna, a rinn na nèamhan agus an talamh. Is leis an Tighearna na nèamhan, eadhon na nèamhan; ach an talamh thug e do chloinn nan daoine. Cha mhol na mairbh an Tighearna, no iadsan uile a thèid sìos tosdach don uaigh. Ach beannaichidh sinne an Tighearna, on àm seo agus gu bràth. Molaibh‐se an Tighearna. Is toigh leam an Tighearna, oir dh’èisd e ri guth m’athchuingean. A chionn gun d’aom e a chluas rium, uime sin rim bheò èighidh mi ris. Chuartaich doilgheasan a’ bhàis mi, agus ghlac piantan ifrinn mi; fhuair mi teinn agus bròn. An sin ghairm mi air ainm an Tighearna; A Thighearna, guidheam ort, saor m’anam. Is gràsmhor an Tighearna, agus cothromach; agus is tròcaireach ar Dia‑ne. Gleidhidh an Tighearna na daoine aon‐fhillte; dh’ìslicheadh mi, agus theasairg e mi. Till, O m’anam, gud shuaimhneas, oir bhuin an Tighearna riut gu fial; Oir shaor thu m’anam on bhàs, mo shùil o dheòir, agus mo chas o shleamhnachadh. Gluaisidh mi ann am fianais an Tighearna ann an tìr nam beò. Chreid mi, uime sin labhair mi; chlaoidheadh mi gu mòr. Thubhairt mi am dheifir, Tha gach duine breugach. Ciod a dh’ìocas mi don Tighearna airson a uile thìodhlacan dhomh? Glacaidh mi cupan na slàinte, agus gairmidh mi air ainm an Tighearna. Iocaidh mi mo bhòidean don Tighearna a‑nis an làthair a shluaigh uile. Is luachmhor ann an sealladh an Tighearna bàs a naomh. O a Thighearna, gu deimhinn is mi d’òglach, mac do bhanoglaich; sgaoil thu mo chuibhreach. Dhutsa ìobraidh mi ìobairt mholaidh, agus air ainm an Tighearna gairmidh mi. Iocaidh mi mo bhòidean don Tighearna a‑nis an làthair a shluaigh uile, Ann an cùirtean taigh an Tighearna ann ad mheadhon‐sa, O Ierusalem. Molaibh‐se an Tighearna. Molaibh an Tighearna, sibhse a chinneacha uile; molaibh e, a shlòigh uile; Oir is mòr a thròcair chaomh dar taobh‐ne; agus mairidh fìrinn an Tighearna gu bràth. Molaibh‐se an Tighearna. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair. Abradh Israel a‑nis gum mair a thròcair gu bràth. Abradh taigh Aaroin a‑nis gum mair a thròcair gu bràth. Abradh iadsan a‑nis don eagal an Tighearna gum mair a thròcair gu bràth. Ann an teinn ghairm mi air an Tighearna; fhreagair an Tighearna mi, gam chur ann an ionad farsaing. Tha an Tighearna leam, chan eagal leam ciod a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm. Tha an Tighearna am measg mo luchd‐cuideachaidh, agus chì mi crìoch mo luchd‐fuatha. Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à duine. Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à uachdarain. Chuartaich na cinnich gu lèir mi, ach ann an ainm an Tighearna gearraidh mi as iad. Chuartaich iad mi, seadh, chuartaich iad mi, ach ann an ainm an Tighearna gearraidh mi as iad. Chuartaich iad mi mar bheachan; cuirear as iad mar theine droighnich; oir ann an ainm an Tighearna gearraidh mi as iad. Thug thu ionnsaigh dhian orm a‑chum mo leagadh, ach chuidich an Tighearna leam. Is e an Tighearna mo neart agus mo cheòl, agus is e mo shlàinte. Tha guth gàirdeachais agus slàinte ann am pàilleanan nam fìrean; rinn deaslàmh an Tighearna treubhantas! Dh’àrdaicheadh deaslàmh an Tighearna; rinn deaslàmh an Tighearna treubhantas! Chan fhaigh mi bàs, ach mairidh mi beò, agus cuiridh mi an cèill obraichean an Tighearna. Throm‐smachdaich an Tighearna mi, ach gu bàs cha tug e thairis mi. Fosglaibh dhomh geatachan an ionracais; thèid mi a‑steach orra, agus molaidh mi an Tighearna. Is e seo geata an Tighearna, air an tèid na fìreanan a‑steach. Molaidh mi thu, oir dh’èisd thu rium, agus is tu mo shlàinte. A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh i na cloich‐chinn na h‑oisinn. On Tighearna a tha seo; is iongantach e nar sùilean‐ne! Is e seo an là a rinn an Tighearna; dèanamaid gàirdeachas, agus bitheamaid ait air. Guidheamaid ort, a Thighearna, saor a‑nis; guidheamaid ort, a Thighearna, soirbhich leinn a‑nis. Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna; thug sinne beannachd oirbhse o thaigh an Tighearna. Is e Dia as Tighearna ann, agus dhealraich e oirnn; ceanglaibh an ìobairt le cùird, eadhon ri adhaircean na h‑altarach. Is tusa mo Dhia, agus molaidh mi thu; mo Dhia, àrdaichidh mi thu. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair. Is beannaichte iadsan a tha neo‐lochdach anns an t‑slighe, a dh’imicheas ann an lagh an Tighearna. Is beannaichte iadsan a ghleidheas a theisteis, a dh’iarras e len uile chridhe. Mar an ceudna cha dèan iad aingidheachd; na shlighean imichidh iad. Dh’àithn thu d’òrdaighean a bhith air an coimhead gu dìcheallach. O nach robh mo cheuman air an stiùradh a‑chum do reachdan a choimhead! An sin cha ghabh mi nàire, nuair a bheir mi spèis dod àitheantan gu lèir. Molaidh mi thu le treibhdhireas cridhe, nuair a dh’fhòghlamas mi breitheanais do cheartais, Coimheadaidh mi do reachdan. O na trèig mi gu tur! Ciod leis an glan an t‑òganach a shlighe? Trìd faicill, a rèir d’fhacail. Lem uile chridhe dh’iarr mi thu; na leig dhomh dol air seachran o d’àitheantan. Am chridhe dh’fhalaich mi d’fhacal, a‑chum nach peacaichinn ad aghaidh. Is beannaichte thusa, a Thighearna; teagaisg dhomh do reachdan. Lem bhilean chuir mi an cèill uile bhreitheanais do bheòil. Ann an slighe do theisteis rinn mi gàirdeachas, mar os cionn gach uile shaoibhreis. Air d’àitheantan beachd‐smaoinichidh mi, agus dearcaidh mi air do cheuman. Ann ad reachdan gabhaidh mi tlachd; cha dìochuimhnich mi do bhriathran. Buin gu fial rid òglach, a‑chum gum bi mi beò, agus gun coimhead mi do bhriathran. Fosgail mo shùilean, a‑chum gum faic mi nithean iongantach od lagh. Is coigreach air thalamh mi; na ceil orm d’àitheantan. Tha m’anam brùite, le dèidh air do bhreitheanais gach tràth. Smachdaich thu na h‑uaibhrich; is mallaichte iadsan a thèid air seachran od àitheantan. Tionndaidh uam masladh agus tàir, oir ghlèidh mi do theisteis. Shuidh eadhon uachdarain, agus labhair iad am aghaidh; ach bheachd‐smaoinich d’òglach air do reachdan. Mar an ceudna is iad do theisteis mo thlachd, mo chomhairlichean. Tha m’anam a’ leantainn ris an ùir; beòthaich mi a rèir d’fhacail. Chuir mi an cèill do shlighean, agus dh’èisd thu rium; teagaisg dhomh do reachdan. Thoir orm slighe d’àitheantan a thuigsinn, agus labhraidh mi air d’obraichean iongantach. Tha m’anam a’ leaghadh as le tùrsa; neartaich mi a rèir d’fhacail. Cuir uam slighe nam breug, agus gu gràsmhor deònaich dhomh do lagh. Roghnaich mi slighe na fìrinn; chuir mi do bhreitheanais fam chomhair. Dhlùth‐lean mi rid theisteis; a Thighearna, na cuir gu nàire mi. Ann an slighe d’àitheantan ruithidh mi, nuair a chuireas tu mo chridhe ann am farsaingeachd. Teagaisg dhomh, a Thighearna, slighe do reachdan, agus gleidhidh mi i gu ruig a’ chrìoch. Thoir tuigse dhomh, agus gleidhidh mi do lagh; seadh, coimheadaidh mi e lem uile chridhe. Thoir orm triall ann an ceum d’àitheantan, oir annsan tha mo thlachd. Lùb mo ghlùin gud theisteis, agus chan ann gu sannt. Tionndaidh mo shùilean o amharc air dìomhanas; ann ad shlighean beòthaich mi. Daingnich d’fhacal dod òglach, air a bheil d’eagal‐sa. Cuir uam mo mhasladh as eagal leam, oir tha do bhreitheanais math. Feuch, is miannach leam do reachdan; ad cheartas beòthaich mi. Agus thigeadh do thròcair am ionnsaigh, a Thighearna, do shlàinte a rèir d’fhacail; An sin bidh freagradh agam dhàsan a bheir masladh dhomh, gu bheil m’earbsa as d’fhacal‐sa. Agus na buin facal na fìrinn gu h‑iomlan as mo bheul, oir ann ad bhreitheanais chuir mi mo dhòchas. Agus coimheadaidh mi do lagh a‑ghnàth, gu suthainn is gu sìor. Agus gluaisidh mi ann am farsaingeachd, a chionn gun iarr mi do reachdan. Agus labhraidh mi air do theisteis an làthair rìghrean, agus cha bhi nàire orm. Agus gabhaidh mi tlachd ded àitheantan, don tug mi gràdh. Agus togaidh mi mo làmhan rid àitheantan, don tug mi gràdh; agus beachd‐smaoinichidh mi air do reachdan. Cuimhnich am facal dod òglach, as an tug thu orm earbsa. Is e seo mo chomhfhurtachd ann am àmhghar, oir bheòthaich d’fhacal mi. Rinn na h‑uaibhrich fanaid orm gu mòr; gidheadh od lagh cha do chlaon mi. Chuimhnich mi do bhreitheanais o chian, a Thighearna, agus fhuair mi comhfhurtachd. Ghlac uamhann mi a‑thaobh nan daoine aingidh, a thrèigeas do lagh. B’iad do reachdan mo cheòl ann an taigh mo chuairt. Chuimhnich mi d’ainm, a Thighearna, anns an oidhche, agus ghlèidh mi do lagh. Mar seo thachair e dhòmhsa, a chionn gun do ghlèidh mi do reachdan. Is tusa mo chuibhreann, a Thighearna; thubhairt mi gun coimheadainn d’fhacail. Dh’aslaich mi do dheagh‐ghean lem uile chridhe; dèan tròcair orm a rèir d’fhacail. Chnuasaich mi do shlighean, agus thill mi mo chasan rid theisteis. Rinn mi deifir, agus cha robh mi màirnealach a‑chum d’àitheantan a choimhead. Chreach buidhnean dhroch dhaoine mi, ach cha do dhìochuimhnich mi do lagh. Mu mheadhon‐oidhche èiridh mi a‑chum buidheachas a thoirt dhut airson breitheanas do cheartais. Is fear‐comainn mi dhaibhsan uile air am bi d’eagal, agus dhaibhsan a ghleidheas do reachdan. Ded thròcair, a Thighearna, tha an talamh làn; teagaisg dhomh do reachdan. Rinn thu gu math rid òglach, a Thighearna, a rèir d’fhacail. Teagaisg dhomh deagh thuigse agus eòlas, oir chreid mi d’àitheantan. Mun robh mi ann an àmhghar, chaidh mi air seachran; ach a‑nis tha mi a’gleidheadh d’fhacail. Is math thusa, agus nì thu math; teagaisg dhomh do reachdan. Dhealbh na h‑uaibhrich breug am aghaidh, ach gleidhidh mise d’àitheantan lem uile chridhe. Cho reamhar ri saill tha an cridhe‐san; ach ann ad lagh tha mo thlachd‐sa. Is math dhòmhsa gu robh mi ann an àmhghar, a‑chum gum fòghlamainn do reachdan. Is fheàrr dhòmhsa lagh do bheòil na mìltean de òr agus de airgead. Rinn agus dhealbh do làmhan mi; thoir tuigse dhomh, a‑chum gum fòghlaim mi d’àitheantan. Chì iadsan air am bi d’eagal mi, agus bidh iad ait, a chionn gun d’earb mi à d’fhacal. Tha fhios agam, a Thighearna, gu bheil do bhreitheanais ceart, agus gur ann am fìrinn a chlaoidh thu mi. Bidh a‑nis do thròcair chaomh a‑chum comhfhurtachd dhomh, a rèir d’fhacail rid òglach. Thigeadh do chaomh‐thròcairean am ionnsaigh, a‑chum gum bi mi beò, oir is e do lagh mo thlachd. Biodh nàire air luchd an àrdain, oir gun adhbhar bhuin iad gu fiar rium; ach beachd‐smaoinichidh mise air d’àitheantan. Tilleadh iadsan air a bheil d’eagal rium, agus iadsan a tha eòlach air do theisteis. Biodh mo chridhe treibhdhireach ann ad reachdan, a‑chum nach nàraichear mi. Tha m’anam air a chlaoidh le dèidh air do shlàinte; ann ad fhacal chuir mi mo dhòchas. Tha mo shùilean air an caitheamh le feitheamh rid fhacal, nuair a tha mi ag ràdh, Cuin a nì thu furtachd orm? Oir tha mi mar shearraig ann an deataich; gidheadh cha do dhìochuimhnich mi do reachdan. Cia lìon iad làithean d’òglaich? Cuin a chuireas tu breitheanas an gnìomh orrasan a tha an tòir orm? Chladhaich na h‑uaibhrich sluic dhomh, nach eil a rèir do lagha. Is fìrinn d’àitheantan‐sa gu lèir; gu fealltach tha iad an tòir orm; cuidich thusa leam. Is beag nach do chuir iad as dhomh air thalamh; ach cha do thrèig mise do reachdan. A rèir do chaomh‐thròcair beòthaich thusa mi, agus gleidhidh mi teisteas do bheòil. Gu bràth, a Thighearna, tha d’fhacal seasmhach anns na nèamhan. O linn gu linn tha d’fhìrinn; dhaingnich thu an talamh, agus seasaidh e. A rèir d’òrdaighean tha iad buan gus an‑diugh, oir is iad na h‑uile do sheirbhisich. Mura biodh gum b’e do lagh mo thlachd, an sin gheibhinn bàs ann am àmhghar. Gu bràth cha dìochuimhnich mi do reachdan, oir leòsan bheòthaich thu mi. Is leat mise; saor mi; oir dh’iarr mi do reachdan. Dh’fheith na h‑aingidh orm a‑chum mo sgrios; ach beachd‐smaoinichidh mi air do theisteis. Chunnaic mi crìoch gach iomlanachd; ach tha d’àithne‐sa ro‑fharsaing. O cia ionmhainn leam do lagh‐sa! Gach là is e mo chùis‐smaoineachaidh. Led àithne rinn thu mi nas glice na m’eascairdean, oir tha i a‑ghnàth maille rium. Os cionn mo luchd‐teagaisg uile tha mi a’ tuigsinn, oir is iad do theisteis mo chùis‐smaoineachaidh. Os cionn nan seanairean tha mi crìonna, a chionn gu bheil mi a’ gleidheadh do reachdan. O gach droch shlighe chùm mi mo chasan, a‑chum gun coimheadainn d’fhacal. Od bhreitheanais cha do chlaon mi, oir theagaisg thusa mi. Cia milis lem bhlas do bhriathran! Nas mìlse tha iad na mil dom bheul. Trìd do reachdan fhuair mi tuigse; uime sin is fuathach leam gach slighe bhreugach. Is lòchran d’fhacal dom chois agus solas dom cheum. Mhionnaich mi, agus coileanaidh mi e, gun coimhead mi breitheanais do cheartais. Tha mi ann an àmhghar ro‑mhòr; ath‐bheothaich mi, a Thighearna, a rèir d’fhacail. Gabh uam gu taitneach, guidheam ort, a Thighearna, saor‐thabhartasan mo bheòil, agus teagaisg dhomh do bhreitheanais. Tha m’anam a‑ghnàth am làimh; gidheadh cha do dhìochuimhnich mi do lagh. Chuir droch dhaoine ribe romham, ach od reachdan cha deachaidh mise air seachran. Ghabh mi do theisteis mar oighreachd gu bràth, oir is iad aoibhneas mo chridhe. Dh’aom mi mo chridhe a‑chum do reachdan a chur an gnìomh a‑ghnàth, gu ruig a’ chrìoch. Is fuath leam smuaintean faoine, ach is toigh leam do lagh. Is tusa m’ionad‐falaich agus mo sgiath; as d’fhacal‐sa tha m’earbsa. Imichibh uam, a luchd‐dèanaimh an uilc, oir gleidhidh mise àitheantan mo Dhè. Cùm suas mi a rèir d’fhacail, agus mairidh mi beò; agus na leig fo nàire mi a‑thaobh mo dhòchais. Daingnich mi, agus bidh mi tèarainte, agus bidh tlachd agam ann ad reachdan a‑ghnàth. Shaltair thu orrasan uile a chaidh air seachran od reachdan, oir is breug an cealg. Mar shal tilgidh tu uat uile dhroch dhaoine na talmhainn; uime sin is toigh leam do theisteis. Chriothnaich m’fheòil le uamhann romhad, agus bha eagal orm rod bhreitheanais. Rinn mi breitheanas agus ceartas; na fàg mi dom luchd‐fòirneart. Bi‑sa an urras air d’òglach a‑chum maith; na dèanadh na h‑uaibhrich fòirneart orm. Tha mo shùilean air an caitheamh le bhith a’ sealltainn airson do shlàinte agus airson facal d’fhìreantachd. Buin rid òglach a rèir do thròcair, agus teagaisg dhomh do reachdan. Is mi d’òglach; thoir tuigse dhomh, a‑chum gum bi eòlas agam air do theisteis. Is mithich dhut, a Thighearna, a bhith a’ dèanamh; bhris iad do lagh. Uime sin is annsa leamsa d’àitheantan na an t‑òr, seadh na an t‑òr fìorghlan. Uime sin measaidh mi do reachdan uile a‑thaobh gach nì a bhith ceart; is fuathach leam gach slighe bhreugach. Is iongantach do theisteis; air an adhbhar sin gleidhidh m’anam iad. Bheir fosgladh do bhriathran solas, a’ teagasg nan daoine aon‐fhillte. Dh’fhosgail mi mo bheul, a’ plosgartaich, oir bha mi an geall air d’àitheantan. Amhairc orm, agus dèan tròcair orm, mar as gnàth leat a dhèanamh dhaibhsan len ionmhainn d’ainm. Stiùir mo cheuman a rèir d’fhacail, agus na biodh aig euceart sam bith uachdaranachd orm. Teasairg mi o fhòirneart dhaoine, agus coimheadaidh mi d’òrdaighean. Thoir air do ghnùis dealrachadh air d’òglach, agus teagaisg dhomh do reachdan. Ruith sruthan dheur sìos om shùilean, a chionn nach do choimhead iad do lagh. Is cothromach thusa, a Thighearna, agus is ceart do bhreitheanas. Dh’àithn thu do theisteis mar cheartas agus mar fhìrinn mhòir. Chlaoidh m’eud mi, a chionn gun do dhìochuimhnich mo naimhdean do bhriathran. Ro‑ghlan tha d’fhacal‐sa, agus is ionmhainn led òglach e. Tha mi beag agus suarach; gidheadh cha dìochuimhnich mi do reachdan. Is ceartas sìorraidh do cheartas‐sa, agus is fìrinn do lagh. Ghlac teinn agus àmhghar mi, ach is iad d’àitheantan mo thlachd. Mairidh ceartas do theisteis gu bràth; thoir‐sa tuigse dhomh, agus bidh mi beò. Ghlaodh mi lem uile chridhe; èisd rium, a Thighearna; gleidhidh mi do reachdan. Ghlaodh mi riut; saor mi, agus coimheadaidh mi do theisteis. Thàinig mi ron sgarthanaich, agus dh’èigh mi; as d’fhacal dh’earb mi. Ghabh mo shùilean ro fhairean na h‑oidhche, a‑chum gum beachd‐smaoinichinn air d’fhacal. Eisd rim ghuth a rèir do choibhneis gràidh; a Thighearna, a rèir do bhreitheanais beòthaich mi. Thàinig luchd‐leanmhainn droch‐bheairt am fagas, ach fada bha iad od lagh. Am fagas tha thusa, a Thighearna, agus is fìrinn d’àitheantan uile. O thoiseach b’fhiosrach mi a‑thaobh do theisteas gun do shuidhich thu iad gu bràth. Amhairc air m’àmhghar, agus teasairg mi, oir cha do dhìochuimhnich mi do lagh. Tagair mo chùis, agus saor mi; a rèir d’fhacail beòthaich mi. Is fada slàinte o dhroch dhaoine, oir chan iarr iad do reachdan. Is lìonmhor do chaomh‐thròcairean, a Thighearna; a rèir do bhreitheanas beòthaich mi. Is lìonmhor mo luchd‐tòrachd agus m’eascairdean; gidheadh, od theisteis cha do chlaon mise. Chunnaic mi luchd‐easaontais, agus bha doilgheas orm, a chionn nach do choimhead iad d’fhacal. Feuch, is ionmhainn leam do reachdan; a Thighearna, a rèir do choibhneis gràidh beòthaich thusa mi. O thoiseach is fìrinn d’fhacal‐sa, agus gu bràth mairidh uile bhreitheanais do cheartais. Bha uachdarain an tòir orm gun adhbhar, ach rod fhacal‐sa tha eagal air mo chridhe. Tha aiteas orm rid fhacal‐sa, mar neach a fhuair creach mhòr. Is fuath leam agus is oillteil leam breug, ach is toigh leam do lagh‐sa. Seachd uairean anns an là bheir mi moladh dhut airson breitheanais do cheartais. Is mòr sìth na muinntir a tha a’ toirt gràidh dod lagh, agus chan èirich adhbhar tuislidh dhaibh. Dh’fheith mi rid shlàinte, a Thighearna, agus choilean mi d’àitheantan. Choimhead m’anam do theisteis, agus is ro‑ionmhainn leam iad. Choimhead mi do reachdan agus do theisteis, oir tha mo shlighean uile fad chomhair. Thigeadh mo ghlaodh am fagas ad làthair, a Thighearna; a rèir do bhriathran thoir tuigse dhomh. Thigeadh m’aslachadh ad làthair; a rèir d’fhacail teasairg mi. Cuiridh mo bhilean an cèill do chliù, nuair a theagaisgeas tu dhomh do reachdan. Aithrisidh mo theanga d’fhacal, oir is ceartas d’àitheantan uile. Cuidichidh do làmh leam, oir roghnaich mi do reachdan. Bha mi an geall air do shlàinte, a Thighearna, agus is e do lagh mo thlachd. Biodh m’anam beò, agus molaidh e thu, agus cuidichidh do bhreitheanais leam. Chaidh mi air seachran mar chaora chaillte; iarr d’òglach, oir cha do dhìochuimhnich mi d’àitheantan. Am èiginn ghlaodh mi ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium. A Thighearna, saor m’anam o bhilean nam breug, on teangaidh chealgaich. Ciod a bheirear dhut, agus ciod a nìthear ort, a theanga chealgach? Geur shaighdean laoich, le èibhlean den aiteal. Mo thruaighe mi gu bheil mi air chuairt ann am Mesech, gu bheil mi am chòmhnaidh ann am bùthan Chedair! Is fada a ghabh m’anam còmhnaidh leòsan a thug fuath dod shìth. Tha mise airson sìth, ach nuair a labhras mi, tha iadsan airson cogaidh. Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair. Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh. Cha leig e led chois sleamhnachadh; cha tuit clò cadail air d’fhear‐coimhead. Feuch, cha tuit clò cadail no suain air fear‐coimhead Israeil. Is e an Tighearna d’fhear‐coimhead; is e an Tighearna do sgàil air do làimh dheis. Anns an là cha bhuail a’ ghrian thu, no a’ ghealach anns an oidhche. Coimheadaidh an Tighearna thu o gach olc; coimheadaidh e d’anam. Coimheadaidh an Tighearna do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, on àm seo eadhon gu bràth. Bha aoibhneas orm nuair a thubhairt iad rium, Do thaigh an Tighearna thèid sinn. Seasaidh ar casan an taobh a‑staigh ded gheatachan, O Ierusaleim. Tha Ierusalem air a togail mar àrd‐bhaile a tha air a choicheangal ri chèile, Don tèid na treubhan suas, treubhan an Tighearna, gu teisteas Israeil, a thoirt buidheachais do ainm an Tighearna. Oir an sin tha cathraichean breitheanais air an suidheachadh, cathraichean taigh Dhaibhidh. Guidhibh‐se airson sìth Ierusaleim; soirbhichidh iadsan leis an ionmhainn thu. Sìth gu robh an taobh a‑staigh ded bhallachan, suaimhneas ad lùchairtean! Air sgàth mo bhràithrean agus mo chàirdean their mi a‑nis, Sìth gu robh an taobh a‑staigh dhìot! Air sgàth taigh an Tighearna ar Dia, iarraidh mi math dhuibh. Ad ionnsaigh thog mi mo shùilean, O thusa a tha ad chòmhnaidh anns na nèamhan. Feuch, mar a tha sùilean òglach air làimh am maighistirean, agus mar a tha sùilean banoglaich air làimh a bana‑mhaighistir, mar sin tha ar sùilean‐ne air an Tighearna ar Dia, gus an dèan e tròcair oirnn. Dèan tròcair oirnn, a Thighearna, dèan tròcair oirnn, oir tha sinn air ar lìonadh làn de tharcais. Lìonadh ar n‑anam làn le fanaid luchd na seasgaireachd, le tarcais nan uaibhreach. Mura biodh an Tighearna leinn, abradh Israel a‑nis; Mura biodh an Tighearna leinn, nuair a dh’èirich daoine nar n‑aghaidh; An sin shluigeadh iad beò sinn, nuair a las am fearg nar n‑aghaidh; An sin thigeadh tuiltean uisgeachan tharainn, rachadh an sruth thar ar n‑anam; An sin rachadh na h‑uisgeachan uaibhreach thar ar n‑anam. Beannaichte gu robh an Tighearna, nach tug sinn mar chreich dam fiaclan. Chaidh ar n‑anam as mar eun a ribe nan eunadair; bhriseadh an ribe, agus chaidh sinn as. Tha ar cobhair ann an ainm an Tighearna, a rinn nèamh agus talamh. Bidh iadsan a dh’earbas as an Tighearna mar shliabh Shioin, nach caraichear, ach a mhaireas gu sìorraidh. Mar a tha na beanntan mu thimcheall Ierusaleim, mar sin tha an Tighearna mu thimcheall a shluaigh, on àm seo agus gu bràth. Oir cha ghabh slat nan daoi tàmh air crannchur nam fìrean, air eagal gun sìneadh na fìreanan an làmhan a‑chum euceirt. Dèan math, a Thighearna, dhaibh‐san a tha math, agus dhaibhsan a tha ionraic nan cridhe. Ach iadsan a thèid a thaobh dan slighean claona, iomainidh an Tighearna a‑mach le luchd‐dèanamh an uilc. Sìth gu robh air Israel! Nuair a thug an Tighearna air ais braighdeanas Shioin, bha sinn mar dhaoine a chunnaic aisling. An sin lìonadh ar beul le gàire agus ar teanga le luathghaire; an sin thubhairt iad am measg nan cinneach, Rinn an Tighearna nithean mòra air an son. Rinn an Tighearna nithean mòra air ar son‐ne; bha sinn aoibhneach. Till a‑rìs, a Thighearna, ar braighdeanas, mar shruthan anns an àird a deas. Iadsan a chuireas sìol le deòir, buainidh iad le gàirdeachas. Esan a thèid a‑mach agus a ghuileas, ag iomchar rogha sìl, gu cinnteach thig e a‑rìs le gàirdeachas, ag iomchar a sguab. Mura tog an Tighearna an taigh, gu dìomhain saothraichidh a luchd‐togail; mura glèidh an Tighearna am baile, gu dìomhain nì am fear‐coimhead faire. Is dìomhain dhuibhse a bhith ag èirigh gu moch, a bhith a’ suidhe gu h‑anmoch, ag ithe aran a’ bhròin, nuair a bheir esan cadal do fhear a’ ghràidh. Feuch, is iad clann oighreachd an Tighearna, toradh na bronn a dhuais. Mar shaighdean ann an làimh gaisgich, mar sin tha mic na h‑òige. Is sona am fear aig a bheil a bhalg‐saighead làn dhiubh; cha bhi nàire orra nuair a labhras iad rin naimhdean anns a’ gheata. Is beannaichte gach neach air am bi eagal an Tighearna, a ghluaiseas na shlighean. Oir ithidh tu toradh do làmh; sona bidh tu, agus èiridh gu math dhut. Bidh do bhean mar fhìonain tharbhaich làimh ri taobhan do thaighe, do chlann mar chroinn‐ola mu thimcheall do bhùird. Feuch, mar seo beannaichear an duine air am bi eagal an Tighearna. Beannaichidh an Tighearna thu a Sion, agus chì thu math Ierusaleim rè uile làithean do bheatha. Seadh, chì thu clann do chloinne, agus sìth air Israel. Is minig a chràidh iad mi om òige, abradh Israel a‑nis; Is minig a chràidh iad mi om òige; gidheadh cha tug iad buaidh orm. Air mo dhruim threabh an luchd‐treabhaidh; tharraing iad an sgrìoban fada. Tha an Tighearna cothromach; gheàrr e o chèile cùird nan aingidh. Cuirear gu h‑amhluadh agus tillear air an ais iadsan uile lem fuathach Sion. Bidh iad mar fheur air mullach thaighean, a sheargas mum fàs e suas, Leis nach lìon am buanaiche a ghlac, no fear‐ceangail nan sguab a bhroilleach. Cha mhò a their iadsan a bhios a’ dol seachad riu, Beannachd an Tighearna gu robh oirbh; tha sinne gur beannachadh ann an ainm an Tighearna. O na doimhneachdan ghlaodh mi riut, a Thighearna. A Thighearna, èisd rim ghuth; thugadh do chluasan an aire do ghuth m’athchuingean. Ma chomharraicheas tusa aingidheachd, a Thighearna; a Thighearna, cò a sheasas? Ach maille riutsa tha maitheanas, agus uime sin bidh eagal air daoine romhad. Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh. Tha m’anam a’ feitheamh air an Tighearna, nas mò na luchd‐faire na maidne, seadh, na luchd‐faire na maidne. Earbadh Israel as an Tighearna, oir aig an Tighearna tha tròcair, agus aigesan tha mòr‐shaorsa; Agus saoraidh e Israel o a euceartan gu lèir. A Thighearna, chan eil mo chridhe uaibhreach, no mo shùilean àrd, agus cha do ghabh mi gnothach ri nithean mòra, no ri nithean a bha àrd air mo shon. Gu deimhinn shocraich agus chiùinich mi m’anam, mar leanabh a chuireadh o chìch a mhàthar; mar leanabh a chuireadh on chìch tha m’anam‐sa. Earbadh Israel as an Tighearna on àm seo agus gu bràth. Cuimhnich, a Thighearna, air Daibhidh, agus air a uile àmhghar. Mar a mhionnaich e don Tighearna, a bhòidich e do Dhia treun Iàcoib, ag ràdh, Gu deimhinn cha tèid mi do phàillean mo thaighe, cha tèid mi suas air mo leabaidh; Cha toir mi cadal dom shùilean no suain dom rosgan, Gus am faigh mi àite don Tighearna, ionad‐còmhnaidh do Dhia treun Iàcoib. Feuch, chuala sinn uime aig Ephratah; fhuair sinn e ann am machraichean na coille. Thèid sinn a‑steach da phàilleanan, sleuchdaidh sinn aig stòl a choise. Eirich, a Thighearna, gud thàmh, thu fhèin agus àirc do neirt. Sgeadaichear do shagartan le ionracas, agus dèanadh do naoimh luath‐ghaire. Air sgàth Dhaibhidh d’òglach, na cuir air a h‑ais aghaidh d’Aoin ungte. Mhionnaich an Tighearna do Dhaibhidh ann am fìrinn; cha till e uaithe: De thoradh do chuirp suidhichidh mi air do rìgh‐chathair. Ma choimheadas do chlann mo choicheangal agus mo theisteas, a theagasigeas mi dhaibh, suidhidh mar an ceudna an clann‐san air do rìgh‐chathair gu bràth. Oir roghnaich an Tighearna Sion; mhiannaich e i mar ionad‐còmhnaidh dha fhèin, ag ràdh, Is i seo mo shuaimhneas gu sìorraidh; an seo gabhaidh mi còmhnaidh, oir mhiannaich mi i. Beannaichidh mi gu mòr a lòn; sàsaichidh mi a bochdan le aran. Eididh mi a sagartan le slàinte, agus nì a naoimh àrd‐luathghaire. An sin bheir mi air adhairc Dhaibhidh fàs; dh’òrdaich mi lòchran dom Aon ungte. Eididh mi a naimhdean le nàire, ach air fhèin thig a choron fo bhlàth. Feuch, cia math agus cia taitneach an nì do bhràithrean còmhnaidh a ghabhail cuideachd ann an aonachd! Mar dheagh ola‑ungaidh air a’ cheann, a’ ruith sìos air an fheusaig, feusag Aaroin, a’ ruith sìos air iomall a thrusgain; Mar dhealt air Hermon, a thuiteas air slèibhtean Shioin; oir an sin dh’àithn an Tighearna am beannachadh, beatha gu sìorraidh. Feuch, beannaichibh an Tighearna, sibhse òglacha an Tighearna gu lèir, a sheasas ann an taigh an Tighearna gach oidhche. Togaibh ur làmhan anns an ionad naomh, agus beannaichibh an Tighearna. Beannaicheadh an Tighearna thu a Sion, a rinn nèamh agus talamh. Molaibh an Tighearna; molaibh ainm an Tighearna, molaibh‐se, òglacha an Tighearna. Sibhse a sheasas ann an taigh an Tighearna, ann an cùirtean taigh ar Dè, Molaibh an Tighearna, oir tha an Tighearna math; seinnibh cliù da ainm, oir tha e taitneach. Oir roghnaich an Tighearna Iàcob dha fhèin, Israel mar a ionmhas sònraichte. Oir tha fhios agam gur mòr an Tighearna agus gu bheil ar Tighearna os cionn nan uile dhiathan. Ge bè nì a bu toigh leis an Tighearna, rinn e air nèamh agus air talamh, anns na cuantan agus anns na doimhneachdan uile. Is esan a bheir air a’ cheò dol suas o chrìch na talmhainn, a nì dealanach le uisge, a bheir a‑mach a’ ghaoth as a ionadan‐tasgaidh, A bhuail ciad‐ghin na h‑Eiphit, araon duine agus ainmhidh, A chuir comharraidhean agus iongantasan ann ad mheadhon, O Eiphit, air Phàraoh agus air a òglaich gu lèir, A bhuail cinnich mhòra, agus a mharbh rìghrean mòra, Sihon rìgh nan Amorach, agus Og rìgh Bhasain, agus uile rìoghachdan Chanàain, Agus a thug am fearann mar oighreachd, mar oighreachd do Israel a shluagh. Mairidh d’ainm‐sa, a Thighearna, gu bràth; do chuimhne, a Thighearna, o linn gu linn. Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach. Is airgead agus òr iodhalan nan cinneach, obair làmhan dhaoine. Tha beòil aca, ach cha labhair iad; sùilean aca, ach chan fhaic iad. Tha cluasan aca, ach cha chluinn iad; cha mhò a tha anail nam beul. Cosmhail riu fhèin tha iadsan a nì iad, gach neach a dh’earbas asda. A thaigh Israeil, beannaichibh an Tighearna; a thaigh Aaroin, beannaichibh an Tighearna. A thaigh Lèbhi, beannaichibh an Tighearna; sibhse air a bheil eagal an Tighearna, beannaichibh an Tighearna. Beannaichte gu robh an Tighearna à Sion, aig a bheil a chòmhnaidh ann an Ierusalem. Molaibh‐se an Tighearna. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair. Thugaibh buidheachas do Dhia nan diathan, oir gu bràth mairidh a thròcair. Thugaibh buidheachas do Thighearna nan tighearnan, oir gu bràth mairidh a thròcair; Dhàsan na aonar a nì iongantasan mòra, oir gu bràth mairidh a thròcair; Dhàsan a rinn na nèamhan le gliocas, oir gu bràth mairidh a thròcair; Dhàsan a shìn an talamh os cionn nan uisgeachan, oir gu bràth mairidh a thròcair; Dhàsan a rinn solais mhòra, oir gu bràth mairidh a thròcair; A’ ghrian a riaghladh an là, oir gu bràth mairidh a thròcair; A’ ghealach agus na reultan a riaghladh na h‑oidhche, oir gu bràth mairidh a thròcair; Dhàsan a bhuail na h‑Eiphitich nan ciad‐ghinean, oir gu bràth mairidh a thròcair; Agus a thug a‑mach Israel as am meadhon, oir gu bràth mairidh a thròcair; Le làimh thrèin, agus le gàirdean sìnte a‑mach, oir gu bràth mairidh a thròcair; Dhàsan a roinn a’ mhuir ruadh na roinnean, oir gu bràth mairidh a thròcair; Agus a thug air Israel dol tro a meadhon, oir gu bràth mairidh a thròcair; Ach a thilg Phàraoh agus a armailt bun‐os‑cionn anns a’ mhuir ruaidh, oir gu bràth mairidh a thròcair. Dhàsan a threòraich a shluagh tron fhàsach, oir gu bràth mairidh a thròcair; Dhàsan a bhuail rìghrean mòra, oir gu bràth mairidh a thròcair; Agus a mharbh rìghrean treuna, oir gu bràth mairidh a thròcair; Sihon rìgh nan Amorach, oir gu bràth mairidh a thròcair; Agus Og rìgh Bhasain, oir gu bràth mairidh a thròcair; Agus a thug am fearann mar oighreachd, oir gu bràth mairidh a thròcair; Mar oighreachd do Israel, a òglach fhèin, oir gu bràth mairidh a thròcair; A chuimhnich oirnn nar staid ìosail, oir gu bràth mairidh a thròcair; Agus a shaor sinn o ar naimhdean, oir gu bràth mairidh a thròcair; A tha a’ tabhairt bìdh do gach feòil, oir gu bràth mairidh a thròcair. O thugaibh buidheachas do Dhia nan nèamh, oir gu bràth mairidh a thròcair. Làimh ri aibhnichean Bhàbiloin, an sin shuidh agus ghuil sinn, nuair a chuimhnich sinn air Sion. Air na croinn‐seilich na meadhon, chroch sinn ar clàrsaichean; Oir an sin dh’iarr iadsan a thug ann am braighdeanas sinn, òran oirnn; agus dh’iarr iadsan a rinn fògarraich dhinn aoibhneas oirnn, ag ràdh, Seinnibh dhuinn aon de laoidhean Shioin. Cionnas a sheinneas sinne laoidh an Tighearna ann an tìr choimhich? Ma dhìochuimhnicheas mise thusa, a Ierusaleim, dìochuimhnicheadh mo làmh dheas a seòltachd. Leanadh mo theanga rim ghial, mura cuimhnich mi ort, mura fheàrr leam Ierusalem na m’aoibhneas as àirde. Cuimhnich, a Thighearna, clann Edoim ann an là Ierusaleim, a thubhairt, Leagaibh, leagaibh sìos i gu ruig a bunait. A nighean Bhàbiloin, a lom‐sgriosar, is sona esan a dhìolas dhutsa a rèir mar a rinn thu oirnne; Is sona esan a ghlacas agus a phronnas do chlann bheag ris na clachan. Molaidh mi thu, a Thighearna, lem uile chridhe; an làthair nan diathan seinnidh mi cliù dhut. Sleuchdaidh mi aig do theampall naomh, agus molaidh mi d’ainm airson do choibhneas gràidh agus airson d’fhìrinn, oir dh’àrdaich thu d’fhacal os cionn d’ainme uile. Anns an là air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi; neartaich thu mi le treòir am anam. Molaidh uile rìghrean na talmhainn thu, a Thighearna, nuair a chluinneas iad briathran do bheòil; Agus seinnidh iad ann an slighean an Tighearna, oir is mòr glòir an Tighearna. Ge h‑àrd an Tighearna, gidheadh seallaidh e air an iriosal, ach aithnichidh e an t‑uaibhreach fad as. Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath‐bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi. Coileanaidh an Tighearna air mo shon; mairidh do thròcair, a Thighearna, gu bràth; na trèig obraichean do làmh. A Thighearna, rannsaich thu mi, agus is aithne dhut mi. Is aithne dhut mo shuidhe agus m’èirigh; tuigidh tu mo smuaintean fad as. Chuartaich thu mo cheum agus mo laighe sìos, agus air mo shlighean gu lèir is fiosrach thu. Oir feuch, chan eil facal air mo theangaidh, a Thighearna, nach aithne dhut gu lèir. Am dhèidh agus romham chuartaich thu mi, agus chuir thu do làmh orm. Is ro‑iongantach an t‑eòlas seo air mo shon; tha e àrd; cha ruig mi air. Càit an tèid mi od spiorad, agus càit an teich mi od ghnùis? Ma thèid mi suas do nèamh, tha thu an sin; ma nì mi mo leabaidh ann an ifrinn, feuch, tha thu an sin. Ma ghabhas mi sgiathan na maidne agus gun còmhnaich mi ann an ionadan iomallach na fairge, Eadhon an sin stiùraidh do làmh mi, agus cumaidh do dheaslàmh suas mi. Ma their mi, Gu deimhinn falaichidh an dorchadas mi, bidh an oidhche fhèin mar sholas mun cuairt orm. Chan fhalaich eadhon an dorchadas uatsa, ach dealraichidh an oidhche mar an là; is ionann an dorchadas agus an solas dhutsa. Oir ghabh thu sealbh air m’àirnean; dh’fhalaich thu mi ann am broinn mo mhàthar. Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean‐sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin. Cha d’fhalaicheadh mo chorp uat nuair a rinneadh mi ann an diamhaireachd, a dhealbhadh mi gu h‑iongantach ann an ionadan ìochdarach na talmhainn. Chunnaic do shùilean mo chiad‐fhàs anabaich, agus ann ad leabhar sgrìobhadh sìos mo bhuill uile, a dhealbhadh ri ùine, gun aon dhiubh fhathast ann. O cia luachmhor leamsa do smuaintean‐sa, a Dhè! Cia mòr an àireamh! Nan àirmhinn iad, is lìonmhoire iad na a’ ghaineamh; nuair a dhùisgeas mi, tha mi a‑ghnàth maille riutsa. Gu cinnteach, a Dhè, marbhaidh tusa an t‑aingidh; uime sin, a dhaoine fuileachdach, imichibh uam. Oir labhair iad ad aghaidh gu h‑aingidh; thug do naimhdean d’ainm an dìomhanas. Nach eil mi a’ tabhairt fuath, a Thighearna, dhaibhsan a tha a’ tabhairt fuath dhutsa? Agus nach eil mi a’ gabhail gràin dhiubhsan a tha ag èirigh suas ad aghaidh? Le fuath iomlan tha mi a’ tabhairt fuath dhaibh; mar naimhdean measam iad. Rannsaich mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig mo smuaintean; Agus amhairc a bheil slighe olc air bith annam, agus treòraich mi anns an t‑slighe shìorraidh. Teasairg mi, a Thighearna, on droch dhuine; o fhear an fhòirneirt glèidh mi, A tha a’ smaoineachadh aimhleis nan cridhe; cruinnichidh iad gach là a‑chum cogaidh. Gheuraich iad an teanga, mar theanga nathrach; tha nimh na nathrach fom bilean. Selah. Glèidh mi, a Thighearna, o làmhan nan aingidh; o fhear an fhòirneirt dìon mi, lem b’àill mo cheuman a thilgeadh bun‐os‑cionn. Dh’fhalaich na h‑uaibhrich ribe dhomh agus cùird; sgaoil iad lìon ri taobh na slighe; leag iad ceapan‐tuislidh romham. Selah. Thubhairt mi ris an Tighearna, Is tu mo Dhia; èisd, a Thighearna, ri guth m’athchuingean. A Iehòbhah, a Thighearna, neart mo shlàinte, dh’fhalaich thu mo cheann ann an là a’ chatha. Na deònaich, a Thighearna, miannan an aingidh; na soirbhich le a ais‐innleachd, air eagal gun àrdaich iad iad fhèin. Selah. A‑thaobh nan daoine a chuartaich mi, còmhdaichidh aimhleas am bilean fhèin iad. Tuitidh èibhlean teine orra; anns an teine tilgear iad; ann an slocan domhain, a‑chum nach èirich iad a‑rìs. Na daingnichear fear‐labhairt uilc air an talamh; sealgaidh olc air fear an fhòirneirt a‑chum a sgrios. Tha fhios agam gun cùm an Tighearna ceartas ris an duine thruagh, còir ris na bochdan. Gu dearbh bheir na fìreanan moladh dod ainm; gabhaidh na h‑ionracain còmhnaidh ad fhianais. A Thighearna, tha mi ag èigheachd riut; greas am ionnsaigh; èisd rim ghuth nuair a dh’èigheas mi riut. Cuirear m’ùrnaigh ad làthair, mar thùis; togail suas mo làmh, mar an ìobairt fheasgair. Cuir, a Thighearna, faire air mo bheul; glèidh doras mo bhilean. Na aom mo chridhe gu nì olc air bith, gu beartan aingidh a chur an gnìomh le luchd‐dèanamh na h‑euceirt; agus na itheam fhèin den nithean milis. Buaileadh am fìrean mi, is coibhneas e; agus cronaicheadh e mi, is ola luachmhor e, nach bris mo cheann; oir fhathast bidh m’ùrnaigh mar an ceudna air an son nan àmhghairean. Nuair a thilgear sìos am britheamhan ann an ionadan clachach, èisdidh iad rim bhriathran, oir tha iad milis. Mar a ghearras agus a sgoltas neach fiodh air an làr, sgaoileadh ar cnàmhan aig beul na h‑uaighe. Ach riutsa, a Iehòbhah, a Thighearna, tha mo shùilean; annadsa chuir mi mo dhòigh; na trèig m’anam. Coimhead mi on ribe a leag iad dhomh, agus o cheapan‐tuislidh luchd‐dèanamh na h‑euceirt. Tuiteadh na h‑aingidh nan lìontan fhèin, am feadh a bhios mise a’ gabhail thairis. Lem ghuth ghlaodh mi ris an Tighearna; lem ghuth dh’aslaich mi air an Tighearna. Thaom mi mo ghearan na làthair; chuir mi an cèill mo theinn na fhianais. Nuair a chlaoidheadh mo spiorad annam, b’aithne dhutsa mo cheum; anns an t‑slighe air an d’imich mi, dh’fhalaich iad ribe dhomh. Dh’amhairc mi air mo làimh dheis, agus feuch, cha robh fear ann dom b’aithne mi; thrèig cobhair mi; cha robh neach ann a dh’fheòraicheadh airson m’anama. Ghlaodh mi riut, a Thighearna; thubhairt mi, Is tu mo thèarmann, mo chuibhreann ann an tìr nam beò. Thoir an aire dom ghlaodh, oir dh’ìslicheadh mi gu mòr; saor mi uapasan a tha an tòir orm, oir is treasa iad na mi. Thoir m’anam à prìosan, a‑chum gum mol mi d’ainm; cuartaichidh na fìreanan mi; oir buinidh tu gu fial rium. Cluinn m’ùrnaigh, a Thighearna; èisd rim athchuingean ann ad fhìrinn, freagair mi ann ad cheartas; Agus na tig ann am breitheanas led òglach; oir ann ad fhianais chan fhìreanaichear duine beò air bith. Oir gheur‐lean an nàmhaid m’anam; bhuail e mo bheatha sìos gu làr; thug e orm còmhnaidh a ghabhail ann an dorchadas, mar iadsan a bha fada marbh. Uime sin chlaoidheadh mo spiorad annam; tha mo chridhe briste an taobh a‑staigh dhìom. Is cuimhne leam na làithean o chian; tha do ghnìomharan gu lèir a’ teachd am aire; tha mi a’ beachd‐smaoineachadh air obair do làmh. Shìn mi mo làmhan riutsa; tha m’anam, mar thalamh tartmhor, an geall ort. Selah. Eisd rium gu grad, a Thighearna; chaidh as dom spiorad; na falaich do ghnùis orm, air eagal gum bi mi cosmhail riùsan a thèid sìos don t‑sloc. Thoir orm do choibhneas gràidh a chluinntinn anns a’ mhadainn, oir annadsa chuir mi mo dhòigh; thoir orm gun aithnich mi an t‑slighe anns an còir dhomh imeachd, oir riutsa tha mi a’ togail suas m’anama. Teasairg mi om naimhdean, a Thighearna; ad ionnsaigh‐sa teichidh mi. Teagaisg dhomh do thoil a dhèanamh, oir is tu mo Dhia; treòraicheadh do spiorad math mi gu tìr an ionracais. Air sgàth d’ainme, a Thighearna, beòthaich thusa mi; trìd d’fhìreantachd saor m’anam o theinn; Agus trìd do thròcair geàrr as mo naimhdean, agus sgrios iadsan uile a tha a’ claoidh m’anama, oir is mi d’òglach. Beannaichte gu robh an Tighearna, mo charraig, a theagaisgeas mo làmhan gu cath, mo mheòir gu còmhrag; Mo mhath agus mo dhaingneach, mo thùr àrd agus m’fhear‐saoraidh‐sa, mo sgiath agus an tì as an earb mi, a cheannsaicheas mo shluagh fodham. A Thighearna, ciod e an duine gu bheil thu a’ gabhail eòlais air, mac an duine gu bheil meas agad air? Is cosmhail an duine ri dìomhanas; tha a làithean mar sgàil a ghabhas seachad. A Thighearna, lùb do fhlaitheasan, agus thig a‑nuas; bean ris na beanntan, agus bidh deatach dhiubh. Cuir a‑mach dealanach agus sgaoil iad; tilg do shaighdean agus claoidh iad. Sìn uat do làmh on àirde, saor mi, agus teasairg mi o uisgeachan mòra, à làimh clann choigreach, Aig a bheil am beul a’ labhairt dìomhanais, agus is i an deaslàmh deaslàmh na brèige. A Dhè, seinnidh mi dhut òran nuadh; air an t‑saltair, air inneal‐ciùil nan deich teud, seinnidh mi moladh dhut. Is esan a bheir buaidh do rìghrean, a shaoras Daibhidh, a òglach fhèin, on chlaidheamh mhillteach. Saor mi, agus teasairg mi o làimh clann choigreach, aig a bheil am beul a’ labhairt dìomhanais, agus is i an deaslàmh deaslàmh na brèige. A‑chum gum bi ar mic mar ùr‑chroinn a’ fàs suas nan òige, ar nigheanan mar chlachan‐oisinn, snaidhte a rèir coslas lùchairt; A‑chum gum bi ar saibhlean làn, a’ toirt uapa de gach gnè thoraidh, ar caoraich a’ breith nam mìltean, seadh deich mìltean nar machraichean; Gum bi ar daimh làidir gu obair, nach bi briseadh a‑steach ann no dol a‑mach, agus nach bi gearan nar sràidean. Is sona an sluagh a tha anns an staid seo; is sona an sluagh don Dia an Tighearna. Ardaichidh mi thu, mo Dhia, mo Rìgh, agus beannaichidh mi d’ainm gu saoghal nan saoghal. Gach là beannaichidh mi thu, agus molaidh mi d’ainm gu saoghal nan saoghal. Is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh e air moladh; agus chan fhaodar a mhòrachd a rannsachadh. Molaidh àl do àl do ghnìomharan, agus cuiridh iad an cèill d’obraichean cumhachdach. Air urram glòir do mhòrachd agus air d’obraichean iongantach labhraidh mi; Agus labhraidh daoine air neart do bheartan uamhasach, agus aithrisidh mise do mhòrachd. Cuiridh iad an cèill gu pailt cuimhne do mhaitheis mhòir, agus àrd‐mholaidh iad d’fhìreantachd. Is gràsmhor agus truacanta an Tighearna, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair. Is math an Tighearna do na h‑uile, agus tha a chaomh‐thròcairean os cionn a obrach uile. Molaidh d’obraichean gu lèir thu, a Thighearna, agus beannaichidh do naoimh thu. Air glòir do rìoghachd labhraidh iad, agus cuiridh iad an cèill do chumhachd, A‑chum a bheartan iongantach a dhèanamh aithnichte do chloinn nan daoine, agus glòir mòralachd a rìoghachd. Is rìoghachd shìorraidh do rìoghachd‐sa, agus mairidh d’uachdaranachd air feadh nan uile ghinealach. Tha an Tighearna fìrinneach na uile bhriathran, agus naomh na uile ghnìomharan. Cumaidh an Tighearna suas iadsan uile a tha a’ tuiteam, agus togaidh e an àird iadsan uile a tha air cromadh sìos. Tha sùilean nan uile a’ feitheamh ort, agus bheir thu dhaibh am biadh na thràth. Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò. Tha an Tighearna ceart na uile shlighean, agus naomh na uile ghnìomharan. Is dlùth an Tighearna dhaibhsan uile a ghairmeas air, dhaibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn. Coileanaidh e miann na dream don eagal e, agus èisdidh e rin glaodh, agus saoraidh e iad. Gleidhidh an Tighearna iadsan uile a ghràdhaicheas e, ach sgriosaidh e na h‑aingidh gu lèir. Air cliù an Tighearna labhraidh mo bheul, agus beannaichidh gach feòil a ainm gu saoghal nan saoghal. Molaibh‐se an Tighearna; mol an Tighearna, O m’anam. Molaidh mi an Tighearna an cian as beò mi; seinnidh mi cliù dom Dhia am feadh a bhios bith agam. Na earbaibh à uachdarain, à mac duine sam bith, anns nach eil furtachd. Thèid a anail as, tillidh e ga ùir; anns an là sin fhèin thèid as da smuaintean. Is sona an tì aig a bheil Dia Iàcoib mar a chobhair, aig a bheil a dhòchas anns an Tighearna a Dhia, A rinn nèamh agus talamh, a’ mhuir agus gach nì a tha annta; a ghleidheas fìrinn gu bràth; A chumas còir riùsan a tha fo fhòirneart, a bheir biadh do na h‑acraich. Cuiridh an Tighearna na prìosanaich fa sgaoil. Fosglaidh an Tighearna sùilean nan dall; togaidh an Tighearna suas iadsan a tha air an cromadh sìos; is ionmhainn leis an Tighearna na fìreanan. Gleidhidh an Tighearna na coigrich; togaidh e suas an dìlleachdan agus a’ bhantrach, ach tilgidh e slighe nan aingidh bun‐os‑cionn. Rìoghaichidh an Tighearna gu bràth, do Dhia‑sa, a Shion, o linn gu linn. Molaibh‐se an Tighearna. Molaibh‐se an Tighearna, oir is math an nì a bhith a’ tabhairt cliù dar Dia, oir tha e taitneach, agus tha moladh ciatach. Togaidh an Tighearna suas Ierusalem; cruinnichidh e ri chèile dìobaraich Israeil. Lèighsidh e iadsan aig a bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leòntan. Innsidh e àireamh nan rionnag; bheir e ainmean orra uile. Is mòr an Tighearna, agus is mòr a chumhachd; tha a thuigse gun tomhas. Togaidh an Tighearna suas na daoine ciùine; tilgidh e sìos na h‑aingidh gu làr. Seinnibh don Tighearna le buidheachas; seinnibh moladh dar Dia‑ne air a’ chlàrsaich; A dh’fhalaicheas nèamh le neòil, a dh’ullaicheas uisge don talamh, a bheir air feur fàs suas air na slèibhtean. Bheir esan a bhiadh don ainmhidh, do na fithich òga a ghoireas. Ann an neart an eich cha bhi a dhùil; ann an casan fir cha ghabh e tlachd. Gabhaidh an Tighearna tlachd anntasan don eagal e, a chuireas an dòigh na thròcair. Mol an Tighearna, a Ierusaleim; mol do Dhia, a Shion; Oir neartaich e cruinn do gheatachan; bheannaich e do chlann an taobh a‑staigh dhìot. Nì e sìth ad chrìochan; sàsaichidh e thu le smior a’ chruithneachd. Cuiridh e a‑mach a àithne air thalamh; gu luath ruithidh a fhacal. Bheir e sneachd mar olainn; sgaoilidh e an liath‐reodhadh mar luaithre. Tilgidh e a‑mach a eigh mar ghreamannan; cò a dh’fhaodas seasamh fa chomhair a fhuachd? Cuiridh e a‑mach a fhacal, agus leaghaidh e iad; sèididh a’ ghaoth, sruthaidh na h‑uisgeachan. Foillsichidh e a fhacal do Iàcob, a reachdan agus a bhreitheanais do Israel. Cha do bhuin e mar seo ri cinneach sam bith; cha mhò a b’aithne dhaibh a bhreitheanais. Molaibh‐se an Tighearna. Molaibh‐se an Tighearna. Molaibh an Tighearna o na nèamhan; molaibh e anns na h‑àrdan. Molaibh e, a ainglean uile; molaibh e, a shlòigh uile. Molaibh e, a ghrian agus a ghealach; molaibh e, uile reultan solais. Molaibh e, a nèamhan nan nèamh, agus uisgeachan a tha os cionn nan nèamh. Moladh iad ainm an Tighearna, oir dh’àithn e, agus chruthaicheadh iad. Agus dhaingnich e iad gu saoghal nan saoghal; rinn e àithne nach tèid thairis. Molaibh an Tighearna on talamh, a dhràgonan agus a dhoimhneachdan uile. Teine agus clach‐shneachda; sneachd agus ceò; gaoth dhoineannach a’ coileanadh a fhacail; Na beanntan agus na cnuic uile; craobhan‐meas agus na h‑uile sheudair; Fiadh‐bheathaichean agus gach uile ainmhidh; nithean snàigeach agus eunlaith iteagach; Rìghrean na talmhainn agus na h‑uile shlòigh; uachdarain agus uile bhritheamhan na talmhainn; Araon òigfhir agus òighean; seann daoine agus clann; Moladh iad sin ainm an Tighearna, oir tha a ainm‐san a‑mhàin urramach, tha a ghlòir os cionn na talmhainn agus nan nèamh. Agus dh’àrdaich e adharc a shluaigh, moladh a naomh uile, eadhon clann Israeil, sluagh a tha am fagas dha. Molaibh‐se an Tighearna. Molaibh‐se an Tighearna. Seinnibh don Tighearna òran nuadh, seinnibh a mholadh ann an coitheanal nan naomh. Biodh Israel aoibhneach na Chruithear; dèanadh clann Shioin gàirdeachas nan Rìgh. Moladh iad a ainm anns an dannsa; le tiompan agus le clàrsaich seinneadh iad dha. Oir gabhaidh an Tighearna tlachd na shluagh; nì e na daoine sèimhe sgiamhach le slàinte. Dèanadh na naoimh gàirdeachas ann an glòir; dèanadh iad iolach air an leapaichean. Biodh àrd‐chliù Dhè nam beul, agus claidheamh dà fhaobhair nan làimh, A‑chum dìoghaltas a dhèanamh air na cinnich, smachdachadh goirt air na slòigh; A‑chum an rìghrean a cheangal le slabhraidhean, agus an àrd‐uaislean le geimhlean iarainn; A‑chum am breitheanas a tha sgrìobhte a chur an gnìomh orra; tha an t‑urram seo aig a naoimh uile. Molaibh‐se an Tighearna. Molaibh‐se an Tighearna. Molaibh Dia na ionad naomh; molaibh e ann an speuran a chumhachd. Molaibh e airson a ghnìomharan treuna; molaibh e a rèir àird a mhòrachd. Molaibh e le fuaim trompaid; molaibh e le saltair agus le clàrsaich. Molaibh e le tiompan agus dannsa; molaibh e le innealan‐ciùil nan teud agus le organ. Molaibh e le ciombalan fonnmhor; molaibh e le ciombalan àrd‐fhuaimneach. Moladh gach nì anns a bheil anail an Tighearna. Molaibh‐se an Tighearna. Gnàth‐fhacail Sholaimh, mac Dhaibhidh, rìgh Israeil; A dh’aithneachadh gliocais agus teagaisg, a thuigsinn briathran na tuigse; A ghabhail teagasg a’ ghliocais, a’ cheartais, agus a’ bhreitheanais, agus na còrach; A thoirt gèire dhaibhsan a tha baoghalta, eòlais agus cèill don òganach. Eisdidh duine glic, agus meudaichidh e fòghlam; agus sealbhaichidh duine tuigseach comhairlean glice: A thuigsinn gnàth‐fhacail, agus eadar‐mhìneachaidh; faclan nan daoine glice, agus am briathran dorcha. Is e eagal an Tighearna tùs an eòlais: air gliocas agus teagasg nì amadain tàir. A mhic, èisd thusa ri teagasg d’athar, agus na trèig lagh do mhàthar: Oir nan coron maise bidh iad dod cheann, agus nan slabhraidhean dod mhuineal. A mhic, ma thàlaidheas peacaich thu, na aontaich thusa leo; Ma their iad, Thig leinne, dèanamaid feall‐fheitheamh air fuil, laigheamaid am falach airson an neochiontaich gun adhbhar: Mar an uaigh sluigeamaid suas beò iad, agus iomlan mar iadsan a thèid sìos don t‑sloc. Gheibh sinn gach uile mhaoin luachmhor, lìonaidh sinn ar taighean le creich: Tilg a‑steach do chrannchur nar measg‐ne; bidh aon sporan againn uile. A mhic, na imich thusa anns an t‑slighe maille riu; cùm air a h‑ais do chas on ceum. Oir tha an casan a’ ruith a‑chum uilc, agus a’ dèanamh deifir a dhòrtadh fala. Gu deimhinn is dìomhain an lìon a sgaoileadh ann an sealladh eòin air bith. Agus tha iad ri feall‐fhalach an aghaidh am fala fhèin; tha iad a’ laighe ann an uaigneas an aghaidh an anama fhèin. Mar sin tha slighean gach neach a tha sanntach air buannachd: anam a shealbhadairean bheir i air falbh. Tha gliocas ag èigheach a‑muigh, anns na sràidean tha i a’ cur a‑mach a gutha; Ann an àitean sònraichte a’ cho‐chruinneachaidh tha i ag èigheach, ann am fosgladh nan geatachan: anns a’ bhaile tha i a’ cur a‑mach a briathran, ag ràdh, Cia fhad, a dhaoine baoghalta, a ghràdhaicheas sibh baoghaltachd? Agus a ghabhas luchd‐fochaid tlachd nam fochaid, agus a bheir amadain fuath do eòlas? Tillibh rim achmhasan: feuch, dòirtidh mi a‑mach mo spiorad oirbh; nì mi aithnichte mo bhriathran dhuibh. A chionn gun do ghairm mi, agus gun do dhiùlt sibhse, gun do shìn mi a‑mach mo làmh, agus nach tug duine sam bith an aire; Ach gun do chuir sibh an neo‐bhrìgh m’uile chomhairle, agus nach b’àill leibh a’ bheag dem achmhasan; Nì mise mar an ceudna gàire ri ur sgrios‐se; nì mi fanaid nuair a thig ur n‑eagal; Nuair a thig ur n‑eagal mar fhàsachadh, agus a thig ur lèirsgrios oirbh mar iomaghaoith; nuair a thig teinn agus cràdh‐cridhe oirbh. An sin gairmidh iad ormsa, ach cha fhreagair mi; iarraidh iad mi gu moch, ach chan fhaigh iad mi; A chionn gun d’fhuathaich iad eòlas, agus nach do roghnaich iad eagal an Tighearna. Cha b’àill leo a’ bheag dem chomhairle, rinn iad tàir air m’achmhasan uile. Uime sin ithidh iad de thoradh an slighe fhèin, agus lìonar iad len innleachdan fhèin. Oir marbhaidh claonadh nan daoine baoghalta iad, agus sgriosaidh soirbheachadh nan amadan iad fhèin. Ach ge bè a dh’èisdeas riumsa, gabhaidh e còmhnaidh ann an tèarainteachd, agus bidh e saor o eagal uilc. A mhic, ma ghabhas tu mo bhriathran‐sa, agus ma dh’fhalaicheas tu m’àitheantan maille riut; Air chor is gun aom thu do chluas ri gliocas, gun leag thu do chridhe air tuigse: Seadh, ri eòlas ma dh’èigheas tu, ri tuigse ma thogas tu suas do ghuth; Ma dh’iarras tu i mar airgead, agus ma rannsaicheas tu air a son, mar airson ionmhasan falaichte; An sin tuigidh tu eagal an Tighearna, agus gheibh thu eòlas Dhè: Oir bheir an Tighearna gliocas; as a bheul thig eòlas agus tuigse. Tha e a’ tasgadh suas gliocais fhallain airson nam fìrean: is sgiath e dhaibhsan a ghluaiseas gu h‑ionraic. Tha e a’ coimhead ceuman a’ bhreitheanais, agus a’ dìon slighe a naomh. An sin tuigidh tu fìreantachd, agus breitheanas, agus ceartas; seadh, gach uile dheagh shlighe. Nuair a thèid gliocas a‑steach ann ad chridhe, agus a bhios eòlas taitneach dod anam, Nì ciall do dhìon, coimheadaidh tuigse thu: Gud shaoradh o shlighe an droch dhuine; on duine a labhras nithean fiara; A dh’fhàgas ceuman an ionracais, a dh’imeachd ann an slighean an dorchadais; Leis an aoibhinn an t‑olc a dhèanamh, agus a tha a’ gabhail tlachd ann an aingealtachd nan aingidh. Aig a bheil an slighean cam, agus iad a’ claonadh nan ceuman: A‑chum do shaoradh on mhnaoi choimhich, on bhanachoigrich a nì miodal le a briathran; A thrèigeas oide‐ionnsachaidh a h‑òige, agus a dhìochuimhnicheas coicheangal a Dè: Oir tha a taigh a’ claonadh a‑chum bàis, agus a ceuman a‑chum nam marbh. Cha till duine sam bith a thèid da h‑ionnsaigh, agus a‑rìs chan fhaigh e slighean na beatha. A‑chum gun imich thu ann an slighe dhaoine matha, agus gun glèidh thu ceuman nam fìrean. Oir gabhaidh na h‑ionracain còmhnaidh anns an tìr, agus fanaidh na daoine foirfe innte. Ach gearrar na daoine aingidh bhàrr na talmhainn, agus spìonar luchd‐easaontais as. A mhic, na dìochuimhnich mo lagh; ach gleidheadh do chridhe m’àitheantan: Oir làithean buan, agus saoghal fada, agus sìth bheir iad dhut. Na trèigeadh tròcair agus fìrinn thu: ceangail iad mud mhuineal; sgrìobh iad air clàr do chridhe. Agus gheibh thu deagh‐ghean, agus tuigse mhath, ann an sealladh Dhè agus dhaoine. Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman. Na bi glic ad shùilean fhèin; biodh eagal an Tighearna ort, agus trèig olc. Na shlàinte bidh e dod imleig, agus na smior dod chnàmhan. Thoir urram don Tighearna led mhaoin, agus le ciad‐thoradh d’uile chinneis: Agus lìonar do shaibhlean le pailteas, agus le fìon nuadh ruithidh d’fhìon‐amair thairis. Air cronachadh an Tighearna, a mhic, na dèan‐sa tàir, agus na sgìthich de a smachdachadh. Oir esan as toigh leis an Tighearna smachdaichidh e, mar a smachdaicheas athair am mac anns a bheil a thlachd. Is sona an duine a dh’amaiseas air gliocas, agus am fear a gheibh tuigse: Oir is fheàrr a ceannachd na ceannachd airgid, agus a buannachd na an t‑òr. Is luachmhoire i na na seudan, agus chan eil gach nì as urrainn thu a mhiannachadh rin coimeas rithe. Tha saoghal fada na làimh dheis; na làimh chlì saoibhreas agus urram. Is slighean subhachais a slighean, agus is sìth a ceuman uile. Is craobh beatha i dhaibhsan a nì greim oirre, agus is sona iadsan a ghleidheas i. Le gliocas shuidhich an Tighearna an talamh; le tuigse shònraich e na nèamhan. Le a eòlas‐san brisear suas na doimhneachdan, agus silidh na neòil a‑nuas an drùchd. A mhic, na dealaicheadh iad rid shùilean: coimhead gliocas fallain agus tuigse. Agus bidh iad nam beatha dod anam, agus nam maise dod mhuineal. An sin imichidh tu ad shlighe gu tèarainte, agus cha tuislich do chas. Nuair a laigheas tu sìos, cha bhi eagal ort: seadh, laighidh tu sìos, agus bidh do chadal milis. Na biodh sgàth ort ro eagal obann, no ro fhàsachadh nan aingidh nuair a thig e. Oir bidh an Tighearna na thèarmann dhut, agus gleidhidh e do chas o bhith air a glacadh. Na cùm math on dream don dlighear e, nuair a tha e an comas do làimh a dhèanamh. Na abair rid choimhearsnach, Imich, agus thig a‑rìs, agus a‑màireach bheir mi dhut, nuair a tha e agad làimh riut. Na dealbh olc an aghaidh do choimhearsnaich, agus e a’ gabhail còmhnaidh gu muinghinneach làimh riut. Na dèan strì ri duine gun adhbhar, mura do rinn e cron ort. Na biodh farmad agad ri fear an fhòirneirt, agus na roghnaich a’ bheag de a shlighean. Oir is gràinealachd don Tighearna an duine ceannairceach; ach tha a rùn aig an ionracan. Tha mallachd an Tighearna ann an taigh an aingidh; ach beannaichidh e àite‐còmhnaidh nam fìrean. Gu cinnteach air luchd‐fochaid nì e fochaid; ach don iriosal bheir e gràs. Sealbhaichidh na daoine glice urram; ach is e nàire àrdachadh nan amadan. Cluinnibh, a chlann, teagasg athar, agus thugaibh an aire, a‑chum gum faigh sibh eòlas air tuigse: Oir tha mi a’ toirt dhuibh deagh theagaisg; na trèigibh‐se mo reachd. Oir bu mhise mac mùirneach m’athar, agus mar aon‐ghin mic bha mi ann an sealladh mo mhàthar. Theagaisg e mi mar an ceudna, agus thubhairt e rium, Gleidheadh do chridhe mo bhriathran; coimhead m’àitheantan agus mair beò. Faigh gliocas; faigh tuigse: na dìochuimhnich, agus na claon o bhriathran mo bheòil. Na trèig i, agus gleidhidh i thu: gràdhaich i, agus coimheadaidh i thu. Is e gliocas an nì sònraichte; faigh gliocas, agus maille rid uile fhaghail faigh tuigse. Ardaich i, agus cuiridh i suas thu; bheir i gu urram thu, nuair a ghabhas tu ad ghlacan i. Bheir i dod cheann coron maise: crùn glòire bheir i seachad dhut. Eisd, a mhic, agus gabh m’fhacail: agus bidh bliadhnachan do bheatha lìonmhor. Ann an slighe a’ ghliocais theagaisg mi thu: threòraich mi thu ann an ceuman dìreach. Nuair a dh’imicheas tu, cha teannaichear do cheuman; agus nuair a ruitheas tu, cha tuislich thu. Dèan greim daingeann air teagasg; na leig as e; coimhead e, oir is e do bheatha e. Na gabh a‑steach do rathad nan aingidh, agus na imich ann an slighe dhroch dhaoine. Seachain i, na gabh seachad làimh rithe, till uaipe, agus imich romhad. Oir cha chaidil iadsan mura dèan iad olc: agus tha an cadal air a thoirt uapa mura toir iad air cuideigin tuiteam. Oir tha iad ag ithe aran na h‑aingidheachd, agus ag òl fìon an ainneirt. Ach tha slighe nam fìrean mar an solas dealrach, a dhealraicheas nas mò agus nas mò gu ruig an là iomlan. Tha slighe nan aingidh mar dhorchadas: chan aithne dhaibh ciod air a bheil iad a’ tuisleachadh. A mhic, dom fhacail thoir aire; rim bhriathran aom do chluas: Na imicheadh iad od shùilean: glèidh iad ann am meadhon do chridhe. Oir is beatha iad dhaibhsan a gheibh iad, agus ìocshlaint dam feòil uile. Leis gach uile dhìcheall glèidh do chridhe; oir as a sin tha sruthan na beatha. Cuir uat am beul fiar, agus na bilean beumnach cuir fada uat. Sealladh do shùilean gu ceart romhpa, agus seòladh rosgan do shùl gu dìreach romhad. Cothromaich ceuman do chas, agus biodh do shlighean uile air an socrachadh. Na tionndaidh a‑chum na làimhe deise, no clìthe: caraich do chas on olc. A mhic, dom ghliocas thoir an aire; rim thuigse aom do chluas; A‑chum gun coimhead thu ciall, agus gun glèidh do bhilean eòlas. [Na èisd ri mealltaireachd mnà:] oir mar a’ chìr‐mheala silidh bilean mnà coimhich, agus is mìne na ola a beul. Ach tha a crìoch searbh mar a’ bhurmaid, geur mar chlaidheamh dà fhaobhair. Tha a casan a’ dol sìos a‑chum a’ bhàis: nì a ceuman greim air ifrinn. Air eagal gun cothromaicheadh tu slighe na beatha, luaineach tha a ceuman air chor is nach urrainn thu an aithneachadh. A‑nis uime sin, a chlann, èisdibh rium, agus na dealaichibh ri briathran mo bheòil. Atharraich do shlighe fada uaipe, agus na tig am fagas do dhoras a taighe: Air eagal gun toir thu do neart do mhuinntir eile, agus do bhliadhnachan don an‑iochdmhor: Air eagal gun lìonar coigrich led shaoibhreas, agus gum bi do shaothair ann an taigh coigrich; Agus gun dèan thu caoidh mu dheireadh, nuair a chaithear d’fheòil agus do chorp, Agus gun abair thu, Cionnas a thug mi fuath do theagasg, agus a rinn mo chridhe tàir air achmhasan? Agus nach robh mi umhail do ghuth mo luchd‐teagaisg, agus nach d’aom mi mo chluas riùsan a theagaisg mi? Is beag nach robh mi anns gach olc, am meadhon a’ cho‐chruinneachaidh, agus a’ choitheanail. Ol uisgeachan as do shoitheach fhèin; agus uisgeachan‐ruith as do thobar fhèin. Biodh do thobraichean air an sgaoileadh a‑mach; do shruthan uisge anns na sràidean. Biodh iad agad fhèin a‑mhàin, agus na b’ann aig coigrich maille riut. Biodh do thobar beannaichte; agus dèan gàirdeachas maille ri mnaoi‐phòsda d’òige. Biodh i mar an eilid ghràdhach, agus mar an earba thaitneach; sàsaicheadh a cìochan thu anns gach àm: le a gràdh bi a‑ghnàth air do lìonadh. Agus carson, a mhic, a mheallar thu le mnaoi choimhich, agus a dhlùthaicheas tu ri broilleach bana‑choigrich? Oir fa chomhair sùilean an Tighearna tha slighean an duine, agus tha e a’ cothromachadh a cheuman uile. Glacaidh a euceartan fhèin an t‑aingidh, agus le cùird a pheacaidh ceanglar e. Bàsaichidh e gun teagasg; agus ann am meud a amaideachd thèid e air seachran. A mhic, ma tha thu an urras air do charaid, ma bhuail thu do làmh le neach eile, Ribeadh thu le briathran do bheòil; ghlacadh thu le faclan do bheòil. Dèan seo a‑nis, a mhic, agus saor thu fhèin, nuair a thig thu an làimh do charaid; imich, irioslaich thu fhèin, agus dèan cinnteach do charaid. Na toir cadal dod shùilean, no clò cadail dod rosgan. Thoir as thu fhèin mar earb à làimh an t‑sealgair, agus mar eun à làimh an eunadair. Imich a‑chum an t‑seangain, a leisgein; thoir fa‑near a shlighean, agus bi glic: Aig nach eil fear‐seòlaidh, fear‐amhairc, no luchd‐riaghlaidh, A dh’ullaicheas a bhiadh anns an t‑samhradh, agus a chruinnicheas a theachd‐an‑tìr anns an fhogharadh. Cia fhad a chaidleas tu, a leisgein? Cuin a dh’èireas tu as do chadal? Fhathast beagan cadail, beagan clò cadail, beagan filleadh nan làmh gu cadal. An sin thig do bhochdainn mar fhear‐siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm. Duine nach fiù, fear aingidh, siùbhlaidh e le beul ana‑cneasda. Caogaidh e le a shùil, bheir e sanas le a chois, teagaisgidh e le mheòir. Tha aingealtachd na chridhe, tha e a’ dealbhadh uilc a‑ghnàth; togaidh e aimhreit: Uime sin gu h‑obann thig a sgrios; gu grad brisear e, gun leigheas. Na sia nithean seo is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha seachd nithean nan gràinealachd da anam: Sealladh àrd, teanga bhreugach, agus làmhan a dhòirteas fuil neo‐chiontach; Cridhe a dhealbhas smuaintean aingidh, casan a bhios luath a ruith a‑chum uilc; Fianais bhreugach a labhras breugan, agus esan a thogas aimhreit eadar bràithrean. A mhic, coimhead àithne d’athar, agus na trèig reachd do mhàthar: Ceangail iad a‑ghnàth air do chridhe, daingnich iad mud mhuineal. Nuair a dh’imicheas tu, treòraichidh iad thu; nuair a chaidleas tu gleidhidh iad thu; agus nuair a dhùisgeas tu, labhraidh iad riut. Oir is lòchran an àithne, agus is solas an reachd, agus is iad slighe na beatha achmhasain teagaisg; A‑chum do ghleidheadh on droch mhnaoi, o mhiodal teanga na mnà coimhich. Na miannaich a sgèimh ann ad chridhe; agus na glacadh i thu le a rosgan. Oir le mnaoi strìopachail bheirear duine gu greim arain; agus sealgaidh a’ bhan‐adhaltranach air an anam luachmhor. An urrainn duine teine a ghabhail na bhroilleach, agus gun a aodach a bhith air a losgadh? An urrainn duine imeachd air èibhlean tetha, agus gun a chasan a bhith air an losgadh? Mar sin esan a thèid a‑steach a‑chum bean a choimhearsnaich: cha bhi neach air bith neochiontach a bheanas rithe. Cha dèanar tàir air gadaiche, ma ghoideas e a shàsachadh a anama, nuair a bhios e acrach: Ach ma ghlacar e, aisigidh e a sheachd uiread; uile mhaoin a thaighe bheir e seachad. Ach ge bè nì adhaltranas ri mnaoi, tha e gun tuigse: sgriosaidh esan a nì e a anam fhèin. Lot agus mì‑chliù gheibh e; agus a mhasladh cha ghlanar as. Oir is e an t‑eud cuthach an fhir: uime sin cha chaomhain e ann an là an dìoghaltais. Cha bhi suim aige do èirig air bith; cha mhò a thoilichear e, ged bheir thu dha mòran thìodhlacan. A mhic, glèidh mo bhriathran, agus taisg m’àitheantan maille riut. Glèidh m’àitheantan, agus bi beò; agus mo lagh mar dhubhagan do shùl. Ceangail iad air do mheòir; sgrìobh iad air clàr do chridhe. Abair ri gliocas, Is tu mo phiuthar; agus goir do bhanacharaid de thuigse: A‑chum gun glèidh iad thu on mhnaoi choimhich, on bhan‐choigrich a nì miodal le a briathran. Oir aig uinneig mo thaighe dh’amhairc mi tro mo chlèith, Agus sheall mi am measg nan daoine baoghalta; thug mi fa‑near am measg nan òganach, òigfhear gun chèill, A’ dol seachad air an t‑sràid fagas da h‑oisinn, agus ghabh e an t‑slighe a‑chum a taighe, Anns an dùbhradh anns an fheasgar, anns an oidhche dhuibh dhorcha: Agus, feuch, thachair bean air ann an culaidh strìopaich, agus cuilbheartach na cridhe. (Tha i àrd‐ghuthach agus ceann‐làidir; chan fhan a casan na taigh. A‑nis tha i a‑mach, a‑nis anns na sràidean, agus a’ feitheamh nam fàth aig gach oisinn.) Agus rug i air, agus phòg i e, agus le aghaidh gun nàire thubhairt i ris, Tha tabhartasan‐sìth agam; an‑diugh dh’ìoc mi mo bhòidean: Uime sin thàinig mi a‑mach ad choinneamh, a dh’iarraidh d’aghaidh gu dìcheallach, agus fhuair mi thu. Le còmhdaichean grinne sgeadaich mi mo leabaidh, le obraichean geàrrte, le lìon‐aodach mìn on Eiphit. Rinn mi mo leabaidh cùbhraidh le mirr, alo, agus canal. Thig, gabhamaid ar sàth de ghaol gu madainn; dèanamaid co‑ghàirdeachas ann an gaol: Oir chan eil fear an taighe aig baile; chaidh e air turas fada: Sporan airgid thug e leis; air an là shuidhichte thig e dhachaigh. Le mòran de a cainnt mhilis thug i air aontachadh; le miodal a bilean cho‐èignich i e. Tha e a’ dol na dèidh gun dàil, mar a thèid an damh a‑chum a chasgraidh, no an t‑amadan a‑chum peanas a’ chip; Gus an tèid saighead tro a àinean, mar a ghreasas eun don ribe, gun fhios aige gur ann a‑chum a bhàis a tha e. A‑nis uime sin èisdibh rium, a chlann, agus thugaibh aire do bhriathran mo bheòil: Na claonadh do chridhe a‑chum a slighean, na rach air seachran na ceuman. Oir lot agus leag i sìos mòran; seadh, chaidh mòran de dhaoine treuna a mharbhadh leatha. Is e a taigh an t‑slighe gu ifrinn, a’ dol sìos gu seòmraichean a’ bhàis. Nach eil gliocas ag èigheachd? Agus nach eil tuigse a’ cur a‑mach a gutha? Air mullach nan àitean àrda, làimh ris an t‑slighe, ann am meadhon nan rathad tha i na seasamh. Làimh ris na geatachan, aig dol a‑staigh a’ bhaile, far an tigear a‑steach air na dorsan tha i ag èigheach: Ribhse, O fheara, tha mi ag èigheach; agus tha mo ghuth ri cloinn nan daoine. A dhaoine baoghalta, tuigibh gliocas; agus amadana, tuigibh nur cridhe. Eisdibh, oir labhraidh mi air nithean òirdheirc; agus bidh fosgladh mo bhilean air nithean cearta. Oir labhraidh mo bheul fìrinn; agus is gràinealachd aingidheachd dom bhilean. Ann an ceartas tha uile bhriathran mo bheòil; anntasan chan eil nì air bith olc no fiar. Tha iad uile soilleir dhàsan a thuigeas, agus ceart dhaibhsan a gheibh eòlas. Gabhaibh mo theagasg, agus chan e airgead, agus eòlas thar an òir thaghte. Oir is fheàrr gliocas na na clachan luachmhor; agus chan eil na h‑uile nithean a dh’fhaodar a mhiannachadh rin coimeas rithe. Tha mise, gliocas, am chòmhnaidh maille ri cèill, agus tha mi a’ faghail a‑mach eòlais air nithean innleachdach. Is e eagal an Tighearna an t‑olc fhuathachadh; uabhar, agus àrdan, agus an droch shlighe, agus am beul fiar is fuathach leam. Is leamsa comhairle, agus fìor ghliocas: is leamsa tuigse; is leamsa neart; Leamsa rìoghaichidh rìghrean, agus òrdaichidh uachdarain ceartas; Leamsa riaghlaidh uachdarain, agus daoine mòra, uile bhritheamhan na talmhainn. Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi. Tha beartas agus urram maille riumsa; saoibhreas maireannach agus fìreantachd. Is fheàrr mo thoradh na òr, eadhon na òr fìorghlan; agus mo theachd‐a‑staigh na airgead taghte. Air slighe a’ cheartais treòraichidh mi; ann am meadhon ceuman a’ bhreitheanais; A‑chum gun toir mi orrasan len ionmhainn mi maoin a shealbhachadh; agus lìonaidh mi an ionmhasan. Bha mise aig an Tighearna ann an toiseach a shlighe, ro a obraichean o shean. O shìorraidheachd chuireadh suas mi, on toiseach, mun robh an talamh ann. Mun robh doimhneachdan ann, ghineadh mise; nuair nach robh tobraichean ann, làn de uisgeachan. Mun do shuidhicheadh na beanntan; ro na cnocan ghineadh mise. Mun do rinn e fhathast an talamh, no na machraichean, no a’ chuid as àirde de dhuslach an domhain. Nuair a dheasaich e na nèamhan, bha mi an sin; nuair a tharraing e cuairt air aghaidh na doimhne; Nuair a dhaingnich e an t‑adhar shuas; nuair a neartaich e tobraichean na doimhne; Nuair a thug e a reachd don fhairge, nach rachadh na h‑uisgeachan thar a aithne; nuair a shuidhich e bunaitean na talmhainn; An sin bha mise aige mar neach a dh’altramadh maille ris; agus bu mhi a thlachd gach là, a’ dèanamh gàirdeachais na fhianais an còmhnaidh; A’ dèanamh gàirdeachais anns a’ chuid a dh’àitichear de a thalamh, agus mo thlachd maille ri cloinn nan daoine. A‑nis uime sin, a chlann, èisdibh rium; oir is sona iadsan a ghleidheas mo shlighean. Eisdibh ri teagasg, agus bithibh glic, agus na diùltaibh e. Is beannaichte an duine a dh’èisdeas rium, a’ dèanamh faire aig mo gheatachan gach là, a’ feitheamh aig ursainnean mo dhorsan. Oir esan a gheibh mise, gheibh e beatha, agus gheibh e deagh‐ghean on Tighearna. Ach esan a pheacaicheas am aghaidh‐sa, nì e cron da anam fhèin: iadsan uile a dh’fhuathaicheas mi, gràdhaichidh iad am bàs. Thog gliocas a taigh; gheàrr i a‑mach a seachd puist: Mharbh i a feòil; mheasg i a fìon; dheasaich i mar an ceudna a bòrd: Chuir i a‑mach a h‑òighean; tha i a’ gairm air na h‑àitean as àirde den bhaile: Ge bè a tha baoghalta, thigeadh e a‑steach an seo: riùsan a tha a dhìth tuigse tha i ag ràdh, Thigibh, ithibh dem aran‐sa, agus òlaibh den fhìon a mheasg mi. Trèigibh nithean amaideach, agus bithibh beò; agus imichibh air slighe na tuigse. Esan a bheir achmhasan do fhear‐fochaid, gheibh e dha fhèin masladh; agus esan a chronaicheas an t‑aingidh, gheibh e dha fhèin smal. Na cronaich fear‐fochaid, air eagal gum fuathaich e thu: cronaich an duine glic, agus gràdhaichidh e thu. Thoir teagasg don duine ghlic, agus bidh e nas glice: teagaisg an duine cothromach, agus meudaichidh e ann am fòghlam. Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais; agus is e eòlas nithean naomha, tuigse. Oir leamsa nìthear do làithean lìonmhor, agus cuirear ri bliadhnachan do bheatha. Ma bhios tu glic, bidh tu glic dhut fhèin: ach ma bhios tu ri fochaid, is tu fhèin a‑mhàin a dh’iomchaireas e. Tha bean amaideach àrd‐ghuthach, baoghalta, agus chan aithne dhi nì air bith: Oir suidhidh i aig doras a taighe, air cathair, ann an àitean àrda a’ bhaile, A ghairm orrasan a bhios a’ dol seachad air an t‑slighe, a’ gabhail dìreach romhpa: Ge bè neach a tha baoghalta, thigeadh e a‑steach an seo; agus ris‐san a tha a dhìth tuigse their i, Tha na h‑uisgeachan a ghoidear milis, agus an t‑aran a dh’ithear ann an uaigneas taitneach. Ach chan eil fhios aige gu bheil na mairbh an sin; ann an doimhneachdan ifrinn gu bheil a h‑aoighean. Gnàth‐fhacail Sholaimh. Nì mac glic athair subhach; ach is e mac amaideach dubhachas a mhàthar. Chan eil tairbhe ann an ionmhasan aingidheachd; ach saoraidh ionracas on bhàs. Cha leig an Tighearna le anam an ionraic gort fhulang; ach sgaoilidh e maoin nan aingidh. Nì làmh na leisge bochd; ach nì làmh nan dìcheallach beartach. Esan a chruinnicheas anns an t‑samhradh, is mac glic e; ach esan a chaidleas anns an fhogharadh, is mac maslach e. Bidh beannachdan air ceann an fhìrein; ach còmhdaichidh fòirneart beul nan aingidh. Bidh cuimhne an fhìrein beannaichte; ach lobhaidh ainm nan aingidh. Gabhaidh esan a tha glic na chridhe àitheantan; ach tuitidh an t‑amadan bith‐bhriathrach. Esan a ghluaiseas ann an ionracas, gluaisidh e gu tèarainte; ach esan a chlaonas a shlighean, aithnichear e. Esan a chaogas le a shùil, bheir e bròn: agus tuitidh an t‑amadan bith‐bhriathrach. Is tobar beatha beul an fhìrein; ach còmhdaichidh fòirneart beul nan aingidh. Dùisgidh fuath aimhreitean; ach falaichidh gràdh gach coire. Ann am bilean an duine thuigsich gheibhear gliocas; ach tha slat airson druim an tì a tha as eugmhais tuigse. Ceilidh daoine glice nas aithne dhaibh; ach tha beul an amadain dlùth do sgrios. Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir; is e milleadh nam bochd an uireasbhaidh. Tha saothair an fhìrein a‑chum beatha; teachd‐a‑steach an aingidh a‑chum peacaidh. Tha esan a choimheadeas fòghlam anns an t‑slighe gu beatha; ach tha esan a dhiùltas achmhasan air seachran. Esan a cheileas fuath le bilean cealgach, agus esan a labhras mì‑chliù, is amadan e. Ann an lìonmhorachd bhriathar cha bhithear saor o pheacadh; ach tha esan a chaisgeas a bhilean glic. Mar airgead taghte tha teanga an fhìrein; ach tha cridhe nan aingidh mar nì nach fiù. Beathaichidh bilean an fhìrein mòran; ach eugaidh na h‑amadain a dhìth tuigse. Nì beannachadh an Tighearna saoibhir, agus cha chuir e doilgheas na chuideachd. Tha e mar shùgradh don amadan olc a dhèanamh; ach tha gliocas aig fear na tuigse. An nì as eagal leis an aingidh, thig e air; ach deònaichear miann nam fìrean. Mar a thèid an iomaghaoth thairis, mar sin cha bhi an droch dhuine nas mò; ach is bunait sìorraidh am fìrean. Mar fhìon‐geur do na fiaclan, agus mar dheataich do na sùilean, mar sin tha leisgean dhaibhsan a chuireas uapa e. Cuiridh eagal an Tighearna ri làithean duine; ach giorraichear bliadhnachan nan aingidh. Bidh dùil nam fìrean na adhbhar aoibhneis; ach thèid as do dhòchas nan aingidh. Is neart do na h‑ionraic slighe an Tighearna; ach thig sgrios air luchd‐dèanamh na h‑euceirt. Cha ghluaisear am fìrean gu bràth; ach cha ghabh na h‑aingidh còmhnaidh air an talamh. Bheir beul an fhìrein a‑mach gliocas; ach gearrar as an teanga fhiar. Tha fhios aig bilean an fhìrein air an nì a tha taitneach; ach labhraidh beul nan aingidh nithean fiara. Tha meidhean mealltach nan gràinealachd don Tighearna; ach is taitneach leis tomhaisean cearta. Nuair a thig uabhar, thig masladh; ach aig na h‑iriosail tha gliocas. Seòlaidh ionracas nam fìrean iad; ach millidh fiaradh luchd dòbheairt iad fhèin. Cha bhi tairbhe ann an saoibhreas ann an là na feirge; ach saoraidh fìreantachd on bhàs. Seòlaidh fìreantachd an duine ionraic a shlighe; ach trìd a aingidheachd fhèin tuitidh an t‑aingidh. Saoraidh fìreantachd nan ionraic iad; ach glacar fealltairean nan olc fhèin. Nuair a bhàsaicheas an droch dhuine, thèid as da dhòchas; agus teirigidh dùil luchd‐euceirt. Saorar am fìrean o theinn; ach thig an droch dhuine na àite. Le a bheul millidh cealgair a choimhearsnach; ach trìd eòlais saorar na fìreanan. Nuair a dh’èireas gu math do na fìreanan, nì am baile gàirdeachas; agus nuair a sgriosar na h‑aingidh, bidh luathghaire ann. Le beannachadh nan ionraic àrdaichear baile; ach le beul nan aingidh leagar e. Nì esan a tha as eugmhais gliocais tàir air a choimhearsnach; ach bidh fear na tuigse na thosd. Imichidh fear tuaileis mun cuairt a’ foillseachadh nithean diamhair; ach esan a tha fìrinneach na spiorad, ceilidh e nì. Far nach eil comhairle, tuitidh sluagh; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach tha tèarainteachd. Ciùrrar gu goirt esan a bhios an urras air coigreach; ach esan a dh’fhuathaicheas luchd‐urrais, bidh e tèarainte. Gheibh bean ghràsail urram; agus cosnaidh daoine làidir saoibhreas. Nì an duine iochdmhor math da anam fhèin; ach esan a tha an‑iochdmhor, claoidhidh e a fheòil fhèin. Obraichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aigesan a chuireas fìreantachd bidh duais chinnteach. Mar seo tha fìreantachd a‑chum beatha; ach esan a leanas an t‑olc, leanaidh e a‑chum a bhàis fhèin e. Is gràinealachd don Tighearna iadsan a tha fiar nan cridhe; ach is taitneach leis iadsan a tha ionraic nan slighe. Ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi an droch dhuine gun pheanas; ach saorar sliochd nam fìrean. Mar fhàinne òir ann an sròin muice, tha bean sgiamhach agus i as eugmhais tuigse. Tha miann nam fìrean a‑mhàin math; ach is e dòchas nan aingidh fearg. Tha neach ann a sgaoileas, agus fàsaidh e nas saoibhire; agus tha e ann a chumas tuilleadh is a tha ceart, ach thig e gu bochdainn. Nìthear an t‑anam fial sultmhor; agus an tì a dh’uisgicheas, uisgichear mar an ceudna e fhèin. Esan a chumas air ais sìol, mallaichidh an sluagh e; ach bidh beannachd air ceann an tì a reiceas. Esan a dh’iarras math gu dùrachdach, gheibh e deagh‐ghean; ach an tì a dh’iarras olc, thig e air fhèin. Esan a dh’earbas as a shaoibhreas, tuitidh e; ach mar ghèig, thig na fìreanan fo bhlàth. Esan a chuireas a theaghlach fhèin fo bhuaireas, bidh e na oighre air a’ ghaoith; agus an t‑amadan na sheirbhiseach dhàsan a tha glic na chridhe. Is craobh beatha toradh an fhìrein; agus tha esan a chosnas anaman glic. Feuch, bheirear luigheachd don fhìrean air an talamh: nach mò na sin don aingidh agus don pheacach. Esan a ghràdhaicheas fòghlam, gràdhaichidh e eòlas; ach esan a dh’fhuathaicheas achmhasan, tha e amaideach. Gheibh duine math deagh‐ghean on Tighearna; ach dìtidh e fear nan droch innleachd. Cha daingnichear duine le aingidheachd; ach cha ghluaisear freumh nam fìrean. Tha bean mhath na crùn da fear; ach mar lobhadh na chnàmhan tha ise a nàraicheas e. Is ceartas smuaintean nam fìrean; ach is cealg comhairle nan aingidh. Is iad briathran nan aingidh feall‐fheitheamh airson fala; ach tèarnaidh beul nan ionraic iadsan. Tilgear na h‑aingidh bun‐os‑cionn, agus cha bhi iad ann; ach seasaidh taigh nam fìrean. A rèir a ghliocais molar duine; ach nìthear dìmeas air‐san a tha fiar na chridhe. Is fheàrr esan air an dèanar tàir, agus a tha na sheirbhiseach dha fhèin, na esan a bheir urram dha fhèin, agus a bhios a dhìth arain. Bidh cùram aig an duine ionraic de bheatha a ainmhidh; ach is an‑iochdmhor truacantais nan aingidh. Esan a threabhas a fhearann, sàsaichear le aran e; ach esan a leanas daoine dìomhain, tha e gun tuigse. Miannaichidh an t‑aingidh lìon dhroch dhaoine; ach bheir freumh nam fìrean toradh. Le peacadh a bhilean ribear an droch dhuine; ach thèid am fìrean as o airc. De thoradh a bheòil sàsaichear duine le math; agus ìocar luigheachd làmh duine dha fhèin. Tha slighe an amadain ceart na shùilean fhèin; ach tha esan a dh’èisdeas ri comhairle, glic. Aithnichear air ball fearg an amadain; ach ceilidh duine ciallach masladh. Esan a labhras an fhìrinn, foillsichidh e ceartas; ach foillsichidh fianais bhreugach cealg. Tha dream ann a labhras mar lotan claidheimh; ach is slàinte teanga nan daoine glice. Bidh bilean na fìrinn seasmhach gu bràth; ach cha bhi an teanga breugach ach car tiota. Is cealg a bhios ann an cridhe luchd‐deilbh an uilc; ach do chomhairlich na sìthe bidh gàirdeachas. Chan èirich aimhleas air bith don fhìrean; ach lìonar na h‑aingidh le olc. Is gràinealachd don Tighearna bilean nam breug; ach is iad an dream a nì gu fìrinneach a thlachd. Ceilidh duine ciallach eòlas; ach foillsichidh cridhe nan amadan amaideachd. Riaghlaidh làmh nan dìcheallach; ach bidh làmh na leisge fo chìs. Nì iomagain ann an cridhe duine a chromadh sìos; ach nì facal math sòlasach e. Is fheàrr am fìrean na a choimhearsnach; ach cuiridh slighe nan aingidh air seachran iad fhèin. Cha ròist an leisgean a shitheann; ach is luachmhor saoibhreas an duine dhìcheallaich. Ann an slighe na fìreantachd tha beatha; agus na ceum chan eil bàs. Eisdidh mac glic ri teagasg a athar; ach chan èisd fear na fochaid ri achmhasan. De thoradh a bheòil ithidh duine nì math; ach ithidh anam nan eucorach ainneart. Esan a choimheadeas a bheul, gleidhidh e a anam; ach esan a dh’fhosglas a bhilean, thig sgrios air. Miannaichidh anam an leisgein, agus cha bhi aige; ach nìthear anam nan dìcheallach sultmhor. Is beag air an fhìrean na breugan; ach fàsaidh an droch dhuine gràineil, agus nàraichear e. Gleidhidh fìreantachd esan a tha ionraic na shlighe; ach claoidhidh aingidheachd am peacach. Tha neach ann a leigeas air a bhith beartach, agus gun nì air bith aige; tha neach ann a leigeas air a bhith bochd, agus mòr shaoibhreas aige. Is e èirig anam duine a shaoibhreas; ach cha chluinn am bochd achmhasan. Nì solas nam fìrean aoibhneach; ach cuirear as lòchran nan aingidh. O uabhar a‑mhàin thig connsachadh; ach aig na daoine a ghabhas deagh chomhairle tha gliocas. Lùghdaichear saoibhreas an dìomhanais; ach esan a chruinnicheas le saothair, meudaichidh e. Nì an dòchas anns an cuirear moille an cridhe tinn; ach is craobh beatha am miann nuair a thig e. Esan a nì tàir air facal, millear e; ach esan air am bi eagal ro àithne, gheibh e luigheachd. Is tobar beatha lagh an duine ghlic, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis. Bheir tuigse mhath deagh‐ghean; ach is cruaidh slighe luchd‐easaontais. Nì gach duine ciallach a ghnothach le eòlas; ach leigidh an t‑amadan ris a amaideachd. Tuitidh an droch theachdaire ann an olc; ach is slàinte an teachdaire dìleas. Bochdainn agus nàire bidh dhàsan a dhiùltas fòghlam; ach an tì aig am bi meas air achmhasan, gheibh e urram. Is milis don anam am miann a choileanar; ach is beag air amadain dealachadh ris an olc. An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan. Leanaidh olc peacaich; ach do na fìreanan ìocar math. Fàgaidh duine math oighreachd aig cloinn a chloinne; ach taisgear don fhìrean maoin a’ pheacaich. Bidh mòran bìdh ann an treabhadh nam bochd; ach bidh neach ann a sgriosar a dhìth breitheanais. An tì a chaoimhneas a shlat, is beag air a mhac; ach an tì leis an ionmhainn e, smachdaichidh e e na thràth. Ithidh am fìrean gu sàsachadh a anama; ach bidh dìth air broinn nan aingidh. Cuiridh gach bean ghlic a taigh suas; ach leagaidh a’ bhean amaideach sìos e le a làmhan fhèin. Esan a ghluaiseas na ionracas bidh eagal an Tighearna air; ach esan a tha fiar na shlighean nì e tàir air. Ann am beul an amadain tha slat uabhair; ach gleidhidh bilean nan daoine glice iad. Far nach bi daimh, bidh a’ phrasach glan; ach bidh fàs mòr le neart an daimh. Cha dèan an fhianais dhìleas breug; ach labhraidh an fhianais chealgach breugan. Iarraidh fear na fochaid gliocas, agus chan fhaigh e; ach don tì a thuigeas tha eòlas furasda. Imich à làthair an duine amaidich, nuair nach mothaich thu ann bilean an eòlais. Is e gliocas an duine chiallaich a shlighe a thuigsinn; ach is cealg amaideachd nan amadan. Nì amadain magadh den pheacadh; ach am measg nam fìrean tha deagh‐ghean. Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach. Tilgear taigh nan aingidh bun‐os‑cionn; ach thig pàillean nan ionraic fo bhlàth. Tha slighe ann a chìthear dìreach le duine; ach is iad a crìoch slighean a’ bhàis. Ann an gàire fhèin bidh an cridhe brònach; agus is e deireadh an t‑subhachais sin tùirse. Le a shlighean fhèin lìonar esan a thionndaidh air ais na chridhe; agus uaithe fhèin sàsaichear an duine math. Creididh an duine baoghalta gach facal; ach bheir an duine ciallach an aire da cheum. Bidh eagal air an duine ghlic; agus trèigidh e an t‑olc; ach tha an t‑amadan borb agus dàn. An tì air am bi fearg gu h‑obann, nì e gu h‑amaideach; agus fuathaichear fear nan droch innleachd. Sealbhaichidh daoine baoghalta amaideachd mar oighreachd; ach crùnar na daoine ciallach le eòlas. Cromaidh droch dhaoine an làthair dhaoine matha, agus na h‑aingidh aig geatachan an fhìrein. Eadhon le a choimhearsnach fhèin fuathaichear duine bochd; ach is lìonmhor iad leis an ionmhainn an duine saoibhir. An tì a nì tàir air a choimhearsnach, peacaichidh e; ach is sona an tì a ghabhas truas de na bochdan. Nach tèid iadsan air seachran a dhealbhas an t‑olc? Ach bidh tròcair agus fìrinn acasan a dhealbhas am math. Anns gach saothair bidh tairbhe; ach thig cainnt nam bilean a‑mhàin gu uireasbhaidh. Is e crùn nan daoine glice an saoibhreas; ach is amaideachd amaideachd nan amadan. Saoraidh fianais fhìor anaman; ach labhraidh fianais chealgach breugan. Ann an eagal an Tighearna tha adhbhar earbsa làidir; agus aig a chloinn bidh dìdean. Is e eagal an Tighearna tobar na beatha, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis. Ann an lìonmhorachd sluaigh tha urram an rìgh; ach ann an dìth sluaigh tha milleadh an uachdarain. An tì a tha mall a‑chum feirge, tha e pailt ann an tuigse; ach esan a tha dian na spiorad, àrdaichidh e amaideachd. Is e beatha na feòla cridhe fallain; ach is e lobhadh nan cnàmh am farmad. An tì a shàraicheas am feumach, maslaichidh e a Chruithear; ach bheir an tì sin urram dha, a ghabhas truas den bhochd. Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs. Ann an cridhe an duine thuigsich gabhaidh gliocas tàmh; ach aithnichear an nì a tha an taobh a‑staigh nan amadan. Ardaichidh fìreantachd cinneach; ach is e am peacadh masladh sluaigh air bith. Bidh deagh‐ghean an rìgh aig seirbhiseach glic; ach bidh a fhearg na aghaidh‐san a bhios na adhbhar nàire. Tillidh freagradh mìn corraich; ach dùisgidh briathran garga fearg. Cuiridh teanga nan daoine glice an cèill eòlas gu ceart; ach dòirtidh beul nan amadan a‑mach amaideachd. Tha sùilean an Tighearna anns gach àite, ag amharc air na droch dhaoine agus air na deagh dhaoine. Is craobh beatha teanga fhallain; ach is briseadh spioraid fiaradh innte. Nì amadan tàir air teagasg a athar; ach is ciallach an tì a bheir an aire do achmhasan. Ann an taigh an fhìrein tha mòran ionmhais; ach ann an teachd‐a‑steach an aingidh tha buaireas. Sgaoilidh bilean nan daoine glice eòlas; ach cha dèan cridhe nan amadan mar sin. Is gràinealachd don Tighearna ìobairt nan aingidh; ach is i ùrnaigh nan ionraic a thlachd. Is gràinealachd don Tighearna slighe an aingidh; ach is ionmhainn leis an tì a leanas an dèidh fìreantachd. Is searbh smachdachadh dhàsan a thrèigeas an t‑slighe; ach gheibh esan lem fuathach achmhasan, bàs. Tha ifrinn agus sgrios fa chomhair an Tighearna: cia mòr as mò na sin cridheachan clann nan daoine? Cha toigh le fear‐fochaid esan a chronaicheas e; agus a dh’ionnsaigh dhaoine glice cha tèid e. Nì cridhe subhach gnùis shuilbhir; ach le bròn a chridhe brisear an spiorad. Iarraidh cridhe an duine thuigsich eòlas; ach beathaichear beul nan amadan le amaideachd. Tha uile làithean an duine thruaigh olc; ach is cuirm a‑ghnàth an cridhe ait. Is fheàrr beagan le eagal an Tighearna na ionmhas mòr agus buaireas leis. Is fheàrr tràth de luibhean, far am bi gràdh, na damh biadhte agus fuath leis. Dùisgidh fear feargach connsachadh; ach esan a tha mall a‑chum feirge, ciùinichidh e aimhreit. Tha slighe an leisgein mar ghàrradh droighinn; ach tha rathad nan ionraic air a dhèanamh rèidh. Nì mac glic athair aoibhneach; ach nì mac amaideach tàir air a mhàthair. Is adhbhar aoibhneis amaideachd dhàsan a tha as eugmhais gliocais; ach imichidh fear na tuigse gu dìreach. Gun chomhairle, thig rùintean gu neoni; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach daingnichear iad. Bidh aoibhneas aig duine le freagradh a bheòil; agus facal na thràth, cia math e! Tha slighe na beatha shuas don duine ghlic, a‑chum dol as o ifrinn shìos. Sgriosaidh an Tighearna taigh nan uaibhreach; ach daingnichidh e crìoch na bantraich. Is gràinealachd don Tighearna smuaintean dhroch dhaoine; ach is briathran taitneach briathran nam fìorghlan. Bheir esan buaireas air a thaigh fhèin a tha sanntach air buannachd, ach bidh esan lem fuathach duais‐bhratha, beò. Smaoinichidh cridhe an fhìrein cionnas as còir dha freagradh; ach dòirtidh beul nan aingidh a‑mach droch nithean. Tha an Tighearna fada o na h‑aingidh; ach èisdidh e ri ùrnaigh nam fìrean. Nì solas nan sùl an cridhe aoibhneach; agus bheir deagh chliù smior do na cnàmhan. Gabhaidh a’ chluas a dh’èisdeas ri achmhasan na beatha còmhnaidh am measg nan daoine glice. An tì a dhiùltas fòghlam, nì e tàir air a anam fhèin; ach an tì a dh’èisdeas ri achmhasan, gheibh e tuigse. Is e eagal an Tighearna fòghlam a’ ghliocais; agus ro urram tha irioslachd. Tha deasachadh cridhe duine agus freagradh na teangaidh on Tighearna. Tha uile shlighean duine glan na shùilean fhèin; ach cothromaichidh an Tighearna na spioradan. Thoir d’obraichean thairis don Tighearna, agus daingnichear do smuaintean. Rinn an Tighearna gach nì air a shon fhèin, agus mar an ceudna an t‑aingidh airson là an uilc. Is gràinealachd don Tighearna gach neach a tha uaibhreach na chridhe: ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi e gun pheanas. Trìd tròcair agus fìrinn glanar euceart; agus trìd eagal an Tighearna trèigear an t‑olc. Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris. Is fheàrr beagan le ionracas, na teachd‐a‑steach mòr gun cheartas. Smaoinichidh cridhe duine air a shlighe; ach is e an Tighearna a stiùras a cheuman. Tha fàistneachd air bilean an rìgh: ann am breitheanas cha dèan a bheul euceart. Is leis an Tighearna tomhaisean agus meidhean cearta: is iad uile chlachan‐tomhais a’ mhàla a obair‐san. Is gràinealachd do rìghrean aingidheachd a dhèanamh; oir le ionracas daingnichear an rìgh‐chathair. Is taitneach do rìghrean bilean an ionracais; agus is ionmhainn leo esan a labhras nithean cearta. Tha fearg rìgh mar theachdairean bàis; ach ciùinichidh duine glic i. Ann an solas gnùis rìgh tha beatha; agus tha a dheagh‐ghean mar neul an uisge dheireannaich. Cia mòr as fheàrr gliocas fhaotainn na òr; agus as roghnaiche tuigse fhaotainn na airgead? Is e rathad mòr nan ionraic an t‑olc a thrèigsinn: an tì a choimheadas a shlighe, gleidhidh e a anam. Ro sgrios thèid uabhar; agus ro leagadh, spiorad àrdanach. Is fheàrr a bhith de spiorad iriosal maille riùsan a tha ciùin, na a’ chreach a roinn maille ris na h‑uaibhrich. An tì a nì gnothach gu tuigseach, gheibh e math: agus an tì a dh’earbas as an Tighearna is sona e. Goirear duine crìonna den tì a tha glic na chridhe; agus meudaichidh mìlse nam bilean fòghlam. Is tobar beatha an tuigse don tì aig a bheil i; ach is amaideachd fòghlam nan amadan. Nì cridhe an duine ghlic a bheul tuigseach, agus air a bhilean cuiridh e fòghlam. Mar chìr‐mheala tha briathran taitneach, milis don anam agus nan slàinte do na cnàmhan. Tha slighe ann a tha ceart ann an sealladh duine; ach is iad slighean a’ bhàis a crìoch. An tì a shaothraicheas, saothraichidh e air a shon fhèin; oir iarraidh a bheul air e. Cladhaichidh an duine neo‐dhiadhaidh olc; agus air a bhilean bidh mar theine loisgeach. Togaidh an duine fiar aimhreit; agus dealaichidh fear na cagarsaich càirdean sònraichte. Meallaidh fear an fhòirneirt a choimhearsnach, agus bheir e air imeachd air slighe nach eil math. Druididh e a shùilean a‑chum smaoineachadh air nithean fiara; a’ gluasad a bhilean, bheir e olc gu crìch. Is coron glòire an ceann liath a gheibhear ann an slighe an ionracais. Is fheàrr an tì a tha mall a‑chum feirge na gaisgeach; agus an tì a riaghlas a spiorad fhèin na esan a ghlacas àrd‐bhaile. Anns an uchd tilgear an crannchur; ach is ann on Tighearna a tha a riaghladh gu lèir. Is fheàrr greim tioram, agus suaimhneas leis, na taigh làn de ìobairtean maille ri aimhreit. Riaghlaidh seirbhiseach tuigseach os cionn a’ mhic a bhios na adhbhar nàire; agus am measg nam bràthair roinnidh e an oighreachd. Tha a’ phoit‐ghlanaidh airson an airgid, agus an àmhainn airson an òir; ach dearbhaidh an Tighearna na cridheachan. Bheir an droch dhuine an aire do bhilean na h‑euceirt; èisdidh am breugaire ri teangaidh an aimhleis. An tì a nì fanaid air a’ bhochd, bheir e masladh da Chruithear: an tì a nì gàirdeachas ri dòrainn, cha bhi e neochiontach. Is iad clann an cloinne coron sheann daoine; agus is iad an athraichean urram cloinne. Chan eil cainnt na mòralachd ciatach don amadan: nach lugha na sin a tha bilean na brèige ciatach do dhuine mòr. Is clach uasal tìodhlac ann an sùilean an tì aig am bi e; ge bè taobh gus an tionndaidh e, soirbhichidh leis. An tì a cheileas cionta, cosnaidh e gràdh; ach esan a dh’aithriseas nì, dealaichidh e càirdean. Drùdhaidh achmhasan nas mò air duine glic na ceud buille air amadan. Is ceannairc a‑mhàin a dh’iarras an droch dhuine; uime sin cuirear teachdaire an‑iochdmhor na aghaidh. Tachradh math‐ghamhainn air call a cuileanan air duine nas luaithe na amadan na amaideachd. Ge bè dh’ìocas olc airson maith, cha dealaich olc ra thaigh. Mar gun leigeadh neach a‑mach uisgeachan, tha toiseach aimhreit; uime sin mun sgaoil a’ chòmhstri, leig dhìot i. Tha an tì a shaoras an t‑aingidh, agus an tì a dhìteas am fìrean, araon nan gràinealachd don Tighearna. Carson a tha luach ann an làimh amadain a dh’fhaotainn gliocais, agus e gun rùn aige? Anns gach àm gràdhaichidh caraid; agus rugadh bràthair fa chomhair teinn. Is duine gun tuigse a bhuaileas a làmh, a thèid an urras am fianais a charaid. Gràdhaichidh esan peacadh, a ghràdhaicheas aimhreit: an tì a dh’àrdaicheas a dhoras, iarraidh e sgrios. An tì a tha fiar na chridhe, chan fhaigh e math; agus an tì a tha lùbach na theangaidh, tuitidh e ann an olc. An tì a ghineas amadan, ginidh e e a‑chum a dhoilgheis fhèin; oir cha bhi sòlas air athair amadain. Nì cridhe subhach math mar leigheas; ach tiormaichidh spiorad briste na cnàmhan. Bheir droch dhuine tìodhlac as a uchd, a chlaonadh slighean a’ bhreitheanais. Fa chomhair an duine thuigsich tha gliocas; ach tha sùilean amadain ann an iomall na talmhainn. Tha am mac amaideach na dhoilgheas da athair, agus na shearbhas dhise a rug e. Mar an ceudna chan eil e math peanas a dhèanamh air an fhìrean, no àrd‐uaislean a bhualadh airson ceartais. Caomhnaidh an tì aig a bheil eòlas a bhriathran; agus bidh fear na tuigse ciùin na spiorad. Measar an t‑amadan fhèin, nuair a bhios e na thosd, na dhuine glic; agus an tì a dhruideas a bhilean na dhuine tuigseach. A reir a thograidh iarraidh esan a sgaras e fhèin, agus buinidh e ris gach gliocas. Chan eil tlachd aig an amadan ann an tuigse, ach gum foillsicheadh a chridhe e fhèin. Nuair a thig an t‑aingidh, thig mar an ceudna tarcais, agus maille ri mì‑chliù masladh. Mar uisgeachan domhain tha briathran beul duine; mar shruth sgaoilteach tha tobar a’ ghliocais. Chan eil e math gabhail ri gnùis an droch dhuine, a‑chum am fìrean a thilgeadh bun‐os‑cionn ann am breitheanas. Thèid bilean an amadain ann an aimhreit, agus gairmidh a bheul air buillean. Is e beul amadain a sgrios, agus is iad a bhilean ribe a anama fhèin. Tha briathran fear na cagarsaich mar lotan, agus thèid iad sìos gu ionadan ìochdarach a’ chuim. Mar an ceudna an tì sin a tha leisg na obair, is bràthair e don mhilltear mhòr. Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte. Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir, agus mar bhalla àrd na bheachd fhèin. Ro sgrios bidh cridhe duine uaibhreach, agus ro urram bidh irioslachd. An tì a bheir freagradh ann an cùis mun cluinn e i, is amaideachd agus nàire dha e. Giùlainidh spiorad duine a laigse: ach cò as urrainn spiorad briste a ghiùlan? Gheibh cridhe an duine chrìonna eòlas; agus iarraidh cluas nan daoine glice eòlas. Nì tìodhlac duine àite dha, agus bheir e an làthair dhaoine mòra e. Saoilear gu bheil a’ chòir aigesan a tha air thoiseach ann an agairt a chùise; ach thig a choimhearsnach, agus rannsaichidh e e. Bheir an crannchur air aimhreitean sgur, agus roinnidh e eadar na cumhachdaich. Tha bràthair air a bhrosnachadh nas cruaidhe ra chosnadh na cathair làidir; agus tha aimhreitean bhràithrean mar chroinn lùchairt. Le toradh beul duine lìonar a bhrù; agus le toradh a bhilean sàsaichear e. Tha bàs agus beatha ann an cumhachd na teangaidh; agus ithidh esan leis an ionmhainn i de a toradh. An tì a dh’amaiseas air mnaoi, amaisidh e air nì math, agus gheibh e deagh‐ghean on Tighearna. Le impidhean labhraidh an duine bochd; ach freagraidh an duine saoibhir gu garbh. Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair. Is fheàrr am bochd a ghluaiseas na ionracas, na esan a tha fiar na bhilean agus e na amadan. Mar an ceudna cha mhath don anam a bhith as eugmhais eòlais; agus an tì a nì cabhag le a chasan, tuislichidh e. Claonaidh amaideachd duine a shlighe, agus an aghaidh an Tighearna nì a chridhe gearan. Nì saoibhreas mòran chàirdean; ach sgarar am bochd o a charaid. Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus an tì a labhras breugan, cha tèid e as. Iarraidh mòran deagh‐ghean an duine mhòir; agus bidh gach duine na charaid do fhear nan tìodhlac. Bheir uile bhràithrean an duine bhochd fuath dha: nach mò na sin a thèid a chàirdean am fad uaithe? Leanaidh e iad le briathran, ach tha iad a dhìth air. An tì a gheibh gliocas, gràdhaichidh e a anam fhèin; an tì a ghleidheas tuigse, gheibh e math. Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus sgriosar an tì a labhras breugan. Chan eil aoibhneas iomchaidh do amadan; is lugha na sin do sheirbhiseach riaghladh os cionn uachdaran. Nì tuigse duine mall a‑chum feirge, agus is i a ghlòir amharc thairis air eucoir. Mar bheucaich leòmhainn tha fearg rìgh; ach mar dhrùchd air feur tha a dheagh‐ghean. Is adhbhar doilgheis da athair mac amaideach; agus mar shìor‐shileadh uisge tha aimhreitean mnà. Is iad oighreachd athraichean taigh agus saoibhreas; ach is ann on Tighearna a tha bean chiallach. Bheir leisg air duine tuiteam ann an trom chadal; agus fuilingidh an t‑anam dìomhanach acras. An tì a ghleidheas an àithne, gleidhidh e a anam fhèin; ach an tì a nì tàir air a shlighean gheibh e bàs. An tì a ghabhas truas den bhochd, bheir e air iasad don Tighearna; agus an nì a bheir e uaithe, ìocaidh e dha a‑rìs. Smachdaich do mhac am feadh a tha dòchas da thaobh, agus na caomhnadh d’anam airson a ghearain. Fuilingidh fear na feirge mòire peanas; oir ma shaoras tu e, feumaidh tu a dhèanamh a‑rìs. Eisd ri comhairle, agus gabh fòghlam, a‑chum gum bi thu glic ann ad làithean deireannach. Is lìonmhor na smuaintean ann an cridhe duine; ach is i comhairle an Tighearna a sheasas. Is e tlachd duine a choibhneas; agus is fheàrr duine bochd na breugaire. Treòraichidh eagal an Tighearna gu beatha, agus gheibh esan a bhios air a lìonadh leis fois; chan fhiosraichear le olc e. Falaichidh an leisgean a làmh na bhroilleach; uiread is a‑chum a bheòil cha tabhair e i a‑rìs. Buail fear‐fochaid, agus bidh an duine neo‐gheur air a fhaicill; agus cronaich duine tuigseach, agus tuigidh e eòlas. An tì a chreachas a athair, agus a dh’fhògras a mhàthair, is mac a bheir nàire agus masladh e. Sguir, a mhic, a dh’èisdeachd ris an teagasg a chuireas air seachran o bhriathran an eòlais. Nì fianais aingidh tarcais air breitheanas; agus sluigidh beul dhroch dhaoine euceart. Dh’ullaicheadh breitheanais do luchd‐fochaid, agus buillean do dhruim nan amadan. Is cealgach an nì fìon, is buaireasach an nì deoch làidir; agus ge bè neach a mheallar leo, chan eil e glic. Mar bheucaich leòmhainn tha eagal rìgh: an tì a bhrosnaicheas e gu feirg, peacaichidh e an aghaidh a anama fhèin. Is urramach an nì do fhear fantainn o aimhreit; ach measgaidh gach amadan innte. Airson an fhuachd cha treabh an leisgean; iarraidh e dèirc anns an fhogharadh, ach chan fhaigh e. Mar uisge domhain tha comhairle ann an cridhe duine, ach tàirngidh fear na tuigse a‑nìos i. Aithrisidh mòran dhaoine gach aon dhiubh a mhaitheas fhèin; ach cò a gheibh duine fìrinneach? Gluaisidh am fìrean na ionracas: sona bidh a mhic na dhèidh. Nuair a shuidheas rìgh air cathair‐bhreitheanais, sgaoilidh e gach olc le a shùilean. Cò a dh’fhaodas a ràdh, Ghlan mi mo chridhe, tha mi glan om pheacadh? Aon chothrom agus cothrom eile, aon soitheach‐tomhais agus soitheach‐tomhais eile, is gràinealachd iad araon don Tighearna. Aithnichear eadhon leanabh le a bheusan, am bi a dhèanadas glan, agus am bi e ceart. A’ chluas a chluinneas, agus an t‑sùil a chì, rinn an Tighearna iad araon. Na gràdhaich cadal, air eagal gun tig thu gu bochdainn; fosgail do shùilean, agus sàsaichear thu le aran. Is olc, is olc e, arsa an ceannaiche; ach nuair a dh’imicheas e roimhe, an sin nì e uaill. Tha òr ann, agus mòran de chlachan luachmhor; ach is iad bilean an eòlais an seud as luachmhoire. Gabh aodach an tì a chaidh an urras air coigreach; agus airson ban‐choigrich gabh an geall uaithe. Is milis le duine aran na ceilge; ach na dhèidh sin lìonar a bheul de ghaineamh. Daingnichear gach tionnsgnadh le comhairle; agus le comhairle ghlic dèan cogadh. A’ foillseachadh nithean diamhair, imichidh fear‐tuaileis mun cuairt: uime sin ris‐san a nì miodal le a bhilean na biodh gnothach agad. Ge bè mhallaicheas a athair, no a mhàthair, cuirear as a lòchran ann an duibhre dorchadais. Faodar oighreachd fhaotainn gu luath an toiseach; ach cha bhi a crìoch beannaichte. Na abair, Iocaidh mi olc airson uilc: feith air an Tighearna, agus saoraidh e thu. Is gràinealachd don Tighearna aon chlach‐thomhais agus clach‐thomhais eile, agus chan eil meidhean mealltach math. Is ann on Tighearna a tha ceuman duine; oir cionnas a thuigeas duine a shlighe fhèin? Is ribe e do dhuine ithe den nì a tha naomh, agus an dèidh bhòidean, fiosrachadh. Sgapaidh rìgh glic na h‑aingidh, agus bheir e air an roth teachd thairis orra. Is e spiorad duine lòchran an Tighearna, a’ sgrùdadh gach ionaid an taobh a‑staigh den chom. Gleidhidh tròcair agus fìrinn rìgh; seadh, le tròcair daingnichear a rìgh‐chathair. Is e urram dhaoine òga an neart; agus is e maise sheann daoine an ceann liath. Glanaidh guirme cneidhe olc; mar sin glanaidh buillean na bheil an taobh a‑staigh den chom. Mar shruthan uisgeachan tha cridhe rìgh ann an làimh an Tighearna: ge bè taobh as àill leis, tionndaidhidh e e. Tha uile shlighean duine ceart na shùilean fhèin; ach measaidh an Tighearna na cridheachan. Ceartas a dhèanamh agus breitheanas, is roghnaiche leis an Tighearna na ìobairt. Is peacach sealladh àrd, agus cridhe uaibhreach, lòchran nan aingidh. Bheir gu deimhinn smuaintean an duine dhìcheallaich gu pailteas; ach thig gach neach a tha gun fhoighidinn da‑rìribh gu dìth. Ionmhasan fhaotainn le teangaidh bhreugaich, is dìomhanas e air a luasgadh a‑null agus a‑nall aig an dream a dh’iarras am bàs. Sgriosaidh reubainn nan aingidh iad, a chionn gun diùlt iad breitheanas a dhèanamh. Fiar agus coimheach tha slighe duine; ach a‑thaobh an fhìorghlain, tha a dhèanadas dìreach. Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann an oisinn‐mullaich taighe na maille ri mnaoi aimhreitich ann an taigh farsaing. Miannaichidh anam an aingidh olc: chan fhaigh a choimhearsnach deagh‐ghean na shùilean. Nuair a nìthear peanas air fear‐fochaid, fàsaidh am baoghalta glic; agus nuair a theagaisgear an duine glic, gheibh e eòlas. Bheir am fìrean an aire gu glic do thaigh an aingidh: tilgear na h‑aingidh bun‐os‑cionn airson an aingidheachd. An tì a dhruideas a chluas ri glaodh an duine bhochd, glaodhaidh e fhèin mar an ceudna, ach chan èisdear ris. Ciùinichidh tìodhlac ann an diamhaireachd fearg; agus duais anns an uchd, corraich dhian. Is aoibhneas don fhìrean breitheanas a dhèanamh; ach thig sgrios air luchd‐dèanamh na h‑euceirt. An duine a thèid air seachran o shlighe na tuigse, fanaidh e ann an coitheanal nam marbh. Bidh esan na dhuine bochd a ghràdhaicheas sògh; an tì a ghràdhaicheas fìon agus ola chan fhàs e saoibhir. Na èirig airson an fhìrein bidh an t‑aingidh, agus airson nan ionraic an duine fealltach. Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann am fàsach na maille ri mnaoi aimhreitich agus fheargaich. Tha ionmhas taitneach agus ola ann an àite‐còmhnaidh an duine ghlic; ach caithidh an t‑amadan e. An tì a leanas fìreantachd agus tròcair, gheibh e beatha, fìreantachd, agus urram. Do chathair nan daoine treuna sreapaidh an duine glic, agus leagaidh e sìos neart a h‑earbsa. An tì a ghleidheas a bheul agus a theanga, gleidhidh e a anam o theanntachdan. Fear‐magaidh uaibhreach àrdanach is ainm dhàsan a ghiùlaineas e fhèin ann an corraich an uabhair. Marbhaidh miann an leisgein e; oir diùltaidh a làmhan obair a dhèanamh. Air feadh an là sanntaichidh e gu mòr; ach bheir am fìrean uaithe, agus cha chaomhain e. Is gràinealachd ìobairt nan aingidh: cia mòr as mò, nuair a bheirear suas i le droch rùn? Sgriosar fianais bhreugach; ach an tì a dh’èisdeas, labhraidh e a‑chum deagh chrìche. Cruadhaichidh an droch dhuine a aodann; ach nì esan a tha ionraic a shlighe dìreach. Chan eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna. Deasaichear an t‑each fa chomhair là a’ chatha; ach is ann on Tighearna a tha tèarainteachd. Is roghnaiche ainm math na mòr‐shaoibhreas, agus deagh‐ghean na airgead agus òr. Coinnichidh am beartach agus am bochd a chèile: is e an Tighearna a rinn iad gu lèir. Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas. Trìd irioslachd agus eagal an Tighearna, thig saoibhreas, agus urram, agus beatha. Tha droigheann agus ribeachan ann an slighe an duine fhiair: an tì a ghleidheas a anam fhèin, thèid e am fad uapa. Teagaisg leanabh a‑thaobh na slighe air an còir dha imeachd; agus nuair a bhios e sean, cha trèig e i. Riaghlaidh am beartach os cionn nam bochd; agus bidh an tì a ghabhas an coingheall na sheirbhiseach dhàsan a bheir ann an coingheall. An tì a shìol‐chuireas euceart, buainidh e dìomhanas; agus caithear slat a fheirge. Beannaichear esan aig a bheil sùil fhial; oir bheir e de a aran don bhochd. Tilg a‑mach am fear‐fochaid, agus thèid connsachadh a‑mach; seadh, sguiridh còmhstri agus masladh. An tì leis an ionmhainn glaine cridhe, is taitneach a bhilean; bidh an rìgh na charaid aige. Coimheadaidh sùilean an Tighearna eòlas; ach tilgidh e bun‐os‑cionn briathran a’ chiontaich. Their an leisgean, Tha leòmhann a‑muigh, anns na sràidean marbhar mi. Is sloc domhain beul bhan coimheach; an tì as gràineil leis an Tighearna tuitidh e ann. Tha amaideachd ceangailte ann an cridhe leinibh; ach cuiridh slat an smachdachaidh fada uaithe i. An tì a shàraicheas am bochd a mheudachadh a mhaoin fhèin, agus an tì a bheir don t‑saoibhir, thig e gu deimhinn gu uireasbhaidh. Aom do chluas, agus èisd ri briathran dhaoine glice, agus socraich do chridhe air m’eòlas‐sa: Oir is taitneach an nì e, ma ghleidheas tu iad ann ad chom, ma bhios iad araon deas air do bhilean. A‑chum gum biodh d’earbsa as an Tighearna, nochd mi dhut an‑diugh, eadhon dhutsa. Nach do sgrìobh mi dhut nithean òirdheirc, ann an comhairlean, agus ann an eòlas? A‑chum gun nochdainn dhut cinnte briathran na fìrinn; a‑chum gum freagradh tu briathran na fìrinn dhaibhsan a chuireas fios ad ionnsaigh? Na creach am bochd a chionn gu bheil e bochd, agus na sàraich an truaghan anns a’ gheata: Oir tagraidh an Tighearna an cùis, agus millidh e anam na muinntir a mhilleas iad. Na dèan suas càirdeas ris an fheargach; agus maille ri fear na h‑àrd‐chorraich na imich: Air eagal gun ionnsaich thu a shlighean, agus gum faigh thu ribe dod anam. Na bi dhiubhsan a bhuaileas an làmhan, no dhiubhsan a thèid an urras airson fhiach. Mura eil nì agad gu dìoladh, carson a bheireadh uat do leabaidh a tha fodhad? Na atharraich an seann chomharradh‐crìche, a shuidhich d’athraichean. Ma chì thu fear a bhios ealamh na ghnothaichean, seasaidh e an làthair rìghrean; cha seas e an làthair dhaoine ìosal. Nuair a shuidheas tu a dh’ithe maille ri uachdaran, thoir an ro‑aire do na bheil fad chomhair; Agus cuir sgian rid sgòrnan, mas duine thu air do thabhairt do chraos. Na miannaich a nithean milis; oir is biadh mealltach iad. Na saothraich gu fàs saoibhir; leig dhìot do ghliocas fhèin. An cuir thu do shùilean air an nì nach eil ann? Oir gu cinnteach nì saoibhreas sgiathan dha fhèin, mar iolair a dh’itealaicheas a‑chum nan nèamh. Na ith aran an tì aig a bheil droch shùil, agus na miannaich a nithean milis. Oir mar a smaoinicheas e na anam, mar sin bidh e: Ith agus òl, their e riut, ach cha bhi a chridhe leat. An greim a dh’ith thu, sgeithidh tu a‑nìos, agus caillidh tu do bhriathran milis. Na labhair ann an cluasan amadain; oir nì e tàir air gliocas do bhriathar. Na atharraich an seann chomharradh‐crìche; agus air achaidhean nan dìlleachdan na bris a‑steach: Oir tha am fear‐saoraidh cumhachdach; tagraidh e an cùis ad aghaidh. Aom do chridhe ri fòghlam, agus do chluasan ri briathran eòlais. Na cùm smachdachadh o leanabh; oir ma bhuaileas tu e le slait, chan fhaigh e bàs. Buailidh tu e le slait, agus saoraidh tu a anam o ifrinn. A mhic, ma bhios do chridhe glic, nì mo chridhe‐sa gàirdeachas, eadhon mo chridhe‐sa: Seadh, nì m’àirnean gàirdeachas, nuair a labhras do bhilean nithean cearta. Na gabhadh do chridhe farmad ri peacaich: ach bi ann an eagal an Tighearna air feadh an là uile. Oir gu deimhinn tha crìoch ann; ach cha ghearrar as do dhòchas. Eisd thusa, a mhic, agus bi glic, agus treòraich do chridhe anns an t‑slighe. Na bi am measg phòitearan fìona; am measg luchd co‑ithidh geòcach feòla. Oir thig am misgear agus an geòcaire gu bochdainn; agus èidichidh turra‑chadal duine le luideagan. Eisd rid athair a ghin thu, agus na dèan tàir air do mhàthair nuair a bhios i aosda. Ceannaich an fhìrinn, agus na reic i; mar an ceudna gliocas, agus fòghlam, agus tuigse. Nì athair an fhìrein mòr‐ghàirdeachas; agus nì esan a ghineas mac glic aoibhneas ann. Nì d’athair agus do mhàthair aoibhneas, agus nì ise a rug thu gàirdeachas. A mhic, thoir dhòmhsa do chridhe, agus coimheadadh do shùilean mo shlighean. Oir is staing dhomhain strìopach; agus is sloc cumhang ban‐choigreach. Tha i mar an ceudna ri feall‐fheitheamh mar chreachadair, agus cuiridh i luchd‐dòbheairt an lìonmhorachd am measg dhaoine. Cò dom buin truaighe? Cò a tha ri bròn? Cò aig a bheil connsachadh? Cò a tha ri gearan? Cò aig a bheil lotan gun adhbhar? Cò aig a bheil deirge shùl? Iadsan a dh’fhanas fad aig an fhìon; iadsan a thèid a dh’iarraidh fìona measgte. Na amhairc thusa air an fhìon nuair a bhios e dearg, nuair a bheir e a dhath anns a’ chupan, a thèid e sìos dìreach. Mu dheireadh teumaidh e mar nathair, agus mar an rìgh‐nathair sàthaidh e a‑ghath. Amhaircidh do shùilean air mnathan coimheach, agus cuiridh do chridhe an cèill nithean claona: Agus bidh tu mar an tì a laigheas sìos ann am meadhon na fairge, no mar esan a laigheas air bàrr croinn‐siùil. Bhuail iad mi, their thu, agus cha robh mi tinn; ghabh iad orm, agus cha do mhothaich mi: cuin a dhùisgeas mi? An sin iarraidh mi fhathast e. Na gabh farmad ri droch dhaoine, agus na miannaich a bhith maille riu: Oir smaoinichidh an cridhe air milleadh, agus labhraidh am bilean mu dhonas. Le gliocas togar taigh, agus le tuigse daingnichear e; Agus le eòlas lìonar a sheòmraichean leis gach saoibhreas luachmhor agus taitneach. Tha an duine glic na dhuine làidir; agus tha fear an eòlais treun ann an neart. Oir le comhairle ghlic nì thu do chogadh; agus ann an lìonmhorachd chomhairleach tha tèarainteachd. Tha gliocas àrd airson amadain; anns a’ gheata na fosgladh e a bheul. Esan a smaoinicheas air olc a dhèanamh, goirear fear nan droch innleachd dheth. Is peacadh smuaintean na h‑amaideachd; agus is e fear na fochaid gràin dhaoine. Ma dh’fhannaicheas tu ann an là an àmhghair, is beag do neart. Ma dhearmadas tu iadsan a thèarnadh a thàirngear a‑chum bàis, agus iadsan a tha ullamh gu bhith air am marbhadh; Ma their thu, Feuch, cha robh fhios againn air seo; nach toir esan a chothromaicheas an cridhe fa‑near? Agus nach bi fhios aigesan a choimheadas d’anam? Agus nach ìoc e do gach duine a rèir a ghnìomharan? A mhic, ith thusa mil, do bhrìgh gu bheil i math, agus a’ chìr mheala a tha milis dod bhlas. Mar sin bidh eòlas a’ ghliocais dod anam, ma gheibh thu e; agus nuair a thig do chrìoch, cha ghearrar as do dhòchas. Na dèan feall‐fhalach, a dhroch dhuine, an aghaidh àite‐còmhnaidh an fhìrein; na creach a ionad‐tàimh. Oir seachd uairean tuitidh am fìrean, agus èiridh e a‑rìs; ach tuitidh na h‑aingidh ann an olc. Nuair a thuiteas do nàmhaid, na bi aoibhneach, agus nuair a thuislicheas e, na dèanadh do chridhe gàirdeachas: Air eagal gum faic an Tighearna, agus gum bi e olc na shùilean, agus gun tionndaidh e a fhearg uaithe. Na biodh campar ort mu dhroch dhaoine, agus na gabh farmad ris na h‑aingidh: Oir cha bhi crìoch mhath air an droch dhuine; cuirear lòchran nan aingidh as. A mhic, biodh eagal an Tighearna agus an rìgh ort: riùsan aig a bheil atharrachadh giùlain na biodh gnothach agad: Oir gu h‑obann thig an dòrainn; agus cò dom fios an sgrios araon? Buinidh na nithean seo mar an ceudna do dhaoine glice. Cha mhath an nì gnùis aithneachadh ann am breitheanas. Esan a their ris an aingidh, Tha thu cothromach, mallaichidh an sluagh e; gabhaidh na fineachan gràin dheth. Ach bidh toil‐inntinn acasan a chronaicheas e, agus thig beannachadh math orra. Pògar bilean an tì a bheir freagradh ceart. Ullaich d’obair a‑muigh, agus deasaich i dhut fhèin anns an achadh, agus na dhèidh sin tog do thaigh. Na bi ann ad fhianais gun adhbhar an aghaidh do choimhearsnaich; agus na meall led bhilean. Na abair, Mar a rinn e orm, mar sin nì mi air: ìocaidh mi don duine a rèir a obrach. Ghabh mi seachad air fearann an duine leisg, agus air fìonlios an duine gun tuigse; Agus, feuch, bha e uile air fàs suas le cluarain, chòmhdaich an fheanntagach a aghaidh, agus bhriseadh sìos a bhalla cloiche. An sin chunnaic mi, thug mi an aire gu math; dh’amhairc mi, fhuair mi fòghlam. Fhathast beagan cadail, beagan clò‐chadail, beagan pasgadh nan làmh gu cadal: An sin thig do bhochdainn mar fhear‐siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm. Is iad seo mar an ceudna gnàth‐fhacail Sholaimh, a dh’ath‐sgrìobh daoine Heseciah rìgh Iùdah. Is i glòir Dhè nì a cheiltinn; ach is e urram rìghrean nì a rannsachadh. Tha nèamh air àirde, agus an talamh air doimhne, agus cridhe rìghrean do‑rannsachaidh. Buin an salchar on airgead, agus thig soitheach a‑mach don òr‑cheard. Buin an droch dhuine à làthair an rìgh, agus daingnichear ann am fìreantachd a rìgh‐chathair. Na gabh urram dhut fhèin ann am fianais rìgh, agus na seas ann an àite dhaoine mòra: Oir is fheàrr gun abrar riut, Thig a‑nìos an seo, na gun cuirear sìos thu am fianais an uachdarain a chunnaic do shùilean. Na gabh a‑mach gu h‑obann gu strì, air eagal nach bi fhios agad ciod a nì thu na dhèidh sin, nuair a bheir do choimhearsnach gu nàire thu. Tagair do chùis rid choimhearsnach; agus na foillsich rùn‐diamhair do neach eile: Air eagal gun cuir an tì a chluinneas gu nàire thu, agus nach atharraichear do mhasladh. Mar ùbhlan òir ann an dealbhan airgid, tha facal a labhrar gu h‑iomchaidh. Mar chluas‐fhàinne òir, agus mar usgair den òr fhìorghlan, tha fear‐cronachaidh glic aig cluais fhurachair. Mar fhuachd sneachda ann an àm an fhogharaidh, tha teachdaire dìleas dhaibhsan a chuireas uapa e; oir ath‐bheothaichidh e anam a mhaighistir. Mar neòil agus mar ghaoith gun uisge, tha am fear a nì uaill à tìodhlac gu breugach. Le fad‐fhulangas cuirear impidh air uachdaran, agus brisidh teanga mhìn cnàimh. An d’fhuair thu mil? Ith nas leòr dhut dhith; air eagal gun làn‐shàsaichear thu, agus gun sgeith thu i. Tarraing do chas à taigh do choimhearsnaich, air eagal gum bi e sgìth dhìot, agus gum fuathaich e thu. Is òrd, agus claidheamh, agus saighead gheur, am fear a bheir fianais bhrèige an aghaidh a choimhearsnaich. Mar fhiacail bhriste, agus mar chois as an alt, tha earbsa à duine neo‐dhìleas ann an là airce. Mar esan a bheir air falbh aodach ann an là fuachda, mar fhìon‐geur aig creig‐shalainn, mar sin tha esan a sheinneas òrain don chridhe thùirseach. Ma bhios do nàmhaid acrach, thoir aran dha ri ithe; agus ma bhios e ìotmhor, thoir uisge dha ri òl: Oir càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann, agus bheir an Tighearna luigheachd dhut. Cuiridh a’ ghaoth a tuath air falbh an t‑uisge; mar sin cuiridh a’ ghnùis fheargach air falbh teanga a’ chùl‐chàinidh. Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann an oisinn‐mhullaich taighe na maille ri mnaoi aimhreitich ann an taigh farsaing. Mar uisgeachan fuara don anam thartmhor, mar sin tha deagh sgeul à tìr chèin. Mar thobar air a chur tro a chèile, agus mar fhuaran air a thruailleadh, tha am fìrean a thuislicheas am fianais an aingidh. Chan eil e math mòran meala ithe; agus cha ghlòir e do dhaoine an glòir fhèin iarraidh. Mar mhòr‐bhaile briste sìos gun bhalla, tha am fear aig nach eil ceannsal air a spiorad fhèin. Mar shneachd anns an t‑samhradh, agus mar uisge anns an fhogharadh, mar sin chan eil urram iomchaidh don amadan. Mar eun air faondradh, mar an gòbhlan‐gaoithe ag itealaich, mar sin cha tig am mallachadh gun adhbhar. Sgiùrs don each, srian don asal, agus slat do dhruim nan amadan. Na freagair amadan a rèir a amaideachd, air eagal gum bi thu fhèin cosmhail ris. Freagair amadan a rèir a amaideachd, air eagal gum bi e glic na shùilean fhèin. Gearraidh esan dheth a chasan, òlaidh e dochann, a chuireas teachdaireachd le làimh amadain. Chan ionnan casan a’ bhacaich; mar sin tha gnàth‐fhacal ann am beul amadan. Mar neach a cheanglas clach ann an crann‐tabhaill, mar sin tha esan a bheir urram do amadan. Mar a thèid bior suas ann an làimh misgeir, mar sin tha gnàth‐fhacal ann am beul amadan. Bheir an Dia mòr, a dhealbh gach nì, duais don amadan, agus bheir e duais do luchd‐easaontais. Mar a thilleas madadh a‑chum a sgeith fhèin, tillidh amadan a‑chum a amaideachd fhèin. A bheil thu a’ faicinn duine a tha glic na bharail fhèin? Tha adhbhar dòchais nas mò den amadan na dheth‐san. Their an leisgean, Tha leòmhann anns an t‑slighe, leòmhann anns na sràidean. Mar a thionndaidheas an doras air a lùdnain, mar sin an leisgean air a leabaidh. Falaichidh an leisgean a làmh na bhroilleach; is duilich leis a toirt a‑chum a bheòil. Is glice an leisgean na bharail fhèin na seachdnar a bheir freagradh gu ceart. Mar neach a bheireas air madadh air a chluasan tha esan a thèid seachad, agus a ghabhas gnothach ri connspaid nach buin dha. Mar fhear air bhoile, a thilgeas leusan‐teine, saighdean, agus bàs, Mar sin tha am fear a mheallas a choimhearsnach, agus a their, Nach ann ri fearas‐chuideachd a tha mi? Far am bi dìth connaidh, thèid an teine as; agus far nach bi fear‐cagarsaich, sguiridh a’ chòmhstri. Mar ghual do èibhlean, agus mar chonnadh do theine, mar sin tha fear nan aimhreit a dhùsgadh strì. Tha briathran fear na cagarsaich mar lotan, agus thèid iad sìos gu ionadan ìochdarach a’ chuim. Mar shoitheach creadha air a chòmhdachadh le sal airgid, tha bilean air lasadh agus cridhe olc. Le a bhilean ceilidh an tì a dh’fhuathaicheas; ach anns an taobh a‑staigh dheth taisgidh e cealg. Nuair a labhras e gu brèagha, na creid e; oir tha seachd gràinealachdan na chridhe. An tì a chòmhdaicheas a fhuath le ceilg, foillsichear a aingidheachd am fianais a’ cho‐chruinneachaidh. An tì a chladhaicheas sloc, tuitidh e fhèin ann; agus an tì a charaicheas clach, tillidh i air fhèin. Fuathaichidh an teanga bhreugach iadsan don dèan i dochair; agus obraichidh am beul miodalach sgrios. Na dèan uaill a‑thaobh an là màireach; oir chan eil fhios agad ciod a bheir là uaithe. Moladh neach eile thu, agus na b’e do bheul fhèin; coigreach, agus na b’iad do bhilean fhèin. Is trom clach, agus is cudthromach a’ ghaineamh; ach is truime corraich amadain na iad le chèile. Is an‑iochdmhor corraich, agus mar thuil tha fearg: ach cò as urrainn seasamh am fianais tnù? Is fheàrr achmhasan follaiseach na gràdh falaichte. Is dìleas lotan caraid; ach is cealgach pògan eascaraid. Gabhaidh an t‑anam làn gràin den chìr‐mheala; ach don anam acrach is milis gach nì searbh. Mar eun air seachran o a nead, mar sin tha am fear a thèid air seachran o a àite fhèin. Nì ola‑ungaidh agus boltrach an cridhe ait: mar sin nì mìlsead caraid duine le comhairle a chridhe. Na trèig do charaid fhèin, no caraid d’athar, agus na rach a‑steach do thaigh do bhràthar ann an là d’àmhghair: is fheàrr coimhearsnach am fagas na bràthair fad as. Bi glic, a mhic, agus dèan mo chridhe ait, agus bidh freagradh agam dhàsan a bheir masladh dhomh. Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas. Gabh aodach an tì a chaidh an urras air coigreach, agus airson ban‐choigrich gabh an geall uaithe. An tì a bheannaicheas a charaid le guth àrd, ag èirigh gu moch anns a’ mhadainn, measar e dha mar mhallachadh. Tha sìor‐shileadh uisge ann an là frasach agus bean aimhreiteach cosmhail ri a chèile. Ge bè dh’fhalaicheas i, falaichidh e a’ ghaoth, agus ola‑ungaidh a làimhe deise a bhrathas i fhèin. Geuraichear iarann air iarann, agus geuraichidh duine gnùis a charaid. Ge bè ghleidheas craobh‐fhìge, ithidh e de a toradh; mar sin esan a dh’fheitheas air a mhaighistir, gheibh e urram. Mar ann an uisge fhreagras aghaidh do aghaidh, mar sin freagraidh cridhe duine do dhuine. Cha sàsaichear ifrinn agus lèirsgrios, agus cha sàsaichear sùilean dhaoine. Mar a’ phoit‐ghlanaidh airson an airgid, agus an àmhainn airson an òir, mar sin tha duine do bheul an tì a mholas e. Ged phronn thu amadan ann an soitheach‐pronnaidh am measg cruithneachd le bruthadair, cha dealaich a amaideachd ris. Biodh aithne mhath agad air staid do chaorach; thoir an aire dod threudan: Oir cha mhair beartas gu bràth: agus am mair an crùn o linn gu linn? Nochdar am feur geàrrte, agus taisbeanaidh am feur maoth e fhèin, agus cruinnichear luibhean nam beann. Bidh na h‑uain a‑chum d’aodaich; agus is iad na gobhair luach d’fhearainn. Agus bidh nas leòr de bhainne ghobhar agad a‑chum bìdh, a‑chum biadh do theaghlaich, agus a‑chum beathachadh do mhaighdeannan. Teichidh an t‑aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bidh na h‑ionraic dàn mar leòmhann. Airson easaontas tìre bidh mòran uachdaran oirre; ach le duine tuigseach eòlach nìthear a staid buan. Tha duine bochd, a nì fòirneart air bochdan, mar uisge millteach nach fàg biadh na dhèidh. Molaidh iadsan a thrèigeas an lagh na h‑aingidh; ach nì iadsan a ghleidheas an lagh strì riu. Cha tuig droch dhaoine breitheanas; ach tuigidh iadsan a dh’iarras an Tighearna na h‑uile nithean. Is fheàrr am bochd a dh’imicheas na ionracas, na esan a tha fiar na shlighean, ged robh e saoibhir. An tì a ghleidheas an lagh, is mac glic e; ach esan a tha na chompanach do luchd‐craois, nàraichidh e a athair. An tì a mheudaicheas a mhaoin le ocar agus le tairbhe eucoraich, cruinnichidh e dhàsan a ghabhas truas den bhochd. An tì a thionndaidheas a chluas air falbh o chluinntinn an lagha, bidh a ùrnaigh fhèin na gràinealachd. An tì a chuireas na fìreanan air seachran air droch shlighe, tuitidh e na shloc fhèin; ach mealaidh na h‑ionraic nithean matha. Is glic duine saoibhir na bharail fhèin; ach rannsaichidh an duine bochd aig am bi tuigse a‑mach e. Nuair a nì na fìreanan gàirdeachas, bidh glòir mhòr ann; ach nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichear duine. An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair. Is beannaichte an duine air am bi eagal a‑ghnàth; ach esan a chruadhaicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc. Mar leòmhann beucach, agus mar mhath‐ghamhainn a ruitheas a‑null agus a‑nall, tha uachdaran aingidh os cionn sluaigh bhochd. Am fear‐riaghlaidh aig nach eil tuigse, is mòr mar an ceudna am fear‐fòirneirt e; ach an tì a dh’fhuathaicheas sannt, sìnidh e a làithean. An duine a nì ainneart air fuil neach sam bith, teichidh e gu ruig an sloc; na cumadh aon duine e. An tì a ghluaiseas gu h‑ionraic, tèarnar e; ach esan tha fiar na shlighean, tuitidh e a dh’aon bheum. An tì a threabhas a fhearann, bidh pailteas arain aige; ach esan a leanas an dèidh dhaoine dìomhain, bidh bochdainn gu leòr aige. Bidh duine fìrinneach pailt ann am beannachdan; ach esan a nì deifir gu bhith saoibhir, cha bhi e neochiontach. Cha mhath an nì gnùis aithneachadh; gidheadh airson greim arain ciontaichidh duine. Nì fear na droch shùla deifir gu bhith saoibhir; ach chan eil fhios aige gun tig bochdainn air. An tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin gheibh e nas mò de dheagh‐ghean na esan a nì miodal le a theangaidh. An tì a nì reubainn air a athair no air a mhàthair, agus a their, Chan eil cionta ann, is companach e do fhear‐millidh. An tì aig a bheil cridhe àrdanach, dùisgidh e strì; ach esan a dh’earbas as an Tighearna, nìthear sultmhor e. An tì a dh’earbas as a chridhe fhèin, is amadan e; ach esan a ghluaiseas gu glic, saorar e. An tì a bheir don bhochd, cha bhi dìth air; ach air an tì a dh’fhalaicheas a shùilean bidh iomadh mallachd. Nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichidh daoine iad fhèin; ach nuair a sgriosar iad, fàsaidh na fìreanan lìonmhor. Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal, sgriosar e gu h‑obann, agus sin gun leigheas. Nuair a bhios na fìreanan cumhachdach, nì an sluagh gàirdeachas; ach nuair a riaghlas na h‑aingidh, nì an sluagh osnaich. Am fear a ghràdhaicheas gliocas, nì e a athair ait; ach esan a chumas cuideachd ri strìopaichean, caithidh e a mhaoin. Le breitheanas daingnichidh an rìgh an tìr; ach sgriosaidh am fear a ghabhas tìodhlacan i. Am fear a nì miodal ra choimhearsnach, sgaoilidh e lìon airson a chas. Ann an easaontas droch dhuine tha ribe; ach seinnidh am fìrean, agus bidh e aoibhneach. Bheir am fìrean an aire do chùis nam bochd; ach cha ghabh an t‑aingidh suim do eòlas a bhith aige oirre. Bheir luchd‐fochaid baile ann an ribe; ach tillidh daoine glice fearg. Ma nì duine glic strì ri duine amaideach, co‑dhiù a bhios fearg air, no nì e gàire, cha bhi fois ann. Fuathaichidh daoine fuileachdach an duine ionraic; ach iarraidh daoine cothromach a anam. Cuiridh amadan an cèill a inntinn uile; ach cumaidh duine glic a‑staigh i gus an dèidh sin. Ma dh’èisdeas uachdaran ri breugan, bidh a sheirbhisich uile aingidh. Coinnichidh am bochd agus an cealgair a chèile; bheir an Tighearna solas dan sùilean araon. Ma bheir rìgh breith air bochdan ann am fìrinn, daingnichear a rìgh‐chathair gu bràth. Bheir an t‑slat agus achmhasan gliocas uapa; ach cuiridh an leanabh a dh’fhàgar dha fhèin nàire air a mhàthair. Nuair a bhios na h‑aingidh lìonmhor, bidh easaontas lìonmhor: ach nì na fìreanan an leagadh. Cronaich do mhac, agus bheir e suaimhneas dhut: seadh, bheir e sòlas dod anam. Far nach eil taisbeanadh, thèid an sluagh a dhìth; ach an tì a choimheadas an lagh, is sona esan. Le briathran cha leasaichear seirbhiseach; oir ged thuig e, cha fhreagair e. A bheil thu a’ faicinn duine a tha dian na bhriathran? Tha adhbhar dòchais nas mò den amadan na dheth‐san. Ma thogas neach a sheirbhiseach suas gu mùirneach o bhith na leanabh, mu dheireadh bidh e aige mar mhac. Dùisgidh duine feargach aimhreit, agus bidh fear na corraich pailt ann an easaontas. Islichidh uabhar duine e; ach gheibh esan a tha iriosal na spiorad urram. An tì a nì co‑roinn ri gadaiche, fuathaichidh e a anam fhèin: cluinnidh e mallachadh, ach chan fhoillsich e. Bheir eagal duine ribe leis; ach ge bè a dh’earbas as an Tighearna, bidh e tèarainte. Iarraidh mòran deagh‐ghean an uachdarain; ach is ann on Tighearna a tha breitheanas gach duine. Is e fear na h‑euceirt gràinealachd nam fìrean: agus is e an tì a tha ceart na shlighe gràinealachd nan aingidh. Briathran Aguir mhic Iaceh, eadhon an fhàidheadaireachd: labhair an duine ri Itiel, eadhon ri Itiel agus ri Ucal. Gu deimhinn tha mi nas amaidiche na duine air bith, agus chan eil tuigse duine agam. Agus cha d’fhòghlaim mi gliocas, cha mhò a tha eòlas agam air nithean naomha. Cò a chaidh suas do nèamh, no a thàinig a‑nuas? Cò a chruinnich a’ ghaoth na dhùirn? Cò a cheangail na h‑uisgeachan ann an trusgan? Cò a shuidhich uile chrìochan na talmhainn? Ciod as ainm dha? Agus ciod e ainm a mhic, ma tha fhios agad? Tha uile fhacal Dhè fìorghlan: is sgiath e dhaibhsan a chuireas an dòigh ann. Na cuir‐sa nì air bith ra bhriathran air eagal gun cronaich e thu, agus gum faighear breugach thu. Dà nì dh’iarr mi ort; na diùlt iad dhomh mum faigh mi bàs. Dìomhanas agus breugan cuir fada uam; na toir dhomh bochdainn no beartas, beathaich mi le biadh a bhios iomchaidh air mo shon. Air eagal gum bi mi làn, agus gun àich mi thu, agus gun abair mi, Cò e an Tighearna? No gum bi mi bochd, agus gun goid mi, agus gun toir mi ainm mo Dhè ann an dìomhanas. Na dèan casaid air seirbhiseach ra mhaighistir, air eagal gum mallaich e thu, agus gum faighear ciontach thu. Tha ginealach ann a mhallaicheas an athair, agus nach beannaich am màthair. Tha ginealach ann a tha glan nan sùilean fhèin, gidheadh nach eil air an nighe on salchar. Tha ginealach ann aig a bheil an sùilean àrd, agus fabhraidhean an sùl air an togail suas. Tha ginealach ann aig a bheil am fiaclan mar chlaidheamhan, agus am fiaclan‐cùil mar sgeanan, a dh’ithe suas nan truaghan on talamh, agus nam feumach o mheasg dhaoine. Aig an deal‐each tha dithis nigheanan, ag èigheach, Tabhair, tabhair. Tha trì nithean ann nach sàsaichear, seadh, ceithir nithean nach abair, Is leòr e: An uaigh, agus a’ bhrù neo‐thorrach, an talamh nach sàsaichear le uisge, agus an teine nach abair, Is leòr e. An t‑sùil a nì magadh air a athair, agus a nì tarcais air ùmhlachd da mhàthair, spìonaidh fithich a’ ghlinne a‑mach i, agus ithidh na h‑iolairean òga suas i. Tha trì nithean ann as iongantach leam, seadh, ceithir nithean nach aithne dhomh: Slighe iolaire anns na speuran, slighe nathrach air carraig, slighe luinge ann am meadhon na fairge, agus slighe fir le òigh. Mar seo tha slighe ban‐adhaltranaich: ithidh i, agus glanaidh i a beul, agus their i, Cha do rinn mi olc air bith. Airson trì nithean ghluaiseadh an talamh, agus airson ceithir nach urrainn e a ghiùlan: Airson seirbhisich nuair a riaghlas e, agus airson amadain nuair a bhios e làn de bhiadh. Airson mnà fhuathaich nuair a phòsar i, agus airson banoglaich nuair a bhios i na h‑oighre air a ban‐mhaighistir. Tha ceithir nithean beaga air an talamh, ach tha iad ro‑ghlic: Tha na seangain nan sluagh nach eil làidir, gidheadh ullaichidh iad am biadh anns an t‑samhradh; Tha na coineanan nam muinntir nach eil neartmhor, gidheadh togaidh iad an taighean anns na creagan. Chan eil rìgh aig na lòcaist, gidheadh imichidh iad a‑mach uile nam buidhnean. Gabhaidh an damhan‐allaidh greim le a làmhan, agus bidh e ann an lùchairtean nan rìghrean. Tha trì nithean a dh’imicheas gu math, seadh, ceithir, a tha tlachdmhor nan siubhal: An leòmhann as treasa am measg bheathaichean, agus nach till air ais o aon air bith; Mial‐chù, boc‐goibhre mar an ceudna, agus rìgh an aghaidh nach faodar èirigh. Ma rinn thu gu h‑amaideach le thu fhèin a thogail suas, no ma smaoinich thu olc, cuir do làmh air do bheul. Gu deimhinn bheir luasgadh bainne ìm a‑mach, agus bheir fàsgadh na sròine fuil a‑mach: mar sin bheir dùsgadh corraich aimhreit a‑mach. Briathran rìgh Lemueil, an fhàidheadaireachd a theagaisg a mhàthair dha. Ciod, a mhic? Agus ciod, a mhic mo bhronn? Agus ciod, a mhic mo bhòidean? Na tabhair do neart do mhnathan; no do shlighean don nì a mhilleas rìghrean. Chan eil e airson rìghrean, a Lemueil, chan eil e airson rìghrean fìon òl, no airson uachdarain dèidh a bhith aca air dibh làidir: Air eagal gun òl iad, agus gun dìochuimhnich iad an lagh, agus gun claon iad breitheanas do aon sam bith de chloinn an àmhghair. Thugaibh deoch làidir dhàsan a tha ullamh gu bàsachadh, agus fìon dhaibhsan a tha ann an searbhas anama. Oladh e, agus dìochuimhnicheadh e a bhochdainn, agus na cuimhnicheadh e a thruaighe nas mò. Fosgail do bheul airson an duine bhailbh, ann an cùis nan uile a tha air an òrdachadh a‑chum sgrios. Fosgail do bheul, thoir breith le ceartas, tagair cùis an truaghain agus an fheumaich. Cò a gheibh bean shubhailceach? Oir tha a luach gu mòr os cionn chlach uasal. Earbaidh cridhe a fir aisde, agus cha bhi feum aige air creich. Iocaidh i math dha, agus chan e olc, rè uile làithean a beatha. Iarraidh i olann agus lìon, agus obraichidh i gu toileach le a làmhan. Tha i mar longan nan ceannaichean, bheir i a biadh o thìr chèin. Eiridh i mar an ceudna nuair as i an oidhche a tha fhathast ann, agus bheir i lòn da teaghlach, agus cuibhreann da maighdeannan. Measaidh i achadh, agus ceannaichidh i e: le toradh a làmh suidhichidh i fìonlios. Crioslaichidh i a leasraidh le neart, agus neartaichidh i a gàirdeanan. Mothaichidh i gu bheil a ceannachd math: cha tèid a coinneal as anns an oidhche. Cuiridh i a làmhan air an dealgan, agus gabhaidh glacan a làmh greim den chuigeil. Fosglaidh i a glac don truaghan, agus sìnidh i a làmhan don fheumach. Chan eil eagal oirre ron t‑sneachd airson a teaghlaich; oir tha a teaghlach uile aodaichte le sgàrlaid. Nì i dhi fhèin trusganan de obair ghrèis; de shìoda agus de chorcar tha a h‑aodach. Aithnichear anns na geatachan a fear, nuair a shuidheas e maille ri seanairean na tìre. Nì i lìon‐aodach grinn, agus reicidh i e, agus bheir i criosan don cheannaiche. Neart agus urram is aodach dhi; agus nì i gàirdeachas anns an àm ri teachd. Fosglaidh i a beul le gliocas, agus tha lagh a’ choibhneis air a teangaidh. Bheir i an aire do shlighean a teaghlaich, agus chan ith i aran an dìomhanais. Eiridh a clann, agus beannaichidh iad i; a fear, agus molaidh e i. Rinn mòran nighean gu subhailceach, ach thug thusa barrachd orra uile. Is mealltach deagh‐ghean, agus is dìomhain sgèimh; ach bean air am bi eagal an Tighearna, is ise a mholar. Thugaibh dhi de thoradh a làmh, agus moladh a h‑obraichean fhèin anns na geatachan i. Briathran an t‑Searmonaiche, mac Dhaibhidh, rìgh ann an Ierusalem. Dìomhanas nan dìomhanas! arsa an Searmonaiche; dìomhanas nan dìomhanas! Is dìomhanas na h‑uile nithean. Ciod an tairbhe a tha aig duine na uile shaothair a nì e fon ghrèin? Tha aon ghinealach a’ siubhal, agus ginealach eile a’ teachd; ach fanaidh an talamh gu bràth. Eiridh mar an ceudna a’ ghrian, agus thèid a’ ghrian fodha, agus luathaichidh i da h‑àite fhèin as an d’èirich i. Thèid a’ ghaoth a làimh na h‑àird a deas, agus thèid i mun cuairt don àird a tuath; thèid i mun cuairt agus mun cuairt a‑ghnàth, agus ath‐thillidh a’ ghaoth air a cuairtean fhèin. Ruithidh na h‑aibhnichean uile a‑chum na mara, gidheadh chan eil a’ mhuir làn: a‑chum an àite as an tàinig na h‑aibhnichean, thuige sin tillidh iad a‑rìs. Tha na h‑uile nithean làn de shaothair; chan urrainn duine a chur an cèill: cha sàsaichear an t‑sùil le faicinn, agus cha lìonar a chluas le cluinntinn. An nì a bha ann, is e an nì sin fhèin a bhitheas ann; agus an nì sin a rinneadh, is e an nì sin fhèin a nìthear; agus chan eil nì sam bith nuadh fon ghrèin. A bheil nì ann mum faodar a ràdh, Feuch, tha e seo nuadh? Bha e ann cheana anns an t‑seann aimsir a bha ann romhainn. Chan eil cuimhne air bith air na nithean a bha ann roimhe; cha mhò a bhios cuimhne air na nithean a tha ri teachd, acasan a thig nan dèidh. Bha mise an Searmonaiche am rìgh air Israel ann an Ierusalem. Agus thug mi mo chridhe a shireadh agus a rannsachadh le gliocas, mu thimcheall gach nì a nìthear fo nèamh: an t‑saothair ghoirt seo thug Dia do chloinn nan daoine, a‑chum an cleachdadh fhèin rithe. Chunnaic mi na h‑uile obraichean fon ghrèin; agus, feuch, is dìomhanas iad uile, agus buaireadh spioraid. An nì a tha cam, cha ghabh e dèanamh dìreach; agus an nì a tha a dh’easbhaidh, cha ghabh e àireamh. Labhair mi rim chridhe fhèin, ag ràdh, Feuch, dh’fhàs mi mòr, agus fhuair mi tuilleadh gliocais na iadsan uile a bha romham ann an Ierusalem, agus chunnaic mo chridhe mòran gliocais agus eòlais. Agus thug mi mo chridhe a dh’fhaotainn eòlais air gliocas, agus air cuthach agus amaideachd: dh’aithnich mi gur buaireadh spioraid e seo mar an ceudna. Oir ann am mòran gliocais tha mòran doilgheis; agus an tì a mheudaicheas eòlas, meudaichidh e bròn. Thubhairt mi am chridhe, Teann a‑nis, dearbhaidh mi thu le subhachas; uime sin meal math: ach, feuch, is dìomhanas seo mar an ceudna. Mu ghàire thubhairt mi, Is cuthach e; agus mu shùgradh, Ciod a nì e? Dh’iarr mi ann am chridhe mi fhèin a thabhairt do fhìon (gidheadh a’ seòladh mo chridhe ann an gliocas), agus greim a ghabhail air amaideachd, gus am faicinn ciod e am math sin do chloinn nan daoine, a bu chòir dhaibh a dhèanamh fo nèamh air feadh uile làithean am beatha. Rinn mi obraichean mòra dhomh fhèin: thog mi dhomh fhèin taighean; shuidhich mi dhomh fhèin fìonliosan: Rinn mi dhomh fhèin gàrraidhean agus liosan chrann‐meas, agus shuidhich mi annta craobhan de gach gnè thoraidh; Rinn mi dhomh fhèin lochain uisge, a dh’uisgeachadh leo na coille anns am fàs craobhan: Fhuair mi òglaich agus banoglaich, agus rugadh seirbhisich am thaigh: bha mar an ceudna sealbh mòr bhuar agus threud agam, os cionn nan uile a bha romham ann an Ierusalem: Chàrn mi suas mar an ceudna dhomh fhèin airgead agus òr, agus ionmhas sònraichte nan rìgh agus nam mòr‐roinn; fhuair mi dhomh fhèin fir‐chiùil agus mnathan‐ciùil, agus aoibhneasan clann nan daoine, mar a tha innealan‐ciùil, agus sin de gach gnè. Mar sin bha mi mòr, agus dh’fhàs mi nas mò na gach duine a bha romham ann an Ierusalem: os bàrr, dh’fhan mo ghliocas agam. Agus gach nì a mhiannaich mo shùilean cha do chùm mi uapa; cha do bhac mi mo chridhe o shubhachas sam bith: oir rinn mo chridhe aoibhneas ann am shaothair uile; agus b’e seo mo chuibhreann dem uile shaothair. An sin sheall mi air m’obraichean uile a rinn mo làmhan, agus air an t‑saothair anns an do shaothraich mi ga dèanamh; agus, feuch, bu dìomhanas an t‑iomlan, agus buaireadh spioraid, agus cha robh tairbhe ann fon ghrèin. Agus sheall mi air m’ais a dh’fhaicinn gliocais, agus cuthaich, agus amaideachd: oir ciod a dh’fhaodas an duine a dhèanamh a thig an dèidh an rìgh? An nì sin fhèin a rinneadh cheana. Agus chunnaic mi gu bheil gliocas cho fad os cionn amaideachd is a tha solas os cionn dorchadais. Tha sùilean an duine ghlic na cheann; ach imichidh an t‑amadan ann an dorchadas: gidheadh dh’aithnich mi mar an ceudna gun tachradh an t‑aon nì dhaibh uile. An sin thubhairt mi am chridhe, Mar a thachras don amadan, mar sin tachraidh dhòmhsa fhèin; agus carson uime sin a bha mise na bu ghlice na esan? An sin thubhairt mi am chridhe gur dìomhanas seo mar an ceudna. Oir cha bhi cuimhne air an duine ghlic nas mò na air an amadan gu bràth; o dhìochuimhnichear na nithean a tha a‑nis ann uile anns na làithean a tha ri teachd: agus cionnas a dh’eugas an duine glic? Mar an t‑amadan. Uime sin dh’fhuathaich mi beatha, a chionn gur doilgheasach dhomh an obair a dh’obraichear fon ghrèin: oir is dìomhanas na h‑uile nithean agus buaireadh spioraid. Seadh, dh’fhuathaich mi mo shaothair uile a shaothraich mi fon ghrèin, a chionn gum fàg mi i don fhear a bhios am dhèidh. Agus cò aig a bheil fhios co‑dhiù a bhios e na dhuine glic no na amadan? Gidheadh bidh uachdaranachd aige os cionn mo shaothrach uile anns an do shaothraich mi, agus anns an d’fhuaireadh mi gu glic fon ghrèin. Is dìomhanas seo mar an ceudna. Air an adhbhar sin thionndaidh mi a thoirt air mo chridhe dol an eu‑dòchas mun uile shaothair a shaothraich mi fon ghrèin. Oir tha duine ann aig a bheil a shaothair ann an gliocas, agus an eòlas, agus an ceartas; gidheadh do dhuine nach do shaothraich ann bheir e e mar a chuibhreann. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus olc mòr. Oir ciod a tha aig duine de a uile shaothair, agus de bhuaireadh a chridhe, anns an do shaothraich e fon ghrèin? Oir is doilgheasan a làithean uile, agus is do‑bhròn a shaothair: eadhon anns an oidhche cha ghabh a chridhe fois. Is dìomhanas seo mar an ceudna. Seo mar an ceudna chunnaic mi, gur ann o làimh Dhè a tha e. Chan eil nì ann as fheàrr do dhuine na gun itheadh agus gun òladh e, agus gun tugadh e air a anam math a mhealtainn na shaothair. Oir cò as urrainn ithe, no cò eile a luathaicheas thuige nas mò na mise? Oir don duine a tha math na shealladh, bheir Dia gliocas, agus eòlas, agus aoibhneas: ach don pheacach bheir e saothair, a chruinneachadh agus a chàrnadh suas, a‑chum gun tabhair e don tì a tha math ann am fianais Dhè. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid. Aig gach nì tha tràth, agus àm aig gach rùn fo nèamh: Am gu breith, agus àm gu bàs fhaotainn; àm gu suidheachadh, agus àm gus an nì a shuidhicheadh a spìonadh suas; Am gu marbhadh, agus àm gu leigheas; àm gu briseadh sìos, agus àm gu togail suas; Am gu gul, agus àm gu gàire; àm gu caoidh, agus àm gu dannsa; Am gu clachan a thilgeadh air falbh, agus àm gu clachan a chruinneachadh; àm gu gabhail an glacan, agus àm gu fantainn o ghabhail an glacan; Am gu cosnadh, agus àm gu call; àm gu gleidheadh, agus àm gu tilgeadh air falbh; Am gu reubadh, agus àm gu fuaigheal; àm gu bhith tosdach, agus àm gu labhairt; Am gu gràdhachadh, agus àm gu fuathachadh; àm gu cogadh, agus àm gu sìth; Ciod an tairbhe a tha aigesan a dh’obraicheas, anns an nì sin anns an saothraich e? Chunnaic mi an t‑saothair a thug Dia do chloinn nan daoine, a‑chum an cleachdadh fhèin rithe. Rinn e gach nì maiseach na àm fhèin: chuir e mar an ceudna an saoghal nan cridhe, air chor is nach urrainn aon duine an obair fhaotainn a‑mach a tha Dia a’ dèanamh, o thoiseach gu deireadh. Tha fhios agam nach eil math air bith annta, ach gum biodh duine subhach, agus gun dèanadh e math rè a bheatha. Agus mar an ceudna gun itheadh agus gun òladh gach duine, agus gum mealadh e math a shaothrach uile, is e sin tìodhlac Dhè. Tha fhios agam gach nì a nì Dia, gum bi e ann gu bràth; cha ghabh aon nì cur ris, no aon nì toirt uaithe: agus nì Dia seo, a‑chum gum biodh eagal air daoine roimhe. An nì a bha, tha e ann a‑nis; agus an nì a bhitheas, bha e ann cheana; agus iarraidh Dia an nì a chaidh seachad. Agus os bàrr, chunnaic mi fon ghrèin àit a’ bhreitheanais, gu robh euceart an sin; agus àite na fìreantachd, gu robh aingidheachd an sin. Thubhairt mi am chridhe, Bheir Dia breith air an fhìrean agus air an aingidh: oir tha àm an sin a‑chum gach uile rùin, agus a‑chum gach uile obrach. Thubhairt mi ann am chridhe a‑thaobh staid clann nan daoine, gun glanadh Dia iad, agus gum faiceadh iad gur ainmhidhean iad fhèin. Oir an nì sin a thachras do chloinn nan daoine, tachraidh e do na h‑ainmhidhean; tachraidh dìreach an aon nì dhaibh: mar a dh’eugas aon dhiubh, is ann mar sin a dh’eugas an t‑aon eile; seadh, is i an aon anail a tha aca uile; agus chan eil barrachd aig duine air ainmhidh, oir is dìomhanas iad uile. Thèid iad uile do aon àite; tha iad uile on duslach, agus tillidh iad uile don duslach. Cò don aithne spiorad clann nan daoine a thèid suas, agus spiorad an ainmhidh a thèid sìos a‑chum na talmhainn? Uime sin tha mi ag aithneachadh nach eil nì as fheàrr na gun dèanadh duine gàirdeachas na obraichean, a chionn gur e sin a chuibhreann: oir cò a bheir e a dh’fhaicinn an nì a bhios na dhèidh? An sin thionndaidh mi, agus dh’amhairc mi air gach uile fhòirneart a nìthear fon ghrèin, agus, feuch, deòir na dream a bha fo fhòirneart, agus gun aon fhear‐comhfhurtachd aca! Agus air taobh an luchd‐fòirneart bha neart, ach cha robh fear‐comhfhurtachd acasan. Uime sin mhol mi na mairbh a dh’eug cheana nas mò na na beòthan a tha beò fhathast. Ach is fheàrr na iad le chèile an tì nach robh ann fhathast, nach faca an droch obair a nìthear fon ghrèin. A‑rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o a choimhearsnach i. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid. Fillidh an t‑amadan a làmhan ri chèile, agus ithidh e a fheòil fhèin. Is fheàrr làn dùirn le suaimhneas, na an dà làimh làn le saothair agus buaireadh spioraid. An sin thionndaidh mi, agus chunnaic mi dìomhanas fon ghrèin. Tha duine ann leis fhèin, agus chan eil lethbhreac aige: seadh, chan eil leanabh no bràthair aige; gidheadh chan eil crìoch air a shaothair uile, agus cha sàsaichear a shùil le saoibhreas; cha mhò a their e, Cò airson a bheil mi a’ saothrachadh, agus a’ fàgail m’anama a dh’easbhaidh maith? Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus is saothair ghoirt e. Is fheàrr dithis na aon duine, a chionn gu bheil deagh dhuais aca airson an saothrach. Oir ma thuiteas duine dhiubh togaidh an duine eile suas a chompanach: ach mo thruaighe esan a tha na aonar nuair a thuiteas e; oir chan eil neach eile aige ga thogail suas. Mar an ceudna ma laigheas dithis cuideachd, bidh iad blàth: ach cionnas a bhios aon blàth leis fhèin? Agus ma bhuadhaicheas aon air, seasaidh dithis na aghaidh; agus cha bhrisear còrd thrì dual gu h‑obann. Is fheàrr leanabh bochd agus glic na rìgh sean agus amaideach, nach gabh comhairle nas mò. Oir à prìosan thig e a rìoghachadh; an tì mar an ceudna a rugadh na rìoghachd, fàsaidh e bochd. Thug mi an aire do na h‑uile bheòthan a shiùbhlas fon ghrèin, maille ris an dara leanabh a sheasas suas na àite. Chan eil crìoch air an t‑sluagh uile, orrasan uile a bha romhpa: cha dèan iadsan mar an ceudna a thig nan dèidh gàirdeachas ann. Gu cinnteach is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid. Coimhead do chas nuair a thèid thu do thaigh Dhè, agus bi nas deise gu cluinntinn na gu ìobairt nan amadan a thabhairt; oir chan eil iad sin a’ toirt an aire gu bheil iad a’ dèanamh uilc. Na bi bras led bheul, agus na luathaicheadh do chridhe gu nì a labhairt an làthair Dhè: oir tha Dia air nèamh, agus thusa air thalamh: uime sin biodh do bhriathran tearc. Oir thig aisling le iomadalachd ghnothaichean, agus aithnichear guth amadain le iomadalachd bhriathar. Nuair a bhòidicheas tu bòid do Dhia, na cuir dàil na dìoladh; oir chan eil tlachd aige ann an amadain: an nì a bhòidicheas tu, dìol e. Is fheàrr gun thu a bhòideachadh, na gum bòidicheadh tu, agus nach dìoladh tu. Na leig led bheul a thoirt air d’fheòil peacachadh; agus na abair an làthair an aingil gum bu mhearachd e; cuim am biodh fearg air Dia airson do ghutha‑sa, agus an sgriosadh e obair do làmh? Oir mar ann an iomadalachd nan aisling a bhios dìomhanais, is amhail a bhios iad ann an iomadalachd nam briathar: ach biodh eagal Dhè ortsa. Ma chì thu fòirneart an duine bhochd, agus fiaradh breitheanais agus ceartais le làimh làidir ann am mòr‐roinn, na biodh ioghnadh ort ris an nì seo: oir bheir an tì as àirde na an neach a tha àrd acasan an aire, agus tha iad ann as àirde na iadsan. A‑nis tha tairbhe na talmhainn airson nan uile: riaraichear an rìgh fhèin as an fhearann. An tì a ghràdhaicheas airgead, cha sàsaichear e le airgead; no an tì a ghràdhaicheas pailteas, le toradh: is dìomhanas seo mar an ceudna. Nuair a mheudaichear nithean matha, meudaichear iad a dh’itheas iad; agus ciod an tairbhe a tha annta dan sealbhadairean ach am faicinn len sùilean? Tha cadal obraiche milis, co‑dhiù a dh’itheas e beagan no mòran: ach chan fhuiling sàsachd an t‑saoibhir dha cadal. Tha olc cràiteach ann a chunnaic mi fon ghrèin, saoibhreas air a ghleidheadh da shealbhadair a‑chum an aimhleis. Ach thèid as don t‑saoibhreas sin le droch shaothair: agus ginidh e mac, agus cha bhi nì air bith na làimh. Mar a thàinig e a‑mach lomnochd à broinn a mhàthar, ath‐thillidh e, a’ dol mar a thàinig e; agus cha ghiùlan e nì air bith de a shaothair a bheir e leis na làimh. Is olc cràiteach seo mar an ceudna, air gach uile chor air an tàinig e, mar sin gun tèid e: agus ciod an tairbhe a tha aigesan a shaothraich don ghaoith? Mar an ceudna rè a làithean uile ithidh e ann an dorchadas, agus bidh mòran doilgheis agus feirge aige na thinneas. Feuch, an nì a chunnaic mise math, gur tlachdmhor do dhuine ithe agus òl, agus math a mhealtainn na uile shaothair a ghabh e fon ghrèin, air feadh uile làithean a bheatha a bheir Dia dha; oir is e sin a chuibhreann. Gach duine mar an ceudna don tug Dia beartas agus saoibhreas, agus don tug e comas ithe dhiubh, agus a chuibhreann a ghlacadh, agus gàirdeachas a dhèanamh na shaothair; is e seo tìodhlac Dhè. Oir cha mhòr a chuimhnicheas e làithean a bheatha; a chionn gum freagair Dia e ann an aoibhneas a chridhe. Tha olc ann a chunnaic mi fon ghrèin, agus tha e coitcheann am measg dhaoine; Duine don tug Dia beartas, agus saoibhreas, agus urram, agus gun e a dh’easbhaidh nì air bith da anam de na h‑uile a mhiannaicheas e, ach do nach eil Dia a’ tabhairt comais ithe dheth, ach tha coigreach ga ithe: is dìomhanas seo, agus is droch an‑shocair e. Ma ghineas duine ceud leanabh, agus gum bi e beò iomadh bliadhna, air chor is gum bi làithean a bhliadhnachan lìonmhor, agus nach sàsaichear a anam le math, agus mar an ceudna nach bi adhlacadh aige, is fheàrr, tha mi ag ràdh, torrachas anabaich na e. Oir ann an dìomhanas thig e, agus ann an dorchadas thèid e, agus le dorchadas còmhdaichear a ainm. Mar an ceudna chan fhaca e a’ ghrian, agus cha b’aithne dha nì air bith: tha tuilleadh foise aigesan na aig an fhear eile. Seadh, ged bhiodh e beò mìle bliadhna dà uair, gidheadh chan fhaic e math: nach imich iad uile do aon àite? Tha uile shaothair an duine airson a bheòil, agus gidheadh chan eil a mhiann sàsaichte. Oir ciod tuilleadh a tha aig an duine ghlic na aig an amadan? Ciod a tha aig a’ bhochd, don aithne siubhal an làthair nam beò? Is fheàrr sealladh nan sùl na seachran a’ mhiann: is dìomhanas seo mar an ceudna agus buaireadh spioraid. An nì a bha ann, dh’ainmicheadh e cheana, agus tha fhios gum b’e duine e, agus nach urrainn e gleacadh ris‐san as treasa na e fhèin. O tha mòran de nithean ann a mheudaicheas dìomhanas, ciod as fheàirrde an duine sin? Oir cò aig a bheil fhios ciod a tha math do dhuine anns a’ bheatha seo, rè uile làithean a bheatha dhìomhain a chaitheas e mar sgàil? Oir cò as urrainn innse do dhuine ciod a bhios na dhèidh fon ghrèin? Is fheàrr deagh ainm na ola‑ungaidh luachmhor, agus là bàis na là breith neach. Is fheàrr dol do thaigh a’ bhròin na dol do thaigh na cuirme; oir is e sin crìoch nan uile dhaoine, agus gabhaidh am beò ga chridhe e. Is fheàrr doilgheas na gàire; oir le dubhachas na gnùise nìthear an cridhe nas fheàrr. Tha cridhe nan daoine glice ann an taigh a’ bhròin, ach cridhe nan amadan ann an taigh an t‑subhachais. Is fheàrr èisdeachd ri achmhasan duine glic na gun èisdeadh duine ri òran amadan. Oir mar fhuaim droighnich fo phoit, mar sin tha gàire an amadain: is dìomhanas seo mar an ceudna. Gu cinnteach cuiridh fòirneart duine glic air bhoile, agus millidh tìodhlac an cridhe. Is fheàrr deireadh nì na a thoiseach: is fheàrr esan a tha foighidneach na spiorad na esan a tha àrdanach na spiorad. Na deifrich ann ad spiorad gu fearg a ghabhail; oir còmhnaichidh fearg ann an uchd amadan. Na abair, Ciod a b’adhbhar gu robh na ciad làithean na b’fheàrr na iad seo? Oir chan ann o ghliocas a dh’fheòraicheas tu mun nì seo. Is math gliocas maille ri oighreachd: agus le sin tha tairbhe acasan a chì a’ ghrian. Oir is dìdean gliocas, agus is dìdean airgead: ach is e òirdheirceas an eòlais gun toir gliocas beatha dhaibhsan aig am bi e. Smaoinich air obair Dhè: oir cò as urrainn an nì sin a dhèanamh dìreach a rinn esan cam? Ann an là an t‑soirbheachaidh bi subhach, ach ann an là an doirbheis smaoinich: rinn Dia mar an ceudna seo fa chomhair siud, a‑chum nach faigheadh duine a‑mach aon nì na dhèidh. Chunnaic mi na h‑uile nithean ann an làithean mo dhìomhanais; tha fìrean ann a bhàsaicheas na fhìreantachd, agus tha duine aingidh ann a shìneas a làithean na aingidheachd. Na bi anabarrach fìreanta, agus na gabh ort a bhith ro‑ghlic: carson a sgriosadh tu thu fhèin? Na bi ro‑aingidh, agus na bi amaideach: carson a dh’eugadh tu rod àm? Is math dhut greim a ghabhail dheth seo, agus o seo mar an ceudna na tabhair air a h‑ais do làmh; oir an tì air am bi eagal Dhè, thig e asda sin uile. Neartaichidh gliocas duine glic nas mò na deichnear dhaoine cumhachdach a tha anns a’ chathair. Oir chan eil duine ceart air an talamh, a nì math, agus nach peacaich. Mar an ceudna na tabhair aire do na h‑uile bhriathran a labhrar, air eagal gun cluinn thu d’òglach gad mhallachadh. Oir tha fhios aig do chridhe gur minig a mhallaich thu fhèin daoine eile mar an ceudna. Seo uile dhearbh mi le gliocas: thubhairt mi, Bidh mi glic; ach b’fhada sin uam. An nì sin a tha fada as, agus ro‑dhomhain, cò a dh’fhaodas a fhaotainn a mach? Leag mi mo chridhe air faotainn eòlais air, agus air rannsachadh, agus air sireadh gliocais, agus adhbhair nithean, agus air fios a bhith agam air aingidheachd amaideachd, agus air amaideachd na mì‑chèille. Agus fhuair mi nas seirbhe na am bàs a’ bhean aig a bheil a cridhe na ribeachan agus na lìontan, agus a làmhan nan ceanglaichean: ge bè neach a thaitneas ri Dia, thèid e as uaipe; ach glacar am peacach leatha. Feuch, an nì seo fhuair mi, arsa an Searmonaiche, a’ meas gach aoin an dèidh a chèile, a dh’fhaotainn an adhbhair a mach: Nì a tha m’anam ag iarraidh fhathast, ach nach d’fhuair mi: aon fhear am measg mhìle fhuair mi, ach bean nam measg sin uile cha d’fhuair mi. Feuch, an nì seo a‑mhàin fhuair mi, gun do rinn Dia an duine ionraic; ach dh’iarr iad fhèin iomadh innleachd a‑mach. Cò a tha mar an duine glic? Agus cò don aithne eadar‐mhìneachadh nì? Bheir gliocas duine air a ghnùis dealrachadh, agus atharraichear dànachd a ghnùise. Comhairlicheam dhut àithne an rìgh a choimhead, agus sin airson mionnan Dhè. Na biodh cabhag ort gu dol as a shealladh: na buanaich ann an droch nì, oir nì esan gach nì as àill leis. Far a bheil facal rìgh, tha cumhachd; agus cò a dh’fhaodas a ràdh ris, Ciod e sin a tha thu a’ dèanamh? Ge bè ghleidheas an àithne, cha mhothaich e droch nì sam bith; agus is aithne do chridhe duine glic àm agus breitheanas. A chionn aig gach nì gu bheil àm agus breitheanas; uime sin tha truaighe an duine trom. Oir chan eil fhios aige air an nì a bhios ann: oir cò a dh’innseas dha cionnas a bhitheas e. Chan eil duine sam bith aig a bheil cumhachd os cionn an spioraid, a chumail an spioraid, no cumhachd ann an là a’ bhàis; agus chan eil dol as anns a’ chath sin; cha mhò a theasairgeas aingidheachd iadsan a ghnàthaicheas i. Seo uile chunnaic mi, agus shuidhich mi mo chridhe air gach obair a nìthear fon ghrèin: tha àm anns an riaghlaich duine os cionn duine eile, ga aimhleas fhèin. Agus mar sin chunnaic mi na h‑aingidh adhlaicte, a thàinig agus a dh’imich o àit an naoimh, agus dhìochuimhnicheadh iad anns a’ chathair anns an do rinn iad mar sin: is dìomhanas seo mar an ceudna. A chionn nach eil binn an aghaidh droch obrach ga cur an gnìomh gu luath, uime sin tha cridhe clann nan daoine làn‐shuidhichte air olc a dhèanamh. Ged nì peacach olc ceud uair, agus gun sìnear a làithean, gidheadh tha fios cinnteach agam gun èirich gu math dhaibhsan air am bi eagal Dhè, air am bi eagal na làthair. Ach chan èirich gu math don aingidh, cha mhò a shìneas e a làithean; mar sgàil bidh esan air nach bi eagal an làthair Dhè. Tha dìomhanas ann a nìthear air an talamh, gu bheil fìreanan ann don tachair a rèir obair nan aingidh; agus gu bheil daoine aingidh ann don tachair a rèir obair nam fìrean: thubhairt mi gur dìomhanas seo mar an ceudna. An sin mhol mi subhachas, do bhrìgh nach eil nì as fheàrr aig duine fon ghrèin na ithe agus òl, agus a bhith subhach; oir fanaidh sin aige de a shaothair, rè làithean a bheatha, a bheir Dia dha fon ghrèin. Nuair a leag mi mo chridhe air eòlas a’ ghliocais fhaotainn, agus air na gnothaichean a nìthear air an talamh fhaicinn (oir mar an ceudna tha neach ann nach faic cadal a là no a dh’oidhche le a shùilean); An sin chunnaic mi uile obair Dhè, nach urrainn duine an obair a nìthear fon ghrèin fhaotainn a‑mach; a chionn ged nì duine a dhìcheall air a faotainn a‑mach, gidheadh nach faigh e i; seadh fhathast, ged shaoil duine glic gum faigh e eòlas oirre, nach urrainn e a faotainn a‑mach. Oir chuir mi romham ann am chridhe seo uile a chur an cèill, Gu bheil na fìreanan agus na daoine glice, agus an obraichean, ann an làimh Dhè: chan aithne do dhuine sam bith aon chuid gràdh no fuath, leis na h‑uile nithean a tha fan comhair. Thig na h‑uile nithean air aon seòl do na h‑uile dhaoine: tachraidh an aon nì don fhìrean agus don aingidh; don mhath, agus don ghlan, agus don neòghlan; dhàsan a dh’ìobras, agus dhàsan nach ìobair: mar a tha an duine math, is ann mar sin a tha am peacach; agus esan a mhionnaicheas, mar an tì air a bheil eagal mhionn. Is olc seo am measg nan uile nithean a nìthear fon ghrèin, gun tachair an t‑aon nì dhaibh uile; agus mar an ceudna gu bheil cridhe clann nan daoine làn uilc, agus gu bheil cuthach nan cridhe am fad agus as beò iad, agus na dhèidh sin gun tèid iad a‑chum nam marbh. Oir aig gach neach a tha ceangailte ris na h‑uile bheòthan, tha dòchas: oir is fheàrr madadh beò na leòmhann marbh. Oir tha fhios aig na beòthan gum faigh iad bàs: ach chan eil fhios nì air bith aig na mairbh, cha mhò tha luigheachd aca nas mò; oir thèid an cuimhne air dhìochuimhn. Chaidh as mar an ceudna a‑nis dan gràdh, agus dam fuath, agus dam farmad; agus cha bhi cuibhreann aca tuilleadh gu bràth ann an aon nì a nìthear fon ghrèin. Imich romhad, ith d’aran le gàirdeachas, agus òl d’fhìon le cridhe subhach; oir tha Dia a‑nis toilichte led obraichean. Biodh d’earradh anns gach àm geal; agus na biodh dìth ola‑ungaidh air do cheann. Caith do bheatha gu subhach leis a’ mhnaoi as ionmhainn leat rè uile làithean beatha do dhìomhanais, a thug e dhut fon ghrèin: oir is e seo do chuibhreann anns a’ bheatha seo, agus ann ad shaothair a ghabhas tu fon ghrèin. Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol. Thionndaidh mi, agus chunnaic mi fon ghrèin nach ann do na daoine luatha a tha an rèis, no do na daoine treuna an cath, no do na daoine glice aran, no do dhaoine tuigseach saoibhreas, no do dhaoine eòlach deagh‐ghean, ach gun tachair àm agus tuiteamas dhaibh uile: Oir gu deimhinn chan eil fhios aig duine air a àm fhèin: mar iasg a ghlacar ann an droch lìon, agus mar eòin a ghlacar ann an ribe, is ann mar sin a ribear clann nan daoine ann an droch àm, nuair a thuiteas e orra gu h‑obann. An gliocas seo mar an ceudna chunnaic mi fon ghrèin, agus bu mhòr agam e. Bha cathair bheag ann, agus beagan dhaoine innte; agus thàinig rìgh mòr na h‑aghaidh, agus shuidh e mun cuairt oirre, agus chuir e daingnichean mòra suas na h‑aghaidh. Agus fhuaireadh innte duine bochd glic, agus theasairg e a’ chathair le a ghliocas; ach cha do chuimhnich neach air bith air an duine bhochd sin. An sin thubhairt mise, Is fheàrr gliocas na neart: gidheadh, nìthear tàir air gliocas an duine bhochd, agus chan èisdear ra bhriathran. Eisdear ri briathran dhaoine glice ann an ciùineas, nas mò na ri glaodh an tì a riaghlas am measg amadan. Is fheàrr gliocas na innealan‐cogaidh: ach millidh aon pheacach mòran maith. Bheir cuileagan marbha air ola‑ungaidh an lèigh boladh breun a chur uaipe: is amhail a nì beagan amaideachd airsan a tha cliùiteach airson gliocais agus urraim. Tha cridhe duine glic air a làimh dheis; ach cridhe amadain air a làimh chlì. Anns an t‑slighe fhèin, nuair a shiùbhlas an t‑amadan, trèigidh a ghliocas e, agus their e ris gach duine gur amadan e. Ma dh’èireas spiorad an uachdarain ad aghaidh, na fàg d’àite; oir ciùinichidh gèilleadh lochdan mòra. Tha olc a chunnaic mi fon ghrèin, mar sheachran a thig o làthair an uachdarain; Cuirear amaideachd an inbhe mhòir, agus suidhidh na saoibhir ann an ionad ìosal. Chunnaic mi òglaich air eich agus uachdarain a’ siubhal mar sheirbhisich air an talamh. An tì a chladhaicheas sloc, tuitidh e fhèin ann; agus an tì a bhriseas callaid, teumaidh nathair e. An tì a dh’atharraicheas clachan, gortaichear e leo; agus an tì a sgoilteas fiodh, bidh e an cunnart uaithe. Ma bhios an t‑iarann maol, agus nach geuraich e am faobhar, feumaidh e an tuilleadh spionnaidh a chur leis; ach tha gliocas tairbheach a sheòladh. Gu deimhinn teumaidh an nathair gun srann, agus chan fheàrr am bith‐bhriathrach. Tha briathran beul duine glic gràsail; ach sluigidh bilean amadain e fhèin suas. Is amaideachd toiseach briathran a bheòil; agus is cuthach millteach deireadh a chainnte. Agus tha amadan làn de bhriathran: chan eil fhios aig duine ciod a bhios ann: agus ciod a bhios ann na dhèidh, cò as urrainn innse dha? Sgìthichidh saothair nan amadan gach aon dhiubh, do bhrìgh nach aithne dha cionnas a thèid e don chathair. Mo thruaighe thu, a thìr, nuair as leanabh as rìgh dhut, agus a dh’itheas d’uachdarain biadh anns a’ mhadainn! Is sona thu, a thìr, nuair as e do rìgh mac nan uasal, agus a dh’itheas d’uachdarain ann an àm iomchaidh, a‑chum neirt, agus chan ann a‑chum misge! Le mòran leisge thèid an aitreabh sìos; agus le dìomhanas nan làmh snidhidh an taigh troimhe. Nìthear cuirm a‑chum aiteis, agus nì fìon duine subhach: ach freagraidh an t‑airgead na h‑uile nithean. Eadhon ann ad smuaintean na mallaich an rìgh, agus an taobh a‑staigh ded sheòmar na mallaich an saoibhir; oir giùlainidh eun an adhair an guth, agus innsidh an nì air a bheil sgiathan a’ chùis. Tilg d’aran air aghaidh nan uisgeachan; oir an dèidh mòran làithean gheibh thu e. Thoir cuibhreann do sheachdnar, agus mar an ceudna do ochdnar; oir chan eil fhios agad ciod an t‑olc a bhios air an talamh. Ma bhios na neòil làn uisge, falmhaichidh iad iad fhèin air an talamh; agus ma thuiteas craobh mu dheas no mu thuath, anns an àit anns an tuit a’ chraobh, an sin bidh i. An tì a bheir an aire don ghaoith, cha chuir e sìol; agus an tì a dh’amhairceas air na neòil, cha bhuain e. Mar nach eil fhios agad ciod i slighe an spioraid, no cionnas a dh’fhàsas na cnàmhan ann am broinn na mnà a bhios torrach, is amhail sin nach eil fhios agad air obraichean Dhè, mar a nì e na h‑uile nithean. Anns a’ mhadainn cuir do shìol, agus anns an fheasgar na toir air do làmh sgur; oir chan eil fhios agad cia dhiubh as fheàrr a shoirbhicheas, seo no siud, no am bi iad le chèile cho math. Gu deimhinn is milis an solas, agus is taitneach do na sùilean sealltainn air a’ ghrèin. Ach ma mhaireas duine iomadh bliadhna, agus gun dèan e gàirdeachas annta uile, gidheadh cuimhnicheadh e làithean an dorchadais, gum bi iad lìonmhor. Is dìomhanas gach nì a thig. Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu. Uime sin atharraich doilgheas od chridhe, agus cuir olc air falbh od fheòil; oir is dìomhanas leanabachd agus òige. Cuimhnich a‑nis do Chruithear ann an làithean d’òige, mun tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnachan riut, anns an abair thu, Chan eil tlachd agam annta: Mun dorchaichear a’ ghrian, agus an solas, agus a’ ghealach, agus na reultan, agus an till na neòil an dèidh an uisge: Anns an là anns an criothnaich luchd‐gleidhidh an taighe, agus an crom na daoine làidir iad fhèin, agus an sguir an luchd‐bleith, a chionn gu bheil iad tearc, agus an dorchaichear an dream a sheallas a‑mach air na h‑uinneagan; Agus an dùinear na dorsan anns na sràidean, nuair a bhios fuaim na bleith ìosal, agus a dh’èireas e suas aig guth an eòin, agus a dh’ìslichear uile nigheanan a’ chiùil; Mar an ceudna, nuair a bhios eagal orra ro nì àrd, agus a bhios uamhasan anns an t‑slighe, agus a bhios a’ chraobh‐almoin fo bhlàth, agus a bhios an leumnach uaine na eallaich, agus a theirgeas miann; a chionn gu bheil an duine a’ triall da chòmhnaidh bhuan, agus gu bheil an luchd‐cumhaidh a’ dol mun cuairt anns na sràidean; Mum fuasglar an còrd airgid, agus am bruthar an cupan òir, agus am brisear a’ chuinneag aig an tobar, agus am brisear an roth aig an t‑soitheach‐chumail. An sin tillidh an duslach a‑chum na talmhainn mar a bha e; agus tillidh an spiorad a‑chum Dhè, a thug uaithe e. Dìomhanas nan dìomhanas! arsa an Searmonaiche: is dìomhanas na h‑uile nithean. Agus os bàrr, do bhrìgh gu robh an Searmonaiche glic, theagaisg e an còmhnaidh eòlas don t‑sluagh; agus thug e deagh aire, agus shir e a‑mach, agus dheasaich e mòran ghnàth‐fhacal. Dh’iarr an Searmonaiche briathran taitneach fhaotainn: agus bha an nì a sgrìobhadh ceart, briathran na fìrinn. Tha briathran nan daoine glice mar bhioran, agus mar thàirngean air an sparradh le uachdarain choitheanal, a thugadh le aon aodhaire. Agus tuilleadh, leo seo, a mhic, gabh rabhadh: air mòran leabhraichean a dhèanamh chan eil crìoch; agus tha mòran leughaidh na sgìos don fheòil. Cluinneamaid brìgh na chaidh a ràdh uile: Biodh eagal Dhè ort, agus glèidh a àitheantan; oir is e seo dleasdanas iomlan an duine. Oir bheir Dia gach obair a‑chum breitheanais, maille ris gach nì diamhair, mas math no mas olc e. Dàn nan dàn, dàn Sholaimh. Pògadh e mi le pògan a bheòil; oir is math do ghràdh seach fìon. Airson fàile cùbhraidh is math d’ola‑ungaidh‐sa: is ola‑ungaidh air a dòrtadh d’ainm; uime sin ghràdhaich na h‑òighean thu. Tarraing mi. Ad dhèidh ruithidh sinn. Da sheòmraichean threòraich an Rìgh mi. Nì sinn luathghaire agus bidh aoibhneas oirnn annadsa: cuiridh sinn an cuimhne do ghràdh nas mò na fìon: ghràdhaich na fìreanan thu. Dubh tha mi, ach sgiamhach, O a nigheanan Ierusaleim, mar bhùthan Chedair, mar chùirteanan rìomhach Sholaimh. Na biodh umhail agaibh ged tha mi dorcha, a chionn gun d’amhairc a’ ghrian orm: bha mic mo mhàthar am feirg rium; rinn iad coimheadaiche nam fìonlios dhìom: am fìonlios a bu leam fhèin cha do choimhead mi. Innis dhomh, O thusa da bheil gràdh aig m’anam, càit an ionaltair thu do threudan, càit an toir thu orra laighe sìos mu mheadhon‐là; oir carson a bhithinn mar aon air faondradh am measg treudan do chompanach? Mura bheil fhios agad, O thusa as àillidh am measg bhan, imich a‑mach air luirg an treud, agus ionaltair do mhinn làimh ri bùthan nan aodhairean. Ri eich ann an carbadan Phàraoh samhlaicheam thu, a bhean mo ghaoil. Is àillidh do ghruaidhean le sreathan sheud, do mhuineal le slabhraidhean. Sreathan òir nì sinn dhut, le ballachan airgid. Am feadh a tha an Rìgh aig a fhleadh tha mo spiocnard a’ sgaoileadh a fhàile cùbhraidh. Is ceanglachan mirr mo ghràdh dhòmhsa; eadar mo chìochan laighidh e rè na h‑oidhche. Tha mo ghràdh dhòmhsa mar bhasgaid den chrann‐champhir ann am fìonliosan En‑gedi. Feuch, tha thu àillidh, a bhean mo ghaoil; feuch, tha thu àillidh; tha sùilean chalaman agad. Feuch, tha thu àillidh, fhir mo ghràidh, agus taitneach, agus tha ar n‑uirigh uaine. Is croinn sheudair sailthean ar taighe, croinn‐ghiuthais ar ceann‐fhiodh. Is ròs o Shàron mise, lilidh nan gleann. Mar lilidh am measg droighnich is amhail mo ghràdh‐sa am measg nan nighean. Mar chrann‐ubhall am measg croinn na coille, is amhail mo rùn‐sa am measg nan òganach; fo a sgàile mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom bhlas. Threòraich e mi do thaigh an fhìona, agus b’i a bhratach tharam an gràdh. Cumaibh suas mi le cùirn, sgapaibh ùbhlan mum thimcheall, oir tha mi tinn le gràdh. Tha a làmh chlì fom cheann, agus a làmh dheas timcheall orm. Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, air earban agus air èildean na machrach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh, gus an àill leis fhèin. Guth mo ghràidh! Feuch, tha e a’ teachd, a’ leumnaich air na beanntan, a’ toirt sithidh air na tulaichean. Is cosmhail mo ghràdh ri earba no ri laogh fèidh: feuch, tha e na sheasamh air cùl ar balla, a’ sealltainn a‑mach air na h‑uinneagan, ga nochdadh fhèin tron chlèith. Fhreagair mo ghràdh, agus thubhairt e rium, Eirich, a bhean mo ghaoil, m’aon sgiamhach, thig leam: Oir feuch, tha an geamhradh seachad, tha an t‑uisge thairis, dh’imich e roimhe. Chìthear na blàthan air an talamh, tha àm seinn nan eun air teachd, agus cluinnear guth an turtair nar tìr. Tha an crann‐fìge a’ cur a‑mach a fhìgean glasa, agus tha dearcan maotha a’ chroinn‐fhìona a’ toirt fàile cùbhraidh uapa: èirich, a bhean mo ghaoil, m’aon sgiamhach, agus thig leam. Mo chalaman, a tha ann an sgoltaidhean na creige, ann an ionad‐diamhair a’ bhruthaich, leig dhomh amharc ort, leig leam do ghuth a chluinntinn, oir tha do ghuth binn, agus d’aogas maiseach. Glacaibh dhuinn na sionnaich, na sionnaich bheaga, a mhilleas na croinn‐fhìona, agus dearcan òga ar crann‐fìona. Is leamsa mo ghràdh, agus is leis‐san mise: tha e ag ionaltradh am measg nan lilidh. Gus am bris an là, agus an teich na sgàilean, till; bi cosmhail ri earb, a ghràidh, no ri laogh fèidh air beanntan Bheteir. Air mo leabaidh anns an oidhche dh’iarr mi an tì da bheil gràdh aig m’anam: dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e. Eiridh mi a‑nis, agus thèid mi mun cuairt anns a’ chathair, anns na sràidean agus anns na slighean farsaing iarraidh mi esan da bheil gràdh aig m’anam: dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e. Thachair orm an luchd‐faire a’ dol mun cuairt anns a’ chathair: Am faca sibh an tì da bheil gràdh aig m’anam? Cha deachaidh mi ach beagan air m’aghaidh uapa, nuair a fhuair mi esan da bheil gràdh aig m’anam; rinn mi greim air, agus cha leiginn as e, gus an tug mi e do thaigh mo mhàthar, agus da seòmar‐se a rug mi. Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, air earban agus air èildean na machrach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh, gus an àill leis fhèin. Cò ise a tha ag èirigh suas as an fhàsach mar stuaghan deataich, cùbhraidh le mirr agus tùis, le uile mhìn‐dhus ceannaiche nan spìosraidh? Feuch, uirigh Sholaimh! Trì‐fichead treun‐fhear ma timcheall de threun‐fhir Israeil. Fir‐chlaidheimh uile, cleachdte ann an cogadh; gach fear le a chlaidheamh air a leis, an aghaidh gàbhadh na h‑oidhche. Rinn Solamh an Rìgh leabaidh‐phòsaidh dha fhèin de chroinn Lebanoin. A puist dhealbh e de airgead, a h‑ìochdar de òr, a còmhdach de chorcar; bha a meadhon air obrachadh le samhlaidhean gràidh le nigheanan Ierusaleim. Rachaibh a‑mach, a nigheanan Shioin, agus faicibh Rìgh Solamh leis a’ chrùn leis an do chrùn a mhàthair e air là a phòsaidh, agus air là subhachas a chridhe. Feuch, is àillidh thu, a bhean mo ghaoil; feuch, is àillidh thu! Tha sùilean chalaman agad an taobh a‑staigh ded chiabhan: tha d’fhalt mar threud ghobhar a nochdar o shliabh Ghilead. Is cosmhail do dheud ris an treud lomarta, a thàinig a‑nìos on àite‐nighidh, a bheireas gach aon dhiubh càraid, agus gun aon chaora sheasg nam measg. Mar shnàthainn dearg air a dhath dà uair tha do bhilean, agus tha do chainnt binn: mar mhìr de phomgranat tha do chamagan am meadhon do chiabh. Tha do mhuineal mar thùr Dhaibhidh, air a chur suas gu bhith na thaigh‐arm: tha mìle targaid crochte suas ris, uile sgiathan nan treun‐fhear. Tha do dhà chìch mar dhà mheann earba, càraid na maoislich, a dh’ionaltras am measg nan lilidh. Gus am bris an là, agus an teich na sgàilean, thèid mi gu beinn a’ mhirr, agus gu tulach na tùise. Tha thu uile àillidh, a bhean mo ghaoil, agus smal chan eil annad. Leamsa o Lebanon, a chèile, leamsa thig o Lebanon: seall o mhullach Amana, o mhullach Shenir agus Hermoin, o àitean‐tàimh nan leòmhann, o bheanntan nan liopard. Dh’èignich thu mo chridhe, a phiuthar, a chèile; dh’èignich thu mo chridhe le aon ded shùilean, le aon slabhraidh mud mhuineal. Cia taitneach a tha do ghràdh, a phiuthar, a chèile! Cia mòr as fheàrr na fìon do ghràdh, agus fàile d’ola‑ungaidh na na h‑uile spìosraidh! Mar a’ chìr‐mheala silidh do bhilean, a chèile: tha mil agus bainne fo do theangaidh; agus tha fàile do thrusgain mar fhàile cùbhraidh Lebanoin. Is lios glaiste thu, a phiuthar, a chèile; fuaran dùinte, tobar air a sheulachadh. Tha do gheugan mar lios phomgranat, leis a’ mheas as taitniche; le croinn champhir maille ri preasan spiocnaird: Spiocnard agus cròch; cuilc mhilis agus canal, leis na h‑uile chraobhan tùise; mirr agus alo, maille ris na spìosraidh as taghte; Fuaran lios, tobar uisgeachan beò, agus a’ sruthadh o Lebanon. Eirich, a ghaoth tuath, agus thig a ghaoth a deas, sèid air feadh mo liosa, rachadh fàile cùbhraidh a spìosraidh a‑mach. Thigeadh m’annsachd da lios, agus itheadh e a thoradh taitneach. Tha mi air teachd dom lios, a phiuthar, a chèile; thionail mi mo mhirr maille rim spìosraidh; dh’ith mi mo chìr‐mheala maille rim mhil; dh’òl mi m’fhìon maille rim bhainne. Ithibh, a chàirdean, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt, a luchd mo ghràidh. Tha mi am chadal, ach tha mo chridhe na fhaireachadh. Guth fir mo ghràidh a’ bualadh! Fosgail dhomh, mo phiuthar, mo bhanacharaid, mo chalaman, mo bhean choileanta; oir tha mo cheann còmhdaichte le drùchd, mo chiabhan le braoin na h‑oidhche. Chuir mi dhìom mo thrusgan; cionnas a chuireas mi orm e? Dh’ionnlaid mi mo chasan; cionnas a shalaicheas mi iad? Chuir fear mo ghràidh a làmh tro tholl an dorais, agus ghluaiseadh m’innigh air a shon. Dh’èirich mi a dh’fhosgladh do fhear mo ghràidh; agus shil mo làmhan mirr, agus mo mheòir mirr ruithteach, air làmhan na glaise. Dh’fhosgail mi do fhear mo ghràidh; ach thionndaidh fear mo ghràidh, agus dh’imich e roimhe. Thrèig m’anam mi nuair a labhair e. Dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e; ghairm mi air, ach cha do fhreagair e mi. Fhuair an luchd‐faire a bha a’ dol air an cuairtean anns a’ bhaile mi; bhuail iad mi, lot iad mi; thug luchd‐coimhead nam balla m’fhallaing dhìom. Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, ma gheibh sibh fear mo ghràidh, gun innis sibh dha mar a tha mi tinn le gràdh. Ciod e fear do ghràidh‐sa thar fear‐ghràidh eile, O thusa as àillidh am measg bhan? Ciod e fear do ghràidh‐sa thar fear‐ghràidh eile, gun do chuir thu air an dòigh seo mar fhiachaibh oirnn? Tha fear mo ghràidh‐sa geal agus dearg, sònraichte am measg deich mìle. Tha a cheann mar an t‑òr as glaine; a chiabhan bachlagach, dubh mar am fitheach. Tha a shùilean mar shùilean chalaman làimh ri sruthan uisgeachan, a nigheas iad fhèin ann am bainne, air an suidheachadh gu ceart. Tha a ghruaidhean mar leabaidh spìosraidh, mar bhlàthan cùbhraidh; a bhilean mar lilidhean a’ sileadh mirr ruithtich. Tha a làmhan mar fhàinnean òir suidhichte le berilean; a chom mar fhiacail elephaint lìomhte, air a cur thairis le saphirean. Tha a chasan mar phuist marmoir, suidhichte air bonnan den òr as glaine; a choslas mar Lebanon, barraichte mar na seudair. Is ro‑mhilis a bheul; seadh, tha e gu lèir ionmhainn. Is e seo fear mo ghràidh‐sa, agus is e seo mo charaid, a nigheanan Ierusaleim. Càit an deachaidh fear do ghràidh, O thusa as àillidh am measg bhan? Cia an taobh a thionndaidh fear do ghràidh? Agus iarraidh sinn e maille riut. Chaidh fear mo ghràidh‐sa sìos da lios, gu leapaichean nan spìosraidh, a dh’ionaltradh anns na liosan, agus a thional lilidh. Is le fear mo ghràidh mise, agus is leamsa fear mo ghràidh: tha e ag ionaltradh am measg nan lilidh. Is àillidh thu, a bhean mo ghaoil, mar Thirsah, maiseach mar Ierusalem, uamhasach mar shluagh lem brataichean. Tionndaidh uam do shùilean, oir chlaoidh iad mi: tha d’fhalt mar threud ghobhar a nochdar o Ghilead. Tha do dheud mar threud chaorach, a thàinig a‑nìos on àite‐nighidh, a bheireas gach aon dhiubh càraid, agus gun aon chaora sheasg nam measg. Mar mhìr de phomgranat tha do chamagan am meadhon do chiabh. Tha trì‐fichead bànrighinn, agus ceithir‐fichead leannan ann, agus òighean gun àireamh. Is ise na h‑aonar mo chalaman, mo bhean choileanta; is i aon nighean a màthar i, a seircean‐se a rug i. Chunnaic na nigheanan i, agus bheannaich iad i; na bànrighnean agus na leannain, agus mhol iad i. Cò ise a chìthear mar a’ mhadainn, sgiamhach mar a’ ghealach, glan mar a’ ghrian, uamhasach mar shluagh lem brataichean? Do lios nan cnò chaidh mi sìos, a ghabhail beachd air toradh a’ ghlinne, a dh’fhaicinn an robh an fhìonain fo bhlàth, an robh na pomgranatan a’ briseadh a‑mach. Mun tug mi an aire, ar leam gun do thàirngeadh a‑mach dhomh carbadan Aminadaib. Till, till, a bhan‐Shulamach, till, till, agus amhairceamaid ort. Carson a dh’amhairceadh sibh air a’ bhan‐Shulamaich mar bhuidheann dà fheachd? Cia àillidh do chasan ann am brògan, a nighean rìoghail! Tha uilt do shliasad mar usgraichean, obair làmhan fir‐ceàirde: Tha d’imleag mar chuaich chruinn, air nach bi easbhaidh dibhe; do bhalg mar dhùn cruithneachd, cuartaichte le lilidhean. Tha do dhà chìch mar dhà mheann earba, càraid na maoislich. Tha do mhuineal mar thùr ìbhoraidh; do shùilean mar lochan èisg ann an Hesbon, làimh ri geata Bhat‐rabaim; do shròn mar thùr Lebanoin, a sheallas a làimh Dhamascais. Tha do cheann ort cosmhail ri Carmel, agus falt do chinn cosmhail ri corcar: tha an rìgh ceangailte na sheòmraichean. Cia àillidh, agus cia taitneach a tha thu, a ghaoil, ann ad mhaisealachd! Tha an àirde sin agad cosmhail ri craoibh‐phailme, agus tha do chìochan mar bhagaidean fhìondhearc. Thubhairt mi, Sreapaidh mi suas don chraoibh‐phailme, gabhaidh mi greim de a geugan: agus a‑nis bidh do chìochan mar bhagaidean den fhìon‐chraoibh, agus cùbhraidheachd d’aodainn mar chùbhraidheachd nan ubhall: Mar an ceudna do chàirean mar am fìon as fheàrr, airson mo ghràidh, a thèid sìos gu milis, a’ toirt cainnte do bhilean an dream a chaidleas. Is le fear mo ghràidh mise, agus is ann ormsa a tha a chion. Thig, fhir mo ghràidh, rachamaid a‑mach don mhachair; fanamaid rè na h‑oidhche anns na bailtean. Anns a’ mhoch‐thràth rachamaid do na fìonliosan, seallamaid a bheil an fhìonchraobh air teachd fo bhlàth, a bheil an fhìondhearc bheag ga nochdadh fhèin, a bheil na pomgranatan air briseadh a‑mach: an sin bheir mi mo ghràdh dhut. Tha na mandragan a’ tabhairt fàile cùbhraidh uapa; agus aig ar geatachan, gach meas as taghte, ùr agus sean, fhir mo ghràidh, thaisg mi dhutsa. Is truagh nach robh thu mar mo bhràthair, a dheoghail cìochan mo mhàthar! Nam faighinn a‑muigh thu, phògainn thu, agus cha dèante tàir orm. Threòraichinn thu, bheirinn leam thu do thaigh mo mhàthar, a theagaisgeadh mi; bheirinn ort òl de fhìon spìosrach, de shùgh mo phomgranait. Bhiodh a làmh chlì fom cheann, agus bhiodh a làmh dheas timcheall orm. Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, air earban agus air èildean na machrach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh gus an àill leis fhèin. Cò ise a tha a’ teachd a‑nìos on fhàsach, an taice ri fear a gràidh? Fon chraoibh‐ubhall thog mi suas thu: an sin bha do mhàthair ri saothair ort; an sin bha i ri saothair, rug i thu. Cuir mise mar sheula air do chridhe, mar sheula air do ghàirdean; oir làidir mar am bàs tha an gràdh, an‑iochdmhor mar an uaigh an t‑eud: is èibhlean a teine a èibhlean‐san, lasair ro‑gharg. Chan urrainn uisgeachan lìonmhor an gràdh a mhùchadh, agus cha bhàth na tuiltean e. Nan tugadh duine uile mhaoin a thaighe airson gràidh, dhèanadh daoine tàir air gu tur. Tha piuthar bheag againn, agus chan eil cìochan aice: ciod a nì sinn airson ar peathar, anns an là anns an labhrar ma timcheall? Mas balla i, togaidh sinn oirre lùchairt airgid; agus mas doras i, dùinidh sinn suas i le bùird sheudair. Bu bhalla mi, agus bha mo chìochan mar thùir; an sin bha mi na shùilean mar aon a fhuair deagh‐ghean. Bha fìonlios aig Solamh, ann am Bàal‐hamon; dh’earb e am fìonlios ri luchd‐coimhead; bha gach fear gu tabhairt dha, airson a thoraidh, mìle bonn airgid. Tha am fìonlios as leamsa fam chomhair: tha am mìle bonn dhutsa, a Sholaimh; agus dà cheud do luchd‐coimhead a thoraidh. O thusa a chòmhnaicheas anns na liosan, tha do chompanaich a’ cluinntinn do ghutha; thoir ormsa a chluinntinn. Luathaich ort, fhir mo ghràidh, agus bi cosmhail ri earban, no ri laogh fèidh air beanntan nan spìosraidh. Taisbeanadh Isaiah mhic Amois, a chunnaic e mu thimcheall Iùdah, agus Ierusaleim, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah. Cluinnibh, O nèamhan, agus tabhair èisdeachd, O thalaimh, oir tha an Tighearna a’ labhairt: Dh’altraim mise, agus thog mi suas clann; agus rinn iadsan ceannairc am aghaidh. Is aithne don damh a shealbhadair, agus don asail prasach a maighistir; ach chan aithne do Israel; chan eil mo shluagh‐sa a’ toirt fa‑near. Ah, cinneach peacach! Sluagh luchdaichte le aingidheachd! Sìol nan daoi! Clann a tha nam milltearan! Thrèig iad an Tighearna, bhrosnaich iad Tì naomh Israeil gu feirg, dh’fhalbh iad air an ais. Carson a bhuailear sibh nas mò? Thèid sibh nas fhaide agus nas fhaide air seachran. Tha an ceann uile tinn, agus an cridhe uile fann. O bhonn na coise gu ruig an ceann, chan eil fallaineachd ann; ach lot, agus bruthadh, agus creuchd lobhte; cha do theannaicheadh ri chèile iad, cha do cheangladh suas iad, cha do thaisicheadh le ola iad. Tha ur tìr fàs, tha ur bailtean air an losgadh le teine; ur fearann, tha coigrich ga ithe suas nur làthair; agus dh’fhàsaicheadh e, mar gum biodh e air a sgrios le sluagh coimheach. Agus tha nighean Shioin air a fàgail mar bhothan ann am fìonlios, mar thaigh‐fasgaidh ann an gàrradh chularan, mar bhaile air a theannachadh le naimhdean. Mura biodh gun d’fhàg Tighearna nan sluagh iarmad ro‑bheag againn, is ann a bhitheamaid mar Shòdom, bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah. Cluinnibh facal an Tighearna, O uachdarana Shòdoim; èisdibh ri lagh ar Dè‑ne, a mhuinntir Ghomorrah: Ciod e lìonmhorachd ur n‑ìobairtean dhòmhsa? deir an Tighearna: tha mi làn de thabhartasan‐loisgte reitheachan, agus de shaill bheathaichean biadhte; ach ann am fuil tharbh, agus uan, agus bhoc ghoibhre, chan eil mo thlachd. Nuair a thig sibh gu ur taisbeanadh fhèin ann am làthair‐sa, cò a dh’iarr seo air ur làimh, mo chùirtean‐sa a shaltairt? Na tugaibh tabhartas dìomhain uaibh nas mò: tha tùis na gràinealachd dhomh; a’ ghealach ùr, agus an t‑sàbaid, gairm a’ cho‐chruinneachaidh, chan fhaodar leam fhulang; is euceart eadhon an co‑ghairm naomh. Ur gealaichean ùra, agus ur fèillean suidhichte, is fuath lem anam; tha iad nan eallaich orm; tha mi sgìth den giùlan. Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala. Nighibh, glanaibh; cuiribh air falbh olc ur dèanadais as mo shealladh; sguiribh den olc. Fòghlamaibh math a dhèanamh; iarraibh breitheanas; dèanaibh fuasgladh air an fhear a tha sàraichte; cumaibh còir ris an dìlleachdan; tagraibh cùis na bantraich. Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn. Ma bhios sibh toileach agus umhail, ithidh sibh toradh math an fhearainn: Ach ma bhios sibh eas‐umhail agus ceannairceach, ithear suas sibh leis a’ chlaidheamh; oir labhair beul an Tighearna e. Cionnas a dh’fhàs a’ chathair dhìleas na strìopaich! Bha i làn de bhreitheanas, bha ionracas a’ gabhail còmhnaidh innte, ach a‑nis mortairean. Tha d’airgead air fàs na shalchar; tha d’fhìon air a mheasgadh le uisge: Tha d’uachdarain ceannairceach, agus nan companaich mhèirleach; tha gach aon dhiubh an geall air tìodhlac, agus a’ leantainn dhuaisean; ris an dìlleachdan chan eil iad a’ cumail cothroim, agus cìs na bantraich chan eil a’ teachd nan làthair. Uime sin deir an Tighearna, Tighearna nan sluagh, Tì cumhachdach Israeil, Aha! bheir mi fois dhomh fhèin a‑thaobh m’eascairdean; dìolaidh mi mi fhèin air mo naimhdean. Agus tillidh mi mo làmh ort, agus glanaidh mi uat do shalchar gu ro‑ghlan, agus bheir mi air falbh d’uile staoin. Agus aisigidh mi do bhritheamhan mar air tùs, agus do chomhairlichean mar a bha iad an toiseach; na dhèidh sin goirear dhìot baile na fìreantachd, a’ chathair dhìleas. Saorar Sion ann am breitheanas, agus a muinntir iompaichte ann am fìreantachd. Agus claoidhear luchd‐easaontais agus peacaich maraon; agus bidh iadsan a thrèigeas an Tighearna air an caitheamh as. Oir gabhaidh iad nàire de na daragan a mhiannaich sibh; agus bidh rudhadh gruaidh oirbh airson nan liosan a roghnaich sibh: Oir bidh sibh mar dharaig aig a bheil a duilleach air seargadh, agus mar lios anns nach eil uisge. Agus bidh an duine làidir mar asgart, agus a obraiche mar shrad: agus loisgidh iad le chèile cuideachd, agus cha bhi neach ann a mhùchas iad. Am facal a chunnaic Isaiah mac Amois mu thimcheall Iùdah agus Ierusaleim. Tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan slèibhtean; agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na h‑uile chinnich da ionnsaigh. Agus thèid mòran shlògh, agus their iad, Thigibh, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, gu taigh Dhè Iàcoib; agus teagaisgidh e sinn ma shlighean, agus imichidh sinn na cheuman; oir o Shion thèid an lagh a‑mach, agus facal an Tighearna o Ierusalem. Agus bheir e breith am measg nan cinneach, agus bheir e achmhasan do mhòran shlògh; agus buailidh iad an claidheamhan gu coltairean, agus an sleaghan gu corrain‐sgathaidh; cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus chan fhòghlaim iad cogadh nas mò. O thaigh Iàcoib, thigibh agus imicheamaid ann an solas an Tighearna. Air an adhbhar sin thrèig thu do shluagh, taigh Iàcoib, a chionn gu bheil iad air an lìonadh on àird an ear, agus nan luchd‐fiosachd mar na Philistich; agus tha an tlachd ann an cloinn choigreach. Agus tha an tìr air a lìonadh le airgead agus òr, agus chan eil crìoch air an ionmhasan; tha an tìr air a lìonadh le eich, agus chan eil crìoch air an carbadan. Tha an tìr fòs air a lìonadh le iodhalan; tha iad a’ sleuchdadh do obair an làmh fhèin, don nì sin a rinn am meòir fhèin. Agus tha an duine suarach a’ cromadh sìos, agus tha an duine àrd ga ìsleachadh fhèin; agus cha tabhair thusa maitheanas dhaibh. Imich a‑steach don charraig, agus falaich thu fhèin anns an ùir, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd. Islichear sealladh uaibhreach an duine mhòir, agus leagar sìos àrdan nan daoine suarach; agus bidh an Tighearna na aonar air a àrdachadh anns an là sin. Oir thig là Tighearna nan sluagh air gach neach a tha uaibhreach agus àrd, agus air gach neach a tha air a thogail suas, agus leagar sìos e; Agus air uile sheudairean Lebanoin, a tha àrd agus togte suas; agus air uile dharagan Bhasain; Agus air na h‑uile bheanntan àrda, agus air na h‑uile chnocan a tha togte suas; Agus air gach tùr àrd, agus air gach balla daingnichte; Agus air uile longan Tharsis, agus air na h‑uile dhealbhan sgiamhach. Agus ìslichear uabhar an duine mhòir, agus leagar sìos àrdan nan daoine suarach; agus bidh an Tighearna na aonar air àrdachadh anns an là sin. Agus cuiridh e na h‑iodhalan gu buileach air cùl. Agus thèid iad a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann an tuill na talmhainn, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach. Anns an là sin tilgidh duine iodhalan airgid agus iodhalan òir, a rinn iad, gach aon dha fhèin, gu sleuchdadh dhaibh, a‑chum nam famh agus a‑chum nan ialtag; Gu dol a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann am mullaichean nan sgeir, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach. Leigibh dhibh ur dùil ri duine, aig a bheil a anail na chuinneanan; oir ciod am fàth mun gabhar meas dheth? Oir feuch, bheir an Tighearna, Tighearna nan sluagh, air falbh o Ierusalem agus o Iùdah an lorg agus am bata, uile lorg an arain, agus uile lorg an uisge, An treun‐fhear agus am fear‐cogaidh, am britheamh agus am fàidh, an duine glic agus an seanair; An ceannard air leth‐cheud agus an duine urramach, agus an comhairliche, agus am fear‐ceàirde seòlta, agus an cainnt‐fhear deas‐bhriathrach. Agus nì mi leanabain nan uachdarain orra, agus riaghlaidh naoidheanan os an cionn. Agus bidh an sluagh air an sàrachadh, gach fear le a chèile, agus gach fear le a choimhearsnach; nì an t‑òganach tàir air an aosda, agus an duine an‑uasal air an duine uasal. Nuair a ghlacas fear a bhràthair, de thaigh a athar, air a thrusgan, ag ràdh, Thig, agus bi ad fhear‐riaghlaidh oirnn, agus biodh an t‑aomadh seo fo do làimh‐sa: Bheir e briathar air an là sin, ag ràdh, Cha bhi mise am fhear‐slànachaidh dhuibh; oir ann am thaigh‐sa chan eil biadh no aodach; na cuiribh mise suas am fhear‐riaghlaidh air an t‑sluagh. Oir tha Ierusalem air aomadh sìos, agus Iùdah air tuiteam; a chionn gu bheil an teanga agus an dèanadas an aghaidh an Tighearna, a chur cathachaidh air sùilean a ghlòire. Tha sealladh an gnùise a’ toirt fianais nan aghaidh; agus tha iad a’ dèanamh am peacaidh follaiseach, mar Shòdom; chan eil iad ga fhalach; is truagh dan anaman, oir thug iad olc orra fhèin. Abraibh ris an ionracan gur math a dh’èireas dha; oir toradh an gnìomharan ithidh iad. Is an‑aoibhinn don aingidh; is olc a dh’èireas dhàsan; oir dìolar dha obair a làmh fhèin. A‑thaobh mo shluaigh‐sa, tha clann a’ dèanamh sàrachaidh orra, agus tha mnathan a’ riaghladh os an cionn. O mo shluagh, tha do chinn‐iùil gad chur air seachran, agus a’ fiaradh slighe do cheuman. Tha an Tighearna a’ seasamh suas a‑chum tagraidh; agus tha e a’ seasamh a thabhairt breith air an t‑sluagh. Tionnsgnaidh an Tighearna ann am breitheanas ri seanairean a shluaigh, agus rin uachdarain, oir dh’ith sibh suas am fìonlios; tha creach nam bochd nur taighean. Ciod as ciall dhuibh, gu bheil sibh a’ pronnadh mo shluaigh, agus a’ bleith aodannan nam bochd? deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh. Os bàrr, thubhairt an Tighearna, A chionn gu bheil nigheanan Shioin uallach, agus ag imeachd le muinealan sìnte a‑mach, agus le sùilean meara, ag imeachd le ceuman iollagach, agus a’ dèanamh fuaime len casan: Uime sin nì an Tighearna maol mullach cinn nigheanan Shioin, agus leigidh an Tighearna ris an nàire. Anns an là sin bheir an Tighearna air falbh àille nan cas‐fhàinneachan, agus na brèidean, agus na samhlachan‐gealaich, Na cluigeanan, agus na làmh‐fhailean, agus na sgàilean, Na cuaileanan, agus na glùineanan, agus na foilteanan, agus na soireachan‐boltraich, agus na cluas‐fhàinneachan, Na fàinneachan, agus na seudan‐sròine, Na trusganan lasach, agus na tonnagan, agus na fallaingean, agus na dealgan, Na sgàthanan, agus na lèintean anairt, agus na curraicean, agus na bratan‐sgàile. Agus an àite deagh fhàile bidh brèine, agus an àite criosa bidh sracadh, agus an àite fuilt air a dheagh‐chleachdadh bidh maoile, agus an àite crios‐uchd bidh ceanglachan sac‐eudaich, agus losgadh an àite maise. Tuitidh do dhaoine leis a’ chlaidheamh, agus do threun‐fhir anns a’ chogadh. Agus nì a geatachan caoidh agus bròn; agus suidhidh i gu h‑aonaranach sìos air an làr. Agus nì seachd mnathan greim air aon fhear anns an là sin, ag ràdh, Ar n‑aran fhèin ithidh sinn, agus ar n‑aodach fhèin caithidh sinn; a‑mhàin bitheamaid air ar n‑ainmeachadh ortsa, a thoirt air falbh ar mì‑chliù. Anns an là sin bidh meangan an Tighearna sgiamhach agus glòrmhor, agus toradh an fhearainn òirdheirc agus maiseach, dhaibhsan a thèid as de Israel. Agus tàrlaidh, an neach a dh’fhàgar ann an Sion, agus a dh’fhanas ann an Ierusalem, goirear esan naomh, eadhon gach aon a tha sgrìobhte am measg nam beò ann an Ierusalem, Nuair a nigheas an Tighearna air falbh salchar nighean Shioin, agus a ghlanas e fuil Ierusaleim as a meadhon, le spiorad breitheanais, agus le spiorad losgaidh. Agus cruthaichidh an Tighearna air gach àite‐tàimh de shliabh Shioin, agus air a coitheanalan, neul anns an là, agus deatach, agus dealradh teine lasraich anns an oidhche; oir thar a’ ghlòir uile bidh còmhdach. Agus bidh e na bhùth, airson sgàile on teas anns an là, agus airson dìdein, agus airson ionaid‐fasgaidh on doininn agus on uisge. Seinnidh mi a‑nis do fhear mo ghràidh, òran le fear mò ghràidh mu thimcheall a lios‐fìona. Bha aig mo ghràdh‐sa fìonlios air cnoc àrd tairbheach. Agus chuir e callaid ma thimcheall agus ghlan e na clachan as, agus shuidhich e rogha fìonain ann, agus thog e tùr na mheadhon, agus cuideachd chladhaich e amar‐fìona agus dh’amhairc e a dh’fheuchainn an tugadh e a‑mach dearcan fìona, agus thug e a‑mach dearcan fiadhain. Agus a‑nis, O luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus fheara Iùdah, thugaibh breith, guidheam oirbh, eadar mise agus m’fhìonlios. Ciod tuilleadh a ghabhadh dèanamh rim fhìonlios nach do rinn mi ris? Carson, nuair a dh’amhairc mi an tugadh e a‑mach dearcan fìona, a thug e a‑mach dearcan fiadhain? Agus a‑nis thigibh, nochdaidh mise dhuibh ciod a nì mi rim fhìonlios; bheir mi air falbh a challaid, agus ithear suas e; brisidh mi a bhalla, agus bidh e air a shaltairt sìos. Agus cuiridh mi fàs e; cha sgathar e, agus cha ruamhairear e; ach fàsaidh an dris agus an droigheann ann; agus bheir mi àithne do na neòil nach fras iad uisge air. Oir is e fìonlios Tighearna nan sluagh taigh Israeil, agus daoine Iùdah luibh a mhòr thlachd; agus bha sùil aige ri breitheanas, agus feuch aintighearnas; ri ceartas, agus feuch gaoir ghoirt. Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ cur taighe ri taigh, agus a’ cur achaidh ri achadh, gus nach bi àit ann, agus gun gabh sibh còmhnaidh air leth ann am meadhon na tìre! Ann am chluasan thubhairt Tighearna nan sluagh, Gu deimhinn bidh iomadh taigh fàs, taighean mòra agus maiseach, gun neach a’ gabhail còmhnaidh annta. Bheir deich acraichean de fhìonlios aon bhat fìona, agus bheir homer de shìol uaithe ephah. Is an‑aoibhinn dhaibhsan a dh’èireas gu moch anns a’ mhadainn, a dhol an dèidh dibhe làidir; a bhuanaicheas gu feasgar, ionnas gun cuir am fìon teas orra! Agus tha a’ chlàrsach, agus a’ chruit‐chiùil, agus an tabor, agus a’ phìob, agus fìon nan cuirmean: ach obair an Tighearna chan eil iad a’ cur an suim, agus gnìomh a làmh chan eil iad a’ toirt fa‑near. Uime sin tha mo shluagh air dol ann am braighdeanas, a chionn gu bheil iad gun eòlas; agus tha an uaislean air bàsachadh le gort, agus an ìslean air tiormachadh le tart. Air an adhbhar sin mheudaich an uaigh a cìocras, agus dh’fhosgail i a beul thar tomhas; agus thèid an glòir, agus am mòr‐shluagh, agus an greadhnachas, agus esan a tha ri aighear, sìos da h‑ionnsaigh. Agus leagar sìos an duine suarach, agus ìslichear an duine cumhachdach, agus ìslichear sùilean nan uaibhreach. Ach bidh Tighearna nan sluagh air àrdachadh ann am breitheanas; agus bidh an Dia naomh air a naomhachadh ann an ceartas. An sin ionaltraidh na h‑uain mar as àbhaist dhaibh; agus ithidh coigrich machraichean fàsail na muinntir reamhair. Is an‑aoibhinn dhaibhsan a tha a’ tarraing aingidheachd le cùird dìomhanais, agus peacaidh mar le taodan feuna: A their, Dèanadh e deifir, luathaicheadh e a obair, a‑chum gum faic sinn; agus dlùthaicheadh comhairle Tì naomh Israeil, agus thigeadh i gu crìch, a‑chum gum bi fhios againn. Is truagh dhaibhsan a their math ri olc, agus olc ri math; a tha a’ cur dorchadais an àite solais, agus solais an àite dorchadais; a tha a’ cur an t‑seirbh an àit a’ mhilis, agus a’ mhilis an àit an t‑seirbh. Is truagh dhaibhsan a tha glic nam barail fhèin, agus nam beachd fhèin tuigseach. Is truagh dhaibhsan a tha làidir a dh’òl fìona, agus nan daoine neartmhor a mheasgadh dibhe làidir: A tha a’ saoradh a’ chiontaich airson duaise; agus a’ toirt ionracais an fhìrein air falbh uaithe. Uime sin mar a dh’imlicheas teanga an teine suas an asbhuain, agus a chnàmhas an lasair am moll, mar sin bidh am freumh‐san mar fhiodh grod, agus thèid am blàth suas mar dhuslach; a chionn gun do dhiùlt iad le tàir lagh Tighearna nan sluagh, agus gun do chuir iad cùl ri facal Tì naomh Israeil. Air an adhbhar sin tha corraich an Tighearna air lasadh an aghaidh a shluaigh; agus shìn e a‑mach a làmh nan aghaidh, agus bhuail e iad; agus chriothnaich na slèibhtean, agus bha an colainnean mar aolach air meadhon nan sràidean. Airson seo uile, chan eil a chorraich air tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach. Agus togaidh e suas bratach do na cinnich am fad as, agus nì e fead air an son o iomall na talmhainn; agus, feuch, le deifir thig iad gu luath. Cha bhi aon neach fann, agus cha bhi aon neach tuisleach nam measg; cha tig clò, cha tig cadal air aon dhiubh; chan fhuasglar crios an leasraidh, agus cha bhrisear barr‐iall am bròg. Aig a bheil an saighdean geuraichte, agus am boghachan uile air ghleus; bidh iongannan an each air am meas mar ailbhinn, agus an rothan mar chuairt‐ghaoith. Bidh am beucaich mar leòmhann boireann; beucaidh iad mar leòmhainn òga; agus nì iad nuallan, agus glacaidh iad a’ chreach, agus togaidh iad leo i, agus cha bhi neach ann a theasairgeas. Agus anns an là sin beucaidh iad nan aghaidh, mar bheucaich na fairge; agus seallaidh iad air an talamh, agus, feuch, dorchadas agus teanntachd; agus bidh an solas air a dhorchachadh anns na speuran. Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Usiah bàs, chunnaic mi an Tighearna na shuidhe air cathair rìoghail, àrd agus togte suas; agus lìon iomall a thrusgain an teampall. Os a chionn sheas seraphim: aig gach aon bha sia sgiathan; le dithis chòmhdaich e a aghaidh, agus le dithis chòmhdaich e a chasan, agus le dithis rinn e itealaich. Agus ghlaodh iad, gach aon ri a chèile, agus thubhairt iad, Is naomh, naomh, naomh Tighearna nan sluagh; tha an talamh uile làn de a ghlòir. Agus ghluais ursainnean an dorais le guth an tì a ghlaodh, agus lìonadh an taigh le deataich. Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh. An sin thàinig aon de na seraphim ag itealaich am ionnsaigh, agus na làimh èibhleag bheò, a thug e leis a’ chlobha bhàrr na h‑altarach; Agus bhean e rim bheul, agus thubhairt e, Feuch, bhean seo rid bhilean; agus tha d’aingidheachd air a toirt air falbh, agus do lochd air a ghlanadh. Agus chuala mi guth an Tighearna ag ràdh, Cò leis a chuireas mi fios? Agus cò a thèid air ar son? Agus thubhairt mi, Feuch, tha mise an seo; cuir fios leamsa. Agus thubhairt e, Rach, agus abair ris an t‑sluagh seo, Cluinnibh da‑rìribh ach na tuigibh; agus seallaibh da‑rìribh, ach na tugaibh fa‑near. Dèan cridhe an t‑sluaigh seo reamhar, agus dèan an cluasan trom, agus druid an sùilean; mum faic iad len sùilean, agus mun cluinn iad len cluasan, agus mun tuig iad len cridheachan, agus gun iompaichear iad, agus gum bi iad air an slànachadh. An sin thubhairt mise, Cia fhad, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Gus an cuirear bailtean fàs, gun neach gan àiteachadh; agus taighean, gun duine a’ gabhail còmhnaidh annta; agus gum bi am fearann gu tur air a fhàsachadh; Agus gum fògair an Tighearna daoine am fad as; agus gum bi fàsalachd mhòr ann am meadhon na tìre. Ach fhathast bidh deicheamh innte; agus tillidh e, agus caithear e; mar an cuileann agus an darach, aig a bheil brìgh annta, ged thilg iad an duilleach; mar sin bidh sìol naomh na bhrìgh inntese. Ann an làithean Ahais mhic Iotaim, mhic Usiah, rìgh Iùdah, chaidh Resin rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah rìgh Israeil, suas do Ierusalem, a chogadh na h‑aghaidh, ach cha b’urrainn iad buadhachadh oirre. Agus dh’innseadh do thaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Siria ann an co‑bhainn ri Ephraim; agus bha a chridhe air a ghluasad, agus cridhe a shluaigh, mar a ghluaisear craobhan na coille ron ghaoith. Agus thubhairt an Tighearna ri Isaiah, Rach a‑mach a‑nis an còmhdhail Ahais, thu fhèin, agus Seariasub do mhac, aig ceann sruth‐chlais na linne uachdaraich, air slighe achadh an luadhadair. Agus abair ris, Thoir an aire, agus bi ad thosd; na gabh eagal, agus na bi lag‐chridheach, airson dà eàrr nan aithinnean smùidreach seo, airson corraich Resin agus Shiria, agus mac Remaliah. Airson gun do dhealbh Siria, Ephraim, agus mac Remaliah, olc ad aghaidh, ag ràdh, Rachamaid suas an aghaidh Iùdah, agus teannaicheamaid e, agus briseamaid a‑steach, agus cuireamaid rìgh suas gu rìoghachadh na mheadhon, eadhon mac Thabeail: Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Cha seas e, cha mhò a thig e gu crìch. Ged as e ceann Shiria Damascas, agus ceann Dhamascais Resin; gidheadh an taobh a‑staigh de chòig agus trì‐fichead bliadhna, bidh Ephraim air a bhriseadh, ionnas nach bi e na chinneach: Ged as e ceann Ephraim Samaria, agus ceann Shamaria mac Remaliah. Mura creid sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach. Agus labhair an Tighearna fhathast ri Ahas, ag ràdh, Iarr dhut fhèin comharradh on Tighearna do Dhia; iarr anns an doimhne, no anns an àirde shuas. Ach thubhairt Ahas, Chan iarr mi, cha mhò a bhuaireas mi an Tighearna. Agus thubhairt esan, Eisdibh a‑nis, a thaigh Dhaibhidh; am beag leibh daoine a sgìtheachadh, ach an sgìthich sibh fòs mo Dhia? Air an adhbhar sin, bheir an Tighearna fhèin comharradh dhuibh; Feuch, bidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Imanuel mar ainm air. Im agus mil ithidh e, gus an tuig e an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh. Oir mun aithne don leanabh an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh, fàsaichear fearann an dà rìgh leis a bheil thu air do chlaoidh. Bheir an Tighearna ortsa, agus air do shluagh, agus air taigh d’athar, làithean nach robh an leithidean ann on là anns an do dhealaich Ephraim ri Iùdah; eadhon rìgh Asiria. Agus tàrlaidh anns an là sin, gun gairm an Tighearna a’ chuileag a tha ann an iomall aibhnichean na h‑Eiphit, agus an seillean a tha ann an talamh Asiria: Agus thig iad, agus laighidh an t‑iomlan dhiubh anns na glinn fhàsail, agus ann an còsan nan creag, agus air gach uile dhroighnich agus air gach uile phreas. Anns an là sin lomaidh an Tighearna le ealtainn thuarasdail, leis an t‑sluagh air taobh thall na h‑aibhne, le rìgh Asiria, an ceann agus fionnadh nan casan; agus bearraidh i eadhon an fheusag. Agus tàrlaidh anns an là sin gun àraich duine bò òg agus dà chaora: Agus o phailteas a’ bhainne a bheir iad uapa, ithidh e ìm; oir ìm agus mil ithidh gach neach a dh’fhàgar anns an tìr. Agus tàrlaidh anns an là sin, gach àit anns an robh mìle fìonain, air am meas air mhìle bonn airgid, gum bi e na sgitheach agus na dhroighnich. Le saighdean agus leis a’ bhogha thig iad an sin; oir bidh an talamh uile na sgitheach agus na dhroighnich. Agus air na h‑uile chnocan a bhios air an ruamhradh leis a’ chaibe, cha tig eagal sgithich no droighnich; ach bidh e na àirigh dhamh, agus na ionaltradh meanbh‐chruidh. Agus thubhairt an Tighearna rium, Gabh clàr mòr, agus sgrìobh air le inneal‐sgrìobhaidh duine mu Mhaler‐salal‐has‐bas. Agus thug mi leam, a‑chum dearbhaidh, fianaisean fìrinneach Uriah an sagart, agus Sechariah mac Ieberechiah. Agus dhlùthaich mi ris a’ bhan‐fhàidh; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac: agus thubhairt an Tighearna rium, Thoir mar ainm air Maher‐salal‐has‐bas: Oir mun aithne don leanabh M’athair agus Mo mhàthair a ràdh, togar air falbh saoibhreas Dhamascais agus creach Shamaria ro rìgh Asiria. Agus labhair an Tighearna fhathast rium, ag ràdh, A chionn gun do chuir an sluagh seo cùl ri uisgeachan Shilòah, a ruitheas gu sèimh; agus gu bheil iad a’ gabhail tlachd ann an Resin agus ann am mac Remaliah: Uime sin, feuch, bheir an Tighearna a‑nìos orra uisgeachan na h‑aibhne, làidir agus lìonmhor, eadhon rìgh Asiria agus a uile ghreadhnachas; agus èiridh e os cionn a chlaisean uile, agus thèid e thar a uile bhruachan. Agus gabhaidh e roimhe air feadh Iùdah, a’ ruith thairis agus a’ sgaoileadh; eadhon gus am muineal ruigidh e; agus lìonaidh sgaoileadh a sgiathan leud do thìre‐sa, O Imanueil. Cruinnichibh ri chèile, a chinneacha, agus brisear sibh nur bloighdean: èisdibh, sibhse uile a tha anns na dùthchannan fad as; crioslaichibh sibh fhèin, agus brisear sibh nur bloighdean; crioslaichibh sibh fhèin, agus brisear sibh nur bloighdean. Cuiribh ur comhairle ri chèile, agus thig i gu neo‐bhrìgh; labhraibh am facal, agus cha seas e; oir tha Dia leinne. Oir thubhairt an Tighearna rium, le làimh làidir, agus theagasg e mi, a‑chum nach siùbhlainn ann an slighe an t‑sluaigh seo, ag ràdh, Na abraibh‐sa co‑bhainn ris gach nì ris an abair an sluagh seo co‑bhainn; agus na gabhaibh eagal ron uamhas‐san, agus na biodh geilt oirbh. Tighearna nan sluagh, naomhaichibh esan fhèin; agus biodh esan dhuibh na chùis‐eagail, agus biodh esan dhuibh na adhbhar ball‐chrith. Agus bidh e na ionad naomh; ach na chloich‐thuislidh, agus na charraig‐oilbheim do dhà thaigh Israeil, na lìon agus na ribe do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim. Agus gheibh mòran nam measg tuisleadh, agus tuitidh iad, agus brisear iad, agus ribear agus glacar iad. Ceangail suas an fhianais, seulaich an lagh am measg mo dheisciobal‐sa. Ach feithidh mise ris an Tighearna a tha a’ falach a ghnùise o thaigh Iàcoib, agus bidh sùil agam ris. Feuch, tha mise agus a’ chlann a thug an Tighearna dhomh nar comharraidhean agus nar n‑iongantasan ann an Israel, o Thighearna nan sluagh a tha na chòmhnaidh ann an sliabh Shioin. Agus nuair a their iad ribh, Iarraibh a‑chum nam ban‐fhiosaichean, agus a‑chum nan draoidhean, muinntir a nì bìdeil agus borbhanaich; nach bu chòir do shluagh iarraidh a‑chum an Dè? An ann a dh’iarradh iad a‑chum nam marbh, an àite nam beò? Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta. Agus siùbhlaidh gach aon da thrìd, ann an teinn agus ann an gorta; agus tàrlaidh, nuair a bhios e ann an gorta, gum bi corraich air ris fhèin, agus mallaichidh e a rìgh agus a Dhia, agus e a’ sealltainn suas. Agus seallaidh e air an talamh, agus feuch teanntachd agus doilleireachd; dubhar an àmhghair, agus tiugh‐dhorchadas. Gidheadh cha bhi an doilleireachd mar a bha ri linn a h‑àmhghair, nuair a bhuail e gu h‑aotrom an toiseach talamh Shebuloin agus talamh Naphtali, agus na dhèidh sin bhuail e na bu truime e, air slighe na fairge, taobh thall Iòrdain, Galile nan cinneach. An sluagh a bha a’ siubhal ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; iadsan a bha nan còmhnaidh ann an tìr sgàil a’ bhàis, dh’èirich solas orra. Rinn thu an cinneach lìonmhor; nach do mheudaich thu an aoibhneas? Rinn iad gàirdeachas ad làthair, mar ghàirdeachas anns an fhogharadh; mar a nì daoine gàirdeachas nuair a roinneas iad a’ chreach. Oir bhris thu cuing a eallaich, agus bata a ghuailne, slat an fhir a shàraich e, mar ann an là Mhidiain. Oir tha gach uile chath an fhir‐chogaidh le cruaidh iomairt, agus aodach air a thumadh ann am fuil; ach bidh seo le losgadh, agus connadh airson an teine. Oir rugadh dhuinne duine‐cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe. Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch. Chuir an Tighearna facal a dh’ionnsaigh Iàcoib, agus thuit e air Israel. Agus bidh fios aig an t‑sluagh uile, aig Ephraim agus fear‐àiteachaidh Shamaria, a tha ag ràdh, ann an uaill agus àrdan cridhe, Tha na clachan creadha air tuiteam, ach togaidh sinn le clachan snaidhte; tha na craobhan sicamoir air an gearradh sìos, ach cuiridh sinn craobhan seudair nan àite. Uime sin àrdaichidh an Tighearna luchd‐mìoruin Resin na aghaidh, agus togaidh e suas a naimhdean le chèile; Na Sirianaich on taobh bheòil, agus na Philistich on taobh chùil; agus ithidh iad suas Israel le beul farsaing. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach. Ach chan eil an sluagh seo air tilleadh ris an tì a bhuail iad; cha mhò a dh’iarr iad Tighearna nan sluagh: Uime sin gearraidh an Tighearna as o Israel an ceann agus an t‑earball, a’ gheug agus an luachair, ann an aon là. An duine aosmhor agus urramach, is esan an ceann; agus am fàidh a tha a’ teagasg brèige, is esan an t‑earball. Oir tha luchd‐stiùraidh an t‑sluaigh seo gan cur air seachran; agus bidh iadsan a stiùrar leo air an slugadh suas. Air an adhbhar sin cha dèan an Tighearna gàirdeachas os cionn an òganach, cha mhò a nì e iochd rin dìlleachdain agus am bantraichean; oir tha gach aon dhiubh na chealgair agus na fhear dòbheairt, agus tha gach beul a’ labhairt amaideachd. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach. Oir loisgidh aingidheachd mar theine; ithidh i suas an dris agus an droigheann; agus cuiridh i ri theine badan na frìthe; agus èiridh iad an àird nan smùid a’ dol suas. Trìd corraich Tighearna nan sluagh dhorchaicheadh an tìr; agus bidh an sluagh mar chonnadh airson an teine: cha dèan duine iochd air a bhràthair fhèin. Agus bheir e teum air an làimh dheis, agus gidheadh bidh e acrach; agus ithidh e suas air an làimh chlì, agus cha bhi iad sàsaichte; ithidh gach duine feòil a ghàirdein fhèin. Ithidh Manaseh Ephraim, agus Ephraim Manaseh; agus bidh iad le chèile an aghaidh Iùdah. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach. Is truagh dhaibhsan a tha ag òrdachadh reachdan eucorach, na sgrìobhaichean a tha ag àithneadh fòirneirt; A thionndadh an fheumaich o bhreitheanas, agus a thabhairt an còrach le ainneart o bhochdan mo shluaigh; air chor is gum bi bantraichean nan cobhartach dhaibh, agus gun creach iad na dìlleachdain. Agus ciod a nì sibh ann an là an smachdachaidh, agus anns an lèirsgrios a thig o chèin? Cò a dh’ionnsaigh a theicheas sibh a‑chum cobhair? Agus càit am fàg sibh ur glòir? As m’eughmhais‐sa aomaidh iad sìos fo na prìosanaich, agus tuitidh iad fo na mairbh. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach. Ho, Asirianaich, slat mo chorraich; agus am bata nan làimh is e sin m’fhearg. An aghaidh cinnich chealgaich cuiridh mi e; agus an aghaidh sluaigh ris a bheil mo chorraich bheir mi dha àithne a thogail creiche, agus a thoirt leo cobhartaich; agus gan saltairt sìos mar chlàbar nan sràidean. Gidheadh chan e sin a bhios na aire‐san, agus chan e rùn a chridhe e; ach is e milleadh a tha na chridhe, agus cinnich nach gann a ghearradh as. Oir their e, Nach eil mo cheannardan uile nan rìghrean? Nach eil Calno mar Charchemis? Nach eil Hamat mar Arphad? Nach eil Samaria mar Dhamascas? Mar a ghlac mo làmh rìoghachdan nan iodhalan, aig an robh dealbhan snaidhte na b’fheàrr na iad sin a tha ann an Ierusalem agus ann an Samaria; Mar a rinn mi ri Samaria agus ra h‑iodhalan, nach dèan mi mar an ceudna ri Ierusalem, agus ra dealbhan‐sa? Ach tàrlaidh, nuair a choileanas an Tighearna a obair gu h‑iomlan air sliabh Shioin agus air Ierusalem, gun dèan mi dìoghaltas air toradh cridhe uaibhreach rìgh Asiria, agus air sealladh àrd a shùl. Oir their e, Le neart mo làimhe rinn mi e, agus lem ghliocas; oir tha deagh thuigse agam; agus dh’atharraich mi crìochan nam fineachan, agus chreach mi an ionmhasan, agus leag mi sìos an sluagh mar dhuine treun: Agus fhuair mo làmh, mar nead, maoin nan slògh; agus mar a chruinnicheas neach uibhean a thrèigeadh, mar sin chruinnich mise an talamh uile; agus cha robh aon a ghluais an sgiath, a dh’fhosgail an gob, no a rinn bìog. An dèan an tuagh uaill an aghaidh an fhir a tha a’ gearradh leatha? An àrdaich an tuireasg e fhèin an aghaidh an fhir a tha ga iomairt? Mar gun sìneadh an t‑slat i fhèin an aghaidh an neach a tha ga togail; no mar gun togadh an lorg suas e fhèin mar nach b’fhiodh a bha ann. Air an adhbhar sin cuiridh an Tighearna, Tighearna nan sluagh, caoile air a’ mhuinntir reamhair; agus fo a òirdheirceas fadaidh e losgadh, mar losgadh teine. Agus bidh solas Israeil na theine, agus a Thì naomh na lasair; agus loisgidh agus caithidh e a dhroigheann agus a dhris ann an aon là: Agus caithidh e glòir a fhrìthe, agus a achaidh thairbhich, eadar anam agus fheòil; agus bidh iad mar fhear‐iomchair brataich a’ call a threòir. Agus bidh fuidheall craobhan a choille tearc, ionnas gun sgrìobh leanabh an àireamh. Agus tàrlaidh anns an là sin nach leig iarmad Israeil, agus iadsan a thèid as de thaigh Iàcoib, an taic nas mò air an fhear a bhuail iad; ach leigidh iad an taic air an Tighearna, Tì naomh Israeil, ann am fìrinn. Tillidh fuidheall, eadhon fuidheall de Iàcob, a dh’ionnsaigh Dhè uile‐chumhachdaich. Oir ged bhiodh do shluagh, O Israeil, mar ghaineamh na fairge, cha till ach fuidheall dhiubh. An lèirsgrios a dh’òrdaicheadh, ruithidh e thairis le ceartas. Oir sgrios, eadhon sgrios sònraichte nì Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, ann am meadhon na tìre uile. Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, Na biodh eagal ort, O mo shluagh, a tha a chòmhnaidh ann an Sion, ron Asirianach; le slait buailidh e thu, agus a bhata togaidh e suas ad aghaidh, a rèir gnàth na h‑Eiphit. Ach fhathast ùine ro‑gheàrr, agus coileanar m’fhearg, agus mo chorraich nan lèirsgrios. Agus togaidh Tighearna nan sluagh slat‐sgiùrsaidh na aghaidh, cosmhail ri àr Mhidiain aig carraig Oreib: agus mar a bha a shlat air an fhairge, mar sin togaidh e suas i, a rèir gnàth na h‑Eiphit. Agus tàrlaidh anns an là sin gun atharraichear a eallach bhàrr do ghuailne, agus a chuing bhàrr do mhuineil; agus caithear a’ chuing do bhrìgh na h‑ola‑ungaidh. Thàinig e gu Aiat, chaidh e thairis gu Migron; aig Michmas taisgidh e a àirneis. Chaidh iad a‑null air an aiseag; ann an Gebah ghabh iad tàmh: tha Ramah air chrith; tha Gibeah Shauil a’ teicheadh. Tog suas do ghuth, O nighean Ghallim; cluinnear e gu ruig Lais, O Anatot thruagh. Theich Madmenah; tha luchd‐àiteachaidh Ghebim air gabhail na ruaige. Fanaidh e fhathast an là sin ann an Nob; crathaidh e a làmh an aghaidh cnoc nighean Shioin, an aghaidh sliabh Ierusaleim. Feuch, sgathaidh Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, a’ gheug le luasgadh mòr; agus bidh iadsan as àirde fàs air an gearradh sìos, agus na h‑uaibhrich air an ìsleachadh. Agus gearraidh e dosan na frìthe le iarann; agus tuitidh Lebanon le làimh chumhachdaich. Agus thig geug a‑mach o bhonn Iese, agus fàsaidh faillean suas as a fhreumhan. Agus gabhaidh spiorad an Tighearna còmhnaidh air, spiorad gliocais agus tuigse, spiorad comhairle agus cumhachd, spiorad eòlais agus eagal an Tighearna: Agus bidh e geur‐mhothachail ann an eagal an Tighearna; agus chan ann a rèir sealladh a shùl a bheir e breith, no a rèir claisteachd a chluas a bheir e achmhasan. Ach le ceartas bheir e breith air a’ bhochd, agus bheir e achmhasan le cothrom, as leth daoine ciùine na talmhainn; agus buailidh e an talamh le slait a bheòil, agus le anail a bhilean marbhaidh e an t‑aingidh. Agus bidh ionracas na chrios ma leasraidh, agus fìrinn na crios ma àirnean. An sin gabhaidh am madadh‐allaidh còmhnaidh maille ris an uan, agus laighidh an liopard sìos maille ris a’ mheann; agus an laogh, agus an leòmhann òg, agus an sprèidh reamhar le chèile; agus nì leanabh beag an stiùradh. Agus ionaltraidh a’ bhò agus am math‐ghamhainn le chèile; laighidh an àlach sìos cuideachd; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh. Agus cluichidh an leanabh cìche air toll na nathrach nimhe; agus air nead na rìgh‐nathrach cuiridh an leanabh a thàinig on chìch a làmh. Cha dochainn agus cha sgrios iad, air feadh mo shlèibh naoimh‐sa gu h‑iomlan; oir lìonar an talamh le eòlas an Tighearna, mar a chòmhdaicheas na h‑uisgeachan aigeann na fairge. Agus anns an là sin, bidh freumh Iese na sheasamh mar bhrataich do na slòigh; da ionnsaigh‐san iarraidh na cinnich, agus bidh a thàmh glòrmhor. Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge. Agus togaidh e an àird bratach airson nan cinneach, agus tionailidh e dìobaraich Israeil, agus muinntir sgapte Iùdah cruinnichidh e le chèile o cheithir ceàrnan na talmhainn. Agus sguiridh farmad Ephraim, agus bidh luchd‐sàrachaidh Iùdah air an gearradh as; cha bhi farmad aig Ephraim ri Iùdah, agus cha sàraich Iùdah Ephraim. Ach leumaidh iad air guailnean nam Philisteach an taobh an iar; creachaidh iad le chèile muinntir na h‑àird an ear; air Edom agus Mòab leagaidh iad an làmh, agus bheir clann Amoin gèill dhaibh. Agus millidh an Tighearna teanga na fairge Eiphitich, agus crathaidh e a làmh os cionn na h‑aibhne le a ghaoith làidir; agus buailidh e i na seachd sruthan agus bheir e orra imeachd troimhpe le casan tioram. Agus bidh rathad mòr aig fuidheall a shluaigh a dh’fhàgar o Asiria; mar a bha aig Israel, anns an là anns an tàinig e a‑nìos o thìr na h‑Eiphit. Agus their thu anns an là sin, Molaidh mi thu, O Thighearna; ged bha thu feargach rium, tha d’fhearg air a tilleadh air falbh, agus thug thu comhfhurtachd dhomh. Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh. An sin tàirngidh sibh uisge le aoibhneas à tobraichean na slàinte. Agus anns an là sin their sibh, Molaibh an Tighearna, gairmibh air a ainm; cuiribh an cèill a ghnìomharan am measg nan cinneach; cumaibh air chuimhne gu bheil a ainm air àrdachadh. Canaibh don Tighearna, oir rinn e gnìomh òirdheirc; tha seo aithnichte anns an talamh uile. Eigh gu h‑àrd, agus dèan iolach, a bhean‐àiteachaidh Shioin; oir is mòr ann ad mheadhon Tì naomh Israeil. Trom‐eallach Bhàbiloin, a chunnaic Isaiah mac Amois. Air sliabh àrd togaibh suas bratach; èighibh riu gu h‑àrd; sìnibh ur làmh, a‑chum gun tèid iad a‑steach air geatachan nan uaislean. Thug mi àithne dom dhaoine coisrigte: seadh, ghairm mi mo dhaoine treuna a‑chum mo chorraich a chur an gnìomh; muinntir a tha a’ dèanamh luathghaire ann am mhòrachd. Fuaim mòr‐chuideachd anns na slèibhtean amhail sluagh mòr; fuaim luasgadh rìoghachdan chinneach air an cruinneachadh le chèile; tha Tighearna nan sluagh a’ deasachadh feachd a‑chum catha. Tha iad a’ teachd o thìr chèin, o iomall nan nèamhan, an Tighearna agus buill‐airm a chorraich, a mhilleadh na tìre gu lèir. Guilibh gu h‑àrd, oir tha là an Tighearna dlùth; mar lèirsgrios on Uile‐chumhachdach thig e. Air an adhbhar sin lagaichear na h‑uile làmhan, agus leaghaidh cridhe gach duine. Agus bidh iad fo uamhas; nì piantan agus guinean greim orra; mar mhnaoi ri saothair cràidhear iad; seallaidh iad gach aon air a chèile le iongantas; mar lasraichean teine bidh an aodainn. Feuch, tha là an Tighearna a’ teachd, garg le feirg agus le dian‐chorraich, a chur na tìre fàs, agus a sgrios nan ciontach a‑mach aisde. Oir cha tabhair reultan nèimh agus a co‑shoillse uapa an solas; bidh a’ ghrian air a dorchadadh na dol a‑mach, agus cha toir a’ ghealach air a solas dealradh. Agus dìolaidh mise air an t‑saoghal an droch‐bheairt, agus air na h‑aingidh an euceart; agus cuiridh mi crìoch air àrdan nan uaibhreach, agus leagaidh mi sìos uaill nan uamhasach. Nì mi duine nas luachmhoire na òr grinn; seadh duine na fìor òr na h‑Ophir. Uime sin luaisgidh mi na nèamhan, agus gluaisear an talamh as a àit, ann am feirg Tighearna nan sluagh, agus ann an là a dhian‐chorraich. Agus bidh iad mar earb air a ruagadh, agus mar threud chaorach nach eil neach a’ cuartachadh; tionndaidhidh iad gach aon a‑chum a shluaigh fhèin; agus teichidh iad gach aon gu a dhùthaich fhèin. Gach fear a ghlacar, sàthar troimhe e; agus na h‑uile a dhlùth‐leanas ri chèile, tuitidh iad leis a’ chlaidheamh. Agus pronnar an naoidheanan fa chomhair an sùl; bidh an taighean air an creachadh, agus am mnathan air an èigneachadh. Feuch, dùisgidh mi suas nan aghaidh na Medich, aig nach bi meas air airgead; agus airson òir, cha bhi suim aca dheth. Pronnaidh am boghachan na h‑òganaich, agus cha dèan iad iochd air toradh na bronn; cha ghabh an sùil truas de leanaban. Agus bidh Bàbilon, maise nan rìoghachdan, glòir uaill nan Caldèanach, mar an lèirsgrios a thug Dia air Sòdom agus Gomorrah. Chan àitichear gu bràth i, cha mhò a ghabhar còmhnaidh innte air feadh linn nan linn; cha suidhich an t‑Arabach bùth an sin; cha mhò a nì buachaillean buaile an sin. Ach gabhaidh fiadh‐bheathaichean an fhàsaich còmhnaidh an sin; agus bidh an taighean làn de uamh‐bheistean; agus gabhaidh na cailleachan‐oidhche tàmh an sin, agus nì na gobhair fhiadhaich mire an sin. Agus freagraidh na h‑eòin fhiadhaich a chèile na lùchairtean, agus na dràgonan anns na seòmraichean aoibhinn, agus tha a h‑àm am fagas, agus cha bhi a làithean air an sìneadh. Oir nì an Tighearna iochd air Iàcob, agus roghnaichidh e fhathast Israel, agus suidhichidh e iad nam fearann fhèin; agus bidh an coigreach air a cheangal riu, agus dlùth‐leanaidh iad ri taigh Iàcoib. Agus gabhaidh na cinnich iad, agus bheir iad gu an àite fhèin iad, agus dealbhaichidh taigh Israeil iad ann am fearann an Tighearna, mar òglaich agus mar bhanoglaich; agus nì iad braighdean dhiubhsan aig an robh iad nam braighdean; agus riaghlaidh iad os cionn na muinntir a bha gan sàrachadh. Agus tàrlaidh, anns an là anns an tabhair an Tighearna dhut fois od àmhghair, agus od mhì‐shuaimhneas, agus on daorsa chruaidh a leagadh ort, Gun tog thu an fhàistneachd seo an aghaidh rìgh Bhàbiloin, agus their thu, Cionnas a sguir am fear‐sàrachaidh! Cionnas a sguir ise a bha sgeadaichte le òr! Bhris an Tighearna lorg nan aingidh, slat rìoghail an luchd‐riaghlaidh. Esan a bhuail na slòigh ann am feirg, le buille gun sgur; esan a thug fo ghèill na cinnich ann an corraich; tha e air a dhian‐ruagadh, gun neach a’ bacadh. Tha an talamh uile aig fois, agus ann an suaimhneas; tha iad a’ togail iolaich. Tha na croinn‐ghiuthais fhèin ri gàirdeachas tharad, agus croinn‐sheudair Lebanoin ag ràdh, On uair a thuit thusa, cha tàinig fear‐gearraidh a‑nìos nar n‑aghaidh‐ne. Tha ionad nam marbh air gluasad shìos air do shon, gud choinneachadh aig do theachd; tha e a’ dùsgadh nam marbh air do shon, uile dhaoine mòra na talmhainn; tha e a’ toirt air uile rìghrean nan cinneach èirigh suas on cathraichean. Labhraidh gach aon dhiubh, agus their iad riut, A bheil thusa fòs air fàs lag mar sinne? An do rinneadh thu cosmhail rinne? Tha d’uabhar air a thoirt a‑nuas a‑chum na h‑uaighe, agus fuaim d’innealan‐ciùil; tha a’ chnuimh air a sgaoileadh fodhad, agus is iad na cnuimheagan do chòmhdachadh. Cionnas a tha thu air tuiteam o nèamh, a reul dhealrach, a mhic na maidne! Cionnas a bha thu air do ghearradh sìos gu làr, thusa a thug fo ghèill na cinnich! Is ann a thubhairt thu ann ad chridhe, Thèid mi suas a‑chum nan nèamhan, os cionn reultan Dhè àrdaichidh mi mo rìgh‐chathair; agus suidhidh mi air sliabh a’ cho‐chruinneachaidh, air taobh na h‑àird a tuath. Thèid mi suas os cionn àirde nan neul: bidh mi cosmhail ris an Tì as àirde. Ach bheirear a‑nuas thu a‑chum na h‑uaighe, gu taobhan an t‑sluic. Iadsan a chì thu, amhaircidh iad gu geur ort, gabhaidh iad beachd dhìot: An e seo, their iad, am fear a thug air an talamh criothnachadh, a chuir rìoghachdan air chrith, A rinn an saoghal mar fhàsach, agus a leag sìos a bhailtean; nach d’fhosgail am prìosan da bhraighdean? Tha uile rìghrean nan cinneach, an t‑iomlan dhiubh, a’ laighe sìos ann an greadhnachas, gach aon na fhàrdaich fhèin. Ach tha thusa air do thilgeadh a‑mach as an uaigh, mar ghèig ghràineil, mar thrusgan nan daoine a mharbhadh, a thro‐lotadh leis a’ chlaidheamh a chaidh sìos do chlachan an t‑sluic; mar chlosaich air a saltairt fo chasan. Chan adhlaicear thu nan co‑chuideachd‐san, a chionn gun do sgrios thu do dhùthaich, gun do mharbh thu do dhaoine: cha bhi iomradh gu bràth air sliochd dhroch dhaoine. Ullaichibh àr airson a chloinne, airson aingidheachd an athraichean: a‑chum nach èirich iad, agus nach sealbhaich iad an talamh, agus nach lìon iad aghaidh an domhain le bailtean. Oir èiridh mise nan aghaidh, deir Tighearna nan sluagh, agus gearraidh mi as o Bhàbilon an t‑ainm agus an t‑iarmad, agus am mac agus an t‑ogha, deir an Tighearna. Agus nì mi e na sheilbh don ghràineig, agus na phollan uisge; agus sguabaidh mi e le sguaib an lèirsgrios, deir Tighearna nan sluagh. Mhionnaich Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Gu cinnteach mar a dhealbh mise, mar sin tàrlaidh; agus mar a chuir mi romham, bidh sin air bhuil; A‑chum an t‑Asirianach a bhriseadh nam dhùthaich, agus a shaltradh fom chasan air mo shlèibhtean: an sin falbhaidh a chuing dhiubh, agus togar a eallach bhàrr an guaille. Seo a’ chomhairle a tha air a suidheachadh mun talamh uile; agus seo an làmh a tha sìnte a‑mach thar nan uile chinneach. Oir shònraich Tighearna nan sluagh a’ chomhairle, agus cò a bhacas? Agus is i a làmh‐san a tha sìnte mach, agus cò a thilleas air a h‑ais i? Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Ahas bàs, bha an trom‐eallach seo. Na dèan‐sa gàirdeachas, O uile Phalistìna, a chionn gun do bhriseadh slat an fhir a bha gad bhualadh: oir o fhreumh na nathrach thig a‑mach rìgh‐nathair, agus is toradh dhi nathair theinnteach itealach. Agus beathaichear ciad‐ghin nam bochd, agus laighidh an t‑ainnis sìos ann an tèarainteachd; agus marbhaidh mi do fhreumh‐sa le gorta, agus d’iarmad cuiridh e gu bàs. Nuallaich, O gheata; èigh, O chathair; O Phalistìna, tha thu uile air do leaghadh as; oir on àird a tuath thig deatach, agus cha bhi neach aonaranach na thràthan suidhichte. Agus ciod am freagradh a bheirear do theachdairean nan cinneach? Gun do leag an Tighearna bunaitean Shioin, agus innte cuiridh bochdan a shluaigh an dòchas. Trom‐eallach Mhòaib. A chionn gu bheil Ar Mhòaib air a fàsachadh, anns an oidhche, agus air a lomadh gu làr; a chionn gu bheil Cir Mhòaib air a fàsachadh, agus air a lomadh gu làr: Chaidh e suas gu Bait agus gu Dibon, na h‑ionadan àrda, a ghul. Nì Mòab caoineadh airson Nebo agus airson Mhedeba; air gach ceann dhiubh bidh maoile; bidh gach feusag air a gearradh dheth. Na sràidean crioslaichidh iad iad fhèin le aodach‐saic; air mullach a taighean agus na sràidean, caoinidh gach aon dhiubh, a’ sileadh dheur gu frasach. Agus bidh Hesbon ag èigheach, agus Elealeh; cluinnear an guth gu ruig Iahas; uime sin glaodhaidh daoine armaichte Mhòaib gu h‑àrd; bidh a beatha searbh dhi. Tha mo chridhe ag èigheach airson Mhòaib; teichidh a luchd‐fuadain do Shòar, mar agh trì bliadhna a dh’aois; dìridh iad uchdach Luhit le gul; oir ann an slighe Horonaim togaidh iad iolach mhillidh. Oir bidh uisgeachan Nimrim nan lèirsgrios; oir tha an luibh air seargadh; tha am feur air teireachdainn; chan eil nì glas ann. Air an adhbhar sin, am beartas a fhuair iad, agus an nì sin a thaisg iad, bheir iad air falbh gu sruth nan seileach. Oir chaidh an èigheach timcheall crìoch Mhòaib; ràinig a caoineadh gu Eglaim, agus a caoineadh gu Beer‐elim. Oir tha uisgeachan Dhimoin làn fala; oir bheir mise tuilleadh air Dimon, an leòmhann orrasan a thèid as o Mhòab, agus air fuidheall na tìre. Cuiribhse uan a dh’ionnsaigh na tìre, o Shela an fhàsaich, gu sliabh nighean Shioin. Oir mar eunlaith sheachranach, air am fògradh on nead, mar sin bidh nigheanan Mhòaib aig àthan Arnoin. Tabhair comhairle, cuir an gnìomh breitheanas; dèan do sgàil mar an oidhche ann an àird a’ mheadhon‐là; falaich na dìobaraich; na brath am fògarrach. Gabhadh mo dhìobaraich tàmh maille riut, O Mhòaib; bi ad ionad‐falaich dhaibh on mhilltear; oir thàinig crìoch air an fhear‐shàrachaidh, sguir am fear‐millidh; tha an luchd‐saltairt air an caitheamh as an tìr. Agus daingnichear an rìgh‐chathair ann an tròcair, agus suidhidh e oirre ann am fìrinn, ann am pàillean Dhaibhidh, a’ tabhairt breith, agus a’ rannsachadh na còrach, agus a’ luathachadh ceartais. Chuala sinn uabhar Mhòaib; tha e ro‑uaibhreach; a àrdan, agus a uaill, agus a fhearg; ach chan eil a spionnadh da rèir. Air an adhbhar sin caoinidh Mòab; airson Mhòaib caoinidh gach aon; airson bunait Chir‐hareseit nì sibh tuireadh: gu cinnteach tha iad air am bualadh. Oir tha machraichean Hesboin air fàilneachadh, agus fìonain Shibmah; bhris maithean nan cinneach sìos a fìon‐chroinn ghasda; ràinig iad gu Iaser; sgaoil iad air feadh an fhàsaich; shìn a geugan iad fhèin a‑mach, chaidh iad thar fairge. Air an adhbhar sin guilidh mi le gul Iaseir airson fìonain Shibmah; uisgichidh mi thu lem dheòir, O Hesboin agus Elealeh; oir dh’fhalbh a’ cho‐ghàir airson do mheas‐samhraidh, agus airson d’fhogharaidh. Agus tha aoibhneas agus gàirdeachas air an toirt air falbh on mhachair thorraich; agus anns na fìonliosan cha dèan iad ceòl, cha tog iad iolach; anns na h‑amaran cha bhrùth am fear‐bruthaidh fìon; thug mise air an iolach sgur. Uime sin nì mo chom fuaim mar chlàrsaich airson Mhòaib; agus mo thaobh a‑staigh airson Chir‐hareis. Agus tàrlaidh, nuair a chìthear gun do sgìthich Mòab e fhèin air an ionad àrd, gun tèid e a‑steach da ionad naomh a dhèanamh ùrnaigh; ach cha soirbhich leis. Seo am facal a labhair an Tighearna mu thimcheall Mhòaib on àm sin. Ach a‑nis labhair an Tighearna ag ràdh, An ceann trì bliadhna, mar bhliadhnachan fir‐thuarasdail, nìthear glòir Mhòaib tàireil, le a mhòr‐shluagh uile; agus bidh am fuidheall ro‑bheag agus anfhann. Trom‐eallach Dhamascais. Feuch, tha Damascas air atharrachadh o bhith na bhaile, agus bidh e na thòrr lèirsgrios. Tha bailtean Aroeir air an trèigsinn; bidh iad airson threud a laigheas sìos, agus cha bhi neach gam fuadachadh. Agus dealaichidh an daingneach o Ephraim, agus an rìoghachd o Dhamascas; agus fuidheall Shiria, bidh iad mar ghlòir chloinn Israeil, deir Tighearna nan sluagh. Agus tàrlaidh anns an là sin, gum bi glòir Iàcoib air a caitheamh as, agus fàsaidh saill a fheòla caol. Agus bidh e amhail nuair a chruinnicheas neach fogharadh an arbhair, agus a bhuaineas a ghàirdean na diasan; agus bidh e amhail a thionaileas neach diasan ann an gleann Rephaim. Gidheadh fàgar ann fuidheall dhearcan, mar ann an crathadh a’ chroinn‐ola; a dhà no trì de dhearcagan air mullach a’ mheangain as àirde; ceithir no còig air a gheugan iomallach torrach, deir an Tighearna Dia Israeil. Air an là sin amhaircidh duine air a Chruithear, agus seallaidh a shùilean air Tì naomh Israeil. Agus chan amhairc e air na h‑altairean a rinn a làmhan fhèin, agus air an nì sin a dhealbh a mheòir cha seall e; araon na doireachan agus na dealbhan. Anns an là sin bidh a bhailtean daingnichte cosmhail ri meangan a dh’fhàgadh, no ri gèig a dh’fhàg iad, ro chloinn Israeil; agus bidh lèirsgrios ann. A chionn gun do dhìochuimhnich thu Dia do shlàinte, agus nach robh thu cuimhneachail air carraig do neirt; air an adhbhar sin suidhichidh tu craobhan taitneach, agus suidhichidh tu failleanan coimheach. Anns an là bheir thu air do chraobhan fàs, agus anns an oidhche bheir thu air do shìol cinntinn; ach bidh am fogharadh na dhùn ann an là a’ dhoilgheis agus a’ bhròin gun dòchas. Is an‑aoibhinn do mhòr‐chuideachd nam fineachan lìonmhor, a tha a’ dèanamh fuaim mar fhuaim nan cuantan; agus do bheucaich nan cinneach, a tha ri beucaich cosmhail ri toirm uisgeachan làidir. Beucaidh na cinnich cosmhail ri toirm mòran uisgeachan; ach bheir Dia dhaibh achmhasan, agus teichidh iad fad air falbh; agus fuadaichear iad mar chanach an t‑slèibh ron ghaoith, agus mar chuairteig ron iomaghaoith. Agus, feuch, ri àm an fheasgair, uamhas; agus mun tig a’ mhadainn, chan eil e ann. Seo cuibhreann na muinntir a tha gar creachadh, agus crannchur na dream a tha gar spùinneadh. Is truagh don tìr a tha falaichte le sgiathan, a tha air taobh thall aibhnichean Etiopia: A tha a’ cur theachdairean air an fhairge, agus ann an eathraichean cuilce air aghaidh nan uisgeachan, ag ràdh, Imichibh, a theachdairean luatha, gu cinneach air a sgaoileadh a‑mach agus air a lomadh; gu sluagh uamhasach on toiseach gu ruige seo; gu cinneach air a thomhas a‑mach leis an t‑sreing, agus air a shaltairt sìos; aig a bheil a fhearann air a chreachadh leis an h‑aibhnichean. Sibhse uile, a luchd‐àiteachaidh an t‑saoghail, agus a tha a’ gabhail còmhnaidh air an talamh, nuair a thogar bratach suas air na slèibhtean, faicibh; agus nuair a shèidear trompaid, èisdibh. Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Gabhaidh mi fois, agus bidh mo shùil air m’àite‐còmhnaidh; mar theas dealrach air an fheur, mar neul dealta ann an teas an fhogharaidh. Oir ron fhogharadh, nuair a bhios am blàth iomlan, agus a bhios am fìondhearc an‑abaich a’ tilgeadh a bhlàtha; gearraidh e dheth na meòir le corranan‐sgathaidh, agus na geugan bheir e air falbh, agus gearraidh e sìos. Fàgar iad le chèile gu eunlaith nam beann, agus gu beathaichean na talmhainn; agus cuiridh an eunlaith thairis an samhradh orra, agus cuiridh gach uile bheathach na talmhainn thairis an geamhradh orra. Anns an àm sin bheirear tabhartas gu Tighearna nan sluagh o chinneach air a sgaoileadh a‑mach agus air a lomadh; agus o shluagh uamhasach on toiseach gu ruige seo; cinneach air a thomhas a‑mach leis an t‑sreing, agus air a shaltairt sìos, aig a bheil am fearann air a chreachadh leis na h‑aibhnichean, gu ionad ainm Tighearna nan sluagh, gu sliabh Shioin. Trom‐eallach na h‑Eiphit. Feuch tha an Tighearna a’ marcachd air neul luath, agus a’ teachd don Eiphit; agus bidh iodhalan na h‑Eiphit air an gluasad na fhianais; agus leaghaidh cridhe na h‑Eiphit na meadhon. Agus cuiridh mise Eiphitich an aghaidh Eiphiteach; agus cogaidh iad gach fear an aghaidh a bhràthar, agus gach fear an aghaidh a choimhearsnaich; baile an aghaidh baile, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. Agus fannaichidh spiorad na h‑Eiphit na meadhon; agus cuiridh mi ann an neo‐bhrìgh a comhairle; agus iarraidh iad a‑chum nan iodhalan, agus a‑chum nan draoidhean, agus a‑chum na muinntir aig a bheil leannain‐shìth, agus a‑chum an luchd‐fiosachd. Agus bheir mi thairis na h‑Eiphitich do làimh tighearnan an‑iochdmhor; agus riaghlaidh rìgh borb os an cionn, deir an Tighearna, Tighearna nan sluagh. Agus fàilnichidh na h‑uisgeachan on fhairge, agus thèid an abhainn an deòthadh, agus tiormaichear suas i. Agus tionndaidhidh iad na h‑aibhnichean fad a lethtaobh, agus bidh na sruthan‐dìonaidh air an dèanamh falamh agus tioram; seargaidh a’ chuilc agus an luachair. Na luibhean ùrar ri taobh nan sruth, aig beul nan sruth, agus gach nì a chuireadh an cois nan sruth, seargaidh, sguabar air falbh, agus cha bhi e ann nas mò. Agus nì na h‑iasgairean bròn, agus nì iadsan uile, a tha a’ tilgeadh dubhain anns an abhainn, caoidh; agus fannaichidh iadsan a tha a’ sgaoileadh lìon air aghaidh nan uisgeachan. Agus cuirear gu amhluadh iadsan a tha ag obrachadh an lìn ghrinn, agus iadsan a tha a’ fighe lìon‐obrach. Agus sgaoilear as a chèile innleachdan gach uile neach a nì claisean agus linneachan airson èisg. Gu cinnteach is amadain ceannardan Shòain; thug comhairlichean glice Phàraoh comhairle mhì‐chèillidh; cionnas a their sibh ri Phàraoh, Is mise mac nan daoine glice, mac nan rìghrean a bha ann o chian? Càit a bheil iad? Cia iad do dhaoine glice? Innseadh iad dhut a‑nis, agus cuireadh iad an cèill, ciod i comhairle Tighearna nan sluagh a‑thaobh na h‑Eiphit. Dh’fhàs ceannardan Shòain nan amadain, tha ceannardan Noph air am mealladh; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran, eadhon luchd‐taice a treubhan. Mheasg an Tighearna nam meadhon spiorad seachrain; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran na h‑uile obraichean, cosmhail ri misgear a’ tuisleachadh na sgeith. Cha mhò a bhios obair air bith anns an Eiphit, aig a’ cheann no aig an earball, aig a’ ghèig no aig an luachair, ra dhèanamh. Anns an là sin bidh an Eiphit cosmhail ri mnathan; agus bidh crith agus geilt oirre, ro chrathadh làmh Tighearna nan sluagh, a chrathas e os a cionn. Agus bidh tìr Iùdah na cùis‐eagail don Eiphit; gach neach a nì luaidh oirre, gabhaidh e eagal ann fhèin; airson comhairle Tighearna nan sluagh, a ghabh e na h‑aghaidh. Anns an là sin, bidh còig bailtean ann an tìr na h‑Eiphit a’ labhairt cainnt Chanàain, agus a’ mionnachadh do Thighearna nan sluagh; goirear de aon dhiubh Baile an Sgrios. Anns an là sin bidh altair don Tighearna ann am meadhon tìr na h‑Eiphit; agus carragh aig a crìch don Tighearna. Agus bidh e mar chomharradh agus mar fhianais do Thighearna nan sluagh ann an tìr na h‑Eiphit; oir glaodhaidh iad ris an Tighearna airson an luchd‐sàrachaidh, agus cuiridh e dan ionnsaigh fear‐saoraidh, eadhon fear treun, agus fuasglaidh e iad. Agus bidh an Tighearna aithnichte don Eiphit, agus aithnichidh na h‑Eiphitich an Tighearna anns an là sin; agus bheir iad ìobairt agus tabhartas uapa; agus geallaidh iad gealladh don Tighearna, agus coileanaidh iad e. Agus buailidh an Tighearna an Eiphit, a’ bualadh agus a’ leigheas; agus tillidh iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus èisdidh esan rin guidhe, agus lèighsidh e iad. Anns an là sin bidh rathad mòr on Eiphit gu Asiria; agus thig an t‑Asirianach don Eiphit, agus an t‑Eiphiteach gu Asiria; agus nì an t‑Eiphiteach adhradh maille ris an Asirianach. Anns an là sin measar Israel an treas aon, maille ris an Eiphit agus ri Asiria, na bheannachadh ann am meadhon na tìre, A bheannaicheas Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Beannaichte gu robh an Eiphit, mo shluagh‐sa, agus Asiria, obair mo làmh, agus Israel, m’oighreachd. Anns a’ bhliadhna anns an tàinig Tartan gu Asdod, nuair a chuir Sargon rìgh Asiria a‑mach e, agus a chog e an aghaidh Asdoid agus a ghlac e e; Anns an àm sin labhair an Tighearna le Isaiah mac Amois, ag ràdh, Imich, agus fuasgail an t‑aodach‐saic od leasraidh, agus cuir dhìot do bhrògan bhàrr do chas; agus rinn e mar sin, ag imeachd lomnochd agus cas‐ruisgte. Agus thubhairt an Tighearna, Amhail a dh’imich m’òglach Isaiah lomnochd agus cas‐ruisgte trì bliadhna, na chomharradh agus na iongantas air an Eiphit agus air Etiopia; Mar sin bheir rìgh Asiria air falbh braighdean na h‑Eiphit, agus fògarraich Etiopia, òigridh agus seann daoine, len taobh‐cùil air a leigeadh ris, a‑chum nàire na h‑Eiphit. Agus bidh iad fo amhluadh, agus gabhaidh iad nàire de Etiopia a bu bhun‐dòchais dhaibh, agus den Eiphit a b’adhbhar uaill dhaibh. Agus their fear‐àiteachaidh na tìre seo anns an là sin: Feuch is amhail seo ar bun‐dòchais, gus an do theich sinn airson cobhair, a‑chum gum bitheamaid air ar saoradh o rìgh Asiria; cionnas, matà, a thèid sinn as? Trom‐eallach fàsach na fairge. Mar dhoineannan anns an àird a deas, a’ dol seachad: on fhàsach tha e a’ teachd, o thìr uamhasaich. Dh’fhoillsicheadh sealladh eagalach dhomh; tha an cealgair a’ caitheamh foill, agus tha am fear‐creachaidh a’ creachadh. Rach suas, O Elaim; teannaich, O Mhedia; chuir mise crìoch air a h‑uile osnaich. Uime sin lìonadh mo leasraidh le cràdh; ghlac piantan mi, mar phiantan mnà ri saothair‐chloinne. Bha mi air mo chromadh sìos, nuair a chuala mi; dh’fhàs mi air chrith, nuair a chunnaic mi. Chlisg mo chridhe; chuir uamhas fiamh orm; feasgar mo shòlais thionndaidh e gu uamhann dhomh. Deasaich am bòrd; suidhich an fhaire; ith; òl; èiribh, a cheanna‑feadhna, ungaibh an sgiath. Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Imich, suidhich fear‐faire; an nì a chì e, innseadh e. Agus chunnaic e carbad le dà mharcach, carbad le asail, agus carbad le càmhail; agus thug e fa‑near gu dìcheallach le geur aire; Agus ghlaodh e, Leòmhainn: mo thighearna, tha mi am sheasamh an còmhnaidh ann am ionad‐faire, air feadh an là; agus tha mi a’ fantainn air mo fhreiceadan rè gach oidhche; Agus, feuch, an seo tha carbad de dhaoine a’ teachd, le dà mharcach. Agus fhreagair e agus thubhairt e, Tha Bàbilon air tuiteam, air tuiteam; agus tha uile dhealbhan snaidhte a diathan air am briseadh gu làr. Och mo bhualadh, agus arbhar m’ùrlair! An nì a chuala mi o Thighearna nan sluagh, Dia Israeil, chuir mi an cèill dhuibhse. Trom‐eallach Dhumah. Dh’èigh e rium o Sheir, Fhir na faire, ciod on oidhche? Fhir na faire, ciod on oidhche? Thubhairt am fear‐faire, Tha a’ mhadainn a’ teachd, agus fòs an oidhche: ma dh’fhiosraicheas sibhse, fiosraichibh: tillibh, thigibh. An fhàistneachd mu thimcheall Aràbia. Anns an fhrìth ann an Aràbia gabhaidh sibh tàmh, a chuideachdan‐siubhail Dhedanim. Thug luchd‐àiteachaidh tìr Thema uisge a dh’ionnsaigh an tartmhoir; len aran thàinig iad an còmhdhail an fhògarraich. Oir o na claidheamhan theich iad, on chlaidheamh rùisgte, agus on bhogha lùbte, agus o bhoile a’ chogaidh. Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Fhathast bliadhna, mar bhliadhnachan fir‐thuarasdail, agus bidh uile ghlòir Chedair air caitheamh as. Agus lùghdaichear fuidheall àireamh nam fear‐bogha, fir threuna de mhic Chedair; oir labhair an Tighearna Dia Israeil e. Trom‐eallach gleann an taisbeanaidh, Ciod a thàinig ort a‑nis, gun deachaidh tu gu lèir suas gu mullach nan taighean? Thusa a bha làn faraim, ad chathair fhuaimnich, ad chathair aoibhinn: do dhaoine a tha air am marbhadh, cha do mharbhadh leis a’ chlaidheamh iad; cha mhò is anns a’ chath a dh’eug iad. Tha do chinn‐fheadhna uile air siubhal le chèile, cheangladh iad leis na fir‐bhogha; na h‑uile a fhuaireadh annad, cheangladh iad le chèile, theich iad fad air falbh. Air an adhbhar sin thubhairt mi, Tionndaidh air falbh uam: guilidh mi gu goirt; na feuchaibh ri comhfhurtachd a thoirt dhomh, airson lèir‐chreach nighean mo shluaigh. Oir is là cruaidh iomairt e, agus saltairt sìos, agus buairidh, o Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, ann an gleann an taisbeanaidh; a’ briseadh sìos bhallachan, agus a’ glaodhaich ris na beanntan. Agus tha Elam a’ giùlan a’ bhuilg‐shaighead, le carbad de dhaoine agus le marc‐shluagh; agus tha Cir a’ rùsgadh na sgèithe. Agus tàrlaidh gum bi rogha do ghleann air an lìonadh le carbadan agus cuiridh na marcaich iad fhèin an òrdagh fa chomhair a’ gheata. Agus thugadh air falbh còmhdach Iùdah, agus sheall thu an là sin ri airm taigh na frìthe. Agus chunnaic sibh beàrnan baile Dhaibhidh, gu bheil iad lìonmhor; agus chruinnich sibh uisgeachan na linne ìochdaraich. Agus ghabh sibh àireamh taighean Ierusaleim, agus bhris sibh sìos na taighean a neartachadh a’ bhalla. Agus rinn sibh clais eadar an dà bhalla, airson uisge na seann linne; ach cha d’amhairc sibh airsan a rinn e; agus esan a dhealbh o shean e, cha tug sibh fa‑near. Agus anns an là sin ghairm Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, gu gul, agus gu caoidh, agus gu maoile, agus gu crioslachadh le aodach‐saic: Ach feuch, aoibhneas agus aighear, marbhadh dhamh agus casgairt chaorach, ithe feòla agus òl fìona; itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs. Agus dh’fhoillsicheadh le Tighearna nan sluagh nam chluasan, Gu deimhinn cha ghlanar an aingidheachd seo air falbh uaibh, gus am faigh sibh bàs, deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh. Mar seo deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, Imich, rach a dh’ionnsaigh an stiùbhaird seo, a dh’ionnsaigh Shebna, a tha os cionn an taighe, agus abair ris, Ciod a tha agad an seo, agus cò a tha agad an seo, gun do chladhaich thu a‑mach uaigh an seo air do shon fhèin, mar neach a tha a’ cladhach a‑mach uaighe dha fhèin gu h‑àrd, a tha a’ gearradh àite‐còmhnaidh dha fhèin ann an carraig? Feuch tilgidh an Tighearna a‑mach thu, gad thilgeadh a‑mach gu làidir; agus nì e gu cinnteach do chòmhdach. Gu cinnteach cuiridh e car dhìot mun cuairt, agus bheir e urchair air falbh dhut mar spitheig gu tìr fharsaing; ann an sin gheibh thu bàs, agus ann an sin bidh do charbadan sgiamhach nan nàire do thaigh do thighearna. Agus iomainidh mi ad àite thu, agus od inbhe tilgidh mi sìos thu. Agus tàrlaidh anns an là sin gun gairm mise m’òglach Eliacim mac Hilciah; Agus sgeadaichidh mi e led fhallaing‐sa, agus led chrios neartaichidh mi e; agus d’uachdaranachd bheir mi thairis na làimh; agus bidh e na athair do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus do thaigh Iùdah. Agus iuchair taigh Dhaibhidh cuiridh mi air a ghualainn; agus fosglaidh e, agus cha druid aon neach; agus druididh e, agus chan fhosgail aon neach. Agus daingnichidh mi e mar tharraing ann an àite cinnteach; agus bidh e mar chathair ghlòrmhoir airson taigh a athar. Agus crochaidh iad airsan uile ghlòir taigh a athar, an sliochd agus an gineal, gach soitheach beag, o gach uile ghnè chuach gus gach uile ghnè aghann. Anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh, bidh an tarrang a bha air a suidheachadh ann an àite daingeann air a h‑atharrachadh; agus gearrar sìos i, agus tuitidh i; agus gearrar an eallach a bha oirre air falbh; oir labhair an Tighearna e. Trom‐eallach Thìruis. Dèanaibh caoineadh, a longan Tharsis; oir sgriosadh i gu tur, ionnas nach eil taigh no fàrdach innte: o thalamh Chitim dh’fhoillsicheadh dhaibh e. Bithibh tosdach, a luchd‐àiteachaidh an eilein: lìonadh thu le ceannaichean Shìdoin, a tha a’ siubhal thar cuan. Agus sìol Shioir o uisgeachan mòra, fàs na h‑aibhne, b’e sin a teachd‐a‑steach: agus bha i na margadh do na cinnich. Biodh nàire ort, O Shìdoin, oir labhair an fhairge, eadhon neart na fairge, ag ràdh, Cha robh mi ri saothair, agus cha do rug mi clann; cha d’àraich mi òganaich, cha mhò a thog mi suas òighean. Mar a bha nuair a chualas sgeul mun Eiphit, mar sin bidh iad fo àmhghar ri cluinntinn sgeòil mu Thìrus. Rachaibh a‑null gu Tarsis: dèanaibh caoineadh, a luchd‐àiteachaidh nan eilean. An i seo ur cathair aoibhinn, aig a bheil a h‑aois o aimsir chèin? Giùlainidh a casan fhèin i fad as gu fantainn air chuairt. Cò a ghabh a’ chomhairle seo an aghaidh Thìruis, a thug seachad coroin rìoghail, aig a bheil a ceannaichean nam prionnsachan; agus a luchd‐malairt nan daoine urramach na tìre? Is e Tighearna nan sluagh a dh’òrdaich e, a chur smala air uabhar gach uile ghlòire, agus a thabhairt uile uaislean na tìre fo dhìmeas. Ruith thairis air d’fhearann mar abhainn, O nighean Tharsis; chan eil neart ann nas mò. Shìn e a làmh thar an fhairge; chrath e na rìoghachdan; thug an Tighearna àithne an aghaidh na cathrach a tha na ceannaiche, a‑chum a daingnichean làidir a sgrios. Agus thubhairt e, Cha dèan thu caithreim nas mò, O òigh shàraichte, a nighean Shìdoin; èirich, rach thairis gu Citim; an sin fòs chan fhaigh thu suaimhneas. Feuch tìr nan Caldèanach; cha robh an sluagh seo ann gus an do shuidhich an t‑Asirianach i airson luchd‐àiteachaidh an fhàsaich; thog iad a baidealan, chuir iad suas a lùchairtean; agus rinn e a sgrios. Guilibh gu h‑àrd, a longan Tharsis; oir sgriosadh ur neart. Agus tàrlaidh anns an là sin gun leigear air dearmad Tìrus deich agus trì‐fichead bliadhna, a rèir làithean aon rìgh; an ceann deich agus trì‐fichead bliadhna, seinnidh Tìrus mar strìopaich. Glac do chlàrsach, cuartaich am baile, a strìopach a bha air do dhearmad; dèan ceòl gu binn; seinn iomadh òran, a‑chum gun cuimhnichear a‑rìs thu. Agus an ceann deich agus trì‐fichead bliadhna, thig an Tighearna a dh’amharc Thìruis; agus tillidh i a‑chum a cosnaidh; agus nì i strìopachas le uile rìoghachdan an domhain, a tha air aghaidh na talmhainn. Agus bidh a malairt agus a buannachd naomh don Tighearna; cha taisgear suas e, agus cha ghleidhear gu tèarainte; oir bidh a malairt airson na muinntir a tha a chòmhnaidh am fianais an Tighearna, airson lòin a shàsaicheas, agus airson aodaich a mhaireas. Feuch, tha an Tighearna a’ dèanamh an fhearainn falamh, agus ga chur fàs; tha e ga thionndadh bun‐os‑cionn, agus a’ sgapadh a luchd‐àiteachaidh. Agus tàrlaidh, mar a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart; mar a bhios an t‑òglach, mar sin bidh a mhaighistir; mar a bhios a’ bhanoglach, mar sin bidh a bana‑mhaighistir; mar a bhios an ceannaiche, mar sin bidh am fear‐reic; mar a bhios esan a bheir iasad, mar sin bidh esan a ghabhas iasad; mar a bhios am fear a ghabhas riadh, mar sin bidh am fear a bheir riadh uaithe. Nìthear an tìr gu tur falamh, agus creachar i gu buileach; oir labhair an Tighearna am briathar seo. Tha an tìr ri caoidh agus a’ seargadh; tha an saoghal air lagachadh agus a’ seargadh; tha uaislean na tìre air lagachadh. Tha an tìr eadhon air a truailleadh fo a luchd‐àiteachaidh; oir bhris iad an reachd, dh’atharraich iad an t‑òrdagh; sgaoil iad an coicheangal sìorraidh. Air an adhbhar sin dh’ith mallachd suas an tìr, agus tha a luchd‐àiteachaidh air am fàsachadh; uime sin tha luchd‐àiteachaidh na tìre air an losgadh suas, agus is tearc an dream a dh’fhàgadh. Tha am fìon nuadh ri caoidh, tha an fhìonain lag, tha luchd a’ chridhe aoibhinn uile ag osnaich. Sguir fuaim aighearach nan tiompan; theirig luathghaire na muinntir a bha ri gàirdeachas; sguir aighear na clàrsaich. Chan òl iad fìon le ceòl; bidh deoch làidir searbh dhaibhsan a dh’òlas i. Tha cathair na mì‑riaghailt air a briseadh sìos; tha gach taigh air a dhruideadh suas, air chor is nach faod aon neach dol a‑steach. Tha gaoir anns gach sràid airson fìona; dhorchaicheadh gach aighear; shiubhail gàirdeachas an fhearainn air falbh. Dh’fhàgadh lèir‐chreach anns a’ bhaile, agus le buaireas bhriseadh sìos an geata. Nuair a bhios e mar seo ann am meadhon na tìre, am measg an t‑sluaigh, bidh amhail crathadh a’ chroinn‐ola, agus mar an dìoghlam nuair a chrìochnaichear am fìon‐fhogharaidh. Togaidh iadsan an guth, cliùthaichidh iad gu h‑àrd mòrachd an Tighearna; nì iad iolach on fhairge. Uime sin anns an teine glòraichibh an Tighearna; eadhon ainm an Tighearna, Dia Israeil, ann an eileanan a’ chuain. O iomall na talmhainn chuala sinn òrain, eadhon glòir don fhìrean; ach thubhairt mise, Mo chaoile, mo chaoile, mo thruaighe mi! Tha na mealltairean a’ mealladh, seadh le foill tha na mealltairean a’ mealladh. Tha an t‑uamhas, agus an sloc, agus an ribe ort, O fhir‐àiteachaidh na tìre. Agus tàrlaidh, esan a theicheas o ghuth an uamhais, gun tuit e anns an t‑sloc; agus esan a thig a‑nìos o mheadhon an t‑sluic, gun glacar anns an ribe e; oir tha na tuil‐dhorsan on àird air am fosgladh; agus tha bunaitean na talmhainn air an luasgadh. Tha an tìr gu tur air a briseadh sìos; tha an tìr air a sgaoileadh gu buileach as a chèile; tha an tìr air a luasgadh gu garbh. Bidh an tìr a’ gluasad thuige agus uaithe mar mhisgear; agus atharraichear i mar bhothan‐tàimh: oir laighidh a h‑aingidheachd gu trom oirre; agus tuitidh i, agus chan èirich i nas mò. Agus tàrlaidh anns an là sin gun smachdaich an Tighearna na daoine àrda a tha shuas, agus rìghrean na talmhainn air an talamh. Agus cruinnichear iad ri chèile, mar a chruinnichear prìosanaich ann an sloc; agus druidear suas iad mar ann am prìosan; agus an dèidh mòran làithean fiosraichear iad. An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir. O Thighearna is tu mo Dhia; àrdaichidh mi thu, molaidh mi d’ainm; oir rinn thu nithean iongantach; is tairisneachd agus fìrinn do chomhairlean o shean. Oir rinn thu a’ chathair na tòrr, am baile daingnichte na chàrn sgrios; chuir thu àros nan coigreach o bhith na bhaile; gu bràth cha togar e. Air an adhbhar sin bheir an sluagh borb dhut glòir; gabhaidh cathair nan cinneach uamhasach eagal romhad. Oir bha thu ad neart don bhochd, ad neart don fheumach na airc; ad dhìdean on doininn, ad sgàil on teas; nuair a bha gaoth nan uamhasach mar dhoininn a’ sèideadh ris a’ bhalla. Mar an teas ann am fearann seargte, bheir thusa a‑nuas faram nan uaibhreach; mar an teas le sgàil neòil, ìslichear geug nan uamhasach. Agus anns a’ bheinn seo nì an Tighearna do na h‑uile chinnich cuirm de nithean blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithean blasda làn de smior, de fhìon aosda air a dheagh tharraing. Agus sgriosaidh e air a’ bheinn seo an còmhdach a chòmhdaich aghaidh nan uile shluagh, agus an sgàil a bha air a sgaoileadh thar na h‑uile chinnich. Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e. Agus anns an là sin theirear, Feuch, is e seo ar Dia‑ne; dh’fheith sinn ris, agus thèarainn e sinn; is e seo an Tighearna, dh’fheith sinn ris, nì sinn gàirdeachas agus uaill na shlàinte. Oir gabhaidh làmh an Tighearna fois air an t‑sliabh seo; agus bidh Mòab air a shaltairt fodha, mar a shaltairear connlach air an òtrach. Agus sìnidh e a‑mach a làmhan na mheadhon, mar a shìneas am fear a shnàmhas a‑mach a làmhan gu snàmh; agus bheir e a‑nuas a uabhar, maille ri creich a làmh. Agus daingneach àrd do bhallachan leagaidh e sìos, ìslichidh e, bheir e a‑chum an làir, eadhon a‑chum an duslaich. Anns an là sin seinnear an dàn seo ann an tìr Iùdah: Tha againne cathair làidir; slàinte cuiridh e suas mar bhallachan agus mar dhaingneach. Fosglaibh‐se na geatachan, a‑chum gun tèid an cinneach fìrinneach a‑steach, a choimheadas an fhìrinn. Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad. Cuiribh‐se ur dòchas anns an Tighearna a‑ghnàth, oir anns an Tighearna Iehòbhah tha neart sìorraidh. Oir dh’ìslich e iadsan a bha a chòmhnaidh gu h‑àrd; a’ chathair àrd, thug e a‑nuas i; thug e a‑nuas i a‑chum an làir; thug e i eadhon a‑chum an duslaich. Saltraidh a’ chas oirre, casan an fheumaich, ceuman nam bochdan. Tha slighe an fhìrein ro‑dhìreach; nì thusa ceum an fhìrein fìor‐chòmhnard. Seadh, ann an slighe do bhreitheanas dh’fheith sinn ort; tha miann ar n‑anama air d’ainm, agus air do chuimhne. Lem anam mhiannaich mi thu anns an oidhche; seadh, lem spiorad an taobh a‑staigh dh’iarr mi thu anns a’ mhadainn; oir nuair a bhios do bhreitheanais air an talamh, fòghlamaidh luchd‐àiteachaidh an t‑saoghail fìreantachd. Nochd tròcair don aingidh, gidheadh chan fhòghlaim e fìreantachd; ann an tìr an ionracais buinidh e gu fealltach; agus cha toir e fa‑near mòralachd an Tighearna. A Thighearna, tha do làmh togte suas, gidheadh chan fhaic iad; ach chì iad, agus bidh iad fo amhluadh airson eud an t‑sluaigh; seadh, loisgidh teine do naimhdean suas iad. A Thighearna, òrdaichidh tu sìth dhuinne; oir eadhon ar n‑uile bheartan cumhachdach dh’obraich thusa annainn. O Thighearna ar Dia, bha ceannas oirnn aig tighearnan eile a bharrachd ortsa; ach annadsa a‑mhàin nì sinn luaidh air d’ainm. Tha iad marbh, cha tig iad beò; dh’eug iad, chan èirich iad; uime sin dh’fhiosraich agus mhill thu iad, agus sgrios thu as an cuimhne gu tur. Mheudaich thu an cinneach, O Thighearna; mheudaich thu an cinneach; tha thu air do ghlòrachadh; sgaoil thu e a‑mach eadhon gu uile iomallan na talmhainn. A Thighearna, ann an àmhghar dh’iarr iad thu: dhòirt iad a‑mach an athchuinge nuair a bha do smachdachadh orra. Mar a bhios bean thorrach, nuair a bhios àm a h‑aisead am fagas, ann an teanntachd, ag èigheach gu h‑àrd na saothair; mar seo bha sinn ann ad fhianais, O Thighearna. Dh’fhàs sinn torrach, bha sinn ann an teanntachd, rug sinn mar gum b’e gaoth; cha d’obraich sinn slàinte anns an talamh, cha mhò a tha luchd‐àiteachaidh an t‑saoghail air tuiteam. Thig do mhairbh beò; maille rim chorp marbh‐sa èiridh iad. Dùisgibh agus seinnibh, sibhse tha a chòmhnaidh anns an duslach; oir tha do dhrùchd mar dhrùchd luibhean; agus tilgidh an talamh a‑mach na mairbh. Thig, O mo shluagh, imich a‑steach dod sheòmraichean, agus druid do dhorsan mun cuairt dhut; falaich thu fhèin car tamaill bhig, car tiota, gus an gabh a’ chorraich thairis. Oir, feuch, tha an Tighearna a’ teachd a‑mach as àit, a smachdachadh luchd‐àiteachaidh na talmhainn airson an aingidheachd; agus leigidh an talamh ris an fhuil a tha air, agus cha chòmhdaich e nas mò a mhairbh. Anns an là sin smachdaichidh an Tighearna le a chlaidheamh cruaidh, agus mòr agus làidir, Lebhiatan, an nathair dhìreach, agus Lebhiatan, an nathair lùbach; agus marbhaidh e an dràgon a tha anns an fhairge. Anns an là sin, canaibh‐se do fhìonlios an fhìona dheirg: Tha mise, an Tighearna, ga choimhead, uisgichidh mi e gach tiota; a‑chum is nach dochainn aon neach e, coimheadaidh mi e a là agus a dh’oidhche. Annamsa chan eil dian‐chorraich. Cò a chuireadh an droigheann agus an dris am aghaidh anns a’ chath? Rachainn tromhpa, loisginn iad le chèile. No dèanadh e greim air mo neart; dèanadh e sìth rium; sìth nì e rium. Bheir e orrasan a thig o Iàcob freumhachadh; brisidh Israel a‑mach, agus thig e fo bhlàth; agus lìonaidh e aghaidh an t‑saoghail le toradh. An do bhuail e e a rèir bualadh an tì a bhuail esan? A bheil e air a mharbhadh a rèir àr na muinntir a mharbhadh leis? Ann an tomhas ceart nuair a bhriseas e a‑mach, nì thu tagradh ris. Choisg e a ghaoth gharbh ann an là na gaoithe an ear. Uime sin, le seo glanar aingidheachd Iàcoib air falbh; agus is e seo an toradh uile a thabhairt air falbh a pheacaidh; nuair a nì e uile chlachan na h‑altarach mar chlachan aoil a tha air am pronnadh as a chèile, cha seas na doireachan no na dealbhan suas nas mò. Ach bidh a’ chathair dhaingnichte fàs, agus an t‑àite‐còmhnaidh air a thrèigsinn, agus air fhàgail mar fhàsach; an sin ionaltraidh an laogh, agus an sin laighidh e sìos, agus ithidh e a geugan. Nuair a sheargas a meangain, brisear iad; thig mnathan agus cuiridh iad ri theine iad; oir is sluagh gun tuigse iad; uime sin cha ghabh an tì a rinn iad truas dhiubh; agus cha nochd esan a dhealbh iad coibhneas dhaibh. Agus tàrlaidh anns an là sin, gun dèan an Tighearna bualadh o chlais na h‑aibhne gu sruth na h‑Eiphit, agus tionailear sibhse suas, aon agus aon, O chlann Israeil. Agus tàrlaidh anns an là sin gun sèidear a’ ghall‐tromp mhòr: agus thig iadsan a bha a’ bàsachadh ann an tìr Asiria, agus iadsan a bha air an sgapadh ann an tìr na h‑Eiphit; agus sleuchdaidh iad sìos don Tighearna, anns an t‑sliabh naomh ann an Ierusalem. Is an‑aoibhinn do chrùn uaibhreach misgearan Ephraim, agus do bhlàth seargach am maise glòrmhoir; dhaibhsan a tha air ceann a’ ghlinn bheartaich, a tha air an leagadh sìos le fìon. Feuch, tha aig an Tighearna fear cumhachdach agus làidir, mar stoirm mheallain, mar dhoininn mhilltich, mar thuil uisgeachan mòra a’ taomadh thairis, a thilgeadh sìos a‑chum an làir le a làimh. Bidh coroin uaibhreach misgearan Ephraim air an saltairt fo chasan. Agus bidh blàth seargach am maise glòrmhoir, a tha air ceann a’ ghlinn bheartaich, mar am meas luath ron t‑samhradh, a chì an neach a dh’amhairceas air, agus cha luaithe bhios e na làimh na dh’itheas e suas e. Anns an là sin, bidh Tighearna nan sluagh na chrùn glòire, agus na choron maiseach do iarmad a shluaigh; Agus na spiorad breitheanais dhàsan a shuidheas ann am breitheanas; agus na neart dhaibhsan a thilleas air ais an cath a‑chum a’ gheata. Ach chaidh iadsan fòs a thaobh le fìon, agus le dibh làidir chaidh iad air seachran; chaidh an sagart agus am fàidh a thaobh le dibh làidir, shluigeadh suas iad le fìon, chaidh iad air seachran le dibh làidir; chaidh iad am mearachd ann an sealladh, thuislich iad ann am breitheanas. Oir tha am bùird uile làn de sgeith, agus de shalchar, air chor is nach eil àite sam bith saor. Cò don teagaisg e eòlas, agus cò don ionnsaich e fòghlam? Dhaibhsan a chuireadh on chìch, agus a sgaradh on bhroilleach. Oir tha àithne air àithne, àithne air àithne, rann air roinn, rann air roinn; beagan an seo, beagan an siud. Oir le beul manntach, agus le teangaidh choimhich, labhraidh e ris an t‑sluagh seo. Ris an dubhairt e, Seo an fhois leis an tabhair sibh fois dhàsan a tha sgìth, agus seo an suaimhneas; gidheadh chan èisdeadh iadsan. Ach bidh facal an Tighearna dhaibhsan na àithne air àithne, àithne air àithne; rann air roinn, rann air roinn; beagan an seo, beagan an siud; a‑chum gun rachadh iad, agus gun tuiteadh iad air an ais, agus gum biodh iad air am briseadh, agus air an ribeadh, agus air an glacadh. Uime sin cluinnibh facal an Tighearna, a luchd‐fanaid, a luchd‐riaghlaidh an t‑sluaigh seo a tha ann an Ierusalem. A chionn gun dubhairt sibh, Dhaingnich sinn coicheangal ris a’ bhàs, agus ris an uaigh rinn sinn còrdadh; nuair a shiùbhlas a’ phlàigh thairis mar thuil, cha ruig i sinne; oir ghabh sinn a’ bhreug mar ar dìdein, agus fo cheilg dh’fhalaich sinn sinn fhèin. Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch suidhichidh mise mar stèidh ann an Sion clach, clach dhearbhte, clach‐chinn na h‑oisinn; sàr bhunait; esan a chreideas, cha chuirear gu amhluadh e. Agus tomhaisidh mise a‑mach breitheanas leis an riaghailt, agus ceartas leis an t‑sreing‐thomhais; agus sguabaidh a’ chlach‐mheallain air falbh an dìdein‐bhrèige, agus còmhdaichidh na h‑uisgeachan an t‑àite‐falaich. Agus brisear ur coicheangal ris a’ bhàs, agus cha seas ur còrdadh ris an uaigh: nuair a shiùbhlas a’ phlàigh thairis mar thuil, an sin bidh sibhse air ur saltairt sìos leatha. On àm anns an siubhail i troimhe, nì i greim oirbh; oir madainn an dèidh maidne siùbhlaidh i troimhe, a là agus a dh’oidhche; agus dùisgidh eadhon an t‑iomradh a‑mhàin uamhainn. Oir tha an leabaidh tuilleadh is goirid gu neach ga shìneadh fhèin oirre: agus tha am brat tuilleadh is aimhleathann gu neach ga phasgadh fhèin ann. Oir èiridh an Tighearna suas, mar ann an sliabh Pherasim, bidh corraich air mar ann an gleann Ghibeoin; a‑chum gun coilean e a obair fhèin, obair neo‐ghnàthach; agus gun dèan e a ghnìomh fhèin, a ghnìomh coimheach. Agus a‑nis, na bithibh ri fanaid, air eagal gun dèanar ur cuibhrichean làidir; oir chuala mi o Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, sgrios, eadhon air a shònrachadh air an tìr uile. Thugaibh‐se an aire, agus cluinnibh mo ghuth; èisdibh, agus cluinnibh mo bhriathran. A bheil an treabhaiche ri àr, rè an là, a‑chum cur a dhèanamh? A bheil e a’ fosgladh agus a’ briseadh fòidean a fhearainn? Nuair a nì e a aghaidh còmhnard, nach sgaoil e an sin a’ mheanbh‐pheasair, agus nach sgap e an cumin; agus nach cuir e an cruithneachd anns an àite as fheàrr, agus an t‑eòrna anns an ionad shuidhichte, agus an seagal na chrìch fhèin? Oir bidh a Dhia ag ionnsachadh eòlais dha, agus ga theagasg. Oir chan eil a’ mheanbh‐pheasair air a bualadh le inneal‐bualaidh: cha mhò a bheirear air roth feuna tionndadh air a’ chumin; ach tha a’ mheanbh‐pheasair air a bhualadh le slait, agus an cumin le luirg. Ach tha sìol airson arain air a bhruthadh: do bhrìgh nach bi e ga shìor bhualadh, no ga bhriseadh le roth a fheuna, no ga phronnadh le a eich. Tha seo fòs a’ teachd o Thighearna nan sluagh: tha esan iongantach ann an comhairle, òirdheirc ann an gnìomh. Mo thruaighe Ariel, Ariel, am baile anns an do chòmhnaich Daibhidh; cuiribh bliadhna ri bliadhna; marbhadh iad ìobairtean. Gidheadh teannaichidh mise Ariel, agus bidh caoidh agus bròn ann; agus bidh e dhòmhsa mar Ariel. Agus campaichidh mi ad aghaidh mun cuairt; agus teannaichidh mi thu le tòrr: agus togaidh mi daingnichean ad aghaidh. Agus bheirear a‑nuas thu, agus labhraidh tu as an talamh, agus bidh do chainnt ìosal as an duslach; agus thig do ghuth a‑mach as an talamh, mar fhiosaiche, agus nì do chainnt borbhanaich as an duslach. Agus mar an dus mìn bidh mòr‐bhuidheann do choigreach, agus bidh mòr‐bhuidheann nan uamhasach mar am moll luaineach; agus tàrlaidh e ann an tiota, gu h‑obann. Smachdaichear thu le Tighearna nan sluagh, le tàirneanaich, agus le crith‐thalmhainn, agus le treun ghuth, le stoirm agus doininn, agus lasair theine chaithtich. Agus amhail bruadar, aisling na h‑oidhche, bidh mòr‐shluagh nan uile chinneach, eadhon na h‑uile a tha a’ cogadh rithe fhèin, agus ri a daingneach, agus a tha ga teannachadh. Agus amhail duine acrach a chì aisling, agus, feuch, tha e ag ithe, ach air dùsgadh dha, tha a anam cìocrach; agus amhail duine tartmhor a chì aisling, agus, feuch, tha e ag òl, ach air dùsgadh dha, feuch, tha e fann agus anam a’ miannachadh; mar sin tàrlaidh do mhòr‐chuideachd nan uile chinneach a tha a’ cogadh an aghaidh sliabh Shioin. Stadaibh, agus gabhaibh iongantas; seallaibh mun cuairt le ioghnadh, agus amhaircibh; tha iad air mhisg, ach chan ann le fìon; tha iad a’ call nan cas, ach chan ann le dibh làidir. Oir dhòirt an Tighearna oirbh spiorad suaine; agus dhruid e suas ur sùilean; air na fàidhean agus ur luchd‐riaghlaidh, agus air an luchd‐seallaidh chuir e còmhdach. Agus tha an taisbeanadh uile dhuibhse, mar bhriathran leabhair air a ghlasadh suas a bheir iad do neach aig a bheil fòghlam, ag ràdh, Leugh seo, guidheamaid ort; agus their esan, Chan urrainn mi, oir tha e glaiste suas. Agus bheirear an leabhar do neach aig nach eil fòghlam, ag ràdh, Leugh seo guidheam ort; agus their esan, Chan eil fòghlam agam. Uime sin thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil an sluagh seo a’ teachd dlùth dhòmhsa lem beul, agus a’ toirt onair dhomh lem bilean, ach nan cridhe gun do theich iad fada uam; agus gu bheil an eagal romhamsa air a theagasg le àitheantan dhaoine; Air an adhbhar sin, feuch, thèid mise air m’aghaidh a dhèanamh iongantais am measg an t‑sluaigh seo, iongantas agus iongantas; ionnas gun tèid gliocas an daoine glice am mugha, agus tuigse an daoine tuigseach as an t‑sealladh. Is truagh dhaibhsan a tha ag iarraidh an comhairle fhalach gu domhain on Tighearna; aig a bheil an gnìomharan anns an dorchadas, agus a tha ag ràdh, Cò a tha gar faicinn? Cò aig a bheil fhios oirnn? Gu cinnteach measar ur n‑ais‐innleachdan mar chriadh a’ chreadhadair; an abair an obair mun obraiche, Cha do rinn e mi? Agus an abair an nì a dhealbhadh mun neach a dhealbh e, Cha robh tuigse aige? Nach tamall ro‑bheag fòs gus an dèanar Lebanon na fhearann torrach, agus gus am measar am fearann torrach mar fhrìth? Agus anns an là sin cluinnidh na bodhair briathran an leabhair; agus as an dubhar agus as an dorchadas gheibh sùilean nan dall an lèirsinn. Meudaichidh fòs na daoine sèimhe an aoibhneas anns an Tighearna; agus nì na bochdan am measg dhaoine gàirdeachas ann an Tì naomh Israeil. Oir dh’fhàilnich an t‑uamhasach, agus thàinig crìoch air an fhear‐fhochaid; agus ghearradh as iadsan uile a bha furachair a‑chum aingidheachd; A nì duine na pheacach airson facail; a tha a’ leagadh ribe air a shon‐san a tha a’ tagradh anns a’ gheata; agus a tha a’ tionndadh an ionracain a lethtaobh airson nì nach fiù. Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, esan a shaor Abrahàm, mu thimcheall taigh Iàcoib, Cha nàraichear Iàcob, agus cha bhi a aghaidh a‑nis fo amhluadh. Ach nuair a chì e a chlann, obair mo làmh‐sa, na mheadhon, naomhaichidh iad m’ainm, agus naomhaichidh iad Tì naomh Iàcoib, agus bidh eagal orra ro Dhia Israeil. Tuigidh iadsan fòs, a chaidh am mearachd ann an spiorad, fìor eòlas; agus fòghlamaidh iadsan a bha ri borbhanaich teagasg. Is truagh don chloinn cheannaircich, deir an Tighearna, a tha a’ dealbh chomhairlean, ach chan ann uamsa; a tha a’ còmhdach le brat‐falaich, ach chan ann lem spiorad‐sa; a‑chum gun cuir iad peacadh ri peacadh: A tha ag imeachd gu dol sìos don Eiphit, ach nach d’fhiosraich dhìomsa; a‑chum iad fhèin a neartachadh le neart Phàraoh, agus a dhèanamh buin à sgàil na h‑Eiphit. Ach bidh neart Phàraoh dhuibh na nàire; agus ur bun à sgàil na h‑Eiphit na mhasladh. Oir bha a cheannardan aig Sòan, agus thàinig a theachdairean gu Hanes. Ghabh iad uile nàire de shluagh o nach d’fhuair iad tairbhe; o nach d’fhuair iad cuideachadh no tairbhe; ach a bha nan nàire agus nam masladh. Eallach ainmhidhean na h‑àird a deas; gu tìr airce agus èiginn as an tig an leòmhann òg agus an seann leòmhann, an nathair nimhe, agus an nathair theinnteach itealach; giùlainidh iad an saoibhreas air gualainn nan asal òga, agus an ionmhas air croit nan càmhal, a dh’ionnsaigh sluaigh nach tabhair buannachd dhaibh. Oir is dìomhain agus gun tairbhe còmhnadh nan Eiphiteach; uime sin thubhairt mi rithe seo, Is e an neart fantainn nan tàmh. Imich a‑nis, sgrìobh e fan comhair air clàr, agus comharraich e air leabhar; a‑chum gum bi e airson nan aimsirean a thig, airson fianais gu sìorraidh; Gur sluagh ceannairceach seo, clann bhreugach, clann leis nach àill èisdeachd a thabhairt do lagh an Tighearna: A tha ag ràdh ris na fir‐sheallaidh, Na faicibh; agus ris an fàidhean, Na labhraibh nithean cearta rinn ann am fàistneachd; labhraibh rinn nithean mìne; dèanaibh fàistneachd cheilge: Claonaibh air falbh on t‑slighe; rachaibh a lethtaobh on rathad dhìreach; cuiribh air falbh uainn Tì naomh Israeil. Air an adhbhar sin, mar seo deir Tì naomh Israeil, A chionn gu bheil sibh a’ dèanamh tàire air an fhacal seo, agus ag earbsa à claonadh agus à ceannairc, agus a’ leigeil ur taice ris: Uime sin bidh an t‑olc seo dhuibh mar bhriseadh ullamh gu tuiteam, mar aomadh ann am balla àrd, a thuiteas gu làr gu h‑obann, ann an tiota. Agus brisidh e e, mar bhriseadh soitheach a’ chreadhadair, a bhrisear na bhloighdean; cha chaomhain e, air chor is nach faighear, na bhriseadh, sgealb a thogas teine on teinntean, no a bheir uisge on tobar. Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse. Ach thubhairt sibh, Chan eadh, ach air eich teichidh sinn; air an adhbhar sin teichidh sibh; agus air ainmhidhean luatha marcaichidh sinn; uime sin bidh iadsan luath a leanas air ur tòir. Teichidh aon mhìle ro achmhasan aoin; ro achmhasan chòignear teichidh sibh, gus am fàgar sibh mar chrann lom air mullach slèibh, agus mar bhrataich air cnoc. Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna, a‑chum gun nochd e deagh‐ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart‐bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris‐san. Oir gabhaidh sluagh còmhnaidh ann an Sion, ann an Ierusalem; cha ghuil thu nas mò; nì e mòr‐thròcair ort, ri guth do ghlaoidh; cho luath is a chluinneas e, bheir e freagradh dhut. Agus ged bheir an Tighearna dhuibh aran airce agus uisge àmhghair, gidheadh cha bhi do luchd‐teagaisg air am fògradh fad as; ach bidh do shùilean a’ faicinn do luchd‐teagaisg. Agus cluinnidh do chluasan facal od chùlaibh, ag ràdh, Seo an t‑slighe, gluaisibh innte, nuair a thionndaidheas sibh a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe. Agus truaillidh sibh trusgan ur dealbhan airgid, agus sgeadachadh do dhealbhan òir; tilgidh tu uat iad mar aodach truaillte; their thu ris, Teich uam. An sin bheir e uisge airson do shìl, leis an cuir thu d’fhearann; agus aran de thoradh na talmhainn, agus bidh e reamhar agus pailt; anns an là sin, ionaltraidh do sprèidh ann an àilean farsaing; Agus ithidh na daimh, agus na h‑asail òga a threabhas am fearann, innlinn air a deagh ghlanadh, air a grèidheadh leis a’ ghuit agus leis an t‑sluasaid. Agus air gach beinn mhòir, agus air gach cnoc àrd, bidh caochain agus sruthan uisge; ann an là an àir mhòir, nuair a thuiteas na baidealan. Agus bidh solas na gealaich mar sholas na grèine, agus bidh solas na grèine a sheachd uiread, mar sholas sheachd làithean; an là anns an ceangail an Tighearna suas briseadh a shluaigh, agus anns an leighis e lot a bhuille. Feuch, tha ainm an Tighearna a’ teachd o chèin, a’ losgadh le fheirg, agus an eallach trom; tha a bhilean air an lìonadh le corraich, agus a theanga mar theine caithteach. Agus bidh a anail mar shruth dian a’ ruith thairis, a’ ruigheachd gu meadhon a’ mhuineil; a dh’fhasgnadh nan cinneach le fasgan an dìomhanais; agus bidh srian ann an giallan an t‑sluaigh, gan tarraing air seachran. Bidh ceòl agaibh, mar anns an oidhche anns an coimheadar fèill naomh; agus gàirdeachas cridhe, amhail nuair a dh’imicheas neach le ceòl pìoba, a‑chum dol gu sliabh an Tighearna, gu Carraig Israeil. Agus bheir an Tighearna fa‑near gun cluinnear a ghuth glòrmhor, agus gum faicear leagadh a‑nuas a ghàirdein, le corraich ghairg, agus le lasair teine chaithtich; le sgapadh, agus doininn, agus clachan‐meallain. Oir le guth an Tighearna buailear sìos an t‑Asirianach, a bha a’ bualadh le slait. Agus anns gach àite anns an siubhail an t‑slat shònraichte, a leagas an Tighearna air, bidh tiompan agus clàrsaichean; agus le cruaidh‐chòmhraig cogaidh e leatha. Oir dh’ullaicheadh Tophet o shean; eadhon airson an rìgh tha sin air ullachadh; rinn e domhain e, rinn e farsaing e; cruach theine agus mòran connaidh; tha anail an Tighearna, mar shruth pronnaisg, ga fhadadh. Is truagh dhaibhsan a tha a’ dol sìos don Eiphit airson còmhnaidh; a tha ag earbsa à eich, agus a’ cur an dòchais ann an carbadan, a chionn gu bheil iad lìonmhor; agus ann am marcaichean, a chionn gu bheil iad ro‑làidir; ach cha seall iad air Tì naomh Israel, agus chan iarr iad an Tighearna. Ach tha Esan glic, agus bheir e olc orra, agus cha chuir e a fhacal air chùl; ach èiridh e an aghaidh taigh nan aingidh agus an aghaidh cobhair na muinntir a tha a’ dèanamh euceirt. Oir is daoine na h‑Eiphitich, agus cha Dia iad; agus is feòil an eich, agus cha spiorad; nuair a shìneas an Tighearna a‑mach a làmh, tuitidh am fear‐cuideachaidh, agus leagar sìos am fear a bha air a chòmhnadh leis; agus millear iad gu lèir le chèile. Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium; mar a raoiceas an leòmhan, eadhon an leòmhann òg, os cionn a chobhartaich, nuair a chruinnichear buidheann bhuachaillean na aghaidh; cha ghabh e geilt ron guth, agus cha chaill e a mhisneach airson an co‑ghàir; is amhlaidh a thig Tighearna nan sluagh a‑nuas gu cogadh airson sliabh Shioin, agus airson a chnuic. Mar eunlaith ag itealaich os cionn an àlaich, mar sin dìonaidh Tighearna nan sluagh Ierusalem; le dìonadh saoraidh e i; agus le leum thairis tèarnaidh e i. Tillibh da ionnsaigh‐san on do chlaon clann Israeil le seachran fada. Oir anns an là sin tilgidh gach aon air falbh uaithe iodhalan airgid, agus iodhalan òir, a rinn ur làmhan fhèin dhuibh a‑chum peacaidh. Agus tuitidh an t‑Asirianach, chan ann le claidheamh gaisgich; seadh, chan e claidheamh duine a shluigeas suas e; ach teichidh e on chlaidheamh, agus claoidhear a dhaoine òga. Agus tro eagal thèid e a‑null a dh’ionnsaigh a dhaingnich, agus gabhaidh a chinn‐fheadhna geilt ron bhrataich, deir an Tighearna, aig a bheil a theine ann an Sion, agus a àmhainn ann an Ierusalem. Feuch, rìoghaichidh rìgh ann am fìreantachd, agus riaghlaidh uachdarain ann am breitheanas. Agus bidh duine mar ionad‐fasgaidh on ghaoith, agus mar dhìdein on doininn; mar shruthan uisge ann an àite tioram, mar sgàil creige mòire ann an tìr airtnealaich. Agus cha bhi ceò air sùilean na muinntir a chì; agus bheir cluasan na muinntir a chluinneas èisdeachd. Agus tuigidh cridhe an duine bhrais eòlas; agus bidh teanga an duine mhanntaich ealamh a‑chum labhairt gu soilleir. Cha ghoirear an t‑ùmpaidh fial nas mò, agus chan abrar gu bheil am mìodhair daoineachdail. Oir labhraidh an t‑ùmpaidh a‑ghnàth amaideachd, agus dealbhaidh a chridhe aingidheachd, a chur an gnìomh ceilge, agus a labhairt foill an aghaidh an Tighearna, a dhèanamh anam an acraich falamh, agus a thabhairt na dibhe on duine ìotmhor. Tha innealan an duine mhìodhair olc; tha e a’ dealbh innleachdan aimhleasach, a’ ribeadh nam bochd le briathran breugach, anns a’ cheart àm is an labhair an t‑ainniseach gu fìrinneach. Ach dealbhaidh an duine fial nithean fiala; agus le nithean fiala daingnichear e. Eiribh, a mhnathan a tha gu suaimhneach, cluinnibh mo ghuth; a nigheanan gun umhail, èisdibh rim chainnt. Iomadh là agus bliadhna bidh sibh gun fhois, O mhnathan gun umhail; oir dh’fhàilnich am fìon‐fhogharadh, cha tig tional an toraidh. Criothnaichibh, sibhse a tha suaimhneach; bithibh gun fhios, sibhse a tha gun umhail; cuiribh dhibh, rùisgibh sibh fhèin agus crioslaichibh ur leasraidh le aodach‐saic. Nì iad caoidh airson nan cìoch, airson nam machraichean taitneach, airson na fìonain torraich. Thig an droigheann agus an dris a‑nìos thar fearann mo shluaigh; seadh thar nan uile thaighean aoibhneach anns a’ bhaile luathghaireach. Oir tha an t‑àros air a thrèigsinn; tha buidheann lìonmhor na cathrach air am fàgail; bidh an daingneach agus an tùr nan uaimhean gu bràth, nan aoibhneas do na h‑asalan fiadhaich, nan ionaltradh airson nan treudan; Gus an dòirtear a‑nuas oirnn an Spiorad on àird, agus gus am bi am fàsach na mhachair thorraich, agus gus am measar a’ mhachair thorrach na frìth. An sin nì breitheanas tàmh anns an fhàsach, agus anns a’ mhachair thorraich gabhaidh fìreantachd còmhnaidh. Agus is sìth obair na fìreantachd; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh. Agus gabhaidh mo shluagh còmhnaidh ann am fàrdaich fhoisdinnich, agus ann an ionadan‐còmhnaidh tèarainte, agus ann an àiteachan‐tàimh suaimhneach, Nuair a thig a’ chlach‐mheallain a‑nuas air an doire, agus a nìthear a’ chathair cho ìosal ris a’ chòmhnard. Is beannaichte sibhse a tha a’ cur sìl ri taobh gach uisge, a tha a’ cur a‑mach cas an daimh agus na h‑asail. Is an‑aoibhinn dhutsa, a chreachadair, nach robh air do chreachadh thu fhèin; agus fhir na foill, ris nach do bhuin iad gu fealltach: nuair a sguireas tu de chreachadh, creachar thu; agus nuair a bheir thu thairis a bhith ri foill, buinidh iad gu fealltach riut. O Thighearna, dèan tròcair oirnn; ortsa tha sinn a’ feitheamh; bi thusa ad ghàirdean dhaibh gach madainn; ar slàinte fòs ri àm na h‑airce. O ghuth a’ bhuaireis theich na slòigh; nuair a thog thu suas thu fhèin, sgapadh na cinnich. Agus cruinnichear ur creach mar a chruinnicheas am burras: mar shiubhal nan lòcast, thig e orra. Tha an Tighearna air àrdachadh; seadh, tha a chòmhnaidh gu h‑àrd; lìon e Sion le breitheanas agus ceartas. Agus bidh slàinte làidir, gliocas, agus eòlas, nan daingneachadh dod linn; tha eagal an Tighearna na ionmhas dha. Feuch, togaidh na daoine cumhachdach gaoir an taobh a‑muigh; guilidh teachdairean na sìthe gu goirt. Tha na ròidean mòra fàsail, dh’fhalbh am fear‐turais; bhris e an coicheangal, chuir e cùl ris na cathraichean, chan eil meas aige air duine. Tha an talamh ri bròn, agus a’ fannachadh; tha Lebanon fo nàire, agus air a ghearradh sìos; tha Sàron air fàs mar fhàsach; agus Basan agus Carmel air crathadh dhiubh an toraidh. A‑nis èiridh mi, deir an Tighearna; a‑nis àrdaichear mi; a‑nis togaidh mi suas mi fhèin. Bidh sibh torrach air moll: beiridh sibh asbhuain; nì ur n‑anail, mar theine, ur caitheamh. Agus bidh na slòigh mar aol air a losgadh; mar dhroigheann air a ghearradh sìos, loisgear iad anns an teine. Cluinnibh, O sibhse tha fad as, an nì a rinn mi; agus sibhse tha dlùth, aidichibh mo chumhachd. Tha na peacaich ann an Sion fo eagal; ghlac uamhann na cealgairean: cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri teine millteach? Cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri lasraichean sìorraidh? Esan a ghluaiseas gu h‑ionraic, agus a labhras gu ceart; a ghabhas gràin de bhuannachd na h‑ainneirt, a chrathas a làmh o bhith a’ glacadh duais na h‑eucoir; a dhruideas a chluas o èisdeachd ri sgeul fala, agus a dhùineas a shùilean o amharc air olc; Bidh a chòmhnaidh‐san anns na h‑ionadan àrda; bidh daingnichean nan creag nan dìdean dha; bheirear aran dha; mairidh uisge gu cinnteach aige. Seallaidh do shùilean air an Rìgh na mhaise; chì iad an tìr cian fad as. Smaoinichidh do chridhe air uamhann. Càit a bheil an sgrìobhaiche? Càit a bheil am fear‐tomhais? Càit a bheil esan a ghabh àireamh nan daingnichean? Chan fhaic thu sluagh borb; luchd na cainnte domhain, nach b’urrainn thu a chluinntinn; luchd na teanga manntaich, nach b’urrainn thu a thuigsinn. Amhairc air Sion, cathair ar n‑àrd fhèillean; chì do shùilean Ierusalem na còmhnaidh fhoisdinnich, na pàillean nach atharraichear; cha ghluaisear aon de a chuaillean gu bràth, cha mhò a bhrisear aon da chùird. Ach ann an sin bidh an Tighearna glòrmhor dhuinne na ionad aibhnichean agus shruthan leathann; cha siubhail soitheach ràmhach ann; cha mhò a thèid long ghreadhnach troimhe. Oir is e an Tighearna ar britheamh; is e an Tighearna ar fear‐tabhairt lagha; is e an Tighearna ar Rìgh; tèarnaidh e sinn. Tha do chùird fuasgailte; cha b’urrainn iad an crann a ro‑dhaingneachadh; cha b’urrainn iad an seòl a sgaoileadh; an sin tha creach phailt air a roinn; ghlac am bacach a’ chobhartach. Agus chan abair am fear‐àiteachaidh, Tha mi tinn: gheibh an sluagh a tha a chòmhnaidh an sin maitheanas nan aingidheachd. Dlùthaichibh, a chinneacha, a‑chum èisdeachd; agus thugaibh aire, O fhineachan: èisdeadh an talamh agus a làn, an saoghal agus na h‑uile a tha a’ teachd a‑mach uaithe. Oir tha fearg air an Tighearna an aghaidh nan cinneach uile; agus corraich an aghaidh an slògh uile; chuir e as dhaibh, thug e thairis iad a‑chum casgairt. Agus tilgear am mairbh a‑mach; agus on cairbhean èiridh breun bholadh; agus leaghaidh na slèibhtean sìos lem fuil. Agus crìonaidh feachd nèimh gu lèir air falbh, agus fillear na nèamhan air a chèile mar dhuilleig leabhair; agus tuitidh am feachd uile sìos, mar a thuiteas an duilleag sheargte on fhìonain, agus mar am meas làn‐abaich on chrann‐fhìge. Oir tha mo chlaidheamh air a chur air mhisg anns na nèamhan; feuch, tuitidh e air Idumèa, agus air an t‑sluagh a mhallaich mise, a‑chum breitheanais. Tha claidheamh an Tighearna sàsaichte le fuil; tha e biadhte le saill, le fuil uan agus ghobhar, le saill àirnean reitheachan; oir tha ìobairt aig an Tighearna ann am Bosrah, agus àr mòr ann an tìr Idumèa. Agus thig na h‑aon‐adharcaich a‑nuas maille riu, agus na daimh maille ris na tairbh; agus cuirear an tìr air snàmh le fuil, agus nìthear an duslach reamhar le saill. Oir is e là dìoghaltas an Tighearna a tha ann, agus bliadhna an ath‐dhìolaidh airson connsachadh Shioin. Agus iompaichear a sruthan gu pic, agus a duslach gu pronnasg; agus fàsaidh a fearann uile na phìc loisgich. Cha tèid a chur as a dh’oidhche no a là; gu sìorraidh thèid a deatach suas: o àl gu àl bidh i fàs; gu linn nan linn cha tèid aon neach troimhpe. Ach sealbhaichidh am pelican agus a’ ghràineag i; agus gabhaidh a’ chailleach‐oidhche agus am fitheach còmhnaidh innte; agus sìnidh e thairis oirre sreang an lèirsgrios, agus clachan na faoineachd. Gairmidh iad a h‑uaislean don rìoghachd, ach cha bhi iad ann; agus thig a ceannardan uile gu neoni. Agus fàsaidh an droigheann suas na lùchairtean; an fheanntagach agus an dris na daingnichean; agus bidh i na fàrdaich aig dràgonan, na h‑àros aig nigheanan na comhachaig. Agus coinnichidh fiadh‐bheathaichean an fhàsaich agus fiadh‐bheathaichean na machrach a chèile; agus glaodhaidh am fiadh‐dhuine ra chompanach; an sin fòs gabhaidh an sgreuchag‐oidhche fois, agus gheibh i dhi fhèin àite‐tàimh. An sin nì a’ chailleach‐oidhche mhòr a nead, agus beiridh i a h‑uighean; agus nì i gur, agus cruinnichidh i a h‑àlach fo a sgàil; an sin fòs cruinnichear na faing, gach aon le a chèile fhèin. Fiosraichibh de leabhar an Tighearna, agus leughaibh; cha bhi aon dhiubh seo air chall, cha bhi aon as eugmhais a cèile; oir is e mo bheul‐sa a thug an àithne, agus is e a spiorad a thionail iad. Agus thilg e an crannchur air an son, agus roinn a làmh dhaibh e le sreing; sealbhaichidh iad e gu sìorraidh: o àl gu àl gabhaidh iad còmhnaidh ann. Nì am fàsach agus an talamh tartmhor gàirdeachas air an son; agus bidh an dìthreabh ait, agus thig e fo bhlàth mar an ròs. Brisidh e a‑mach gu h‑ùrar, seadh nì e gàirdeachas gu subhach agus gu ceòlmhor; bheirear glòir Lebanoin dha, maise Charmeil agus Shàroin; chì iad sin glòir an Tighearna, agus maise ar Dè‑ne. Neartaichibh‐se na làmhan laga, agus daingnichibh na glùinean anfhann. Abraibh riùsan a tha lag‐chridheach, Bithibh làidir, na biodh eagal oirbh; feuch, thig ur Dia le dìoghaltas, is e Dia le ath‐dhìoladh; thig e fhèin, agus saoraidh e sibh. An sin fosglar sùilean nan dall, agus bidh cluasan nam bodhar air am fosgladh. An sin leumaidh am bacach mar fhiadh, agus seinnidh teanga a’ bhalbhain; oir anns an fhàsach brisidh uisgeachan a‑mach, agus sruthan anns an dìthreabh. Agus fàsaidh am fearann tioram na linne, agus am fearann tartmhor na thobraichean uisge: ann an àite‐còmhnaidh nan dràgon, agus nan leabaidh, bidh feur, leis a’ chuilc agus an luachair. Agus bidh rathad mòr an sin, agus slighe; agus goirear slighe na naomhachd dheth; cha siubhail neach neòghlan troimhe; ach bidh e air an son‐san; cha tèid am fear‐turais no na daoine baoghalta air seachran ann. Cha bhi leòmhann an sin, cha mhò a thig fiadh‐bheathach millteach suas ann; chan fhaighear an sin e; ach siùbhlaidh a’ mhuinntir shaorte ann: Agus tillidh saor‐dhaoine an Tighearna, agus thig iad gu Sion le caithreim, agus aoibhneas sìorraidh air an cinn: gheibh iad gàirdeachas agus aoibhneas, agus teichidh bròn agus osnaich air falbh. Agus thàrladh ann an ceathramh‐bliadhna‑deug rìgh Heseciah gun tàinig Senacherib rìgh Asiria a‑nìos an aghaidh uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus ghlac e iad. Agus chuir rìgh Asiria Rab‐saceh o Lachis do Ierusalem a dh’ionnsaigh rìgh Heseciah, le armailt mhòir; agus sheas e aig sruth‐chlais na linne uachdaraich air rathad mòr achadh an luadhadair. An sin thàinig a‑mach da ionnsaigh Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an taighe, agus Sebnah an sgrìobhaiche, agus Ioah mac Asaiph an seanchaidh. Agus thubhairt Rab‐saceh riu, Abraibh a‑nis ri Heseciah, Mar seo deir an rìgh mòr, rìgh Asiria, Ciod e am bun‐dòchais seo as a bheil thu ag earbsa? Tha thu ag ràdh (ach is briathran faoine iad), Tha comhairle agus neart agam airson a’ chogaidh; a‑nis cò as a bheil thu ag earbsa, gun dèanadh tu ceannairc am aghaidh‐sa? Feuch, tha thu ag earbsa as an luirg bhriste chuilce sin, as an Eiphit; nì, ma leigeas duine a chudthrom air, a thèid a‑steach na làimh, agus a thollas troimhe i: mar seo tha Phàraoh, rìgh na h‑Eiphit, dhaibhsan uile a dh’earbas as. Ach ma their thu rium, As an Tighearna ar Dia tha ar n‑earbsa; nach e sin esan a chuir Heseciah air falbh a ionadan àrda agus a altairean; agus thubhairt e ri Iùdah agus ri Ierusalem, Fa chomhair na h‑altarach seo sleuchdaidh sibh? A‑nis uime sin, guidheam ort, thoir gèill dom thighearna, rìgh Asiria; agus bheir mise dhut dà mhìle each, mas urrainn thu, air do thaobh‐sa, marcaichean a chur orra. Cionnas, matà, a thilleas tu air ais aon cheann‐feadhna de na seirbhisich as lugha tha aig mo thighearna, agus a dh’earbas tu as an Eiphit airson charbadan agus mharc‐shluaigh? Agus a‑nis, an ann as eugmhais an Tighearna a thàinig mise a‑nìos an aghaidh na tìre seo, ga sgrios? Is e an Tighearna a thubhairt rium, Rach suas an aghaidh na tìre seo, agus sgrios i. An sin thubhairt Eliacim, agus Sebnah agus Iaoh ri Rab‐saceh, Labhair, guidheamaid ort, rid sheirbhisich anns a’ chainnt Shirianaich, oir tuigidh sinn i; agus na labhair rinn anns a’ chainnt Iùdhaich, ann an cluasan an t‑sluaigh a tha air a’ bhalla. Agus thubhairt Rab‐saceh, An ann a dh’ionnsaigh do thighearna‑sa, agus ad ionnsaigh‐sa, a chuir mo thighearna mise, a labhairt nam briathran seo? Nach ann a dh’ionnsaigh nan daoine a tha nan suidhe air a’ bhalla, a‑chum gun ith iad an salchar fhèin, agus gun òl iad an uisge fhèin, maille ribhse? An sin sheas Rab‐saceh, agus ghlaodh e le guth àrd anns a’ chainnt Iùdhaich, agus thubhairt e, Cluinnibh briathran an rìgh mhòir, rìgh Asiria: Mar seo deir an rìgh, Na mealladh Heseciah sibh, oir cha bhi e comasach air ur tèarnadh: Agus na tugadh Heseciah oirbh ur dòchas a chur anns an Tighearna, ag ràdh, Gu cinnteach tèarnaidh an Tighearna sinn, cha toirear thairis am baile seo ann an làimh rìgh Asiria: Na èisdibh ri Heseciah; oir mar seo deir rìgh Asiria, Dèanaibh coicheangal riumsa le tìodhlac, agus thigibh am ionnsaigh; agus itheadh gach fear de a chrann‐fìona, agus gach fear de a chrann‐fìge fhèin; agus òladh gach fear uisge a thobair fhèin; Gus an tig mise agus gun toir mi sibh gu tìr cosmhail ri ur tìr fhèin; tìr arbhair agus fìona, tìr arain agus fhìonliosan. Thugaibh an aire nach cuir Heseciah impidh oirbh, ag ràdh, Tèarnaidh an Tighearna sinn. An do theasairg diathan nan cinneach, gach aon a thìr fhèin, à làimh rìgh Asiria? Càit a bheil diathan Hamait agus Arphaid? Càit a bheil diathan Shepharbhaim? An do theasairg iad Samaria as mo làimh‐sa? Cò am measg uile dhiathan nan dùthchannan seo a theasairg an tìr fhèin as mo làimh‐sa, gun teasairgeadh an Tighearna Ierusalem as mo làimh? Ach dh’fhan iad nan tosd, agus cha tug iad facal freagraidh air; oir b’i àithne an rìgh, Na tugaibh freagradh air. An sin thàinig Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an taighe, agus Sebnah an sgrìobhaiche, agus Ioah mac Asaiph an seanachaidh, gu Heseciah len aodach reubte, agus dh’innis iad dha briathran Rab‐saceh. Agus nuair a chuala Heseciah an rìgh e, reub e aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le aodach‐saic, agus chaidh e a‑steach do thaigh an Tighearna. Agus chuir e Eliacim a bha os cionn an taighe, agus Sebnah an sgrìobhaiche, agus seanairean nan sagart, còmhdaichte le aodach‐saic, gu Isaiah mac Amois, am fàidh. Agus thubhairt iad ris, Mar seo deir Heseciah, Is là teinn agus achmhasain agus maslaidh an là seo; oir tha clann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu breith chan eil ann. Theagamh gun tabhair an Tighearna do Dhia fa‑near briathran Rab‐saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: cuir thusa, matà, suas ùrnaigh airson an iarmaid a dh’fhàgadh. Mar sin thàinig òglaich rìgh Heseciah gu Isaiah. Agus thubhairt Isaiah riu, Mar seo their sibh ri ur tighearna, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Na biodh eagal ort airson nam briathran a chuala tu, leis an tug òglaich rìgh Asiria masladh dhòmhsa. Feuch cuiridh mi osag air, agus cluinnidh e tuairisgeal, agus tillidh e da thìr fhèin, agus bheir mi air tuiteam leis a’ chlaidheamh na thìr fhèin. Mar sin thill Rab‐saceh, agus fhuair e rìgh Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah; oir chuala e gun d’fhalbh e o Lachis. Agus nuair a chuala e mu thimcheall Thirhacah rìgh Etiopia, ag ràdh, Thàinig e a‑mach a chogadh riut: chuir e teachdairean gu Heseciah, ag ràdh, Mar seo their sibh ri Heseciah rìgh Iùdah, Na mealladh do Dhia thu, as a bheil thu ag earbsa, ag ràdh, Cha toirear Ierusalem thairis do làimh rìgh Asiria. Feuch, chuala tu ciod a rinn rìghrean Asiria ris na dùthchannan uile, gan sgrios gu tur; agus am bi thusa air do thèarnadh? An do theasairg diathan nan cinneach iadsan a sgrios m’athraichean‐sa, eadhon Gosan, agus Hàran, agus Reseph, agus mic Edein a bha ann an Telasar? Càit a bheil rìgh Hamait, agus rìgh Arphaid, agus rìgh mòr‐bhaile Shepharbhaim, Hena, agus Ibhah? Agus ghabh Heseciah an litir o làimh nan teachdairean, agus leugh e i; agus chaidh Heseciah suas do thaigh an Tighearna, agus sgaoil e i am fianais an Tighearna. Agus rinn Heseciah ùrnaigh ris an Tighearna, ag ràdh, O Thighearna nan sluagh, a Dhia Israeil, a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban; is tusa fhèin ad aonar Dia uile rìoghachdan na talmhainn; is tu a rinn na nèamhan agus an talamh. Crom, O Thighearna, do chluas, agus cluinn; fosgail, O Thighearna, do shùilean, agus faic; agus cluinn uile bhriathran Shenacherib, a chuir e a mhaslachadh an Dè bheò. Gu deimhinn, O Thighearna, sgrios rìghrean Asiria na cinnich uile, agus am fearann. Agus thilg iad an diathan anns an teine; oir cha bu diathan iad, ach obair làmhan duine, fiodh agus clach; uime sin sgrios iadsan iad. Ach a‑nis, O Thighearna ar Dia, teasairg sinn o a làimh; a‑chum gum bi fhios aig uile rìoghachdan na talmhainn gur tusa, a Thighearna, an t‑aon Dia. An sin chuir Isaiah mac Amois fios gu Heseciah, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, A‑thaobh na h‑ùrnaigh a rinn thu rium mu thimcheall Shenacherib rìgh Asiria; Seo am facal a labhair an Tighearna ma thimcheall‐san: Rinn òigh‐nighean Shioin tàir ort, rinn i gàire fanaid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaibh. Cò don tug thu masladh agus toibheum? Agus cò a thog thu do ghuth na aghaidh, agus a thog thu suas do shùilean gu h‑àrd? An ann an aghaidh Tì naomh Israeil? Led luchd‐muinntir mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a’ chuid as àirde de a chraobhan seudair, rogha a chraobhan giuthais; agus thèid mi a‑steach do ionad àrd a chrìche, frìth a Charmeil. Chladhaich mi agus dh’òl mi uisgeachan; agus le bonn mo chas thiormaich mi uile shruthan nan ionad daingnichte. Nach cuala tu o shean gun do rinn mi e, agus o aimsirean cèin gun do dhealbh mi e? A‑nis thug mi gu crìch e, gum biodh tusa a‑chum bailtean daingnichte a chur fàs nan cùirn sgrios. Uime sin bha an luchd‐àiteachaidh air bheag neart; bha iad fo gheilt‐chrith agus amhluadh; bha iad mar fheur na machrach, agus mar an luibh uaine; mar fheur mullach an taighe, agus mar an t‑arbhar a sheargas mum fàs e suas. Ach is aithne dhomh do shuidhe sìos, agus do dhol a‑mach, agus do theachd a‑steach, agus do bhoile am aghaidh. A chionn gun tàinig do bhoile am aghaidh, agus d’àrdan a‑nìos gum chluasan; air an adhbhar sin cuiridh mi mo dhubhan ann ad shròin, agus mo shrian ann ad bheul; agus tillidh mi air d’ais thu air an t‑slighe air an tàinig thu. Agus bidh seo na chomharradh dhut: Ithibh air a’ bhliadhna seo an nì sin a dh’fhàsas leis fhèin, agus an dara bliadhna an nì a chinneas as a sin; agus an treas bliadhna cuiribh agus buainibh; agus suidhichibh fìon‐liosan, agus ithibh an toradh. Agus gabhaidh am fuidheall a thèid as de thaigh Iùdah fhathast freumh sìos, agus giùlainidh e toradh suas. Oir o Ierusalem thèid fuidheall a‑mach, agus iadsan a thèid as o shliabh Shioin: nì eud Tighearna nan sluagh seo a choileanadh. Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall rìgh Asiria, Cha tig e a‑steach don chathair seo, agus cha tilg e saighead innte, agus cha tog e sgiath fa comhair, agus cha chuir e suas tòrr na h‑aghaidh. Air an t‑slighe air an tàinig e, mar sin tillidh e; agus don chathair seo cha tig e a‑steach, deir an Tighearna. Agus dìonaidh mise a’ chathair seo a‑chum a tèarnadh, air mo sgàth fhèin, agus air sgàth Dhaibhidh m’òglach. Agus chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach ceud agus ceithir‐fichead agus còig mìle; agus nuair a dh’èirich daoine anns a’ mhadainn, bha iad sin uile nan cuirp mharbha. Agus thog Senacherib rìgh Asiria air, agus dh’fhalbh e, agus thill e, agus ghabh e còmhnaidh ann an Ninebheh. Agus thàrladh, nuair a bha e ri adhradh ann an taigh Nisroch, a dhia, gun do bhuail Adramelec agus Sareser, a mhic, e leis a’ chlaidheamh, agus theich iad do thìr Armenia; agus rìghich Esarhadan a mhac na àite. Anns na làithean sin bha Heseciah tinn gu bàs; agus thàinig Isaiah am fàidh, mac Amois, da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cuir do thaigh an òrdagh; oir gheibh thu bàs, agus cha mhair thu beò. An sin thionndaidh Heseciah a aghaidh ris a’ bhalla, agus rinn e ùrnaigh ris an Tighearna; Agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt. An sin thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh Isaiah, ag ràdh, Falbh agus abair ri Heseciah, Mar seo deir an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir; feuch, cuiridh mi rid làithean còig‐bliadhna‑deug; Agus saoraidh mi thusa agus am baile seo à làimh rìgh Asiria; agus dìonaidh mi am baile seo. Agus thubhairt Isaiah, Is e seo as comharradh dhut gun dèan an Tighearna an nì a labhair e: Feuch, bheir mi air ais dubhar nan ceum, a tha air dol leis a’ ghrèin air ceuman Ahais, deich ceuman air ais. Agus thill a’ ghrian air a h‑ais deich ceuman air na ceuman air an deachaidh i sìos. Sgrìobhadh Heseciah rìgh Iùdah, nuair a bha e tinn, agus a shlànaicheadh e o a thinneas: Thubhairt mi, ann an giorrachadh mo làithean, Thèid mi a‑steach air dorsan na h‑uaighe: chaill mi fuidheall mo bhliadhnachan. Thubhairt mi, Chan fhaic mi nas mò an Tighearna, eadhon an Tighearna, ann an tìr nam beò; cha seall mi air duine nas mò, maille ri luchd‐àiteachaidh an t‑saoghail. Tha m’aois air dealachadh rium, agus dh’atharraicheadh i air falbh mar phàillean buachaille; ghearradh as mo bheatha mar gum b’ann leis an fhigheadair; tha e gam chlaoidh le tinneas caithteach; o là eadhon gu oidhche tha thu a’ cur as dhomh. Shaoil mi, gus a’ mhadainn, gum briseadh e, mar leòmhann, mo chnàmhan uile; o là eadhon gu oidhche tha thu a’ cur as dhomh. Mar ghòbhlan‐gaoithe no mar chòrr, rinn mi cànran; rinn mi caoidh mar chalaman: tha mo shùilean air fàilneachadh le sealltainn suas. O Thighearna, tha mi air mo shàrachadh; bi thusa ad urras dhomh. Ciod a their mi? Labhair e rium, agus fòs choilean e. Gluaisidh mi gu fòil uile bhliadhnachan mo bheatha airson àmhghar m’anama. O Thighearna, tro na nithean sin bidh iad beò, agus anns na nithean sin tha beatha mo spioraid: mar sin shlànaich agus bheothaich thu mi. Feuch, tha m’àmhghar air a chaochladh gu fois; theasairg thu gu caomh m’anam o shloc millteach; seadh, thilg thu air do chùlaibh m’uile lochdan. Gu deimhinn cha dèan an uaigh luaidh ort; cha toir am bàs cliù dhut; cha chuir iadsan a thèid sìos don t‑sloc an dòigh ann ad fhìrinn. Am beò, am beò, molaidh esan thu, mar a nì mise air an là‑an‑diugh; foillsichidh an t‑athair don chloinn do thairisneachd. Bha an Tighearna leam gum thèarnadh; air an adhbhar sin seinnidh sinn mo dhàin air na h‑innealan‐ciùil, uile làithean ar beatha, ann an taigh an Tighearna. Agus thubhairt Isaiah, Gabhadh iad meall fhìgean, agus sgaoileadh iad air an neasgaid iad, agus slànaichear e. Agus thubhairt Heseciah, Ciod e an comharradh gun tèid mi suas do thaigh an Tighearna? Anns an àm sin, chuir Merodach‐baladan, mac Bhaladain rìgh Bhàbiloin, litir agus tìodhlac gu Heseciah; oir chuala e gu robh e tinn, agus gun do shlànaicheadh e. Agus rinn Heseciah gàirdeachas air an son; agus dh’fheuch e dhaibh taigh‐tasgaidh a nithean luachmhor, an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na spìosraidhean, agus an ola luachmhor, agus a thaigh‐armachd gu lèir, agus gach uile nì a fhuaireadh na ionmhasan; cha robh nì na thaigh agus na rìoghachd uile nach d’fheuchte dhaibh. Agus thàinig am fàidh Isaiah gu rìgh Heseciah, agus thubhairt e ris, Ciod a thubhairt na daoine seo? Agus cia as a thàinig iad ad ionnsaigh? Agus thubhairt Heseciah, Thàinig iad am ionnsaigh o thìr chèin, o Bhàbilon. Agus thubhairt e, Ciod a chunnaic iad ann ad thaigh? Agus thubhairt Heseciah, Na h‑uile nithean a tha ann am thaigh chunnaic iad; chan eil nì ann am ionmhasan nach d’fheuch mi dhaibh. An sin thubhairt Isaiah ri Heseciah, Cluinn facal Tighearna nan sluagh; Feuch, tha na làithean a’ teachd anns am bi gach nì a tha ann ad thaigh, agus a thaisg d’athraichean suas gus an là‑an‑diugh, air a ghiùlan air falbh gu Bàbilon; chan fhàgar nì air bith, deir an Tighearna. Agus ded mhic a thig uat, a ghineas tu, bheir iad leo; agus bidh iad nan caillteanaich ann an lùchairt rìgh Bhàbiloin. An sin thubhairt Heseciah ri Isaiah, Is math facal an Tighearna a labhair thu; oir thubhairt e gum bi sìth agus fìrinn ann rè mo làithean‐sa. Thugaibh comhfhurtachd, thugaibh comhfhurtachd dom shluagh‐sa, deir ur Dia. Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread ra h‑uile pheacaidhean. Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna; rèitichibh anns an dìthreabh slighe àrd dar Dia‑ne. Bidh gach gleann air àrdachadh, agus gach sliabh agus cnoc air ìsleachadh; agus nìthear an cam dìreach, agus na h‑ionadan garbha nan còmhnard rèidh. Agus foillsichear glòir an Tighearna, agus chì gach uile fheòil i le chèile; oir is e beul an Tighearna a labhair. Tha guth ag ràdh, Eigh; agus thubhairt mise, Ciod a dh’èigheas mi? Is feur gach uile fheòil, agus tha a h‑òirdheirceas uile mar bhlàth na machrach: Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh, nuair a shèideas gaoth an Tighearna air; gu cinnteach is feur an sluagh. Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh; ach seasaidh facal ar Dè‑ne gu sìorraidh. O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Shion, gabh suas gu sliabh àrd; O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Ierusalem, tog do ghuth le neart; tog e, na biodh eagal ort; abair ri bailtean Iùdah, Feuch, ur Dia! Feuch, thig an Tighearna Iehòbhah le làimh làidir, agus bheir a ghàirdean buaidh a‑mach dha; feuch, tha a dhuais maille ris, agus a obair na fhianais. Mar bhuachaille beathaichidh e a threud; le a ghàirdean cuartaichidh e na h‑uain, agus giùlainidh e iad na uchd; iomainidh e gu sèimh an sprèidh a tha trom le àl. Cò a thomhais na h‑uisgeachan ann an glaic a làimhe; agus a shìn a‑mach na nèamhan le rèis; agus a chruinnich duslach na talmhainn ann an soitheach‐tomhais; agus a chothromaich na slèibhtean ann an slighean, agus na cnuic ann am meidh‐chothroim? Cò a sheòl Spiorad an Tighearna, no mar aon de a chomhairle, a theagaisg e? Cò ris a chuir e a chomhairle, agus cò a theagaisg e, agus a sheòl dha ceum a’ bhreitheanais, agus a dh’ionnsaich dha eòlas, agus a sheòl dha slighe na tuigse? Feuch, tha na cinnich mar bhoinne an t‑soithich‐uisge; agus measar iad mar dhus mìn na slige‐tomhais: feuch, togaidh e suas na h‑eileanan mar smùirnean: Agus cha leòr Lebanon gu a losgadh, agus cha leòr a bheathaichean airson ìobairt‐loisgte. Tha na cinnich uile mar neoni na làthair‐san; tha iad air am meas leis mar fhìor neoni agus dìomhanas. Cò ris, mas eadh, a shamhlaicheas sibh Dia? Agus ciod an coslas a nì sibh dha? Tilgidh am fear‐ceàirde dealbh snaidhte, agus cuiridh an t‑òr‑cheàrd thairis e le òr; agus nì e slabhraidhean airgid air a shon. Am fear aig nach eil fiù tabhartais, taghaidh e mìr fiodha nach grod; iarraidh e a‑mach dha fhèin fear‐obrach seòlta, a chuireas an uidheam dealbh snaidhte nach tèid a ghluasad. Nach d’fhuair sibh fios? Nach cuala sibh sgeul? Nach do chuireadh an cèill dhuibh o thùs? Nach do thuig sibh o leagadh bunaitean na talmhainn? Is esan a tha na shuidhe air cuairt na talmhainn, agus tha a luchd‐àiteachaidh mar fhionnain‐fheòir; a tha a’ sìneadh a‑mach nan nèamhan mar sgàil thana, agus gan sgaoileadh mar bhùth anns an gabhar còmhnaidh; A tha a’ tabhairt phrionnsachan gu neoni, agus a’ dèanamh bhritheamhan nan dìomhanas. Seadh, cha suidhichear iad, cha mhò a chuirear iad, cha mhò a fhreumhaicheas am bun anns an talamh; nuair a shèideas e orra, seargaidh iad; agus bheir a’ chuairt‐ghaoth air falbh iad mar asbhuain. Cò ris, ma ta, a shamhlaicheas sibh mise, no a choimeasar mi? deir an Tì naomh. Togaibh ur sùilean an àird, agus feuchaibh, cò a chruthaich iad seo: Esan a bheir a‑mach an armailtean air àireamh; a ghairmeas orra uile air an ainm; tro mheud a neirt agus treise a chumhachd, cha bhi aon air chall. Cia uime a their thusa, O Iàcoib, agus a labhras tu, O Israeil, Tha mo shlighean falaichte on Tighearna, tha mo chòir air a leigeadh air dearmad lem Dhia? Nach aithne dhut, nach cuala tu? An Dia bithbhuan, an Tighearna, Cruithear crìochan na talmhainn, chan fhannaich agus cha sgìthich e; chan fhaodar a thuigse a rannsachadh. Bheir esan neart don anfhann, agus dhaibhsan a tha gun lùth meudaichidh e treise. Fàsaidh na h‑òigfhir lag agus sgìth, agus tuitidh an òigridh thaghte gu làr; Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann. Bithibh nur tosd am làthair, O eileanan, agus ath‐nuadhaicheadh na slòigh an neart; thigeadh iad am fagas, an sin labhradh iad; dlùthaicheamaid ri chèile a‑chum tagraidh. Cò a dhùisg suas an t‑ionracan on ear, a ghairm e a‑chum a choise, a chuir na cinnich na fhochar, agus a thug dha riaghladh thar rìghrean; a rinn iad mar an duslach ro a chlaidheamh, agus mar an asbhuain fhuadaichte ro a bhogha? Ruaig e iad, chaidh e thairis ann an tèarainteachd, air slighe air nach d’imich e roimhe le a chasan. Cò a dh’obraich agus a choilean seo, a’ gairm nan ginealach o thùs? Mise an Tighearna, an ciad neach, agus maille riùsan air dheireadh, is mise e. Chunnaic na h‑eileanan, agus ghabh iad eagal; iomallan na tìre, agus bha iad fo uamhas; dhlùthaich iad, thàinig iad am fagas. Chuidich gach fear a choimhearsnach, agus thubhairt e ra bhràthair, Bi misneachail. Mar sin thug an saor misneach don òr‑cheard; esan a mhìnicheas leis an òrd, don fhear a bhuaileas air an innein, ag ràdh, Tha e ullamh a‑chum a thàthadh; agus dhaingnich e le tàirngean e, air chor is nach gluaiste e. Ach thusa Israeil, m’òglach, a Iàcoib, a roghnaich mi; sliochd Abrahàim, mo charaid; Thusa, a stiùir mi o iomallan na talmhainn, agus a ghairm mi o mheasg a maithean; agus thubhairt mi riut, Is tu m’òglach; roghnaich mi thu, agus cha do chuir mi cùl riut: Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd. Feuch, nàraichear agus maslaichear iadsan uile a bha air bhoile riut; bidh iad mar neoni; agus thèid iadsan a nì strì riut am mugha. Iarraidh tu iad, agus chan fhaigh thu iad, eadhon na daoine a rinn strì riut; bidh na daoine a rinn cogadh riut mar neoni, agus mar nì gun bhrìgh. Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort. Na biodh eagal ort, a chnuimh, a Iàcoib, a dhaoine bàsmhor Israeil; nì mise cobhair ort, deir an Tighearna, agus is e d’fhear‐saoraidh Tì naomh Israeil. Feuch, nì mise thu ad inneal‐bualaidh geur nodha, aig am bi fiaclan; buailidh tu na slèibhtean, agus pronnaidh tu gu mìn iad; agus nì thu na cnuic mar mholl. Fasgnaidh tu iad, agus bheir a’ ghaoth air falbh iad, agus sgapaidh a’ chuairt‐ghaoth iad; ach nì thusa gàirdeachas anns an Tighearna, nì thu uaill ann an Tì naomh Israeil. Nuair a bhios am bochd agus an t‑ainnis ag iarraidh uisge, agus nach bi e ann; agus a bhios an teanga air tiormachadh le tart; mise Iehòbhah freagraidh mi iad; Dia Israeil, is mi nach trèig iad. Fosglaidh mi aibhnichean anns na h‑ionadan àrda, agus tobraichean ann am meadhon nan gleann; nì mi am fàsach na linne uisge, agus am fearann tioram na shruthan uisge. Cuiridh mi anns an fhàsach an seudar, an sitta, am miortal, agus an crann‐ola; suidhichidh mi anns an fhàsach an giuthas, an gall‐ghiuthas agus am bocsa le chèile: A‑chum gum faic agus gun aithnich iad, agus gun toir iad fa‑near, agus gun tuig iad maraon, gur i làmh an Tighearna a rinn seo, agus gur e Tì naomh Israeil a dhealbh e. Thugaibh am fagas ur cùis, deir an Tighearna; thugaibh an làthair ur mòr‐chumhachdan, deir rìgh Iàcoib. Thigeadh iad am fagas, agus innseadh iad dhuinn na nithean a thig gu crìch; innseadh iad dhuinn ciod iad na nithean a bha roimhe, a‑chum gun toir sinn fa‑near iad; agus gum bi fhios againn air a’ chrìch; no cuireadh iad an cèill nithean ri teachd. Innsibh dhuinn na nithean a thig gu crìch an dèidh seo, agus aithnichidh sinn gur diathan sibh; seadh, dèanaibh math, no dèanaibh olc, a chum gun amhairc sinn, agus gum faic sinn e maraon. Feuch, is neoni sibh, agus is nì gun bhrìgh ur n‑obair: is gràinealachd esan a roghnaicheas sibh. Thog mi suas fear o thuath, agus thig e; o èirigh na grèine gairmidh e air m’ainm; agus thig e a‑nuas air prionnsachan mar air clàbar, agus mar a shaltras an creadhadair a’ chriadh. Cò a dh’innis o thùs, ionnas gum biodh fios againn; agus ro làimh, gun abramaid, Tha e ceart? Seadh, chan eil neach ag innse, seadh chan eil neach a’ cur an cèill, seadh, chan eil neach a’ cluinntinn ur briathran. Their mi ri Sion an toiseach, Feuch, feuch iad sin; agus do Ierusalem bheir mi teachdaire deagh sgeòil. Oir dh’amhairc mi, agus cha robh neach ann, agus nam measg cha robh fear‐comhairle; no neach a bheireadh freagradh nuair a dh’fheòraich mi dhiubh. Feuch, is dìomhanas iad uile; is neoni an obraichean; is gaoth agus faoineis an dealbhan leaghte. Feuch m’òglach, a chumas mi suas; m’aon taghte, anns a bheil tlachd aig m’anam: chuir mi mo Spiorad air; foillsichidh e breitheanas do na cinnich. Cha ghlaodh e, agus cha tog e iolach; agus cha chluinnear a ghuth anns na sràidean. A’ chuilc bhrùite cha bhris e, agus an lìon dem bheil caol smùid cha mhùch e; foillsichidh e breitheanas a‑chum fìrinn. Cha tig fàilling no briseadh air gus an suidhich e breitheanas air an talamh; agus feithidh na h‑eileanan air a lagh. Mar seo deir an Tighearna Dia, esan a chruthaich na nèamhan, agus a shìn a‑mach iad; a sgaoil a‑mach an talamh agus na chinneas as; a tha a’ tabhairt anail don t‑sluagh a tha air, agus deò dhaibhsan a tha ag imeachd air: Ghairm mise Iehòbhah thu ann am fìreantachd, agus gabhaidh mi greim ded làimh, agus gleidhidh mi thu; agus bheir mi thu mar choicheangal don t‑sluagh, mar sholas do na cinnich; A dh’fhosgladh nan sùilean dall; a thabhairt nam prìosanach a‑mach as a’ phrìosan, agus na muinntir a tha nan suidhe ann an dorchadas à taigh na daorsa. Is mise Iehòbhah, is e sin m’ainm: agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile, no mo chliù do dhealbhan snaidhte. Feuch na seann nithean, thàinig iad gu crìch, agus nithean nuadha cuiridh mi an cèill; mum bris iad a‑mach, foillsichidh mi dhuibh iad. Seinnibh don Tighearna òran nuadh; seinnibh a chliù o iomall na talmhainn; sibhse a bhios a’ dol air cuan, agus na h‑uile a tha ga lìonadh; eileanan, agus na h‑uile a tha a chòmhnaidh annta. Togadh am fàsach iolach, agus na bailtean a tha ann; na bailtean beaga, luchd‐àiteachaidh Chedair; dèanadh luchd‐àiteachaidh na creige co‑ghàir; o mhullach nan slèibhtean togadh iad iolach. Thugadh iad glòir don Tighearna, agus cuireadh iad an cèill a chliù am measg nan eilean. Mar threun‐fhear thèid an Tighearna a‑mach; mar fhear‐cogaidh dùisgidh e suas eud: glaodhaidh e, seadh togaidh e iolach; nì e gaisge an aghaidh a naimhdean. Dh’fhan mi fada sàmhach, bha mi am thosd, chùm mi orm fhèin; a‑nis èighidh mi mar mhnaoi ri saothair; sgriosaidh mi, agus ithidh mi suas maraon. Cuiridh mi fàs slèibhtean, agus tiormaichidh mi am feur uile; nì mi na h‑aibhnichean nan eileanan, agus tiormaichidh mi na linneachan uisge. Agus stiùraidh mi na doill air slighe nach b’aithne dhaibh; tro cheuman air nach robh iad eòlach treòraichidh mi iad; nì mi an dorchadas na sholas romhpa, agus nì mi slighean fiara dìreach: na nithean seo nì mi air an son, agus cha trèig mi iad. Tillear air an ais, nàraichear gu tur, iadsan a tha a’ cur an dòchais ann an dealbh snaidhte; a tha ag ràdh ris na dealbhan leaghte, Is sibhse ar diathan‐ne. Cluinnibh, sibhse a tha bodhar; agus a dhaoine dall, amhaircibh a‑chum gum faic sibh. Cò a tha dall ach m’òglach‐sa, no bodhar mar an teachdaire a chuir mi uam? Cò a tha dall mar esan a tha iomlan, no dall mar òglach an Tighearna? Tha thu a’ faicinn iomadh nì, ach chan eil thu a’ tabhairt fa‑near; tha do chluasan fosgailte, ach gun a bhith a’ cluinntinn. Tha an Tighearna gràsmhor air sgàth a fhìrinn fhèin; àrdaichidh e an lagh, agus cuiridh e urram air. Ach is sluagh seo a tha spùinnte agus creachte; tha iad uile air an glacadh ann an slocan, agus air an druideadh a‑steach ann am prìosanan; rinneadh iad nan cobhartach, agus chan eil neach gan tèarnadh; nan creich, agus chan eil neach a their, Thoir air ais. Cò nur measg a dh’èisdeas ri seo; a bheir fa‑near, agus a ghabhas suim as an àm ri teachd? Cò a thug Iàcob mar chobhartach, agus Israel don luchd‐creachaidh? Nach b’e an Tighearna, esan an aghaidh an do pheacaich iad, agus nach b’àill leo gluasad na shlighean, cha mhò a thug iad gèill da reachd? Air an adhbhar sin dhòirt e air teas a chorraich, agus neart a’ chatha; agus dh’fhadaich e teine mun cuairt dha, ach cha do thuig e; agus loisg e e, gidheadh cha tug e fa‑near. Ach a‑nis mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, O Iàcoib, agus a dhealbh thu, O Israeil; Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu; ghairm mi thu air d’ainm; is leamsa thu. Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort. Oir is mise an Tighearna do Dhia, Tì naomh Israeil, d’fhear‐saoraidh: thug mi an Eiphit ann ad èirig; Etiopia agus Sèba air do shon. A chionn gu robh thu luachmhor ann am shealladh, fhuair thu urram, agus thug mise gràdh dhut; uime sin bheir mi daoine air do shon, agus slòigh an èirig d’anama. Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; on ear bheir mi do shliochd, agus on iar cruinnichidh mi thu: Their mi ris an àird a tuath, Thoir seachad, agus ris an àird a deas, Na cùm air ais; thoir mo mhic o chèin, agus mo nigheanan o chrìochan na talmhainn; Eadhon gach neach a tha air a ghairm air m’ainm‐sa; oir a‑chum mo ghlòire chruthaich mi e, dhealbh mi e; seadh, rinn mi e. Thugaibh a‑mach iadsan a tha dall, agus sùilean aca; agus a tha bodhar, agus cluasan aca. Cruinnichear na cinnich uile ri chèile, agus tionailear na slòigh; cò nam measg a dh’fhoillsicheas seo, agus a dh’innseas dhuinn na nithean air thoiseach? Thugadh iad an làthair am fianaisean, a‑chum gum bi iad air am fìreanachadh; no èisdeadh iad, agus aidicheadh iad, Tha sin fìor. Is sibhse m’fhianaisean‐sa, deir an Tighearna, eadhon m’òglach a roghnaich mi; a‑chum gun aithnich agus gun creid sibh mi; agus gun tuig sibh gur mi Esan; romhamsa cha robh dia sam bith air a dhealbhadh, cha mhò a bhios aon am dhèidh. Is mise, eadhon mise, an Tighearna; agus a‑mach uamsa chan eil slànaighear ann. Dh’fhoillsich mise, agus theasairg mi, agus chuir mi an cèill, nuair nach robh dia eile nur measg; uime sin is fianaisean sibh dhòmhsa, deir Iehòbhah, gur mi Dia. Eadhon mun robh là ann, is mi E; agus chan eil neach ann a theasairgeas as mo làimh; obraichidh mise, agus cò a bhacas e? Mar seo deir an Tighearna, ur fear‐saoraidh, Tì naomh Israeil, Air ur son‐se chuir mi fios gu Bàbilon, agus thug mi a‑nuas a croinn‐dhruididh uile, agus na Caldèanaich a nì uaill nan longan. Is mise an Tighearna, ur Tì naomh, Cruithear Israeil, ur rìgh. Mar seo deir an Tighearna, esan a nì slighe anns an fhairge, agus rathad anns na h‑uisgeachan làidir; A bheir a‑mach an carbad agus an t‑each, an armailt agus am feachd; le chèile laighidh iad sìos, agus chan èirich iad; chuireadh as iad, mhùchadh iad mar asgart. Na cuimhnichibh na nithean a bha ann roimhe; agus na nithean a bha o shean na tugaibh fa‑near. Feuch nì mi nì nuadh; a‑nis brisidh e a‑mach; nach toir sibh aire dha? Seadh, nì mi anns an fhàsach slighe, agus aibhnichean anns an dìthreabh. Bheir fiadh‐bheathach na machrach glòir dhomh; na dràgonan agus na cailleachan‐oidhche; a chionn gun tug mi uisgeachan anns an fhàsach, aibhnichean anns an dìthreabh, a‑chum deoch a thabhairt dom shluagh, dom mhuinntir thaghte. An sluagh seo dhealbh mi air mo shon fhèin; cuiridh iad an cèill mo chliù. Gidheadh cha do ghairm thu orm, O Iàcoib; ach ghabh thu seirbhe dhìom, O Israeil. Cha tug thu am ionnsaigh meanbh‐chrodh do thabhartas‐loisgte; cha mhò a thug thu urram dhomh led ìobairtean; cha do shàraich mi thu le tabhartas, cha mhò a sgìthich mi thu le tùis. Cha do cheannaich thu dhòmhsa le airgead a’ chuilc chùbhraidh, cha mhò a lìon thu mi le saill d’ìobairtean; ach shàraich thu mi led lochdan: sgìthich thu mi led euceartan. Is mise, mise fhèin, esan a dhubhas d’euceartan as, air mo sgàth fhèin; agus do lochdan cha chùm mi air chuimhne. Cuir am chuimhne, tagramaid ri chèile; cuir an cèill do chùis, a dh’fheuchainn an glan thu thu fhèin. Pheacaich do chiad athair, agus chiontaich do luchd‐teagaisg am aghaidh: Uime sin sgar mi a‑mach uachdarain an ionaid naoimh; agus thug mi thairis Iàcob a‑chum mallachaidh, agus Israel a‑chum maslaidh. Ach a‑nis èisd, O Iàcoib m’òglach, agus Israeil a roghnaich mi. Mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, agus a dhealbh thu on bhroinn, agus a chuidicheas thu; Na biodh eagal ort, a Iàcoib m’òglach, agus a Iesuruin, a roghnaich mi; Oir dòirtidh mi a‑mach uisge air an tartmhor, agus sruthan air an fhearann chruaidh; dòirtidh mi a‑mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil. Agus fàsaidh iad suas mar anns an fheur; mar gheugan seilich ri taobh nan sruth‐chlaisean. Their am fear seo, Is leis an Tighearna mise; agus ainmichear fear eile air ainm Iàcoib; agus sgrìobhaidh fear eile le a làimh don Tighearna, agus sloinnidh e e fhèin air ainm Israeil. Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear‐saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann. Agus cò, mar mise, a ghairmeas, agus a chuireas an cèill e, agus a chuireas an òrdagh dhomh e, on àm anns an do shuidhich mi an sluagh o shean? No a chuireas an cèill dhuinn na nithean a tha a’ teachd, agus a tha ri teachd. Na biodh eagal oirbh, agus na biodh geilt oirbh; nach d’fhoillsich mise dhut on àm ud, agus nach d’innis mi? Seadh, is fianaisean sibh dhomh. A bheil dia ann ach mise? Seadh chan eil dia eile ann; chan aithne dhomh aon. Iadsan a nì dealbh snaidhte, is dìomhanas iad uile; agus nan nithean taitneach cha bhi tairbhe; agus tha iad nam fianaisean nan aghaidh fhèin, nach faic iad, agus nach tuig iad, a‑chum gum biodh iad air an nàrachadh. Cò a dhealbh dia, no a thilg dealbh leaghte, anns nach eil tairbhe sam bith? Feuch, bidh a chompanaich uile air an nàrachadh; agus an luchd‐obrach, is daoine iad: cruinnichear iad uile ri chèile, seasadh iad suas; bidh eagal orra, agus bidh iad air an nàrachadh le chèile. Gearraidh an gobha mìr iarainn, obraichidh e e anns na h‑èibhlean, agus nì e a chumadh le ùird, agus caithidh e spionnadh a ghàirdein air; seadh, bidh e acrach, agus fàilnichidh a neart; chan òl e uisge, agus bidh e fann. Sìnidh an saor a‑mach a riaghail, comharraichidh e e le dath; cuiridh e cumadh air leis an locair, agus sgèithidh e e leis a’ ghobhal‐roinn; agus dealbhaidh e e a rèir coslas fir, a rèir maise duine, a‑chum fantainn anns an fhàrdaich. Gearraidh e sìos craobhan seudair dha fhèin agus gabhaidh e an giuthas agus an darach, a thaghas e dha fhèin am measg craobhan na frìthe; suidhichidh e crann‐uinsinn, agus altraimidh an t‑uisge e. An sin bidh e aig duine a‑chum a losgadh; agus gabhaidh e dheth, agus garaidh e e fhèin; seadh, cuiridh e teine ris, agus deasaichidh e aran; seadh, nì e dia, agus bheir e adhradh dha; nì e dealbh snaidhte dheth, agus cromaidh e sìos dha. Cuid dheth loisgidh e as an teine; le cuid eile dheth deasaichidh agus ithidh e feòil; ròstaidh e biadh, agus sàsaichear e; an sin garaidh e e fhèin, agus their e, Ahà, rinn mi mo gharadh; dh’aithnich mi an teine. Agus den chuid eile dheth nì e dia, eadhon dealbh snaidhte dha fhèin; cromaidh e sìos dha, agus bheir e adhradh dha; agus nì e ùrnaigh ris, agus their e, Teasairg mi, oir is tu mo dhia. Chan eil eòlas aca, cha mhò a tha tuigse aca; oir dhruid e an sùilean air chor is nach faic iad, agus an cridheachan air chor is nach tuig iad. Agus chan eil aon neach a’ toirt fa‑near na chridhe, cha mhò a tha eòlas no tuigse aige gu a ràdh, Loisg mi cuid dheth as an teine, dheasaich mi fòs aran air èibhlean dheth; ròist mi feòil agus dh’ith mi, agus an dèan mi am fuidheall dheth na ghràinealachd? An crom mi mi fhèin sìos do bhun craoibhe? Tha e a’ teachd beò air luaithre; thug cridhe meallta air seachran e, air chor is nach toir e as a anam fhèin; cha mhò a their e, Nach eil breug ann am làimh dheis? Cuimhnich na nithean seo, O Iàcoib; agus Israeil, oir is tu m’òglach; dhealbh mi thu, is òglach dhòmhsa thu; O Israeil, cha leig mise air dìochuimhn thu. Dhubh mi as, mar neul, d’euceartan; agus mar cheò, do lochdan; till rium, oir shaor mise thu. Seinnibh, O nèamhan, oir thug an Tighearna gu crìch; togaibh iolach, O dhoimhneachdan na talmhainn; brisibh a‑mach le ceileir, a shlèibhtean; O dhoire, agus gach craobh a tha ann; oir shaor an Tighearna Iàcob, agus ghlòraich e e fhèin ann an Israel. Mar seo deir an Tighearna, d’fhear‐saoraidh, agus esan a dhealbh thu on bhroinn: Is mise an Tighearna, cruithear nan uile nithean; a tha a’ sìneadh nan nèamhan a‑mach am aonar; a tha a’ sgaoileadh na talmhainn leam fhèin; A bheir gu neoni comharraidhean nam mealltairean, agus a chuireas na fiosaichean air a’ chuthach; a thilleas daoine glice air an ais, agus a thionndaidheas an eòlas gu amaideachd; A dhaingnicheas facal a sheirbhisich, agus a choileanas comhairle a theachdairean; a their ri Ierusalem, Bidh tu air d’àiteachadh; agus ri bailtean Iùdah, Bidh sibh air ur togail; agus a h‑ionadan fàsail togaidh mi suas: A their ris an doimhne, Bi air do thiormachadh; agus tiormaichidh mi d’aibhnichean: A their mu Chìrus, Is e mo bhuachaille; agus coileanaidh e m’uile thoil, ag ràdh ri Ierusalem, Togar thu; agus ris an teampall, Leagar do bhunait. Mar seo deir an Tighearna ra aon ungte, ri Cìrus air a bheil greim agam air a làimh dheis, a cheannsachadh chinneach roimhe, agus fuasglaidh mi leasraidh rìghrean; a dh’fhosgladh nan còmhlach roimhe, agus cha bhi na geatachan air an druideadh; Thèid mise romhad, agus nì mi na slighean fiara dìreach; na còmhlaichean umha spealgaidh mi, agus na croinn iarainn brisidh mi nam bloighdean. Agus bheir mi dhut ionmhasan an dorchadais, agus taisgeachan nan ionadan diamhair; a‑chum gum bi fhios agad gur mise an Tighearna, a ghairm thu air d’ainm, Dia Israeil. Air sgàth Iàcoib m’òglach, agus Israeil a roghnaich mi, ghairm mi eadhon air d’ainm thu; thug mi sloinneadh ort, agus thu aineolach orm. Is mi an Tighearna, agus chan eil ann ach mi; a‑mach uamsa chan eil Dia ann: crioslaichidh mi thu, agus thu aineolach orm. A chum gum bi fhios aca o èirigh na grèine agus on iar, nach eil ann ach mi. Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann. Tha mi a’ dealbhadh an t‑solais, agus a’ cruthachadh an dorchadais; a’ dèanamh sìthe, agus a’ cruthachadh dòlais; tha mise an Tighearna a’ dèanamh nan nithean seo uile. Silibh, O nèamhan, on àird, agus frasadh na neòil a‑nuas fìreantachd; fosgladh an talamh, agus gineadh iad slàinte, agus fàsadh fìreantachd a‑nìos maraon; is mise an Tighearna a chruthaich e. Is an‑aoibhinn dhàsan a nì strì ris an fhear a rinn e; an t‑slige‐chreadha ri fear‐deilbh na creadha: an abair a’ chriadh ris‐san a chumas i, Ciod a tha thu a’ dèanamh? No an abair an nì a rinn thu, Chan eil làmhan aigesan a rinn mi? Is an‑aoibhinn dhàsan a their ra athair, Ciod a tha thu a’ gintinn? No ra mhàthair, Ciod tha thu a’ breith? Mar seo deir an Tighearna, Tì naomh Israeil, agus esan a dhealbh e, Feòraichibh dhìom nithean ri teachd, mu thimcheall mo chloinne; agus iarraibh orm a‑thaobh obraichean mo làmh. Is mise a rinn an talamh, agus chruthaich mi an duine air; is iad mo làmhan a shìn a‑mach na nèamhan; agus dom feachd uile thug mi àithne. Thog mi esan suas ann am fìreantachd, agus nì mi dìreach a uile shlighean; togaidh e mo chathair, agus fuasglaidh e mo bhraighdean; chan ann airson luach, no airson duaise, deir Tighearna nan sluagh. Mar seo deir an Tighearna, Saothair na h‑Eiphit, agus ceannachd Etiopia, agus na Sabeich, daoine àrda ann an cruth; thig iad thairis ad ionnsaigh, agus bidh iad leat; leanaidh iad thu; ann an cuibhrichean thig iad thairis; agus cromaidh iad sìos dhut, agus cuiridh iad suas athchuinge riut; ag ràdh, Gu deimhinn annadsa tha Dia; agus chan eil Dia eile ann. Gu deimhinn is Dia thusa a tha gad fhalach fhèin, O Dhè Israeil, an Slànaighear. Tha iad air an nàrachadh, tha iad eadhon air am maslachadh, an t‑iomlan dhiubh; cuirear iad maraon gu amhluadh, a tha nan luchd‐dèanamh iodhalan. Ach saorar Israel anns an Tighearna le saorsa shìorraidh; cha nàraichear sibh, cha mhò a mhaslaichear sibh, feadh linn na sìorraidheachd. Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann. Cha do labhair mi ann an uaigneas, ann an ionad dorcha den talamh; cha dubhairt mi ri sliochd Iàcoib gu dìomhain, Iarraibh mi; is mise an Tighearna a labhras ann am fìreantachd, a dh’fhoillsicheas nithean cearta. Cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh; dlùthaichibh ri chèile, sibhse a tha air dol as o mheasg nan cinneach; chan eil eòlas acasan a tha a’ cur suas fiodh an deilbh shnaidhte, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri dia nach urrainn tèarnadh. Cuiribh an cèill, agus thugaibh am fagas; seadh, cuireadh iad an comhairle ri chèile; cò a dh’aithris seo o chian? A dh’innis e on àm ud? Nach mise, an Tighearna? Agus chan eil dia tuilleadh ann ach mi; Dia ceart agus Slànaighear; chan eil ann ach mi. Seallaibh riumsa, agus bithibh air ur tèarnadh, uile iomallan na talmhainn; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann. Orm fhèin mhionnaich mi; chaidh fìrinn a‑mach as mo bheul; briathar, agus cha till e air ais; gu cinnteach dhòmhsa lùbaidh gach glùn, mionnaichidh gach teanga. Gu cinnteach, their neach, anns an Tighearna tha agam fìreantachd agus neart; da ionnsaigh‐san thig iad; bidh iadsan uile air an nàrachadh air a bheil corraich na aghaidh. Anns an Tighearna fìreanaichear uile shliochd Israeil, agus nì iad uaill. Tha Bel a’ cromadh sìos, Nebo a’ crùbadh; bha an iodhalan air na beathaichean agus air na h‑ainmhidhean; tha ur n‑eallaichean trom, nan cudthrom don ainmhidh airtnealach. Chrùb iad, chrom iad sìos le chèile; cha b’urrainn iad an eallach a thèarnadh; ach chaidh iad fhèin ann am braighdeanas. Eisdibh rium, a thaigh Iàcoib, agus uile iarmad taigh Israeil; a ghiùlaineadh leam on bhroinn, a dh’iomchaireadh on bholg: Eadhon gu ur seann aois, agus gu ur falt liath, is mise fhèin an tì a ghiùlaineas sibh; is mi a rinn, agus giùlainidh mi; iomchairidh mi, agus tèarnaidh mi. Cò e ris an samhlaich sibh mi, agus ris an dèan sibh comhad mi? Agus cò e ris an coimeas sibh mi, a‑chum gum bi sinn cosmhail? Taomaidh iad òr as a’ mhàla, agus tomhaisidh iad airgead anns a’ mheidh; tuarasdalaichidh iad òr‑cheard, agus nì esan dia dheth; cromaidh iad sìos, seadh nì iad adhradh. Giùlainidh iad e air an guaillean, iomchairidh iad e, agus cuiridh iad e na àite, agus seasaidh e; as a ionad cha ghluais e: seadh, glaodhaidh neach ris, ach cha fhreagair e, agus cha teasairg e e o a theinn. Cuimhnichibh seo, agus bithibh fearail; thugaibh fa‑near e a‑rìs, a luchd‐brisidh an lagha. Cuimhnichibh na ciad nithean, a bha ann o shean; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann; is mise Dia agus chan eil mo shamhail ann; A’ foillseachadh na crìche on tùs, agus on aimsir chèin; nan nithean nach eil fhathast dèante; ag ràdh, Seasaidh mo chomhairle, agus gach nì as àill leam nì mi: A’ gairm na h‑iolaire on ear, agus fear mo chomhairle o thìr chèin; seadh, labhair mi, agus bheir mi gu crìch e, rùnaich mi, agus coileanaidh mi e. Eisdibh rium, sibhse aig a bheil an cridhe rag, a tha fad as o fhìreantachd: Bheir mise am fagas m’fhìreantachd‐sa, cha bhi i fad as; agus cha dèan mo shlàinte moille, agus bheir mi slàinte ann an Sion, do Israel mo ghlòir. Thig a‑nuas agus dèan suidhe anns an duslach, òigh‐nighean Bhàbiloin; suidh air an làr, chan eil rìgh‐chathair ann, a nighean nan Caldèanach; oir cha ghoir iad maoth agus mùirneach dhìot nas mò. Gabh na clachan‐muilinn agus bleith min; leig ris do chiabhan, rùisg do throigh, leig ris do chas, imich tro na h‑aibhnichean. Leigear ris do lomnochdaidh, chìthear eadhon do nàire; nì mi dìoghaltas, cha choinnich mi thu mar dhuine. Ar fear‐saoraidh, is e Tighearna nan sluagh as ainm dha, Tì naomh Israeil. Suidh ad thosd, rach a‑steach ann an dorchadas, O nighean nan Caldèanach; oir chan abrar riut nas mò baintighearna nan rìoghachdan. Bha corraich orm rim shluagh; thruaill mi m’oighreachd, agus thug mi thairis iad dod làimh; cha do nochd thusa tròcair dhaibh; air an aosda leag thu do chuing gu trom. Agus thubhairt thu, Bidh mi am bhaintighearna gu sìorraidh; air chor is nach do leag thu d’aire air na nithean seo! Cha do chuimhnich thu a’ chrìoch dheireannach. Uime sin cluinn seo a‑nis, a bhean shòghmhor, a tha ad shuidhe gun umhail; a tha ag ràdh ann ad chridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi; cha suidh mi am bhantraich, chan aithnich mi call cloinne. Gidheadh, thig an dà nì seo ort gu h‑obann, ann an aon là, call cloinne, agus bantrachas; thig iad ort nan làn tomhas, airson lìonmhorachd do dhraoidheachdan, agus iomadalachd do ghisreagan. Oir dh’earb thu à d’aingidheachd; thubhairt thu, Chan eil neach gam fhaicinn; chuir eadhon do ghliocas agus d’eòlas air seachran thu; air chor is gun dubhairt thu ann ad chridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi. Uime sin thig olc ort, nach bi fhios agad cia as a dh’èirich e; agus tuitidh aimhleas ort, nach bi thu comasach air a thionndadh uat; agus thig lèirsgrios ort gu h‑obann, gun thu ga mhothachadh. Seas suas a‑nis led ghisreagan, agus le lìonmhorachd do dhraoidheachdan, anns an do shaothraich thu od òige; mas e is gur urrainn thu buannachd fhaghail, mas e is gum faod thu buadhachadh. Tha thu air do sgìtheachdadh ann an lìonmhorachd do chomhairlean. Seasadh na speuradairean suas, luchd‐amhairc nan reultan, iadsan a tha ri fiosachd gach mìos, agus tèarnadh iad thu o na nithean a tha gu teachd ort. Feuch, bidh iad mar asbhuain, loisgidh an teine suas iad; cha tèarainn iad an anaman fhèin o chumhachd na lasrach; chan fhàgar fiù èibhleig gu neach a gharadh, no teine gu suidhe làimh ris. Is amhail a bhios dhut a’ mhuinntir leis an do shaothraich thu, iadsan ris an robh gnothach agad od òige; tionndaidhidh gach aon a lethtaobh gu a ghnothach fhèin; cha bhi d’fhear‐tèarnaidh ann. Cluinnibh seo, o thaigh Iàcoib, sibhse tha air ur n‑ainmeachadh air Israel; agus a thàinig a‑mach o uisgeachan Iùdah; a tha a’ mionnachadh air ainm an Tighearna, agus a’ dèanamh luaidh air Dia Israeil; ach chan ann am fìrinn no ann an ionracas. Oir tha iad gan ainmeachadh fhèin air a’ chathair naoimh, agus a’ leigeil an taice ri Dia Israeil; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha. Dh’fhoillsich mi na ciad nithean o thùs; agus om bheul chaidh iad a‑mach, agus chuir mi an cèill iad; gu h‑obann dh’obraich mi, agus thàinig iad gu crìch. A chionn gu robh fhios agam gu robh thu reasgach, agus gu robh do mhuineal mar fhèith iarainn, agus d’aodann na umha; Uime sin dh’fhoillsich mi dhut iad on tùs; mun tàinig iad gu crìch, dh’innis mi dhut iad; a‑chum nach abradh tu, Is e m’iodhal a thug mun cuairt iad; is iad mo dhealbh snaidhte, agus mo dhealbh leaghte, a dh’òrdaich iad. Chuala tu seo, faic e air a choileanadh; agus nach cuir sibhse an cèill e? Innsidh mi dhut nithean nuadha on àm seo, a ghleidheadh diamhair, agus air nach robh fhios agad. Tha iad air an tabhairt gu crìch a‑nis, agus cha b’ann o shean; agus ron là seo cha chuala tu iad; a‑chum nach abradh tu, Feuch, bha fhios agam orra. Seadh, cha chuala tu; seadh, cha b’aithne dhut; seadh, on toiseach cha d’fhosgladh do chluas; oir bha fhios agam gum buineadh tu gu ro‑chealgach, agus gum b’e Fear‐easaontais a b’ainm dhut on bhroinn. Air sgàth m’ainme cuiridh mi dàil ann am chorraich, agus airson mo chliù cumaidh mi air a h‑ais i uatsa, air chor is nach geàrr mi as thu. Feuch, ghlan mi thu, ach cha b’ann le airgead; thagh mi thu ann an àmhainn an àmhghair. Air mo sgàth, air mo sgàth fhèin, nì mi e; oir cionnas a bhiodh m’ainm air a mhaslachadh? Agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile. Eisd rium, O Iàcoib, agus Israeil, a ghairm mi, Is mi Esan, is mi an ciad neach; is mi fòs an neach deireannach. Is i mo làmh a leag stèidh na talmhainn, agus rèis mo dheaslàimhe a thomhais na nèamhan; bheir mi gairm dhaibh, seasaidh iad suas le chèile. Cruinnichibh sibh fhèin uile ri chèile, agus èisdibh; cò nam measg a dh’fhoillsich na nithean seo? Cuiridh esan as ionmhainn leis an Tighearna an gnìomh a thoil air Bàbilon, agus bidh a ghàirdean air na Caldèanaich. Mise, mise fhèin labhair; seadh, ghairm mi e, threòraich mi e, agus soirbhichidh a shlighe. Dlùthaichibh rium, agus cluinnibh seo; on toiseach cha do labhair mi ann an uaigneas; on àm anns an do thachair e, bha mise an sin; agus a‑nis chuir an Tighearna Iehòbhah, agus a Spiorad, a‑mach mise. Mar seo deir an Tighearna, d’fhear‐saoraidh, Tì naomh Israeil; is mise an Tighearna do Dhia, a tha a’ teagasg dhut ciod a thig gud bhuannachd; a tha gad stiùradh anns an t‑slighe air an imich thu. O gun tugadh tu fa‑near m’àitheantan‐sa! An sin bhiodh do shìth mar abhainn, agus d’fhìreantachd mar thonnan na fairge: Agus bhiodh do shìol mar a’ ghaineamh, agus sliochd do chuim mar a meanbh‐chlachan; cha bhiodh d’ainm air a ghearradh as, no air a sgrios as mo làthair. Rachaibh a‑mach o Bhàbilon; teichibh o thìr nan Caldèanach; le guth gàirdeachais innsibh, cuiribh seo an cèill; sgaoilibh an sgeul gu iomall na talmhainn; abraibh, Shaor an Tighearna a òglach fhèin, Iàcob. Agus cha robh tart orra anns na fàsaichean tron tug thu orra siubhal; thug e air uisge sruthadh dhaibh as a’ charraig; seadh, sgoilt e a’ chreag, agus bhrùchd an t‑uisge a mach. Chan eil sìth, deir an Tighearna, don aingidh. Eisdibh, O eileanan, riumsa; agus thugaibh aire, a shlòigh, o chèin; on bhroinn ghairm an Tighearna mi; o chom mo mhàthar thug e luaidh air m’ainm. Agus rinn e mo bheul mar chlaidheamh geur; ann an sgàil a làimhe dh’fhalaich e mi; seadh, rinn e mi am ghath lìomhte; thaisg e mi na dhòrlach. Agus thubhairt e rium, Is tu m’òglach, O Israeil, anns am bi mi air mo ghlòrachadh. Agus thubhairt mise, Shaothraich mi gu dìomhain; airson neoni, agus airson dìomhanais, chaith mi mo neart; ach gu cinnteach tha mo bhreith maille ris an Tighearna, agus m’obair maille rim Dhia. Agus a‑nis mar seo deir an Tighearna, a dhealbh mi on bhroinn gu bhith am òglach dha, a thabhairt Iàcoib air ais da ionnsaigh, agus a‑chum gum bi Israel air a chruinneachadh thuige; uime sin bidh mi glòrmhor ann an sùilean an Tighearna, agus bidh mo Dhia na neart dhomh: Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn. Mar seo deir an Tighearna, fear‐saoraidh Israeil, a Thì naomh; ris‐san a tha air a dhìmeas le daoine, ris‐san don do ghabh an cinneach gràin; ri seirbhiseach an luchd‐riaghlaidh. Chì rìghrean, agus èiridh iad suas; uachdarain, agus nì iad adhradh; airson an Tighearna a tha dìleas, agus tì naomh Israeil a roghnaich thu. Mar seo deir an Tighearna, Ann an àm taitneach chuala mi thu, agus ann an là na slàinte chuidich mi thu; agus gleidhidh mi thu, agus bheir mi thu mar choicheangal don t‑sluagh; a dhaingneachadh na tìre, agus a thabhairt air na h‑oighreachdan fàsail a bhith air an sealbhachadh; A ràdh ris a’ mhuinntir a tha ceangailte, Rachaibh a‑mach; agus riùsan a tha ann an dorchadas, Thigibh am follais. Beathaichear iad air na slighean, agus anns na h‑uile ionadan àrda nì iad ionaltradh. Cha bhi acras no tart orra, cha mhò a bhuaileas an teas no a’ ghrian iad; oir nì esan aig a bheil iochd orra an stiùradh, agus treòraichidh e iad a‑chum nan sruthan uisge. Agus nì mi mo shlèibhtean uile nan slighe chòmhnaird, agus togar suas mo ròidean mòra. Feuch, thig iad seo o chèin; agus, feuch, iad seo o thuath agus on iar; agus iad seo o thìr Shinim. Seinnibh gu h‑àrd, O nèamhan, agus dèan gàirdeachas, O thalamh; agus togaibh iolach, O shlèibhtean; oir thug an Tighearna comhfhurtachd da shluagh, agus gabhaidh e truas da mhuinntir a tha fo àmhghar. Ach thubhairt Sion, Thrèig an Tighearna mi, agus rinn mo Thighearna mo dhìochuimhneachadh. An dìochuimhnich màthair a leanabh‐cìche, gun iochd a dhèanamh air mac a cuim? Faodaidh eadhon iadsan dìochuimhneachadh, ach cha dìochuimhnich mise thusa. Feuch air deàrnan mo làmh gheàrr mi thu; tha do bhallachan am fhianais an còmhnaidh. Nì do chlann deifir; siùbhlaidh iadsan a‑mach asad, a bha gad sgrios agus gad chur fàs. Tog suas do shùilean, agus faic; tha iad seo uile air an cruinneachadh ri chèile, tha iad a’ teachd ad ionnsaigh. Mar as beò mise, deir an Tighearna, sgeadaichidh tu thu fhèin leo uile, mar le culaidh rìomhaich; agus ceanglaidh tu iad umad, mar a nì bean‐bainnse a seudan. Oir d’ionadan fàsail agus faondrach, agus fearann do lèirsgrios, eadhon a‑nis bidh e air a dhòmhlachadh le luchd‐àiteachaidh; agus siùbhlaidh iadsan fad air falbh a bha gad shlugadh suas. Their a’ chlann, a sgaradh uat, fhathast ann ad chluasan, Tha an t‑ionad seo ro chumhang air mo shon; thoir àite dhomh a‑chum gun gabh mi còmhnaidh. An sin their thu ann ad chridhe, Cò a ghin dhomh iad seo? Oir dh’fhàgadh mi gun chloinn agus am aonar, am fhògarrach agus air m’fhuadachadh; agus cò a dh’àraich iad seo? Feuch, dh’fhàgadh mi am aonar; iad seo, càit an robh iad? Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, togaidh mise mo làmh ris na cinnich, agus ris na slòigh cuiridh mi suas mo bhratach; agus bheir iad do mhic nan uchd, agus giùlainear do nigheanan air an guaillean. Agus bidh rìghrean nan oideachan‐altraim dhut, agus am bànrighinnean nam màthraichean‐altraim dhut; sleuchdaidh iad sìos dhut, len aghaidh ris an làr, agus imlichidh iad duslach do chas; agus aithnichidh tu gur mise an Tighearna, agus cha nàraichear iadsan a chuireas an dòchas annamsa. An toirear a’ chreach on fhear làidir, no an leigear a’ chobhartach dhligheach as? Ach mar seo deir an Tighearna, Bheirear eadhon cobhartach an fhir làidir uaithe, agus thèid creach an fhir uamhasaich as; oir gleacaidh mi ris‐san a ghleacas riut, agus do chlann tèarnaidh mi. Agus bheir mi air do luchd‐sàrachaidh am feòil fhèin ithe; agus cuiridh mi air mhisg iad lem fuil fhèin, mar le fìon nuadh; agus bidh fhios aig gach uile fheòil gur mise an Tighearna do Shlànaighear, agus gur e d’fhear‐saoraidh Tì cumhachdach Iàcoib. Mar seo deir an Tighearna, Càit a bheil litir‐dhealachaidh ur màthar a chuir mise uam? No cò e am measg mo luchd‐fiacha ris an do reic mi sibh? Feuch, airson ur dò‑bheairtean tha sibh air ur reic; agus airson ur n‑euceartan chuireadh air falbh ur màthair. Carson, nuair a thàinig mi, nach robh aon neach ann? Nuair a ghairm mi, nach tug aon neach freagradh? A bheil mo làmh air fàs cho ro‑ghoirid is nach urrainn mi saoradh? Agus a bheil mi gun chumhachd agam gu tèarnadh? Feuch, lem achmhasan tiormaichidh mi an fhairge, nì mi na h‑aibhnichean nam fàsach; tha an iasg a’ lobhadh a dh’easbhaidh uisge, agus a’ bàsachadh le tart. Eididh mi na nèamhan le dubh‐dhorchadas, agus cuiridh mi aodach‐saic orra mar chòmhdach. Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach. Dh’fhosgail an Tighearna Iehòbhah mo chluas, agus cha robh mi ceannairceach; cha mhò a thionndaidh mi air m’ais. Thug mi mo dhruim don luchd‐bualaidh, agus mo ghiallan dhaibhsan a spìon am fìonna; cha d’fhalaich mi mo ghnùis o nàire agus o shile. Oir is e an Tighearna Iehòbhah m’fhear‐cuideachaidh, air an adhbhar sin cha chuirear mi gu amhluadh; uime sin shuidhich mi mo ghnùis mar chloich‐theine, agus tha fhios agam nach nàraichear mi. Tha esan am fagas a dh’fhìreanaicheas mi; cò esan a nì strì rium? Seasamaid a‑mach le chèile; cò e m’eascaraid? Thigeadh e dlùth am chòdhail. Feuch, is e an Tighearna Iehòbhah m’fhear‐cuideachaidh; cò a dhìteas mi? Feuch, fàsaidh iad uile sean mar thrusgan; ithidh an leòmann suas iad. Cò nur measg air a bheil eagal an Tighearna, a tha ag èisdeachd ri guth a sheirbhisich, a tha a’ siubhal ann an dorchadas agus aig nach eil solas? Earbadh e as ainm an Tighearna, agus leigeadh e a thaice ra Dhia. Feuch, sibhse uile a tha a’ fadadh teine, a tha gur cuartachadh fhèin le sradan; siùbhlaibh ann an solas ur teine, agus nan sradan a las sibh; seo gheibh sibh om làimh‐sa, laighidh sibh sìos ann an doilgheas. Eisdibh rium, sibhse a tha a’ leantainn fìreantachd, sibhse a tha ag iarraidh an Tighearna; seallaibh ris a’ charraig on do ghearradh a‑mach sibh, agus ri sloc na h‑uamha on do chladhaicheadh sibh. Seallaibh air Abrahàm ur n‑athair, agus air Sàrah a rug sibh; oir ghairm mise e na aonar, agus bheannaich mi e, agus rinn mi lìonmhor e. Oir bheir an Tighearna comhfhurtachd do Shion; bheir e comhfhurtachd da ionadan fàsail uile; agus nì e a fàsach mar Eden, agus a dìthreabh mar ghàrradh an Tighearna; gheibhear aoibhneas agus subhachas innte, breith‐buidheachais agus fonn ciùil. Eisdibh rium, O mo shluagh; agus thugaibh aire dhomh, O mo chinneach; oir thig reachd a‑mach uam, agus foillsichidh mi mo bhreitheanais a‑chum solais do na slòigh. Tha m’fhìreantachd am fagas, tha mo shlàinte air dol a mach, agus nì mo ghàirdean breitheanas air na fineachan; feithidh na h‑eileanan rium, agus ann am ghàirdean cuiridh iad an dòchas. Togaibh ur sùilean suas ris na nèamhan, agus amhaircibh air an talamh shìos; oir sgaoilear o chèile na nèamhan mar dheataich, agus fàsaidh an talamh sean mar thrusgan; agus bàsaichidh a luchd‐àiteachaidh air a’ mhodh cheudna; ach mairidh mo shlàinte‐sa gu sìorraidh, agus cha tèid m’fhìreantachd air chùl. Eisdibh rium, sibhse a tha eòlach air fìreantachd, a shluagh aig a bheil mo lagh nur cridhe; na biodh eagal oirbh ro mhasladh dhaoine, agus na gabhaibh geilt ron càineadh. Oir ithidh an leòmann iad mar thrusgan agus ithidh a’ chnuimh iad mar olainn; ach mairidh m’fhìreantachd‐sa gu sìorraidh, agus mo shlàinte gu linn nan linntean. Dùisg, dùisg, cuir umad neart, O ghàirdein an Tighearna; dùisg, mar anns na làithean o shean, anns na h‑aimsirean o chian. Nach tusa a gheàrr Rahab, a lot an dràgon? Nach tusa a thiormaich an fhairge, uisgeachan na doimhne mòire, a rinn doimhneachdan na fairge nan slighe don mhuinntir shaorte gu dol thairis? Mar seo tillidh muinntir shaorte an Tighearna, agus thig iad gu Sion le iolaich; agus bidh aoibhneas bith‐bhuan air an ceann; gheibh iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh mulad agus caoidh air falbh. Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur? Agus gun dìochuimhnicheadh tu an Tighearna do Chruithear a shìn a‑mach na nèamhan, agus a leag stèidh na talmhainn; agus gum biodh sìor‐eagal ort gach là, airson corraich an fhir‐shàrachaidh, mar gum biodh e ullamh gu sgrios? Agus càit a bheil corraich an fhir‐shàrachaidh? Tha an ciomach a’ dèanamh deifir gu bhith air fhuasgladh, a‑chum nach faigh e bàs anns an t‑sloc, agus nach fàilnich aran. Oir is mise an Tighearna do Dhia, a chiùinicheas an fhairge, nuair a bheucas a tonnan: is e Tighearna nan sluagh as ainm dha. Agus chuir mise mo bhriathran ann ad bheul, agus le sgàil mo làimhe dh’fhalaich mi thu; a shuidheachadh nan nèamhan, agus a leagadh bunaitean na talmhainn; agus a ràdh ri Sion, Is tu mo shluagh. Dùisg, dùisg, èirich suas o Ierusalem, a dh’òl, o làimh an Tighearna, cuach a chorraich; dh’òl thu, dh’fhàisg thu as, deisgeanan cuach na ball‐chrith. Chan eil fear‐stiùraidh aice, am measg nan uile mhac a rug i; chan eil aon a ghlacas air làimh i, am measg nan uile mhac a dh’altraim i. Thachair an dà nì seo dhut; cò a nì caoidh air do shon? Creachadh agus milleadh, a’ ghort, agus an claidheamh; cò a bheir dhut comhfhurtachd? Tha do mhic air fannachadh, tha iad air tuiteam sìos aig ceann gach sràide, mar tharbh fiadhaich ann an lìon; lìonadh iad làn de chorraich an Tighearna, de achmhasan do Dhè. Air an adhbhar sin, cluinn seo a‑nis, O thusa a tha fo àmhghar, agus air mhisg, ach chan ann le fìon: Mar seo deir do Thighearna Iehòbhah, agus do Dhia a thagras cùis a shluaigh: Feuch, thug mi as do làimh cuach na ball‐chrith; deisgeanan cuach mo chorraich; chan òl thu dhith nas mò: Ach cuiridh mi i ann an làimh do luchd‐sàrachaidh, a tha ag ràdh rid anam, Crom sìos, a‑chum gun tèid sinn thairis: agus leag thu do chorp sìos mar an làr, agus mar an t‑sràid, dhaibhsan a tha a’ gabhail seachad. Dùisg, dùisg, cuir umad do neart, O Shion; cuir umad do chulaidh sgiamhach, O Ierusaleim, a chathair naomh; oir cha tèid an neo‐thimcheall‐gheàrrte agus an neòghlan a‑steach annad nas mò. Crath thu fhèin on duslach; rach suas, dèan suidhe, O Ierusaleim; fuasgail thu fhèin o cheanglaichean do mhuineil, O nighean Shioin a tha fo dhaorsa. Oir mar seo deir an Tighearna, Air neoni reiceadh sibh, agus chan ann le airgead a dh’fhuasglar sibh. Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Chaidh mo shluagh sìos don Eiphit an toiseach, gu bhith air chuairt an sin; agus rinn an t‑Asirianach, mu dheireadh, an sàrachadh. Agus a‑nis, ciod a tha agamsa an seo, deir an Tighearna, o thugadh air falbh mo shluagh air neoni? Tha an luchd‐riaghlaidh a’ toirt orra caoineadh, deir an Tighearna; agus tha m’ainm‐sa an còmhnaidh, gach aon là, a’ faghail toibheim. Air an adhbhar sin, bidh eòlas aig mo shluagh air m’ainm; air an adhbhar sin bidh fhios aca air an là sin gur mise an tì a tha a’ labhairt; feuch, is mise a tha ann. Cia maiseach air na slèibhtean casan an teachdaire aoibhinn a tha ag èigheach sìthe; teachdaire an deagh sgeòil, a tha ag èigheach slàinte, a tha ag ràdh ri Sion, Is e do Dhia as rìgh ann! Togaidh do luchd‐faire an guth; len guth nì iad iolach le chèile; oir chì iad aghaidh ri aghaidh, nuair a bheir an Tighearna Sion air a h‑ais. Brisibh a‑mach le gàirdeachas, dèanaibh ceòl le chèile, O fhàsaichean Ierusaleim; oir thug an Tighearna comhfhurtachd da shluagh, shaor e Ierusalem. Leig an Tighearna ris a ghàirdean naomh ann an sùilean nan uile chinneach; agus chì uile iomallan na talmhainn slàinte ar Dè‑ne. Imichibh, imichibh; rachaibh a‑mach as a sin; na beanaibh ri nì neòghlan; rachaibh a‑mach as a meadhon; bithibh‐se glan, a tha a’ giùlan soithichean an Tighearna. Oir chan ann le cabhaig a thèid sibh a‑mach, agus chan ann le teicheadh a shiùbhlas sibh; oir gluaisidh an Tighearna romhaibh, agus cuartaichidh Dia Israeil sibh on taobh chùil. Feuch, nì m’òglach gu glic; bidh e air a thogail suas, agus air àrdachadh, agus bidh e ro‑àrd. Mar a ghabh mòran iongantas riut (is cho mòr a’ mhì‐mhaise a rinneadh air a aghaidh, seach aon duine; agus air a dhreach, seach clann dhaoine); Mar sin crathaidh e uisge air mòran chinneach; na fhianais druididh rìghrean am beòil; oir an nì nach do chuireadh an cèill dhaibh, chì iad; agus an nì nach cuala iad, bheir iad fa‑near. Cò a chreid ar teachdaireachd? Agus cò don robh gàirdean an Tighearna air fhoillseachadh? Oir fàsaidh e suas mar fhaillean na làthair, agus mar fhreumh à talamh tioram; chan eil sgèimh no grinneas aige, gun amhairceamaid air; cha mhò a tha maise aige, gun iarramaid e. Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn; agus mar neach a dh’fhalaicheas a aghaidh uainn, tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth. Gu deimhinn ar n‑anfhainneachd ghiùlain e, agus ar doilgheasan dh’iomchair e; ach shaoil sinne gu robh e air a bhualadh, air a smachdachadh le Dia, agus air a chlaoidh. Ach lotadh e airson ar peacadh‐ne, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan‐san shlànaicheadh sinne. Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn. Shàraicheadh e, agus rinneadh ainneart air, gidheadh cha d’fhosgail e a bheul; thugadh e mar uan a‑chum a’ chasgraidh, agus mar chaora a bhios balbh an làthair a luchd‐lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul. O fhòirneart agus o bhreitheanas thugadh air falbh e; agus a ghinealach cò a chuireas an cèill? Oir ghearradh as e o thìr nam beò; airson easaontas mo shluaigh‐sa bha e air a throm‐bhualadh. Agus dh’òrdaicheadh a uaigh maille ris na h‑aingidh, agus maille ri duine saoibhir na bhàs; airson nach do rinn e eucoir, agus nach robh cealg na bheul. Ach b’i toil an Tighearna a bhruthadh; chuir e fo àmhghar e; nuair a nì thu a anam na ìobairt‐rèitich, chì e sliochd, sìnear a làithean; agus soirbhichidh rùn an Tighearna na làimh. De shaothair a anama chì e, agus bidh e toilichte. Le eòlas airsan nì m’òglach fìreanach mòran fhìreanachadh; oir giùlainidh e an euceartan. Air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a’ mhòran, agus roinnidh e a’ chreach maille ris na cumhachdaich; a chionn gun do dhòirt e a‑mach a anam gu bàs; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar‐ghuidhe airson nan ciontach. Seinn, a bhean aimrid nach do rug clann; seinn gu luath‐ghaireach, agus dèan iolach àrd, thusa nach robh ri saothair chloinne; oir is lìonmhoire clann na mnà aonaranaich na clann na mnà pòsda, deir an Tighearna. Leudaich ionad do phàillein, agus sgaoileadh iad a‑mach bratan‐còmhdaich do bhùthan; na caomhain, leig am fad do chùird, agus daingnich do chuaillean: Oir air an làimh dheis agus chlì brisidh tu a‑mach; agus sealbhaichidh do shliochd na cinnich, agus àitichidh iad na cathraichean fàsail. Na gabh eagal, oir cha mhaslaichear thu; na gabh nàire, oir cha chuirear thu gu amhluadh; oir dìochuimhnichidh tu nàire d’òige, agus masladh do bhantrachais cha chuimhnich thu nas mò. Oir is e d’fhear‐pòsda do Chruithear; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear‐saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris. Oir mar mhnaoi air a trèigsinn, agus fo àmhghar na spiorad, ghairm an Tighearna thu, agus mar mhnaoi a phòsadh na h‑òige, a chionn gun do chuireadh air falbh thu, deir an Tighearna. Rè tiota bhig, dhealaich mi riut; ach le mòr iochd cruinnichidh mi thu. Ann an corraich bhig dh’fhalaich mi mo ghnùis car tiota uat; ach le coibhneas sìorraidh nì mi tròcair ort, deir an Tighearna, d’fhear‐saoraidh. Oir tha seo mar uisgeachan Nòah dhomh; mar a mhionnaich mi nach rachadh uisgeachan Nòah tuilleadh thar an talamh, is amhail a mhionnaich mi nach bithinn ann an corraich riut, agus nach toirinn achmhasan dhut. Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot. O thusa a tha ainniseach, air do luasgadh leis an doininn, agus gun chomhfhurtachd agad; feuch leagaidh mi do chlachan ann an dath sgiamhach, agus suidhichidh mi do bhunaitean le clachan saphir. Agus nì mi d’uinneagan de chlachan rùbi, agus do gheatachan de charbuncalan, agus d’uile iomall de chlachan rìomhach. Agus bidh do chlann uile air an teagasg leis an Tighearna; agus is mòr a bhios sìth do chloinne. Ann am fìreantachd socraichear thu; bidh tu fada o shàrachadh, ionnas nach gabh thu eagal; agus o uamhas, ionnas nach tig e dlùth dhut. Feuch, bidh cruinneachadh gu deimhinn ann, ach chan ann leamsa; cò sam bith a chruinnicheas ad aghaidh, tuitidh e air do sgàth. Feuch, is mise a chruthaich an gobha a tha a’ sèideadh suas nan èibhlean anns an teine, agus a’ toirt a‑mach acfhainn a‑chum a obrach; agus is mi a chruthaich am milltear a‑chum cur fàs. Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna. Ho! gach neach air a bheil tart, thigibh‐se a‑chum nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgead, thigibh, ceannaichibh agus ithibh; seadh, thigibh, ceannaichibh, gun airgead agus gun luach, fìon agus bainne. Carson a tha sibh a’ caitheamh airgid air nì nach aran, agus ur saothair air nì nach sàsaich? Eisdibh le deagh aire riumsa, agus ithibh an nì a tha math; agus gabhadh ur n‑anam toil‐inntinn ann an cuirm shòghmhoir. Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh‐sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh. Feuch, thug mi esan mar fhianais do na cinnich, na cheann‐iùil agus na uachdaran do na slòigh. Feuch, gairmidh tu cinneach nach b’aithne dhut; agus cinnich do nach b’aithne thu, ruithidh iad ad ionnsaigh, air sgàth an Tighearna do Dhia, agus airson Tì naomh Israeil; oir ghlòraich e thu. Iarraibh an Tighearna, am feadh a tha e ra fhaotainn; gairmibh air, am feadh a tha e am fagas. Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia‑ne, oir bheir e maitheanas gu pailt. Oir chan iad mo smuaintean‐sa ur smuaintean‐se, cha mhò is iad ur slighean‐se mo shlighean‐sa, deir an Tighearna. Oir mar tha na nèamhan àrd seach an talamh, mar sin tha mo shlighean‐sa àrd seach ur slighean‐se, agus mo smuaintean‐sa seach ur smuaintean‐se. Oir mar a thig an t‑uisge a‑nuas, agus an sneachd o nèamh, agus nach till e an sin, ach gun uisgich e an talamh, agus gun toir e air fàs torrach, agus toradh a thabhairt uaithe, a‑chum gun tabhair e sìol dhàsan a chuireas, agus aran dhàsan a dh’itheas; Is amhail a bhios m’fhacal‐sa a thèid a‑mach as mo bheul: cha till e am ionnsaigh gun tairbhe; ach coileanaidh e an nì as àill leam, agus bheir e gu buil an nì mun do chuir mi a‑mach e. Oir le aoibhneas thèid sibh a‑mach agus le sìth stiùrar sibh air ur n‑aghaidh: togaidh na slèibhtean agus na cnuic romhaibh àrd iolach, agus uile chraobhan na machrach buailidh am basan. An àite droighne fàsaidh an giuthas, agus an àite drise fàsaidh am miortal; agus bidh e don Tighearna mar ainm, mar chomharradh bith‐bhuan, nach cuirear as àite. Mar seo deir an Tighearna, Coimheadaibh breitheanas, agus dèanaibh ceartas; oir tha mo shlàinte dlùth a‑chum teachd, agus m’fhìreantachd a‑chum a bhith air a foillseachadh. Is beannaichte an duine a nì seo, agus mac an duine a nì greim air; a choimheadas an t‑sàbaid gun a mì‑naomhachadh, agus a choimheadas a làmh o aon olc a dhèanamh. Agus na labhradh mac a’ choigrich, a tha a’ dlùth‐leantainn ris an Tighearna, ag ràdh, Sgar an Tighearna mise gu tur o a shluagh; agus na h‑abradh an caillteanach, Feuch, tha mise am chrann tioram. Oir mar seo deir an Tighearna, Do na caillteanaich a choimheadas mo shàbaidean, agus a roghnaicheas an nì a thaitneas rium, agus a nì greim air mo choicheangal; Dhaibh sin bheir mi ann am thaigh, agus an taobh a‑staigh dem bhallachan, àite agus ainm nas fheàrr na ainm mhac agus nighean; ainm sìorraidh bheir mi dhaibh, nach gearrar as. Agus mic a’ choigrich a tha a’ dlùth‐leantainn ris an Tighearna, gu frithealadh dha, agus gràdh a thoirt do ainm an Tighearna, agus gu bhith nan òglaich dha; gach aon a ghleidheas an t‑sàbaid gun a mì‑naomhachadh, agus a nì greim air mo choicheangal; Iad sin bheir mi a‑chum mo shlèibh naoimh; agus nì mi aoibhneach iad ann am thaigh‐ùrnaigh; bidh an tabhartasan‐loisgte agus an ìobairtean air an gabhail gu taitneach air m’altair; oir goirear rim thaigh‐sa, Taigh‐ùrnaigh airson nan uile shlògh. Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, a tha a’ cruinneachadh ri chèile dìobarraich Israeil: Fhathast cruinnichidh mi muinntir eile da ionnsaigh, os bàrr orrasan a tha air an cruinneachadh. O! uile bheathaichean na machrach thigibh a‑chum ithe; O! uile bheathaichean na frìthe! Tha a luchd‐faire dall, gach aon dhiubh; tha iad aineolach, gach aon dhiubh; is coin bhalbh iad nach urrainn tabhannaich; a’ tuiteam nan cadal, gan sìneadh fhèin sìos, leis an ionmhainn cadal. Seadh, is coin chìocrach iad nach urrainn a bhith toilichte; agus is buachaillean iad nach urrainn tuigsinn; tha iad a’ sealltainn, gach aon dhiubh, air a shlighe fhèin; gach fear air a bhuannachd o a chrìch fhèin. Thigibh, deir iad, gabhamaid fìon, agus òlamaid deoch làidir; agus mar an là‑an‑diugh bidh a‑màireach, agus nas ro‑phailte gu mòr. Tha an duine ionraic a’ bàsachadh, agus gun aon neach a’ toirt fa‑near; agus na daoine tròcaireach air an toirt air falbh, agus gun aon neach a’ tuigsinn gu bheil an t‑ionracan air a thoirt air falbh on olc a tha ri teachd. Siùbhlaidh e ann an sìth; gabhaidh esan a tha ag imeachd na ionracas fois na leabaidh. Ach thigibh‐se am fagas an seo, a mhaca na ban‐fhiosaiche, a shliochd an adhaltrannaich agus na strìopaich. Cò da bheil sibh a’ dèanamh àbhachd? Ris a bheil sibh a’ dèanamh beòil fharsaing, agus a’ sìneadh a‑mach na teangaidh? Nach clann sibh a chlaon a lethtaobh, sìol na foill? A’ fadadh ur n‑ana‑miann le iodhalan fo gach crann uaine; a’ marbhadh na cloinne anns na glinn, fo sgoltan nan creag. Am measg mìn‐chlachan a’ ghlinne tha do chuibhreann: is iad sin, is iad sin do chrannchur; eadhon dhaibh seo dhòirt thu a‑mach tabhartas‐dibhe, dh’ìobair thu tìodhlac. An gabhainn‐sa tlachd annta sin? Air sliabh cruachach àrd shuidhich thu do leabaidh; eadhon don àite sin chaidh thu suas a thoirt seachad ìobairt. Air cùl an dorais agus na h‑ursainn chuir thu suas do chuimhneachan; dh’imich thu air falbh uamsa, agus chaidh thu suas; leudaich thu do leabaidh, agus rinn thu coicheangal riu; thug thu gràdh don leabaidh‐san, ge bè àite anns am faca tu i. Agus chaidh thu a dh’amharc an rìgh le ola‑ungaidh, agus mheudaich thu do bholtraichean; agus chuir thu do theachdairean am fad, agus dh’ìslich thu thu fhèin eadhon gus an uaigh. Ann am buanas do shlighe sgìthicheadh thu; ach cha dubhairt thu, Chan eil dòchas ann; fhuair thu beatha do làimhe; air an adhbhar sin cha d’fhannaich thu. Agus cò as a ghabh thu eagal agus fiamh, gun do rinn thu breug, agus nach do chuimhnich thu ormsa, cha mhò a thug thu fa‑near? Nach d’fhan mise am thosd eadhon o chian, agus chan eil eagal ort romham? Leigidh mise ris d’fhìreantachd, agus do ghnìomharan; oir cha dèan iad feum dhut. Nuair a ghlaodhas tu, dèanadh do chuideachdan do thèarnadh; ach togaidh a’ ghaoth air falbh iad uile, bheir an ceò as iad; ach an neach a chuireas a dhòchas annamsa, sealbhaichidh e am fearann, agus gheibh e mar oighreachd mo shliabh naomh. An sin their mi, Tilgibh suas, tilgibh suas; ullaichibh an t‑slighe; thugaibh air falbh gach ceap‐tuislidh à rathad mo shluaigh. Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite‐còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham‐sa còmhnaidh; maille ris‐san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte. Oir cha bhi mi a’ cronachadh gu sìor, agus cha bhi fearg orm an còmhnaidh; oir dh’fhàilnicheadh an spiorad romham, agus na h‑anaman a rinn mi fhèin. Airson cionta a shannta bha corraich orm, agus bhuail mi e, a’ falach mo ghnùise ann am feirg; agus dh’imich e roimhe gu fiar, air slighe a chridhe fhèin. Dh’amhairc mise air a shlighean, agus lèighsidh mi e; seadh, treòraichidh mi e, agus aisigidh mi sòlasan dhàsan agus da luchd‐bròin. Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e. Ach tha na h‑aingidh cosmhail ris a’ mhuir bhuairte, oir chan urrainn i a bhith aig fois, ach tha a h‑uisgeachan a’ dùsgadh a‑nìos salchair agus làthaich. Chan eil sìth, deir mo Dhia, do na h‑aingidh. Glaodh gu h‑àrd, na caomhain; mar ghall‐truimp tog suas do ghuth; agus nochd dom shluagh‐sa an easaontas, agus do thaigh Iàcoib an lochdan. Gidheadh o là gu là tha iad gam iarraidh‐sa, agus is toil leo eòlas a ghabhail air mo shlighean; mar chinneach a tha a’ cur an gnìomh fìreantachd, agus nach do thrèig reachd an Dè; tha iad a’ fiosrachadh dhìomsa mu thimcheall reachdan na fìreantachd, agus is miann leo a bhith a’ teachd dlùth do Dhia. Carson a thraisg sinn, their iad, agus nach eil thusa a’ faicinn? Carson a chràidh sinn ar n‑anam, agus nach eil thusa a’ toirt fa‑near? Feuch, ann an là ur traisg tha sibh a’ mealtainn ur sòlais, agus ur n‑uile dhlighe saothrach tha sibh ag agairt. Feuch, tha sibh a’ trasgadh a‑chum connsachaidh agus aimhreit, agus a‑chum bualadh le dòrn na h‑eucorach; cha bhi sibh ri trasg mar air an là‑an‑diugh, a thoirt air ur guth gun cluinnear e gu h‑àrd. An e a leithid seo de thrasgadh a roghnaich mise, gun cuireadh duine anam fo leòn car là? An e gun cromadh e a cheann mar luachair, agus gun sgaoileadh e sac‐aodach agus luaithre fodha? An abair thu trasg ri seo, agus là taitneach don Tighearna? Nach e seo an trasg a tha mise a’ roghnachadh: cuibhrichean na h‑aingidheachd a sgaoileadh, na h‑uallaichean troma a lasachadh, agus a’ mhuinntir shàraichte fhuasgladh; agus gach uile chuing a bhriseadh? Nach e d’aran a roinn ris an acrach, agus aoigheachd a thoirt do na bochdan seachranach; nuair a chì thu an lomnochd gun còmhdaich thu e; agus nach falaich thu thu fhèin od fheòil fhèin? An sin brisidh do sholas a‐mach mar a’ mhadainn, agus fàsaidh do shlàinte gu grad; agus thèid d’fhìreantachd air thoiseach ort; bidh glòir an Tighearna gad chuartachadh on taobh chùil. An sin gairmidh tu, agus freagraidh an Tighearna; glaodhaidh tu, agus their e, Tha mise an seo. Ma chuireas tu air falbh as do mheadhon a’ chuing, tomhadh a’ mheòir, agus labhairt toibheim; Agus ma thiomaicheas d’anam ris an acrach, agus gun sàsaich thu an t‑anam leònte; an sin èiridh do sholas ann an doilleireachd agus bidh do dhorchadas mar mheadhon‐là. Agus stiùraidh an Tighearna thu an còmhnaidh, agus sàsaichidh e d’anam ri àm tarta, agus ungaidh e do chnàmhan; agus bidh tu mar lios air a dheagh uisgeachadh, agus mar thobar fìor‐uisge, air nach tig fàiling uisge. Agus togaidh iadsan a ghinear uat na seann làraichean; togaidh tu suas bunaitean nan iomadh ginealach; agus goirear dhìot Fear‐càraidh a’ bheuma, Fear‐aisig nan ròidean a‑chum a bhith air an àiteachadh. Ma thilleas tu air falbh do chas on t‑sàbaid, o do thoil fhèin a dhèanamh air mo là naomh‐sa; agus gun abair thu ris an t‑sàbaid, Toil‐inntinn; ri là naomh an Tighearna, Urramach; agus gun tabhair thu onoir dhi, gun a bhith a’ leantainn do shlighean fhèin, no a’ gabhail do shòlais fhèin, no a’ labhairt do bhriathran fhèin; An sin gabhaidh tu tlachd anns an Tighearna; agus bheir mise ort marcachd air ionadan àrda na talmhainn; agus beathaichidh mi thu le oighreachd Iàcoib d’athair; oir labhair beul an Tighearna e. Feuch, chan eil làmh an Tighearna air dol an giorrad, air chor is nach faod i tèarnadh; cha mhò a tha a chluas air fàs mall, air chor is nach faod i cluinntinn. Ach chuir ur n‑euceartan dealachadh eadar sibh fhèin agus ur Dia; agus dh’fhalaich ur lochdan uaibh a ghnùis, ionnas nach èisd e. Oir tha ur làmhan air an truailleadh le fuil, agus ur meòir le euceart; labhair ur bilean cealg; bidh ur teanga a’ teachd air aimhleas. Chan eil neach a’ gairm air ceartas, chan eil neach a’ tagradh airson na fìrinn; tha iad a’ cur an dòigh ann an dìomhanas, agus a’ labhairt bhreug: air thorrachas le aimhleas, agus a’ breith euceirt. Tha iad a’ gur air uighean na rìgh‐nathrach, agus a’ fighe lìon an damhain‐allaidh; esan a dh’itheas den uighean, gheibh e bàs; agus nuair a bhruthar e, brisidh nathair nimhe a‑mach. Den lìontan cha dèanar trusgan; cha mhò a chòmhdaicheas iad iad fhèin len obraichean; an obraichean is obraichean na h‑eucorach iad; agus tha gnìomh an fhòirneirt nan làmhan. Tha an cas a’ ruith a‑chum uilc, agus tha iad a’ greasadh a‑chum fuil neo‐chiontach a dhòrtadh; is innleachdan aingidheachd an innleachdan; tha lèirsgrios agus milleadh nan ceuman. Slighe na sìth chan aithne dhaibh, cha mhò a tha ceart‐bhreith nan ròidean; rinn iad dhaibh fhèin ceuman cama; cò air bith a shiùbhlas annta, chan aithne dha sìth. Air an adhbhar sin tha breitheanas fada uainn, agus chan eil ceartas a’ breith oirnn; tha sinn ag amharc airson solais, ach feuch dorchadas; airson soilleireachd, ach tha sinn a’ gluasad ann an duibhre. Tha sinn a’ smeurachadh, mar na doill, ag iarraidh a’ bhalla; agus mar mhuinntir gun fhradharc tha sinn a’ smeurachadh; tha sinn a’ tuisleachadh mu mheadhon‐là, mar anns an dùbhradh; tha sinn ann an ionadan uaigneach mar dhaoine marbha. Tha sinn a’ bùirich mar mhath‐ghamhna; mar chalamain tha sinn ri sìor‐chaoirean; tha ar sùil ri breitheanas, ach chan eil e ann; ri fuasgladh, ach is ann a tha e fada uainn. Oir tha ar lochdan air fàs lìonmhor ann ad làthair, agus tha ar ciontan a’ toirt fianais nar n‑aghaidh; oir tha ar lochdan nar cuideachd, agus ar n‑aingidheachd is lèir dhuinn; Le peacachadh agus le breugan an aghaidh an Tighearna, agus le tilleadh air falbh o ar Dia; le ainneart a labhairt agus le ceannairc a dhealbhadh; agus le briathran breugach aithris on chridhe. Agus tha breitheanas air tilleadh air ais, agus tha ceartas a’ seasamh fad as; oir thuislich an fhìrinn air an t‑sràid, agus cha b’urrainn ionracas teachd a‑steach. Agus tha fìrinn air teicheadh air falbh; agus tha esan, a sheachnas an t‑olc, ga dhèanamh fhèin na chreich; agus chunnaic an Tighearna, agus mhì‐thaitinn e ris, nach robh breitheanas ann. Agus chunnaic e nach robh fear ann, agus b’ioghnadh leis nach robh eadar‐mheadhonair ann; an sin dh’obraich a ghàirdean fhèin slàinte air a shon; agus a fhìreantachd fhèin, chùm i suas e. Agus chuir e uime fìreantachd mar uchd‐èideadh; agus clogad na slàinte air a cheann; agus chuir e uime trusgan an dìoghaltais mar aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le eud mar le fallaing. A rèir an gnìomharan, mar sin bheir e ath‐dhìoladh; corraich da naimhdean, dìoghaltas da eascairdean; do na h‑eileanan ìocaidh e dìoghaltas. Mar sin bheir iadsan on iar urram do ainm an Tighearna; agus iadsan o èirigh na grèine da ghlòir; nuair a thig an nàmhaid mar thuil, togaidh Spiorad an Tighearna suas bratach na aghaidh. Agus thig am Fear‐saoraidh gu Sion, agus tionndaidhidh e easaontas o Iàcob, deir an Tighearna. Agus air mo shon‐sa, seo mo choicheangal riu, deir an Tighearna: Mo Spiorad a tha ortsa, agus mo bhriathran a chuir mi ann ad bheul, cha dealaich iad rid bheul, no ri beul do shliochd, no ri beul sliochd do shliochd, deir an Tighearna, on àm seo eadhon gu sìorraidh. Eirich, dealraich; oir thàinig do sholas; agus tha glòir an Tighearna air èirigh ort. Oir, feuch, còmhdaichidh dorchadas an talamh, agus dall‐cheò na cinnich; ach ortsa èiridh an Tighearna, chìthear a ghlòir a’ dealradh ort. Agus thig cinnich a dh’ionnsaigh do sholais, agus rìghrean a dh’ionnsaigh do ghrian‐èirigh. Tog suas do shùilean mun cuairt, agus faic; tha iad uile air an cruinneachadh ri chèile; tha iad a’ teachd ad ionnsaigh; thig do mhic o chèin, agus bidh do nigheanan air an giùlan air an leis. An sin chì thu, agus sruthaidh tu thairis, agus nì do chridhe plosgartaich, agus nìthear farsaing e; a chionn gun tionndaidhear mòr‐shluagh na fairge thugad, agus gun tig feachd nan cinneach ad ionnsaigh. Còmhdaichear thu le lìonmhorachd nan càmhal, le dromadairean Mhidiain agus Ephah; thig iad uile o Shèba; òr agus tùis giùlainidh iad, agus cliù an Tighearna cuiridh iad an cèill. Cruinnichear ad ionnsaigh uile threudan Chedair; nì reitheachan Nebaioit frithealadh dhut; thèid iad suas, agus gabhar iad gu taitneach air m’altair; agus taigh mo ghlòire fhathast glòraichidh mi. Cò iad seo a tha a’ snàmh mar cheò, agus mar chalamain ag itealaich a dh’ionnsaigh an ionaid‐tàimh? Gu deimhinn feithidh na h‑eileanan rium, agus longan Tharsis air thoiseach; a thoirt do mhac o chèin, len airgead agus an òr maille riu; a‑chum ainm an Tighearna do Dhia, agus a‑chum Tì naomh Israeil, oir ghlòraich esan thu. Agus togaidh mic a’ choigrich suas do bhallachan, agus frithealaidh an rìghrean dhut; oir ann am chorraich bhuail mi thu, ach ann am dheagh‐ghean nì mi iochd ort. Agus bidh do gheatachan fosgailte an còmhnaidh; a là agus a dh’oidhche cha druidear iad; a‑chum gun toirear ad ionnsaigh mòr‐shluagh nan cinneach, agus an rìghrean le greadhnachas. Oir an cinneach agus an rìoghachd nach dèan seirbhis dhut, bidh iad caillte; seadh, sgriosar na cinnich sin gu tur. Thig glòir Lebanoin ad ionnsaigh, an giuthas, an gall‐ghiuthas, agus an crann‐bocsa le chèile; a chur maise air mo naomh‐ionad‐sa, agus a‑chum gun glòraichinn àite mo chas. Agus thig mic do luchd‐sàrachaidh gan cromadh fhèin ann ad làthair; agus nì gach neach a rinn tàir ort ùmhlachd gu buinn do chas; agus goiridh iad dhìot, Cathair an Tighearna, Sion Tì naomh Israeil. An àite thu a bhith air do thrèigsinn, agus air d’fhuathachadh, air chor is nach do shiubhail aon neach tromhad, nì mi thu ad òirdhearcas sìorraidh, ad adhbhar‐gàirdeachais feadh linn nan linn. Agus deoghlaidh tu bainne chinneach, agus cìoch rìghrean deoghlaidh tu; agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna do Shlànaighear; agus gur e d’fhear‐saoraidh Tì cumhachdach Iàcoib. Agus an àite umha, bheir mi òr; agus an àite iarainn, bheir mi airgead; agus an àite fiodha, umha; agus an àite chlach, iarann; agus nì mi do mhaoir nan sìth, agus do chìs‐mhaoir nan ceartas. Cha chluinnear nas mò fòirneart ann ad fhearann, sgrios agus milleadh ann ad chrìochan; ach their thu Slàinte mar ainm rid bhallachan, agus Moladh rid gheatachan. Cha bhi a’ ghrian agad nas fhaide mar sholas anns an là; cha mhò a bhios dealradh na gealaich gad shoillseachadh; ach bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus do Dhia na ghlòir agad. Cha tèid do ghrian tuilleadh sìos, cha mhò a dhorchaichear do ghealach: oir bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus crìochnaichear làithean do bhròin. Agus bidh do shluagh uile nam fìreanan; sealbhaichidh iad am fearann gu sìorraidh; am meangan a shuidhich mi, obair mo làmh, a‑chum gum bi mi air mo ghlòrachadh. Fàsaidh an aon bheag na mìle, agus an aon shuarach na cinneach làidir; luathaichidh mise Iehòbhah e na thràth. Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte; A dh’èigheach bliadhna thaitneach an Tighearna, agus là dìoghaltas ar Dè‑ne; a thoirt comhfhurtachd dhaibhsan uile a tha ri bròn; A dh’òrdachadh do luchd‐caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire. Agus togaidh iad suas na seann làraichean, càraichidh iad ri chèile na h‑ionadan sgaoilte o chian; ath‐nuadhaichidh iad na cathraichean briste, ionadan fàsaichte nan iomadh linn. Agus seasaidh coigrich suas, agus beathaichidh iad ur treudan; agus bidh mic a’ choigrich nan treabhaichean dhuibh, agus nan luchd‐saothrachaidh na fìonain. Ach goirear dhibhse Sagartan an Tighearna; Luchd‐frithealaidh ar Dè‑ne theirear ribh; saoibhreas nan cinneach ithidh sibh, agus nan glòir nì sibh uaill. An àite ur nàire gheibh sibh cuibhreann dhùbailte; agus an àite maslaidh nì iad gàirdeachas nan cuibhrinn; uime sin nan tìr sealbhaichidh iad roinn dhùbailte; bidh aoibhneas aca gu sìorraidh. Oir is mise an Tighearna, leis an ionmhainn breitheanas; is beag orm ainneart airson tabhartais‐loisgte; agus cuiridh mi air a h‑aghaidh an obair ann am fìrinn; agus coicheangal sìorraidh nì mi riu. Agus aithnichear an sliochd am measg nan cinneach, agus an gineal am measg nan sluagh; na h‑uile a chì iad, aidichidh iad gur sliochd iad a bheannaich an Tighearna. Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear‐bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean‐bainnse i fhèin le a seudan. Oir mar a chuireas an talamh a‑mach a chinneas, agus mar a bheir an lios air an t‑sìol fàs a‑nìos; mar sin bheir an Tighearna Iehòbhah air fìreantachd agus moladh fàs suas an làthair nan uile chinneach. Air sgàth Shioin cha bhi mi am thosd, agus air sgàth Ierusaleim cha ghabh mi fois; gus am bris a fìreantachd a‑mach mar sholas dealrach, agus a slàinte mar leus lasrach. Agus chì na cinnich d’fhìreantachd, agus na h‑uile rìghrean do ghlòir; agus bheirear ainm nuadh ort, a ghairmeas beul an Tighearna. Agus bidh tu ad chrùn glòire ann an làimh an Tighearna, agus ad choron rìoghail ann an glaic do Dhè. Chan abrar riut tuilleadh, Tè ris an do chuireadh cùl; cha mhò a theirear rid fhearann tuilleadh, am Fàsach; ach is e a theirear riut, Bean mo rùin; agus rid fhearann, Bean‐phòsda; oir bidh rùn an Tighearna ort, agus bidh d’fhearann air a cheangal ann am pòsadh. Oir mar a phòsas duine òg òigh, mar sin pòsaidh d’fhear‐togail thusa; agus mar a nì am fear nuadh‐pòsda gàirdeachas na mhnaoi, mar sin nì do Dhia gàirdeachas annadsa. Chuir mi luchd‐faire air do bhallachan, O Ierusaleim; rè an là, agus rè na h‑oidhche, cha bhi iad nan tosd; sibhse a tha a’ dèanamh luaidh air ainm an Tighearna, na bithibh‐se nur tosd; Agus na tugaibh fois dha, gus an daingnich e agus gus an dèan e Ierusalem na cliù air an talamh. Mhionnaich an Tighearna air a làimh dheis, agus air a ghàirdean cumhachdach, Cha tabhair mi nas mò d’arbhar mar lòn dod naimhdean; cha mhò a dh’òlas clann a’ choigrich d’fhìon nuadh, airson an do shaothraich thu: Ach ithidh iadsan e a thionaileas e, agus molaidh iad an Tighearna; agus iadsan a chruinnicheas e òlaidh iad e ann am chùirtean naomha‑sa. Siùbhlaibh, siùbhlaibh tro na geatachan; ullaichibh slighe an t‑sluaigh; tilgibh suas, tilgibh suas an rathad mòr; glanaibh as na clachan; togaibh suas bratach airson nan slògh. Feuch, ghlaodh an Tighearna gu iomall an domhain; abraibh ri nighinn Shioin, Feuch, tha do Shlànaighear a’ teachd; feuch, tha a luigheachd maille ris, agus duais a obrach na làthair. Agus theirear riu, An sluagh naomh, muinntir shaorte an Tighearna; agus riutsa theirear, Miannaichte, cathair nach trèigear. Cò seo a tha a’ teachd o Edom, le culaidh dhathte o Bhosrah? E seo a tha sgiamhach na èideadh, a’ siubhal ann am mòrachd a neirt? Mise, a tha a’ labhairt ann am fìreantachd, cumhachdach gu tèarnadh. Carson a tha d’èideadh dearg, agus do chulaidh mar neach a’ saltairt an amair‐fhìona? Shaltair mi an t‑amar am aonar, agus de na slòigh cha robh aon neach maille rium; oir shaltair mi orra ann am fheirg, agus phronn mi iad ann am chorraich; agus chrathadh am fuil air mo chulaidh, agus tharraing mi sal air m’èideadh uile. Oir bha là an dìoghaltais ann am chridhe, agus bha bliadhna mo mhuinntir shaorte air teachd. Agus dh’amhairc mi, agus cha robh fear‐cuideachaidh ann; agus b’ioghnadh leam nach robh fear‐taice ann; uime sin dh’obraich mo ghàirdean fhèin slàinte dhomh, agus chùm mo chorraich fhèin taice rium. Agus shaltair mi sìos na slòigh ann am fheirg, agus chuir mi air mhisg iad ann am chorraich, agus thug mi sìos an neart a‑chum an làir. Tròcairean an Tighearna aithrisidh mi, agus cliù an Tighearna; a rèir gach nì a bhuilich an Tighearna oirnn, agus meud a mhaitheis do thaigh Israeil, a dheònaich e dhaibh a rèir a choibhneis, agus a rèir lìonmhorachd a thròcairean. Oir thubhairt e, Gu deimhinn is iad mo shluagh, clann nach dèan breug; agus bha e na Shlànaighear dhaibh. Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean. Ach rinn iadsan ceannairc, agus chuir iad doilgheas air a Spiorad naomh; air chor is gun d’fhàs e na nàmhaid dhaibh, agus chog e fhèin nan aghaidh. An sin chuimhnich e na làithean o shean, Maois agus a shluagh, ag ràdh, Cia esan a thug a‑nìos iad on fhairge, le buachaille a threud? Cia esan a chuir a Spiorad naomh an taobh a‑staigh dheth? A stiùir iad aig deaslàimh Mhaois le a ghàirdean glòrmhor; a’ sgoltadh nan uisgeachan roimhe, a dhèanamh ainm sìorraidh dha fhèin? Gan stiùradh tron doimhne, mar each anns an fhàsach, ionnas nach tuislicheadh iad? Mar a thèid an sprèidh sìos don ghleann, thug Spiorad an Tighearna orra fois a ghabhail: mar sin threòraich thu do shluagh, a dhèanamh ainm glòrmhoir dhut fhèin. Seall a‑nuas o nèamh, agus faic od ionad‐còmhnaidh naomh agus glòrmhor; càit a bheil d’eud, agus do neart, lìonmhorachd do thròcairean agus do thruas dhìom? A bheil iad air an cumail air an ais? Gu deimhinn is tusa ar n‑Athair, ged nach aithne do Abrahàm sinn, agus nach eil Israel a’ gabhail rinn; is tusa, a Thighearna, ar n‑Athair, ar Fear‐saoraidh; tha d’ainm o shìorraidheachd. Carson, a Thighearna, a thug thu oirnn dol air seachran od shlighean; agus a chruadhaich thu ar cridhe od eagal? Till air sgàth do sheirbhiseach, treubhan d’oighreachd fhèin. Is beag an ùine a shealbhaich do shluagh naomh; shaltair ar naimhdean sìos do naomh‐ionad. Bu leat sinne riamh; cha robh thu a’ riaghladh os an cionn‐san; cha robh iad air an gairm air d’ainm. O gun reubadh tu o chèile na nèamhan, gun tigeadh tu a‑nuas, gun sruthadh na slèibhtean sìos ann ad làthair; Mar a loisgeas an teine‐leaghaidh, mar a chuireas an teine goil air uisge; a‑chum d’ainm a dhèanamh aithnichte dod naimhdean, gun criothnaicheadh na cinnich ann ad fhianais! Nuair a rinn thu nithean iongantach ris nach robh sùil againn, thàinig thu a‑nuas; ann ad làthair shruth na slèibhtean sìos. Oir riamh cha chuala daoine, cha d’fhairich iad len cluais, cha mhò a chunnaic sùil, dia eile ach thusa, a nì a leithid airson an tì a dh’fheitheas air. Tha thu a’ teachd an còdhail an tì a tha a’ gabhail tlachd ann an ceartas a dhèanamh; a’ mhuinntir a tha cuimhneach ortsa ann ad shlighean: feuch, tha corraich ort, oir pheacaich sinne; eadhon riùsan o shean, ach tha sinn air ar tèarnadh; Agus tha sinne uile mar nì truaillidh, agus ar n‑uile fhìreantachd mar luideig shalaich; agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach; agus rinn ar lochdan, mar a’ ghaoth, ar giùlan air falbh. Agus chan eil aon neach ann a tha a’ gairm air d’ainm, a tha ga dhùsgadh fhèin suas a dhèanamh greim ort; oir dh’fhalaich thu do ghnùis uainn, agus chlaoidh thu sinn airson ar n‑euceartan. Ach a‑nis, O Thighearna, is tusa ar n‑Athair; is sinne a’ chriadh, agus is tusa ar fear‐deilbh; agus is sinne uile obair do làimhe. Na biodh corraich ro‑gheur ort, a Thighearna, agus na cuimhnich aingidheachd gu bràth; feuch, amhairc, guidheamaid ort, is sinne uile do shluagh. Dh’fhàs do bhailtean naomha nam fàsach; tha Sion na fàsach; tha Ierusalem faondrach. Tha ar taigh naomh agus àlainn, anns an tug ar n‑athraichean moladh dhut, air a losgadh le teine; agus tha ar n‑uile nithean tlachdmhor air an lèirsgrios. An cùm thu ort fhèin airson nan nithean sin, a Thighearna? Am bi thu ad thosd, agus an cràidh thu sinn gu goirt? Dh’fhoillsicheadh mi dhaibhsan nach robh gam fharraid; fhuaireadh mi leòsan nach robh gam iarraidh; thubhairt mi, Feuch mi, feuch mi, ri cinneach nach robh air ainmeachadh orm. Shìn mi a‑mach mo làmhan fad an là ri sluagh ceannairceach, a tha a’ gluasad ann an droch shlighe, a rèir an innleachdan fhèin; Sluagh a tha an còmhnaidh gam bhrosnachadh gu feirg rim aghaidh; ag ìobradh anns na liosan, agus a’ losgadh tùise air na clachan‐creadha; A tha a’ fantainn am measg nan àiteachan‐adhlaic, agus a’ gabhail còmhnaidh anns na h‑uaimhean; a tha ag ithe feòil mhuc, agus aig a bheil sùgh nithean gràineil nan soithichean. A tha ag ràdh, Fan agad fhèin, na tig am fagas dhòmhsa; oir is mise as naoimhe na thusa. Tha iad seo nan deataich ann am shròin, nan teine a tha a’ losgadh rè an là uile. Feuch, tha e sgrìobhte ann am làthair; chan fhan mi am thosd, ach ath‐dhìolaidh mi; seadh, ath‐dhìolaidh mi rin uchd, Ur n‑euceartan, agus euceartan ur n‑athraichean le chèile, deir an Tighearna, a loisg tùis air na slèibhtean, agus a thug toibheum dhomh air na cnuic; seadh, tomhaisidh mi air ais dhaibh nan uchd an obair a rinn iad roimhe seo. Mar seo deir an Tighearna, Amhail a gheibhear am fìon nuadh anns a’ bhagaide, agus a their neach, Na mill e, oir tha beannachadh ann; mar sin nì mise air sgàth mo sheirbhiseach; cha sgrios mi an t‑iomlan. Agus bheir mi a‑mach sliochd o Iàcob, agus o Iùdah, sealbhadair mo shlèibhtean; agus sealbhaichidh mo mhuinntir thaghte am fearann agus gabhaidh m’òglaich tàmh ann. Agus bidh Sàron na chrò chaorach, agus gleann Achoir na bhuaile bhò, airson mo shluaigh‐sa, a bha gam iarraidh. Agus sibhse a thrèig an Tighearna, a dhìochuimhnich mo shliabh naomh; a tha a’ deasachadh bùird do Ghad, agus a’ lìonadh ìobairt‐dibhe do Mheni; Airmhidh mi sibhse a‑chum a’ chlaidheimh agus cromaidh sibh uile sìos a‑chum a’ chasgraidh; a chionn, nuair a ghlaodh mi, nach do fhreagair sibhse; nuair a labhair mi, nach d’èisd sibh; ach rinn sibh olc ann am shealladh, agus an nì anns nach robh tlachd agam roghnaich sibh. Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, ithidh m’òglaich‐sa, ach bidh acras oirbhse; feuch, òlaidh m’òglaich‐sa, ach bidh tart oirbhse; feuch, nì m’òglaich‐sa gàirdeachas, ach bidh nàire oirbhse: Feuch, seinnidh m’òglaich‐sa tre aoibhneas cridhe, ach glaodhaidh sibhse tre dhoilgheas cridhe; agus tre chràdh spioraid nì sibh caoineadh. Agus fàgaidh sibh ur n‑ainm mar mhallachadh dom mhuinntir thaghte‐sa; oir marbhaidh an Tighearna Iehòbhah thu, agus bheir e ainm eile air a òglaich. An neach a bheannaicheas e fhèin air talamh, beannaichidh e e fhèin ann an Dia na fìrinn; agus an neach a bheir mionnan air talamh, mionnaichidh e air Dia na fìrinn; a chionn gu bheil na h‑àmhgharan roimhe air an dìochuimhneachadh, agus a chionn gu bheil iad falaichte om shùilean. Oir feuch, cruthaichidh mi nèamhan nuadha agus talamh nuadh; agus cha chuimhnichear iad sin a bha ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire don duine. Ach dèanaibh‐se gàirdeachas, agus bithibh aoibhneach gu cian nan cian, airson an nì a chruthaicheas mi; oir feuch, cruthaichidh mi Ierusalem na cùis‐aoibhneis, agus a sluagh nan cùis‐ghàirdeachais. Agus bidh mi aoibhneach ann an Ierusalem, agus nì mi gàirdeachas ann am shluagh; agus cha chluinnear guth caoidh no guth caoinidh innte nas mò. Oir cha bhi as a sin suas naoidhean geàrr‐shaoghalach, no seann duine nach do choilean a làithean; oir bàsaichidh an naoidhean nuair a ruigeas e ceud bliadhna a dh’aois; ach bidh am peacach a ruigeas ceud bliadhna a dh’aois mallaichte. Agus togaidh iad taighean, agus gabhaidh iad còmhnaidh annta; agus suidhichidh iad fìonliosan, agus ithidh iad den toradh. Cha dèan iadsan togail, agus neach eile àiteachadh; cha dèan iadsan suidheachadh, agus neach eile ithe; oir mar làithean craoibhe bidh làithean mo shluaigh‐sa; agus mealaidh mo mhuinntir thaghte rè ùine fhada obair an làmh fhèin. Cha saothraich iad gu dìomhain, cha mhò a ghineas iad sliochd a‑chum dragha; oir is iad sìol dhaoine beannaichte an Tighearna, agus an sliochd maille riu. Agus tàrlaidh, mun gairm iad, freagraidh mi; agus am feadh a bhios iad fòs a’ labhairt, èisdidh mi. Nì am madadh‐allaidh agus an t‑uan ionaltradh le chèile; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh; ach is e an duslach as biadh don nathair. Cha dochainn agus cha mhill iad nam shliabh naomh‐sa uile, deir an Tighearna. Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh‐chathair, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh? Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad, agus a chriothnaicheas rom fhacal. Tha esan a mharbhas damh, mar gum mortadh e duine; esan a dh’ìobras uan, mar gun cuireadh e an ceann de mhadadh; esan a bheir seachad tabhartas, mar gun tugadh e seachad fuil mhuc; esan a loisgeas tùis, mar gum beannaicheadh e iodhal; seadh, roghnaich iad an slighean fhèin, agus nan gràinealachdan fhèin tha an anam a’ gabhail tlachd. Roghnaichidh mise fòs am faoin‐smaointean‐san, agus an cùis‐eagail bheir mi orra; a chionn gun do ghlaodh mi, agus nach tug aon neach freagradh; labhair mi, agus cha d’èisd iad; ach rinn iad olc ann am shealladh, agus an nì anns nach robh tlachd agam roghnaich iad. Cluinnibh‐se facal an Tighearna, sibhse a tha a’ criothnachadh ro a fhacal; ur bràithrean a tha a’ toirt fuath dhuibh, a thilg a‑mach sibh air sgàth m’ainme‐sa, their iad, Biodh an Tighearna air a ghlòrachadh; ach foillsichear e a‑chum aoibhneis dhuibhse, agus cuirear iadsan gu amhluadh. Guth àrd‐ghlaoidh on chathair: guth on teampall; guth an Tighearna, a’ toirt ath‐dhìolaidh da naimhdean. Mun robh i ann an saothair chloinne, dh’aiseadadh i; mun tàinig a h‑ioghannan, rug i leanabh‐mic. Cò a chuala a leithid seo? Cò a chunnaic an leithidean seo de nithean? An tabhair an talamh a‑mach a thoradh ann an aon là? Am bi cinneach air a bhreith a dh’aon bheum? Oir cha bu luaithe bha Sion ann an saothair na rug i a clann. An toir mi gus a’ bhreith, agus nach toir mi fa‑near gum beirear? deir an Tighearna; an gin mi, agus am bac mi a’ bhreith? deir do Dhia. Dèanaibh gàirdeachas le Ierusalem, agus bithibh subhach air a son, sibhse uile len ionmhainn i; bithibh ro‑aoibhneach leatha, sibhse uile a tha ri bròn air a son; A‑chum gun deoghail sibh, agus gum bi sibh sàsaichte le cìochan a sòlais; a‑chum gun tarraing sibh, agus gum faigh sibh toil‐inntinn ann am pailteas a glòire. Oir mar seo deir an Tighearna; Feuch, sgaoilidh mi sìth thairis oirre mar abhainn, agus glòir nan cinneach mar shruth a’ taomadh a‑nuas; an sin deoghlaidh sibh, giùlainear sibh air an leis, agus luaisgear sibh air na glùinean. Mar neach don toir a mhàthair comhfhurtachd, mar sin bheir mise comhfhurtachd dhuibhse; agus ann an Ierusalem gheibh sibh sòlas. Nuair a chì sibh seo nì ur cridhe gàirdeachas; agus bidh ur cnàmhan ùrar mar am feur; agus foillsichear làmh an Tighearna da òglaich; ach lasaidh a fhearg an aghaidh a naimhdean. Oir feuch, thig an Tighearna le teine, agus a charbad mar chuairt‐ghaoith; a dhòrtadh a‑mach a chorraich mar ainteas, agus a achmhasain le lasraichean teine. Oir le teine agus le a chlaidheamh tagraidh an Tighearna ris gach uile fheòil; agus bidh mòran air am marbhadh leis an Tighearna. Iadsan a tha gan naomhachadh fhèin agus gan glanadh fhèin anns na liosan, air cùl aon chraoibh anns a’ mheadhon; ag ithe feòil mhuc, agus na gràinealachd, agus nan luch; gearrar as iad le chèile, deir an Tighearna. Oir is aithne dhòmhsa an gnìomharan, agus an innleachdan; thig mi a chruinneachadh nan uile chinneach agus theangannan ri chèile; agus thig iad, agus chì iad mo ghlòir. Agus cuiridh mi comharradh nam measg; agus a’ mhuinntir a thèid as dhiubh cuiridh mi a dh’ionnsaigh nan cinneach, gu Tarsis, Pul, agus Lud, a thàirngeas am bogha; gu Tubal agus Iabhan, na crìochan fad as; nach cuala iomradh orm, agus nach faca riamh mo ghlòir; agus cuiridh iad an cèill mo ghlòir am measg nan cinneach. Agus bheir iad ur bràithrean uile, as gach cinneach, mar thabhartas don Tighearna; air eich agus air carbadan agus air uirighean, air muileidean, agus air ainmhidhean luath‐chasach; gum shliabh naomh‐sa Ierusalem, deir an Tighearna; amhail a bheir clann Israeil tabhartas ann an soitheach glan gu taigh an Tighearna. Agus dhiubhsan mar an ceudna gabhaidh mi, airson shagart, agus airson Lèbhitheach, deir an Tighearna. Oir amhail a mhaireas na nèamhan nuadha, agus an talamh nuadh, a tha mi a’ cruthachadh, ann am fhianais, deir an Tighearna, mar sin mairidh ur sliochd‐se, agus ur n‑ainm. Agus tàrlaidh, o ghealaich ùir gu gealaich ùir, agus o shàbaid gu sàbaid, gun tig gach uile fheòil a dhèanamh adhraidh ann am làthair‐sa, deir an Tighearna. Agus thèid iad a‑mach, agus seallaidh iad air closaichean nan daoine a chiontaich am aghaidh; oir cha bhàsaich a’ chnuimh, agus cha mhùchar an teine; agus bidh iad nan gràinealachd do gach uile fheòil. Briathran Ieremiah mhic Hilciah, aon de na sagartan a bha ann an Anatot ann am fearann Bheniàmin: A dh’ionnsaigh an tàinig facal an Tighearna ann an làithean Iosiah mhic Amoin rìgh Iùdah, anns an treas‐bliadhna‑deug de a rìoghachadh. Thàinig e mar an ceudna ann an làithean Iehoiacim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gu ceann aon‐bhliadhna‑deug Shedeciah mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gus an tugadh air falbh Ierusalem ann am braighdeanas anns a’ chòigeamh mìos. Thàinig an sin facal an Tighearna am ionnsaigh‐sa, ag ràdh, Mun do dhealbh mi thu anns a’ bhroinn, b’aithne dhomh thu; agus mun tàinig thu a‑mach on bholg, chuir mi air leth thu: mar fhàidh do na cinnich thug mi thu. An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, feuch, chan aithne dhòmhsa labhairt, oir is leanabh mi. Agus thubhairt an Tighearna rium, Na abair, Is leanabh mi: ach a‑chum nan uile gus an cuir mise thu, thèid thu; agus ciod sam bith a dh’àithneas mi dhut, labhraidh tu. Na biodh eagal ort ron gnùis; oir tha mise maille riut a‑chum do thèarnadh, deir an Tighearna. Agus chuir an Tighearna a‑mach a làmh, agus bhean e rim bheul; agus thubhairt an Tighearna rium, Feuch, chuir mise mo bhriathran ann ad bheul. Feuch, chuir mi thu air an là‑an‑diugh os cionn nan cinneach agus os cionn nan rìoghachdan, gu spìonadh as, agus gu tarraing a‑nuas, agus gu sgrios, agus gu leagail; gu togail, agus gu suidheachadh. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Tha mi a’ faicinn slaite de chraoibh almoin. Agus thubhairt an Tighearna rium, Is ceart a chunnaic thu: oir deifrichidh mise m’fhacal a‑chum a choileanadh. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh an dara uair, ag ràdh, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Tha mi a’ faicinn coire air ghoil; agus air a thionndadh on àird a tuath. Agus thubhairt an Tighearna rium, On àird a tuath brisidh an t‑olc a‑mach air uile luchd‐àiteachaidh na tìre. Oir feuch, gairmidh mise air uile theaghlaichean rìoghachdan na h‑àird a tuath, deir an Tighearna; agus thig iad, agus suidhichidh iad gach aon a rìgh‐chathair aig dol a‑steach geatachan Ierusaleim, agus air a ballachan uile mun cuairt, agus os cionn uile bhailtean Iùdah. Agus cuiridh mise mo bhreitheanais an cèill nan aghaidh, airson an uile aingidheachd; a chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, agus gun do shleuchd iad do obraichean an làmhan fhèin. Crioslaich thusa suas uime sin do leasraidh, agus èirich, agus labhair riu na h‑uile nithean a dh’àithneas mise dhut; na biodh fiamh ort romhpa, air eagal gun cuir mise gu amhluadh thu nam fianais. Oir feuch, rinn mise thu an‑diugh ad chathair dhaingnichte, agus ad phost iarainn, agus ad bhalla umha, an aghaidh na tìre seo uile; an aghaidh rìghrean Iùdah, an aghaidh a mòr‐uaislean, an aghaidh a sagartan, agus an aghaidh sluagh na tìre: Agus cathaichidh iad ann ad aghaidh, ach cha toir iad buaidh ort: oir tha mise maille riut, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh. Thàinig facal an Tighearna mar an ceudna am ionnsaigh, ag ràdh, Imich agus glaodh ann an cluasan Ierusaleim, ag ràdh; Mar seo deir an Tighearna, Chuimhnich mise as do leth an coibhneas a nochd mi dhut ann ad òige, gràdh do cheangail‐phòsaidh, nuair a dh’imich thu am dhèidh anns an fhàsach, ann am fearann nach do threabhadh. Is naomhachd don Tighearna Israel, ciad‐thoradh a chinneis: iadsan uile a tha ga shlugadh suas, measar iad ciontach; thig aimhleas orra, deir an Tighearna. Cluinnibh facal an Tighearna, O thaigh Iàcoib, agus uile theaghlaichean taigh Israeil: Mar seo deir an Tighearna, Ciod an t‑euceart a fhuair ur n‑athraichean annamsa, gun d’imich iad fada uam, agus gun do ghluais iad an dèidh dìomhanais, agus gun d’fhàs iad dìomhain? Agus cha dubhairt iad, Càit a bheil an Tighearna, esan a thug a‑nìos sinn o thìr na h‑Eiphit, a stiùir sinn tron fhàsach, tro fhearann fàsail agus làn shloc, tro fhearann tairt agus sgàil bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnaidh? Thug mi sibh mar an ceudna gu dùthaich thorraich, a dh’ithe a toraidh, agus a maitheis; ach nuair a thàinig sibh a‑steach, thruaill sibh m’fhearann, agus m’oighreachd rinn sibh na gràinealachd. Cha dubhairt na sagartan, Càit a bheil an Tighearna? Agus iadsan a laimhsich an reachd, cha b’aithne dhaibh mise: rinn na h‑aodhairean fòs ceannairc ann am aghaidh; agus rinn na fàidhean fàistneachd le Bàal, agus lean iad nithean nach toir buannachd. Uime sin tagraidh mise ribh fhathast, deir an Tighearna, agus ri cloinn ur cloinne tagraidh mi. Oir siùbhlaibh thairis gu crìochan Chitim, agus faicibh; agus cuiribh fios gu Cedar, agus thugaibh geur aire; feuchaibh an do thachair riamh a leithid seo. An do chaochail cinneach an diathan, eadhon iad sin nach robh nan diathan? Ach chaochail mo shluagh‐sa an glòir airson nì gun bhuannachd. Biodh ioghnadh oirbh, O nèamhan, mun nì seo, agus biodh uamhas oirbh: bithibh air ur trom‐bhualadh le uamhann, deir an Tighearna: Oir chuir mo shluagh‐sa dà olc an gnìomh: thrèig iad mise, tobar nan uisgeachan beò; agus chladhaich iad a‑mach dhaibh fhèin sluic, sluic eu‑dionach, nach cùm uisge. An tràill Israel? Mas ann de chloinn an teaghlaich e, cuime an do rinneadh e na chobhartaich? Beucaidh na leòmhainn òga na aghaidh; thog iad an guth, rinn iad a fhearann na fhàsach; tha a bhailtean air an losgadh, gun aon gan àiteachadh. Nì clann Noiph agus Tahpaneis mar an ceudna mullach do chinn a bhriseadh. Nach do choisinn thu seo dhut fhèin, a chionn gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, nuair a bha e gad stiùradh anns an t‑slighe? Agus a‑nis ciod do ghnothach ri slighe na h‑Eiphit, a dh’òl uisgeachan Shihoir? No ciod do ghnothach ri slighe Asiria, a dh’òl uisgeachan na h‑aibhne? Smachdaichidh d’aingidheachd fhèin thu, agus nì do chùl‐sleamhnachadh fhèin do chronachadh: aithnich uime sin, agus faic gur olc agus searbh an nì gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, agus nach eil m’eagal‐sa annad, deir an Tighearna, Dia nan sluagh. Gu deimhinn o chionn fada bhris mi do chuing, sgaoil mi do chuibhrichean; agus thubhairt thu, Cha bhi mi eas‐umhail. Oir air gach cnoc àrd, agus fo gach craoibh uaine, tha thu a’ dol air seachran ri strìopachas. Gidheadh shuidhich mise thu ad fhìonain uasail, gu h‑iomlan ad shìol ceart: ach cionnas a chaochail thu orm, a’ gheug chrìonaich na fìonain choimhich? Oir ged nigh thu thu fhèin le natar, agus ged ghabh thu mòran siabainn, tha d’aingidheachd air a comharrachadh ann am làthair‐sa, deir an Tighearna Iehòbhah. Cionnas a dh’fhaodas tu ràdh, Chan eil mi salach, cha deachaidh mi an dèidh Bhàalim? Feuch do shlighe anns a’ ghleann; aithnich ciod a rinn thu. Tha thu mar dhromadaraidh luath ag imeachd na slighe; Mar asail fhiadhaich cleachdte ri fàsach, a thàirngeas a’ ghaoth suas na cuinneinean, ann an cìocras a h‑anama: an tràth a thig a miann, cò a thilleas i? Iadsan uile a bhios ga h‑iarraidh cha sgìthichear iad; an ceann a mìosa gheibh iad i. Cùm do chas o bhith rùisgte, agus do mhuineal o thart. Ach thubhairt thusa, Chan eil leigheas air a’ chùis a‑nis; cha chùm; oir ghràdhaich mi coigrich, agus nan dèidh thèid mi. Mar bhios nàire air mèairleach nuair a ghlacar e, mar sin chuireadh gu nàire taigh Israeil; iad fhèin, an rìghrean, an uachdarain, agus an sagartan, agus am fàidhean: A tha ag ràdh ri mìr fiodha, Is tu m’athair; agus ri cloich, Is tu a ghin mi; oir thionndaidh iad riumsa an cùl, is chan i an aghaidh; ach ann an àm an airce their iad, Eirich, agus teasairg sinn. Ach càit a bheil do dhiathan a rinn thu dhut fhèin? Eireadh iadsan, mas urrainn iad do thèarnadh ann an àm do chruaidh‐chàis: oir a rèir àireamh do bhailtean bha do dhiathan, O Iùdah. Carson a thagras sibh riumsa? Chiontaich sibh uile am aghaidh, deir an Tighearna. Gu dìomhain bhuail mi ur clann: cha do ghabh iad cronachadh. Shluig ur claidheamh fhèin ur fàidhean, amhail leòmhann millteach. O sibhse den ghinealach seo, feuchaibh facal an Tighearna: an robh mise am fhàsach do Israel, am fhearann dorchadais? Cuime an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirnn fhèin; cha tig sinn nas mò thugadsa? Am faod òg‑bhean a h‑usgraichean a dhearmad? No bean‐bainnse a culaidh? Gidheadh dhearmaid mo shluagh mise làithean gun àireamh. Cuime an seòl thu do shlighe a dh’iarraidh gaoil? Air an adhbhar sin fòs seòlaidh mise dòrainnean air do shlighean‐sa. Fhuaireadh ann ad sgioball mar an ceudna fuil anam nan neochiontach bochda: chan ann le sgrùdadh domhain a fhuair mi a‑mach i, ach air a craobh‐sgaoileadh. Gidheadh tha thu ag ràdh, A chionn gu bheil mi neochiontach, gu cinnteach tillidh a chorraich uam. Feuch tionnsgnaidh mise ann am breitheanas riut, a chionn gu bheil thu ag ràdh, Cha do pheacaich mi. Cuime am bi thu cho ro‑luaineach a chaochladh do shlighe? Bidh fhathast nàire ort den Eiphit, amhail a bha nàire ort de Asiria. Seadh, cuideachd thèid thu a‑mach as a seo, led làmhan air do cheann: oir dhiùlt an Tighearna cuspairean do dhòchais, agus leo cha soirbhich thu. Their iad, Ma chuireas duine air falbh a bhean, agus gun imich i uaithe, agus gun gabh i le fear eile, an till e da h‑ionnsaigh a‑rìs? Nach bi am fearann sin gu ro‑mhòr air a thruailleadh? Ach rinn thusa strìopachas le mòran leannan; gidheadh till riumsa a‑rìs, deir an Tighearna. Tog do shùilean suas ris na h‑ionadan àrda, agus, feuch, cia an t‑àite anns nach do thruailleadh thu? Shuidh thu gam feitheamh anns na slighean, mar an t‑Arabach anns an fhàsach; agus shalaich thu am fearann led strìopachas, agus led dhroch‐bheairt. Agus chumadh na frasan air an ais, agus an t‑uisge deireannach cha robh ann; gidheadh, agadsa bha aodann strìopaich, chuir thu cùl ri nàire. Nach gairm thu ormsa on uair seo, ag ràdh, M’athair, bu tusa fear‐stiùraidh m’òige? An gleidhear fearg gu bràth? An cumar corraich gu sìorraidh air chuimhne? Feuch, labhair, agus rinn thu aingidheachd; agus chaidh e leat. Thubhairt an Tighearna rium fòs ann an làithean Iosiah an rìgh. Am faca tu ciod a rinn Israel chùl‐sleamhnach? Chaidh i suas air gach sliabh àrd, agus fo gach crann gorm, agus an sin rinn i strìopachas. Agus thubhairt mise, an dèidh dhi seo uile a dhèanamh, Till am ionnsaigh‐sa: ach cha do thill i. Agus chunnaic a piuthar fhealltach Iùdah seo. Agus chunnaic mise nuair, airson gach uile adhaltranais anns an robh Israel chùl‐sleamhnach ciontach, a chuir mi air falbh i, agus a thug mi litir‐dhealachaidh dhi, gidheadh nach do ghabh a piuthar fhealltach Iùdah eagal, ach gun d’imich i, agus gun do rinn i fhèin strìopachas mar an ceudna. Agus thàrladh, le ro‑mheud a tograidh gu neòghlaine, gun do thruaill i am fearann, agus gun do rinn i adhaltranas le clachan agus le croinn. Agus fòs an dèidh seo uile cha do thill a piuthar fhealltach Iùdah riumsa le a h‑uile chridhe, ach gu cealgach, deir an Tighearna. Uime sin thubhairt Iehòbhah rium; Is mò a dh’fhìreanaich Israel chùl‐sleamhnach i fhèin na Iùdah chealgach. Imich agus glaodh na briathran seo fa chomhair na h‑àird a tuath, agus abair; Till, O Israeil chùl‐sleamhnaich, deir an Tighearna, agus cha leig mi mo chorraich ort; oir tha mise tròcaireach, deir an Tighearna, cha ghlèidh mi m’fhearg gu bràth. A‑mhàin aidich do chionta, gun do rinn thu easaontas an aghaidh an Tighearna do Dhia; agus gun do rinn thu do shlighean coitcheann do choigrich, fo gach aon chraoibh uaine; agus nach tug sibh gèill dom ghuth‐sa, deir an Tighearna. Tillibh, O chlann chùl‐sleamhnach, deir an Tighearna, oir tha mi pòsda ribh: agus gabhaidh mi sibh, aon à baile, agus dithis à teaghlach, agus bheir mi sibh gu Sion: Agus bheir mi dhuibh aodhairean a rèir mo chridhe fhèin, agus beathaichidh iad sibh le eòlas agus le tuigse. Agus tàrlaidh, nuair a thèid sibh an lìonmhorachd agus am meud anns an fhearann, anns na làithean sin, deir an Tighearna, chan abair iad nas mò, Airc coicheangail an Tighearna, cha mhò a thig i nan aire, cha mhò a chuimhnicheas iad i, cha mhò a bheir iad sùil na dèidh, cha mhò a nìthear sin tuilleadh. Anns an àm sin theirear ri Ierusalem rìgh‐chathair an Tighearna; agus bidh tathaich nan uile chinneach da h‑ionnsaigh, air sgàth ainm an Tighearna a bhios ann an Ierusalem: agus cha ghluais iad nas mò a rèir cruas an droch chridhe fhèin. Anns na làithean sin thèid taigh Iùdah gu taigh Israeil; agus thig iad le chèile a‑mach as an tìr mu thuath, a‑chum an fhearainn a thug mise mar sheilbh dur n‑athraichean. Agus nuair a thubhairt mi, Cionnas a bheir mi àite dhut am measg mhac, agus a bheir mi dhut am fearann taitneach, oighreachd aoibhneach sluagh nan cinneach? An sin thubhairt mi, Goiridh tu riumsa, M’athair; agus cha till thu air d’ais om leantainn. Gu deimhinn, mar a chlaonas bean neo‐dhìleas o a fear‐pòsda, mar sin bhuin sibhse gu neo‐dhìleas riumsa, O thaigh Israeil, deir an Tighearna. Chualas guth air na h‑ionadan àrda, caoidh agus athchuinge chloinn Israeil; a chionn gun do chlaon iad an slighe; dhìochuimhnich iad an Tighearna an Dia. Tillibh, o chlann chùl‐sleamhnach; lèighsidh mise ur cùl‐sleamhnachadh. Feuch, tha sinn a’ teachd ad ionnsaigh, oir is tu an Tighearna ar Dia. Gu deimhinn chan eil ach dìomhanas anns na cnuic, ann an neart nan slèibhtean; gu deimhinn anns an Tighearna ar Dia‑ne tha slàinte Israeil. Ach dh’ith an nì nàireach sin suas saothair ar n‑athraichean o ar n‑òige; an caoraich, agus am buar, am mic, agus an nigheanan. Laighidh sinn sìos nar nàire, agus thig ar masladh tharainn: a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna ar Dia, sinn fhèin agus ar n‑athraichean, o ar n‑òige eadhon gus an‑diugh, agus nach robh sinn umhail do ghuth an Tighearna, ar Dia. Ma thilleas tu a‑rìs, O Israeil, deir an Tighearna, am ionnsaigh‐sa tillidh tu; agus ma chuireas tu air falbh do ghràinealachdan om làthair‐sa, an sin cha gluaisear thu: Ach mionnaichidh tu, Mar as beò an Tighearna, ann am fìrinn, ann am breitheanas, agus ann an ionracas: agus beannaichidh na cinnich iad fhèin annsan, agus annsan nì iad uaill. Uime sin, mar seo deir an Tighearna ri fir Iùdah, agus ri Ierusalem, Brisibh suas ur fearann‐treabhaidh, agus na cuiribh am measg droighinn. Bithibh air ur timcheall‐ghearradh don Tighearna, agus thugaibh air falbh ro‑chraicinn ur cridheachan, O fheara Iùdah, agus a luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, mun tèid mo chorraich‐sa a‑mach mar theine, agus mun las i, air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan. Cuiribh‐se an cèill ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem dèanaibh follais, agus abraibh, Sèidibh an trompaid anns an tìr; èighibh gu h‑àrd agus abraibh, Cruinnichibh ri chèile, agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte. Cuiribh suaicheantas suas ann an Sion, rachaibh air ur n‑ais, na seasaibh; oir tha mise a’ tabhairt uilc on àird a tuath, eadhon lèirsgrios mòr. Thàinig an leòmhann a‑nìos o a dhoire, agus tha milltear nan cinneach air a thuras: dh’imich e a‑mach as àite a‑chum d’fhearann a dhèanamh na fhàsach; bidh do bhailtean air an sgrios, air chor is nach bi aon gan àiteachadh. Air an adhbhar sin crioslaichibh sibh fhèin le sac‐èideadh, dèanaibh caoidh agus gul; oir chan eil fraoch‐feirge an Tighearna air a tilleadh air falbh uainn. Agus tàrlaidh anns an là sin, deir an Tighearna, gum bàsaich cridhe an rìgh, agus cridhe nan àrd‐uaislean; agus bidh amhluadh air na sagartan, agus uamhas air na fàidhean. An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, gu cinnteach mheall thu gu tur an sluagh seo agus Ierusalem, ag ràdh, Bidh sìth agaibh, nuair a tha an claidheamh a’ ruigheachd gu ruig an t‑anam. Anns an àm sin theirear ris an t‑sluagh seo agus ri Ierusalem, Gaoth loisgeach ann an ionadan sgaoilte an fhàsaich, leth ri nighinn mo shluaigh‐sa; chan ann gu fasgnadh no gu glanadh; Thig treun‐ghaoth o na h‑àitean sin am ionnsaigh‐sa: a‑nis fòs labhraidh mi fhèin breitheanas nan aghaidh. Feuch, mar neòil thig e a‑nìos; mar chuairt‐ghaoith bidh a charbadan; is luaithe na iolairean a chuid each; mo thruaighe sinne, oir tha sinn creachte! Glan do chridhe o aingidheachd, O Ierusaleim, a‑chum gun tèarnar thu. Cia fhad a ghabhas do smuaintean aingidh còmhnaidh an taobh a‑staigh dhìot? Oir tha guth ag èigheach o Dhan, agus a’ cur àmhghair an cèill o shliabh Ephraim. Glaodhaibh‐se ris na cinnich, Feuch! Cuiribh an cèill an aghaidh Ierusaleim gu bheil luchd‐freiceadain a’ teachd o dhùthaich fad as, agus gun tog iad suas an guth an aghaidh bailtean Iùdah. Mar luchd‐coimhead faiche tha iad na h‑aghaidh mun cuairt dhi, a chionn gun do rinn i ar‑a‑mach ann am aghaidh‐sa, deir an Tighearna. Choisinn do shlighe agus do dhèanadas na nithean seo dhut; is i seo d’aingidheachd; a chionn gu bheil i searbh, oir tha i a’ ruigheachd gud chridhe. Mo chom, mo chom! Tha mi air mo chràdh ann am ballachan mo chridhe; an taobh a‑staigh dhìom tha mo chridhe ri fuaim; chan urrainn mi fantainn am thosd; a chionn gun cuala tu, O m’anam, guth na trompaid, gaoir a’ chatha. Tha lèirsgrios air lorg lèirsgrios air a ghairm: gu cinnteach tha an tìr gu h‑iomlan creachte: gu h‑obann chreachadh mo phàilleanan, mo sgàileachan ann an tiota. Cia fhad a chì mi a’ bhratach, a chluinneas mi fuaim na trompaid? Gu cinnteach tha mo shluagh‐sa amaideach, ormsa cha do ghabh iad eòlas; is clann aig nach eil tuigse iad, agus tha iad air dhìobhail cèille: tha iad seòlta a dhèanamh uilc, ach math a dhèanamh chan aithne dhaibh. Chunnaic mi an talamh, agus, feuch, bha e gun dealbh agus falamh; na nèamhan fòs, agus bha iad gun solas. Chunnaic mi na slèibhtean, agus, feuch, chriothnaich iad; agus bha na cnuic uile air an luasgadh gu mòr. Dh’amhairc mi, agus, feuch, cha robh aon duine ann; agus uile eòin na h‑ealtainn, theich iad. Dh’amhairc mi, agus, feuch, bha a’ mhachair thorrach na fàsach, agus a h‑uile bhailtean air an tilgeadh sìos, ro làthair an Tighearna, ro dhian‐theas a fheirge. Oir mar seo deir Iehòbhah, Bidh am fearann gu h‑iomlan air a fhàsachadh, ach cha dèan mi làn‐chrìoch. Airson seo nì an talamh bròn, agus dorchaichear na nèamhan shuas; a chionn gun do labhair mise, agus cha ghabh mi aithreachas; chuir mi romham, agus cha tèid mi air m’ais uaithe. Ro iolach nam marcach agus nam fear‐bogha, tha gach cathair a’ teicheadh; chaidh iad a‑steach do thiugh‐choilltean, agus shreap iad suas air na creagan: tha na h‑uile bhailtean air an trèigsinn, agus chan eil aon duine gan àiteachadh. Agus thusa, nuair a chreachar thu, ciod a nì thu? Ged èid thu thu fhèin le corcar, ged sgeadaich thu thu fhèin le seudan òir, ged ung thu do rosgan le dathan, gu dìomhain nì thu thu fhèin sgiamhach; nìthear tàir ort led leannain, air d’anam tha iad an tòir. Gu cinnteach chuala mi glaodh amhail mnà ri saothair, teanntachd amhail mnà ri breith a ciad leinibh, glaodh nighean Shioin; a’ caoidh, a’ sgaoileadh a bas, agus ag ràdh, Mo thruaighe mise a‑nis, oir tha m’anam air a chlaoidh le luchd‐mortaidh! Ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh air feadh sràidean Ierusaleim, agus faicibh a‑nis, agus biodh fhios agaibh, agus iarraibh na h‑ionadan farsaing, am faigh sibh aon duine, a bheil neach sam bith ann a tha a’ cur an gnìomh breitheanais, a tha ag iarraidh na fìrinn; agus bheir mise dhi maitheanas. Ach ged their iad, Mar as beò an Tighearna, gu deimhinn tha iad a’ mionnachadh gu breugach. O Thighearna, nach eil do shùilean‐sa air an fhìrinn? Bhuail thu iad, ach cha do rinn iad bròn; chaith thu iad, ach dhiùlt iad gabhail ri smachdachadh; rinn iad an aghaidh nas cruaidhe na creag; dhiùlt iad tilleadh. An sin thubhairt mise, Gu cinnteach is iad seo na daoine ìosal; tha iad gun chèill, a chionn nach aithne dhaibh slighe an Tighearna, breitheanas an Dè. Ruigidh mi na daoine uasal agus labhraidh mi riùsan; oir is aithne dhaibhsan slighe an Tighearna, breitheanas an Dè. Ach spealg iad seo gu h‑iomlan a’ chuing, sgaoil iad as a chèile na cuibhrichean. Uime sin nì leòmhann as a’ choille an sgrios, nì madadh‐allaidh an fhàsaich am milleadh; nì liopard faire os cionn am bailtean: gach aon a thèid a‑mach asda reubar e na bhloighdean; a chionn gu bheil an lochdan lìonmhor, an cùl‐sleamhnachadh minig. Cionnas a mhaitheas mi seo dhut? Thrèig do chlann mise, agus mhionnaich iad orra sin nach eil idir nan diathan: nuair a shàsaich mise iad le lòn, an sin rinn iad adhaltranas, agus ann an taigh na strìopaich chruinnich iad nam buidhnean. Bha iad mar òg‑eich bhiadhte anns a’ mhadainn; gach aon a’ sitrich an dèidh bean a choimhearsnaich. Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc, deir an Tighearna; agus air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas? Rachaibh‐se suas air a ballachan, agus sgriosaibh; ach na dèanaibh crìoch iomlan: thugaibh air falbh a daingnichean, oir cha bhuin iad don Tighearna. Oir bhuin taigh Israeil agus taigh Iùdah gu ro‑chealgach riumsa, deir an Tighearna. Dh’àich iad an Tighearna, agus thubhairt iad, Chan e a tha ann; cha mhò a thig olc oirnn; agus an claidheamh no a’ ghort chan fhaic sinn. Ach bidh na fàidhean mar ghaoith; agus chan eil am facal annta: mar seo nìthear orra fhèin. Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh: A chionn gu bheil sibh a’ labhairt an fhacail seo, feuch, nì mise m’fhacal ann ad bheul‐sa na theine, agus an sluagh seo nan connadh, agus loisgidh e suas iad. Feuch, bheir mi nur n‑aghaidh cinneach o chèin, O thaigh Israeil, deir an Tighearna: is cinneach cumhachdach e, is cinneach ro‑shean e; cinneach nach aithne dhut an cainnt, cha mhò a thuigeas tu ciod a their iad. Tha am balg‐saighead mar uaigh fhosgailte; tha iad uile nan daoine treuna. Agus caithidh iad d’fhogharadh agus d’aran; caithidh iad do mhic agus do nigheanan; caithidh iad do chaoraich agus do chrodh; caithidh iad d’fhìonainean agus do chroinn‐fhìge; nì iad bochd leis a’ chlaidheamh na bailtean daingnichte anns an robh thu a’ cur do dhòchais. Gidheadh anns na làithean sin, deir an Tighearna, cha toir mi crìoch iomlan oirbh. Agus tàrlaidh, nuair a their sibh, Cuime an do rinn an Tighearna ar Dia rinn na nithean seo uile? An sin freagraidh tusa iad, Amhail a thrèig sibhse mise, is a rinn sibh seirbhis do dhiathan coimheach nur tìr, mar sin nì sibh seirbhis do choigrich ann an dùthaich nach leibh fhèin. Innsibh‐se seo ann an taigh Iàcoib, agus cuiribh an cèill e ann an Iùdah, ag ràdh, Eisdibh seo a‑nis, O shluagh amaideach agus mhì‐chèillidh, aig a bheil sùilean, ach nach faic; aig a bheil cluasan, ach nach cluinn. Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair‐sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide? Ach aig an t‑sluagh seo tha cridhe eas‐umhail agus ceannairceach: chaidh iad air an ais, agus dh’imich iad air falbh. Cha mhò a their iad nan cridhe, Biodh a‑nis eagal an Tighearna ar Dia oirnn, a tha a’ toirt araon a’ chiad uisge agus an uisge dheireannaich na àm fhèin; seachdainean suidhichte an fhogharaidh tha e a’ gleidheadh air ar son. Thill ur n‑aingidheachd na nithean seo air falbh; agus chùm ur lochdan an nì a tha math air ais uaibh. Oir gheibhear am measg mo shluaigh‐sa droch dhaoine: tha iad ri feall‐fhalach, mar neach a’ suidheachadh lìon; tha iad a’ leagadh ribe, tha iad a’ glacadh dhaoine. Mar chliabh a tha làn eun, mar sin tha an taighean làn de cheilg: uime sin tha iad air fàs mòr, agus air cinntinn saoibhir. Tha iad air fàs reamhar, tha iad dealrach: seadh, thug iad bàrr air gnìomharan nan aingidh: chan eil iad a’ toirt breith air a’ chùis, cùis an dìlleachdain, gidheadh tha iad a’ soirbheachadh; agus còir an uireasbhaich chan eil iad a’ seasamh. Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc, deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas? Tha nì uamhasach agus ro‑eagalach ga chur an gnìomh anns an tìr: Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh‐san; agus is ait lem shluagh‐sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise? Teichibh gu h‑iomlan, O mhaca Bheniàmin, a‑mach à meadhon Ierusaleim, agus ann an Tecòa sèidibh an trompaid; air Betacerem fòs cuiribh suas comharradh teine: oir dh’fhoillsicheadh olc on àird a tuath, agus dòrainn mhòr. Cosmhail ri àite‐ionaltraidh taitneach rinn mise nighean Shion. Da h‑ionnsaigh thig na buachaillean len treudan: suidhichidh iad am pàilleanan na h‑aghaidh air gach taobh; ionaltraidh iad gach aon na àite fhèin. Deasaichibh cogadh na h‑aghaidh. Eiribh, agus rachamaid suas mu mheadhon là. Mo thruaighe sinne! Oir tha an là air dol seachad; oir tha dubharan an anmoich air an sìneadh a‑mach. Eiribh, agus rachamaid suas anns an oidhche, agus milleamaid a lùchairtean. Oir mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Gearraibh sìos craobhan, agus tilgibh tòrr an aghaidh Ierusaleim: is i seo a’ chathair a tha gu bhith air a smachdachadh; is fòirneart i gu h‑iomlan an taobh a‑staigh dhith. Amhail a chuireas tobar a‑mach uisgeachan, mar sin tha ise a’ cur a‑mach a droch‐bheairt: tha ainneart agus creach ri chluinntinn innte: am làthair‐sa a‑ghnàth tha bròn agus lotadh. Gabh fòghlam, O Ierusaleim, air eagal gun dealaich m’anam riut; air eagal gun dèan mi fàsach dhìot, fearann neo‐àitichte. Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dìoghlamaidh iad gu buileach mar fhìonain iarmad Israeil: till air a h‑ais do làmh, mar fhear‐tionail nam fìondhearcan gus na cliabhan. Cò ris an labhair mi, agus don toir mi rabhadh, air chor is gun cluinn iad? Feuch, tha an cluas gun timcheall‐ghearradh, agus chan urrainn iad èisdeachd: feuch, tha facal Iehòbhah dhaibhsan na mhasladh; chan eil tlachd aca ann. Air an adhbhar sin tha mise làn de chorraich an Tighearna: tha mi sgìth ga cumail a‑steach: dòirtidh mi a‑mach i air a’ chloinn anns na sràidean, agus air an òigridh a tha cruinn le chèile: seadh, glacar am fear, agus fòs a’ bhean, an t‑aosda, maille ris an tì bhios làn de làithean. Agus bheirear thairis an taighean do dhaoine eile, am fearann agus na mnathan mar an ceudna; oir sìnidh mise mo làmh a‑mach an aghaidh luchd‐àiteachaidh na tìre, deir an Tighearna. Oir on aon as lugha gus an aon as mò dhiubh, tha gach neach ga thoirt fhèin suas da ana‑miannan; agus on fhàidh fòs gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge. Leighis iad mar an ceudna lot nighean mo shluaigh‐sa gu faoin, ag ràdh, Sìth, sìth; agus gun sìth ann. An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha do ghabh iad nàire air aon chor; cha mhò a bha rudhadh air an gruaidh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc, tilgear sìos iad, deir an Tighearna. Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte. Chuir mi mar an ceudna luchd‐faire os ur cionn, ag ràdh, Eisdibh ri fuam na trompaid. Ach thubhairt iadsan, Chan èisd sinn. Uime sin cluinnibh, O fhineachan, is biodh fhios agaibh, O choitheanail; an nì sin a tha nam measg cluinn, O thalamh! Feuch, bheir mise dòrainn air an t‑sluagh seo, toradh an smuaintean fhèin; a chionn nach tug iad èisdeachd dom bhriathran; agus a‑thaobh mo reachd, chuir iad eadhon cùl ris. Cuime an tig thugamsa tùis o Shèba, agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad as? Chan eil ur tabhartasan‐loisgte taitneach, cha mhò a tha tlachd agamsa nur n‑ìobairtean. Air an adhbhar sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, leagaidh mi ceapan‐tuislidh an rathad an t‑sluaigh seo, agus tuitidh na h‑athraichean agus na mic orra; an coimhearsnach agus a charaid bàsaichidh le chèile. Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha sluagh a’ teachd o fhearann na h‑àird a tuath, agus dùisgear cinneach mòr o chrìochan na talmhainn. Glacaidh iad am bogha agus an t‑sleagh: tha iad an‑iochdmhor, agus cha ghabh iad truas; beucaidh an guth mar an fhairge agus marcaichidh iad air eich, air an tarraing an òrdagh mar dhaoine gu cogadh ann ad aghaidh‐sa, O nighean Shioin. Chuala sinn iomradh air seo: dh’fhàs ar làmhan lag: tha goimh air dèanamh greim oirnn; pian, amhail mnà ri saothair chloinne. Na rachaibh a‑mach don mhachair, na siùbhlaibh anns an t‑slighe; oir an sin tha claidheamh an nàmhaid, uamhas air gach taobh. O nighean mo shluaigh, èid thu fhèin le aodach‐saic, agus aornagain thu fhèin ann an luaithre: dèan caoidh mar airson aon mhic, cumha ro‑gheur: oir gu h‑obann thig an creachadair oirnn. Shònraich mi thusa gu bhith ad bhaideal, ad dhaingneach am measg mo shluaigh; agus aithnichidh tu, agus dearbhaidh tu an slighe. Tha iad uile nan daoine a thug barrachd ann an ceannairc, a’ gluasad gu cealgach: is umha agus iarann iad; an t‑iomlan dhiubh nan innealan truaillidheachd. Loisgeadh na builg leis an teine, chaitheadh an luaithe; leagh am fear‐leaghaidh gu dìomhain; oir chan eil iadsan a tha olc air an sgaradh air falbh: Airgead nach fiù theirear riu, a chionn gun do chuir an Tighearna cùl riu. Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna, ag ràdh; Seas ann an geata taigh an Tighearna, agus glaodh anns an àite sin am facal seo, agus abair, Cluinnibh facal an Tighearna, uile Iùdah, sibhse a tha ag imeachd a‑steach air na dorsan seo gu adhradh a thoirt do Iehòbhah. Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Leasaichibh ur slighean agus ur gnìomharan, agus bheir mise dhuibh còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo. Na earbaibh à briathran breugach, ag ràdh, Is teampall an Tighearna, teampall an Tighearna, teampall an Tighearna iad seo. Oir ma leasaicheas sibh gu h‑iomlan ur slighean agus ur gnìomharan; ma bheir sibh gu ceart breitheanas eadar duine agus a choimhearsnach; Mura sàraich sibh an coigreach, an dìlleachdan agus a’ bhantrach; agus mura dòirt sibh fuil neochiontach anns an àite seo, agus mura tèid sibh air lorg dhiathan eile, a‑chum ur dòrainn fhèin: An sin bheir mise dhuibh còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo, anns an fhearann a thug mi dur n‑athraichean, o linn gu linn. Feuch, tha sibhse a’ dèanamh buin à briathran breugach o nach faigh sibh buannachd. Ciod? Am feadh tha sibh a’ goid, a’ mortadh, agus a’ dèanamh adhaltranais, agus a’ mionnachadh gu breugach, agus a’ losgadh tùise do Bhàal, agus a’ gluasad air lorg dhiathan coimheach, air nach robh eòlas agaibh: An tig sibh an sin, agus an seas sibh ann am làthair‐sa, anns an taigh seo a tha air a ghairm air m’ainm, agus an abair sibh, Tha sinn air ar toirt thairis a‑chum nan gràinealachdan seo uile a chur an gnìomh? An e gun do rinneadh an taigh seo, a dh’ainmicheadh ormsa, na shloc mhèairleach nur sùilean‐se? Feuch, chunnaic mise fhèin e, deir an Tighearna. Ach rachaibh a‑nis dom àite‐sa a tha ann an Siloh, far an do chuir mi m’ainm an toiseach, agus faicibh cionnas a bhuin mi ris, airson aingidheachd mo shluaigh Israel. Agus a‑nis, a chionn gun do rinn sibhse na h‑obraichean seo uile, deir an Tighearna, agus gun do labhair mise ribh ag èirigh gu moch, agus a’ labhairt, ach cha d’èisd sibhse; agus gun do ghlaodh mi ribh, ach cha do fhreagair sibh: Uime sin, nì mi ris an taigh seo a dh’ainmicheadh orm, as a bheil sibhse a’ dèanamh buin, agus ris an ionad a thug mi dhuibhse, agus do ur n‑athraichean, amhail a rinn mi ri Siloh. Agus tilgidh mi sibh a‑mach à m’ fhianais, mar a thilg mi a‑mach ur bràithrean uile, an t‑iomlan de shliochd Ephraim. Air an adhbhar sin, na guidh thusa airson an t‑sluaigh seo, cha mhò a chuireas tu suas glaodh no athchuinge as an leth, cha mhò a nì thu eadar‐ghuidhe riumsa; oir chan èisd mise riut. Nach faic thu ciod a tha iad seo a’ dèanamh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim? Tha a’ chlann a’ tional connaidh, agus na h‑athraichean a’ fadadh an teine, agus na mnathan a’ fuineadh taoise, a dhèanamh bhreacag do bhànrighinn nèimh, agus a dhòrtadh a‑mach thabhartas‐dibhe do dhiathan eile, gu campar a chur ormsa. A bheil iad a’ cur campair ormsa? deir an Tighearna; nach ann a tha iad a’ cur dragh orra fhèin, a‑chum masladh an gnùise fhèin? Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, dòirtear m’fhearg‐sa agus mo dhian‐chorraich a‑mach air an àite seo, air duine agus air ainmhidh, agus air craobhan na machrach, agus air toradh an fhearainn; agus loisgidh i, agus cha ghabh i mùchadh. Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Cuiribh ur tabhartasan‐loisgte ri ur n‑ìobairtean agus ithibh feòil. Oir cha do labhair mise ri ur n‑athraichean, cha mhò a dh’àithn mi dhaibh, anns an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, mu thimcheall thabhartas‐loisgte do ìobairtean: Ach an nì seo dh’àithn mi dhaibh, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth, agus bidh mise am Dhia dhuibh‐se, agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa; agus gluaisibh anns na h‑uile shlighean a dh’àithn mi dhuibh, a‑chum gun èirich gu math dhuibh. Ach cha d’èisd iad, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad ann an comhairlean ais‐innleachdach an droch chridhe fhèin, agus chaidh iad air an ais, agus chan ann air an aghaidh. On là air an tàinig ur n‑athraichean a‑mach à tìr na h‑Eiphit gus an là‑an‑diugh, chuir mi dur n‑ionnsaigh m’uile sheirbhisich, na fàidhean, ag èirigh gach là gu moch agus gan cur a‑mach: Gidheadh cha d’èisd iad rium, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach chruadhaich iad am muineal; rinn iad na bu mhiosa na an athraichean. Uime sin, labhraidh tu na briathran seo uile riu, ach chan èisd iad riut: glaodhaidh tu riu mar an ceudna, ach cha fhreagair iad thu. Uime sin their thu riu, Seo an cinneach nach eil a’ toirt gèill do ghuth an Tighearna, an Dia: cha mhò a ghabh iad ri cronachadh: dh’eug an fhìrinn, agus ghearradh a‑mach om beul i. Geàrr dhìot do ghruag, O Ierusaleim, agus tilg uat i, agus tog suas tuireadh air na h‑ionadan àrda: oir chuir Iehòbhah uaithe, thrèig e ginealach a chorraich. Oir rinn clann Iùdah olc ann am shealladh‐sa, deir an Tighearna; chuir iad an gràinealachdan anns an taigh a dh’ainmicheadh ormsa, a‑chum a thruailleadh. Agus thog iad ionadan àrda Thopheit, a tha ann an gleann mac Hinoim, a losgadh am mac agus an nighean anns an teine; nì nach d’àithn mise, is nach tàinig idir ann am chridhe. Air an adhbhar sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach goirear nas mò ris Tophet, no gleann mac Hinoim; ach gleann a’ mharbhaidh: oir adhlaicidh iad ann an Tophet, gus nach bi àite falamh ann. Agus bidh cairbhean an t‑sluaigh seo nam biadh do eunlaith an adhair agus do bheathaichean na talmhainn; agus chan fhuadaich aon neach air falbh iad. An sin cuiridh mise cosgadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, air guth an t‑subhachais, guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh‐phòsda, agus guth na mnà nuadh‐phòsda; bidh an dùthaich na fàsach. Anns an àm sin, deir an Tighearna, bheir iad a‑mach cnàmhan rìghrean Iùdah, agus cnàmhan a prionnsachan, agus cnàmhan nan sagart, agus cnàmhan nam fàidhean, agus cnàmhan luchd‐àiteachaidh Ierusaleim as an uaighean; Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn. Agus bidh bàs nas roghnaiche na beatha leis an uile fhuidheall a mhaireas den teaghlach olc seo, a bhios nam fuidheall anns gach uile àite gus am fògair mise iad, deir Tighearna nan sluagh. Os bàrr, their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, An tuit iad agus nach èirich iad a‑rìs? An tèid e air falbh, agus nach till e air ais? Carson, matà, a tha an sluagh seo a’ sleamhnachadh air an ais? Carson a tha Ierusalem ri cùl‐sleamhnachadh bithbhuan? Tha iad a’ dèanamh greim daingeann air ceilg, tha iad a’ diùltadh tilleadh. Thug mise fa‑near, agus chuala mi: cha do labhair iad gu ceart; chan eil aithreachas air aon neach da aingidheachd, ag ràdh, Ciod a rinn mi? Tha gach aon a’ tilleadh ga shlighe, mar a dhian‐ruitheas an t‑each a‑chum a’ chòmhraig. Seadh, is aithne don chorra‑bhàin anns an adhar a h‑àm fhèin, agus is aithne don chalaman agus don chorra‑mhonaidh agus don ghòbhlan‐ghaoithe àm an teachd: ach chan aithne dom shluagh‐sa breitheanas an Tighearna. Cionnas a their sibh, Tha sinn glic, agus tha reachd an Tighearna nar measg? Feuch, gu deimhinn is dìomhanas obair na cleit‐sgrìobhaidh, chan eil anns na sgrìobhaichean ach dìomhanas. Nàraicheadh na daoine glice, tha iad fo gheilt, tha iad an sàs; feuch, ri facal an Tighearna chuir iad cùl; agus ciod an gliocas a tha aca? Uime sin am mnathan bheir mise do dhaoine eile; am fearann dhaibhsan a thèid an seilbh ann; oir tha iad uile, on neach as mò gus an neach as lugha, air an toirt suas dan ana‑miannan; on fhàidh eadhon gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge. Agus leighis iad lot nighean mo shluaigh‐sa gu faoin, ag ràdh, Sìth, sìth; agus gun sìth ann. An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha robh iad nàireach air aon chor, cha mhò a ghabh an gruaidh rudhadh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc tilgear sìos iad, deir an Tighearna. Nì mise gu buileach an sgrios, deir an Tighearna; cha bhi fìondhearc air an fhìonain, no fìgean air a’ chrann‐fhìge; seargaidh eadhon an duilleach; agus na nithean a thug mise dhaibh siùbhlaidh uapa. Carson a tha sinn a’ suidhe nar tàmh? Cruinnichibh sibh fhèin agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte; agus bitheamaid nar tosd an sin; oir chuir an Tighearna ar Dia nar tosd sinn, agus thug e dhuinn uisge domblais ra òl, a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna. Bha sùil againn ri sìth, ach math sam bith cha tàinig; ri aimsir slàinte, agus feuch uamhas! O Dhan chualas srannail a chuid each: ro thorman sitrich each meamnach chriothnaich am fearann uile: oir thàinig iad, agus shluig iad am fearann, agus gach nì a tha na chathair agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh. Oir feuch, cuiridh mise nur measg nathraichean, rìgh‐nathraichean, air nach laigh geasan, agus teumaidh iad sibh, deir an Tighearna. Chan eil leigheas air mo bhròn: tha mo chridhe fo leòn an taobh a‑staigh dhìom. Feuch, guth glaodh nighean mo shluaigh, o thìr chèin: Nach eil an Tighearna ann an Sion? Nach eil a rìgh innte? Carson, matà, a bhrosnaich iad mise gu feirg len dealbhan snaidhte, agus len dìomhanais choimheach? Chaidh am fogharadh seachad, tha an samhradh crìochnaichte, ach chan eil sinne air ar saoradh. Airson leòn nighean mo shluaigh, tha mise air mo leòn; tha mi dubh‐bhrònach; rinn uamhann mo ghlacadh. Nach eil ìocshlaint ann an Gilead? Nach eil lèigh an sin? Carson, matà, nach eil slàinte air a h‑aiseag do nighinn mo shluaigh‐sa? Och, nach b’uisge mo cheann, agus nach bu tobar dheur mo shùilean, a‑chum gun guilinn a là agus a dh’oidhche airson muinntir mharbhte nighean mo shluaigh! Och, nach robh agam anns an fhàsach pàillean fir‐thurais, a‑chum gum fàgainn mo shluagh, agus gun imichinn uapa! Oir is luchd‐adhaltranais iad uile, coitheanal de dhaoine cealgach. Agus tha iad a’ lùbadh an teangaidh mar am bogha a‑chum ceilge; ach chan eil iad treubhach airson na fìrinn anns an talamh: oir tha iad a’ dol air an aghaidh o olc gu olc, agus chan eil eòlas aca ormsa, deir an Tighearna. Bithibh air ur faicill, gach aon ro a choimhearsnach, agus na earbaibh à bràthair air bith: oir le foill meallaidh gach bràthair, agus gluaisidh gach companach gu cealgach. Agus meallaidh iad, gach aon a choimhearsnach, agus cha labhair iad an fhìrinn: chleachd iad an teanga ri labhairt bhreug; sgìthich iad iad fhèin, a’ cur an gnìomh dòbheairt. Tha do chòmhnaidh ann am meadhon ceilge; ann an ceilg tha iad a’ diùltadh eòlas a ghabhail ormsa, deir an Tighearna. Air an adhbhar sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, leaghaidh mi iad, agus dearbhaidh mi iad; oir ciod a dh’fhaodas mi a dhèanamh a‑thaobh nighean mo shluaigh? Tha an teanga mar shaighead fir‐mhillidh; is cealg as cainnt dhi: le a bheul labhraidh neach gu sìochail ra choimhearsnach, ach na chridhe tha e a’ caitheamh foill air. Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc? deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas? Airson nan slèibhtean togaidh mi gul agus caoidh, agus airson ionadan còmhnaidh an fhàsaich, tuireadh, a chionn gu bheil iad air an losgadh suas, air chor is nach tèid aon neach tromhpa; agus cha chluinnear annta guth na sprèidhe: eunlaith an adhair agus an t‑ainmhidh maraon theich, shiubhail air falbh. Agus nì mise Ierusalem na cùirn, na h‑uaimh dhràgon; agus bailtean Iùdah nì mi nam fàsach, gun neach gan àiteachadh. Cò e an duine glic, a thuigeas seo, agus ris an do labhair beul an Tighearna, a‑chum gun cuireadh e an cèill e? Carson a tha an tìr air a milleadh, air a losgadh suas mar fhàsach, nach eil aon neach ag imeachd troimhpe? Agus thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gun do thrèig iad mo reachd a chuir mise fan comhair, agus nach robh iad umhail dom ghuth, cha mhò a ghluais iad da rèir; Ach gun do ghluais iad a rèir breithneachadh an cridhe fhèin, agus an dèidh nan dia a theagaisg an athraichean dhaibh: Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, beathaichidh mise iad, eadhon an sluagh seo, le searbh‐luibhean, agus bheir mi uisge domblais dhaibh ra òl. Sgapaidh mi iad mar an ceudna am measg nan cinneach, air nach robh aon chuid iad fhèin no an athraichean eòlach; agus cuiridh mi an claidheamh air an tòir, gus an cuir mi as dhaibh. Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Thugaibh fa‑near, agus gairmibh mnathan‐tuiridh, agus thigeadh iad; agus cuiribh fios air mnathan seòlta, agus thigeadh iadsan: Agus deifricheadh iad, agus togadh iad suas caoidh air ar son, a‑chum gun ruith ar sùilean sìos le deòir, agus gum brùchd ar rosgan a‑mach le uisgeachan. Gun amharas chualas guth caoidh à Sion, Cionnas a tha sinn air ar creachadh! Tha sinn air ar maslachadh gu ro‑mhòr! A chionn gun do thrèig sinn am fearann, a chionn gun do thilg iad sìos ar n‑ionadan‐còmhnaidh. Air an adhbhar sin èisdibh, O mhnathan, facal an Tighearna, agus glacadh ur cluas facal a bheòil; agus teagaisgibh dur nigheanan caoidh, agus gach aon da bana‑choimhearsnaich tuireadh: Oir tha am bàs air teachd an àird gus ar n‑uinneagan, air teachd a‑steach gus ar lùchairtean; thàinig e a ghearradh sìos araon an naoidhein anns a’ mhachair agus nan òganach anns na sràidean. Abair, Mar seo deir an Tighearna, Tuitidh eadhon colainnean dhaoine mar aolach air aghaidh na faiche, agus mar an dlagh an dèidh a’ bhuanaiche nuair nach bi aon neach ann gu a thional. Mar seo deir an Tighearna, Na dèanadh an duine glic uaill as a ghliocas, agus na dèanadh an duine neartmhor uaill as a neart, agus na dèanadh an duine saoibhir uaill as a shaoibhreas: Ach dèanadh esan a nì uaill, uaill à seo, gu bheil tuigse agus eòlas aige ormsa, gur mi an Tighearna a nochdas coibhneas gràdhach, breitheanas, agus ceartas air an talamh; oir anns na nithean seo tha mo thlachd‐sa, deir an Tighearna. Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an smachdaich mise na h‑uile a tha timcheall‐gheàrrte, maille ris an neo‐thimcheall‐gheàrrte; An Eiphit, agus Iùdah, agus Edom, agus clann Amoin, agus Mòab, agus na h‑uile a tha anns na ceàrnan iomallach, a tha a chòmhnaidh anns an fhàsach: oir tha na cinnich seo uile neo‐thimcheall‐gheàrrte, agus tha taigh Israeil uile neo‐thimcheall‐gheàrrte nan cridhe. Cluinnibh am facal a tha an Tighearna a’ labhairt ribh, O thaigh Israeil. Mar seo deir an Tighearna, Na fòghlamaibh slighe nan cinneach, agus na biodh eagal oirbh ro chomharraidhean nan nèamhan, ged tha eagal air na cinnich romhpa. Oir tha gnàthachadh nan slògh na fhìor‐dhìomhanas: oir tha iad a’ gearradh craoibhe as a’ choille, obair‐làmh an fhir a dh’obraicheas le inneal geur. Le airgead agus le òr tha iad ga dèanamh maiseach, le tàirngean agus le ùird tha iad ga dèanamh daingeann, air chor is nach gluais i. Mar chrann‐pailme tha iad seo rag, agus cha labhair iad: is èiginn an giùlan, a chionn nach urrainn iad imeachd: na biodh eagal oirbhse romhpa, oir chan urrainn iad cron a dhèanamh: agus fòs math a dhèanamh chan eil nan comas. Chan eil aon neach ann cosmhail riutsa, O Thighearna; Is mòr thu, agus is mòr d’ainm ann an cumhachd. Cò air nach biodh eagal romhadsa, O Rìgh nan slògh? Oir dhutsa buinidh urram; a chionn nach eil am measg uile dhaoine glice nan cinneach, agus am measg an uile rìoghachdan, aon neach cosmhail riut. Ach tha iad gu h‑iomlan brùideil agus mì‑thuigseach: tha am fiodh e fhèin a’ cur an cèill an dìomhanais. Bheirear airgead air a bhualadh a‑mach o Tharsis, agus òr o Uphas; obair an fhir‐obrach, agus làmh an òr‑cheàird: is gorm agus dearg as èideadh dhaibh: is iad gu lèir obair dhaoine seòlta. Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich‐san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan. Mar seo their sibh riu, Na diathan nach do rinn na nèamhan no an talamh, sgriosar iad a‑mach on talamh, agus o bhith fo na nèamhan seo. Rinn esan an talamh le a chumhachd, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan. Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, bheir e air a’ cheò dol suas o chrìochan na talmhainn: nì e dealanach le frasan, agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan‐tasgaidh. Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas; nàraicheadh gach òr‑cheard le ìomhaigh leaghte; oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus anail air bith chan eil annta. Is nì faoin iad, obair mhearachd: ann an àm an smachdachaidh thèid iad am mugha. Cha chosmhail riu seo cuibhreann Iàcoib; oir is esan fear‐cumaidh an domhain, agus is e Israel slat a oighreachd; Tighearna nan sluagh is ainm dha. Cruinnich suas do mhaoin as an fhearann, O thusa a tha ag àiteachadh an daingnich: Oir mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mi urchair do luchd‐àiteachaidh na tìre, air a’ chuairt seo, agus claoidhidh mi iad, air chor is gum mothaich iad mo dhìoghaltas. Mo thruaighe mise a‑thaobh mo dhochainn! Is cràiteach mo chreuchd: ach thubhairt mi, Gu deimhinn is deacair seo, ach is èiginn a fhulang. Tha mo phàillean air a chur fàs, agus tha mo chùird gu lèir air am briseadh; dh’imich mo chlann a‑mach uam, agus chan eil iad ann: chan eil neach ann a sgaoileas mo phàillean a‑mach nas mò, no a chuireas suas mo sgàil. Oir tha na h‑aodhairean air fàs brùideil, agus chan eil iad ag iarraidh an Tighearna: uime sin cha soirbhich leo fhèin, agus bidh an treudan uile air an sgapadh. Fuaim an iomraimh! Feuch, tha i a’ teachd dlùth, eadhon gluasad mòr on tìr mu thuath, a dhèanamh bailtean Iùdah nam fàsach, nan àite‐còmhnaidh do dhràgonan. Is aithne dhomh, a Thighearna, nach eil slighe duine na chomas fhèin: chan eil e an comas duine a tha ag imeachd a cheum a stiùradh. O Thighearna, cronaich mi, ach ann an tomhas; chan ann ad chorraich, air eagal gun cuir thu as dhomh. Dòirt a‑mach do dhian‐chorraich air na cinnich nach do ghabh eòlas ort, agus air na teaghlaichean nach eil a’ gairm air d’ainm; oir dh’ith iad suas Iàcob, ga ithe agus ga chaitheamh, agus rinn iad a àite‐còmhnaidh fàsail. Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna, ag ràdh, Cluinn briathran a’ choicheangail seo, agus labhair iad ri fir Iùdah, agus ri luchd‐àiteachaidh Ierusaleim; Agus abair riu, Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Mallaichte gu robh an duine nach bi umhail do bhriathran a’ choicheangail seo, A dh’àithn mise dur n‑athraichean anns an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, as an fhùirneis iarainn, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth, agus dèanaibh na nithean sin uile, a rèir mar a tha mise ag àithneadh dhuibh: mar sin bidh sibh nur sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhuibhse; A‑chum gun coilean mi na mionnan a mhionnaich mi dur n‑athraichean gun tugainn dhaibh fearann a’ sruthadh le mil agus le bainne, mar air an là‑an‑diugh. An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi, Amhlaidh biodh, O Thighearna. Agus thubhairt an Tighearna riu, Glaodh na briathran seo gu lèir, ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, ag ràdh, Cluinnibh‐se briathran a’ choicheangail seo, agus dèanaibh iad. Oir dh’earalaich mise gu dùrachdach dur n‑athraichean, air an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gus an là‑an‑diugh, ag èirigh gu moch agus ag earalachadh, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth. Gidheadh cha tug iadsan gèill, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad gach aon a rèir crosdachd a dhroch chridhe fhèin: uime sin bheir mise orra uile bhriathran a’ choicheangail seo, a dh’àithn mi dhaibh a dhèanamh, ach nach do rinn iad. Mar an ceudna thubhairt an Tighearna rium, Fhuaireadh co‑fheall am measg fir Iùdah, agus am measg luchd‐àiteachaidh Ierusaleim. Tha iad air tilleadh air an ais gu aingidheachd an athraichean o shean, a dhiùlt mo bhriathran‐sa a choimhead; agus a chaidh air lorg dhia coimheach, a‑chum gun dèanadh iad seirbhis dhaibh: bhris taigh Israeil agus taigh Iùdah mo choicheangal, a rinn mi rin athraichean. Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise orra dòrainn o nach bi e comasach dhaibh dol as; agus ged ghlaodh iad rium, chan èisd mi riu. An sin thèid bailtean Iùdah, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus glaodhaidh iad ris na diathan don do loisg iad tùis; ach cha dèan iad sin air aon chor an tèarnadh ri àm an airce. Oir a rèir àireamh do bhailtean, bha do dhiathan, O Iùdah; agus a rèir àireamh sràidean Ierusaleim chuir sibh suas altairean don nì nàireach sin, altairean a losgadh tùise do Bhàal. Air an adhbhar sin na dèan thusa ùrnaigh airson an t‑sluaigh seo, nì mo a thogas thu suas glaodh na athchuinge as an leth: oir chan èisd mise anns an àm anns an glaodh iad rium, ann an airce. Ciod a tha aig mo ghràdh ri dhèanamh ann am thaigh‐sa? Chuir i an gnìomh mòr‐ghràinealachdan; agus tha an fheòil naomh air teicheadh uat. Nuair a tha thu aingidh an sin tha thu aoibhneach. Gorm‐chrann ola, maiseach agus deagh‐thorach, thug an Tighearna mar ainm ort: le fuaim toirme mòire dh’fhadaidh e teine na mhullach, agus tha a gheugan air am briseadh. Oir rinn Tighearna nan sluagh, a shuidhich thu, olc a labhairt ad aghaidh; airson aingidheachd taigh Israeil agus taigh Iùdah, a chuir iad an gnìomh nan aghaidh fhèin, le mise a bhrosnachadh gu feirg, le tùis a losgadh do Bhàal. Thug an Tighearna, mar an ceudna, fios dhòmhsa, agus thuig mi; an sin dh’fheuch thu dhomh an innleachdan. Oir bha mi mar uan, no mar dhamh, air a stiùradh a‑chum a’ chasgraidh; agus cha robh fhios agam gun do dhealbh iad innleachdan ann am aghaidh, ag ràdh, Sgriosamaid an crann maille ra thoradh, agus gearramaid e sìos à fearann nam beò, a‑chum nach bi a ainm nas mò air a chuimhneachadh. Ach, O Thighearna nan sluagh, a bheir breith gu cothromach, a dhearbhas na h‑àirnean agus an cridhe, faiceam do dhìoghaltas orra; oir dhutsa dh’fhoillsich mi mo chùis. Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh muinntir Anatoit, a tha ag iarraidh d’anama, ag ràdh, Na dèan fàistneachd ann an ainm Iehòbhah, mum faigh thu bàs le ar làimh‐ne: Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, smachdaichidh mise iad; bàsaichidh na h‑òganaich leis a’ chlaidheamh; bàsaichidh am mic agus an nigheanan le gorta. Agus chan fhàgar fuidheall beò dhiubh; oir bheir mise olc air muinntir Anatoit, bliadhna an smachdachaidh. Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh? Shuidhich thusa iad, seadh, ghabh iad freumh; tha iad a’ fàs, agus fòs a’ toirt a‑mach toraidh: tha thusa dlùth nam beul, ach fada on àirnean. Ach is aithne dhutsa mise, O Thighearna; chunnaic thu mi, agus dhearbh thu mo chridhe, gu bheil e leat: tarraing iad a‑mach mar chaoraich airson a’ chasgraidh, agus cuir air leth iad fa chomhair là a’ mharbhaidh. Cia fhad a nì am fearann bròn, agus a bhios luibhean gach machrach a’ seargadh, airson aingidheachd a luchd‐àiteachaidh? Bhàsaich gach ainmhidh agus eun, a chionn gun dubhairt iad, Chan fhaic esan ar crìoch dheireannach. Ma ruith thu leis na coisichean, agus gun do sgìthich iad thu, cionnas idir a nì thu strì ri eich? Agus ann am fearann sìth, ged robh agad dòchas, gidheadh ciod a nì thu ann an onfhadh Iòrdain? Airson gun do bhuin eadhon do bhràithrean agus taigh d’athar, eadhon iadsan, gu fealltach riut; ruaig eadhon iadsan thu le èigh chruaidh; na creid iad ged labhair iad briathran caoine riut. Thrèig mise mo thaigh, dh’fhàg mi m’oighreachd, thug mi thairis gràdh m’anama do làimh a naimhdean. Bha m’oighreachd dhòmhsa mar leòmhann anns a’ choille; chuir i a‑mach a guth ann am aghaidh: air an adhbhar sin thug mi fuath dhi. Bha m’oighreachd dhòmhsa mar eun breac; O euna fuileachdach, thigibh‐se na h‑aghaidh air gach taobh; cruinnichibh, uile bheathaichean na machrach, thigibh a‑chum ithe suas. Mhill mòran aodhairean mo lios‐fìona, shaltair iad mo chuibhreann fo chois, rinn iad mo chuibhreann taitneach na fhàsach uaigneach. Rinn iad e na fhàsach, riumsa tha e na fhàsach ri caoidh; rinneadh an tìr gu h‑iomlan fàs, gidheadh chan eil aon neach ga chur an suim. Air gach uile thulaich anns an fhàsach thàinig an luchd‐creachaidh; oir sluigidh claidheamh an Tighearna suas, o aon iomall den tìr gus an t‑iomall eile: cha bhi sìth aig aon fheòil. Chuir iad cruithneachd, ach buainidh iad droigheann: shaothraich iad, ach cha bhuannaich iad; mar sin maslaichear sibh a‑thaobh ur cinneis, do bhrìgh lasair fearg an Tighearna. Mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh m’uile dhroch choimhearsnach, a tha a’ cur dragha air an oighreachd a thug mise mar sheilbh dom shluagh Israel; feuch, spìonaidh mi iad a‑mach as am fearann, agus as am meadhon spìonaidh mi a‑mach taigh Iùdah. Agus tàrlaidh, an dèidh dhomh an tarraing a‑mach, gun till mi, agus gun gabh mi truas dhiubh, agus bheir mi iad air an ais, gach aon ga oighreachd fhèin, agus gach aon ga fhearann fhèin. Agus tàrlaidh, ma dh’fhòghlaimeas iad da‑rìribh slighean mo shluaigh‐sa, gu mionnachadh air m’ainm, mar as beò Iehòbhah, amhail a theagaisg iadsan dom shluagh‐sa mionnachadh air Bàal, an sin daingichear iad ann am meadhon mo shluaigh. Ach mura toir iad gèill, an sin spìonaidh mi a‑nìos an cinneach sin, a’ spìonadh a‑nìos agus a’ sgrios, deir an Tighearna. Mar seo thubhairt an Tighearna rium, Imich agus faigh dhut fhèin crios anairt, agus cuir air do leasraidh e, ach na cuir ann an uisge e. Is amhail a fhuair mi crios, a rèir facal an Tighearna, agus chuir mi air mo leasraidh e. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh an dara uair, ag ràdh, Gabh an crios a fhuair thu, a tha air do leasraidh, agus èirich, imich gu Euphràtes, agus falaich an sin e, ann an toll den charraig. Is amhail a dh’imich mi agus a dh’fhalaich mi e aig Euphràtes, mar a dh’àithn an Tighearna dhomh. Agus thàrladh, an dèidh mòran làithean, gun dubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich gu Euphràtes, agus thoir as a sin an crios a dh’àithn mise dhut fhalach anns an àite sin. An sin dh’fhalbh mi gu Euphràtes, agus chladhaich mi, agus thug mi an crios as an àite anns an d’fhalaich mi e; agus, feuch, bha an crios millte, cha b’fhiù airson nì sam bith e. An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Air a’ mhodh seo millidh mise uaill Iùdah, agus uaill mhòr Ierusaleim. An sluagh olc seo, a tha a’ diùltadh mo bhriathran‐sa èisdeachd, a tha a’ siubhal a rèir cruas an cridhe fhèin, agus a’ dol an dèidh dhia coimheach, gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu adhradh a thoirt dhaibh; bidh iad eadhon mar an crios seo, nach fiù airson nì sam bith. Oir mar a dhlùth‐leanas an crios ri leasraidh duine, mar sin thug mise air taigh Israeil uile, agus air taigh Iùdah uile, dlùth‐leantainn riumsa, deir an Tighearna; a‑chum gum biodh iad dhomh mar shluagh, agus mar ainm, agus mar chliù, agus mar ghlòir: ach chan èisdeadh iadsan. Labhraidh tu riu fòs am facal seo, Mar seo deir Iehòbhah, Dia Israeil, Lìonar gach soireadh le fìon. Agus their iad riut, Nach eil fhios cinnteach againn gun lìonar gach soireadh le fìon? An sin their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, lìonaidh mise luchd‐àiteachaidh na tìre seo air fad, eadhon na rìghrean a tha nan suidhe ann an àite Dhaibhidh air a rìgh‐chathair, agus na sagartan, agus na fàidhean, agus uile luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, le misg. Agus pronnaidh mi iad an aghaidh a chèile, eadhon na h‑athraichean agus na mic le chèile, deir an Tighearna; cha ghabh mi truas, cha mhò a choigleas mi, cha mhò a nì mi iochd, air chor is nach sgriosainn iad. Eisdibh, agus thugaibh aire, na bithibh uaibhreach; oir labhair an Tighearna. Thugaibh‐se glòir don Tighearna ur Dia, mun tig an dorchadas, agus mun tuislich ur casan air slèibhtean na doilleireachd; an sin, nuair a bhios ur sùil ri solas, caochlar e gu sgàil a’ bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh. Ach mura èisd sibh ris, guilidh m’anam ann an ionadan uaigneach airson ur n‑uabhair, agus guilidh mo shùil gu goirt, agus silidh mo dheòir gu pailt, a chionn gun toirear ann am bruid treud an Tighearna. Abair ris an rìgh, agus ris a’ bhànrighinn, Irislichibh sibh fhèin, suidhibh sìos; oir leagar sìos ur culaidh‐chinn, eadhon crùn ur glòire. Tha bailtean na h‑àird a deas air an druideadh suas, agus chan eil neach gam fosgladh; tha Iùdah uile air a toirt ann am bruid, tha i gu h‑iomlan air a toirt ann am braighdeanas. Tog suas do shùilean agus faic iadsan a tha a’ teachd on àird a tuath: càit a bheil an treud a thugadh dhut, caoraich do mhaise? Ciod a their thu nuair a thig smachdachadh ort? An dèidh dhut a theagasg dhaibh riaghladh tharad mar cheannardan? Nach dèan ioghannan do ghlacadh, amhail mnà ri saothair? Agus nuair a their thu ann ad chridhe, Carson a thàinig na nithean seo orm? Airson meud do chionta tha do sgiobaill air an leigeadh ris, tha do shàiltean air an rùsgadh. Am faod an t‑Etiopach a chraiceann a mhùthadh, no an liopard a bhrice? An sin faodaidh sibhse, a bha cleachdte ri olc, math a dhèanamh. Air an adhbhar sin sgapaidh mise iad mar an asbhuain, a shiùbhlas air falbh le gaoith an fhàsaich. Is e seo do chrannchur, an cuibhreann a thomhaiseadh leamsa air do shon, deir an Tighearna; a chionn gun do dhìochuimhnich thu mise, agus gun do chuir thu do dhòchas anns a’ bhrèig. Uime sin leigidh mise do sgiobaill ris air do bheulaibh, a‑chum gum faicear do nàire. Chunnaic mi d’adhaltranas, agus do shitrich, agus do strìopachas mì‑nàireach, do ghràinealachdan air na cnuic, anns a’ mhachair. Mo thruaighe thu, O Ierusaleim! Nach bi thu air do ghlanadh? Cuin idir a bhios sin? Facal an Tighearna a thàinig gu Ieremiah a‑thaobh na gainne. Tha Iùdah ri bròn, dh’fhàs a geatachan lag; tha iad duaichnidh air an làr; agus tha gaoir Ierusaleim air dol suas. Chuir na h‑uaislean fòs an clann bheag a dh’iarraidh uisge: thàinig iad gus na sluic, agus cha d’fhuair iad uisge sam bith; thill iad len soithichean falamh; bha nàire agus masladh orra, chòmhdaich iad an cinn. A chionn gu bheil am fearann na smùr, oir cha robh uisge anns an tìr; ghabh na treabhaichean nàire, dh’fhalaich iad an cinn. Seadh fòs, rug an eilid a laogh anns a’ mhachair, agus thrèig i e, a chionn nach robh feur ann. Agus sheas na h‑asail fhiadhaich air na h‑ionadan àrda, tharraing iad suas a’ ghaoth mar dhràgonan; dh’fhàilnich an sùilean a chionn nach robh feur ann. Ged tha ar n‑euceartan a’ tabhairt fianais nar n‑aghaidh, O Thighearna, dèan thusa air sgàth d’ainme fhèin: oir tha ar cùl‐sleamhnachaidh lìonmhor, pheacaich sinn ad aghaidh. O dhòchais Israeil, a Shlànaighear ri àm airce, cuime am biodh tu mar choigreach anns an tìr, agus mar fhear‐turais a thionndaidheas a lethtaobh gu fuireach car oidhche? Cuime am biodh tu mar neach ann an suain chadail, mar ghaisgeach aig nach eil cumhachd gu tèarnadh? Gidheadh tha thusa, O Thighearna, nar meadhon, agus ortsa tha sinn air ar n‑ainmeachadh; na dèan ar trèigsinn. Mar seo deir an Tighearna a‑thaobh an t‑sluaigh seo, Mar seo bu toil leo dol air seachran, cha do chùm iad air an ais an casan; uime sin cha ghabh an Tighearna riu, cuimhnichidh e a‑nis an aingidheachd, agus cronaichidh e an cionta. Uime sin thubhairt an Tighearna rium, Na guidh as leth an t‑sluaigh seo airson an leas. Nuair a thraisgeas iad, chan èisd mise rin glaodh; agus nuair a dh’ìobras iad ìobairt‐loisgte agus tabhartas, cha ghabh mise iad; ach leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, cuiridh mi as dhaibh. An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Dhia! Feuch, tha na fàidhean ag ràdh riu, Chan fhaic sibh an claidheamh, cha mhò a thig gort oirbh, ach sìth chinnteach bheir mise dhuibh anns an àite seo. An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige ann am ainm‐sa; cha do chuir mise uam iad, cha mhò a thug mi àithne dhaibh, cha mhò a labhair mi riu: sealladh breugach, agus fiosachd, agus neoni, agus mealltaireachd an cridhe fhèin, tha iad a’ fàistneachd dhuibh. Uime sin mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh nam fàidhean a tha ri fàistneachd ann am ainm‐sa, ged nach do chuir mise a‑mach iad, agus ag ràdh, Cha bhi claidheamh agus gorta anns an fhearann seo; le claidheamh agus le gorta bidh na fàidhean sin air an caitheamh. Agus bidh an sluagh don do rinn iad fàistneachd air an tilgeadh a‑mach ann an sràidean Ierusaleim, fa chùis na gorta, agus a’ chlaidheimh, agus cha bhi neach ann a dh’adhlaiceas iad; iad fhèin, am mnathan, agus am mic, agus an nigheanan: oir taomaidh mise orra fhèin an aingidheachd. Agus labhraidh tu riu am facal seo: Sileadh mo shùilean le deòir a dh’oidhche is a là, agus na sguireadh iad: oir tha òigh‐nighean mo shluaigh air a dochann le dochann mòr, le buille ro‑chràiteach. Ma thèid mi a‑mach don mhachair, an sin feuch iadsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh! Agus ma thèid mi a‑steach don chathair, an sin feuch iadsan a tha air an claoidh leis a’ ghorta! Seadh, tha am fàidh agus fòs an sagart ag imeachd air chuairt, gu talamh anns nach eil iad eòlach. An do chuir thu gu tur cùl ri Iùdah? An d’fhuathaich d’anam Sion? Cuime an do bhuail thu sinn, agus gun aon chobhair againn? Bha ar sùil ri sìth, ach math cha tàinig; agus ri àm leighis, agus feuch àmhghar! Tha sinn ag aideachadh, O Thighearna, ar n‑aingidheachd fhèin, agus euceart ar n‑athraichean; oir pheacaich sinn ad aghaidh‐sa. Na tilg uat sinn air sgàth d’ainme fhèin; na maslaich cathair do ghlòire: cuimhnich, na bris do choicheangal rinn. A bheil aon air bith am measg dìomhanais nan cinneach as urrainn uisge a thoirt seachad? No an urrainn na nèamhan frasan a thabhairt? Nach tu fhèin an tì a nì sin, O Thighearna ar Dia‑ne? Air an adhbhar sin, feithidh sinne riut; oir is tu a rinn na nithean seo uile. An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh. Agus tàrlaidh, mar a their iad riut, Càit an siubhail sinn air falbh? An sin their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, Iadsan a tha airson bàis, a‑chum bàis; agus iadsan a tha airson a’ chlaidheimh, a‑chum a’ chlaidheimh; agus iadsan a tha airson na gorta, a chum na gorta; agus iadsan a tha airson na bruid, a‑chum braighdeanais. Agus òrdaichidh mise os an cionn ceithir seòrsan, deir an Tighearna; an claidheamh gu marbhadh, agus na coin gu reubadh, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, gu ithe agus gu milleadh. Agus fuadaichidh mi iad air feadh uile rìoghachdan an domhain, airson Mhanaseh mhic Heseciah, rìgh Iùdah, airson nan nithean sin a rinn e ann an Ierusalem. Oir cò a ghabhas truas dhìot, O Ierusaleim? No cò a nì bròn leat? No cò a thèid a lethtaobh, a dh’fheòrach cionnas a tha thu? Thrèig thu mise, deir an Tighearna, chaidh thu air d’ais; air an adhbhar sin, sìnidh mise mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus sgriosaidh mi thu; tha mi sgìth de ghabhail aithreachais. Uime sin dh’fhuadaich mi iad le inneal‐fasgnaidh ann an geatachan na tìre: dh’fhàg mi gun chlann, sgrios mi mo shluagh; on slighean cha do thill iad. Rinneadh am bantraichean na bu lìonmhoire leamsa na gaineamh na fairge: thug mi an aghaidh na màthar agus nam mac fear‐millidh ann am meadhon an là: thug mi air nàmhaid agus air uamhasan bualadh oirre gu h‑obann. Dh’fhannaich ise a rug seachdnar, thug i suas an deò; chaidh a grian sìos am feadh a bha fhathast an là ann; nàraicheadh agus mhaslaicheadh i: agus na mhaireas dhiubh bheir mise don chlaidheamh ann am fianais an naimhdean, deir an Tighearna. Mo thruaighe mise, O mo mhàthair! Oir rug thu mi am fhear‐strì, agus am fhear‐connsachaidh anns an fhearann uile; cha tug mi seachad air ocar, cha mhò a thug aon neach air ocar dhomh; gidheadh tha iad uile gam mhallachadh. Thubhairt an Tighearna, Gu cinnteach èiridh gu math dod iarmaid; gu cinnteach bheir mi air an nàmhaid a bhith bàidheil riut ann an àm na h‑airce, agus ann an àm a’ chruaidh‐chàis. Am bris esan iarann na bhloighdean, iarann o thuath, agus umha? Do mhaoin agus d’ionmhasan bheir mise mar chreich, chan ann airson luach, ach airson d’uile lochdan; seadh ann ad uile chrìochan. Agus bheir mi orra siubhal air falbh led naimhdean gu fearann air nach robh thu eòlach; oir tha teine air fhadadh ann am fheirg, agus lasaidh e nur n‑aghaidh. Agadsa tha fhios, O Thighearna; cuimhnich ormsa, agus thig gam amharc, agus thoir dhomh aichmheil air mo luchd‐tòrachd; ann am buanas d’fheirge na toir air falbh mi; thoir fa‑near gun d’fhuiling mi masladh air do sgàth. Fhuaireadh do bhriathran, agus dh’ith mi suas iad; agus bha d’fhacal dhomh na aoibhneas, agus na ghàirdeachas dom chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehòbhah, Dhia nan sluagh. Cha do shuidh mi ann an cuideachd luchd‐fochaid, cha mhò a bha mi subhach; airson do làimh‐sa shuidh mi ann am aonar; a chionn gun do lìon thusa mi le boile. Cuime a bheil mo ghoimh gun lasachadh? Agus mo chreuchd bàsmhor, a’ diùltadh a bhith air a leigheas? Carson a bhios tusa dhomh uile gu lèir amhail sruthan mealltach, as nach faodar earbsa? Uime sin mar seo deir an Tighearna, Ma thilleas tu, an sin bheir mise air d’ais thu, agus seasaidh tu ann am làthair; agus ma sgaras tu an luachmhor on nì nach fiù, mar mo bheul‐sa bidh tu: tillidh iad seo riutsa, ach cha till thusa riùsan. Agus nì mise dhìot, an aghaidh an t‑sluaigh seo, balla làidir umha; nuair a chathaicheas iad ad aghaidh, cha toir iad buaidh ort: oir tha mise maille riut, a‑chum do dhìon, agus a‑chum do thèarnadh, deir an Tighearna. Agus saoraidh mi thu o làimh nan aingidh, agus fuasglaidh mi thu o ghreim nan uamhasach. Thàinig facal an Tighearna fòs am ionnsaigh, ag ràdh, Cha ghabh thu dhut fhèin bean, cha mhò a bhios agad mic no nigheanan anns an àite seo. Oir mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh nam mac, agus a‑thaobh nan nigheanan, a tha air am breith anns an àite seo, agus a‑thaobh am màthraichean a rug iad, agus a‑thaobh an athraichean a ghin iad, anns an tìr seo; Le bàs doilgheasach bàsaichidh iad; chan adhlaicear iad; mar aolach air aghaidh na talmhainn bidh iad; le claidheamh fòs, agus le gorta, caithear iad; agus bidh an cairbhean mar lòn do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn. Oir mar seo deir an Tighearna, Cha tèid thu a‑steach do thaigh a’ bhròin, cha mhò a thèid thu a dhèanamh caoidh, no a thoirt dhaibh comhfhurtachd; oir thug mise air falbh mo shìth on t‑sluagh seo, deir an Tighearna, eadhon coibhneas gràdhach, agus caomh‐thròcairean. Agus gheibh iad bàs, eadar bheag agus mhòr, anns an tìr seo; chan adhlaicear iad, agus cha dèanar caoidh air an son; cha gheàrr aon neach e fhèin, cha mhò a nì aon neach e fhèin maol air an son. Agus cha bhris daoine aran nam measg ri àm bròin, a‑chum comhfhurtachd a thoirt dhaibh airson neach a fhuair bàs; cha mhò a bheirear dhaibh deoch à cupan na comhfhurtachd, airson athair neach, no airson a mhàthar. Mar an ceudna cha tèid thu gu taigh na cuirme gu suidhe sìos maille riu a dh’ithe agus a dh’òl. Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, feuch, cuiridh mise na thosd anns an àite seo, fa chomhair ur sùl‐se agus ur làithean, guth an t‑subhachais, agus guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh‐phòsda, agus guth na mnà nuadh‐phòsda. Agus tàrlaidh, nuair a dh’innseas tu don t‑sluagh seo na nithean seo uile, agus a their iad riut, Carson a labhair an Tighearna nar n‑aghaidh an t‑olc mòr seo uile? Agus ciod i ar n‑aingidheachd, agus ciod e ar lochd, a chuir sinn an gnìomh an aghaidh an Tighearna ar Dia? An sin their thusa riu, A chionn gun do thrèig ur n‑athraichean mise, deir an Tighearna, agus gun deachaidh iad air lorg dhia eile, agus gun tug iad seirbhis dhaibh, agus gun tug iad dhaibh adhradh, agus gun do thrèig iad mise, agus nach do choimhead iad mo reachd. Agus gun do rinn sibhse nas miosa na ur n‑athraichean; oir feuch, tha sibh ag imeachd, gach aon a rèir ais‐innleachd a dhroch chridhe fhèin, gun ghèill a thoirt dhòmhsa. Uime sin tilgidh mi sibh a‑mach as an tìr seo, gu tìr air nach d’fhuair sibh eòlas, sibh fhèin no ur n‑athraichean; agus an sin nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, a là agus a dh’oidhche, a chionn nach dèan mise tròcair oirbh. Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach abrar nas mò, Mar as beò an Tighearna, a thug a‑nìos clann Israeil à tìr na h‑Eiphit: Ach, Mar as beò an Tighearna, a thug air an ais clann Israeil o thalamh na h‑àird a tuath, agus o gach talamh gus an d’fhògair e iad; oir bheir mise air an ais iad gu am fearann fhèin, a thug mi don athraichean. Feuch, cuiridh mi fios air mòran iasgairean, deir an Tighearna, agus nì iad an iasgach; agus na dhèidh sin, cuiridh mi fios air mòran shealgairean, agus nì iad an sealg, o gach uile shliabh, agus o gach uile chnoc, agus o sgoltan nan creag. Oir tha mo shùilean‐sa air an uile shlighean; chan eil iad falaichte om ghnùis, cha mhò a tha an aingidheachd air a còmhdachadh o fhradharc mo shùl. Agus dìolaidh mi le tomhas dùbailte an aingidheachd agus an lochd, a chionn gun do thruaill iad m’fhearann le sailchead an gnìomharan fuathach; agus len gràinealachdan lìon iad m’oighreachd. O Thighearna, mo neart, agus mo dhaingneach, agus mo dhìdean ann an là na h‑airce; ad ionnsaigh‐sa thig na cinnich o chrìochan na talmhainn, agus their iad, Gu deimhinn shealbhaich ar n‑athraichean nì gun bhrìgh; dìomhanas, agus nithean gun tairbhe. An dèan duine dha fhèin diathan, agus nach eil iad nan diathan? Air an adhbhar sin, foillsichidh mi dhaibh, air an aon uair seo, foillsichidh mi dhaibh mo làmh agus mo chumhachd; agus bidh fhios aca gur e m’ainm Iehòbhah. Tha peacadh Iùdah air a sgrìobhadh le peann iarainn; le roinn daoimein tha e air a ghearradh, air clàr an cridhe, agus air adhaircean an altairean: Am feadh tha an clann a’ cuimhneachadh an altairean, agus an doireachan, air na cruinn uaine, air na cnuic àrda. O mo shliabh anns a’ mhachair! Do mhaoin, agus do thaisgeachan gu h‑iomlan, bheir mi thairis don chreich; d’ionadan làidir airson peacaidh, air feadh d’uile chrìochan. Agus fògrar thu, eadhon thusa fhèin, od oighreachd a thug mi dhut; agus bheir mi ort seirbhis a dhèanamh dod naimhdean ann an tìr anns nach eil thu eòlach: a chionn gun d’fhadaidh sibh, ann am fheirg‐sa, teine a loisgeas gu sìorraidh. Mar seo deir an Tighearna, Is mallaichte an neach a chuireas a dhòchas ann an duine, agus a nì feòil na gàirdean dha, agus aig a bheil cridhe a tha a’ claonadh air falbh on Tighearna: Oir bidh e mar phreas seargte anns an ionad sgaoilte, nach mothaich am math nuair a thig e; ach a tha ag àiteachadh ionadan loisgte an fhàsaich, fearainn gun toradh agus gun chòmhnaidh. Is beannaichte an neach a dh’earbas as an Tighearna, agus a chuireas a dhòchas ann an Iehòbhah: Oir bidh e mar chraoibh air a suidheachadh ri taobh nan uisgeachan, a sgaoileas a‑mach a freumhan ri taobh an t‑srutha, agus nach mothaich cuin a thig an tart: ach aig am bi a duilleach uaine, agus air nach bi iomagain ann am bliadhna na tiormachd, cha mhò a sguireas i de thoirt seachad toraidh. Tha an cridhe cealgach thar na h‑uile nithean, agus tha e do‑leigheas; cò as urrainn a thuigsinn? Tha mise Iehòbhah a’ rannsachadh a’ chridhe, agus a’ sgrùdadh nan àirnean, a‑chum gun tabhair mi do gach neach a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a dhèanadais. Mar a’ chearc a nì gur air uibhean, agus nach toir a‑mach eòin, tha esan a gheibh beartas, ach nach ann le còir; ann am meadhon a làithean dealaichidh e ris; agus na chrìch dheireannaich bidh e na amadan. Is rìgh‐chathair ghlòrmhor, àrdaichte o chian, àite ar n‑ionaid naoimh‐ne. O Thighearna, cuspair‐dòchais Israeil, bidh amhluadh air gach aon a thrèigeas thu; sgrìobhar iad nan luchd‐ceannairc as an talamh; a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, tobar nan uisgeachan beò. Leighis mi, O Thighearna, agus bidh mi air mo leigheas; slànaich mi, agus bidh mi air mo shlànachadh; oir is tu mo mholadh. Feuch, tha iad seo ag ràdh riu, Càit a bheil facal an Tighearna? Thigeadh e a‑nis. Ach cha do rinn mi deifir o bhith am fhear‐coimhead ad dhèidh‐sa, agus là na h‑iargain cha d’iarr mi; agad fhèin tha fhios air an nì a thàinig a‑mach as mo bheul, bha e ann ad làthair. Na bi ad uamhas dhomh; is tu mo dhìdean ann an là na h‑airce. Biodh nàire air a’ mhuinntir a tha gam ruagadh, ach na nàraichear mise: biodh iadsan fo gheilt, ach na biodh geilt ormsa; thoir thusa orra là na dòrainn, agus le sgrios ath‐bhuailte sgrios iad. Mar seo thubhairt an Tighearna rium, Falbh agus seas ann an geata clann an t‑sluaigh, air an tig rìghrean Iùdah a‑steach, agus air an tèid iad a‑mach, agus ann an uile gheatachan Ierusaleim; Agus abair riu, Cluinnibh‐se facal an Tighearna, a rìghrean Iùdah, agus a Iùdah uile, agus uile luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, a tha a’ teachd a‑steach air na geatachan seo. Mar seo deir an Tighearna, Thugaibh aire dhuibh fhèin, agus na giùlainibh uallach air bith air là na sàbaid, agus na tugaibh a‑steach i air geatachan Ierusaleim; Cha mhò a bheir sibh a‑mach uallach as ur taighean air là na sàbaid, cha mhò a nì sibh obair air bith, ach naomhaichibh là na sàbaid, mar a dh’àithn mise do ur n‑athraichean. Ach cha tug iadsan gèill, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach rinn iad am muineal rag, air chor is nach èisdeadh iad, agus air chor is nach gabhadh iad teagasg. Ach tàrlaidh, ma dh’èisdeas sibh gu cùramach riumsa, deir an Tighearna, gun uallach sam bith a thoirt a‑steach tro gheatachan a’ bhaile seo air là na sàbaid, ach là na sàbaid a naomhachadh, gun obair sam bith a dhèanamh air: An sin thèid a‑steach air geatachan a’ bhaile seo rìghrean agus prionnsachan, nan suidhe air rìgh‐chathair Dhaibhidh, a’ marcachd air carbadan agus air eich, iad fhèin agus an ceannardan, fir Iùdah, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim; agus daingnichear gu bràth a’ chathair seo. Agus thig iad o bhailtean Iùdah, agus o na h‑àiteachan timcheall Ierusaleim, agus o fhearann Bheniàmin, agus on chòmhnard, agus o na beanntan, agus on àird a deas, a’ toirt leo thabhartas‐loisgte, agus ìobairtean, agus thabhartas‐bìdh, agus tùise, a’ toirt ìobairtean‐molaidh gu taigh an Tighearna. Ach mura èisd sibh riumsa, a‑chum là na sàbaid a naomhachadh, agus gun uallach a ghiùlan, a’ dol a‑steach air geatachan Ierusaleim air là na sàbaid, an sin fadaidh mise teine na geatachan, agus loisgidh e lùchairtean Ierusaleim, agus chan fhaodar a mhùchadh. Am facal a thàinig a dh’ionnsaigh Ieremiah on Tighearna, ag ràdh, Eirich, agus imich sìos gu taigh a’ chreadhadair, agus an sin bheir mise ort mo bhriathran a chluinntinn. An sin chaidh mi sìos gu taigh a’ chreadhadair, agus, feuch, bha e a’ dèanamh obrach air na leacan. Agus bha an soitheach a bha e a’ dèanamh de chriadh air a mhilleadh ann an làimh a’ chreadhadair; an sin rinn e dheth a‑rìs soitheach eile, mar a chunnacas ceart don chreadhadair a dhèanamh. An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, O thaigh Israeil, nach faod mise a dhèanamh ribhse mar an creadhadair seo? deir an Tighearna. Feuch, mar a’ chriadh an làimh a’ chreadhadair, is amhail sin sibhse ann am làimh‐sa, O thaigh Israeil. Cuin air bith a labhras mise mu thimcheall cinnich, agus mu thimcheall rìoghachd, gu spìonadh a‑nìos, gu leagail sìos, agus gu sgrios; Ma thilleas an cinneach sin, an aghaidh an do labhair mi, on olc, gabhaidh mise aithreachas den olc a bha ann am aire a thoirt orra. Agus cuin air bith a labhras mi mu thimcheall cinnich, agus mu thimcheall rìoghachd, gu a thogail, agus gu a shuidheachadh; Agus gun dèan e an nì sin a tha olc ann am shealladh, agus nach bi e umhail dom ghuth; an sin gabhaidh mi aithreachas den mhath a bha romham a dhèanamh dhaibh. A‑nis, uime sin, imich agus labhair ri fir Iùdah, agus ri luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha mise a’ cumadh uilc nur n‑aghaidh, agus a’ dealbh innleachd nur n‑aghaidh: tillibh a‑nis gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur slighean agus ur gnìomharan. Ach thubhairt iadsan, Chan eil dòchas ann; oir gluaisidh sinn a rèir ar smuainte fhèin, agus nì sinn, gach aon a rèir togradh a dhroch chridhe fhèin. Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feòraichibh a‑nis am measg nan cinneach, cò a chuala an samhail seo de nithean? Rinn òigh Israeil nì ro‑ghràineil. An trèig duine mo mhagh‐sa airson carraig, airson sneachd Lebanoin? An trèigear am fuar uisge‐ruith airson uisgeachan eile? Ach dhìochuimhnich mo shluagh mise, loisg iad tùis do dhìomhanas, agus thug iad orra tuisleachadh nan slighean a bha nan seann ròidean, gu gluasad air ceuman eile, air slighe nach eil dèante; A‑chum am fearann a dhèanamh fàs, na bhall‐àbhachdais bithbhuan: gabhaidh gach neach a thèid seachad air mòr‐iongantas, agus crathaidh e a cheann. Sgapaidh mise iad mar gum b’ann le gaoith an ear ron nàmhaid; tionndaidhidh mi riu mo chùl, agus chan i m’aghaidh, ann an là an lèirsgrios. An sin thubhairt iad, Thigibh, agus dealbhamaid innleachdan an aghaidh Ieremiah: oir cha bhàsaich an reachd on t‑sagart, no comhairle on eagnaidh, no am facal on fhàidh. Thigibh, agus buaileamaid e leis an teangaidh, agus na tugamaid aire do aon de a bhriathran. Thoir thusa, O Iehòbhah, aire dhomh, agus cluinn guth na muinntir a tha ri strì rium. An dìolar olc airson maith? Gu cinnteach chladhaich iad sloc airson m’anama. Cuimhnich cionnas a sheas mi ann ad fhianais, a dhèanamh eadar‐ghuidhe a‑chum an leas, a thionndadh do chorraich air falbh uapa. Uime sin thoir thusa thairis an clann don ghorta, agus thoir orra leaghadh as le neart a’ chlaidheimh; biodh am mnathan air am fàgail gun chlann, agus iad nam bantraichean, agus faigheadh am fir bàs leis a’ phlàigh, agus marbhar an òganaich anns an àraich leis a’ chlaidheamh. Cluinnear gaoir as an taighean, an tràth bheir thusa feachd orra gu h‑obann; oir chladhaich iad sloc gu mise a ghlacadh, agus shuidhich iad lìontan airson mo chas. Ach agadsa, O Thighearna, tha fhios air an innleachdan uile an aghaidh m’anama; na maith an cionta, agus na glan an lochd a‑mach à d’fhianais: ach tilgear iad thairis ann ad làthair; tionnsgain nan aghaidh ann an àm do chorraich. Mar seo thubhairt Iehòbhah riumsa, Falbh agus faigh criadh‐shoitheach creadhadair, agus thoir leat cuid de sheanairean an t‑sluaigh, agus de sheanairean nan sagart; Agus thèid thu a‑mach gu gleann mac Hinoim, a tha fa chomhair a’ gheata Harsit, agus glaodhaidh tu anns an àite sin na briathran a labhras mise riut; Agus their thu, Eisdibh‐se facal an Tighearna, O a rìghrean Iùdah, agus a luchd‐àiteachaidh Ierusaleim: Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, feuch, bheir mise olc air an àite seo, a bheir air neach sam bith a chluinneas e gum bi gaoir na chluasan. A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do rinn iad an t‑àite seo coimheach, agus gun do loisg iad tùis ann do dhiathan eile, nach b’aithne dhaibh; iad fhèin, agus an athraichean, agus rìghrean Iùdah, agus gun do lìon iad an t‑àite seo le fuil neochiontaich: Agus gun do thog iad ionadan àrda Bhàail, a‑chum am mic a losgadh anns an teine, mar thabhartasan‐loisgte do Bhàal; nì nach d’àithn mise, cha mhò a labhair mi, cha mhò a thàinig e ann am aire: Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach abrar ris an àite seo nas mò Tophet, no gleann mac Hinoim, ach gleann a’ mharbhaidh. Agus cuiridh mise gu neo‐bhrìgh comhairle Iùdah agus Ierusaleim anns an àite seo; agus bheir mi orra tuiteam leis a’ chlaidheamh an làthair an naimhdean, agus le làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama: agus bheir mi an colainnean mar bhiadh do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn. Agus nì mi a’ chathair seo na fàsach, agus na ball‐sgeig: bidh mòr‐ioghnadh air gach neach a thèid seachad oirre, agus nì e sgeig airson a h‑uile phlàighean. Agus bheir mise orra gun ith iad feòil am mac, agus feòil an nigheanan; agus ithidh iad, gach aon, feòil a charaid, anns a’ chogadh, agus anns an teinn, leis an teannaichear iad len naimhdean, agus leòsan a tha ag iarraidh an anama. An sin brisidh tu an soitheach ann an sealladh nan daoine a thèid maille riut. Agus their thu riu, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Amhail seo brisidh mise an sluagh seo, agus a’ chathair seo, mar a bhriseas neach soitheach a’ chreadhadair, nach faodar a shlànachadh a‑rìs; agus adhlaicear daoine ann an Tophet, gus nach bi àite ann gu adhlacadh. Mar seo nì mise ris an àite seo, deir an Tighearna, agus ra luchd‐còmhnaidh, air chor is gun dèanar a’ chathair seo eadhon mar Thophet. Agus bidh taighean Ierusaleim, agus taighean rìghrean Iùdah, amhail ionad Thophet, neòghlan; maille ris na taighean sin air fad, air mullach an do loisg iad tùis do uile fheachd nèimh, agus a dhòirt iad ìobairtean‐dibhe a‑mach do dhiathan coimheach. Agus thàinig Ieremiah o Thophet, gus an do chuir an Tighearna e gu fàistneachd; agus sheas e ann an cùirt taigh an Tighearna, agus thubhairt e ris an t‑sluagh uile, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, bheir mise air a’ chathair seo, agus air a h‑uile bhailtean, an t‑olc sin uile a labhair mi na h‑aghaidh; a chionn gun do rinn iad am muineal rag, air chor is nach èisdeadh iad rim bhriathran. Nuair a chuala Pasur mac Imeir an sagart (a bha fòs na àrd‐uachdaran ann an taigh an Tighearna) Ieremiah a’ fàistneachd nan nithean seo: An sin bhuail Pasur Ieremiah am fàidh, agus chuir e anns an taigh‐smachdachaidh e, a bha aig geata uachdarach Bheniàmin, làimh ri taigh an Tighearna. Agus thàrladh air an là màireach gun do leig Pasur Ieremiah a‑mach as an taigh‐smachdachaidh. An sin thubhairt Ieremiah ris, Chan e Pasur a thug an Tighearna mar ainm ort, ach Magor‐misabib. Oir mar seo deir an Tighearna, Feuch, nì mise dhìot uamhas dhut fhèin, agus dod uile chàirdean; agus tuitidh iadsan le claidheamh an naimhdean, agus do shùilean‐sa ag amharc; agus Iùdah uile bheir mi do làimh rìgh Bhàbiloin, agus bheir e leis iad ann am bruid gu Bàbilon, agus cuiridh e gu bàs iad leis a’ chlaidheamh. Agus bheir mi seachad uile neart na cathrach seo, agus a h‑uile shaothair, agus a h‑uile nithean luachmhor; agus uile bheartas rìghrean Iùdah bheir mi thairis do làimh an naimhdean, a chreachas iad, agus a ghlacas iad, agus a bheir iad air falbh gu Bàbilon. Agus thusa, a Phasuir, agus na h‑uile tha a chòmhnaidh ann ad thaigh, siùbhlaidh sibh air falbh ann am braighdeanas; agus thèid thusa gu Bàbilon, agus an sin gheibh thu bàs, agus an sin adhlaicear thu, thu fhèin agus d’uile chàirdean, don do rinn thu fàistneachd bhrèige. Mheall thu mi, O Thighearna, agus bha mi air mo mhealladh; is tu as treasa na mise, agus thug thu buaidh: tha mi ann am chùis‐mhagaidh gach là, gach aon ri fanaid orm. Oir cho tric is a labhras mi, a ghlaodhas mi a‑mach an aghaidh ainneirt, no a dh’èigheas mi lèir‐chreach, tha facal an Tighearna air a dhèanamh dhomh na chùis‐mhaslaidh agus fhanaid gach aon là. Nuair a their mi, Cha toir mi iomradh air, cha mhò a labhras mi tuilleadh na ainm; an sin tha e ann am chridhe mar gum b’e teine loisgeach, air a dhruideadh suas ann am chnàmhan; agus ged sgìthich mi mi fhèin ga chumail a‑steach, chan urrainn mi. Oir chuala mi tuairisgeul mhòrain, Uamhas air gach taobh aithrisibh‐se, agus aithrisidh sinne e: tha iadsan uile ris an robh mi ann an sìth furachair airson mo thuislidh, ag ràdh, Theagamh gum meallar e, agus gum faigh sinn buaidh air, agus gun gabh sinn dìoghaltas dheth. Ach tha an Tighearna leam mar aon cumhachdach uamhasach; air an adhbhar sin tuislichidh mo luchd‐tòrachd, agus cha bhuadhaich iad: tha iad air an lìonadh le nàire ro‑mhòr, a chionn nach do shoirbhich leo, le masladh bithbhuan, nach leigear gu bràth air dìochuimhn. Ach, O Thighearna nan sluagh, a dhearbhas am fìrean, agus a chì na h‑àirnean agus an cridhe, faiceam orra do dhìoghaltas: oir dhutsa leig mise ris mo chùis. Seinnibh‐se don Tighearna; molaibh‐se an Tighearna, oir shaor e anam a’ bhochd à làimh nan aingidh. Mallaichte gu robh an là air an do rugadh mise; an là air an do rug mo mhàthair mi, nar robh e beannaichte. Mallaichte gu robh esan a thug fios a dh’ionnsaigh m’athar, ag ràdh, Tha leanabh mic air a bhreith dhut, ga dhèanamh ro‑aoibhneach. Agus biodh an duine sin mar na bailtean a sgrios an Tighearna, agus mu nach do ghabh e aithreachas; cluinneadh e gaoir anns a’ mhadainn, agus iolach anns a’ mheadhon‐là; A chionn nach do mharbh e mi on bhroinn, no gum biodh mo mhàthair na h‑uaigh dhomh, agus a brù an còmhnaidh torrach leam. Cuime an tàinig mi a‑mach as a’ bhroinn a dh’fhaicinn mì‑shuaimhneis agus bròin, agus a chaitheamh mo làithean ann am masladh? Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, nuair a chuir an rìgh Sedeciah da ionnsaigh Pasur mac Mhelciah, agus Sephaniah mac Mhaaseiah an sagart, ag ràdh, Fiosraich, guidheamaid ort, den Tighearna air ar son‐ne, oir tha Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin a’ cogadh nar n‑aghaidh; a dh’fheuchainn an dèan an Tighearna rinn a rèir a uile bheartan iongantach, a‑chum gun tèid e suas uainn. Agus thubhairt Ieremiah riu, Mar seo their sibh ri Sedeciah; Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Feuch, tionndaidhidh mise air an ais na h‑airm‐chogaidh a tha nur làmhan, leis a bheil sibh a’ cogadh an aghaidh rìgh Bhàbiloin, agus an aghaidh nan Caldèanach a tha gur teannachadh air taobh a‑muigh a’ bhalla, agus cruinnichidh mi iad ann am meadhon a’ bhaile seo. Agus nì mise fhèin cogadh nur n‑aghaidh le làimh sìnte a‑mach, agus le gàirdean treun, eadhon ann am feirg, agus ann am boile, agus ann an corraich mhòir. Agus buailidh mi luchd‐àiteachaidh a’ bhaile seo, eadar dhuine agus ainmhidh; gheibh iad bàs le plàigh mhòir. Agus na dhèidh sin, deir an Tighearna, bheir mi thairis Sedeciah rìgh Iùdah, agus a òglaich, agus an sluagh, eadhon na dh’fhàgar anns a’ bhaile seo on phlàigh, on chlaidheamh, agus on ghorta, do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama, agus buailidh e le faobhar a’ chlaidheimh iad: cha ghabh e truas dhiubh, cha mhò a choigleas e, cha mhò a nì e tròcair. Agus ris an t‑sluagh seo their thu, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha mise a’ cur mur coinneamh slighe na beatha, agus slighe a’ bhàis. Esan a dh’fhanas anns a’ bhaile seo, bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh: ach esan a thèid a mach, agus a thèid thairis a dh’ionnsaigh nan Caldèanach a tha gur teannachadh mun cuairt, mairidh e beò, agus bidh a anam aige mar chobhartaich. Oir chuir mise mo ghnùis an aghaidh a’ bhaile seo airson uilc, agus chan ann airson maith, deir an Tighearna; do làimh rìgh Bhàbiloin bheirear thairis e, agus loisgidh esan e le teine. Agus mu thimcheall taigh rìgh Iùdah, cluinnibh‐se facal an Tighearna: O thaigh Dhaibhidh, mar seo deir Iehòbhah, Dèanaibh gu moch breitheanas, agus saoraibh an duine sàraichte o làimh an fhir‐shàrachaidh, mun tèid mo chorraich‐sa a‑mach mar theine, agus mun las i air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan. Feuch, tha mise ad aghaidh, O thusa a tha a chòmhnaidh anns a’ ghleann, air carraig a’ chòmhnaird, deir an Tighearna; sibhse a tha ag ràdh, Cò a thig a‑nuas nar n‑aghaidh? No cò a thig a‑steach dar n‑ionadan‐còmhnaidh? Ach smachdaichidh mise sibh a rèir toradh ur dèanadais, deir an Tighearna; agus lasaidh mi teine na coilltean, agus loisgidh e gach nì mun cuairt dha. Mar seo thubhairt an Tighearna, Falbh sìos gu taigh rìgh Iùdah, agus an sin labhraidh tu am facal seo, Agus their thu, Cluinn facal an Tighearna, O rìgh Iùdah, a tha ad shuidhe air rìgh‐chathair Dhaibhidh, thu fhèin, agus d’òglaich; agus do shluagh a tha a’ dol a‑steach air na dorsan seo; Mar seo deir an Tighearna, Cuiribh an gnìomh breitheanas agus ceartas, agus saoraibh an duine sàraichte o làimh an fhir‐shàrachaidh: agus na dèanaibh foill: na dèanaibh ainneart air a’ choigreach, air an dìlleachdan, air a’ bhantraich, cha mhò a dhòirteas sibh fuil neo‐chiontach anns an àite seo. Oir ma nì sibh gun amharas a rèir an fhacail seo, an sin thig a‑steach air geatachan an taighe seo rìghrean a shuidheas ann an àite Dhaibhidh, air a rìgh‐chathair, a’ marcachd air carbadan agus air eich, gach aon, a òglaich, agus a shluagh. Ach mura toir sibh èisdeachd do na briathran seo, orm fhèin thug mise mionnan, deir an Tighearna, Gu cinnteach nìthear ionad fàs den taigh seo. Oir mar seo thubhairt an Tighearna a‑thaobh taigh rìgh Iùdah, Tha thu mar Ghilead dhòmhsa, O mhullaich Lebanoin; ach nì mi gu cinnteach fàsach dhìot, bailtean nach bi àitichte. Agus òrdaichidh mi ann ad aghaidh luchd‐millidh, gach aon le a airm; agus gearraidh iad sìos rogha do sheudar, agus tilgidh iad anns an teine iad. Agus gabhaidh mòran chinneach seachad air a’ chathair seo, agus their iad, gach aon ra choimhearsnach, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris a’ chathair mhòir seo? An sin freagraidh iad, A chionn gun do thrèig iad coicheangal an Tighearna an Dia, agus gun tug iad adhradh do dhiathan coimheach, agus gun do rinn iad seirbhis dhaibh. Na guilibh airson a’ mhairbh, cha mhò a nì sibh caoidh air a shon: guilibh gu goirt air a shon‐san a dh’imich air falbh: oir cha till e nas mò, agus chan fhaic e tuilleadh tìr a dhùthchais. Oir mar seo deir Iehòbhah mu thimcheall Shaluim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, a rìghich an àite Iosiah a athair, a chaidh a‑mach as an àite seo, Cha till e thuige nas mò: Ach anns an àite gus an tug iad air falbh e ann am braighdeanas, gheibh e bàs; agus an tìr seo chan fhaic e nas mò. Is an‑aoibhinn dhàsan a thogas a thaigh le eucoir, agus àrd‐sheòmraichean le ana‑cothrom; a ghabhas saothair a choimhearsnaich an asgaidh, agus airson obrach nach toir dha dìoladh. A tha ag ràdh, Togaidh mi dhomh fhèin taigh mòr, agus seòmraichean farsaing; a’ gearradh a‑mach dha fhèin mar an ceudna uinneagan, ga chòmhdachadh fòs le seudar, agus ga dhath le corcar. An rìgh thu a chionn gu bheil thu gad dhùnadh fhèin ann an seudar? Nach d’ith agus nach d’òl d’athair, agus nach do rinn e cothrom agus ceartas? An sin shoirbhich leis. Dhìon e cùis a’ bhochd agus an fheumaich; an sin dh’èirich gu math dha. Nach b’e seo eòlas a ghabhail ormsa? deir an Tighearna. Ach chan eil do shùilean‐sa agus do chridhe ach air d’ana‑miannan fhèin, agus air fuil nan neochiontach, a‑chum a dòrtadh, agus air sàrachadh agus fòirneart, a‑chum a dhèanamh. Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och mo bhràthair! no, Och mo phiuthar! Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och a thighearna! no, Och a ghlòir‐san! Le adhlacadh asail adhlaicear e, air a tharraing air falbh, agus air a thilgeadh an taobh a‑muigh de gheatachan Ierusaleim. Imich suas gu Lebanon agus èigh; agus air Basan tog an àird do ghuth, agus glaodh o na crìochan mun cuairt, oir chlaoidheadh iadsan uile a thug gràdh dhut. Labhair mi riut ann an àm do shoirbheachaidh, thubhairt thu, Chan èisd mi; b’e seo do chleachdadh od òige. A chionn nach d’èisd thu rim ghuth‐sa, ithidh osann suas an t‑iomlan ded aodhairean, agus imichidh do luchd‐gaoil air falbh ann am braighdeanas: gu cinnteach an sin bidh nàire ort, agus còmhdaichear thu le amhluadh airson d’uile dhroch dhèanadais. O thusa a tha ag àiteachadh Lebanoin, a tha a’ dèanamh do nid ann an seudaran, cia gràsmhor a bhios tu nuair a nì piantan greim ort, goimh amhail mnà ri saothair! Mar as beò mise, deir an Tighearna, ged b’e Coniah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, am fàinne air mo làimh dheis, gidheadh as a sin dhèanainn do spìonadh; Agus bheir mi thu do làimh na muinntir a tha ag iarraidh d’anama, agus do làimh na muinntir ro a bheil eagal ort, eadhon do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh nan Caldèanach. Agus tilgidh mi a‑mach thu fhèin, agus do mhàthair a rug thu, gu dùthaich choimhich, far nach robh sibh air ur breith, agus an sin gheibh sibh bàs. Agus gus an talamh dom bu mhiannach leo tilleadh, gu sin cha till iad. An dealbh suarach briste an duine seo Coniah? No an soitheach e anns nach eil aig aon neach tlachd? Cuime a bheil iad air an tilgeadh a‑mach, e fhèin agus a shliochd, agus air an iomain gu tìr anns nach eil iad eòlach? O thalamh, a thalamh, a thalamh! Cluinn facal an Tighearna. Mar seo deir an Tighearna, Sgrìobhaibh‐se am fear seo gun chlann, duine nach soirbhich na làithean; oir cha soirbhich duine de a shliochd a shuidheas air cathair Dhaibhidh, agus a riaghlas na dhèidh seo ann an Iùdah. Is an‑aoibhinn do na h‑aodhairean a tha a’ sgrios agus a’ sgapadh treud mo chluaine‐sa, deir an Tighearna. Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, a‑thaobh nan aodhairean a tha ag ionaltradh mo shluaigh‐sa, Sgap sibh mo threud, agus dh’fhuadaich sibh air falbh iad, agus cha deachaidh sibh gan amharc; feuch, thig mise gur n‑amharc‐se airson aingidheachd ur dèanadais, deir an Tighearna. Ach tionailidh mi fuidheall mo threud as gach uile dhùthaich gus an d’fhògair mi iad, agus bheir mi iad air an ais dam mainnirean fhèin, agus fàsaidh iad torrach agus lìonmhor. Agus togaidh mi suas os an cionn aodhairean a dh’ionaltras iad, air chor is nach bi eagal orra tuilleadh, cha mhò a bhios geilt orra, cha mhò a bhios iad air an smachdachadh, deir an Tighearna. Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an tog mise suas do Dhaibhidh meanglan fìrinneach, agus rìoghaichidh rìgh, agus soirbhichidh leis; agus cuiridh e an gnìomh breitheanas agus ceartas air an talamh. Na làithean‐san tèarnar Iùdah, agus gabhaidh Israel còmhnaidh ann an tèarainteachd: agus is e seo ainm a ghoirear ris, Iehòbhah ar fìreantachd‐ne. Air an adhbhar seo, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach abair iad nas mò, Mar as beò an Tighearna a thug a‑nìos clann Israeil à tìr na h‑Eiphit. Ach, Mar as beò an Tighearna, a thug a‑nìos agus a stiùir sliochd taigh Israeil as an tìr mu thuath, agus as na dùthchannan sin uile gus an d’fhuadaich mise iad: a‑chum gun gabhadh iad còmhnaidh nam fearann fhèin. A‑thaobh nam fàidhean. Tha mo chridhe briste an taobh a‑staigh dhìom; tha mo chnàmhan gu lèir air ghluasad; is cosmhail mi ri fear air mhisg; is ionann mi is duine air an d’fhuair fìon làmh‐an‑uachdair, airson an Tighearna, agus airson briathran a naomhachd. Oir tha am fearann làn de luchd‐adhaltranais: oir airson mhionnan tha an tìr a’ caoidh: tha ionadan aoibhinn an fhàsaich air tiormachadh suas: tha an siubhal mar an ceudna olc, agus an neart eucorach. Oir tha am fàidh agus an sagart araon an‑diadhaidh; eadhon ann am thaigh fhèin fhuair mi an aingidheachd, deir an Tighearna. Uime sin bidh an slighe dhaibh mar ionadan sleamhainn ann an dorchadas; iomainear iad air an aghaidh, agus tuitidh iad ann: gu cinnteach bheir mise dòrainn orra, bliadhna an smachdachaidh, deir an Tighearna. Amhail a chunnaic mi ann am fàidhean Shamaria amaideachd; rinn iad fàistneachd ann an ainm Bhàail, agus thug iad air mo shluagh Israel dol air seachran: Mar sin ann am fàidhean Ierusaleim chunnaic mi uamharachd: tha iad a’ dèanamh adhaltranais, agus ag imeachd ann am breugan: tha iad a’ neartachadh mar an ceudna làmhan nan aingidh, air chor is nach eil aon neach a’ tilleadh o a aingidheachd: tha iad, an t‑iomlan dhiubh, dhòmhsa mar Shòdom, agus a luchd‐àiteachaidh mar Ghomorrah. Air an adhbhar sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh mu thimcheall nam fàidhean: Feuch, bheir mise dhaibh searbh‐luibhean rin ithe agus uisge domblais ra òl; oir o fhàidhean Ierusaleim tha an‑diadhachd air dol a‑mach air feadh na tìre gu h‑iomlan. Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Na èisdibh ri briathran nam fàidhean, a tha ri fàistneachd dhuibh; tha iad gur mealladh le nithean faoine; tha iad a’ labhairt fiosachd an cridhe fhèin, agus chan ann o bheul an Tighearna; Ag ràdh an còmhnaidh ris a’ mhuinntir a tha a’ dèanamh dìmeas air facal an Tighearna, Bidh sìth agaibh; agus am feadh a tha gach aon ag imeachd a rèir ana‑miann a chridhe fhèin, tha iad ag ràdh, Cha tig olc air bith oirbh. Oir cò a sheas ann an comhairle dhiamhair an Tighearna, agus a chunnaic, agus a chuala a chùis? No cò a dh’èisd agus a chuala a fhacal? Feuch, chaidh cuairt‐ghaoth a‑mach on Tighearna le boile, eadhon cuairt‐ghaoth ro‑dhian; air ceann nan aingidh tuitidh i gu h‑uamhasach. Cha till corraich an Tighearna air a h‑ais gus an cuir e an gnìomh agus gus an coilean e rùn a chridhe: anns na làithean deireannach bheir sibh seo fa‑near le làn‐aire. Cha do chuir mise na fàidhean seo a‑mach, gidheadh ruith iad: cha do labhair mi riu, gidheadh rinn iad fàistneachd. Ach nam biodh iad air seasamh ann am chomhairle‐sa, an sin bheireadh iad air mo shluagh mo bhriathran èisdeachd, an sin bheireadh iad orra tilleadh on slighe, agus o aingidheachd an dèanadais. An Dia dlùth do làimh mise, deir an Tighearna? Agus nach Dia mi am fad as? Am faod neach air bith e fhèin fhalach ann an ionadan diamhair, air chor is nach faic mise e? deir an Tighearna. Nach eil mise a’ lìonadh nan nèamhan agus na talmhainn? deir an Tighearna. Chuala mise ciod a thubhairt na fàidhean, a tha a’ fàistneachd bhreug ann am ainm‐sa, ag ràdh, Chunnaic mi aisling, chunnaic mi aisling. Cia fhad a bhios seo ann an cridhe nam fàidhean a tha ri fàistneachd bhreug? Seadh, fàidhean cealg an cridhe fhèin: Aig a bheil rùn a thoirt air mo shluagh‐sa m’ainm a leigeil air dìochuimhn, len aislingean a tha iad ag innse, gach aon da choimhearsnach, amhail a rinn an athraichean m’ainm a leigeil air dìochuimhn airson Bhàail. Am fàidh aig a bheil aisling, innseadh e a aisling; ach esan aig a bheil m’fhacal‐sa, labhradh e m’fhacal gu dìleas: ciod e am moll don chruithneachd? deir an Tighearna. Nach ionann m’fhacal‐sa agus teine? deir an Tighearna; agus nach ionann e agus òrd a bhriseas a’ chreag na bloighdean? Uime sin, feuch, tha mise an aghaidh nam fàidhean, deir an Tighearna, a tha a’ goid mo bhriathran‐sa, gach aon o a choimhearsnach. Feuch, tha mise an aghaidh nam fàidhean, deir an Tighearna, a tha a’ gnàthachadh an teangaidh fhèin, agus ag ràdh, Labhair esan e. Feuch tha mise an aghaidh na muinntir a tha a’ fàistneachd aislingean brèige, deir an Tighearna, agus a tha gan innse, agus a’ toirt air mo shluagh‐sa dol air seachran lem breugan agus lem briathran faoine; cha mhò a thug mi àithne dhaibh; air an adhbhar sin cha dèan iad, air aon chor, tairbhe don t‑sluagh seo, deir an Tighearna. Agus nuair a dh’fheòraicheas an sluagh seo, no fàidh, no sagart, dhìot, ag ràdh, Ciod e facal cudthromach an Tighearna? An sin their thusa riu, Is sibhse an cudthrom, agus tilgidh mise dhìom sibh, deir an Tighearna. Agus am fàidh, agus an sagart, agus an sluagh, a their, Facal cudthromach an Tighearna, bheir eadhon mise peanas air an duine sin agus air a theaghlach. Mar seo their sibh, gach aon ra choimhearsnach, agus gach aon ra bhràthair, Ciod a fhreagair an Tighearna? Agus, Ciod a labhair an Tighearna? Agus air facal cudthromach an Tighearna cha toir sibh luaidh nas mò; oir is cudthrom do gach aon a bhriathran fhèin: oir chlaon sibh briathran an Dè bheò, Tighearna nan sluagh, ar Dia‑ne. Mar seo their thu ris an fhàidh, Ciod am freagradh a thug an Tighearna dhut? Agus, Ciod a labhair an Tighearna? Ach ma their sibh, Facal cudthromach an Tighearna: uime sin, mar seo deir an Tighearna, A chionn gu bheil sibh ag ràdh an fhacail seo, facal cudthromach an Tighearna, ged a chuir mise fios thugaibh, ag ràdh, Chan abair sibh facal cudthromach an Tighearna; Uime sin, feuch, togaidh mise sibhse mar chudthrom, agus tilgidh mise air falbh, araon sibh fhèin agus a’ chathair seo, a thug mi dhuibhse, agus dur n‑athraichean, a‑mach as mo làthair: Agus bheir mi oirbh masladh sìorraidh, agus nàire bhithbhuan, nach leigear gu bràth air dìochuimhn. Dh’fhoillsich an Tighearna dhomh, agus, feuch, dà chliabh fhìgean air an cur fa chomhair teampall an Tighearna, an dèidh do Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, Ieconiah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, agus maithean Iùdah, agus an luchd‐ealain, agus na h‑airm‐cheàird, a thoirt air falbh ann am braighdeanas o Ierusalem, agus an toirt leis gu Bàbilon: Ann an aon chliabh bha fìgean ro‑mhath, mar na fìgean a bhios an toiseach abaich: agus anns a’ chliabh eile fìgean ro‑olc, nach faodte ithe aig an olcas. An sin thubhairt an Tighearna rium, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Fìgean: na fìgean matha ro‑mhath; agus na droch fhìgean ro‑olc, air chor is nach faodar an ithe aig an olcas. An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Amhail na fìgean matha seo, mar sin gabhaidh mise ris na dh’fhalbh ann am bruid de Iùdah, a chuir mi a‑mach as an àite seo gu tìr nan Caldèanach, a‑chum an leas. Oir cuiridh mi mo shùilean orra a‑chum maith, agus bheir mi iad air an ais don tìr seo; agus togaidh mi iad, agus cha tilg mi sìos; agus suidhichidh mi iad, agus cha spìon mi à bun. Agus bheir mi dhaibh cridhe gum aithneachadh, gur mi an Tighearna; agus bidh iad dhòmhsa nan sluagh, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia; oir tillidh iad am ionnsaigh len uile chridhe. Agus amhail na droch fhìgean, nach faodar ithe aig an olcas (mar seo gu deimhinn deir an Tighearna), mar sin bheir mi thairis Sedeciah rìgh Iùdah, agus a uachdarain, agus am fuidheall de Ierusalem, a dh’fhanas anns an tìr seo, agus iadsan a tha a chòmhnaidh ann am fearann na h‑Eiphit: Bheir eadhon mise thairis iad gu bhith air an luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain, a‑chum an aimhleis; gu bhith nan cùis‐fhanaid, agus nan gnàth‐fhacal, agus nam ball‐magaidh, agus nam mallachadh, anns a h‑uile àite gus am fògair mi iad. Agus cuiridh mi an claidheamh, a’ ghort, agus a’ phlàigh, nam measg, gus an caithear iad bhàrr an fhearainn, a thug mise dhaibh fhèin agus dan athraichean. Am facal a thàinig a dh’ionnsaigh Ieremiah mu thimcheall uile shluagh Iùdah, ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah; b’i sin ciad bhliadhna Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin: A labhair Ieremiah am fàidh ri uile shluagh Iùdah, agus ri uile luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, ag ràdh, O threas‐bliadhna‑deug Iosiah mhic Amoin rìgh Iùdah, eadhon gus an là‑an‑diugh (is i seo an treas‐bliadhna‑fichead), thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh‐sa, agus labhair mi ribhse, ag èirigh gu moch agus a’ labhairt; ach cha d’èisd sibh. Agus chuir an Tighearna dur n‑ionnsaigh uile seirbhisich, na fàidhean ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach; ach cha d’èisd sibhse, agus cha mhò a dh’aom sibh ur cluas gu èisdeachd. Thubhairt iadsan, Tillibh air ur n‑ais a‑nis, gach aon o a dhroch shlighe, agus o olcas a dhèanadais, agus gabhaibh còmhnaidh anns an fhearann a thug an Tighearna dhuibh, agus dur n‑athraichean o linn gu linn. Agus na rachaibh an dèidh dhia coimheach gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu adhradh a thoirt dhaibh, agus na brosnaichibh mise gu corraich le obair ur làmh; agus cha dèan mi olc oirbh. Gidheadh cha d’èisd sibh riumsa, deir an Tighearna; a‑chum gum brosnaicheadh sibh mi gu corraich le obair ur làmh, a‑chum ur n‑aimhleis fhèin. Uime sin mar seo deir Tighearna nan sluagh, A chionn nach d’èisd sibh rim bhriathran‐sa, Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h‑àird a tuath, deir an Tighearna, agus Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin m’òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre seo, agus an aghaidh a luchd‐àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach seo uile mun cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus nì mi iad nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam fàsach gu bràth. Os bàrr, bheir mi uapa guth a’ ghàirdeachais agus guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh‐phòsda, agus guth na mnà nuadh‐pòsda, fuaim nan clachan‐muilinn, agus solas na coinnle. Agus bidh am fearann seo uile na fhàsach, agus na uamhas; agus nì na cinnich seo seirbhis do rìgh Bhàbiloin deich agus trì‐fichead bliadhna. Agus tàrlaidh, nuair a choileanar deich agus trì‐fichead bliadhna, gun smachdaich mise rìgh Bhàbiloin, agus an cinneach sin, deir an Tighearna, airson an aingidheachd, agus fearann nan Caldèanach, agus nì mi e na fhàsach gu bràth. Agus bheir mi air an fhearann sin m’uile bhriathran a labhair mi na aghaidh, gach nì a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, a rinn Ieremiah fhàistneachd an aghaidh nan uile chinneach. Oir nì mòran chinneach, agus rìghrean mòra, seirbhis a ghabhail dhiubhsan mar an ceudna: agus dìolaidh mise riu a rèir an gnìomharan, agus a rèir obraichean an làmh fhèin. Oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh rium, Gabh cuach‐fhìona na fraoich‐feirge seo as mo làimh‐sa, agus thoir ra h‑òl i do na h‑uile chinnich gus an cuir mise thu: Agus òlaidh iad, agus bidh iad air bhall‐chrith, agus air a’ chuthach, leis a’ chlaidheamh a chuireas mise nam measg. An sin ghlac mi a’ chuach à làimh an Tighearna, agus thug mi ra h‑òl i do na h‑uile chinnich gus an do chuir an Tighearna mi; Do Ierusalem, agus do bhailtean Iùdah, agus da rìghrean, agus da h‑uachdarain, a‑chum an dèanamh nan nochd‐làraich, nan uamhas, nan sgeig, agus nam mallachadh, mar air an là‑an‑diugh: Do Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus da òglaich, agus da uachdarain, agus da uile shluagh; Agus do gach uile shluagh eile a tha am measg a chèile, agus do uile rìghrean fearann Uis, agus do uile rìghrean fearann nam Philisteach, agus do Ascelon, agus do Ghasah, agus do Ecron, agus do fhuidheall Asdoid; Do Edom, agus do Mhòab, agus do chloinn Amoin; Agus do uile rìghrean Thìruis, agus do uile rìghrean Shìdoin, agus do rìghrean nan crìochan a tha an taobh thall den fhairge; Do Dhedan, agus do Thema, agus do Bhus, agus do na h‑uile a tha anns na ceàrnan iomallach; Agus do uile rìghrean Aràbia, agus do uile rìghrean an t‑sluaigh mheasgte tha a chòmhnaidh anns an fhàsach; Agus do uile rìghrean Shimri, agus do uile rìghrean Elaim, agus do uile rìghrean Mhedia; Agus do uile rìghrean na h‑àird a tuath, am fad agus am fagas, gach aon le chèile, agus do uile rìoghachdan an domhain, a tha air aghaidh na talmhainn: agus òlaidh rìgh Shesaich nan dèidh seo. Agus their thu riu, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Olaibh, agus bithibh air mhisg, agus sgeithibh, agus tuitibh agus na èiribh nas mò ron chlaidheamh a chuireas mise nur measg. Agus tàrlaidh, ma dhiùltas iad a’ chuach a ghabhail as do làimh, gu òl, an sin gun abair thu riu, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Olaidh sibh gu deimhinn. Oir feuch, air a’ chathair a tha air a h‑ainmeachadh air m’ainm, oirre sin tha mise a’ tionnsgnadh air olc a thabhairt, agus am faod sibhse dol as gu glan‐shaor o pheanas? Cha tèid sibh as: oir gairmidh mise claidheamh air uile luchd‐àiteachaidh na talmhainn, deir Tighearna nan sluagh. Air an adhbhar sin, labhair thusa nan aghaidh na briathran fàistneachd seo air fad, agus abair riu, Beucaidh an Tighearna o a ionad àrd, agus o ionad còmhnaidh a naomhachd cuiridh e a‑mach a ghuth; beucaidh e gu cumhachdach an aghaidh ionad a thàimh; togaidh e iolach, mar iolaich luchd‐bruthaidh nam fìondhearc, an aghaidh uile luchd‐àiteachaidh na talmhainn. Thig toirm gu iomallan na talmhainn, a chionn gu bheil còmhstri aig Dia ris na cinnich; tagraidh e ris gach uile fheòil: bheir e an dream a tha olc don chlaidheamh, deir an Tighearna. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feuch, thèid olc a‑mach o chinneach gu cinneach, agus dùisgear suas iomaghaoth mhòr o chrìochan na talmhainn. Agus bidh iadsan a mharbhar leis an Tighearna anns an là sin, o aon iomall na talmhainn eadhon gu iomall eile na talmhainn; cha chlaoidhear iad, cha mhò a chruinnichear iad, cha mhò a dh’adhlaicear iad; nan aolach air aghaidh na talmhainn bidh iad. Togaibh gaoir bhròin, a bhuachaillean, agus èighibh, agus aornaganaibh sibh fhèin ann an luaithre, sibhse as urramaiche den treud, a chionn gu bheil làithean ur marbhaidh agus ur sgapaidh air an coileanadh; agus tuitidh sibh mar shoitheach luachmhor. Agus cha bhi seòl teichidh aig na buachaillean, no dol as aig maithean an treud. Guth caoidh nam buachaillean, agus nuallan maithean an treud: oir mhill an Tighearna an cluain‐ionaltraidh. Mhilleadh fòs ionadan‐còmhnaidh na sìthe le dian‐chorraich an Tighearna. Thrèig e, mar leòmhann, a gharaidh; oir rinneadh an cuid fearainn fàs, tro chorraich a’ mhillteir, agus tro dhian‐theas a fheirge. Ann an toiseach linn Iehoiacim, mhic Iosiah rìgh Iùdah, thàinig am facal seo on Tighearna, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Seas ann an cùirt taigh an Tighearna, agus labhair ri uile bhailtean Iùdah, a tha a’ teachd a dhèanamh adhraidh ann an taigh an Tighearna, na h‑uile bhriathran a dh’àithneas mise dhut a labhairt riu; na lùghdaich facal; A dh’fheuchainn an èisd iad, agus an till iad, gach aon o a dhroch shlighe, a‑chum gun gabh mise aithreachas den olc a tha ann am rùn a thoirt orra airson aingidheachd an gnìomharan. Agus their thu riu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mura èisd sibh riumsa gu siubhal ann am reachd, a chuir mi fa ur comhair. Gu èisdeachd a thoirt do bhriathran mo sheirbhiseach na fàidhean, a chuir mi thugaibh, araon ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach (ged nach d’èisd sibhse); An sin nì mise an taigh seo cosmhail ri Siloh, agus nì mi a’ chathair seo na mallachadh do uile chinnich na talmhainn. Agus chuala na sagartan, agus na fàidhean, agus an sluagh uile, Ieremiah a’ labhairt nam briathran seo ann an taigh an Tighearna. A‑nis thàrladh air do Ieremiah sgur de labhairt nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna dha a labhairt ris an t‑sluagh uile, gun do ghlac na sagartan, agus na fàidhean, agus an sluagh uile e, ag ràdh, Cuirear gu deimhinn gu bàs thu. Carson a rinn thu fàistneachd ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Bidh an taigh seo cosmhail ri Siloh, agus cuirear a’ chathair seo fàs gun aon ga h‑àiteachadh? Agus chruinnicheadh an sluagh air fad an aghaidh Ieremiah ann an taigh an Tighearna. Nuair a chuala maithean Iùdah na nithean seo, an sin thàinig iad a‑nìos o thaigh an rìgh gu taigh an Tighearna, agus shuidh iad ann an dol a‑steach a’ gheata nuaidh aig taigh an Tighearna. An sin labhair na sagartan agus na fàidhean ris na maithean, agus ris an t‑sluagh gu lèir, ag ràdh, Is airidh an duine seo air bàs, oir rinn e fàistneachd an aghaidh na cathrach seo, mar a chuala sibh le ur cluasan. An sin labhair Ieremiah ris na maithean uile, agus ris an t‑sluagh gu h‑iomlan, ag ràdh, Chuir an Tighearna mise a‑chum gun labhrainn ann am fàistneachd an aghaidh an taighe seo, agus an aghaidh na cathrach seo, na h‑uile bhriathran sin a chuala sibh. Uime sin a‑nis leasaichibh ur slighe agus ur dèanadas, agus thugaibh gèill do ghuth an Tighearna ur Dia; agus gabhaidh an Tighearna aithreachas den olc a labhair e nur n‑aghaidh. Air mo shon‐sa, feuch, tha mi nur làimh; dèanaibh rium mar a chìthear math agus ceart dhuibh. Ach biodh gu cinnteach fios agaibh, ma chuireas sibh gu bàs mise, gun tarraing sibh fuil neochiontach oirbh fhèin, agus air a’ chathair seo, agus air a luchd‐àiteachaidh: oir gu fìrinneach chuir an Tighearna mise thugaibh gus na briathran seo uile a labhairt nur cluasan. An sin thubhairt na maithean agus an sluagh uile ris na sagartan, agus ris na fàidhean, Chan airidh an duine seo air bàs, oir ann an ainm an Tighearna ar Dia labhair e rinn. An sin sheas cuid de sheanairean na tìre suas, agus labhair iad ri uile choitheanal an t‑sluaigh, ag ràdh, Rinn Micah am Morastach fàistneachd ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus labhair e ri uile shluagh Iùdah, ag ràdh, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Bidh Sion mar mhachair air a treabhadh, agus bidh Ierusalem na cùirn, agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe. An tug Heseciah rìgh Iùdah agus Iùdah uile thairis gu bàs e? Nach robh eagal an Tighearna air, agus nach d’iarr e an Tighearna, agus ghabh an Tighearna aithreachas den olc a labhair e nan aghaidh? Ach sinne, tha sinn a’ dèanamh aimhleis mhòir an aghaidh ar n‑anama fhèin. Agus bha fòs duine ann a rinn fàistneachd ann an ainm an Tighearna, Uriah mac Shemariah, o Chiriat‐iearim, a rinn fàistneachd an aghaidh na cathrach seo, agus an aghaidh na tìre seo, a rèir uile bhriathran Ieremiah: Agus nuair a chuala Iehoiacim an rìgh, agus a dhaoine cumhachdach uile, agus na maithean uile, a bhriathran, dh’iarr an rìgh a chur gu bàs; agus chuala Uriah sin, agus bha eagal air, agus theich e, agus dh’imich e don Eiphit: Agus chuir an rìgh Iehoiacim daoine Eiphiteach, Elnàtan mac Achboir, agus iadsan a bha leis, don Eiphit; Agus thug iad Uriah a‑mach as an Eiphit, agus thug iad e a‑chum an rìgh Iehoiacim, a mharbh e leis a’ chlaidheamh, agus a thilg a chorp ann an uaighean nan daoine coitcheann. Gidheadh bha làmh Ahicaim mhic Shaphain le Ieremiah, a‑chum nach biodh e air a thoirt thairis do làimh an t‑sluaigh, gu a chur gu bàs. Ann an toiseach linn Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, thàinig am facal seo gu Ieremiah on Tighearna, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh rium, Dèan dhut fhèin bannan agus cuingean, agus cuir iad air do mhuineal; Agus cuir iad gu rìgh Edoim, agus gu rìgh Mhòaib, agus gu rìgh nan Amonach, agus gu rìgh Thìruis, agus gu rìgh Shìdoin, le làimh nan teachdairean a tha a’ teachd gu Ierusalem, a‑chum Shedeciah rìgh Iùdah. Agus àithn dhaibh a ràdh rin tighearnan, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Mar seo their sibh ri ur tighearnan; Rinn mise an talamh, an duine agus an t‑ainmhidh a tha air aghaidh na talmhainn, lem mhòr‐chumhachd, agus lem ghàirdean sìnte a‑mach; agus cò air bith dom facas iomchaidh leam a thabhairt, dhàsan thug mi e. Agus a‑nis thug mi na dùthchannan seo uile do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, m’òglach; agus beathaichean na machrach fòs thug mi dha, gu frithealadh dha. Agus bheir na h‑uile chinnich gèill dhàsan, agus da mhac, agus do mhac a mhic, gus an tig àm a dhùthcha fhèin: an sin bheir iomadh cinneach agus rìghrean mòra airsan gun toir e gèill dhaibh. Agus tàrlaidh, an cinneach no an rìoghachd nach toir gèill do Nebuchadresar seo rìgh Bhàbiloin, agus nach cuir am muineal fo chuing rìgh Bhàbiloin; le claidheamh, agus le gort, agus le plàigh, smachdaichidh mise an cinneach sin, deir an Tighearna, gus an sgrios mi iad gu tur le a làimh‐san. Uime sin na èisdibh‐se ri ur fàidhean, no ri ur fiosaichean, no ri ur bruadaraichean, no ri ur speuradairean, no ri ur draoidhean, a tha a’ labhairt ribh, ag ràdh, Cha toir sibh gèill do rìgh Bhàbiloin: Oir tha iad a’ fàistneachd brèige dhuibh, a‑chum ur n‑atharrachadh fad o ur fearann fhèin, agus a‑chum gum fògrainn‐sa a‑mach sibh, agus gun rachadh sibh am mugha. Ach an cinneach sin a chuireas an amhach fo chuing rìgh Bhàbiloin, agus a bheir dha ùmhlachd, leigidh mise dhaibh sin fuireach nam fearann fhèin, agus treabhaidh iad e, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann. Agus labhair mise ri Sedeciah rìgh Iùdah, a rèir nam briathran seo air fad, ag ràdh, Cuiribh ur muineil fo chuing rìgh Bhàbiloin, agus thugaibh dha ùmhlachd, dha fhèin, agus da shluagh, agus mairibh beò. Carson a bhàsaicheas sibh, thu fhèin agus do shluagh, leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, mar a labhair Dia an aghaidh a’ chinnich nach toir gèill do rìgh Bhàbiloin? Uime sin na èisdibh ri briathran nam fàidhean a tha a’ labhairt ribh, ag ràdh, Cha toir sibh ùmhlachd do rìgh Bhàbiloin: oir tha iad a’ fàistneachd brèige dhuibh. Oir cha do chuir mise a‑mach iad, deir an Tighearna; gidheadh tha iad a’ fàistneachd brèige ann am ainm, a‑chum gum fògrainn sibhse a‑mach, agus gu rachadh sibh am mugha; sibh fhèin agus na fàidhean a tha ri fàistneachd dhuibh. Labhair mi cuideachd ris na sagartan, agus ris an t‑sluagh seo uile, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Na èisdibh ri briathran ur fàidhean a tha ri fàistneachd dhuibh, ag ràdh, Feuch, bheirear soithichean taigh an Tighearna air an ais o Bhàbiloin a‑nis gu h‑aithghearr; oir tha iad a’ fàistneachd brèige dhuibh. Na èisdibh riu; gèillibh do rìgh Bhàbiloin agus mairibh beò; carson a bhiodh a’ chathair seo air a dèanamh na fàsach? Ach mas fàidhean iad, agus ma tha facal an Tighearna maille riu, dèanadh iad a‑nis eadar‐ghuidhe ri Tighearna nan sluagh, a‑chum nach rachadh na soithichean a tha air am fàgail ann an taigh an Tighearna, agus ann an taigh rìgh Iùdah, agus ann an Ierusalem, gu Bàbilon. Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, mu thimcheall nam post, agus mu thimcheall na fairge, agus mu thimcheall nam bonn, agus mu thimcheall na cuid eile de na soithichean a dh’fhan anns a’ chathair seo; Nach tug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin leis, nuair a thug e air falbh ann am braighdeanas Ieconiah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, o Ierusalem gu Bàbilon, agus uile uaislean Iùdah agus Ierusaleim; Seadh, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, mu thimcheall nan soithichean a dh’fhan ann an taigh an Tighearna, agus ann an taigh rìgh Iùdah, agus ann an Ierusalem: Gu Bàbilon bheirear air falbh iad, agus an sin bidh iad gus an là anns an tèid mise gan amharc, deir an Tighearna: an sin bheir mise a‑nìos iad, agus aisigidh mi iad a‑rìs don àite seo. Agus thàrladh anns a’ bhliadhna sin fhèin, an toiseach linn Shedeciah rìgh Iùdah, anns a’ cheathramh bliadhna anns a’ chòigeamh mìos, gun do labhair Hananiah mac Asuir, am fàidh a bha o Ghibeon, riumsa ann an taigh an Tighearna, an làthair nan sagart agus an t‑sluaigh uile, ag ràdh, Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Bhris mise cuing rìgh Bhàbiloin. An ceann dà bhliadhna iomlan bheir mise air an ais a‑chum an àite seo uile shoithichean taigh an Tighearna, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh on àite seo, agus a ghiùlain e gu Bàbilon. Agus bheir mi a‑chum an àite seo a‑rìs Ieconiah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, maille ri uile bhraighdean Iùdah, a dh’imich gu Bàbilon, deir an Tighearna; oir brisidh mise cuing rìgh Bhàbiloin. Agus thubhairt am fàidh Ieremiah ris an fhàidh Hananiah, an làthair nan sagart, agus an làthair an uile shluaigh a bha nan seasamh ann an taigh an Tighearna, Thubhairt eadhon am fàidh Ieremiah, Amen: gun dèanadh an Tighearna mar sin; gun coileanadh an Tighearna do bhriathran a rinn thu fhàistneachd, le soithichean taigh an Tighearna, agus gach nì eile a thugadh air falbh ann am bruid, a thoirt air an ais o Bhàbilon a‑chum an àite seo. Gidheadh cluinn thusa a‑nis am facal seo a tha mise a’ labhairt ann ad èisdeachd, agus ann an èisdeachd an t‑sluaigh uile; Na fàidhean a bha romhamsa agus romhadsa o shean, rinn iad fàistneachd araon a‑thaobh mòran dhùthchannan, agus a‑thaobh rìoghachdan mòra, air cogadh agus air gort, agus air plàigh. Am fàidh a nì fàistneachd mu shìth, nuair a thig facal an fhàidh gu crìch, aithnichear gur e an Tighearna gu deimhinn a chuir am fàidh sin a‑mach. An sin thug am fàidh Hananiah a’ chuing bhàrr muineal an fhàidh Ieremiah, agus bhris e i. Agus labhair Hananiah an làthair an t‑sluaigh uile, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Amhail seo brisidh mise cuing Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin o mhuineal nan uile chinneach an taobh a‑staigh de dhà bhliadhna iomlan. Agus dh’fhalbh am fàidh Ieremiah roimhe. Agus thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah (an dèidh don fhàidh Hananiah a’ chuing a bhriseadh bhàrr muineal an fhàidh Ieremiah), ag ràdh, Imich agus labhair ri Hananiah, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, na cuibhrichean fiodha bhris thu, ach nì thu nan àite cuibhrichean iarainn. Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Cuing iarainn chuir mise air muineal nan cinneach seo uile, a‑chum gun tugadh iad gèill do Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin; agus bheir iad gèill dha; agus beathaichean na machrach thug mi dha mar an ceudna. An sin thubhairt am fàidh Ieremiah ris an fhàidh Hananiah, Eisd a‑nis, a Hananiah; cha do chuir an Tighearna fios leatsa, ach tha thu a’ toirt air an t‑sluagh seo earbsa a dhèanamh à brèig. Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, tilgidh mise thu bhàrr aghaidh na talmhainn; air a’ bhliadhna seo gheibh thu bàs, a chionn gun do labhair thu ceannairc an aghaidh an Tighearna. Mar sin fhuair am fàidh Hananiah bàs air a’ bhliadhna sin fhèin, anns an t‑seachdamh mìos. A‑nis is iad seo briathran na litreach a chuir am fàidh Ieremiah o Ierusalem gus a’ chuid eile de na seanairean a thugadh air falbh ann am braighdeanas, agus gus na sagartan, agus gus na fàidhean, agus gus an uile shluagh a thug Nebuchadnesar air falbh ann am braighdeanas o Ierusalem gu Bàbilon; (An dèidh do Ieconiah an rìgh, agus a’ bhànrighinn, agus na caillteanaich, agus maithean Iùdah agus Ierusaleim, agus an luchd‐ealain, agus na h‑airm‐cheàird, imeachd air falbh o Ierusalem); Le làimh Elasah mhic Shaphain, agus Ghemariah mhic Hilciah (a chuir Sedeciah rìgh Iùdah do Bhàbilon, gu Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin), ag ràdh, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ris na h‑uile a tha air an toirt air falbh ann am braighdeanas, a chuir mise air falbh ann am braighdeanas o Ierusalem gu Bàbilon, Togaibh taighean, agus gabhaibh còmhnaidh; agus suidhichibh liosan, agus ithibh an toradh: Gabhaibh mnathan, agus ginibh mic agus nigheanan; agus gabhaibh mnathan dur mic, agus thugaibh ur nigheanan do fhir, a‑chum gum beir iad mic agus nigheanan; a‑chum gum meudaichear sibh anns an àite sin, agus nach lùghdaichear sibh. Agus iarraibh sìth na dùthcha gus an do chuir mise air falbh sibh ann am braighdeanas; agus guidhibh air a son ris an Tighearna: oir na sìth‐se bidh sìth agaibhse. Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Na meallar sibh leis na fàidhean a tha nur measg, agus le ur luchd‐fiosachd; cha mhò a dh’èisdeas sibh ri ur bruadair a tha sibh a’ toirt fa‑near a bhruadar. Oir tha iad a’ fàistneachd bhreug dhuibh ann am ainm‐sa; cha do chuir mise a‑mach iad, deir an Tighearna. Oir mar seo deir an Tighearna, Nuair a choileanar ann am Bàbilon deich agus trì‐fichead bliadhna, thig mise gur n‑amharc, agus coileanaidh mi dhuibh m’fhacal math, a‑chum ur toirt air ur n‑ais don àite seo. Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais. An sin gairmidh sibh orm, agus thèid sibh agus nì sibh ùrnaigh rium, agus èisdidh mise ribh. Agus iarraidh sibh mi, agus gheibh sibh mi, nuair a rannsaicheas sibh air mo shon le ur n‑uile chridhe. Agus bidh mise air m’fhaotainn leibh, deir an Tighearna, agus tillidh mi air a h‑ais ur bruid, agus cruinnichidh mi sibh o na h‑uile chinnich, agus o gach uile àite gus an d’fhògair mi sibh, deir an Tighearna; agus bheir mi sibh a‑rìs a‑chum an àite on do chuir mi air falbh sibh ann am braighdeanas. A chionn gun dubhairt sibh, Thog an Tighearna suas dhuinn fàidhean ann am Bàbilon: Mar seo deir an Tighearna ris an rìgh a tha na shuidhe air cathair Dhaibhidh, agus ris an uile shluagh a tha a chòmhnaidh anns a’ bhaile seo, agus ri ur bràithrean nach deachaidh a‐mach leibh ann am braighdeanas; Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, cuiridh mise orra an claidheamh, a’ ghort, agus a’ phlàigh, agus nì mi iad mar dhroch fhìgean, nach faodar ithe aig an olcas. Agus dian‐ruaigidh mi iad leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh; agus bheir mi thairis iad gu bhith air an luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain, gu bhith nam mallachadh, agus nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam masladh, am measg nan uile chinneach gus am fògair mi iad. A chionn nach d’èisd iad rim bhriathran‐sa, deir an Tighearna, nuair a chuir mi don ionnsaigh m’òglaich, na fàidhean, ag èirigh gu moch, agus gan cur a‑mach; ach chan èisdeadh sibhse, deir an Tighearna. Cluinnibh uime sin facal Iehòbhah, sibhse uile a tha den bhruid, a chuir mise o Ierusalem gu Bàbilon: Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, a‑thaobh Ahaib mhic Cholaiah, agus Shedeciah mhic Mhaaseiah, a tha a’ fàistneachd brèige dhuibh ann am ainm‐sa, Feuch, bheir mise thairis iad do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, agus marbhaidh esan iad fa chomhair ur sùl; Agus uapasan togar suas mallachadh le uile bhraighdean Iùdah a tha ann am Bàbilon, ag ràdh, Gun dèanadh an Tighearna thu cosmhail ri Sedeciah, agus cosmhail ri Ahab, a ròst rìgh Bhàbiloin anns an teine. Do bhrìgh gun do chuir iad an gnìomh aingidheachd ann an Israel, agus gun do rinn iad adhaltranas le mnathan an coimhearsnach, agus gun do labhair iad briathran breugach ann am ainm‐sa, nach d’àithn mise dhaibh, air a bheil eadhon mise fiosrach agus am fhianais, deir an Tighearna. Labhraidh tu fòs ri Semaiah an Nehelamach, ag ràdh, Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, A chionn gun do chuir thu litrichean ann ad ainm a‑chum an uile shluaigh a tha ann an Ierusalem, agus a‑chum Shephaniah mhic Mhaaseiah an sagart, agus a chum nan sagart air fad, ag ràdh, Rinn an Tighearna dhìotsa sagart ann an àite Iehoiada an sagart, a‑chum gum biodh luchd‐riaghailt ann an taigh an Tighearna, airson gach duine a tha air a’ chuthach, agus a’ dèanamh dheth fhèin fàidh, a chur anns an taigh‐smachdachaidh, agus ann an sàs. Uime sin a‑nis, cuime nach do chronaich thu Ieremiah o Anatot, a tha ga dhèanamh fhèin na fhàidh dhuibh? Oir chuir e gun amharas fios thugainne a tha ann am Bàbilon, ag ràdh, Tha a’ bhruid seo buan, togaibh taighean, agus gabhaibh còmhnaidh, agus suidhichibh liosan, agus ithibh an toradh. Agus leugh Sephaniah an sagart an litir seo ann an cluasan Ieremiah am fàidh. Uime sin thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah, ag ràdh, Cuir fios gu muinntir na bruid air fad, ag ràdh, Mar seo labhair an Tighearna a‑thaobh Shemaiah an Nehelamach, A chionn gun do rinn Semaiah fàistneachd dhuibh nuair nach do chuir mise a‑mach e, agus gun tug e oirbh earbsa a dhèanamh à brèig: Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, smachdaichidh mise Semaiah an Nehelamach agus a shliochd: cha bhi aige duine a ghabhas còmhnaidh am measg an t‑sluaigh seo, cha mhò a chì e am math a nì mise airson mo phobaill, deir an Tighearna, a chionn gun do labhair e ceannairc an aghaidh an Tighearna. Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, ag ràdh, Mar seo labhair an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Sgrìobh dhut fhèin na h‑uile bhriathran a labhair mise riut, ann an leabhar. Oir feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise air a h‑ais bruid mo shluaigh, Israel agus Iùdah, deir an Tighearna, agus bheir mi orra tilleadh a‑chum an fhearainn a thug mi don athraichean, agus sealbhaichidh iad e. Agus seo na briathran a labhair an Tighearna, mu thimcheall Israeil, agus mu thimcheall Iùdah. Oir mar seo deir an Tighearna, Guth criothnachaidh chuala sinn; eagal, agus chan e sìth. Feòraichibh a‑nis, agus feuchaibh am beir fireannach leanabh? Cuime am faic mi gach duine agus a làmhan air a leasraidh, mar mhnaoi ri saothair, agus tha gach uile aghaidh air fàs bàn? Mo thruaighe! oir is mòr an là sin, agus chan eil a choimeas ann: agus is aimsir teanntachd i do Iàcob; ach tèarnar aisde e. Oir tàrlaidh anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh, gum bris mise a chuing bhàrr do mhuineil, agus a chuibhrichean sgaoilidh mi as a chèile; agus cha ghabh coigrich nas mò seirbhis dheth. Ach bheir iad seirbhis don Tighearna an Dia, agus do Dhaibhidh an rìgh, a thogas mise suas dhaibh. Uime sin na biodh eagal ort, a Iàcoib, m’òglach‐sa, deir an Tighearna, agus na biodh geilt ort, O Israeil: oir feuch, bheir mise tèarainte thu o chèin, agus do shliochd o thìr an daorsa; agus tillidh Iàcob, agus gheibh e fois agus sìth, agus cha bhi aon neach a’ cur eagail air. Oir tha mise maille riut, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh: ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus cha leig mi as thu gu h‑iomlan o pheanas. Oir mar seo deir an Tighearna, Is do‑leigheas do bhruthadh, is cràiteach do chreuchd. Chan eil neach ann a nì tagradh air do shon, a‑chum gum biodh tu air do cheangal suas: ìocshlaint a‑chum leigheis chan eil agad. Rinn do leannain gu lèir do dhearmad: chan eil iad gad iarraidh, oir rinn mise do lotadh le lot nàmhaid, le smachdachadh garg; a chionn gu robh do chionta mòr, do lochdan lìonmhor. Cuime an glaodh thu airson d’àmhghair? Cha ghabh do bhròn leigheas; a chionn gu robh do chionta mòr, do lochdan lìonmhor, rinn mise na nithean seo ort. Uime sin bidh iadsan uile a tha gad shlugadh, air an slugadh, agus thèid do naimhdean uile, gach aon dhiubh ann am braighdeanas: bidh iadsan a tha gad chreachadh nan creich, agus na h‑uile a tha a’ dèanamh cobhartaich dhìot, bheir mise gu bhith nan cobhartach. Oir aisigidh mi slàinte dhut, agus lèighsidh mi do chreuchdan, deir an Tighearna; ged a thubhairt iad riut, Dìobarach, Sion, ise do nach eil aig aon neach suim. Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise air a h‑ais bruid pàilleanan Iàcoib, agus air a ionadan‐còmhnaidh nì mi iochd, agus togar a’ chathair air a tòrr fhèin, agus bidh an lùchairt a rèir a nòis fhèin air a daingneachadh. Agus a‑mach asda thig buidheachas, agus guth na muinntir a nì gàirdeachas; agus nì mise lìonmhor iad, agus cha bhi iad tearc; nì mi fòs glòrmhor iad, agus cha bhi iad suarach. Bidh a chlann fòs mar roimhe seo agus bidh a choitheanal air a dhaingneachadh ann am làthair‐sa, agus nì mi peanas air gach neach a shàraicheas e. Agus thig Uachdaran uaithe fhèin, agus thig a fhear‐riaghlaidh a‑mach as a mheadhon; agus tàirngidh mise e, agus thig e dlùth dhomh: oir cò e seo a shocraich a chridhe air teachd am fagas dhòmhsa? deir an Tighearna. Agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhuibhse. Feuch, tha cuairt‐ghaoth an Tighearna a’ dol a‑mach le corraich; cuairt‐ghaoth bhuan, a thuiteas le dòrainn air ceann nan ciontach. Cha till dian‐chorraich an Tighearna air a h‑ais, gus an dèan, agus gus an coilean e, rùn a chridhe: anns na làithean deireannach bheir sibh seo fa‑near. Anns an àm sin, deir an Tighearna, bidh mise ann am Dhia do uile theaghlaichean Israeil, agus bidh iadsan dhòmhsa nan sluagh. Mar seo deir an Tighearna, Fhuair an sluagh a dh’fhàgadh leis a’ chlaidheamh coibhneas anns an fhàsach; eadhon Israel, nuair a chaidh mise a thoirt fois dha. O chèin dh’fhoillsicheadh Iehòbhah dhòmhsa, ag ràdh, Seadh, le gràdh sìorraidh ghràdhaich mi thu; uime sin tharraing mi thu le coibhneas gràdhach. A‑rìs togaidh mi thu, agus bidh tu air do thogail, O òigh Israeil; a‑rìs sgeadaichear thu led thiompanan, agus thèid thu a‑mach ann an dannsa na muinntir a nì aighear. Suidhichidh tu fhathast fìonliosan air slèibhtean Shamaria; suidhichidh an luchd‐suidheachaidh, agus ithidh iad an toradh. Oir thàinig an là, dh’èigh an luchd‐faire air sliabh Ephraim; èiribh, agus rachamaid suas gu Sion, a‑chum an Tighearna ar Dia. Oir mar seo deir an Tighearna, Dèanaibh iolach ann an Iàcob le aoibhneas, agus dèanaibh luathghair am measg rogha nan cinneach; cuiribh an cèill, molaibh, agus abraibh, O Thighearna, saor do shluagh, iarmad Israeil. Feuch, bheir mi iad on tìr mu thuath, agus tionailidh mi iad o chrìochan na talmhainn: an dall agus am bacach maille riu, a’ bhean thorrach, maraon agus ise a tha ri saothair; nan cuideachd mhòir tillidh iad. Thig iad le gul, agus le caomhalachd nì mise an treòrachadh; treòraichidh mi iad ri taobh nan sruthan uisge, air slighe rèidh, far nach faigh iad tuisleadh; oir tha mise ann am athair do Israel; agus Ephraim, is esan mo chiad‐ghin. Cluinnibh facal an Tighearna, O chinneachan, agus cuiribh an cèill e anns na h‑eileanan fad as, agus abraibh, Esan a sgap Israel, nì e a chruinneachadh agus a choimhead, mar a nì buachaille a threud. Oir shaor an Tighearna Iàcob, agus dh’fhuasgail e e o làimh an fhir a bu treasa na e fhèin. Uime sin thig iad agus seinnidh iad ann an àirde Shioin, agus cruinnichidh iad ri chèile a‑chum maitheas an Tighearna airson cruithneachd, agus airson fìona, agus airson ola, agus airson àlach an treud agus na sprèidhe: agus bidh an anam mar ghàrradh uisgichte, agus cha dèan iad air aon chor bròn nas mò. An sin nì an òigh gàirdeachas anns an dannsa, na daoine òga, agus na seann daoine le chèile: oir tionndaidhidh mise am bròn gu aoibhneas, agus bheir mi dhaibh comhfhurtachd, agus nì mi sòlasach iad an dèidh an àmhghair. Agus sàsaichidh mi anam nan sagart le nithean blasda, agus bidh mo shluagh air an sàsachadh lem mhaitheas, deir an Tighearna. Mar seo deir an Tighearna, Chualas guth ann an Ramah, caoidh, gul ro‑ghoirt; Rachel a’ gul airson a cloinne; dhiùlt i comhfhurtachd airson a cloinne, a chionn nach eil iad ann. Mar seo deir an Tighearna, Cùm do ghuth o chaoidh, agus do shùilean o dheòir; oir gheibh do shaothair duais, deir an Tighearna, agus thig iad a‑rìs o thìr an nàmhaid. Agus tha dòchas a‑thaobh do chrìch dheireannaich, deir an Tighearna, gun tig do chlann a‑rìs gu an crìochan fhèin. Gu deimhinn chuala mi Ephraim a’ caoidh gu goirt, Smachdaich thu mi, agus bha mi air mo smachdachadh, mar dhamh nach do chleachd a’ chuing: till thusa mi, agus bidh mi air mo thilleadh: oir is tu an Tighearna mo Dhia. Gu deimhinn an dèidh dhomh a bhith air mo thilleadh, ghabh mi aithreachas; agus an dèidh dhomh a bhith air mo theagasg, bhuail mi air mo leis; bha nàire orm, seadh fòs geur‐amhluadh, a chionn gun do ghiùlain mi masladh m’òige. Nach e Ephraim mo mhac caomh? Nach leanabh ro‑thaitneach e? Oir on uair anns an do labhair mi na aghaidh, tha mi gu dùrachdach ga chuimhneachadh fhathast: uime sin tha iomairt ann am chom air a shon: nì mi gu deimhinn tròcair air, deir an Tighearna. Cuir suas dhut fhèin comharraidhean slighe; dèan dhut fhèin croinn àrda: cuir do chridhe ris an t‑slighe, an t‑slighe air an d’imich thu: till a‑rìs, O òigh Israeil, till a‑rìs a dh’ionnsaigh do chathraichean seo. Cia fhad a bhios tu a’ tionndadh mun cuairt, O nighean chùl‐sleamhnach? Oir chruthaich an Tighearna nì nuadh air an talamh. Nì bean fear a chuartachadh. Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Gnàthaichidh iad fhathast a’ chainnt seo ann am fearann Iùdah, agus na bhailtean, nuair a bheir mise air a h‑ais am bruid, Gum beannaicheadh an Tighearna thu, O àite‐còmhnaidh a’ cheartais, O shlèibh na naomhachd. Agus ann an Iùdah, agus na uile bhailtean, gabhaidh treabhaichean còmhnaidh, agus luchd‐coimhead nan treud. Oir shàsaich mise an t‑anam tartmhor, agus gach anam acrach lìon mi. An sin mhosgail, agus chunnaic mi, agus bha mo chadal taitneach dhomh. Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an cuir mise taigh Israeil agus taigh Iùdah le sìol duine agus le sìol ainmhidh. Agus tàrlaidh, amhail a rinn mise faire os an cionn gu spìonadh a‑nìos, gu briseadh, agus gu tilgeadh sìos, agus gu sgrios, agus gu claoidh; mar sin nì mi faire os an cionn, gu togail, agus gu suidheachadh, deir an Tighearna. Anns na làithean sin chan abair iad nas mò, Dh’ith na h‑athraichean meas searbh, agus tha dèisinn air fiaclan na cloinne. Ach gheibh gach aon bàs na aingidheachd fhèin; gach aon a dh’itheas an caorann searbh, air a fhiaclan‐san bidh dèisinn. Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an dèan mise coicheangal nuadh ri taigh Israeil, agus ri taigh Iùdah: Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do ghlac mi air làimh iad, a‑chum an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit; eadhon mo choicheangal a bhris iad, ged bha mi am fhear‐pòsda dhaibh, deir an Tighearna: Ach seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil: An dèidh nan làithean sin, deir an Tighearna, cuiridh mi mo reachd nan taobh a‑staigh, agus sgrìobhaidh mi air an cridheachan e, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia, agus bidh iadsan dhòmhsa nam poball. Agus cha teagaisg iad nas mò gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabhaibh eòlas air an Tighearna; oir bidh eòlas aca ormsa uile, on neach as lugha, gus an neach as mò dhiubh, deir an Tighearna: oir maithidh mise an aingidheachd, agus cha chuimhnich mi nas mò an cionta. Mar seo deir an Tighearna, a tha a’ toirt na grèine airson solas an là, òrdaighean na gealaich agus nan reultan airson solais anns an oidhche, a tha a’ dèanamh na fairge ciùin, tràth bhios a tuinn a’ beucaich; Tighearna nan sluagh is e a ainm. Mar a dh’imicheas na h‑òrdaighean seo as mo shealladh‐sa, deir an Tighearna, an sin cuideachd sguiridh sliochd Israeil o bhith nan cinneach am feasd ann am làthair. Mar seo deir an Tighearna, Ma dh’fhaodar na nèamhan shuas a thomhas, agus bunaitean na talmhainn shìos a rannsachadh a‑mach, an sin tilgidh mise uam mar an ceudna uile shliochd Israeil, airson gach nì a rinn iad, deir an Tighearna. Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an togar a’ chathair airson an Tighearna, o thùr Hanameeil gu geata na h‑oisne. Agus thèid an t‑sreang‐thomhais fhathast a‑mach ma coinneamh, thar sliabh Ghareib, agus cuartaichidh i a‑steach Goat. Agus gleann nan corp marbha gu h‑iomlan, agus na luaithre, agus na machraichean uile gu sruthan Chidroin, gu oisinn geata nan each an taobh an ear, bidh iad naomh don Tighearna: cha spìonar a‑nìos, agus cha tilgear sìos e nas mò gu bràth. Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna anns an deicheamh bliadhna de linn Shedeciah rìgh Iùdah (b’i sin an t‑ochdamh‐bliadhna‑deug de linn Nebuchadnesair): Anns an àm anns an robh feachd rìgh Bhàbiloin a’ cuartachadh Ierusaleim, agus Ieremiah am fàidh air a dhruideadh suas ann an cùirt a’ phrìosain a bha ann an taigh rìgh Iùdah. Oir dhruid Sedeciah rìgh Iùdah suas e, ag ràdh, Cuime a bheil thu ri fàistneachd, agus ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise a’ chathair seo do làimh rìgh Bhàbiloin, agus glacaidh esan i? Agus cha tèid Sedeciah rìgh Iùdah as o làimh nan Caldèanach, ach bheirear suas e gu deimhinn do làimh rìgh Bhàbiloin, agus labhraidh e ris, beul ri beul, agus chì a shùilean a shùilean‐san. Agus bheir e leis Sedeciah gu Bàbilon, agus an sin bidh e gus an tig mise ga amharc, deir an Tighearna: ged ghleacas sibh ris na Caldèanaich, cha bhuadhaich sibh. Agus thubhairt Ieremiah, Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Feuch, thig Hanameel mac Shaluim, bràthair d’athar, dod ionnsaigh, ag ràdh, Ceannaich dhut fhèin m’achadh‐sa a tha ann an Anatot, oir is leat còir a fhuasglaidh, gus a ceannach. Agus thàinig Hanameel, mac bràthar‐m’athar, am ionnsaigh ann an cùirt a’ phrìosain, a rèir facal an Tighearna, agus thubhairt e rium, Ceannaich, guidheam ort, m’achadh a tha ann an Anatot ann an dùthaich Bheniàmin: oir is leatsa a’ chòir‐sheilbhe, agus is leatsa a fuasgladh, ceannaich i dhut fhèin: an sin dh’aithnich mi gum b’e seo facal an Tighearna. Agus cheannaich mi achadh Hanameeil, mac bràthar‐m’athar, a bha ann an Anatot, agus thomhais mi dha an t‑airgead, seachd‐seceil‐deug airgid. Agus chuir mi mo làmh ris an sgrìobhadh, agus sheulaich mi e, agus ghabh mi fianaisean, agus thomhais mi an t‑airgead air a’ mheidh. Agus ghabh mi dearbhadh a’ cheannaich, e sin anns an robh an gnothach agus na cùmhnantan seulaichte, agus e sin a bha fosgailte. Agus thug mi dearbhadh a’ cheannaich do Bharuch mac Neriah, mhic Mhaaseiah, ann an sealladh Hanameeil mac bràthar‐m’athar, agus an làthair nam fianaisean, a chuir an làmh ri leabhar a’ cheannaich, an làthair nan Iùdhach uile a bha nan suidhe ann an cùirt a’ phrìosain. Agus thug mi earail theann do Bharuch nan làthair, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Gabh na sgrìobhainnean seo, sgrìobhadh seo na ceannachd, araon e sin a tha seulaichte, agus an sgrìobhadh seo a tha fosgailte, agus cuir iad ann an soitheach creadha, a‑chum gum mair iad mòran làithean. Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Sealbhaichear taighean, agus machraichean, agus fìonliosan anns an tìr seo fhathast. A‑nis nuair a thug mi seachad sgrìobhadh na ceannachd do Bharuch mac Neriah, rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna, ag ràdh, Ah, Thighearna Dhia, feuch, rinn thusa nèamh agus an talamh led mhòr‐chumhachd agus led ghàirdean sìnte a‑mach, agus chan eil nì sam bith tuilleadh is cruaidh ort. Taisbeanaidh tu coibhneas gràdhach do mhìltean, agus dìolaidh tu aingidheachd nan athraichean ann an uchd an cloinne nan dèidh; an Dia mòr, cumhachdach, don ainm Tighearna nan sluagh; Mòr ann an comhairle, agus cumhachdach ann an gnìomh (oir tha do shùilean fosgailte air uile shlighean clann nan daoine, a thoirt do gach aon a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a ghnìomharan ); A dh’fhoillsich comharraidhean agus mìorbhailean ann an tìr na h‑Eiphit, agus am measg dhaoine, agus a rinn dhut fhèin ainm, mar air an là‑an‑diugh; Agus a thug a‑mach do shluagh Israel à tìr na h‑Eiphit le comharraidhean, agus le mìorbhailean, agus le làimh làidir, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhas mòr; Agus a thug dhaibh am fearann seo, a mhionnaich thu don athraichean gun tugadh tu dhaibh, fearann a’ sruthadh le bainne agus le mil: Agus thàinig iad a‑steach, agus shealbhaich iad e; ach cha tug iad gèill dod ghuth‐sa, cha mhò a ghluais iad ann ad reachd; cha do rinn iad nì sam bith de na h‑uile nithean a dh’àithn thusa dhaibh a dhèanamh; uime sin thug thu an t‑olc seo uile orra. Feuch na h‑innealan‐brisidh, tha iad air teachd a‑chum na cathrach gus a glacadh, agus tha a’ chathair gus a toirt do làimh nan Caldèanach a tha a’ cogadh na h‑aghaidh, airson a’ chlaidheimh, agus na gorta, agus na plàighe; agus an nì a labhair thu, thàinig e gu crìch; agus, feuch, tha thusa ga fhaicinn. Gidheadh thubhairt thu riumsa, O Thighearna Dhia, Ceannaich dhut fhèin an t‑achadh airson airgid, agus gabh fianaisean: nuair tha a’ chathair air a toirt thairis do làimh nan Caldèanach. An sin thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah, ag ràdh, Feuch, is mise an Tighearna, Dia na h‑uile fheòla, a bheil nì sam bith tuilleadh is cruaidh ormsa? Uime sin, mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mi a’ chathair seo do làimh nan Caldèanach, agus do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, agus glacaidh e i. Agus thig na Caldèanaich a tha a’ cogadh an aghaidh na cathrach seo, agus cuiridh iad teine rithe, agus loisgidh iad i, maille ris na taighean air mullach an do loisg iad tùis do Bhàal, agus air an do dhòirt iad tabhartasan‐dibhe a‑mach do dhiathan eile, a‑chum mise a bhrosnachadh gu feirg. Oir cha do rinn clann Israeil agus clann Iùdah ach olc a‑mhàin ann am fhianais‐sa on òige; oir cha do rinn clann Israeil ach a‑mhàin mo bhrosnachadh gu feirg le obair an làmhan; deir an Tighearna. Oir bha a’ chathair seo dhòmhsa na h‑adhbhar feirge agus corraich, on là anns an do thog iad i, eadhon gus an là‑an‑diugh; a‑chum gun atharraichinn i as mo shealladh; Airson uile aingidheachd chloinn Israeil, agus chloinn Iùdah, a rinn iad a‑chum mise a bhrosnachadh gu corraich, iad fhèin, an rìghrean, an uachdarain, an sagartan, agus am fàidhean, agus muinntir Iùdah, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim. Agus thionndaidh iad riumsa an cùl, agus chan i an aghaidh; ged a theagaisg mi iad, ag èirigh gu moch agus a’ teagasg, gidheadh cha d’èisd iadsan, a ghabhail teagaisg. Ach shuidhich iad an gràinealachdan anns an taigh a tha air ainmeachadh ormsa, a‑chum a thruailleadh. Agus thog iad ionadan àrda Bhàail, a tha ann an gleann mac Hinoim, a thoirt air am mic agus air an nigheanan dol tron teine do Mholoch; nì nach d’àithn mise dhaibh, agus nach tàinig idir ann am aire; a’ cur an gnìomh na gràinealachd seo, gu cionta a thoirt air Iùdah. Agus a‑nis uime sin, mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, a‑thaobh na cathrach seo, mum bheil sibhse ag ràdh, Bidh i air a toirt thairis do làimh rìgh Bhàbiloin, leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh: Feuch, tionailidh mise iad as na h‑uile dhùthchannan gus an d’fhògair mi iad ann am chorraich, agus ann am bhoile, agus ann am mhòr‐fheirg; agus bheir mi a‑chum an àite seo iad a‑rìs, agus bheir mi orra còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte. Agus bidh iad dhòmhsa nan sluagh, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia. Agus bheir mi dhaibh aon chridhe, agus aon slighe, a‑chum gum bi m’eagal‐sa gu bràth orra, a‑chum an leas fhèin, agus leas an cloinne nan dèidh. Agus nì mi riu coicheangal sìorraidh, nach till mi air falbh uapa, a‑chum math a dhèanamh dhaibh; agus cuiridh mi m’eagal nan cridhe, a‑chum nach dealaich iad rium. Seadh, nì mi gàirdeachas os an cionn a‑chum math a dhèanamh dhaibh, agus suidhichidh mi iad anns an fhearann seo gu deimhinn, lem uile chridhe, agus lem uile anam. Oir mar seo deir an Tighearna, Amhail a thug mi an t‑olc mòr seo uile air an t‑sluagh seo, is amhlaidh a bheir mi orra am math sin uile a gheall mi dhaibh. Agus ceannaichear achaidhean anns an fhearann seo, mum bheil sibhse ag ràdh, Tha e fàs gun duine no ainmhidh: tha e air a thoirt do làimh nan Caldèanach. Ceannaichidh daoine achaidhean airson airgid, agus cuiridh iad an làmh ri sgrìobhainnean, agus seulaichidh iad, agus gabhaidh iad fianaisean ann am fearann Bheniàmin, agus anns na h‑àiteachan dlùth do Ierusalem, agus ann am bailtean Iùdah, agus ann am bailtean nam beann, agus ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus ann am bailtean na h‑àird a deas: oir bheir mise air a h‑ais am bruid, deir an Tighearna. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah an dara uair (an tràth bha e fhathast air a dhruideadh suas ann an cùirt a’ phrìosain ), ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna a rinn e, an Tighearna a dhealbh e, a tha fòs ga dhaingneachadh; is e a ainm Iehòbhah; Glaodh riumsa, agus freagraidh mi thu, agus feuchaidh mi dhut nithean mòra agus cumhachdach, air nach eil thu eòlach. Oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, a‑thaobh taighean na cathrach seo, agus a‑thaobh taighean rìghrean Iùdah, a tha air an tilgeadh sìos leis na h‑innealan‐brisidh, agus leis a’ chlaidheamh; A tha air teachd gu cogadh air taobh nan Caldèanach, agus gu an lìonadh le cuirp mharbha nan daoine a bhuail mise ann am fheirg, agus ann am chorraich, agus a thug orm, airson an uile aingidheachd, mo ghnùis fhalach on chathair seo: Feuch, bheir mi dhi slàinte agus leigheas, agus nì mi an slànachadh; agus nochdaidh mi dhaibh pailteas sìthe agus fìrinn. Agus bheir mi air a h‑ais bruid Iùdah, agus bruid Israeil; agus togaidh mi iad, mar air tùs. Agus glanaidh mi iad on uile aingidheachd, leis an do chiontaich iad am aghaidh; agus maithidh mi an uile lochdan, leis an do pheacaich iad, agus leis an do rinn iad ceannairc am aghaidh. Agus bidh a’ chathair seo dhòmhsa na h‑ainm sòlais, na moladh, agus na maise, am measg uile chinnich na talmhainn, a chluinneas gach uile mhath a nì mise dhaibh: agus bidh eagal agus crith orra, airson an uile mhaitheis, agus airson an uile shoirbheachaidh a dheònaicheas mise dhaibh. Mar seo deir an Tighearna, A‑rìs cluinnear anns an àite seo (mum bheil sibhse ag ràdh, Tha e fàs gun duine agus gun ainmhidh, eadhon ann an cathraichean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, a tha fàs, gun duine, eadhon gun fhear‐àiteachaidh, agus gun ainmhidh), Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh‐phòsda, agus guth na mnà nuadh‐phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh‐se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt‐mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna. Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Fhathast anns an àite seo a tha fàs, gun duine agus gun ainmhidh, agus na uile bhailtean, bidh àite‐còmhnaidh nam buachaillean a’ toirt air an treudan laighe sìos. Ann am bailtean nam beann, agus ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus ann am bailtean na h‑àird a deas, agus ann am fearann Bheniàmin, agus anns na h‑ionadan timcheall Ierusaleim, agus ann am bailtean Iùdah, siùbhlaidh na treudan a‑rìs fo làimh an tì a ghabhas an àireamh, deir an Tighearna. Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an coilean mise an nì math sin a gheall mi do thaigh Israeil, agus do thaigh Iùdah. Anns na làithean sin, agus anns an àm sin, bheir mise air Meanglan fìreantachd fàs suas do Dhaibhidh, agus cuiridh e an gnìomh breitheanas agus ceartas air an talamh. Anns na làithean sin tèarnar Iùdah, agus gabhaidh Ierusalem còmhnaidh ann an tèarainteachd: agus is e seo esan ris an goirear Iehòbhah ar Fìreantachd. Oir mar seo tha Iehòbhah ag ràdh, Cha bhi gu bràth a dh’uireasbhaidh air Daibhidh duine a shuidheas air rìgh‐chathair taigh Israeil; Cha mhò a bhios na sagartan, na Lèbhithich, gun duine ann am làthair‐sa, a dh’ìobradh thabhartas‐loisgte, agus a losgadh thabhartas‐bìdh, agus a dhèanamh ìobairt an còmhnaidh. Thàinig facal an Tighearna fòs gu Ieremiah, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Ma dh’fhaodar leibh mo choicheangal‐sa ris an là a bhriseadh, agus mo choicheangal ris an oidhche, agus nach bi là no oidhche ann nan àm fhèin; An sin fòs faodar mo choicheangal‐sa ri Daibhidh m’òglach a bhriseadh, gun mhac a bhith aige gu riaghladh air a rìgh‐chathair; agus ris na Lèbhithich, na sagartan, mo luchd‐frithealaidh. Mar nach faod feachd nèimh a bhith air àireamh, no gaineamh na fairge a bhith air a tomhas: is amhlaidh a nì mise lìonmhor sliochd Dhaibhidh m’òglach, agus na Lèbhithich a tha a’ frithealadh dhomh. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah, ag ràdh, A bheil thu a’ toirt fa‑near ciod a tha an sluagh seo a’ labhairt, ag ràdh, An dà theaghlach a roghnaich an Tighearna, rinn e an tilgeadh uaithe? Agus rinn iad dìmeas air mo shluagh‐sa, air chor is nach eil iad gam meas nas mò mar chinneach. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mura eil mo choicheangal‐sa ris an là agus ris an oidhche; reachdan nèimh agus na talmhainn mura do shocraich mi; An sin tilgidh mi uam sliochd Iàcoib, agus Dhaibhidh m’òglach, gun aon de a shliochd a ghabhail, gu bhith nan luchd‐riaghlaidh thar sliochd Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib: oir bheir mi air a h‑ais am bruid, agus nì mi tròcair orra. Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna (nuair a chog Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, agus a uile fheachd, agus uile rìoghachdan an domhain a bha fo a thighearnas, agus na slòigh uile, an aghaidh Ierusaleim, agus an aghaidh a h‑uile bhailtean), ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus labhair ri Sedeciah rìgh Iùdah, agus abair ris, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise a’ chathair seo do làimh rìgh Bhàbiloin, agus loisgidh e i le teine: Agus thusa, cha tèid thu as o làimh, ach bidh tu gu cinnteach air do ghlacadh, agus air do thoirt thairis da làimh, agus chì do shùilean rìgh Bhàbiloin, agus labhraidh e riut beul ri beul, agus falbhaidh tu gu Bàbilon. Gidheadh cluinn facal an Tighearna, O Shedeciah, a rìgh Iùdah: Mar seo deir an Tighearna dod thaobh‐sa, Chan fhaigh thu bàs leis a’ chlaidheamh; Gheibh thu bàs ann an sìth; agus a rèir losgadh d’athraichean, na rìghrean roimhe seo, a bha air thoiseach ortsa, is amhlaidh a loisgear tùis dhutsa; agus nì iad caoidh air do shon, ag ràdh, Och a thighearna! oir labhair mise am facal, deir an Tighearna. Agus labhair Ieremiah am fàidh na briathran seo uile ri Sedeciah rìgh Iùdah, ann an Ierusalem, Nuair a chog feachd rìgh Bhàbiloin an aghaidh Ierusaleim, agus an aghaidh uile bhailtean Iùdah a bha air am fàgail, an aghaidh Lacheis, agus an aghaidh Asecah: oir mhair iad seo de bhailtean Iùdah nam bailtean daingnichte. Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna, an dèidh do rìgh Sedeciah coicheangal a dhèanamh ris an uile shluagh a bha ann an Ierusalem, a dh’èigheach saorsa dhaibh: A‑chum gun leigeadh gach duine da òglach, agus gach duine da bhanoglaich, Eabhrach no ban‐Eabhrach, falbh saor, gun neach a ghabhail seirbhis dhiubh, gach aon a’ toirt saorsa do Iùdhach, a bhràthair. A‑nis, nuair a chuala na h‑uachdarain uile, agus an sluagh uile a thionnsgain anns a’ choicheangal, gun leigeadh gach duine da òglach, agus gach duine da bhanoglaich falbh saor, nach gabhadh aon seirbhis dhiubh na bu mhò, an sin thug iad gèill, agus leig iad air falbh iad. Ach thionndaidh iad a‑rìs, agus thug iad air na h‑òglaich, agus air na banoglaich, a leigeadh air falbh saor, tilleadh air an ais, agus thug iad fo smachd iad, a‑chum a bhith nan òglaich, agus nam banoglaich. Uime sin thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Rinn mise coicheangal ri ur n‑athraichean anns an là anns an tug mi iad a‐mach à tìr na h‑Eiphit, à taigh nan daor, ag ràdh, An ceann seachd bliadhna, leigibh a chead, gach aon da bhràthair Eabhrach, a bha air a reic riut: nuair a bheir e seirbhis dhut sia bliadhna, leigidh tu dha falbh uat saor. Ach cha d’èisd ur n‑athraichean riumsa, cha mhò a dh’aom iad an cluas. Agus bha sibh a‑nis air tilleadh, agus air dèanamh gu ceart ann am shealladh‐sa, le saorsa a ghlaodhach, gach neach da choimhearsnach; agus rinn sibh coicheangal ann am fhianais, anns an taigh a tha air a ghairm air m’ainm. Ach thill sibh, agus thruaill sibh m’ainm, agus thug sibh, gach aon air a òglach, agus gach aon air a bhanoglaich, a leig e saor uaithe gu a thoil fhèin, tilleadh air an ais; agus chuir sibh fo smachd iad, gu bhith dhuibh nan òglaich agus nam banoglaich. Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, Cha d’èisd sibh riumsa ann an saorsa a ghlaodhach, gach aon da bhràthair, agus gach aon da choimhearsnach: feuch dur taobh‐se tha mise a’ glaodhach saorsa, deir an Tighearna, don chlaidheamh, don phlàigh, agus don ghort; agus bheir mi oirbh a bhith air ur luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain. Agus bheir mi a’ mhuinntir a bhris mo choicheangal, nach do choilean briathran a’ choicheangail a rinn iad ann am làthair‐sa, nuair a gheàrr iad an laogh na dhà leth, agus a dh’imich iad eadar a bhloighdean; Ceannardan Iùdah, agus ceannardan Ierusaleim, agus na caillteanaich, agus na sagartan, agus uile shluagh an fhearainn a dh’imich eadar bloighdean an laoigh; Bheir mi eadhon iad sin do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama; agus bidh an cairbhean mar bhiadh do eunlaith an adhair, agus do bheathaichean na talmhainn. Agus Sedeciah rìgh Iùdah, agus a phrionnsachan, bheir mise do làimh an naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama, eadhon do làimh feachdan rìgh Bhàbiloin, a tha air imeachd suas uaibh. Feuch, bheir mise àithne, deir an Tighearna, agus bheir mi orra tilleadh air an ais don chathair seo; agus cogaidh iad na h‑aghaidh, agus glacaidh iad i, agus loisgidh iad i le teine; agus bailtean Iùdah nì mi nan làraich sgaoilte, gun aon neach gan àiteachadh. Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna, ann an làithean Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, ag ràdh, Imich gu taigh nan Rechabach, agus labhair riu, agus thoir iad a‑chum taigh an Tighearna gu aon de na seòmraichean, agus thoir dhaibh fìon ra òl. An sin ghabh mi Iaasaniah mac Ieremiah, mhic Habasiniah, agus a bhràithrean, agus uile mhic, agus uile theaghlach nan Rechabach: Agus thug mi iad gu taigh an Tighearna, gu seòmar mic Hanain mhic Igdaliah, òglach Dhè, a bha ri taobh seòmar nan uachdaran, a bha ri taobh seòmar Mhaaseiah mhic Shaluim, fear‐gleidhidh an dorais: Agus chuir mi air beulaibh mic taigh nan Rechabach soireachan làn fìona, agus cupain; agus thubhairt mi riu, Olaibh fìon. Ach thubhairt iadsan, Chan òl sinne fìon: oir thug Ionadab mac Rechaib ar n‑athair àithne dhuinn, ag ràdh, Na òlaibh‐se fìon, sibh fhèin no ur mic gu bràth. Cha mhò a thogas sibh taigh, no a chuireas sibh sìol, no a shuidhicheas sibh fìonlios, no a bhios aon agaibh; ach fad ur n‑uile làithean nì sibh còmhnaidh ann am bùthan, a‑chum gum mair sibh mòran làithean anns an fhearann anns a bheil sibh nur coigrich. Agus thug sinn gèill do ghuth Ionadaib mhic Rechaib ar n‑athar, anns gach nì a chuir e mar fhiachaibh oirnn, gun fhìon air bith òl fad ar n‑uile làithean, sinn fhèin, ar mnathan, ar mic, no ar nigheanan; No taighean a thogail dhuinn fhèin gu còmhnaidh a ghabhail annta: cha mhò a tha againn fìonlios, no achadh, no sìol. Ach ghabh sinn còmhnaidh ann am bùthan, agus thug sinn gèill, agus rinn sinn a rèir gach nì a dh’àithn ar n‑athair Ionadab dhuinn. Ach thàrladh, nuair a thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin a‑nìos don fhearann, gun dubhairt sinn, Thigibh, agus rachamaid gu Ierusalem, air eagal feachd nan Caldèanach, agus air eagal feachd nan Sirianach: air an adhbhar sin tha sinn a chòmhnaidh ann an Ierusalem. An sin thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Imich agus abair ri fir Iùdah, agus ri luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, Nach gabh sibh ri teagasg, a thoirt èisdeachd dom bhriathran‐sa? deir an Tighearna. Tha briathran Ionadaib mhic Rechaib, a dh’àithn e da mhic gun fhìon òl, air an coileanadh; oir gus an là‑an‑diugh chan òl iad fìon sam bith, ach tha iad umhail do àithne an athar: gidheadh labhair mise ribhse, ag èirigh gu moch agus a’ labhairt, ach cha d’èisd sibh rium. Chuir mi dur n‑ionnsaigh mar an ceudna m’uile sheirbhisich na fàidhean, ag èirigh gu moch agus gan cur a mach, ag ràdh, Tillibh a‑nis, gach aon o a dhroch shlighe, agus leasaichibh ur dèanadas, agus na rachaibh air lorg dhiathan eile gu seirbhis a thoirt dhaibh agus gabhaibh còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dhuibh, agus dur n‑athraichean: ach cha d’aom sibh ur cluas, cha mhò a thug sibh èisdeachd dhomh. A chionn gun do choilean mic Ionadaib, mac Rechaib, àithne an athar, a dh’àithn e dhaibh, ach nach d’èisd an sluagh seo riumsa; Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh, Dia Israeil: Feuch, bheir mise air Iùdah, agus air uile luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, an t‑olc sin uile a labhair mi nan aghaidh: a chionn gun do labhair mi riu, ach nach d’èisd iad; agus gun do ghlaodh mi riu, ach nach do fhreagair iad. Agus ri teaghlach nan Rechabach thubhairt Ieremiah, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, A chionn gun tug sibhse gèill do àithne Ionadaib ur n‑athair, agus gun do choimhead sibh a uile iarrtasan, agus gun do rinn sibh a rèir gach nì a dh’àithn e dhuibh; Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Cha bhi Ionadab mac Rechaibh gun duine aige gu seasamh ann am làthair‐sa gu bràth. Agus thàrladh ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah, rìgh Iùdah, gun tàinig am facal seo gu Ieremiah on Tighearna, ag ràdh, Gabh dhut clàr‐sgrìobhaidh, agus sgrìobh ann na h‑uile bhriathran a labhair mise riut an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, agus an aghaidh nan uile chinneach, on là anns an do labhair mi riut ann an làithean Iosiah, eadhon gus an là‑an‑diugh. Theagamh gun tabhair taigh Iùdah fa‑near an t‑olc sin uile a tha ann am aire‐sa a dhèanamh orra; air chor is gun till iad, gach aon o a dhroch shlighe, agus gum maith mise an aingidheachd agus am peacadh. An sin ghairm Ieremiah Baruch mac Neriah; agus sgrìobh Baruch o bheul Ieremiah uile bhriathran an Tighearna, a labhair e ris, air clàr‐sgrìobhaidh. Agus dh’àithn Ieremiah do Bharuch, ag ràdh, Tha mise air mo dhruideadh suas, chan urrainn mi dol gu taigh an Tighearna; Uime sin, imich thusa agus leugh anns a’ chlàr a sgrìobh thu om bheul‐sa briathran an Tighearna, ann an èisdeachd an t‑sluaigh, ann an taigh an Tighearna, air là an traisg: agus fòs leughaidh tu iad ann an èisdeachd Iùdah uile a thig a‑mach as am bailtean. Theagamh gun taisbein iad an athchuinge an làthair an Tighearna, agus gun till iad, gach aon o a dhroch shlighe; oir is mòr an fhearg agus a’ chorraich a labhair an Tighearna an aghaidh an t‑sluaigh seo. Agus rinn Baruch mac Neriah a rèir gach nì a dh’àithn Ieremiah am fàidh dha, a’ leughadh anns an leabhar briathran an Tighearna ann an taigh an Tighearna. Agus thàrladh ann an còigeamh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, anns an naoidheamh mìos, gun d’èigh iad trasg an làthair an Tighearna, an sluagh uile a bha ann an Ierusalem, agus an sluagh uile a thàinig o bhailtean Iùdah gu Ierusalem. An sin leugh Baruch anns an leabhar briathran Ieremiah ann an taigh an Tighearna, ann an seòmar Ghemiriah mhic Shaphain an sgrìobhaiche, anns a’ chùirt uachdaraich, aig dol a‑steach geata nuadh taigh an Tighearna, ann an èisdeachd an t‑sluaigh uile. Agus chuala Michaiah mac Ghemariah, mhic Shapain, uile bhriathran an Tighearna as an leabhar. Agus chaidh e sìos gu taigh an rìgh, gu seòmar an sgrìobhaiche; agus, feuch, bha na h‑uachdarain uile nan suidhe an sin, Elisama an sgrìobhaiche, agus Delaiah mac Shemaiah, agus Elnàtan mac Achboir, agus Gemariah mac Shaphain, agus Sedeciah mac Hananiah, agus na h‑uaislean uile. An sin chuir Michaiah an cèill dhaibh na h‑uile bhriathran a chuala e, nuair a leugh Baruch an leabhar ann an èisdeachd an t‑sluaigh. Agus chuir na h‑uachdarain uile Iehudi mac Netaniah, mhic Shelemiah, mhic Chusi, gu Baruch, ag ràdh, Glac ann ad làimh an clàr anns an do leugh thu ann an èisdeachd an t‑sluaigh, agus thig. Agus ghabh Baruch mac Neriah an clàr na làimh, agus thàinig e don ionnsaigh. Agus thubhairt iad ris, Suidh sìos a‑nis, agus leugh e nar n‑èisdeachd. Agus leugh Baruch nan èisdeachd. A‑nis thàrladh, nuair a chuala iad na h‑uile bhriathran, gun d’amhairc iad le eagal, gach aon air a chèile; agus thubhairt iad ri Baruch, Innsidh sinn gu deimhinn don rìgh na briathran seo air fad. Agus dh’fheòraich iad de Bharuch, ag ràdh, Innis dhuinn a‑nis cionnas a sgrìobh thu na briathran seo uile o a bheul? Agus fhreagair Baruch iad, Labhair e rium le a bheul na briathran seo uile, agus sgrìobh mi iad le dubh ann an leabhar. An sin thubhairt na h‑uachdarain ri Baruch, Falbh, agus falaich thu fhèin, thusa agus Ieremiah; agus na biodh fios aig aon neach càit am bi sibh. Agus chaidh iad a‑steach a‑chum an rìgh don chùirt, ach thaisg iad suas an clàr ann an seòmar Elisamah an sgrìobhaiche; agus dh’innis iad na h‑uile bhriathran ann an èisdeachd an rìgh. An sin chuir an rìgh Iehudi a thoirt a’ chlàir da ionnsaigh, agus thug e à seòmar Elisamah an sgrìobhaiche e, agus leugh Iehudi e ann an èisdeachd an rìgh agus ann an èisdeachd nan uile uachdaran a sheas ri taobh an rìgh. Agus bha an rìgh na shuidhe anns an taigh‐gheamhraidh, anns an naoidheamh mìos, agus bha teinntean fa chomhair le èibhlean teine. Agus thàrladh nuair a leugh Iehudi trì no ceithir earrannan, gun do gheàrr e leis an sgein‐phinn e, agus thilg e anns an teine a bha air an teinntean e, gus an robh an clàr gu h‑iomlan air a chaitheamh anns an teine a bha air an teinntean. Ach cha do ghabh iad eagal, cha mhò a reub iad an trusgain, aon chuid an rìgh, no aon da sheirbhisich a chuala na briathran seo uile. Agus ged rinn Elnàtan, agus Delaiah, agus Gemeriah eadar‐ghuidhe ris an rìgh, nach loisgeadh e an clàr, gidheadh chan èisdeadh e riu. Agus dh’àithn an rìgh do Ierahmeel mac Hameleich, agus do Sheraiah mac Asrieil, agus do Shelemiah mac Abdeeil, Baruch an sgrìobhaiche agus Ieremiah am fàidh a ghlacadh: ach dh’fhalaich an Tighearna iad. An sin thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah (an dèidh don rìgh an clàr agus na briathran a sgrìobh Baruch o bheul Ieremiah a losgadh), ag ràdh, Gabh thugad a‑rìs clàr eile, agus sgrìobh ann na h‑uile bhriathran ceudna bha anns a’ chiad chlàr, a loisg Iehoiacim rìgh Iùdah. Agus their thu ri Iehoiacim rìgh Iùdah, Mar seo deir an Tighearna, Loisg thu an clàr seo, ag ràdh, Cuime an do sgrìobh thu ann, ag ràdh, Thig rìgh Bhàbiloin gu deimhinn, agus sgriosaidh e am fearann seo, agus gearraidh e gach duine agus gach beathach a‑mach as? Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna a‑thaobh Iehoiacim rìgh Iùdah, Cha bhi aige neach a shuidheas air rìgh‐chathair Dhaibhidh, agus tilgear a chairbh a‑mach a‑chum an teas anns an là, agus a‑chum an reodhaidh anns an oidhche. Agus nì mise peanas air fhèin agus air a shliochd, agus air a sheirbhisich, airson an easaontais, agus bheir mi orrasan, agus air luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus air fir Iùdah, an t‑olc sin uile a labhair mi nan aghaidh; ach cha d’èisd iad. An sin ghabh Ieremiah clàr eile, agus thug e do Bharuch mac Neriah, an sgrìobhaiche, e, a sgrìobh ann o bheul Ieremiah uile bhriathran an leabhair a loisg Iehoiacim rìgh Iùdah anns an teine; agus chuireadh os bàrr riu mòran de bhriathran eile cosmhail riu sin. Agus rìghich Sedeciah mac Iosiah ann an àite Choniah mhic Iehoiacim, a rinn Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin na rìgh ann am fearann Iùdah. Ach cha d’èisd aon chuid e fhèin no a sheirbhisich, no sluagh na tìre, ri briathran an Tighearna, a labhair e leis an fhàidh Ieremiah. Agus chuir an rìgh Sedeciah Iehucal mac Shelemiah, agus Sephaniah mac Mhaaseiah an sagart, a‑chum an fhàidh Ieremiah, ag ràdh, Dèan ùrnaigh, a‑nis guidheam ort, ris an Tighearna ar Dia air ar son‐ne. A‑nis bha Ieremiah a’ teachd a‑steach agus a’ dol a‑mach am measg an t‑sluaigh, oir cha do chuir iad fhathast ann am prìosan e. Anns an àm sin bha feachd Phàraoh air teachd a‑mach as an Eiphit; agus nuair a chuala na Caldèanaich, a bha a’ teannachadh Ierusaleim mun cuairt, iomradh orra, dh’imich iad o Ierusalem. An sin thàinig facal an Tighearna a‑chum an fhàidh Ieremiah, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Mar seo their sibh ri rìgh Iùdah a chuir thugamsa sibh, gam iarraidh: Feuch, tillidh feachd Phàraoh, a thàinig a‑mach gur còmhnadh, don Eiphit, dan tìr fhèin. Agus thig na Caldèanaich a‑rìs, agus cogaidh iad an aghaidh na cathrach seo agus glacaidh iad i, agus loisgidh iad i le teine. Mar seo deir an Tighearna, Na meallaibh sibh fhèin, ag ràdh, Gu deimhinn imichidh na Caldèanaich uainn: oir chan imich iad. Oir ged bhuaileadh sibh uile fheachd nan Caldèanach a tha a’ cogadh nur n‑aghaidh, agus nach maireadh nam measg ach daoine leònte, gach aon na bhùth, dh’èireadh iad sin fhèin suas, agus loisgeadh iad a’ chathair seo le teine. Agus thàrladh nuair a dh’imich sluagh nan Caldèanach air falbh o Ierusalem, air eagal sluagh Phàraoh, Gun d’imich an sin Ieremiah a‑mach à Ierusalem, a‑chum dol gu fearann Bheniàmin, a dh’fhaotainn cuibhrinn dheth am measg an t‑sluaigh. Agus nuair a bha e an geata Bheniàmin, bha ceannard an fhreiceadain an sin, dom b’ainm Iriah, mac Shelemiah, mhic Hananiah; agus ghlac e Ieremiah am fàidh, ag ràdh, Tha thu a’ dol thairis a‑chum nan Caldèanach. An sin thubhairt Ieremiah, Chan fhìor sin; chan eil mi a’ dol thairis a‑chum nan Caldèanach: ach cha d’èisd e ris: mar sin ghlac Iriah Ieremiah, agus thug e a‑chum nan uachdaran e. Agus bha corraich air na h‑uachdarain ri Ieremiah, agus bhuail iad e, agus chuir iad ann am prìosan e, ann an taigh Ionatain an sgrìobhaiche; oir rinn iad prìosan dheth sin. Nuair a chaidh Ieremiah a‑steach don phrìosan ìochdarach, agus do na slocan, agus a bhuanaich Ieremiah an sin mòran làithean; An sin chuir Sedeciah an rìgh fios, agus thug e a‑mach e; agus dh’fheòraich an rìgh dheth gu h‑uaigneach na thaigh, agus thubhairt e, A bheil facal sam bith on Tighearna? Agus thubhairt Ieremiah, Tha: oir thubhairt e, Do làimh rìgh Bhàbiloin bheirear thairis thu. Os bàrr thubhairt Ieremiah ri rìgh Sedeciah, Ciod an cron a rinn mise ann ad aghaidh‐sa, no an aghaidh do sheirbhiseach, no an aghaidh an t‑sluaigh seo, gun do chuir sibh mi ann am prìosan? Càit a bheil a‑nis ur fàidhean a rinn fàistneachd dhuibh, ag ràdh, Cha tig rìgh Bhàbiloin nur n‑aghaidh, no an aghaidh an fhearainn seo? Ach èisd a‑nis, guidheam ort, a thighearna, mo rìgh; gabhar m’athchuinge, guidheam ort, ann ad làthair; agus na toir orm tilleadh gu taigh Ionatain an sgrìobhaiche, air eagal gum faigh mi bàs an sin. Agus dh’àithn an rìgh Sedeciah gun cuireadh iad Ieremiah ann an cùirt a’ phrìosain, agus gun tugadh iad dha gach là cuibhreann arain à sràid nam fuineadairean, gus am biodh uile aran na cathrach air teireachdainn. Agus dh’fhan Ieremiah ann an cùirt a’ phrìosain. An sin chuala Sephatiah mac Mhatain, agus Gedaliah mac Phasuir, agus Iucal mac Shelemiah, agus Pasur mac Mhalchiah, na briathran a labhair Ieremiah ris an t‑sluagh uile, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Esan a dh’fhanas anns a’ chathair seo bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh; ach esan a thèid a‑mach a‑chum nan Caldèanach, mairidh e beò; oir gheibh e a anam mar chobhartach, agus mairidh e beò. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Bheirear gu deimhinn a’ chathair seo suas do làimh feachd rìgh Bhàbiloin, a ghlacas i. Air an adhbhar sin, thubhairt na h‑uachdarain ris an rìgh, Biodh an duine seo, guidheamaid ort, air a chur gu bàs: oir mar seo tha e a’ lagachadh làmhan an luchd‐cogaidh a tha fhathast an làthair anns a’ bhaile seo, agus làmhan an t‑sluaigh uile, le bhith a’ labhairt an leithid seo de bhriathran riu: oir chan eil an duine seo ag iarraidh leas an t‑sluaigh seo, ach an aimhleas. An sin thubhairt an rìgh Sedeciah, Feuch, tha e nur làimh: oir chan e an rìgh esan a dh’fhaodas aon nì a chur nur n‑aghaidh. An sin ghlac iad Ieremiah, agus thilg iad e ann an sloc Mhalchiah mhic Hameleich, a bha ann an cùirt a’ phrìosain; agus leig iad sìos Ieremiah le cùird. Agus anns an t‑sloc cha robh uisge sam bith, ach clàbar: agus chaidh Ieremiah fodha anns a’ chlàbar. A‑nis nuair a chuala Ebed‐melech an t‑Etiopach, aon de na caillteanaich a bha an taigh an rìgh, gun do chuir iad Ieremiah anns an t‑sloc (agus an rìgh na shuidhe anns an àm sin ann an geata Bheniàmin), Chaidh Ebed‐melech a‑mach à taigh an rìgh, agus labhair e ris an rìgh, ag ràdh, Mo thighearna, a rìgh, rinn na daoine seo gu h‑olc anns gach nì a rinn iad ri Ieremiah am fàidh, a thilg iad anns an t‑sloc; oir gheibh e bàs le acras anns an àite sin, a chionn nach eil nas mò aran anns a’ bhaile. An sin dh’àithn an rìgh do Ebed‐melech an t‑Etiopach, ag ràdh, Thoir leat à seo deich fir ar fhichead, agus thoir a‑nìos Ieremiah am fàidh as an t‑sloc, mum faigh e bàs. Agus thug Ebed‐melech leis na daoine, agus chaidh e a‑steach do thaigh an rìgh fon taigh‐thasgaidh, agus thug e as a sin seann bhroineagan, agus seann luideagan, agus leig e sìos iad gu Ieremiah don t‑sloc le cùird. Agus thubhairt Ebed‐melech an t‑Etiopach ri Ieremiah, Cuir a‑nis na seann luideagan agus na broineagan seo fod asgailtean mu na cùird. Agus rinn Ieremiah mar sin. Agus tharraing iad a‑nìos Ieremiah le cùird, agus thug iad a‑mach as an t‑sloc e; agus dh’fhan Ieremiah ann an cùirt a’ phrìosain. An sin chuir an rìgh Sedeciah fios, agus thug e Ieremiah am fàidh da ionnsaigh gus an treas dol‐a‑steach a tha ann an taigh an Tighearna. Agus thubhairt an rìgh ri Ieremiah, Feòraichidh mi nì àraidh dhìot; na ceil a’ bheag orm. Agus thubhairt Ieremiah ri Sedeciah, Ma dh’innseas mi dhut, nach dèan thu gu cinnteach mo chur gu bàs? Agus ma bheir mi comhairle ort, an èisd thu rium? An sin mhionnaich an rìgh Sedeciah do Ieremiah os ìosal, ag ràdh, Mar as beò an Tighearna a rinn dhuinn an t‑anam seo, cha chuir mi gu bàs thu, cha mhò a bheir mi thairis thu do làimh na muinntir sin a tha ag iarraidh d’anama. Agus thubhairt Ieremiah ri Sedeciah, Mar seo tha Iehòbhah, Dia nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Ma thèid thu gu deimhinn thairis gu cinn‐fheadhna rìgh Bhàbiloin, an sin mairidh d’anam beò, agus cha loisgear a’ chathair seo le teine; ach mairidh tu beò, thu fhèin agus do theaghlach. Ach mura tèid thu a‑mach gu cinn‐fheadhna rìgh Bhàbiloin, an sin bheirear a’ chathair seo do làimh nan Caldèanach, agus loisgidh iad i le teine, agus cha tèid thusa fhèin as on làmhan. Agus thubhairt an rìgh Sedeciah ri Ieremiah, Tha eagal nan Iùdhach orm, a theich a‑chum nan Caldèanach, gun toir iad thairis mi don làmhan, agus gun dèan iad fanaid orm. Ach thubhairt Ieremiah, Cha toir iad thairis thu; thoir gèill, guidheam ort, do ghuth an Tighearna anns an nì a tha mise a’ labhairt riut: mar sin èiridh gu math dhut, agus mairidh d’anam beò. Ach ma dhiùltas tu dol a‑mach, seo an nì a thaisbein an Tighearna dhòmhsa; Eadhon, feuch, na h‑uile mhnathan a tha air am fàgail ann an taigh rìgh Iùdah, bheirear a‑mach gu cinn‐fheadhna rìgh Bhàbiloin, agus their iad, Bhrosnaich do chàirdean thu, agus thug iad buaidh ort: chuir iad do chasan an sàs anns an làthaich, agus thill iad air an ais. Agus bheir iad a‑mach d’uile mhnathan, agus do chlann, a‑chum nan Caldèanach; agus cha tèid thu fhèin as on làmhan, ach glacar thu le làimh rìgh Bhàbiloin, agus bidh tu coireach airson am baile seo a bhith air a losgadh le teine. An sin thubhairt Sedeciah ri Ieremiah, Na biodh fios aig duine sam bith air na briathran seo, agus chan fhaigh thu bàs. Ach ma chluinneas na h‑uachdarain gun do labhair mise riut, agus gun tig iad ad ionnsaigh, agus gun abair iad riut, Innis dhuinn a‑nis ciod a thubhairt thu ris an rìgh, na ceil e oirnne, agus cha chuir sinn gu bàs thu; mar an ceudna ciod a thubhairt an rìgh riutsa: An sin their thu riu, Thaisbein mi m’athchuinge an làthair an rìgh, nach tugadh e orm tilleadh gu taigh Ionatain, a dh’fhaotainn bàis an sin. Agus thàinig na h‑uachdarain uile gu Ieremiah, agus dh’fhiosraich iad dheth; agus dh’innis e dhaibh a rèir nan uile bhriathran seo a dh’àithn an rìgh dha: mar sin sguir iad de labhairt ris, oir cha do mhothaicheadh a’ chùis. Mar sin dh’fhan Ieremiah ann an cùirt a’ phrìosain, gus an là anns an do ghlacadh Ierusalem; agus bha e an sin nuair a ghlacadh Ierusalem. Ann an naoidheamh bliadhna Shedeciah rìgh Iùdah, anns an deicheamh mìos, thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, agus a uile fheachd an aghaidh Ierusaleim, agus champaich iad ma timcheall. Ann an aon‐bhliadhna‑deug Shedeciah, anns a’ cheathramh mìos, air an naoidheamh là den mhìos, bha a’ chathair air a briseadh suas. Agus thàinig uile chinn‐fheadhna rìgh Bhàbiloin a‑steach, agus shuidh iad anns a’ gheata anns a’ mheadhon; Nergal‐sareser, Samgar‐nebo, Sareschim, Rabsaris, Nergal‐sareser, Rabmag, leis a’ chuid eile air fad de chinn‐fheadhna rìgh Bhàbiloin. Agus thàrladh an tràth a chunnaic Sedeciah rìgh Iùdah iad, agus na fir‐chogaidh uile, gun do theich iad, agus gun deachaidh iad a‑mach as a’ chathair anns an oidhche, air slighe gàrradh an rìgh, tron gheata, eadar an dà bhalla; agus chaidh iad a‑mach air slighe a’ chòmhnaird. Ach lean feachd nan Caldèanach air an tòir, agus rug iad air Sedeciah ann an còmhnardan Iericho; agus ghlac iad e, agus thug iad e gu Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, aig Riblah, ann am fearann Hamait, far an tug e breith air. An sin mharbh rìgh Bhàbiloin mic Shedeciah, ann an Riblah, fa chomhair a shùl; uile mhaithean Iùdah mar an ceudna mharbh rìgh Bhàbiloin. Agus chuir e a‑mach sùilean Shedeciah, agus cheangail e le slabhraidhean e, a‑chum a thoirt gu Bàbilon. Agus loisg na Caldèanaich taigh an rìgh, agus taighean an t‑sluaigh le teine, agus bhris iad sìos ballachan Ierusaleim. An sin thug Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, leis nam braighdean gu Bàbilon am fuidheall sluaigh a dh’fhan anns a’ bhaile, agus iadsan a theich thairis da ionnsaigh, leis a’ chuid eile den t‑sluagh a dh’fhan beò. Ach cuid de bhochdan an t‑sluaigh, aig nach robh nì sam bith, dh’fhàg Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, ann am fearann Iùdah, agus thug e dhaibh fìonliosan agus machraichean anns an àm sin. Agus thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin àithne mu thimcheall Ieremiah do Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, ag ràdh, Thoir leat e, agus thoir aire mhath dha, agus na dèan cron sam bith air, ach dèan ris mar a their e riut. Mar sin chuir Nebusaradan ceannard an fhreiceadain fios, agus Nebusasban, Rabsaris, agus Nergal‐sareser, Rabmag, agus uile chinn‐fheadhna rìgh Bhàbiloin: Chuir eadhon iadsan fios, agus thug iad Ieremiah a‑mach à cùirt a’ phrìosain, agus thug iad e do Ghedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, gu a thoirt dhachaigh: mar sin ghabh e còmhnaidh am measg an t‑sluaigh. Agus thàinig facal an Tighearna a‑chum Ieremiah, nuair a bha e fhathast air a dhruideadh suas ann an cùirt a’ phrìosain, ag ràdh, Imich agus labhair ri Ebed‐melech an t‑Etiopach, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, bheir mise mo bhriathran air a’ chathair seo airson uilc, agus chan ann airson maith; agus thig iad gu crìch ann ad fhianais‐sa anns an là sin. Ach tèarnaidh mi thusa anns an là sin, deir an Tighearna, agus cha toirear thairis thu do làimh na muinntir ro a bheil eagal ort. Oir tèarnaidh mi thu, agus cha tuit thu leis a’ chlaidheamh, ach bidh d’anam mar chobhartach agad, a chionn gun do chuir thu do dhòchas annamsa, deir an Tighearna. Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, an dèidh do Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, a leigeadh as o Ramah, nuair a thugadh e da ionnsaigh, agus e ceangailte le slabhraidhean am measg na muinntir sin uile a thugadh air falbh nam braighdean o Ierusalem agus o Iùdah, a thugadh ann am braighdeanas gu Bàbilon. Agus ghabh ceannard an fhreiceadain Ieremiah, agus thubhairt e ris, Labhair an Tighearna, do Dhia‑sa, an t‑olc seo an aghaidh an àite seo. A‑nis thug an Tighearna gu crìch e, agus rinn e mar a labhair e: a chionn gun do pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna, agus nach tug sibh gèill da ghuth, air an adhbhar sin tha an t‑olc seo air teachd oirbh. Agus a‑nis feuch, tha mise gad fhuasgladh an‑diugh o na slabhraidhean a bha air do làmhan. Ma chì thu ceart teachd leamsa gu Bàbilon, thig; agus bheir mi aire mhath dhut: ach mura faic thu ceart teachd leamsa gu Bàbilon, fan: feuch, tha am fearann gu h‑iomlan fad chomhair: far am faicear ceart agus iomchaidh dhut dol, theirig ann; agus ciod air bith tuilleadh cha chumar air ais e. Falbh uime sin air d’ais gu Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, a rinn rìgh Bhàbiloin na uachdaran os cionn bailtean Iùdah, agus gabh còmhnaidh leis am measg an t‑sluaigh: no falbh càit air bith am faic thu iomchaidh dol. Mar sin thug ceannard an fhreiceadain biadh agus duais dha, agus leig e dha imeachd. An sin chaidh Ieremiah gu Gedaliah mac Ahicaim, gu Mispah, agus ghabh e còmhnaidh leis, am measg an t‑sluaigh a dh’fhàgadh anns an fhearann. A‑nis nuair a chuala uile cheannardan an fheachd a bha anns na machraichean, iad fhèin agus an daoine, gun do rinn rìgh Bhàbiloin Gedaliah mac Ahicaim na uachdaran anns an fhearann, agus gun d’earb e ris fir, agus mnathan, agus clann, eadhon cuid de bhochdan an fhearainn, dhiubhsan nach tugadh air falbh ann am bruid gu Bàbilon; An sin thàinig iad gu Gedaliah gu Mispah, eadhon Ismael mac Netaniah, agus Iohanan, agus Ionatan, mic Chareah, agus Seraiah mac Thanhumeit, agus mic Ephai an Netophataich, agus Iesaniah mac Maachataich, iad fhèin agus an daoine. Agus mhionnaich Gedaliah mac Ahicaim mhic Shaphain dhaibhsan, agus dan daoine, ag ràdh, Na biodh eagal oirbh gèill a thoirt do na Caldèanaich; gabhaibh còmhnaidh anns an tìr, agus thugaibh gèill do rìgh Bhàbiloin, agus èiridh gu math dhuibh. Air mo shon‐sa, feuch, nì mi còmhnaidh ann am Mispah, a fhrithealadh do na Caldèanaich a thig dar n‑ionnsaigh; ach sibhse, tionailibh fìon, agus meas samhraidh, agus ola, agus cuiribh iad nur soithichean, agus dèanaibh còmhnaidh nur bailtean air an do rinn sibh greim. Air an dòigh cheudna nuair a chuala na h‑uile Iùdhaich a bha ann am Mòab, agus am measg nan Amonach, agus ann an Edom, agus a bha anns na h‑uile dhùthchannan, gun d’fhàg rìgh Bhàbiloin fuidheall de Iùdah, agus gun do chuir e os an cionn Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain; An sin thill na h‑uile Iùdhaich as a h‑uile àite gus an robh iad air am fògradh, agus thàinig iad gu tìr Iùdah, gu Gedaliah, do Mhispah, agus thionail iad fìon, agus meas samhraidh, gu ro‑phailt. Agus thàinig Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha anns na machraichean, gu Gedaliah do Mhispah. Agus thubhairt iad ris, A bheil fhios agad gu cinnteach gun do chuir Bàalis, rìgh nan Amonach, Ismael mac Netaniah a‑chum do mharbhadh? Ach cha do chreid Gedaliah mac Ahicaim iad. An sin labhair Iohanan mac Chareah ri Gedaliah ann am Mispah gu h‑uaigneach, ag ràdh, Leig dhòmhsa dol, guidheam ort, agus marbhaidh mi Ismael mac Netaniah, agus cha bhi fhios aig duine sam bith air: cuime am marbhadh e thusa, agus gum biodh na h‑uile Iùdhaich a tha air an cruinneachadh ad ionnsaigh air an sgapadh, agus gum bàsaicheadh na tha maireann de Iùdah? Ach thubhairt Gedaliah mac Ahicaim ri Iohanan mac Chareah, Cha dèan thu an nì seo, oir is breug a tha thu a’ labhairt a‑thaobh Ismaeil. A‑nis thàrladh air an t‑seachdamh mìos gun tàinig Ismael mac Netaniah, mhic Elisama, den t‑sìol rìoghail, agus maithean an rìgh, eadhon deich fir, maille ris, gu Gedaliah mac Ahicaim, do Mhispah, agus an sin dh’ith iad aran le chèile ann am Mispah. An sin dh’èirich Ismael mac Netaniah, agus na deich fir a bha maille ris, agus bhuail iad Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, leis a’ chlaidheamh, agus mharbh iad e, esan a chuir rìgh Bhàbiloin na uachdaran os cionn an fhearainn. Mharbh Ismael mar an ceudna na h‑Iùdhaich uile a bha maille ris, maille ri Gedaliah ann am Mispah, agus na Caldèanaich a fhuaireadh an sin, na fir‐chogaidh. Agus thàrladh air an dara là, an dèidh dha Gedaliah a mharbhadh, agus gun fhios aig duine sam bith air, Gun tàinig daoine àraidh, o Shechem, o Shiloh, agus o Shamaria, ceithir‐fichead fear, aig an robh am feusagan air am bearradh, an aodaichean air an reubadh, agus iad fhèin geàrrte, le tabhartasan agus tùis nan làimh gu an toirt gu taigh an Tighearna. Agus chaidh Ismael mac Netaniah a‑mach o Mhispah nan còdhail, a’ gul fad na slighe: agus thàrladh nuair a choinnich e iad, gun dubhairt e riu, Thigibh gu Gedaliah mac Ahicaim. Agus thàrladh nuair a thàinig iad gu meadhon a’ bhaile, gun do mharbh Ismael mac Netaniah iad, agus thilg e iad ann am meadhon an t‑sluic, e fhèin agus na daoine a bha leis. Ach fhuaireadh nam measg deichnear fhear a thubhairt ri Ismael, Na marbh sinne: oir tha ionmhasan againn anns a’ mhachair, de chruithneachd, agus de eòrna, agus de ola, agus de mhil. Mar sin sguir e, agus cha do mharbh e iad am measg am bràithrean. A‑nis b’e an sloc anns na do thilg Ismael uile chuirp mharbha nan daoine a mharbh e airson Ghedaliah an sloc sin a rinn Asa an rìgh air eagal Bhaasa rìgh Israeil; lìon Ismaeil mac Netaniah e leòsan a mharbhadh. An sin thug Ismael leis ann am bruid na h‑uile a bha an làthair den t‑sluagh a bha ann am Mispah, eadhon nigheanan an rìgh, agus an sluagh uile a dh’fhan ann am Mispah, a thug Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, do Ghedaliah mac Ahicaim; thug eadhon Ismael mac Netaniah leis ann am bruid iad, agus dh’imich e gu dol thairis a‑chum nan Amonach. Ach nuair a chuala Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd, a bha maille ris, an t‑olc ud uile a rinn Ismael mac Netaniah, An sin thug iad leo na daoine air fad, agus chaidh iad a chogadh ri Ismael mac Netaniah, agus fhuair iad e aig na h‑uisgeachan mòra a tha ann an Gibeon. A‑nis thàrladh nuair a chunnaic an sluagh sin uile a bha le Ismael Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha maille ris, gu robh iad an sin aoibhneach. Agus thionndaidh an sluagh uile, a thug Ismael air falbh ann am bruid o Mhispah, mun cuairt, agus thill iad, agus chaidh iad gu Iohanan mac Chareah. Ach chaidh Ismael mac Netaniah as o Iohanan le ochdnar fhear, agus chaidh e a‑chum nan Amonach. An sin ghabh Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha leis, uile iarmad an t‑sluaigh a bhuin e o Ismael mac Netaniah, o Mhispah (an dèidh dha Gedaliah mac Ahicaim a mharbhadh), gaisgich, fir‐chogaidh, agus mnathan, agus clann, agus caillteanaich, a thug e air an ais o Ghibeon: Agus dh’imich iad, agus ghabh iad còmhnaidh ann an aitreabh Chimhaim, a tha làimh ri Betlehem, a‑chum falbh gu dol a‑steach don Eiphit, à fianais nan Caldèanach: Oir bha eagal orra romhpa a chionn gun do mharbh Ismael mac Netaniah Gedaliah mac Ahicaim, a rinn rìgh Bhàbiloin na uachdaran anns an fhearann. An sin thàinig am fagas uile cheannardan an fheachd, agus Iohanan mac Chareh, agus Iesaniah mac Hosaiah, agus an sluagh gu h‑iomlan, on bheag gus a’ mhòr; Agus thubhairt iad ri Ieremiah am fàidh, Biodh ar n‑athchuinge, guidheamaid ort, taitneach ann ad làthair, agus dèan ùrnaigh air ar son ris an Tighearna do Dhia, eadhon airson an iarmaid seo uile (oir cha d’fhàgadh dhinn ach beagan de mhòran, mar tha do shùilean gar faicinn), Gun seòladh an Tighearna do Dhia dhuinn an t‑slighe anns an gluais sinn, agus an nì a tha sinn ri dhèanamh. Agus thubhairt Ieremiah am fàidh riu, Chuala mi; feuch, nì mise ùrnaigh ris an Tighearna ur Dia a rèir ur briathran; agus tàrlaidh, ge bè freagradh a bheir an Tighearna dhuibh, gun innis mise dhuibh e: cha chùm mi nì sam bith air ais uaibh. Agus thubhairt iad ri Ieremiah, Biodh an Tighearna na fhianais fhìor agus dhìleas eadarainn, mura dèan sinne gach nì airson an cuir an Tighearna do Dhia dar n‑ionnsaigh thu. Mas math no mas olc e, bheir sinn gèill do ghuth an Tighearna ar Dia, gus a bheil sinn gad chur; a‑chum gun èirich gu math dhuinn nuair a bhios sinn umhail do ghuth an Tighearna ar Dia. Agus thàrladh an ceann deich làithean gun tàinig guth an Tighearna gu Ieremiah. An sin ghairm e Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha maille ris, agus an sluagh uile, on bheag gus a’ mhòr. Agus thubhairt e riu, Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, gus an do chuir sibh mise a‑chum ur n‑athchuinge a chur suas na làthair; Ma dh’fhanas sibh an còmhnaidh anns na tìr seo, an sin togaidh mise sibh, agus cha tilg mi sìos; agus suidhichidh mi sibh, agus cha spìon mi a‑nìos; oir is aithreach leam an t‑olc a rinn mi oirbh. Na biodh eagal rìgh Bhàbiloin oirbh, as a bheil sibh a’ gabhail eagail: na biodh eagal oirbh roimhe, deir an Tighearna; oir tha mise leibh gu ur tèarnadh, agus gu ur saoradh as a làimh. Agus nochdaidh mi tròcairean dhuibh, agus gabhaidh esan truas dhibh, agus suidhichidh e sibh nur dùthaich fhèin. Ach ma their sibh, Cha ghabh sinn còmhnaidh anns an fhearann seo; air chor is nach toir sibh gèill do ghuth an Tighearna ur Dia, Ag ràdh, Chan eadh; ach thèid sinn do thìr na h‑Eiphit, far nach faic sinn cogadh sam bith, cha mhò a chluinneas sinn fuaim na trompaid, no a bhios easbhaidh arain oirnn; agus an sin gabhaidh sinn còmhnaidh: (Seadh, a‑nis, uime sin èisdibh facal an Tighearna, O iarmaid Iùdah, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Ma chuireas sibh da‑rìribh ur n‑aghaidh ri dol don Eiphit, agus gun tèid sibh an sin air chuairt); An sin tàrlaidh gun dèan an claidheamh, ro a bheil eagal oirbh, ur glacadh an sin ann an tìr na h‑Eiphit; agus a’ ghort, ro a bheil eagal oirbh, dlùth‐leanaidh air ur tòir an sin anns an Eiphit; agus an sin gheibh sibh bàs. Is amhlaidh a thachras do na h‑uile dhaoine a chuireas an aghaidh ri dol don Eiphit gu fantainn air chuairt an sin; bàsaichidh iad leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh: agus cha bhi aon a mhaireas, no a thèid as on olc a bheir mise orra. Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Mar a bha m’fhearg agus mo chorraich air a dòrtadh a‑mach air luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, is amhlaidh a bhios mo chorraich air a dòrtadh a‑mach oirbhse an tràth thèid sibh a‑steach don Eiphit: agus bidh sibh nur mallachadh, agus nur n‑uamhas, agus nur mallachd, agus nur masladh; agus chan fhaic sibh an t‑àite seo nas mò. Is e facal an Tighearna dur taobh‐se, O fhuidhill Iùdah, Na rachaibh don Eiphit; biodh fios cinnteach agaibh gun tug mise rabhadh dhuibh an‑diugh. Gu deimhinn chuir sibh an gnìomh cealg an aghaidh ur n‑anama fhèin: oir chuir sibh mise a‑chum an Tighearna ur Dia, ag ràdh, Guidh air ar son‐ne ris an Tighearna ar Dia, agus a rèir gach nì a their an Tighearna ar Dia, mar sin innis dhuinn, agus nì sinne. Agus dh’innis mise dhuibh air an là‑an‑diugh, ach cha tug sibhse gèill do ghuth an Tighearna ur Dia, no do aon nì airson an do chuir e mise dur n‑ionnsaigh. Air an adhbhar sin biodh dearbh fhios agaibh gum bàsaich sibh leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, anns an àite gus an àill leibh siubhal gu fantainn air chuairt. Agus thàrladh, tràth sguir Ieremiah de labhairt ris an iomlan den t‑sluagh uile bhriathran an Tighearna an Dia, airson an do chuir an Tighearna an Dia esan dan ionnsaigh, eadhon nan uile bhriathran seo; Gun do labhair Asariah mac Hosaiah, agus Iohanan mac Chareah, agus na daoine uaibhreach uile, ag ràdh ri Ieremiah, Is breug a tha thu a’ labhairt: cha do chuir an Tighearna ar Dia thu gu ràdh, Na rachaibh don Eiphit a dh’fhantainn air chuairt an sin: Ach tha Baruch mac Neriah gad bhrosnachadh nar n‑aghaidh, a‑chum ar toirt suas do làimh nan Caldèanach, a‑chum ar marbhadh, no ar toirt air falbh nar braighdean gu Bàbilon. Mar seo cha tug Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd, agus an sluagh uile, gèill do ghuth an Tighearna, gu còmhnaidh a ghabhail ann an tìr Iùdah: Ach ghabh Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd, a mheud is a bha an làthair de Iùdah, a thill o na h‑uile chinnich gus an robh iad air am fògradh gu còmhnaidh a ghabhail ann an tìr Iùdah; Na fir, agus na mnathan, agus a’ chlann agus nigheanan an rìgh, agus gach neach a dh’fhàg Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, le Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain, agus Ieremiah am fàidh, agus Baruch mac Neriah; Agus dh’imich iad gu tìr na h‑Eiphit; oir cha tug iad gèill do ghuth an Tighearna; agus thàinig iad eadhon gu Tahpanes. An sin thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah ann an Tahpanes, ag ràdh, Gabh ann ad làimh clachan mòra, agus falaich iad anns a’ chriadh ann an àth nan clachan‐creadha, a tha aig dol a‑steach taigh Phàraoh, ann an Tahpanes, ann an sealladh fir Iùdah. Agus abair riu, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh; Feuch, cuiridh mise fios, agus gabhaidh mi Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, mo sheirbhiseach, agus suidhichidh mi a rìgh‐chathair air na clachan seo a dh’fhalaich mi, agus sgaoilidh e a phàillean rìoghail os an cionn. Agus thig e, agus buailidh e tìr na h‑Eiphit, iadsan a tha a‑chum bàis, le bàs; agus iadsan a tha a‑chum daorsa, le daorsa; agus iadsan a tha a‑chum a’ chlaidheimh, leis a’ chlaidheamh. Agus fadaidh mise teine ann an taighean diathan na h‑Eiphit; agus loisgidh esan iad, agus bheir e air falbh nam braighdean iad, agus èididh e e fhèin le tìr na h‑Eiphit, mar a dh’èideas buachaille e fhèin le a thrusgan; agus thèid e a‑mach as a sin ann an sìth. Brisidh e fòs dealbhan taigh na grèine a tha an tìr na h‑Eiphit; agus taighean diathan na h‑Eiphit loisgidh e le teine. Am facal a thàinig gu Ieremiah mu thimcheall nan uile Iùdhach a tha a chòmhnaidh ann am fearann na h‑Eiphit, a tha a chòmhnaidh aig Migdol, agus aig Tahpanes, agus aig Noph, agus ann an dùthaich Phatrois, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, chunnaic sibh an t‑uile olc a thug mise air Ierusalem agus air uile bhailtean Iùdah; oir feuch an‑diugh tha iad nam fàsach, agus chan eil neach gan àiteachadh. Airson an aingidheachd a chuir iad an gnìomh, a‑chum mise a bhrosnachadh gu feirg, le iad a dhol a losgadh tùise, gu seirbhis a thoirt do dhiathan eile nach b’aithne dhaibh: dhaibhsan, dhuibhse, no dur n‑athraichean. Chuir mi mar an ceudna dur n‑ionnsaigh m’uile sheirbhisich, na fàidhean, ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach, ag ràdh, Guidheam oirbh, na dèanaibh an nì gràineil seo as fuathach leamsa. Ach cha d’èisd iad, cha mhò a thionndaidh iad an cluas, gu tilleadh on aingidheachd, agus gun tùis a losgadh do dhiathan eile. Uime sin bha m’fhearg agus mo chorraich air a taomadh a‑mach, agus air a lasadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, agus tha iad nam fàsach, agus nan làraich sgaoilte, mar air an là‑an‑diugh. Agus a‑nis mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh, Dia Israeil; Cuime a bheil sibh a’ cur an gnìomh an uilc mhòir seo an aghaidh ur n‑anama fhèin, a ghearradh as uaibh an fhir agus na mnà, an leinibh agus an naoidhein, a‑mach à Iùdah; ionnas nach fàgar fuidheall beò dhibh; Agus gu bheil sibh gam bhrosnachadh‐sa gu corraich le obraichean ur làmh, a’ losgadh tùise do dhiathan coimheach ann an tìr na h‑Eiphit, a‑chum a bheil sibh air dol a ghabhail còmhnaidh; a‑chum gum biodh sibh air ur gearradh as, agus gum biodh sibh nur mallachadh, agus nur masladh am measg uile chinnich na talmhainn? An do dhìochuimhnich sibh aingidheachd ur n‑athraichean, agus aingidheachd rìghrean Iùdah, agus aingidheachd am mnathan, agus ur n‑aingidheachd fhèin, agus aingidheachd ur ban, a chuir iad an gnìomh ann am fearann Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim? Chan eil iad air an irioslachadh gus an là‑an‑diugh, cha mhò a ghabh iad eagal, no a ghluais iad ann am lagh‐sa, no ann am reachdan a chuir mi romhaibhse, agus ro ur n‑athraichean. Uime sin mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, cuiridh mise mo ghnùis nur n‑aghaidh a‑chum uilc, eadhon a‑chum Iùdah uile a ghearradh air falbh. Agus gabhaidh mi fuidheall Iùdah, a chuir an aghaidh ri dol do thìr na h‑Eiphit gu fantainn ar chuairt an sin, agus caithear iad uile ann an tìr na h‑Eiphit; tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, caithear iad leis a’ ghort; on bheag gus a’ mhòr, bàsaichidh iad leis a’ chlaidheamh agus leis a’ ghort; agus bidh iad nam mallachadh, agus nan uamhas, agus nam mallachd, agus nam masladh. Agus smachdaichidh mi iadsan a tha a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit, mar a smachdaich mi Ierusalem, leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh. Agus de fhuidheall Iùdah a tha air teachd air chuairt don Eiphit, cha bhi neach a thèid as no a mhaireas beò, gu tilleadh do thìr Iùdah, a‑chum a bheil iad an geall air tilleadh a ghabhail còmhnaidh; seadh, cha till ach iadsan a thèid as. An sin na h‑uile dhaoine aig an robh fhios gun do loisg am mnathan tùis do dhiathan eile, agus na h‑uile mhnathan a sheas dlùth, sluagh mòr, eadhon an t‑uile shluagh a bha a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit, ann am Patros, fhreagair iad Ieremiah, ag ràdh, A‑thaobh an fhacail a labhair thu rinn ann an ainm an Tighearna, chan èisd sinn riut, Ach nì sinn gu deimhinn gach uile nì a thig a‑mach as ar beul fhèin, a losgadh tùise do bhànrighinn nèimh, agus a thaomadh a‑mach thabhartas‐dibhe dhi; amhail a rinn sinn, sinn fhèin agus ar n‑athraichean, ar rìghrean, agus ar n‑uaislean, ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim: oir an sin bha pailteas bìdh againn, agus shoirbhich leinn, agus chan fhaca sinn olc air bith. Ach on àm anns an do sguir sinn de losgadh tùise do bhànrighinn nèimh, agus de thaomadh a‑mach thabhartas‐dibhe dhi, bha easbhaidh nan uile nithean oirnn, agus bha sinn air ar caitheamh leis a’ chlaidheamh agus leis a’ ghort. Agus nuair a loisg sinn tùis do bhànrighinn nèimh, agus a dhòirt sinn a‑mach tabhartasan‐dibhe dhi, an do rinn sinn breacagan dhi ga h‑adhradh, agus a dhòrtadh thabhartas‐dibhe dhi, as eugmhais ar fear? An sin labhair Ieremiah ris an uile shluagh, ris na fir, agus ris na mnathan, agus ris an uile shluagh a thug dha freagradh, ag ràdh, An tùis a loisg sibh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, sibh fhèin, agus ur n‑athraichean, ur rìghrean, agus ur n‑uachdarain, agus sluagh an fhearainn, nach do chuimhnich an Tighearna iad, agus nach tàinig iad na aire? Air chor is nach faodadh an Tighearna giùlan leibh na b’fhaide, airson aingidheachd ur dèanadais, airson nan gràinealachdan a chuir sibh an gnìomh: air an adhbhar sin tha ur fearann na fhàsach, agus na uamhas, agus na mhallachd, gun aon fhear‐àiteachaidh, mar air an là‑an‑diugh. A chionn gun do loisg sibh tùis, agus a chionn gun do pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna, agus nach tug sibh gèill do ghuth an Tighearna, cha mhò a ghluais sibh na lagh, no na reachdan, no na àitheantan: air an adhbhar sin, tha an t‑olc seo air teachd oirbh, mar air an là‑an‑diugh. Os bàrr, thubhairt Ieremiah ris an t‑sluagh uile, agus ris na mnathan uile, Eisdibh facal an Tighearna, uile Iùdah a tha an tìr na h‑Eiphit; Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Labhair sibh fhèin agus ur mnathan le ur beòil, agus chuir sibh an gnìomh le ur làmhan, ag ràdh, Coileanaidh sinn gu deimhinn ar bòidean a thug sinn, gu tùis a losgadh do bhànrighinn nèimh, agus tabhartasan‐dibhe a dhòrtadh a‑mach dhi: nì sibh gu deimhinn ur bòidean a dhaingneachadh, agus nì sibh gu deimhinn ur bòidean a choileanadh. Uime sin èisdibh facal an Tighearna, uile Iùdah, a tha a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit: Feuch, mhionnaich mise air m’ainm mòr, deir an Tighearna, nach bi m’ainm nas mò air ainmeachadh ann am beul duine air bith de Iùdah, ann an uile thìr na h‑Eiphit, ag ràdh, Mar as beò an Tighearna Dia. Feuch, nì mise faire os an cionn airson uilc, agus chan ann airson maith, agus sgriosar gach duine de Iùdah a tha an tìr na h‑Eiphit, leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, gus am bi làn chrìoch orra. Agus a’ mhuinntir a thèid as on chlaidheamh, tillidh iad o thìr na h‑Eiphit gu tìr Iùdah, tearc ann an àireamh: agus aithnichidh uile fhuidheall Iùdah a chaidh air chuairt do thìr na h‑Eiphit cò am facal a sheasas, m’fhacal‐sa, no am facal‐san. Agus bidh seo mar chomharradh dhuibh, deir an Tighearna, gur mise a smachdaich sibh anns an àite sin, a‑chum gun aithnich sibh gu cinnteach gun seas mo bhriathran‐sa nur n‑aghaidh a‑chum ur dochainn: Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise Phàraoh‐hophra, rìgh na h‑Eiphit, do làimh a naimhdean, agus do làimh na muinntir a tha ag iarraidh a anama; mar a thug mi Sedeciah rìgh Iùdah do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, agus fear‐tòrachd a anama. Am facal a labhair Ieremiah am fàidh ri Baruch mac Neriah, nuair a sgrìobh e na briathran seo ann an leabhar o bheul Ieremiah, ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, ag ràdh, Mar seo labhair an Tighearna Dia Israeil dod thaobh‐sa, O Bharuich; Thubhairt thu, Mo thruaighe mise a‑nis! Oir chuir an Tighearna bròn rim dhoilgheas; tha mi sgìth lem osnaidhean, agus fois air bith cha d’fhuair mi! Mar seo their thu ris, Mar seo thubhairt an Tighearna, Feuch, an nì sin a thog mi, tilgidh mi sìos; agus an nì sin a shuidhich mi spìonaidh mi a‑nìos; eadhon am fearann seo gu h‑iomlan. Agus a bheil thusa ag iarraidh air do shon fhèin nithean mòra? Na iarr: oir, feuch, bheir mise olc air a h‑uile fheòil, tha an Tighearna ag ràdh: ach bheir mi dhutsa d’anam mar chobhartach anns a h‑uile àite gus an tèid thu. Facal an Tighearna a thàinig gu Ieremiah am fàidh, mu thimcheall nan cinneach; Mu thimcheall na h‑Èiphit. A‑thaobh feachd Phàraoh‐necho rìgh na h‑Èiphit, a bha ri taobh na h‑aibhne Euphràteis ann an Carchemis, a bhuail Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim, mhic Iosiah, rìgh Iùdah. Ullaichibh an targaid agus an sgiath, agus dlùthaichibh a‑chum a’ chatha. Uidhimichibh na h‑eich, agus rachaibh air am muin, a mharc‐shluaigh; agus seasaibh a‑mach le ceann‐bheartan; lìomhaibh na sleaghan, cuiribh oirbh na lùirichean. Cuime am faca mi iad seo fo gheilt, agus a’ gabhail na ruaige? Tha eadhon an daoine cumhachdach air an claoidh; seadh a’ teicheadh gu luath, agus gun iad a’ sealltainn nan dèidh. Tha eagal air gach làimh, deir an Tighearna. Na teicheadh am fear luath, agus na rachadh am fear làidir as; a làimh na h‑àird a tuath, ri taobh na h‑aibhne Euphrateis, thuislich, agus fhuair iad leagadh. Cò seo a’ teachd a‑nìos mar abhainn, agus a h‑uisgeachan ag atadh mar thuiltean? Dh’èirich an Eiphit mar abhainn, tha a h‑uisgeachan ag atadh mar thuiltean, agus tha i ag ràdh, Thèid mi suas, còmhdaichidh mi am fearann, sgriosaidh mi a’ chathair agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh. Rachaibh air ur n‑eich, agus bithibh air mhire‐chatha; air na carbadan, agus rachadh na fir‐chogaidh a‑mach: na h‑Etiopaich, agus na Libianaich a ghlacas an sgiath, agus na Lidianaich a ghlacas agus a chuireas air lagh am bogha. Oir is e seo là Tighearna nan sluagh, là dìoghaltais, a‑chum e fhèin a dhìoladh air a naimhdean; agus sluigidh an claidheamh, agus bidh e sàthach, agus cuirear air mhisg e lem fuil: oir tha ìobairt aig Tighearna nan sluagh anns an tìr mu thuath, làimh ri abhainn Euphràteis. Theirig suas gu Gilead, agus gabh ìocshlaint, O òg‑bhean, a nighean na h‑Eiphit; is dìomhain dhut mòran chungaidhean‐leighis a ghnàthachadh; air do leigheas cha bhi thu. Chuala na cinnich do mhasladh, agus lìon do ghaoir an talamh: oir thuislich iad, an laoch an aghaidh an laoich; thuit iad araon le chèile. Am facal a labhair an Tighearna ri Ieremiah am fàidh, mu theachd Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, a bhualadh tìr na h‑Eiphit. Foillsichibh anns an Eiphit, agus cuiribh an cèill ann am Migdol; innsibh fòs ann an Noph, agus ann an Tahpanes abraibh: Seas daingeann, agus deasaich thu fhèin; oir shluig an claidheamh a’ mhuinntir a tha mun cuairt dhut. Cuime a bheil do chumhachdaich air an leagail? Cha do sheas iad a chionn gun do thilg an Tighearna sìos iad. Thug e air mòran tuisleachadh, seadh, tuiteam air muin a chèile: thubhairt iad uime sin, Thigibh, agus tilleamaid gu ar sluagh fhèin, agus gu tìr ar dùthchais, o chlaidheamh a’ mhillteir. Dh’èigh iad an sin, O Phàraoh, a rìgh na h‑Eiphit, chuir ioma‑luasgadh bacadh air a’ choinneamh a shuidhicheadh. Mar as beò mise, deir an Rìgh, don ainm Iehòbhah, Dia nan sluagh, gu deimhinn mar Thabor am measg nam beann, agus mar Charmel ri taobh na fairge, thig e. Cuir d’àirneis an uidheam airson dol air ghluasad, O nighean a tha a chòmhnaidh anns an Eiphit; oir bidh Noph na fhàsach, bidh e fòs na làraich sgaoilte, gun aon ga àiteachadh. Is agh air a bheil aogas àlainn an Eiphit; tha milleadh on àird a tuath a’ teachd na h‑aghaidh. Tha a fir‐thuarasdail fòs na meadhon mar dhaimh bhiadhte; gidheadh thionndaidh eadhon iadsan an cùlaibh, theich iad le chèile, cha do sheas iad; a chionn gun tàinig orra là an aimhleis, aimsir an smachdachaidh. Thèid a ghuth a‑mach mar ghuth nathrach; oir gluaisidh iad mar armailt, agus thig iad na h‑aghaidh le tuaghan, mar luchd‐gearradh chraobh. Gearraibh sìos a coillteach, tha an Tighearna ag ràdh, air chor is nach bi i ra faotainn le iarraidh; ged is lìonmhoire iad na lòcaist, agus ged nach faodar an àireamh. Tha amhluadh air nighinn na h‑Eiphit; thugadh thairis i do làimh sluagh na h‑àird a tuath. Thubhairt Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Feuch, smachdaichidh mise Amon, No, agus Phàraoh, agus an Eiphit, agus a diathan, agus a rìghrean; eadhon Phàraoh agus iadsan a tha a’ cur an dòchais ann. Agus bheir mi thairis iad do làimh na muinntir a tha ag iarraidh an anama, eadhon do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, agus do làimh a sheirbhiseach: agus na dhèidh sin àitichear i, mar anns na làithean o shean, deir an Tighearna. Ach na biodh eagal ortsa, O Iàcoib, m’òglach, agus na biodh geilt ort, O Israeil; oir, feuch, bheir mise tèarainte thu o chèin, agus do shliochd o thìr an daorsa; agus tillidh Iàcob, agus gheibh e fois agus sìth; agus cha bhi aon neach ann a chur eagail air. Na biodh eagal ort, O Iàcoib, m’òglach, deir an Tighearna, oir tha mise maille riut; ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus chan fhuiling mi dhut dol as gu h‑iomlan saor. Facal an Tighearna a thàinig gu Ieremiah am fàidh a‑thaobh nam Philisteach, mun do bhuail Phàraoh Gàsa. Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha uisgeachan a’ teachd a‑nìos on àird a tuath, agus fàsaidh iad nan tuil a thig thairis, agus a chòmhdaicheas am fearann, agus gach nì a tha ann; a’ chathair, agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh: agus èighidh na daoine gu h‑àrd, agus nì uile luchd‐àiteachaidh na tìre tuireadh. Rìgh fuaim tartar iongannan each meamnach, ri faram a charbad, ri stairirich a rothan, cha seall na h‑athraichean air an ais rin cloinn le laigse làmh; Airson an là a tha a’ teachd a chreachadh nam Philisteach uile, agus a ghearradh air falbh o Thìrus agus o Shìdon gach fear‐cuideachaidh a mhaireas: oir creachaidh an Tighearna na Philistich, fuidheall tìr Chaphtoir. Thàinig maoile air Gàsa; mhilleadh Ascelon, fuidheall an glinne; cia fhada a nì thu thu fhèin a ghearradh? Ho! chlaidheimh Iehòbhah! Cia fhada gus an gabh thu fois? Taisg thu fhèin ann ad thruaill, gabh fois, agus bi sàmhach. Cionnas a dh’fhaodas e a bhith sàmhach, o thug an Tighearna àithne dha? An aghaidh Asceloin, agus an aghaidh oirthir na fairge, an sin dh’òrdaich e e. Mu thimcheall Mhòaib, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh: Is an‑aoibhinn do Nebo, oir tha e air a chreachadh! Tha Ciriataim air a chur gu amhluadh, air a ghlacadh; tha an daingneach àrd air a mhaslachadh; agus air a bhriseadh sìos. Nas mò cha bhi uaill aig Mòab: ann an Hesbon dhealbh iad olc na aghaidh, ag ràdh, Thigibh, agus gearramaid as e o bhith na chinneach: millear thusa mar an ceudna, O Mhadmein, bidh an claidheamh air do thòir. Tha fuaim èighich o Horonaim, milleadh agus àr mòr. Tha Mòab air a mhilleadh, thug a chlann bheag air an gaoir a bhith air a cluinntinn. Gu dearbh aig uchdaich Luhit, thèid gul suas gun fhois: gu dearbh aig leathad Horonaim chuala mo naimhdean èigh a’ mhillidh. Teichibh, tèarnaibh ur n‑anam, agus bithibh mar phreas seargte anns an ionad sgaoilte. Oir a chionn gun d’earb thu à do mhaoin, agus à d’ionmhasan, air an adhbhar sin bidh tu fhèin fòs air do ghlacadh: agus thèid Chemos air falbh ann am braighdeanas, a shagartan agus a uachdarain maille ris. Thig creachadair fòs air gach uile chathair; agus cha tèid cathair air bith as: agus millear an gleann, agus thèid an còmhnard a sgrios amhail a labhair an Tighearna. Thugaibh sgiathan do Mhòab, a‑chum gun teich e gu luath air falbh; agus biodh a bhailtean nam fàsach, gun aon gan àiteachadh. Is mallaichte esan a nì obair an Tighearna gu cealgach; agus is mallaichte esan a chumas a chlaidheamh air ais o fhuil. Bha suaimhneas aig Mòab o a òige, agus shocraich e air a dheasgainean, agus cha do thàirngeadh a‑mach o shoitheach gu soitheach e, cha mhò a dh’imich e ann am braighdeanas: air an adhbhar sin mhair a bhlas ann, agus cha d’atharraicheadh a fhàile. Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an cuir mise da ionnsaigh luchd‐gluasaid, a bheir air dol air ghluasad, agus a dh’fhalmhaicheas a shoithichean, agus a bhriseas a shoireachan. Agus bidh nàire air Mòab de Chemos, mar a bha nàire air taigh Israeil de Bhetel am muinghinn. Cionnas a their sibh, Tha sinn nar daoine cumhachdach agus treuna airson a’ chatha? Tha Mòab air a chreachadh, agus air dol suas as a bhailtean, agus thàinig an òigridh thaghte‐san a‑nuas a‑chum an àir, deir an Rìgh, don ainm Iehòbhah, Dia nan sluagh. Tha lèirsgrios Mhòaib dlùth do làimh, agus àmhghar gu luath a’ greasad. Guilibh air a shon, sibhse uile mun cuairt dha; agus sibhse uile don aithne a ainm, abraibh, Cionnas a bhriseadh slat‐rìoghail na treasa, lorg na maise! Thig a‑nuas od àilleachd, agus suidh ann an ìota, O nighean a tha ag àiteachadh Dhiboin; a chionn gu bheil creachadair Mhòaib air teachd a‑nìos ann ad aghaidh, fear‐millidh do dhaingnichean. Seas aig an t‑slighe, agus gabh sealladh, O bhean‐àiteachaidh Aroeir; feòraich dhethsan a theicheas, agus dhithse a chaidh as; abair, Ciod a rinneadh? Mhaslaicheadh Mòab, oir bhriseadh sìos e: dèanaibh ulartaich agus àrd‐èigheach; innsibh an sgeul ann an Arnon, gu bheil Mòab air a mhilleadh. Agus thàinig breitheanas air an tìr chòmhnaird; air Holon, agus air Iahasah, agus air Mephaat; Agus air Dibon, agus air Nebo, agus air Bet‐diblataim; Agus air Ciriataim, agus air Bet‐gamul, agus air Bet‐meon; Agus air Ceriot, agus air Bosrah, agus air uile bhailtean fearann Mhòaib, am fad agus am fagas. Ghearradh adharc Mhòaib uaithe, agus tha a ghàirdean air a bhriseadh, deir an Tighearna. Cuir air mhisg e; a chionn gun do thog e suas e fhèin an aghaidh an Tighearna; seadh, nì Mòab e fhèin aonairt na sgeith fhèin, agus bidh e mar an ceudna na bhall‐fanaid. Oir nach robh Israel na bhall‐fanaid dhutsa? An d’fhuaireadh am measg mhèirleach e, gun tugadh tu ana‑cainnt dha leis na h‑uile bhriathran a b’urrainn thu? Fàgaibh na bailtean, agus gabhaibh còmhnaidh anns a’ charraig, O sibhse a tha ag àiteachadh Mhòaib; agus bithibh cosmhail ris a’ chalaman a nì a nead ann am bruaich bile na h‑uaimhe. Chuala sinn uabhar Mhòaib; tha e ro uaibhreach; a mhòrchuis, agus a uabhar, agus a uaill agus àrdan a chridhe. Is aithne dhòmhsa, deir an Tighearna, a chorraich, ach chan eil a neart da rèir; a ràiteachas, ach chan eil a dhèanadas da rèir. Air an adhbhar sin, guilidh mise airson Mhòaib, eadhon airson Mhòaib uile togaidh mi an àird mo ghuth; ri fir Chir‐hereis nì Iaser èigheach le gul. Guilidh mi air do shon, O fhìonain Shibmah; sgaoil do mheanglain thar an fhairge, ràinig iad gu ruig fairge Iaseir; air do mheas‐samhraidh, agus air d’fhìon‐fhogharadh bhuail am fear‐millidh. Agus tha aoibhneas agus gàirdeachas air an toirt air falbh on mhachair thorraich, eadhon o thìr Mhòaib; agus air fìon on amar‐bhruthaidh chuir mise casgadh; am fear‐bruthaidh cha bhrùth, an iolach chan iolach i. O ghaoir Hesboin gu Elealeh, gu Iahas chuir iad a‑mach an guth, o Shòar gu ruig Horonaim, mar thrì‐bliadhnach aighe; oir bidh eadhon uisgeachan Nimrim nan lèirsgrios. Agus cuiridh mise casgadh ann am Mòab, tha an Tighearna ag ràdh, air‐san a dh’ìobras air ionad àrd, agus airsan a loisgeas tùis da dhiathan. Air an adhbhar sin nì mo chridhe fuaim mar phìoban airson Mhòaib; nì eadhon mo chridhe fuaim mar phìoban airson fir Chir‐hereis: a chionn gun deachaidh am beartas a fhuair iad am mugha. Seadh, bidh gach ceann maol, agus gach feusag beàrrte: air na h‑uile làmhan bidh gearraidhean, agus air na h‑uile leasraidh sac‐èideadh. Air mullach uile thaighean Mhòaib, agus na shràidean, bidh tuireadh coitcheann: oir bhris mise Mòab mar shoitheach anns nach eil aig aon neach tlachd, deir an Tighearna. Cionnas a bhriseadh sìos e! (bhùir iad); cionnas a thionndaidh Mòab a chùlaibh! Nàraicheadh Mòab, agus bidh e na bhall‐fanaid, agus na uamhann dhaibhsan uile mun cuairt dha. Oir mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, itealaichidh aon mar iolair, agus sgaoilidh e a sgiathan mar Mhòab. Ghlacadh na bailtean, agus tha na daingnichean an làimh, agus bidh cridheachan laoich Mhòaib anns an là sin mar chridhe mnà ri saothair. Agus sgriosar Mòab o bhith nas mò na chinneach, a chionn gun d’àrdaich e e fhèin an aghaidh an Tighearna. Bidh uamhas, an sloc, agus an ribe ort, O fhir‐àiteachaidh Mhòaib, deir an Tighearna. Esan a theicheas on uamhas, tuitidh e anns an t‑sloc, agus esan a dh’èireas as an t‑sloc, glacar e anns an ribe; oir bheir mise air, eadhon air Mòab, bliadhna a smachdachaidh, deir an Tighearna. Fo sgàil Hesboin sheas iadsan a theich on ainneart: ach thig teine a‑mach o Hesbon, agus lasair à meadhon Shihoin, agus loisgidh e ceàrnan Mhòaib, agus mullach‐cinn nan daoine ceannairceach. Is an‑aoibhinn dhutsa, O Mhòaib! Tha thusa caillte, O shluaigh Chemois, oir thugadh do mhic air falbh ann am braighdeanas, do nigheanan ann am bruid mar an ceudna! Gidheadh bheir mise air a h‑ais bruid Mhòaib anns na làithean deireannach, deir an Tighearna. An fhad seo breitheanas Mhòaib. Mu thimcheall nan Amonach. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Nach eil mic idir aig Israel? Nach eil oighre sam bith aige? Cuime a bheil sealbh aig Milcom air Gad, agus a shluagh a chòmhnaidh na bhailtean? Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise fa‑near gun cluinnear ann an Rabah nan Amonach caismeachd cogaidh: agus bidh e na thòrr lèirsgrios, agus loisgear a nigheanan le teine: an sin bidh Israel na oighre air an dream a bha nan oighreachan airsan, deir an Tighearna. Dèan ulartaich, O Hesboin, oir chreachadh Ai: èighibh, a nigheanan Rabah, cuiribh umaibh aodach‐saic: dèanaibh tuireadh agus ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh ri taobh nan callaidean; oir falbhaidh Milcom ann am braighdeanas, a shagartan agus a uachdarain maille ris. Cuime a bheil thu ri uaill ann an gleanntan? Ged tha do ghleann torrach, O nighean cheannairceach; ag earbsa as a h‑ionmhasan, ag ràdh, Cò thig am ionnsaigh‐sa? Feuch, bheir mise uamhas ort, tha an Tighearna, Dia nan sluagh, ag ràdh, o gach uile thaobh mun cuairt dhut; agus iomainear a‑mach sibh, gach aon roimhe, agus cha bhi neach ann a chruinnicheas air an ais a’ mhuinntir a ghabhas an ruaig. Ach na dhèidh sin bheir mise air a h‑ais bruid cloinn Amoin, deir an Tighearna. Mu thimcheall Edoim. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Nach eil gliocas nas mò ann an Teman? An do bhàsaich comhairle nan daoine glice? An deachaidh an gliocas am mugha? Teichibh, tillibh air ur n‑ais, rachaibh domhain a ghabhail còmhnaidh, O luchd‐àiteachaidh Dhedain; oir bheir mise dòrainn Esau air, nuair a smachdaicheas mi e. Ma thig luchd‐tionail fhìondhearc ad ionnsaigh, chan fhàg iad uiread is dìoghlam: ma thig gadaichean anns an oidhche, creachaidh iad gus am bi aca nas leòr. Oir rùisg mise Esau, leig mi ris a ionadan diamhair, air chor is nach faod e e fhèin fhalach; chreachadh a shliochd, agus a bhràithrean, agus a choimhearsnaich, agus chan eil e fhèin ann. Fàg do dhìlleachdain, gleidhidh mise beò iad; agus cuireadh do bhantraichean an dòchas annamsa. Seadh, mar seo deir an Tighearna, Feuch, iadsan nach robh cho toillteanach air òl den chuaich, dh’òl iad dhith gu deimhinn, agus am faod thusa dol saor as? Cha tèid thu as, ach gu deimhinn òlaidh tu. Oir orm fhèin mhionnaich mise, deir an Tighearna, gum bi Bosrah na lèirsgrios, na mhasladh, na fhàsach, agus na mhallachadh; agus gum bi a uile bhailtean nam fàsaichean sìorraidh. Chuala mi aithris on Tighearna, agus chuireadh teachdaire a‑chum nan cinneach, ag ràdh, Cruinnichibh ri chèile, agus thigibh na h‑aghaidh, agus èiribh suas a‑chum a’ chatha. Oir feuch, nì mise beag thu am measg nan cinneach, agus suarach am measg dhaoine. Rinn do mhòr‐chumhachd do mhealladh, uabhar do chridhe, O thusa tha ag àiteachadh uamhan na carraig, a tha a’ gleidheadh àird a’ chnuic: ged dhèan thu gu h‑àrd, mar an iolair, do nead, as a sin bheir mise a‑nuas thu, deir an Tighearna. Agus bidh Edom na fhàsach: bidh uamhann air gach neach a thèid seachad air, agus nì iad sgeig ma uile lèirsgrios. Ceart mar ann an sgrios Shòdoim agus Ghomorrah, agus nan ionadan a bha dlùth dhaibh, deir an Tighearna, cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann. Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu ionad‐còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mi os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair? Air an adhbhar sin èisdibh rùn an Tighearna, a rùnaich e an aghaidh Edoim, agus a smuaintean a smaoinich e an aghaidh luchd‐àiteachaidh Themain: gu deimhinn spìonar air falbh àlach an treud, gu deimhinn nìthear lèirsgrios os an cionn den àite‐còmhnaidh. Le fuaim an leagaidh tha crith air an talamh; tha a ghaoir a’ dol a‑mach; aig a’ Mhuir‐ruaidh chualas an èigheach. Feuch, thig e a‑nìos mar iolair ag itealaich, agus sgaoilidh e a sgiathan thar Bhosrah; agus bidh cridheachan laochraidh Edoim anns an là sin mar chridhe mnà ri saothair. Mu thimcheall Dhamascais, Chuireadh gu amhluadh Hamat agus Arphad, oir chuala iad droch sgeul; tha iad fo iomagain mar mhuir bhuairte nach faod a bhith sàmhach. Tha Damascas air fàs lag, tha e ga thionndadh fhèin gu teicheadh, agus fhuair eagal greim air; ghlac teanntachd e, agus ioghannan, mar mhnaoi ri saothair. Cionnas nach maireann cathair a’ mholaidh, baile mo shòlais! Uime sin tuitidh a h‑òganaich na sràidean, agus gearrar as na fir‐chogaidh uile anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh. Agus fadaidh mise teine ann am balla Dhamascais, agus loisgidh lùchairtean Bhenhadaid. A‑thaobh Chedair, agus a‑thaobh rìoghachdan Hasoir, a bhuail Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin. Mar seo thubhairt an Tighearna, Eiribh, rachaibh suas gu Cedar, agus creachaibh daoine na h‑àird an ear. Am bùthan agus an treudan glacadh iad, an cùirteinean agus an àirneis uile; agus an càmhalan gabhadh iad dhaibh fhèin; agus abradh iad riu, Uamhas air gach taobh. Teichibh, imichibh gu luath, rachaibh domhain a ghabhail còmhnaidh, O luchd‐àiteachaidh Hasoir, deir an Tighearna; oir ghabh Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin comhairle nur n‑aghaidh, agus dhealbh e innleachd nur n‑aghaidh. Eiribh, rachaibh suas an aghaidh cinnich shuaimhnich, a tha a’ gabhail còmhnaidh gun chùram, deir an Tighearna; aig nach eil aon chuid dorsan no croinn; a tha a chòmhnaidh air leth leo fhèin. Agus bidh an càmhalan nan cobhartaich, agus pailteas an sprèidhe na chreich, agus sgapaidh mise gus na h‑uile ghaothan iadsan a tha anns na ceàrnan iomallach, agus o gach uile thaobh dheth bheir mise an dòrainn, deir an Tighearna. Agus bidh Hasor na ionad‐còmhnaidh dhràgon, na fhàsach bith‐bhuan; cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann. Facal an Tighearna a thàinig gu Ieremiah am fàidh mu thimcheall Elaim, ann an toiseach linn Shedeciah rìgh Iùdah, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feuch, brisidh mise bogha Elaim, a’ chuid as trèine den cumhachd. Agus bheir mise air Elam ceithir gaothan o cheithir ceàrnan nèimh, agus sgapaidh mi iad ro na gaothan seo uile; agus cha bhi cinneach sam bith gus nach tig iadsan a dh’fhògradh o Elam. Oir bheir mise air Elam a bhith fo gheilt ron naimhdean, agus ron mhuinntir a tha ag iarraidh an anama; agus bheir mi aimhleas orra, teas mo chorraich, deir an Tighearna; agus cuiridh mi nan dèidh an claidheamh gus an cuir mi as dhaibh. Agus cuiridh mi mo rìgh‐chathair ann an Elam, agus sgriosaidh mi as a sin an rìgh agus na ceannardan, deir an Tighearna. Ach tàrlaidh anns na làithean deireannach, gun toir mise air a h‑ais bruid Elaim, deir an Tighearna. Am facal a labhair an Tighearna mu thimcheall Bhàbiloin, agus mu thimcheall fearann nan Caldèanach, le Ieremiah am fàidh. Cuiribh an cèill am measg nan cinneach, agus foillsichibh, agus cuiribh suas a’ bhratach; foillsichibh, na ceilibh: abraibh, Ghlacadh Bàbilon, mhaslaicheadh Bel, bhriseadh Merodach na bloighdean, chlaoidheadh a h‑iodhalan, bhriseadh nam bloighdean a dealbhan. Oir tha cinneach a’ teachd a‑nìos na h‑aghaidh on àird a tuath a nì a fearann na fhàsach, air chor is nach gabh aon neach còmhnaidh ann; eadar dhuine agus ainmhidh gluaisidh iad, siùbhlaidh iad air falbh. Ach anns na làithean sin, agus air an àm sin, deir an Tighearna, thig clann Israeil, iad fhèin agus clann Iùdah le chèile, ag imeachd, agus a’ gul nan imeachd, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia. Iarraidh iad an t‑slighe gu Sion len aghaidh da h‑ionnsaigh, ag ràdh, Thigibh agus naisgeamaid sinn fhèin ris an Tighearna ann an coicheangal sìorraidh nach leigear air dìochuimhn. Bu chaoraich chaillte mo shluagh‐sa: thug an aodhairean orra dol air seachran, tharraing iad a thaobh iad air na slèibhtean; shiubhail iad o shliabh gu cnoc, leig iad an àite‐fois air dìochuimhn. Iadsan uile a fhuair iad, shluig iad suas iad; oir thubhairt an naimhdean, Chan eil sinn ri cron air bith, a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna, àite‐tàimh a’ cheartais; eadhon an Tighearna, dòchas an athraichean. Gluaisibh a‑mach à meadhon Bhàbiloin, agus imichibh à tìr nan Caldèanach, agus bithibh mar na gobhraichean fireann air toiseach nan treudan. Oir feuch, dùisgidh mise, agus bheir mi a‑nìos an aghaidh Bhàbiloin coitheanal chinneach mòra on tìr mu thuath; agus cuiridh iad iad fhèin an òrdagh na h‑aghaidh, air sheòl is gun glacar i: bidh an saighdean mar gum b’ann o ghaisgeach seòlta; cha till aon dhiubh gu dìomhain. Agus bidh Caldèa na creich, iadsan uile a chreachas i gheibh iad an sàth, deir an Tighearna. A chionn gu bheil sibh ri gàirdeachas, a chionn gu bheil sibh ri aighear, O sibhse a chreach m’oighreachd; a chionn gu bheil sibh air fàs reamhar mar agh biadhte, agus ri sitrich mar eich mheanmnach. Maslaichear ur màthair gu mòr, nàraichear ise a rug sibh; feuch ise, deireadh nan cinneach na fàsach, na fearann tioram agus falamh. Airson corraich an Tighearna cha bhi i nas mò air a h‑àiteachadh, ach bidh i na fàsach gu h‑iomlan: bidh uamhann air gach aon a thèid seachad air Bàbilon, agus nì e sgeig ma h‑uile phlàighean. Cuiribh sibh fhèin ann an òrdagh an aghaidh Bhàbiloin air gach taobh: sibhse uile a lùbas am bogha, caithibh oirre, na caomhnaibh saighdean; oir chiontaich i an aghaidh an Tighearna. Eighibh os a cionn air gach taobh: strìochd i i fhèin; thuit a daingnichean, thilgeadh sìos a ballachan: oir is e seo dìoghaltas an Tighearna, dèanaibh‐se dìoghaltas oirre: mar a rinn i fhèin, dèanaibh‐se rithe. Gearraibh o Bhàbilon am fear‐cuir, agus esan a ghlacas an corran ann an àm an fhogharaidh: air eagal claidheamh a’ mhillteir, tillidh iad, gach aon ga shluagh, teichidh iad gach aon ga dhùthaich. Is treud sgapte Israel; rinn leòmhainn a ruagadh; an toiseach, chaith rìgh Asiria suas e; agus mu dheireadh, dh’ith Nebuchadnesar seo, rìgh Bhàbiloin, gu ruig an cnàmh e. Air an adhbhar sin mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, smachdaichidh mise rìgh Bhàbiloin agus a fhearann, mar a smachdaich mi rìgh Asiria. Ach bheir mi Israel air ais gu a àite‐còmhnaidh fhèin, agus ionaltraidh e air Carmel agus Basan, agus air sliabh Ephraim agus air Gilead sàsaichear a anam anns na làithean sin. Agus anns an àm sin, deir an Tighearna, iarrar aingidheachd Israeil, agus cha bhi i ann; agus lochdan Iùdah, ach cha bhi iad rim faotainn: oir bheir mise maitheanas dhaibh sin a chaomhaineas mi. An aghaidh fearann nan ceannairceach imich suas; air fhèin, agus air a luchd‐àiteachaidh dèan peanas, O chlaidheimh, agus cuir as gu buileach dan gineil, deir an Tighearna, agus coilean gach nì mar a dh’àithn mise dhut. Tha fuaim a’ chatha anns an fhearann, eadhon milleadh ro‑mhòr. Cionnas a bhriseadh agus a spealgadh òrd an domhain uile! Cionnas a dh’fhàs Bàbilon na fàsach sgaoilte am measg nan cinneach! Leag mise ribe air do shon, agus bha thu fòs air do ghlacadh, O Bhàbilon, nuair nach do shaoil thu: fhuaireadh, agus fòs ghlacadh thu, a chionn gun do rinn thu strì an aghaidh an Tighearna. Dh’fhosgail an Tighearna a thaigh‐arm, agus thug e a‑mach airm a chorraich: oir is i seo obair Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, ann an tìr nan Caldèanach. Thigibh na h‑aghaidh on cheàrn as iomallaiche, fosglaibh a taighean‐tasgaidh, cuiribh fo ur casan i mar thòrr, agus sgriosaibh i gu buileach; na biodh fuidheall dhith air fhàgail. Marbhaibh a daimh air fad: rachadh iad sìos a‑chum an àir. Is truagh dhaibhsan, oir tha an là air teachd, àm an smachdachaidh! Guth na muinntir a theich, agus a chaidh as o thìr Bhàbiloin, a dh’fhoillseachadh ann an Sion dìoghaltas an Tighearna ar Dia‑ne, dìoghaltas a theampaill. Gairmibh sluagh lìonmhor an aghaidh Bhàbiloin; sibhse uile a tha a’ lùbadh a’ bhogha, cuartaichibh le feachd i air gach làimh; na rachadh cuid air bith dhith as; dìolaibh rithe a rèir a h‑obrach, a rèir gach nì a rinn i, dèanaibh rithe; a chionn gun do rinn i gu h‑uaibhreach an aghaidh an Tighearna, an aghaidh Tì naomh Israeil. Air an adhbhar sin tuitidh a h‑òganaich na sràidean, agus bidh a fir‐chogaidh uile air an gearradh as anns an là sin, deir an Tighearna. Feuch tha mise ad aghaidh, O uaibhrich, deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh: gu cinnteach tha do là air teachd, an t‑àm anns an dèan mise do smachdachadh. Agus gheibh an t‑uaibhreach tuisleadh agus leagadh, agus cha bhi neach ann a thogas suas e: agus fadaidh mise teine na bhailtean, agus loisgidh e gach nì mun cuairt dha. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Shàraicheadh clann Israeil agus clann Iùdah le chèile; agus rinn iadsan uile a thug ann am braighdeanas iad greim daingeann orra; dhiùlt iad an leigeadh air falbh. Is cumhachdach am fear‐saoraidh: Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e a ainm: tagraidh e gu daingeann an cùis, a‑chum gun toir e suaimhneas don talamh agus mì‑shuaimhneas do luchd‐àiteachaidh Bhàbiloin. Bidh claidheamh air na Caldèanaich, tha an Tighearna ag ràdh, agus air luchd‐àiteachaidh Bhàbiloin, agus air a h‑uachdarain, agus air a daoine glice; Claidheamh air na breugairean, agus bidh iad air mhì‐chèill; claidheamh air a daoine cumhachdach agus bidh iad fo uamhann. Claidheamh air a h‑eich, agus air a carbadan, agus air a h‑uile sluagh co‑mheasgte a tha na meadhon, agus bidh iad mar mhnathan: claidheamh aig a h‑ionmhasan, agus bidh iad air an spùinneadh; Tiormachd air a h‑uisgeachan, agus tiormaichear suas iad: a chionn gur i tìr nan dealbh snaidhte, agus as a h‑iodhalan gu bheil i a’ dèanamh uaille. Air an adhbhar sin gabhaidh fiadh‐bheathaichean nam fàsach, agus madaidhean‐allaidh nan coilltean, tàmh an sin; an sin fòs nì nigheanan na caillich‐oidhche còmhnaidh: agus chan àitichear i tuilleadh gu sìorraidh; cha mhò a ghabhar còmhnaidh innte o linn gu linn. Amhail nuair a sgrios Dia Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean a bha dlùth dhaibh, deir an Tighearna, cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann. Feuch, sluagh a’ teachd on àird a tuath, eadhon cinneach mòr, agus dùisgear mòran rìghrean o chrìochan an domhain. Am bogha agus an t‑sleagh glacaidh iad: tha iad fuileachdach, agus cha nochd iad tròcair: beucaidh an guth mar an fhairge, agus marcaichidh iad air eich ann an òrdagh mar dhaoine a‑chum a’ chatha, ann ad aghaidh‐sa, O nighean Bhàbiloin. Chuala rìgh Bhàbiloin iomradh orra, agus dh’fhàs a làmhan lag: ghlac àmhghar e, goimh, amhail mnà ri saothair. Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mise os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair? Air an adhbhar sin èisdibh rùn an Tighearna a rùnaich e an aghaidh Bhàbiloin, agus a smuaintean a smaoinich e an aghaidh tìr Chaldèa. Gu deimhinn spìonar air falbh àlach an treud, gu deimhinn nìthear lèirsgrios os an cionn, den àite‐còmhnaidh. Leis an fhuaim, Ghlacadh Bàbilon, tha an talamh air a luasgadh, agus chualas a’ ghaoir am measg nan cinneach. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, dùisgidh mise suas an aghaidh Bhàbiloin, agus an aghaidh na muinntir a tha a chòmhnaidh ann am meadhon an dream sin a tha ag èirigh am aghaidh, gaoth sgriosach: Agus cuiridh mi gu Bàbilon luchd‐fasgnaidh, agus fasgnaidh iad i, agus falmhaichidh iad a fearann; oir cuartaichidh iad air gach taobh i ann an là na h‑airce. Lùbadh an saighdear gun tàmh a bhogha, agus na cuireadh e dheth a lùireach; agus na caomhnaibh a h‑òganaich, sgriosaibh gu buileach an t‑iomlan de a feachd. Agus tuitidh iadsan a mharbhar ann an tìr nan Caldèanach, agus iadsan a bhuailear troimhe, na sràidean. Oir cha do dhìobradh Israel no Iùdah le a Dhia, le Tighearna nan sluagh, ged bha am fearann air a lìonadh le peacadh an aghaidh Tì naomh Israeil. Teichibh a‑mach à meadhon Bhàbiloin, agus sàbhaladh gach neach a anam, mun gearrar as sibh na h‑aingidheachd; oir is i seo aimsir dìoghaltas an Tighearna; ìocaidh e luigheachd dhi. Bu chupan òir Bàbilon ann an làimh an Tighearna, a chuir air mhisg an talamh uile: de a fhìon dh’òl na cinnich, uime sin tha na cinnich air bhoile. Thuit Bàbilon gu h‑obann, agus mhilleadh i; guilibh os a cionn; gabhaibh ìoc airson a leòin, ma dh’fhaodar mar sin a leigheas. B’àill leinne Bàbilon a leigheas, ach chan eil i air a leigheas; trèigibh i, agus rachamaid gach aon da dhùthaich fhèin: oir ràinig a breitheanas na nèamhan, agus thogadh suas e gus na speuran. Thug an Tighearna saorsa dhuinne: thigibh agus cuireamaid an cèill ann an Sion obair an Tighearna ar Dia. Geuraichibh na saighdean; cruinnichibh na sgiathan; dhùisg an Tighearna suas spiorad rìghrean Mhedia; oir tha a rùn an aghaidh Bhàbiloin, a‑chum a sgrios: gu deimhinn is e dìoghaltas an Tighearna a tha ann, dìoghaltas a theampaill. Fa chomhair ballachan Bhàbiloin cuiribh suas a’ bhratach, dèanaibh am freiceadan làidir; suidhichibh luchd‐faire, deasaichibh luchd feall‐fhalach; oir mar a dhealbh an Tighearna, mar an ceudna rinn e, na nithean sin a labhair e an aghaidh luchd‐àiteachaidh Bhàbiloin. O thusa a tha a chòmhnaidh air mòran uisgeachan, saoibhir ann an ionmhasan, thàinig do chrìoch, tomhas do shannt. Thug Tighearna nan sluagh mionnan air fhèin, ag ràdh, Gu deimhinn lìonaidh mi thu le daoine mar gum b’ann le lòcaist, agus togaidh iad suas iolach ann ad aghaidh. Rinn esan an talamh le a chumhachd, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan. Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, agus bheir e air a’ cheò dol suas o iomallan na talmhainn; nì e dealanach le frasan agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan‐tasgaidh. Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas; nàraicheadh gach òr‑cheàrd le ìomhaigh leaghte: oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus chan eil anail annta. Is nì faoin iad, obair mhearachd: ann an àm an smachdachaidh thèid iad am mugha. Cha chosmhail riu seo Cuibhreann Iàcoib, oir is esan Fear‐cumaidh an domhain uile; agus is e Israel slat a oighreachd; Tighearna nan sluagh is e a ainm. Is tu mo thuagh‐chatha, agus m’acfhainn‐chogaidh; agus leatsa brisidh mi nam bloighdean cinnich; agus leatsa millidh mi rìoghachdan; Agus leatsa brisidh mi nam bloighdean an t‑each agus a mharcach; agus leatsa brisidh mi na bhloighdean an carbad, agus esan a shuidheas air: Agus leatsa brisidh mi nam bloighdean am fear agus a’ bhean; agus leatsa brisidh mi nam bloighdean an seann duine agus an leanabh; agus leatsa brisidh mi nam bloighdean an t‑òganach agus a’ ghruagach; Agus leatsa brisidh mi nam bloighdean am buachaille agus a threud; agus leatsa brisidh mi nam bloighdean an treabhaiche agus a chuing; agus leatsa brisidh mi nam bloighdean cinn‐fheadhna agus luchd‐riaghlaidh. Agus dìolaidh mi air Bàbilon, agus air uile luchd‐àiteachaidh Chaldèa, an uile olc a rinn iad ann an Sion nur sealladh‐se, deir an Tighearna. Feuch, tha mise ann ad aghaidh. O shlèibh sgriosaich, deir an Tighearna, a tha a’ sgrios na talmhainn uile; agus sìnidh mi mo làmh a‑mach ort, agus iomainidh mi thu sìos o na creagan, agus nì mi beinn loisgte dhìot. Agus cha ghabh iad dhìot clach airson oisne, no clach airson bhunaitean; ach ann ad chùirn lèirsgrios bidh tu gu sìorraidh, deir an Tighearna. Cuiribh suas bratach anns an fhearann, sèidibh an trompaid am measg nan cinneach, deasaichibh na h‑aghaidh cinnich, gairmibh an ceann a chèile na h‑aghaidh rìoghachdan, Ararat, Mini, agus Aschenas; sònraichibh ceann‐feadhna na h‑aghaidh; thugaibh air na h‑eich teachd a‑nìos mar na lòcaist fhriodhanach. Deasaichibh na h‑aghaidh cinnich, rìghrean Mhedia, a cinn‐fheadhna, agus a h‑uile luchd‐riaghlaidh, agus uile fhearann a tighearnais. Agus bidh crith air an fhearann, agus doilgheas; oir seasaidh comhairle an Tighearna an aghaidh Bhàbiloin gu daingeann, a dhèanamh tìr Bhàbiloin na fàsach, gun neach ga h‑àiteachadh. Leig laoich Bhàbiloin dhiubh cogadh, dh’fhan iad ann an daingnichean; dh’fhàilnich an treise, dh’fhàs iad mar mhnathan; loisgeadh a h‑ionadan‐còmhnaidh; bhriseadh a croinn‐dhruididh. Greasaidh fear‐ruith gu luath an còdhail fir‐ruithe, agus teachdaire an còdhail teachdaire, a dh’innse do rìgh Bhàbiloin gun do ghlacadh a chathair aig a ceann; Agus tha na slighean air an glacadh, agus a’ chuilceach loisg iad le teine, agus tha na fir‐chogaidh air am bualadh le uamhann. Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Tha nighean Bhàbiloin mar ùrlar‐bualaidh; fhathast tiota beag, agus thig àm a bualaidh, agus àm a buain. Dh’ith Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin suas sinn, chaith e sinn, rinn e sinn nar soitheach falamh; shluig e suas sinn mar dhràgon; lìon e a bhrù le ar nithean blasda, thilg e a‑mach sinn. Gu robh an t‑ainneart a rinneadh ormsa agus air m’fheòil air Bàbilon, their fear‐àiteachaidh Shioin; agus, Gu robh m’fhuil‐sa air luchd‐àiteachaidh Chaldèa, their Ierusalem. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, tagraidh mise do chùis, agus nì mi dìoghaltas air do shon; agus tiormaichidh mi suas a fairge, agus nì mi a màthair‐uisge tioram. Agus bidh Bàbilon na cùirn, na h‑ionad‐còmhnaidh dhràgon, na h‑uamhas, agus na ball‐sgeig, gun aon ga h‑àiteachadh. Beucaidh iad le chèile mar leòmhainn; sgreadaidh iad mar chuileanan leòmhann. Nan teas cuiridh mise cuirm romhpa, agus cuiridh mi air mhisg iad a‑chum gun dèan iad aighear, agus gun caidil iad cadal sìorraidh, agus nach dùisg iad, arsa an Tighearna. Bheir mi a‑nuas iad mar uain a‑chum am marbhadh, mar reitheachan leis na gobhraichean fireann. Cionnas a ghlacadh Sesac! Agus cionnas a rinneadh greim air cliù an domhain uile! Cionnas a dh’fhàs Bàbilon na h‑uamhas am measg nan cinneach! Thàinig an fhairge a‑nìos air Bàbilon: tha i air a còmhdach le lìonmhorachd a tonnan. Tha a bailtean nam fàsach, nam fearann tioram, agus nan làraich sgaoilte; talamh anns nach eil duine a chòmhnaidh, cha mhò a thèid mac duine troimhpe. Agus bheir mise breitheanas air Bel ann am Bàbilon, agus bheir mi a‑mach as a bheul an nì sin a shluig e; agus cha chruinnich na cinnich an ceann a chèile thuige nas mò; thuit fòs balla Bhàbiloin. Rachaibh‐se a‑mach as a meadhon, O mo shluagh‐sa, agus tèarnaibh gach aon a anam o chorraich ghairg an Tighearna. Agus a‑chum nach bi ur cridhe meata, cha mhò a bhios eagal oirbh ron iomradh a chluinnear anns an fhearann: oir thig an t‑iomradh air bliadhna, agus air an ath‐bhliadhna na dhèidh sin thig iomradh, agus ainneart anns an fhearann, uachdaran an aghaidh uachdarain: Air an adhbhar sin, feuch, tha na làithean a’ teachd anns an dèan mise breitheanas air dealbhan snaidhte Bhàbiloin; agus cuirear gu amhluadh a fearann uile, agus tuitidh a mairbh gu lèir na meadhon. Agus togaidh na nèamhan agus an talamh iolach os cionn Bhàbiloin, agus na h‑uile a tha annta: nuair a thig a luchd‐creachaidh na h‑aghaidh on àird a tuath, deir an Tighearna. Oir mar a thug Bàbilon air muinntir chlaoidhte Israeil tuiteam, mar sin aig Bàbilon thuit muinntir chlaoidhte an domhain uile. Sibhse a chaidh as on chlaidheamh, imichibh romhaibh, na fanaibh nur seasamh: cuimhnichibh an Tighearna o chèin, agus thigeadh Ierusalem nur n‑aire. Bha sinn fo amhluadh, a chionn gun cuala sinn mì‑chliù, chòmhdaich nàire ar n‑aghaidh; oir thàinig coimhich a‑steach do ionadan naomha taigh an Tighearna. Uime sin feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an dèan mise breitheanas air a dealbhan snaidhte; agus feadh a fearainn uile bidh acain nan daoine leònte. Ged èireadh Bàbilon suas gu ruig na nèamhan, agus ged dhaingnicheadh i gu h‑àrd a neart, uamsa thig luchd‐creachaidh da h‑ionnsaigh, deir an Tighearna. Fuaim èighich o Bhàbilon, agus lèirsgrios mòr o thìr nan Caldèanach; Oir mhill an Tighearna Bàbilon, agus bhàsaich a mòr‐fharam na meadhon; ged bha a fuaim mar thoirm uisgeachan mòra, ge b’àrd a dh’èirich a faram; A chionn gun tàinig fear‐millidh na h‑aghaidh, an aghaidh Bhàbiloin; agus ghlacadh a laoich, agus bhriseadh gach aon dem boghachan; oir bheir an Tighearna, Dia na luigheachd, gu cinnteach luigheachd dhise. Agus cuiridh mise air mhisg a prionnsachan, agus a daoine glice, a cinn‐fheadhna, agus a h‑uachdarain, agus a daoine cumhachdach; agus caidlidh iad cadal bithbhuan, agus cha dùisg iad tuilleadh, deir an Rìgh don ainm Iehòbhah, Dia nan sluagh. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Brisear gu tur ballachan leathann Bhàbiloin, agus loisgear a geatachan àrda le teine; agus saothraichidh na slòigh gu dìomhain, agus na cinnich anns an teine, gus an toir iad thairis le sgìos. Am facal a dh’àithn Ieremiah am fàidh do Sheraiah mac Neriah, mhic Mhaaseiah, nuair a chaidh e le Sedeciah rìgh Iùdah gu Bàbilon, anns a’ cheathramh bliadhna de a linn: agus b’e Seraiah an t‑àrd chaillteanach. Agus sgrìobh Ieremiah a h‑uile olc a bha ri teachd air Bàbilon ann an aon leabhar, na briathran seo uile a tha air an sgrìobhadh mu thimcheall Bhàbiloin. Agus thubhairt Ieremiah ri Seraiah. Nuair a thig thu gu Bàbilon, agus a chì, agus a leughas tu na briathran seo uile, An sin their thu, O Thighearna, labhair thu an aghaidh an àite seo gu a ghearradh as, air chor is nach bi neach a chòmhnaidh ann, aon chuid duine no ainmhidh, ach gum bi e fàs gu sìorraidh. Agus tàrlaidh, nuair a sguireas tu de leughadh an leabhair seo, gun ceangail thu clach ris, agus tilgidh tu e ann am meadhon Euphràteis. Agus their thu, Mar seo thèid Bàbilon fodha, agus chan èirich i nas mò, do bhrìgh an uilc a bheir mise oirre; agus claoidhear iad. An fhad seo briathran Ieremiah. Bha Sedeciah bliadhna ar fhichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon‐bhliadhna‑deug ann an Ierusalem; agus b’e ainm a mhàthar Hamutal, nighean Ieremiah o Libnah. Agus rinn e an nì sin a bha olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir gach nì a rinn Iehoiacim. Oir tro fheirg an Tighearna thàrladh ann an Ierusalem agus ann an Iùdah, gus an do thilg e iad a‑mach as a fhianais, gun do rinn Sedeciah ar‑a‑mach an aghaidh rìgh Bhàbiloin. Agus thàrladh anns an naoidheamh bliadhna de a linn, anns an deicheamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, gun tàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, e fhèin agus uile fheachd, an aghaidh Ierusaleim, agus shuidhich iad camp na h‑aghaidh, agus thog iad daingnichean na h‑aghaidh, air gach taobh. Mar sin bha a’ chathair air a teannachadh gus an aon‐bhliadhna‑deug de linn rìgh Shedeciah. Agus anns a’ cheathramh mìos, air an naoidheamh là den mhìos, bha a’ ghorta trom anns a’ chathair, agus cha robh aran air bith aig muinntir na tìre. An sin bha a’ chathair air a briseadh sìos, agus theich na fir‐chogaidh uile, agus chaidh iad a‑mach as a’ chathair feadh na h‑oidhche, air slighe a’ gheata, eadar an dà bhalla a bha aig lios an rìgh (nuair a bha na Caldèanaich aig a’ chathair timcheall mun cuairt), agus dh’imich iad air slighe a’ chòmhnaird. Ach lean feachd nan Caldèanach air tòir an rìgh, agus rug iad air Sedeciah ann an còmhnardan Iericho; agus bha a fheachd uile air an sgapadh uaithe. Agus ghlac iad an rìgh, agus thug iad suas e gu rìgh Bhàbiloin, aig Riblah, ann am fearann Hamait, far an tug e breitheanas air. Agus mharbh rìgh Bhàbiloin mic Shedeciah fa chomhair a shùl: mharbh e mar an ceudna uile cheannardan Iùdah ann an Riblah. Agus chuir e a‑mach sùilean Shedeciah, agus cheangail e le slabhraidhean e; agus thug rìgh Bhàbiloin leis e gu Bàbilon, agus chuir e ann am prìosan e gu là a bhàis. Agus anns a’ chòigeamh mìos, air an deicheamh là den mhìos (b’i sin an naoidheamh‐bliadhna‑deug de linn Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin), thàinig Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, a fhritheil do rìgh Bhàbiloin, gu Ierusalem. Agus loisg e taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh; agus uile thaighean Ierusaleim, eadhon a h‑uile taigh mòr loisg e le teine. Agus bhris uile fheachd nan Caldèanach, a bha le ceannard an fhreiceadain, ballachan Ierusaleim sìos air gach taobh. Agus cuid de bhochdan an t‑sluaigh, agus fuidheall an t‑sluaigh a dh’fhan anns a’ chathair, agus iadsan a chaidh thairis gu rìgh Bhàbiloin, agus a’ chuid eile den t‑sluagh, thug Nebusaradan ceannard an fhreiceadain air falbh nam braighdean. Ach cuid de bhochdan an fhearainn dh’fhàg Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, gu bhith nan luchd‐deasachaidh fhìonainean, agus nan treabhaichean. Agus na puist umha a bha ann an taigh an Tighearna, agus na buinn, agus an fhairge umha a bha ann an taigh an Tighearna, bhris na Caldèanaich, agus thug iad an umha uile gu Bàbilon. Na coireachan fòs, agus na sluasaidean, agus na smàladairean, agus na cuachan, agus na liadhan, agus na h‑uile shoithichean umha, leis an do fhritheil iad, thug iad air falbh. Agus na soithichean‐ionnlaid, agus na h‑aighnean‐teine, agus na cuachan, agus na coireachan, agus na coinnleirean, agus na liadhan, agus na cupain, a’ chuid a bha de òr na òr; agus a’ chuid a bha de airgead na airgead, thug ceannard an fhreiceadain air falbh. An dà phost, an aon fhairge, agus an dà‑tharbh‐dheug umha, a bha fo na buinn a rinn rìgh Solamh airson taigh an Tighearna, cha robh tomhas air umha nan soithichean seo uile. A‑thaobh nam post, b’e àirde gach aon phuist ochd‐deug làmh‐choille; agus dhèanadh sreang dà làmh‐choille dheug a thomhas mun cuairt; agus b’e a thighead ceithir òirlich, fàs a‑staigh. Agus bha coron umha air; agus b’e còig làmhan‐coille àirde gach aon choroin, le lìon‐obair agus pomgranatan air na coroin mun cuairt, an t‑iomlan de umha; air a’ phost eile mar an ceudna bha pomgranatan cosmhail riu seo. Agus bha sia‑deug agus ceithir‐fichead pomgranat air aon taobh, ceud pomgranat air an lìon‐obair uile mun cuairt. Agus thug ceannard an fhreiceadain leis Seraiah an t‑àrd‐shagart, agus Sephaniah an dara sagart, agus na trì dorsairean; Thug e fòs as a’ chathair caillteanach air an robh cùram nam fear‐cogaidh, agus seachd fir dhiubhsan a bha dlùth do phearsa an rìgh, a fhuaireadh anns a’ chathair, agus àrd‐sgrìobhaiche an t‑sluaigh, a ghabh àireamh muinntir an fhearainn, agus trì‐fichead fear de mhuinntir an fhearainn, a fhuaireadh ann am meadhon a’ bhaile; Ghabh eadhon Nebusaradan ceannard an fhreiceadain iad, agus thug e iad a‑chum rìgh Bhàbiloin gu Riblah. Agus bhuail rìgh Bhàbiloin iad, agus chuir e gu bàs iad ann an Riblah, ann am fearann Hamait: mar sin thugadh Iùdah air falbh ann am bruid as a fhearann fhèin. Seo an sluagh a thug Nebuchadnesar air falbh ann am bruid: anns an t‑seachdamh bliadhna, trì mìle Iùdhach agus trì‐ar‑fhichead. Ann an ochdamh‐bliadhna‑deug Nebuchadnesair, thug e air falbh ann am bruid o Ierusalem ochd ceud anam agus a dhà‐dheug ar fhichead. Ann an treas‐bliadhna‑fichead Nebuchadnesair, thug Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, air falbh ann am bruid de na h‑Iùdhaich, seachd ceud, dà‑fhichead agus còig anam: b’iad na h‑anaman uile ceithir mìle agus sia ceud. Agus thàrladh anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de bhraighdeanas Iehoiacim rìgh Iùdah, anns an dara‑mìos‐deug, air a’ chòigeamh‐là‑fichead den mhìos, gun do thog Ebhil‐merodach rìgh Bhàbiloin, anns a’ chiad bhliadhna de a linn, suas ceann Iehoiacim rìgh Iùdah, agus thug e a‑mach à prìosan e. Agus labhair e gu caomhail ris, agus chuir e a chathair os cionn cathraichean nan rìghrean a bha leis ann am Bàbilon. Agus dh’atharraich e a chulaidh‐phrìosain: agus dh’ith e aran na fhianais a ghnàth, fad uile làithean a bheatha. Agus airson a lòin làitheil, thugadh dha o rìgh Bhàbiloin gach aon là cuibhreann gu là a bhàis, fad uile làithean a bheatha. gu là a bhàis, fad uile làithean a bheatha. Cia uaigneach a tha i na suidhe, a’ chathair a bha làn de dhaoine! Cionnas a dh’fhàs i mar bhantraich! Ise a bha mòr am measg nan cinneach, agus na h‑uachdaran am measg nan dùthchannan, cionnas a tha i air teachd fo chìs! Tha i ri gul geur anns an oidhche, agus a deòir air a gruaidhean; fear‐comhfhurtachd air bith chan eil aice am measg a h‑uile luchd‐gaoil; bhuin a càirdean uile gu fealltach rithe, dh’fhàs iad nan naimhdean dhi. Dh’imich Iùdah air falbh ann am braighdeanas; ann an an‑shocair, agus ann an daorsa mhòir, tha i a chòmhnaidh am measg nan cinneach; chan eil i a’ faotainn suaimhneis air bith; rug a luchd‐ruagaidh uile oirre eadar na cunglaichean. Tha ròidean Shioin ri bròn, a chionn nach eil aon neach a’ teachd a‑chum na h‑àrd‐fhèille; tha a geatachan uile fàs; tha a sagartan ag acain; tha a h‑òighean fo leòn, agus tha i fhèin ann an searbhadas. Is iad a h‑eascairdean a tha an uachdar, tha a naimhdean a’ soirbheachadh; oir leòn an Tighearna i airson lìonmhorachd a lochdan; dh’fhalbh a clann am braighdeanas fa chomhair an nàmhaid. Agus dhealaich a sgèimh uile ri nighinn Shioin; tha a prionnsachan air fàs mar fhèidh nach eil a’ faotainn ionaltraidh; agus dh’imich iad gun neart ron fhear‐ruagaidh. Chuimhnich Ierusalem ann an là a h‑àmhghair, agus a truaighe, air a h‑uile nithean sòlasach a bha aice anns na làithean o shean; an tràth thuit a daoine ann an làimh an nàmhaid, agus nach do rinn neach a cuideachadh; chunnaic na naimhdean, agus rinn iad fanaid air a sàbaidean. Pheacaich Ierusalem gu trom; air an adhbhar sin tha i air a h‑atharrachadh: iadsan uile a thug urram dhi, tha iad ri tàir oirre, a chionn gum faca iad a lomnochdaidh; seadh, tha ise ri caoidh, agus a’ tionndadh air a h‑ais. Bha a salchar na sgiobaill; cha robh i cuimhneach air a crìch dheireannaich; uime sin thugadh i a‑nuas gu h‑iongantach; chan eil fear‐comhfhurtachd aice: amhairc, O Thighearna, air m’àmhghar, oir mheudaich an nàmhaid e fhèin. Shìn an nàmhaid a‑mach a làmh air a h‑uile nithean taitneach; gu deimhinn chunnaic i cinnich a’ dol a‑steach da h‑ionad naomh, don d’àithn thusa nach rachadh iad a‑steach dod choitheanal. Tha a sluagh uile ag osnaich; tha iad ag iarraidh arain; thug iad an nithean luachmhor airson lòin, a chumail beò an anama: feuch, O Thighearna, agus thoir fa‑near, mar tha mi air fàs suarach. O sibhse uile a tha a’ gabhail an rathaid, amhaircibh agus faicibh a bheil bròn sam bith cosmhail rim bhròn‐sa a thugadh orm, on uair anns an do rinn an Tighearna mo smachdachadh ann an là a dhian‐fheirge. Chuir e teine a‑nuas, agus thug e air dol a‑steach dom chnàmhan, agus bhuadhaich e orra; sgaoil e lìon airson mo chas; thill e mi air m’ais: rinn e fàs mi, fad an là ri caoidh. Tha a’ chuing air a ceangal; tha mo lochdan air an snìomh le a làimh, tha iad air an càradh mum mhuineal; thug e air mo threise tuiteam, thug an Tighearna thairis mi dan làmhan, chan urrainn mi èirigh suas. Shaltair an Tighearna fo chois m’uile dhaoine cumhachdach ann am mheadhon: ghairm e coitheanal am aghaidh a bhruthadh mo dhaoine òga; mar ann an amar‐bruthaidh fìona, bhrùth an Tighearna òigh‐nighean Iùdah. Airson nan nithean seo guilidh mi; tha mo shùil, mo shùil a’ sileadh sìos le uisge; a chionn gu bheil am fear‐comhfhurtachd, a bheireadh fuasgladh dom anam, fada uam: tha mo chlann uaigneach, a chionn gun tug an nàmhaid buaidh. Tha Sion a’ sgaoileadh a‑mach a làmh, chan eil neach ann a thoirt dhi comhfhurtachd; dh’àithn an Tighearna a‑thaobh Iàcoib a naimhdean a bhith air gach taobh mun cuairt dha; tha Ierusalem nam measg mar aon a chuireadh air leth airson neòghlaine. Is ceart an Tighearna, oir chathaich mise an aghaidh a àitheantan; èisdibh, guidheam oirbh, a shlòigh gu lèir, agus faicibh mo bhròn: m’òighean agus m’òganaich dh’fhalbh ann am braighdeanas. Ghairm mi air mo leannain, ach mheall iad mi; thug mo shagartan agus mo sheanairean suas an deò anns a’ chathair, am feadh a dh’iarr iad am biadh gu cobhair air an anam. Feuch, O Thighearna, mar a tha mi ann an teinn; tha mo chom fo thrioblaid; tha mo chridhe air tionndadh an taobh a‑staigh dhìom; oir chiontaich mi gu trom: a‑muigh tha claidheamh a’ sgrios, a‑staigh tha amhail bàis. Chuala iad mar a rinn mi acain, ach chan eil neach ann a thoirt dhomh comhfhurtachd; chuala mo naimhdean uile m’àmhghar; rinn iad gàirdeachas a chionn gun do rinn thusa sin: bheir thusa gu crìch an là a ghairm thu, agus bidh iadsan cosmhail riumsa. Thigeadh an aingidheachd uile fad chomhair; agus dèan riu mar a rinn thu riumsa airson m’uile lochdan: oir tha m’osnaidhean lìonmhor, agus mo chridhe lag. Cionnas a tharraing an Tighearna na chorraich neul air nighinn Shioin, agus a thilg e sìos o nèamh gu talamh maise Israeil! Agus cha do chuimhnich e stòl a choise ann an là a fheirge! Shluig an Tighearna suas uile àiteachan‐còmhnaidh Iàcoib, agus cha do ghabh e truas: thilg e sìos na chorraich daingnichean làidir nighean Iùdah: thug e a‑nuas gu làr iad; thruaill e an rìoghachd agus a daoine urramach. Gheàrr e as na dhian‐fheirg adharc Israeil uile; tharraing e air a h‑ais a làmh dheas o aghaidh an nàmhaid; agus loisg e an aghaidh Iàcoib mar theine lasrach a loisgeas air gach taobh. Lùb e a bhogha mar nàmhaid: thog e an àird a làmh dheas mar eascaraid, agus mharbh e na h‑uile òganaich a bha taitneach don t‑sùil; ann am pàillean nighean Shioin thaom e a‑mach a chorraich mar theine. Bha an Tighearna mar nàmhaid: shluig e suas Israel, shluig e suas a àrois uile; sgrios e a dhaingnichean làidir, agus mheudaich e ann an nighean Iùdah bròn agus caoidh. Agus sgaoil e as a chèile a phàillean mar challaid; sgrios e a choitheanal fhèin; leig an Tighearna as aire ann an Sion an àrd‐fhèill agus an t‑sàbaid; agus rinn e tàir, ann an teas a chorraich, air an rìgh agus air an t‑sagart. Chuir an Tighearna air cùl a altair, ghabh e gràin da naomh‐ionad: thug e suas ballachan a h‑àrois do làimh an eascaraid; rinn iad gàir ann an taigh an Tighearna, mar ann an là àrd‐fhèille. Tha an Tighearna fo rùn ballachan nighean Shioin a mhilleadh; shìn e a‑mach sreang, cha do chùm e a làmh o mhilleadh; ach thug e air an daingneach agus air a’ bhalla caoidh; shearg iad as le chèile. Tha a geatachan air dol sìos anns an talamh; mhill agus bhris e a croinn‐dhruididh; tha a rìghrean agus a h‑uachdarain am measg nan cinneach; an lagh chan eil ann; aig a fàidhean fòs chan eil sealladh air bith on Tighearna. Tha seanairean nighean Shioin nan suidhe air an làr, tha iad nan tosd; chuir iad duslach air an ceann: chrioslaich iad iad fhèin le sac‐èideadh: tha òighean Ierusaleim a’ cromadh sìos an cinn gu làr. Tha mo shùilean air fàilneachadh le deòir; tha mo chom fo thrioblaid; dhòirteadh mo sgamhan air an talamh airson lèirsgrios nighean mo shluaigh; a chionn gu bheil a’ chlann bheag agus na naoidheanan a’ fannachadh ann an sràidean na cathrach. Rim màthraichean tha iad ag ràdh, Càit a bheil arbhar agus fìon? An tràth a tha iad a’ fàilneachadh mar dhaoine leònte ann an sràidean a’ bhaile, an tràth a tha an anam air a dhòrtadh a‑mach ann an uchd am màthar. Ciod a thàirngeas mi mar fhianais ad aghaidh? Ciod an nì a shamhlaicheas mi riut, O nighean Ierusaleim? Ciod a choimeasas mi riut, a‑chum gun tugainn comhfhurtachd dhut, O òigh‐nighean Shioin? Oir tha do bhriseadh mòr mar an fhairge; cò a dh’fhaodas do leigheas? Chunnaic d’fhàidhean nithean dìomhain agus amaideach air do shon, agus cha do leig iad ris d’euceart, a‑chum do bhruid a thilleadh air a h‑ais: ach chunnaic iad air do shon fàistneachd neo‐fhìrinneach, agus adhbhar fògraidh. Tha a mheud is a tha a’ gabhail seachad a’ bualadh am bas riut: tha iad ri sgeig‐fhiacal, agus a’ crathadh an cinn ri nighinn Ierusaleim, ag ràdh, An i seo a’ chathair ri an goirear Foirfeachd maise, Aoibhneas an domhain uile? Dh’fhosgail do naimhdean uile am beul ad aghaidh: rinn iad sgeig is gìosgan fhiacal; thubhairt iad, Shluig sinn suas i; gu cinnteach is e seo an là ri an robh ar sùil: fhuair sinn e, chunnaic sinn e. Rinn an Tighearna an nì sin a dhealbh e; choilean e a fhacal, a dh’àithn e anns na làithean o shean; thilg e sìos, agus cha do ghabh e truas; ach thug e air nàmhaid gàirdeachas a dhèanamh os do chionn, dh’àrdaich e adharc do naimhdean. Dh’èigh an cridhe, Ann an làthair an Tighearna, O bhalla nighean Shioin, sileadh deòir sìos mar shruth a là agus a dh’oidhche: na toir dhut fhèin suaimhneas air bith; na gabhadh clach do shùla fois. Eirich, glaodh gu h‑àrd anns an oidhche: ann an tùs na faire dòirt a‑mach do chridhe mar uisge fa chomhair gnùis Iehòbhah: tog suas do làmhan da ionnsaigh airson anam do chloinne òige, a tha a’ fàilneachadh le acras aig ceann gach aon sràide. Feuch, O Thighearna, agus thoir fa‑near cò ris a bhuin thu mar seo: an ith na mnathan toradh na bronn, naoidheanan maotha? Am marbhar an sagart agus am fàidh ann an ionad naomh an Tighearna? Laigh an t‑òg agus an sean air an làr anns na sràidean: tha m’òighean agus m’òganaich air tuiteam leis a’ chlaidheamh; mharbh thu iad ann an là do chorraich; mharbh thu, agus cha do ghabh thu truas. Ghairm thu, mar air là suidhichte, m’uamhasan air gach taobh, air chor is, air là fearg an Tighearna, nach robh neach ann a chaidh as, no a mhair beò: a’ mhuinntir a thog agus a dh’àraich mi, chuir mo nàmhaid as dhaibh. Is mise an duine a chunnaic àmhghar le slait a chorraich. Stiùir e mi, agus thug e orm gluasad ann an dorchadas, agus chan ann an solas. Gu cinnteach am aghaidh‐sa thill e; tha e a’ tilleadh a làimhe air a h‑ais ann am aghaidh air feadh an là gu h‑iomlan. M’fheòil agus mo chraiceann rinn e sean; bhris e mo chnàmhan. Thog e ann am aghaidh, agus chuartaich e mi le domblas agus le saothair. Chuir e mi a chòmhnaidh ann an ionadan dorcha, mar iadsan a tha cian marbh. Chuartaich e mi le gàrradh air gach taobh, air chor is nach faod mi teachd a‑mach; rinn e mo shlabhraidh trom. Mar an ceudna, an tràth a ghlaodhas agus a dh’èigheas mi, tha e a’ druideadh a‑mach m’ùrnaigh. Dhruid e suas mo shlighe le clachan snaidhte; rinn e cam mo cheuman. Mar mhath‐ghamhainn a’ laighe am falach bha e dhomh, mar leòmhann ann an ionadan uaigneach. Rinn e mo shlighe fiar, agus reub e mi am bhloighdean: rinn e mi am aonaran. Lùb e a bhogha, agus chuir e mise mar chomharradh airson an saighde. Thug e air saighdean a dhòrlaich dol a‑steach ann am àirnean. Bha mi ann am chùis‐mhagaidh dom shluagh uile, ann am òran dhaibh fad an là. Lìon e mi le searbhadas, chuir e air mhisg mi le searbh‐luibhean. Bhris e m’fhiaclan fòs le clachan gainmhich, chòmhdaich e mi le luaithre. Agus dh’atharraich thu m’anam am fad o shìth; dhìochuimhnich mi soirbheachadh. Agus thubhairt mi, Tha mo spionnadh agus mo dhòchas air bàsachadh on Tighearna. Tha cuimhneachadh air m’àmhghar agus mo thruaighe na shearbhadas agus na dhomblas. Tha m’anam fhathast gan cuimhneachadh, agus air irioslachadh an taobh a‑staigh dhìom. Tha mi a’ gairm seo a‑rìs gum aire; uime sin tha dòchas agam. Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean. Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd! Is e an Tighearna mo chuibhreann, tha m’anam ag ràdh; uime sin cuiridh mi mo dhòchas ann. Is math an Tighearna dhaibhsan a dh’fheitheas air, don anam a dh’iarras e. Is math a bhith ann an dòchas, agus feitheamh gu fòil ri slàinte an Tighearna. Is math do dhuine a’ chuing a ghiùlan na òige; Suidhidh e na aonar, agus bidh e na thosd, a chionn gun do rinn e a giùlan. Cuiridh e a bheul anns an duslach, mas e is gum faod dòchas a bhith ann. Bheir e a ghiall don tì a bhuaileas e; bidh e air a lìonadh làn de mhasladh. Oir cha tilg an Tighearna uaithe gu bràth: Ach ged bheir e adhbhar bròin, gidheadh nì e iochd a rèir lìonmhorachd a thròcairean. Oir cha chlaoidh e da dheòin, cha mhò a chràidheas e clann nan daoine. Prìosanaich na talmhainn uile a bhruthadh fo a chasan. Còir duine a thionndadh a lethtaobh, fa chomhair gnùis an Tì as àirde, Eucoir a dhèanamh air duine na chùis, cha taitneach leis an Tighearna. Cò esan a their, agus gun tig e gu crìch, nuair nach àithn an Tighearna? Nach ann o òrdagh an Tì as ro‑àirde a thig olc agus math? Cuime an dèan duine beò gearan, duine airson smachdachadh a pheacaidh? Rannsaicheamaid agus dearbhamaid ar slighean, agus tilleamaid a‑rìs a dh’ionnsaigh an Tighearna. Togamaid suas ar cridhe maille ri ar làmhan ri Dia anns na nèamhan. Pheacaich sinne agus rinn sinn ar‑a‑mach, agus cha do mhaith thusa. Chuartaich thu le feirg, agus gheur‐lean thu sinn; mharbh thu, cha do ghabh thu truas. Chòmhdaich thu thu fhèin le neul, ionnas nach rachadh ùrnaigh troimhe. Rinn thu sinn nar salchar agus nar diù am measg an t‑sluaigh. Dh’fhosgail ar naimhdean uile am beul nar n‑aghaidh. Thàinig eagal agus ribe oirnn, fàsalachd agus milleadh. Tha mo shùil a’ sileadh sìos le sruthan uisge airson lèirsgrios nighean mo shluaigh. Tha mo shùil a’ sileadh sìos gun chasgadh agus gun sgur. Gus an seall an Tighearna a‑nuas, agus gun amhairc e o nèamh. Tha mo shùil a’ cur doilgheis air mo chridhe, airson uile nigheanan mo chathrach. Ruaig mo naimhdean mi gu geur, mar eun, gun adhbhar. Gheàrr iad as m’anam anns a’ phrìosan, agus chuir iad clach orm. Chaidh uisgeachan thar mo cheann mar thuil; thubhairt mi, Tha mi air mo ghearradh as. Ghairm mi air d’ainm‐sa, a Thighearna, as an t‑sloc ìochdarach. Chuala tu mo ghuth; na cùm do chluas om athchuinge agus om ghlaodh. Tharraing thu am fagas anns an là anns an do ghairm mi ort: thubhairt thu, Na biodh eagal ort. Thagair thusa, O Thighearna, cùisean m’anama; shaor thu mo bheatha. Chunnaic thusa, O Thighearna, m’àmhghar; cùm thusa còir rium. Chunnaic thu an uile dhìoghaltas, an uile innleachdan ann am aghaidh. Chuala tu am masladh, O Thighearna, an uile innleachdan ann am aghaidh; Bile na muinntir a dh’èirich suas am aghaidh, agus am borbhanaich ann am aghaidh fad an là. Feuch an suidhe sìos, agus an èirigh suas; is mise an ceòl. Bheir thusa luigheachd dhaibh, O Thighearna, a rèir obair an làmh. Bheir thu doilgheas cridhe dhaibh, nì thu am mallachadh. Ruaigidh tu ann am feirg, agus sgriosaidh tu iad o bhith fo nèamhan an Tighearna. Cionnas a thàinig smal air an òr, a chaochail an t‑òr ro‑fhìnealta! Tha clachan an naomh‐ionaid air an tilgeadh a‑mach air mullach gach aon sràide! Mic luachmhor Shioin, a dh’fhaodte a choimeas ri òr fìnealta, cionnas a mheasar iad mar shoithichean creadha, obair a’ chreadhadair! Tàirngidh eadhon na dràgoin a‑mach am broilleach, bheir iad a’ chìoch dan àlach: tha nighean mo shluaigh‐sa an‑iochdmhor, mar na sruthan anns an fhàsach. Tha teanga naoidhean na cìche a’ leantainn ra ghiall le tart; tha a’ chlann òg ag iarraidh arain; chan eil aon ga bhriseadh dhaibh. Tha iadsan aig an robh biadh sòghail nan aonarain anns na sràidean; iadsan a thogadh suas ann an sgàrlaid, tha iad a’ filleadh an làmh mun òtrach. Seadh, tha peanas aingidheachd nighean mo shluaigh‐sa nas mò na peanas peacadh Shòdoim, a thilgeadh bun‐os‑cionn an tiota, agus air nach tàinig laigse làmh. Bha a Nàsaraich na bu ghloine na sneachd; bu ghile iad na bainne; bu deirge iad anns a’ chorp na ruiteachain; bha an dreach mar shaphir. Is duibhe an gnùis na gual; chan aithnichear iad anns na sràidean; tha an craiceann a’ leantainn rin cnàmhan; tha e air tiormachadh; tha e air fàs mar mhaide. Is fheàrr dhaibhsan a mharbhar leis a’ chlaidheamh na dhaibhsan a mharbhar le gort; oir tha iad sin a’ seargadh as, air an lotadh a dh’uireasbhaidh toradh na machrach. Bhruich làmhan nam ban iochdmhor an clann fhèin; b’iad am biadh ann an lèirsgrios nighean mo shluaigh. Choilean an Tighearna a chorraich; thaom e a‑mach a dhian‐fhearg, agus las e teine ann an Sion, agus loisg e sin a bunaitean. Cha chreideadh rìghrean na talmhainn, no uile luchd‐àiteachaidh an domhain, gu rachadh an t‑eascaraid agus an nàmhaid a‑steach air geatachan Ierusaleim. Airson peacaidhean a fàidhean, agus aingidheachdan a sagart, a dhòirt fuil nam fìrean na meadhon; Chaidh iad air seachran mar dhaoine dall anns na sràidean, shalaich iad iad fhèin le fuil, air chor is nach faodadh daoine buntainn rin aodach. Imichibh, tha sibh neòghlan, thubhairt daoine riu; imichibh, imichibh, na beanaibh: seadh, theich iad, dh’fhalbh iad; thubhairt iad am measg nan cinneach, Cha ghabh iad còmhnaidh an seo nas mò. Rinn fearg an Tighearna an sgaoileadh; cha chuir e nas mò an suim iad: cha robh meas aca air pearsachan nan sagart; ris na seanairean cha do chùm iad bàigh. Am feadh a bha sinn ann, dh’fhàilnich ar sùilean ag amharc ri cobhair dhìomhain: am feadh a rinn sinn faire, bha ar sùil ri cinneach nach b’urrainn tèarnadh. Lorgaich iad ar ceuman, air chor is nach faodamaid imeachd nar sràidean: tha ar crìoch dlùth, tha ar làithean air an coileanadh; seadh, thàinig ar crìoch. Bu luaithe ar luchd‐leanmhainn na iolairean nèimh; ruaig iad sinn air na slèibhtean, laigh iad am falach air ar son anns an fhàsach. Ghlacadh nan slocan anail ar cuinneinean, tì ungte an Tighearna, mun dubhairt sinn, Fo a sgàil mairidh sinn beò am measg nan cinneach. Dèan gàirdeachas, agus bi ait, O nighean Edoim, aig a bheil do chòmhnaidh ann am fearann Uis; thèid an cupan thairis fòs thugadsa; bidh tu air mhisg, agus leigidh tu ris do lomnochdaidh. Tha peanas d’euceirt air a choileanadh, O nighean Shioin; cha toir e nas mo air falbh ann am bruid thu: smachdaichidh e d’euceart‐sa, O nighean Edoim, leigidh e ris do lochdan. Cuimhnich, O Thighearna, ciod a thàinig oirnn: thoir fa‑near, agus faic ar masladh. Thugadh thairis ar n‑oighreachd do choimhich, ar taighean do choigrich. Tha sinn nar dìlleachdain, agus gun athair, ar màthraichean mar bhantraichean. Dh’òl sinn ar n‑uisge airson airgid; tha ar fiodh air a reic rinn. Le cuing ar muineal tha sinn air ar sìor leòn; tha sinn a’ saothrachadh, agus gun fhois againn. Thug sinn an làmh do na h‑Eiphitich, agus do na h‑Asirianaich, a‑chum a bhith air ar sàsachadh le aran. Pheacaich ar n‑athraichean, agus chan eil iad ann, agus ghiùlain sinne an euceartan. Bha seirbhisich nan uachdarain oirnn; chan eil duine sam bith ann a shaoras on làmhan. Fhuair sinn ar n‑aran le cunnart ar n‑anama, do bhrìgh claidheamh an fhàsaich. Bha ar craiceann dubh mar àmhainn, do bhrìgh na gorta uamhasaich. Dh’èignich iad na mnathan ann an Sion, na maighdeannan ann an cathraichean Iùdah. Bha prionnsachan air an crochadh suas air an làimh: cha tug iad urram do aghaidh nan aosda. Ghabh iad na h‑òganaich gu meileadh, agus thuit a’ chlann fon chonnadh. Thrèig na seanairean an geata, na h‑òganaich an ceòl. Sguir aoibhneas ar cridhe; chaochail ar dannsadh gu bròn. Thuit an coron bhàrr ar cinn: mo thruaighe sinn, a chionn gun do pheacaich sinn. Airson seo tha ar cridhe lag; airson nan nithean seo tha ar sùilean air an dorchachadh. Airson sliabh Shioin a tha fàs; tha na sionnaich a’ coiseachd air. Ach tha thusa, O Thighearna, maireannach gu sìorraidh; do chathair rìoghail o linn gu linn. Cuime an dèan thu dearmad oirnn gu bràth, agus a bheil thu gar trèigsinn ùine cho fada? Till sinne thugad, O Thighearna, agus bidh sinn air ar tilleadh: ath‐nuadhaich ar làithean mar o shean. Oir thilg thu sinn cian fada uat; bha thu ro‑fheargach nar n‑aghaidh. Agus thàrladh, anns an deicheamh‐bliadhna‑fichead, anns a’ cheathramh mìos, air a’ chòigeamh là den mhìos, air dhòmhsa a bhith am measg nam braighdean aig abhainn Chebair, gun d’fhosgladh na nèamhan, agus chunnaic mi taisbeanaidhean Dhè. Air a’ chòigeamh là den mhìos (b’i sin an còigeamh bliadhna de bhruid rìgh Iehoiacin), Thàinig facal an Tighearna gu Eseciel an sagart, mac Bhusi, ann an tìr nan Caldèanach, aig uisge Chebair; agus bha làmh an Tighearna air anns an àite sin. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ghiùlain iomaghaoth on àird a tuath neul mòr a bha air a chuartachadh le fillidhean teine, agus dealradh air gach taobh dheth; agus na mheadhon bha amhail dreach òmair, eadhon ann am meadhon an teine. Agus a‑mach as a mheadhon mar an ceudna thàinig coslas ceithir bheò‐chreutairean, agus b’e seo an aogas: bha iad ann am meudachd duine. Agus bha ceithir aghaidhean aig gach aon dhiubh, agus ceithir sgiathan aig gach aon dhiubh. Agus bha an casan dìreach; agus bha bonn an cas mar bhonn cas laoigh, agus loinnrich iad mar dhath pràise lìomhte. Agus bha làmhan duine fo an sgiathan, air an ceithir taobhan; agus bha aig a’ cheithir an aghaidhean agus an sgiathan. Bha an sgiathan dlùthaichte, gach aon ri chèile; cha do thionndaidh iad nuair a ghluais iad; chaidh iad air an aghaidh, gach aon dìreach roimhe. Airson coslas an aghaidhean, bha aca nan ceathrar aghaidh duine, agus aghaidh leòmhainn air an taobh deas; agus bha aca nan ceathrar aghaidh daimh air an làmh chlì: bha fòs aca nan ceathrar aghaidh iolaire. B’amhail seo an aghaidhean: agus an sgiathan sgaoilte gu h‑àrd; dithis aig gach aon, dlùthaichte ri chèile, agus dithis a’ falach an cuirp. Agus dh’imich iad, gach aon dìreach air aghaidh: far an robh an spiorad air tì dol, dh’imich iad: cha do thionndaidh iad nuair a dh’imich iad. A‑thaobh coslas nam beò‐chreutairean bha an aogas mar èibhlean dearga teine, cosmhail ri lòchran, a chaidh air ais agus air aghaidh am measg nam beò‐chreutairean: agus bha an teine dealrach; agus as an teine thàinig a‑mach dealanach. Agus ruith na beò‐chreutairean, agus thill iad, mar phlath dealanaich. A‑nis am feadh a bha mi a’ sealltainn air na beò‐chreutairean, feuch, aon roth air an talamh, làimh ris na beò‐chreutairean, aig an ceithir aghaidhean. Bha dreach nan rothan agus an obair mar dhreach criostail; agus bha an aon choslas aig a’ cheithir, agus bha an aogas agus an obair mar gum biodh ann roth ann am meadhon rotha. Nan imeachd dh’imich iad air an ceithir taobhan: cha do thionndaidh iad nuair a dh’imich iad. A‑thaobh an cearcal, bha iad cho àrd is gum b’uamhasach iad; agus bha an cearcail làn de shùilean mun cuairt dhaibh nan ceathrar. Agus nuair a ghluais na beò‐chreutairean, ghluais na rothan làimh riu: agus nuair a thogadh na beò‐chreutairean suas on talamh, thogadh na rothan. Càit air bith a bha an spiorad air tì dol, dh’imich iadsan an taobh a bha an spiorad air tì dol, agus thogadh suas na rothan fan comhair; oir bha spiorad a’ bheò‐chreutair anns na rothan. Nuair a ghluais iad sin, ghluais iad seo; agus nuair a thogadh iad sin suas on talamh, thogadh na rothan suas fan comhair: oir bha spiorad a’ bheò‐chreutair anns na rothan. Agus bha aogas an speur a bha thar cinn a’ bheò‐chreutair mar dhreach criostail uamhasaich, air a sgaoileadh thar an cinn gu h‑àrd. Agus fon speur bha an sgiathan gu dìreach, gach aon fa chomhair a chèile; aig gach aon bha dithis, a dh’fhalaich air an taobh seo, agus aig gach aon bha dithis a dh’fhalaich air an taobh sin, an cuirp. Agus chuala mi fuaim an sgiathan, mar thoirm mòran uisgeachan, mar ghuth an Uile‐chumhachdaich; nuair a ghluais iad, chluinnte fuaim mar thorman sluaigh; tràth sheas iad, leig iad sìos an sgiathan. Agus bha guth on speur, a bha thar an cinn, tràth sheas iad, agus a leig iad sìos an sgiathan. Agus os cionn an speur, a bha thar an cinn, bha samhladh rìgh‐chathrach, mar choslas clach saphir; agus air samhladh na rìgh‐chathrach, bha taisbeanadh mar gum biodh coslas duine na shuidhe oirre. Agus chunnaic mi mar dhreach òmair, mar choslas teine gach taobh a‑staigh ann: o thaisbeanadh a leasraidh, agus os a chionn, agus o thaisbeanadh a leasraidh agus foidhe, chunnaic mi mar gum biodh ann coslas teine, agus e dealrach mun cuairt. Mar choslas a’ bhogha a tha anns an neul ann an là na froise, b’amhail dreach an dealraidh mun cuairt. B’e seo foillseachadh samhladh glòir an Tighearna; agus nuair a chunnaic mise, thuit mi air m’aghaidh, agus chuala mi guth aoin a’ labhairt. Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, seas air do chasan, agus labhraidh mise riut. Agus chaidh an spiorad a‑steach annam nuair a labhair e rium, agus chuir e air mo chasan mi, ionnas gun cuala mi an tì a labhair rium. Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, tha mise gad chur gu cloinn Israeil, gu cinneach ceannairceach a rinn ar‑a‑mach am aghaidh; chiontaich iad fhèin agus an athraichean am aghaidh gus an là‑an‑diugh. Oir is clann mhì‐nàireach agus chruaidh‐chridheach iad. Tha mise gad chur dan ionnsaigh; agus their thu riu, Mar seo deir an Tighearna Dia. Agus iadsan, co‑dhiù a dh’èisdeas iad no a dhearmadas iad (oir is taigh ceannairceach iad), gidheadh bidh fhios aca gu robh fàidh nam measg. Agus thusa, a mhic an duine, na biodh eagal ort romhpa, agus na biodh fiamh ort ro am briathran, ged tha drisean agus droigheann mun cuairt dhut, agus do chòmhnaidh am measg nathraichean nimhe: na biodh eagal ort ro am briathran, cha mhò a bhios geilt ort ron gnùis, ged is taigh ceannairceach iad. Agus labhraidh tu mo bhriathran‐sa riu, co aca a dh’èisdeas iad, no a dhearmadas iad; oir tha iad ro‑cheannairceach. Ach thusa, a mhic an duine, cluinn ciod a tha mise ag ràdh riut; Na bi thusa eas‐umhail cosmhail ris an taigh eas‐umhail sin: fosgail do bheul, agus ith an nì a bheir mise dhut. Agus nuair a dh’amhairc mi, feuch, bha làmh air a cur am ionnsaigh, agus, feuch, bha ròla leabhair innte; Agus sgaoil e fam choinneamh e; agus bha e sgrìobhte a‑staigh agus a‑muigh: agus bha sgrìobhte ann tuireadh, agus bròn, agus truaighe. Os bàrr thubhairt e rium, A mhic an duine, ith an nì a gheibh thu; ith an ròla seo, agus falbh, labhair ri taigh Israeil. Mar sin dh’fhosgail mi mo bheul, agus thug e orm an ròla sin ithe. Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, thoir air do bhroinn ithe, agus lìon do chom leis an ròla seo a bheir mi dhut. An sin dh’ith mi, agus bha e ann am bheul mar mhil air mhìlsead. Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, falbh, imich gu taigh Israeil, agus labhair lem bhriathran‐sa riu. Oir chan eil thu air do chur gu sluagh aig a bheil teanga choimheach, agus cainnt chruaidh, ach gu taigh Israeil. Chan ann gu mòran shluagh, aig a bheil teanga choimheach, agus cainnt chruaidh, nach urrainn thu am briathran a thuigsinn: gu cinnteach nan cuirinn dan ionnsaigh‐san thu, dh’èisdeadh iad riut. Ach chan èisd taigh Israeil riut, oir chan èisd iad riumsa; oir tha taigh Israeil uile mì‑nàireach agus cruaidh‐chridheach. Feuch, rinn mi do ghnùis làidir an aghaidh an gnùise‐san, agus d’aodann làidir an aghaidh an aodainn‐san. Mar adamant, nas cruaidhe na clach theine, rinn mise d’aodann: na biodh eagal ort romhpa, agus na biodh sgàth ort ron gnùis, ged tha iad nan taigh ceannairceach. Os bàrr, thubhairt e rium, A mhic an duine, gabh ann ad chridhe m’uile bhriathran‐sa a labhras mi riut, agus èisd led chluasan. Agus falbh, imich a dh’ionnsaigh na muinntir a tha ann am bruid, gu cloinn do shluaigh, agus labhair riu, agus innis dhaibh, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, co aca a dh’èisdeas iad no nach èisd. An sin thog an spiorad suas mi, agus chuala mi air mo dhèidh guth tormain mhòir, ag ràdh, Beannaichte gu robh glòir an Tighearna o a àite fhèin. Chuala mi fòs fuaim sgiathan nam beò‐chreutairean a bhean ri chèile, agus fuaim nan roth thall mun coinneamh, agus fuaim luasgaidh mhòir. An sin thog an spiorad suas mi, agus thug e leis mi, agus dh’imich mi ann an searbhadas, ann an teas mo spioraid, ach bha làmh an Tighearna treun orm. An sin thàinig mi a‑chum na muinntir a bha nam braighdean aig Tel‐abib, a bha a chòmhnaidh làimh ri abhainn Chebair, agus shuidh mi far an do shuidh iadsan, agus dh’fhan mi an sin seachd làithean làn uamhais nam meadhon. Agus thàrladh an ceann seachd làithean gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, rinn mise fear‐faire dhìot do thaigh Israeil: uime sin, èisd am facal om bheul, agus thoir rabhadh dhaibh uamsa. Nuair a their mise ris an aingidh, Gheibh thu gu cinnteach bàs; agus nach toir thusa rabhadh dha, agus nach labhair thu a thoirt rabhaidh don chiontach o a dhroch shlighe, a‑chum a anam a thèarnadh; bàsaichidh an droch dhuine sin na aingidheachd, ach iarraidh mise a fhuil air do làimh‐sa. Gidheadh ma bheir thu rabhadh don aingidh, agus nach till e o a aingidheachd, no o a dhroch shlighe, bàsaichidh esan na aingidheachd; ach shaor thusa d’anam fhèin. A‑rìs, nuair a thilleas fìrean o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh peacadh, agus a chuireas mise ceap‐tuislidh fa a chomhair, gheibh e bàs; a chionn nach tug thusa dha rabhadh, na pheacadh gheibh e bàs, agus cha chuimhnichear a fhìreantachd a rinn e; ach iarraidh mise a fhuil air do làimh‐sa. Gidheadh ma bheir thu rabhadh don fhìrean, air chor is nach ciontaich am fìrean, agus nach dèan e peacadh, mairidh e gu cinnteach beò, do bhrìgh gun d’fhuair e rabhadh; mar an ceudna shaor thusa d’anam fhèin. Agus bha làmh an Tighearna orm an sin, agus thubhairt e rium, Eirich, siubhail a‑mach don chòmhnard, agus an sin labhraidh mise riut. An sin dh’èirich mi, agus chaidh mi a‑mach a‑chum a’ chòmhnaird, agus, feuch, sheas glòir an Tighearna anns an àite sin, mar a’ ghlòir a chunnaic mi aig abhainn Chebair; agus thuit mi air m’aghaidh. An sin chaidh an spiorad annam, agus chuir e air mo chasan mi, agus labhair e rium, agus thubhairt e rium, Falbh, druid thu fhèin a‑staigh ann ad thaigh. Ach thusa, O mhic an duine, feuch, cuiridh iad boinn ort, agus ceanglaidh iad thu leo, agus cha tèid thu a‑mach nam measg. Agus bheir mise air do theangaidh leantainn rid ghiall, air chor is gum bi thu balbh, agus nach bi thu dhaibh ad fhear‐cronachaidh; oir tha iad nan taigh ceannairceach. Ach nuair a labhras mise riut, fosglaidh mi do bheul, agus their thu riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Esan a dh’èisdeas, èisdeadh e: agus esan a dhearmadas, dearmadadh e; oir tha iad nan taigh ceannairceach. Thusa mar an ceudna, a mhic an duine, gabh thugad leac‐shuaine, agus cuir fad chomhair i, agus tarraing oirre am baile, Ierusalem: Agus cuartaich e le feachd, agus tog na aghaidh daingneach, agus tilg suas tòrr na aghaidh; suidhich fòs camp na aghaidh, agus cuir reitheachan‐cogaidh na aghaidh air gach taobh mun cuairt. A thuilleadh air seo, gabh thugad aghann iarainn, agus suidhich e mar bhalla iarainn, eadar thu agus am baile, agus cuir do ghnùis na aghaidh, agus bidh e air a theannachadh, agus cuiridh tu camp na aghaidh: bidh seo na chomharradh do thaigh Israeil. Laigh thusa fòs air do thaobh clì, agus leig euceart taigh Israeil air: a rèir àireamh nan làithean a laigheas tu air, giùlainidh tu an euceart. Oir leag mise ortsa bliadhnachan an euceartan, a rèir àireamh nan làithean, trì cheud, deich agus ceithir‐fichead là: mar sin giùlainidh tu euceart taigh Israeil. Agus nuair a choileanas tu iad, laigh a‑rìs air do thaobh deas, agus giùlainidh tu euceart taigh Iùdah dà‑fhichead là: dh’òrdaich mise dhut là airson bliadhna. Uime sin cuiridh tu d’aghaidh ri sèisdeadh Ierusaleim, agus bidh do ghàirdean air a rùsgadh, agus nì thu fàistneachd na h‑aghaidh. Agus, feuch, cuiridh mise cuibhrichean ort, agus cha tionndaidh thu thu fhèin on aon taobh gus an taobh eile, gus an crìochnaich thu làithean do shèisdidh. Gabh thugad fòs cruithneachd, agus eòrna, agus pònair, agus peasair, agus meanbh‐pheasair, agus peasair fhiadhain, agus cuir iad ann an aon soitheach, agus dèan dhut fhèin aran dhiubh, a rèir àireamh nan làithean a laigheas tu air do thaobh; trì cheud, ceithir‐fichead agus deich làithean ithidh tu dheth. Agus bidh am biadh a dh’itheas tu air a chothromachadh, fichead secel anns an là: o àm gu àm ithidh tu e. Olaidh tu mar an ceudna uisge le tomhas; an siathamh cuid de hin: o àm gu àm òlaidh tu. Agus ithidh tu e mar aran eòrna, agus le aolach a thig a‑mach à duine deasaichidh tu e nan sealladh. Agus thubhairt an Tighearna, Eadhon mar seo ithidh clann Israeil an aran truaillte am measg nan cinneach, gus an iomain mise iad. An sin thubhairt mise, Ah a Thighearna Dhia! Feuch, cha do thruailleadh m’anam‐sa: oir om òige a‑nìos gus a‑nis cha d’ith mi dheth sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a bha na chonablach; cha mhò a thàinig feòil ghràineil ann am bheul. An sin thubhairt e rium, Feuch, thug mi dhut buachar bhò an àite aolach duine, agus deasaichidh tu d’aran leis. Os bàrr thubhairt e rium, A mhic an duine, feuch, brisidh mise lorg an arain ann an Ierusalem; agus ithidh iad aran air thomhas agus le cùram; agus òlaidh iad uisge le tomhas agus le uamhas. A‑chum gum bi uireasbhaidh arain agus uisge orra, agus gum bi uamhas orra gach aon ri chèile, agus gun leagh iad air falbh airson an euceirt. Agus thusa, a mhic an duine, gabh thugad sgian gheur, gabh thugad ealtainn bearradair, agus thoir oirre siubhal air do cheann, agus air d’fheusaig; an sin gabh meidh‐thomhais, agus roinn am falt. Trian loisgidh tu le teine ann am meadhon a’ bhaile, tràth bhios làithean an t‑sèisdidh air an coileanadh; agus gabhaidh tu trian, agus buailidh tu ma thimcheall le sgein; agus sgapaidh tu trian leis a’ ghaoith, agus tàirngidh mise a‑mach claidheamh nan dèidh. Gabhaidh tu mar an ceudna dhiubh beagan ann an àireamh, agus ceanglaidh tu iad ann ad sgiobaill. An sin gabh dhiubh a‑rìs, agus tilg iad ann am meadhon an teine, agus loisg iad anns an teine; as a sin thig teine a‑mach gu taigh Israeil uile. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is i seo Ierusalem; chuir mise i ann am meadhon nan cinneach, agus nan dùthchannan mun cuairt dhi. Agus dh’atharraich i mo bhreitheanais gu aingidheachd nas mò na na cinnich; agus mo reachdan nas mò na na dùthchannan mun cuairt dhi: oir dhiùlt iad mo bhreitheanais; agus mo reachdan cha do ghluais iad annta. Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun d’fhàs sibh lìonmhor seach na cinnich mun cuairt dhuibh, agus nach do ghluais sibh ann am reachdan‐sa, cha mhò a choimhead sibh mo bhreitheanais, cha mhò a rinn sibh eadhon a rèir breitheanas nan cinneach mun cuairt dhuibh; Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise, eadhon mise ad aghaidh, agus nì mi breitheanais ann ad mheadhon, ann an sealladh nan cinneach. Agus nì mi annad an nì sin nach do rinn mi, agus nach dèan mi nas mò nì cosmhail ris, airson d’uile ghràinealachdan. Uime sin ithidh na h‑athraichean am mic ann ad mheadhon, agus ithidh na mic an athraichean; agus nì mise breitheanais annad, agus sgapaidh mi an t‑iomlan ded fhuidheall ris gach uile ghaoith. Air an adhbhar sin, mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, gu deimhinn, a chionn gun do thruaill thu m’ionad naomh led uile nithean fuathach, agus led uile ghràinealachdan, uime sin lùghdaichidh mise thu mar an ceudna; agus cha choigil mo shùil, cha mhò a bhios truas air bith agam. Bàsaichidh trian dhìot leis a’ phlàigh, agus le gorta caithear iad ann ad mheadhon: agus tuitidh trian leis a’ chlaidheamh mun cuairt dhut; agus sgapaidh mise trian ris na h‑uile ghaothan, agus tàirngidh mi a‑mach claidheamh nan dèidh. Mar seo coileanar mo chorraich, agus bheir mi air mo dhian‐fheirg laighe orra, agus bheir mi dhomh fhèin fois: agus bidh fhios aca gur mise an Tighearna a labhair ann am eud, an tràth choileanas mi orra mo dhian‐chorraich. A thuilleadh air seo, nì mi dhìot fàsach agus masladh am measg nan cinneach mun cuairt dhut, ann an sealladh nan uile a thèid seachad. Agus bidh tu ann ad mhasladh, agus ann ad mhagadh, ann ad theagasg, agus ann ad uamhas, do na cinnich mun cuairt dhut, an tràth nì mise breitheanais annad, ann am feirg, agus ann an corraich, agus ann an garg achmhasain: mise Iehòbhah labhair e. An tràth a chuireas mi orra droch shaighdean na gorta, a bhios airson sgrios, a chuireas mise gu ur sgrios: meudaichidh mi fòs a’ ghort oirbh, agus brisidh mi lorg ur n‑arain. Mar sin cuiridh mi oirbh gort, agus droch bheathaichean, agus nì iad uireasbhaidheach thu: agus siùbhlaidh plàigh agus fuil tromhad, agus bheir mi ort an claidheamh; mise Iehòbhah labhair. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, cuir d’aghaidh ri slèibhtean Israeil, agus dèan fàistneachd nan aghaidh. Agus abair, A shlèibhtean Israeil, cluinnibh facal an Tighearna Dia; mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ris na slèibhtean, agus ris na cnuic, ris na sruthan, agus ris na gleanntan, Feuch, bheir mise, mise fhèin, claidheamh oirbh, agus sgriosaidh mi ur n‑ionadan àrda. Agus bidh ur n‑altairean fàs, agus ur dealbhan air am briseadh: agus tilgidh mise sìos ur daoine marbhte fa chomhair ur n‑iodhalan. Agus leagaidh mi cuirp mharbha chloinn Israeil fa chomhair an iodhalan; agus sgapaidh mi ur cnàmhan mu thimcheall ur n‑altairean. Ann ur n‑uile àiteachan‐còmhnaidh, nìthear na bailtean fàs, agus bidh ur n‑ionadan àrda faondrach, air chor is gum bi ur n‑altairean fàs agus uaigneach, agus gun tig briseadh agus cosgadh air ur n‑iodhalan, agus gun dubhar as ur n‑obraichean. Agus tuitidh iadsan a bhios leònte nur meadhon; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna. Gidheadh fàgaidh mi fuidheall, air chor is gum bi agaibh cuid a thèid as on chlaidheamh am measg nan cinneach, an tràth a bhios sibh air ur sgapadh am measg nan dùthchannan. Agus cuimhnichidh a mheud dhibh is a thèid as mise, am measg nan cinneach gus an toirear iad nam braighdean, an tràth a chìosnaicheas mise an cridhe strìopachail a dhealaich rium, agus an sùilean a tha a’ dol air strìopachas an dèidh an iodhalan; agus bidh gràin aca dhiubh fhèin airson nan olc a chuir iad an gnìomh nan uile ghràinealachdan. Agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, agus nach ann gu dìomhain a thubhairt mi gun dèanainn an t‑olc seo orra. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Buail led làimh, agus breab led chois, agus abair, Mo thruaighe! airson uile dhroch ghràinealachdan taigh Israeil; oir tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh. Esan a tha fad as bàsaichidh leis a’ phlàigh; agus esan a tha dlùth tuitidh leis a’ chlaidheamh; agus esan a mhaireas, agus a tha air a shèisdeadh, bàsaichidh leis a’ ghort: mar seo coileanaidh mise mo chorraich orra. An sin bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna, an tràth a bhios an daoine marbhte, am measg an iodhalan, mun cuairt air an altairean, air gach aon chnoc àrd, air uile mhullaichean nan sliabh, agus fo gach uile chrann uaine, agus fo gach daraig gheugaich; an t‑àite anns an tug iad boltrach cùbhraidh don uile iodhalan. Mar sin sìnidh mise a‑mach mo làmh orra, agus nì mi am fearann fàs, seadh, nas uaigniche na fàsach Dhiblait, nan uile ionadan‐còmhnaidh; agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Fòs, a mhic an duine, abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ri fearann Israeil: Thàinig crìoch, thàinig a’ chrìoch air ceithir ceàrnan na tìre. A‑nis thàinig crìoch ort, agus cuiridh mise mo chorraich ort, agus bheir mi breith ort a rèir do shlighe, agus dìolaidh mi riut d’uile ghràinealachdan. Agus cha chaomhain mo shùil thu, cha mhò a bhios truas agam, ach dìolaidh mi riut do shlighe, agus bidh do ghràinealachdan ann ad mheadhon; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha olc, aon olc eile a’ teachd. Tha crìoch air teachd, thàinig a’ chrìoch; tha i ri faire air do shon, feuch thàinig i. Dh’èirich a’ mhadainn ort, O thusa a tha ag àiteachadh na tìre; thàinig an t‑àm, tha là an àmhghair dlùth, agus chan e ath‐fhreagradh nan sliabh. A‑nis gu h‑aithghearr dòirtidh mi a‑mach m’fhearg, agus coileanaidh mi mo chorraich ort: agus bheir mi breith ort a rèir do shlighe, agus dìolaidh mi riut d’uile ghràinealachdan. Agus cha choigil mo shùil, cha mhò a bhios truas agam: dìolaidh mi riut a rèir do shlighe, agus do ghràinealachdan ann ad mheadhon; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna a tha a’ bualadh. Feuch an là, feuch, thàinig e; chaidh a’ mhadainn a‑mach, thàinig blàth air an t‑slait, ùr‑fhàs air an uabhar. Dh’fhàs ainneart suas gu slait aingidheachd: cha mhair aon dhiubh, no den sluagh, no aon a bhuineas dhaibh, cha mhò a bhios cumha sam bith air an son. Thàinig an t‑àm, tha an là a’ teachd am fagas; na dèanadh am fear‐reice gàirdeachas, no am fear‐ceannaich bròn: oir thuit fearg air a mòr‐chuideachd uile. Oir cha till am fear‐reice ris an nì sin a reiceadh, ged robh iad am measg nam beò; oir tha an taisbeanadh mu thimcheall a mòr‐chuideachd uile; cha till iad, cha mhò a neartaicheas aon duine e fhèin ann an aingidheachd a bheatha. Shèid iad an trompaid, eadhon a‑chum na h‑uile a dhèanamh deas; ach chan eil neach air bith a’ dol a‑chum a’ chatha: oir tha m’fhearg‐sa air a mòr‐chuideachd uile. Tha an claidheamh a‑muigh, agus a’ phlàigh, agus a’ ghort a‑staigh: esan a tha anns a’ mhachair bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh; agus esan a tha anns a’ bhaile nì gort agus plàigh a ithe suas. Ach iadsan a thèid as dhiubh, thèid as, agus bidh iad air na slèibhtean mar chalamain nan gleann, iad uile a’ caoidh, gach aon dhiubh airson a aingidheachd fhèin. Bidh na h‑uile làmhan lag, agus bidh na h‑uile ghlùinean anfhann mar uisge. Crioslaichidh iad fòs iad fhèin le aodach‐saic, agus nì uamhas an còmhdachadh, agus bidh nàire air a h‑uile aghaidh, agus air an cinn uile bidh maoile. Tilgidh iad an airgead anns na sràidean, agus atharraichear an òr: cha bhi an airgead agus an òr comasach air an saoradh ann an là fearg an Tighearna: cha sàsaich iad an anama, cha mhò a lìonas iad an com: a chionn gun toir an aingidheachd tuisleadh orra. A chionn gun do rinn iad dheth èideadh àillidh agus sgiamhach, leis an do sgeadaich iad dealbhan gràineil an nithean fuathach, uime sin bheir mise fa‑near gum buinear e uapa. Agus bheir mi e do làmhan nan coimheach mar chobhartaich, agus do dhroch dhaoine na talmhainn mar chreich, agus nì iadsan a thruailleadh. Tillidh mi fòs m’aghaidh uapa, agus bidh m’ionad diamhair air a thruailleadh; oir thèid an luchd‐spùinnidh a‑steach ann, agus truaillidh iad e. Dèan slabhraidh; oir tha am fearann làn euceartan fuilteach, agus tha a’ chathair làn ainneirt. Uime sin, bheir mise a’ chuid as miosa de na cinnich, agus sealbhaichidh iad an taighean: cuiridh mi fòs cosgadh air uabhar nan neartmhor, agus truaillear an ionadan naomha. Tha lèirsgrios a’ teachd, agus iarraidh iad sìth, ach cha bhi i ann. Thig urchuid air urchuid, agus tuairisgeul air thuairisgeul; an sin iarraidh iad sealladh on fhàidh: ach eugaidh an lagh on t‑sagart, agus comhairle o na seanairean. Nì an rìgh caoidh, agus bidh am prionnsa air èideadh le lèirsgrios, agus bidh làmhan sluagh na tìre fo gheilt: nì mise riu a rèir an slighe, agus a rèir an toillteanais bheir mi breith orra, agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna. Agus thàrladh anns an t‑siathamh bliadhna, anns an t‑siathamh mìos, anns a’ chòigeamh là den mhìos, nuair a shuidh mi ann am thaigh, agus seanairean Iùdah nan suidhe mum chomhair, gun do thuit orm an sin làmh an Tighearna Dia. An sin dh’amhairc mi, agus feuch, cosamhlachd mar shamhladh duine: o thaisbeanadh a leasraidh agus fodha mar theine: agus o a leasraidh agus os a chionn, mar thaisbeanadh dealanaich, mar dhath òmair. Agus chuir e a‑mach cumachd làimhe, agus ghlac e mi air dual dem cheann, agus thog an spiorad suas mi eadar talamh agus nèamh, agus thug e mi ann an taisbeanaidhean Dhè gu Ierusalem, gu doras a’ gheata as fhaide a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird a tuath, far an robh àite ìomhaigh an eud, a bhrosnaicheas gu eud. Agus, feuch, bha glòir Dia Israeil an sin, a rèir an t‑seallaidh a chunnaic mi anns a’ chòmhnard. An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, tog suas do shùilean a‑nis ri slighe na h‑àird a tuath: agus thog mi suas mo shùilean ri slighe na h‑àird a tuath, agus, feuch mu thuath, aig geata na h‑altarach, ìomhaigh seo an eud anns an dol a‑steach. Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, am faic thu ciod a tha iad a’ dèanamh? Na gràinealachdan mòra a tha taigh Israeil a’ cur an gnìomh an seo, a‑chum gun rachainn‐sa am fad om naomh‐ionad? Ach till fhathast, chì thu gràinealachdan as mò. Agus thug e mi gu doras na cùirte: agus nuair a dh’amhairc mi, feuch toll anns a’ bhalla. An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, cladhaich a‑nis anns a’ bhalla: agus nuair a chladhaich mi anns a’ bhalla, feuch doras. Agus thubhairt e rium, Imich a‑steach, agus feuch gràinealachdan aingidh a tha iad a’ dèanamh an seo. Mar sin chaidh mi a‑steach agus chunnaic mi, agus, feuch, uile chosamhlachdan gach nì a shnàigeas, agus gach beathaich ghràineil, agus uile iodhalan taigh Israeil air an tarraing air a’ bhalla, gach taobh mun cuairt. Agus sheas nan làthair deich agus trì‐fichead fear de sheanairean taigh Israeil, agus nam meadhon sheas Iaasaniah mac Shapain, gach fear le a thùiseir na làimh, agus neul tiugh tùise a’ dol suas. An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, am faca tu ciod a tha seanairean taigh Israeil a’ dèanamh anns an dorcha, gach fear ann an seòmraichean a ìomhaigheachd fhèin? Oir tha iad ag ràdh, Chan eil an Tighearna gar faicinn; thrèig an Tighearna an talamh. Thubhairt e rium mar an ceudna, Till fòs a‑rìs, chì thu gràinealachdan as mò a tha iad a’ dèanamh. An sin thug e mi gu doras geata taigh an Tighearna, a bha ris an àird a tuath, agus, feuch, an sin shuidh mnathan a’ gul airson Thamais. An sin thubhairt e rium, Am faca tu seo, a mhic an duine? Till fòs a‑rìs, chì thu gràinealachdan nas mò na iad seo. Agus thug e mi don chùirt as fhaide a‑staigh de thaigh an Tighearna, agus, feuch, aig doras teampall an Tighearna, eadar an sgàth‐thaigh agus an altair, tuaiream còig fir ar fhichead, len cùlaibh ri teampall an Tighearna, agus an aghaidh ris an àird an ear, agus iad ag adhradh don ghrèin ris an àird an ear. An sin thubhairt e rium, Am faca tu, O mhic an duine? An nì faoin do thaigh Iùdah a bhith a’ dèanamh nan gràinealachdan a tha iad a’ dèanamh an seo? Oir lìon iad an tìr le ainneart, agus thill iad dom bhrosnachadh‐sa a‑chum feirge; agus, feuch, chuir iad am meanglan rin sròin. Uime sin buinidh mise riùsan fòs ann am feirg: cha chaomhain mo shùil, cha mhò a bhios truas agam: agus ged èigh iad ann am chluasan le guth àrd, gidheadh chan èisd mi riu. Ghlaodh e fòs ann am chluasan le guth àrd, ag ràdh, Thoir air uachdarain a’ bhaile teachd am fagas, eadhon gach duine le arm‐sgriosaidh na làimh. Agus, feuch, thàinig seisear fhear o shlighe a’ gheata as àirde, a tha ag amharc ris an àird a tuath, agus aig gach fear inneal‐sgrios fhèin na làimh: agus bha aon fhear nam measg air èideadh le lìon‐aodach, agus acfhainn‐sgrìobhaidh clèirich air a leis, agus chaidh iad a‑steach, agus sheas iad ri taobh na h‑altarach umha. Agus dh’èirich glòir Dia Israeil suas bhàrr a’ cheruib air an robh e gu stairsneach an taighe; agus ghlaodh e ris an duine a bha air èideadh leis an lìon‐aodach, aig an robh an acfhainn‐sgrìobhaidh clèirich ra thaobh; Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich tro mheadhon a’ bhaile, tro mheadhon Ierusaleim, agus cuir comharradh air aodainn na muinntir a tha ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon. Agus ri càch thubhairt e ann am èisdeachd, Rachaibh‐se na dhèidh‐san tron bhaile, agus buailibh: na coigleadh ur sùil, cha mhò a bhios truas agaibh. Marbhaibh gu tur an sean agus an t‑òg, an òigh agus an leanabh, agus na mnathan; ach na beanaibh ri aon duine air a bheil an comharradh; agus tòisichibh aig mo naomh‐ionad‐sa. An sin thòisich iad aig na seann daoine a bha fa chomhair an taighe. Agus thubhairt e riu, Truaillibh an taigh, agus lìonaibh na cùirtean leis na mairbh; rachaibh a‑mach: agus chaidh iad a‑mach, agus mharbh iad anns a’ bhaile. Agus thàrladh tràth bha iad gam marbhadh, agus a bha mise air m’fhàgail, gun do thuit mi air m’aghaidh, agus ghlaodh mi, ag ràdh, Ah! a Thighearna Dhè, an sgrios thu iarmad Israeil uile, ann an dòrtadh a‑mach do dhian‐chorraich air Ierusalem? An sin thubhairt e rium, Tha aingidheachd taigh Israeil agus Iùdah ro‑mhòr, agus tha am fearann làn fala, agus am baile làn ceannairc: oir tha iad ag ràdh, Thrèig an Tighearna an talamh, agus chan eil an Tighearna a’ faicinn. Agus air mo shon‐sa mar an ceudna, cha chaomhain mo shùil, cha mhò a bhios truas agam; dìolaidh mi an slighe air an ceann. Agus, feuch, dh’innis am fear a bha sgeadaichte leis an lìon‐aodach, agus aig an robh an acfhainn‐sgrìobhaidh ra thaobh, a’ chùis, ag ràdh, Rinn mi mar a dh’àithn thu dhomh. An sin dh’amhairc mi, agus feuch, anns an speur a bha thar cinn nan ceruban, thaisbeanadh os an cionn mar gum biodh ann clach shaphir, mar thaisbeanadh coslas rìgh‐chathrach. Agus labhair e ris an duine a bha sgeadaichte leis an lìon‐aodach, agus thubhairt e, Imich a‑steach eadar na rothan, fon cherub, agus lìon do làmh le èibhlean teine eadar na ceruban, agus sgap iad thar a’ bhaile. Agus chaidh e a‑steach ann am shealladh. A‑nis sheas na ceruban air taobh deas an taighe, nuair a chaidh an duine a‑steach; agus lìon an neul a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh. An sin chaidh glòir an Tighearna suas bhàrr a’ cheruib, agus sheas i os cionn stairsneach an taighe; agus lìonadh an taigh leis an neul, agus bha a’ chùirt làn de dhealradh glòir an Tighearna. Agus chualas fuaim sgiathan nan ceruban gus a’ chùirt a b’fhaide a‑muigh, mar ghuth an Dè uile‐chumhachdaich nuair a labhras e. Agus thàrladh, an tràth a thug e àithne don duine a bha sgeadaichte leis an lìon‐aodach, ag ràdh, Glac teine o eadar na rothan, o eadar na ceruban, gun deachaidh e an sin a‑steach, agus sheas e làimh ris na rothan. Agus shìn cerub a‑mach a làmh o eadar na ceruban, a‑chum an teine a bha eadar na ceruban, agus ghabh e dheth; agus chuir e an làmhan an tì a bha sgeadaichte leis an lìon‐aodach e; neach a ghlac e agus a chaidh a‑mach. Agus chunnacas anns na ceruban cumachd làmh duine fon sgiathan. Agus nuair a dh’amhairc mise, feuch na ceithir rothan aig taobh nan ceruban, aon roth aig aon cherub, agus roth eile aig cerub eile: agus bha dreach nan rothan air dhath cloiche criostail. Agus airson an aogais, bha an aon choslas aca nan ceathrar, mar gum biodh roth ann am meadhon rotha. Nuair a ghluais iad, dh’imich iad air an ceithir taobhan; cha do thionndaidh iad nan imeachd, ach ris an àite gus an robh an ceann ag amharc, lean iadsan e; cha do thionndaidh iad nuair a dh’imich iad. Agus bha an corp gu h‑iomlan, agus an dromannan, agus an sgiathan, agus na rothan, làn de shùilean mun cuairt air gach taobh, eadhon na rothan a bha aca nan ceathrar. Agus ris na rothan ghlaodhadh ann am èisdeachd‐sa, Ruithibh. Agus bha ceithir aodannan aig gach aon: aghaidh ceruib a’ chiad aodann, agus aghaidh duine an dara aodann, agus aghaidh leòmhainn an treas, agus aghaidh iolaire an ceathramh. Agus thogadh suas na ceruban. Seo am beò‐chreutair a chunnaic mise aig sruth Chebair. Agus nuair a ghluais na ceruban, dh’imich na rothan làimh riu: agus nuair a thog na ceruban suas an sgiathan, a‑chum èirigh suas on talamh, cha do thionndaidh na rothan ceudna sin o bhith nam fochar. Nuair a sheas iad sin, sheas iad seo; agus nuair a dh’èirich iad sin suas, dh’èirich iad seo; oir bha spiorad a’ bheò‐chreutair annta. An sin dh’imich glòir an Tighearna o stairsnich an taighe, agus sheas i thar na ceruban. Agus thog na ceruban suas an sgiathan, agus chaidh iad suas on talamh ann am shealladh; nuair a chaidh iad a‑mach, bha na rothan mar an ceudna làimh riu; agus sheas iad aig doras geata an ear taigh an Tighearna, agus bha glòir Dia Israeil tharta os an cionn. Seo am beò‐chreutair a chunnaic mi fo Dhia Israeil, làimh ri sruth Chebair; agus dh’aithnich mi gum bu cheruban iad. Bha ceithir aodannan aig gach aon fa leth, agus aig gach aon bha ceithir sgiathan; agus bha coslas làmhan duine fon sgiathan. Agus b’e coslas an aghaidhean na h‑aghaidhean ceudna a chunnaic mi aig sruth Chebair, an aogas agus iad fhèin: dh’imich iad gach aon dìreach air aghaidh. Agus thog an spiorad suas mi, agus thug e mi gu geata an ear taigh an Tighearna, a tha ag amharc ris an àird an ear; agus, feuch, aig doras a’ gheata, còig fir ar fhichead: agus chunnaic mi nam measg Iaasaniah mac Asuir, agus Pelatiah mac Bhenaiah, uachdarain an t‑sluaigh. An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, seo na daoine a tha a’ dealbh uilc, agus a’ toirt droch chomhairle anns a’ bhaile seo; A tha ag ràdh, Chan eil e dlùth; togamaid taighean: is e am baile seo an coire, agus sinne an fheòil. Air an adhbhar sin, dèan fàistneachd nan aghaidh, dèan fàistneachd, a mhic an duine. Agus thuit orm Spiorad an Tighearna, agus thubhairt e rium, Abair, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mar seo thubhairt sibh, O thaigh Israeil: oir is aithne dhòmhsa na nithean a tha a’ teachd nur n‑inntinn, gach uile nì dhiubh. Mheudaich sibh ur mairbh anns a’ chathair seo, agus lìon sibh a sràidean leòsan a mharbhadh. Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ur mairbh a chuir sibh na meadhon, is iadsan an fheòil, agus is i a’ chathair seo an coire; ach bheir mise sibh a‑mach as a meadhon. Bha eagal oirbh ron chlaidheamh; agus bheir mise claidheamh oirbh, deir an Tighearna Dia. Agus bheir mi sibh a‑mach as a meadhon, agus bheir mi thairis sibh do làmhan choimheach, agus nì mi breitheanais nur measg. Tuitidh sibh leis a’ chlaidheamh: bheir mise breitheanas oirbh ann an iomall Israeil, agus bidh fhios agaibh gur mi an Tighearna. Chan i a’ chathair seo a bhios na coire dhuibh, cha mhò a bhios sibhse na meadhon mar fheòil: ann an iomall Israeil bheir mise breith oirbh. Agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna; oir cha do ghluais sibh ann am reachdan, cha mhò a rinn sibh mo bhreitheanais, ach rinn sibh a rèir nòs nan cinneach a tha air gach taobh mun cuairt dhuibh. Agus thàrladh an tràth a rinn mise fàistneachd gun d’eug Pelatiah mac Bhenaiah: an sin thuit mi sìos air m’aghaidh, agus ghlaodh mi le guth àrd, agus thubhairt mi, Ah! Thighearna Dhia, an dèan thu làn‐chrìoch air iarmad Israeil? A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, is iad do bhràithrean, eadhon do bhràithrean, fir do dhìlseachd, agus uile thaigh Israeil gu h‑iomlan, ris an dubhairt luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, Imichibh am fad on Tighearna: dhuinne thugadh am fearann seo mar sheilbh. Air an adhbhar sin abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ged a thilg mi fada uam iad am measg nan cinneach, agus ged a sgap mi iad am measg nan dùthchannan, gidheadh bidh mi dhaibh ann am naomh‐ionad beag anns na dùthchannan gus an tig iad. Uime sin abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nì mi eadhon ur tional o na cinnich, agus ur cruinneachadh as na dùthchannan anns an robh sibh air ur sgapadh, agus bheir mi dhuibh fearann Israeil. Agus thig iad da ionnsaigh, agus bheir iad uile nithean fuathach agus uile ghràinealachdan air falbh as. Agus bheir mi dhaibh aon chridhe, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh a‑staigh dhiubh; agus bheir mi an cridhe cloiche as am feòil, agus bheir mi dhaibh cridhe feòla; A‑chum gun gluais iad ann am reachdan, agus gun coimhead iad m’òrdaighean, agus gun dèan iad iad: agus bidh iad nam poball dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan. Ach don taobh‐san a thionndaidheas an cridhe a rèir cridhe an nithean fuathach, agus an gràinealachdan, dìolaidh mise an slighe air an ceann fhèin, deir an Tighearna Dia. An sin thog na ceruban suas an sgiathan, agus na rothan làimh riu; agus bha glòir Dia Israeil tharta os an cionn. Agus chaidh glòir an Tighearna suas o mheadhon a’ bhaile, agus sheas i air an t‑sliabh a tha air an taobh an ear den bhaile. Na dhèidh sin ghlac an spiorad suas mi, agus thug e mi ann an taisbeanadh le Spiorad Dhè gu Caldèa, a‑chum nam braighdean. Mar sin chaidh an sealladh a chunnaic mi suas uam. An sin labhair mi riùsan a bha anns an daorsa na h‑uile nithean a thaisbein an Tighearna dhomh. Thàinig facal an Tighearna fòs am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, tha thu a chòmhnaidh ann am meadhon taighe ceannaircich, aig a bheil sùilean gu faicinn, ach chan eil iad a’ faicinn; tha cluasan aca gu cluinntinn, ach chan eil iad a’ cluinntinn: oir is taigh ceannairceach iad. Uime sin, a mhic an duine, deasaich dhut fhèin àirneis airson dol air imrich, agus atharraich anns an là nan sealladh; agus atharraichidh tu od àite gu àit eile nan sealladh; theagamh gun toir iad fa‑near, ged is taigh ceannairceach iad. An sin bheir thu a‑mach d’àirneis anns an là nan sealladh, mar àirneis airson imrich: agus thèid thu a‑mach anns an anmoch nan sealladh, mar iadsan a thèid a‑mach ann am braighdeanas. Cladhaich tron bhalla nan sealladh, agus thoir a‑mach tro sin. Nan sealladh giùlainidh tu air do ghuaillean, bheir thu a‑mach anns an dubh‐anmoch: còmhdaichidh tu d’aghaidh air chor is nach faic thu an làr: oir chuir mi thu mar chomharradh do thaigh Israeil. Agus rinn mi ceart mar a dh’àithneadh dhomh: thug mi a‑mach m’àirneis anns an là, mar àirneis airson braighdeanais, agus anns an anmoch chladhaich mi tron bhalla lem làimh; thug mi a‑mach i anns an dubh‐anmoch, agus ghiùlain mi air mo ghuaillean i nan sealladh. Agus air madainn thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, nach dubhairt taigh Israeil, an taigh ceannairceach, riut, Ciod a tha thu a’ dèanamh? Abair thusa riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Don phrionnsa ann an Ierusalem buinidh an t‑uallach seo, agus do thaigh Israeil a tha nam measg. Abair, Thu mise ann am chomharradh dhuibh; amhail a rinn mise, mar sin nìthear riùsan: atharraichidh iad, agus thèid iad air falbh ann am braighdeanas. Agus am prionnsa a tha nam measg giùlainidh e air a ghuaillean anns an dubh‐anmoch, agus thèid e a‑mach: cladhaichidh iad tron bhalla, a‑chum giùlan a‑mach troimhe; còmhdaichidh e a aghaidh, air chor is nach faic e an làr le a shùilean. Sgaoilidh mise fòs lìon air, agus glacar ann am rib e; agus bheir mi e gu Bàbilon, gu tìr nan Caldèanach; gidheadh chan fhaic e i, ged gheibh e bàs an sin. Agus sgapaidh mi ris gach aon ghaoith na h‑uile tha ma thimcheall ga chòmhnadh, agus a uile bhuidhnean; agus tàirngidh mi a‑mach an claidheamh nan dèidh. Agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a sgapas mi iad am measg nan cinneach, agus a sgaoileas mi iad air feadh nan dùthchannan. Agus fàgaidh mi beagan fhear dhiubh on chlaidheamh, on ghort, agus on phlàigh, a‑chum gun cuir iad an cèill an uile ghràinealachdan am measg nan cinneach gus an tig iad; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh ag ràdh, A mhic an duine, ith d’aran le crith, agus òl d’uisge le ball‐chrith agus le cùram. Agus abair ri sluagh na tìre, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh mu thimcheall luchd‐àiteachaidh Ierusaleim agus dùthaich Israeil, Ithidh iad an aran le cùram, agus òlaidh iad an uisge le uamhas, air chor is gum bi am fearann fàs on iomlan a tha ann, airson fòirneart na muinntir sin uile a tha a chòmhnaidh ann. Agus nìthear na bailtean a tha air an àiteachadh fàs, agus bidh am fearann falamh; Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, Ciod e an gnàth‐fhacal sin a tha agaibh ann am fearann Israeil, ag ràdh, Tha na làithean air an sìneadh, agus dh’fhàilnich gach uile fhoillseachadh? Innis dhaibh uime sin, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bheir mise air a’ ghnàth‐fhacal seo sgur, agus cha labhair iad e nas fhaide mar ghnàth‐fhacal ann an Israel: ach abair riu, Tha na làithean aig làimh, agus buil gach aon taisbeanaidh. Oir cha bhi nas mò aon taisbeanadh faoin no fàistneachd mhiodalach an taobh a‑staigh de thaigh Israeil. Oir mise Iehòbhah, labhraidh mi, agus am facal a labhras mi thig gu crìch: cha dèan e nas fhaide moille; oir nur làithean‐se, O thaigh cheannaircich, labhraidh mise am facal, agus nì mi e, deir an Tighearna Dia. A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, feuch tha taigh Israeil ag ràdh, Tha an taisbeanadh a tha e a’ faicinn airson mòran làithean, agus tha e ri fàistneachd mu na h‑aimsirean fad as. Air an adhbhar sin abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cha bhi aon dem bhriathran‐sa air a shìneadh nas fhaide; ach am facal a labhras mi, coileanar e, deir an Tighearna Dia. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, dèan fàistneachd an aghaidh fàidhean Israeil, a tha ri fàistneachd, agus abair thusa riùsan a tha ri fàistneachd as an cridhe fhèin, Eisdibh‐se facal an Tighearna; Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is an‑aoibhinn do na fàidhean amaideach, a tha a’ leantainn an spioraid fhèin, agus nach faca nì sam bith! O Israeil, is cosmhail d’fhàidhean ris na sionnaich anns na fàsaichean. Cha deachaidh sibh suas a‑chum nam beàrnan, cha mhò a rinn sibh suas a’ challaid do thaigh Israeil, gu seasamh anns a’ chath ann an là an Tighearna. Chunnaic iad dìomhanas, agus rinn iad fiosachd bhrèige, ag ràdh, Deir an Tighearna, nuair nach do chuir an Tighearna a‑mach iad: agus thug iad air daoine earbsa gun daingnicheadh iad am facal. Nach faca sibh sealladh faoin, agus nach do labhair sibh fiosachd bhrèige, le bhith ag ràdh, Thubhairt an Tighearna, ged nach do labhair mise? Air an adhbhar sin, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do labhair sibh dìomhanas, agus gum faca sibh breugan, uime sin feuch, tha mise nur n‑aghaidh, deir an Tighearna Dia. Agus bidh mo làmh air na fàidhean a chì dìomhanas, agus a tha a’ fàistneachd bhreug: cha bhi iad ann an coitheanal mo shluaigh, cha mhò a bhios iad air an sgrìobhadh ann an sgrìobhadh taigh Israeil, cha mhò a thèid iad a‑steach do fhearann Israeil; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia. A chionn, eadhon a chionn gun tug iad air mo shluagh dol air seachran, ag ràdh, Sìth, agus gun sìth a bhith ann: agus thog aon suas balla, agus, feuch, thilg càch thairis e le criadh gun obrachadh; Abair riùsan a tha ga thilgeadh thairis le criadh gun obrachadh gun tuit e: bidh fras thuilteach ann, agus tùirlingidh sibhse, O chlachan‐meallain mòra; agus nì gaoth dhoineannach a bhriseadh. Feuch, nuair a thuiteas am balla, nach abrar ribh, Càit a bheil a’ chriadh leis an do thilg sibh thairis e? Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nì mise fòs a bhriseadh le gaoith dhoineannaich ann am fheirg: agus bidh fras thuilteach ann am chorraich‐sa ann, agus clachan‐meallain mòra ann am dhian‐fheirg ga mhilleadh. Mar sin brisidh mi sìos am balla a thilg sibh thairis le criadh gun obrachadh, agus bheir mi a‑nuas gu làr e, air chor is gun leigear ris a bhunaitean; agus tuitidh e, agus bidh sibhse air ur milleadh na mheadhon: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna. Mar seo coileanaidh mi mo chorraich air a’ bhalla, agus orrasan a thilg thairis e le criadh gun obrachadh, agus their mi ribh, Chan eil am balla ann, cha mhò a tha iadsan a thilg thairis e; Eadhon fàidhean Israeil a tha ri fàistneachd mu thimcheall Ierusaleim, agus a tha a’ faicinn sealladh sìth‐thàimh dhi, agus gun sìth idir ann, deir an Tighearna Dia. Mar an ceudna, thusa a mhic an duine, cuir d’aodann an aghaidh nigheanan do shluaigh, a tha ri fàistneachd as an cridhe fhèin, agus dèan‐sa fàistneachd nan aghaidh. Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is truagh do na mnathan a tha a’ fuaigheal chluasag ris na h‑uile asgaltan, agus a’ cur bhrèidean air ceann gach aoise, a dhèanamh seilg air anaman. An dèan sibh sealg air anaman mo shluaigh‐sa, agus an coimhead sibh beò anaman na muinntir a tha a’ teachd thugaibh? Agus an truaill sibh mise am measg mo shluaigh airson glacaidean eòrna, agus airson mìrean arain, a mharbhadh nan anaman nach bu chòir bàsachadh, agus a choimhead beò nan anaman nach bu chòir a bhith beò, le ur breugan dom shluagh‐sa a tha ag èisdeachd ur breug? Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise an aghaidh ur cluasag, leis a bheil sibh an sin a’ sealg air na h‑anaman, a‑chum an glacadh; agus spìonaidh mise iad o ur gàirdeanan, agus leigidh mi air falbh na h‑anaman, na h‑anaman sin air a bheil sibh a’ sealg a‑chum an glacadh. Reubaidh mi fòs ur brèidean, agus saoraidh mi mo shluagh a‑mach as ur làimh, agus cha bhi iad nas mò nur làimh gu bhith air an sealg: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna. A chionn le breugan gun do rinn sibh cridhe an ionracain dubhach, agus nach do rinn mise dubhach e; agus gun do neartaich sibh làmhan an aingidh, a‑chum nach tilleadh e o a dhroch shlighe, le bhith a’ gealltainn beatha dha. Uime sin chan fhaic sibh dìomhanas nas mò, agus cha dèan sibh fàistneachd tuilleadh; oir saoraidh mise mo shluagh as ur làimh, agus bidh fhios agaibh gur mi an Tighearna. An sin thàinig cuid de sheanairean Israeil am ionnsaigh, agus shuidh iad mum choinneamh. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, chuir na daoine seo suas an iodhalan nan cridhe, agus chuir iad ceap‐tuislidh an aingidheachd fan comhair: an leig mise dhaibh air aon chor m’iarraidh? Uime sin labhair riu, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gach duine de thaigh Israeil a chuireas suas iodhalan na chridhe, agus a chuireas ceap‐tuislidh aingidheachd fa chomhair, agus a thig a‑chum an fhàidh, bheir mise Iehòbhah freagradh dhàsan a thig, a rèir lìonmhorachd a iodhalan; A‑chum gun glac mi taigh Israeil nan cridhe fhèin, a chionn gu bheil iad uile air dol air seachran uamsa tre an iodhalan. Air an adhbhar sin, abair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gabhaibh aithreachas, agus tillibh o ur n‑iodhalan; agus tionndaidhibh ur n‑aghaidh air falbh o ur n‑uile ghràinealachdan. Oir gach aon de thaigh Israeil, no de na coigrich a tha air chuairt ann an Israel a tha ga sgaradh fhèin uamsa, agus a’ cur suas iodhalan na chridhe, agus a’ cur ceap‐tuislidh aingidheachd fa chomhair, agus a’ teachd a‑chum fàidh, a dh’fhiosrachadh dheth mum thimcheall‐sa; bheir mise Iehòbhah freagradh dha leam fhèin. Agus cuiridh mi mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus nì mi e na chomharradh agus na ghnàth‐fhacal, agus gearraidh mi as e o mheadhon mo shluaigh; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna. Agus ma bhios am fàidh air a mhealladh an tràth a labhair e nì, is mise an Tighearna a mheall am fàidh sin; agus sìnidh mi mo làmh a‑mach air, agus sgriosaidh mi e o mheadhon mo phobaill Israeil. Agus giùlainidh iad peanas an euceartan: bidh peanas an fhàidh amhail peanas an tì a dh’iarras thuige; A‑chum nach tèid taigh Israeil nas mò air seachran uamsa, agus nach bi iad air an truailleadh nas mò len uile chionta; ach a‑chum gum bi iad dhòmhsa nam poball, agus mise dhaibhsan ann am Dhia, deir an Tighearna Dia. Thàinig a‑rìs facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, tràth pheacaicheas an tìr ann am aghaidh‐sa le ciontachadh gu ro‑mhòr, an sin sìnidh mi a‑mach mo làmh oirre, agus brisidh mi lorg a h‑arain, agus cuiridh mi gort oirre, agus gearraidh mi uaipe duine agus ainmhidh. Ged bhiodh an triùir fhear seo, Nòah, Daniel, agus Iob innte, cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd, deir an Tighearna Dia. Ma bheir mise air beathaichean cronail dol tron fhearann, agus gum mill iad e, air chor is gum bi e fàs, ionnas nach faod neach air bith dol troimhe airson nam beathaichean: Ged bhiodh an triùir dhaoine seo ann, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mic no nigheanan; shaorte iad fhèin a‑mhàin, ach bhiodh am fearann fàs. No ma bheir mise claidheamh air an fhearann seo, agus gun abair mi, A chlaidheimh, imich tron fhearann; air chor is gun geàrr mi duine agus ainmhidh a‑mach as: Ged bhiodh an triùir dhaoine seo ann, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mic no nigheanan, ach bhiodh a‑mhàin iad fhèin air an saoradh. No ma chuireas mi plàigh don fhearann sin, agus gun dòirt mi mo chorraich a‑mach air ann am fuil, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as: Ged bhiodh Nòah, Daniel, agus Iob ann, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mac no nighean: cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cia mò gu mòr tràth chuireas mi mo cheithir breitheanais ghoirt air Ierusalem, an claidheamh, agus a’ ghort, agus am beathach cronail, agus a’ phlàigh, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as! Gidheadh feuch, fàgar iarmad ann, a bheirear a‑mach, mic agus nigheanan: feuch, thig iad a‑mach thugaibh, agus chì sibh an slighe, agus an gnìomharan: agus gheibh sibh comhfhurtachd a‑thaobh an uilc a thug mise air Ierusalem, a‑thaobh gach nì a thug mi air. Agus bheir iad comhfhurtachd dhuibh, nuair a chì sibh an slighe, agus an gnìomharan: agus aithnichidh sibh nach ann gun adhbhar a rinn mise gach nì a rinn mi ann, deir an Tighearna Dia. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, Ciod e am fìon‐chrann thar crann air bith eile, ma bhios e mar ghèig a tha am measg craobhan na frìthe? An gabhar fiodh dheth gu obair air bith a dhèanamh? No an gabhar cnag dheth a chrochadh soithich air bith air? Feuch, tilgear e anns an teine mar chonnadh; loisgidh an teine a dhà cheann, agus loisgear a mheadhon: a bheil e iomchaidh airson cungaidh? Feuch, nuair a bha e slàn cha robh e iomchaidh airson cungaidh sam bith: cia mò gu mòr as lugha a bhios e iomchaidh airson obrach, nuair a chaitheas an teine e, agus a bhios e loisgte! Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mar am fìon‐chrann am measg cruinn na frìthe, a thug mise don teine mar chonnadh, is amhlaidh a bheir mi luchd‐àiteachaidh Ierusaleim. Agus cuiridh mi mo ghnùis nan aghaidh, thèid iad a‑mach o theine, agus nì teine eile an caitheamh: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna, an tràth a chuireas mi mo ghnùis nan aghaidh. Agus nì mi am fearann fàs, a chionn gun do chuir iad an gnìomh euceart, deir an Tighearna Dia. A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, thoir air Ierusalem a gràinealachdan aithneachadh, Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ri Ierusalem, Tha do bhreith agus do dhùthchas o thìr Chanàain; b’Amorach d’athair, agus bu bhan‐Hiteach do mhàthair. Agus airson do dhùthchais, anns an là anns an do rugadh thu, cha do ghearradh d’imleag, cha mhò a bha thu air do nighe ann an uisge, gud mhaothachadh: cha do chrathadh salann ort, cha mhò a bha thu air do spaoileadh. Cha do ghabh sùil air bith truas dhìot, a‑chum aon nì dhiubh seo a dhèanamh dhut, a dhèanamh iochd ort; ach bha thu air do thilgeadh a‑mach anns a’ mhachair fhosgailte, le gràin dod anam, air an là anns an do rugadh thu. Agus an tràth a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a chunnaic mi thu salach ann ad fhuil fhèin, thubhairt mi riut, agus thu ann ad fhuil, Mair beò; seadh, thubhairt mi riut, agus thu ann ad fhuil, Mair beò. Thug mi ort fàs lìonmhor mar chinneas na faiche, agus dh’fhàs thu lìonmhor agus mòr; agus thàinig thu gu sgeadachadh maiseach: tha do chìochan air an cumadh, agus do ghruag air fàs, an àite dhut a bhith rùisgte agus lom. Agus nuair a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a dh’amhairc mi ort, feuch, bha d’aimsir na h‑aimsir ghràidh, agus sgaoil mise mo sgioball os do chionn, agus dh’fhalaich mi do lomnochdaidh: seadh mhionnaich mi dhut, agus thionnsgain mi ann an coicheangal riut, deir an Tighearna Dia, agus bu leamsa thu. An sin nigh mi thu le uisge, seadh, nigh mi d’fhuil gu glan air falbh uat, agus dh’ung mi thu le ola. Sgeadaich mi thu fòs le obair‐ghrèise, agus chuir mi brògan de chraiceann bruic ort, agus chrioslaich mi mun cuairt thu le anart grinn, agus chòmhdaich mi thu le sìoda. Rinn mi sgiamhach thu mar an ceudna le usgraichean, agus chuir mi làmh‐fhailean air do làmhan, agus slabhraidh mud mhuineal. Agus chuir mi seud rìomhach air d’aodann, agus cluas‐fhàinneachan ann ad chluasan, agus crùn maiseach air do cheann. Mar seo bha thu air do sgeadachadh le òr agus le airgead; agus bha do thrusgan de anart grinn, agus de shìoda, agus de obair ghrèise; dh’ith thu min‐chruithneachd, agus mil, agus ola, agus bha thu ro‑mhaiseach, agus dh’fhàs thu suas gu bhith ad rìoghachd. Agus chaidh d’iomradh a‑mach am measg nan cinneach airson do mhaise: oir bha sin iomlan tre mo sgèimh‐sa a chuir mi ort, deir an Tighearna Dia. Ach chuir thu do dhòigh ann ad mhaise fhèin, agus rinn thu strìopachas an aghaidh do chliù, agus dhòirt thu a‑mach do strìopachas air gach neach a ghabh seachad; bu leis‐san thu. Agus ghabh thu ded chulaidhean, agus rinn thu maiseach d’ionadan àrda le dathan eug‐samhail, agus rinn thu strìopachas orra, mar nach robh, agus mar nach bi. Ghabh thu fòs do sheudan rìomhach dem òr‑sa, agus dem airgead a thug mi dhut; agus rinn thu dhut fhèin dealbhan dhaoine, agus chuir thu strìopachas an gnìomh leo. Agus ghabh thu do chulaidhean grèise, agus chòmhdaich thu iad: agus chuir thu m’ola‑sa agus mo thùis mun comhair. Mo bhiadh fòs a thug mi dhut, min‐chruithneachd, agus ola, agus mil, a thug mi dhut rin ithe, chuir thu eadhon nan làthair iad mar fhàile cùbhraidh. Seadh cuideachd, tha an Tighearna Dia ag ràdh, ghabh thu do mhic agus do nigheanan a rug thu dhòmhsa, agus iad seo dh’ìobair thu dhaibhsan gu bhith air an slugadh suas. An nì suarach dhut, led strìopachas, gun do mharbh thu mo chlann, agus gun tug thu iad seachad gu dol tron teine air an son‐san? Agus ann ad uile ghràinealachdan agus strìopachais, cha do chuimhnich thu làithean d’òige, tràth bha thu lomnochd agus rùisgte, air do thruailleadh ann ad fhuil fhèin. Agus thàrladh, an dèidh d’aingidheachd uile (Mo thruaighe, mo thruaighe thu! deir an Tighearna Dia), Gun do thog thu dhut fhèin fòs ionad àrd, agus gun do rinn thu dhut fhèin àite àrd anns gach aon sràid. Thog thu ionad àrd aig gach aon cheann den t‑slighe, agus thug thu air do mhaise a bhith air a fuathachadh, agus rinn thu coitcheann thu fhèin do gach aon a ghabh seachad, agus rinn thu do strìopachais lìonmhor. Rinn thu fòs strìopachas leis na h‑Eiphitich, do choimhearsnaich, a tha mòr ann am feòil: agus mheudaich thu do strìopachais, a‑chum mise a bhrosnachadh gu feirg. Feuch uime sin, shìn mise mo làmh a‑mach os do chionn, agus lùghdaich mi do lòn, agus thug mi thairis thu do thoil na muinntir leis am fuathach thu, nigheanan nam Philisteach, air a bheil nàire ded shlighe mhì‐chiataich. Rinn thu mar an ceudna strìopachas leis na h‑Asirianaich, a chionn gu robh thu do‑shàthaichte; seadh, rinn thu strìopachas leo, agus gidheadh chan fhaodadh tu a bhith air do shàthachadh. Mheudaich thu os bàrr do strìopachas ann am fearann Chanàain gu ruig Caldèa, agus gidheadh cha robh thu sàthaichte le sin. Cionnas a ghlanas mise do chridhe, tha an Tighearna Dia ag ràdh, nuair a tha thu a’ dèanamh nan nithean seo uile, obair mnà neo‐gheamnaidh ladarna? Nuair a tha thu a’ togail d’ionaid àird aig ceann gach slighe, agus a’ dèanamh d’àite àird anns gach aon sràid; agus nach robh thu cosmhail ri strìopaich (a chionn nach b’fhiù leat tuarasdal), Ach ri mnaoi a nì adhaltranas, a ghabhas coigrich an àite a fir fhèin. Do na h‑uile strìopaichean bheir iad duais; ach tha thusa a’ toirt duaise dod leannain uile, agus gan tuarasdalachadh, a‑chum gun tigeadh iad thugad gach aon taobh airson do strìopachais. Agus tha thusa dìreach an aghaidh nòs mhnathan eile ann ad strìopachas, am feadh nach eil aon neach a’ dol air do dhèidh a dhèanamh strìopachais: is ann a tha thu a’ toirt duaise seachad, agus gun duais air bith ga toirt dhut: uime sin tha thu nan aghaidh ann ad nòs. Air an adhbhar sin, O strìopach, cluinn facal an Tighearna: Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gu robh do shalchar air a dhòrtadh a‑mach, agus do lomnochdaidh air a leigeadh ris tro do strìopachais led leannain, agus le uile iodhalan do ghràinealachdan, agus le fuil do chloinne, a thug thu dhaibh; Feuch uime sin, cruinnichidh mise d’uile leannain, leis an do ghabh thu sòlas, agus na h‑uile don tug thu gràdh, leis na h‑uile don tug thu fuath: nì mi eadhon an cruinneachadh mun cuairt ann ad aghaidh, agus leigidh mi ris dhaibh do lomnochdaidh, a‑chum gum faic iad do lomnochdaidh uile. Agus bheir mi breith ort mar a bheirear breith air mnathan a bhriseas an ceangal‐pòsaidh, agus a dhòirteas fuil, agus bheir mi peanas ort ann an corraich agus ann an eud. Agus bheir mi thu fòs dan làimh, agus tilgidh iad sìos d’àite cnocach, agus brisidh iad sìos d’ionadan àrda; buinidh iad dhìot mar an ceudna d’aodach, agus glacaidh iad do sheudan rìomhach, agus fàgaidh iad thu lomnochd agus rùisgte. Bheir iad mar an ceudna buidheann a‑nìos ad aghaidh, agus clachaidh iad thu le clachan, agus sàthaidh iad tromhad an claidheamhan. Agus loisgidh iad do thaighean le teine, agus nì iad breitheanas ort ann an sealladh mòran bhan: agus bheir mise ort sgur de strìopachas, agus cha toir thu tuarasdal seachad nas mò. Mar sin bheir mi air mo chorraich riut fois a ghabhail, agus imichidh m’eud uat, agus gabhaidh mi fois, agus cha bhi fearg orm nas mò. A chionn nach do chuimhnich thu làithean d’òige, agus gun do chuir thu corraich ormsa anns na nithean seo uile; feuch, uime sin dìolaidh mi fòs do shlighe air do cheann, tha an Tighearna Dia ag ràdh; agus cha chuir thu an gnìomh an neòghlaine seo thar d’uile ghràinealachdan. Feuch gach aon a ghnàthaicheas sean‐fhacail, gnàthaichidh e an sean‐fhacal seo ad aghaidh, ag ràdh, Mar a’ mhàthair is amhlaidh an nighean. Is tusa nighean do mhàthar, leis am fuathach a fear agus a clann; agus is tu piuthar do pheathraichean, leis am b’fhuathach am fir agus an clann: bu bhan‐Hiteach ur màthair, agus b’Amorach ur n‑athair. Agus is i do phiuthar as sine Samaria, i fhèin agus a nigheanan a tha a chòmhnaidh aig do làimh chlì: agus do phiuthar as òige, a tha a chòmhnaidh aig do làimh dheis, Sòdom agus a nigheanan. Gidheadh nan slighe‐san cha do ghluais thu, cha mhò a rinn thu a rèir an gràinealachdan: ach mar gum bu nì ro‑bheag sin, bha thu air do thruailleadh nas mò na iadsan ann ad uile shlighean. Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha do rinn do phiuthar Sòdom, i fhèin no a nigheanan, mar a rinn thusa, thu fhèin agus do nigheanan. Feuch, b’i seo aingidheachd do pheathar Sòdom; uabhar, sàth arain, agus pailteas dìomhanais, bha innte fhèin agus na nigheanan; cha mhò a neartaich i làmh a’ bhochd agus an fheumaich. Agus bha iad àrdanach, agus chuir iad gràinealachd an gnìomh ann am fhianais‐sa; uime sin thug mi air falbh iad mar a chunnacas ceart dhomh. Cha mhò a chuir Samaria an gnìomh leth do lochdan‐sa; ach mheudaich thu do ghràinealachdan nas mò na iadsan, agus dh’fhìreanaich thu do pheathraichean ann ad uile ghràinealachdan a rinn thu. Thusa fòs a thug breith air do pheathraichean, giùlain do nàire fhèin, airson do lochdan a chuir thu an gnìomh nas gràineile na iadsan: tha iadsan nas ionraice na thusa: seadh, bi thusa air do mhaslachadh fòs, agus giùlain do nàire, a chionn gun d’fhìreanaich thu do pheathraichean. Nuair a thilleas mi air a h‑ais am braighdeanas, bruid Shòdoim agus a cuid nighean, agus bruid Shamaria agus a cuid nighean, an sin bheir mi air a h‑ais bruid do bhraighdean‐sa nam meadhon; A‑chum gun giùlain thu do nàire fhèin, agus gum bi thu air do mhaslachadh anns gach nì a rinn thu, a chionn gu robh thu a’ toirt dhaibh comhfhurtachd. Nuair a thilleas do pheathraichean, Sòdom agus a cuid nighean, gus an ciad staid, agus a thilleas Samaria agus a cuid nighean gus an ciad staid, an sin tillidh tusa agus do nigheanan gu ur ciad staid. Oir cha robh luaidh air do phiuthair Sòdom ann ad bheul ann an là d’uabhair. Mun robh d’aingidheachd air a leigeadh ris, agus àm do mhaslaidh, mar nigheanan Shiria, agus na h‑uile a bha dlùth dhi, agus mar nigheanan nam Philisteach a bha mun cuairt dhut. Giùlainidh tu do neòghlaine agus do ghràinealachdan, deir an Tighearna. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Buinidh mise riutsa amhail mar a rinn thu fhèin, a rinn tàir air na mionnan, ann am briseadh a’ choicheangail. Gidheadh cuimhnichidh mi mo choicheangal riut ann an làithean d’òige, agus daingnichidh mi riut coicheangal sìorraidh. An sin cuimhnichidh tu do shlighe, agus bidh nàire ort, nuair a ghabhas tu do pheathraichean, do phiuthar as sine agus as òige: agus bheir mise dhut iad mar nigheanan, ach chan ann airson do choicheangail‐sa. Agus daingnichidh mi mo choicheangal riutsa, agus bidh fhios agad gur mi an Tighearna: A‑chum gun cuimhnich thu, agus gum bi nàire ort, agus nach fhosgail thu do bheul gu bràth nas mò, do bhrìgh do nàire, nuair a bhios mise rèidh riut airson gach uile nì a rinn thu, deir an Tighearna Iehòbhah. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, cuir a‑mach tòimhseachan, agus labhair cosamhlachd ri taigh Israeil; Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Thàinig fìor‐eun mòr le sgiathan mòra, agus le altan làidir, làn de chlùmhach, air an robh dathan eug‐samhail, gu Lebanon, agus ghabh e am meangan a b’àirde den t‑seudar. Gheàrr e dheth bàrr a mheangan òga, agus thug e leis e gu tìr malairt: shuidhich e ann am baile cheannaichean e. Ghabh e fòs de shìol an fhearainn, agus chuir e ann am machair thorraich e; shuidhich e ri taobh uisgeachan mòra e, ga chur mar chrann seilich: Agus dh’fhàs e, agus thàinig e gu bhith na fhìonain leathainn, air bheag àirde, aig an robh a geugan air an tionndadh ris an fhìor‐eun, agus aig an robh a freumhan foidhpe: mar sin dh’fhàs e na fhìonain, agus thug e a‑mach geugan, agus chuir e uaithe meangain. Bha fòs ann fìor‐eun mòr eile, le sgiathan mòra, agus mòran itich; agus, feuch, chlaon an fhìonain seo a freumhan da ionnsaigh, agus thilg i a‑mach a geugan thuige, a‑chum a bhith air a h‑uisgeachadh le claisean a gàrraidh. Bha i air a suidheachadh ann am fearann math, ri taobh uisgeachan mòra, a‑chum gun tugadh i a‑mach geugan, agus gun giùlaineadh i toradh, agus gum biodh i na deagh fhìonain. Abair thusa, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Am bi piseach oirre? Nach spìon e a‑nìos a freumhan, agus nach geàrr e dhith a toradh, air chor is gun searg e? Crìonaidh i ann an uile dhuilleagan a ciad‐fhàis, eadhon gun chumhachd mòr no mòran sluaigh ga spìonadh a‑nìos as a freumhan. Seadh, feuch, an dèidh a suidheachadh, am bi piseach oirre? Nach searg i gu tur nuair a bheanas a’ ghaoth an ear rithe? Crìonaidh i anns na claisean anns an d’fhàs i. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Abair a‑nis ris an taigh cheannairceach, Nach eil fhios agaibh ciod as ciall do na nithean seo? Innis dhaibh, Feuch, tha rìgh Bhàbiloin air teachd gu Ierusalem, agus ghlac e a rìgh, agus a prionnsachan, agus thug e leis iad gu Bàbilon: Agus ghabh e de shliochd an rìgh, agus rinn e coicheangal ris, agus ghabh e mionnan dheth: ghlac e fòs daoine cumhachdach na tìre: A‑chum gum biodh an dùthaich suarach, ionnas nach togadh i suas i fhèin; ach le a choicheangal a choimhead gum faodadh i seasamh. Ach rinn e ar‑a‑mach na aghaidh‐san le a theachdairean a chur don Eiphit, a‑chum gun tugadh iad dha eich agus mòran sluaigh: an èirich gu math dha? An tèid esan a nì na nithean seo as? No am bris e an coicheangal, agus an saorar e? Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, gu deimhinn anns an àite anns a bheil còmhnaidh an rìgh a rinn rìgh dhethsan, neach a rinn e tàir air a mhionnan, agus a bhris e a chùmhnantan, eadhon leis‐san, ann am meadhon Bhàbiloin, gheibh e bàs. Cha mhò a nì Phàraoh feum dha, le a fheachd cumhachdach, agus le a bhuidhinn mhòir, anns a’ chogadh, le tòrr a thilgeadh suas, agus le daingnichean a thogail, a ghearradh as mòran anaman. A chionn gun do rinn e tàir air na mionnan, leis a’ choicheangal a bhriseadh (nuair a thug e, feuch, a làmh ), agus a rinn e na nithean seo uile, cha tèid e as. Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mar as beò mise, mo mhionnan air an do rinn e tàir, agus mo choicheangal a bhris e, eadhon sin dìolaidh mise air a cheann fhèin. Agus sgaoilidh mi mo lìon air, agus glacar ann am rib e; agus bheir mi e gu Bàbilon, agus tagraidh mi ris an sin airson a chionta, leis an do chiontaich e am aghaidh. Agus tuitidh na theich thuige le a uile fheachd, leis a’ chlaidheamh; agus bidh iadsan a dh’fhàgar air an sgapadh ris na h‑uile ghaothan: agus aithnichidh sibh gur mise Iehòbhah a labhair e. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gabhaidh mise mi fhèin den ghèig as àirde den t‑seudar àrd, agus suidhichidh mi e; gearraidh mi o bhàrr a mheangan òga geug mhaoth, agus suidhichidh mi air sliabh uachdarach agus àrd i. Air sliabh àrd Israeil suidhichidh mi i: agus togaidh i suas a geug, agus bheir i a‑mach toradh, agus fàsaidh i na seudar rìoghail: agus foidhpe gabhaidh an uile eunlaith de gach aon iteig còmhnaidh: fo dhubhar a geug nì iad còmhnaidh. Agus aithnichidh uile chraobhan na machrach gun tug mise, Iehòbhah, a‑nuas an crann àrd, gun d’àrdaich mi an crann ìosal, gun do rinn mi an crann uaine tioram, agus gun tug mi air a’ chrann thioram a bhith fo bhlàth: mise Iehòbhah labhair, agus nì mi e. Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh, Ciod as ciall dhuibh gu bheil sibh a’ gnàthachadh an t‑sean‐fhacail seo a‑thaobh dùthaich Israeil, ag ràdh, Dh’ith na h‑athraichean dearcan searbha, agus tha dèisinn air fiaclan na cloinne? Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha bhi adhbhar agaibh an sean‐fhacal seo a ghnàthachadh nas mò ann an Israel. Feuch is leamsa na h‑uile anaman; mar as leam anam an athar, is amhlaidh is leam anam a’ mhic: an t‑anam a chiontaicheas gheibh e sin bàs. Ach ma bhios duine ionraic, agus gun dèan e an nì a bhios dligheach agus ceart; Mura d’ith e air na slèibhtean, cha mhò a thog e suas a shùilean ri iodhalan taigh Israeil, no a thruaill e bean a choimhearsnaich, no a thàinig e dlùth do mhnaoi a chuireadh air leth; Agus mura do shàraich e aon neach, ach gun tug e a gheall air ais don fheumach; mura do chreach e neach air bith le fòirneart, ach gun tug e aran don acrach, agus gun do chòmhdaich e an lomnochd le aodach; Esan nach tug seachad air ocar, cha mhò a ghabh riadh, a chùm air a h‑ais a làmh o euceart, a rinn breitheanas fìor eadar duine agus duine; A ghluais ann am reachdan, agus a choimhead mo bhreitheanais, gu fìrinn a chur an gnìomh; seo an duine ionraic, mairidh esan gu deimhinn beò, deir an Tighearna Dia. Ma ghineas e mac a bhios na shlaighdear, agus na fhear‐dòrtaidh fala, a nì samhail aon nì dhiubh seo, Agus nach dèan aon de na dleasdanais sin, ach a dh’ith eadhon air na slèibhtean, agus a thruaill bean a choimhearsnaich, A shàraich am bochd agus am feumach, a chreach le fòirneart, nach tug air ais an geall, agus a thog suas a shùilean ri iodhalan, a chuir an gnìomh gràinealachd, A thug seachad air ocar, agus a ghabh riadh: am mair e an sin beò? Cha mhair e beò: rinn e na gràinealachdan seo uile; gheibh e gu cinnteach bàs, bidh a fhuil air fhèin. Agus, feuch, ma ghineas esan mac a chì na h‑uile lochdan a rinn a athair, agus gun toir e fa‑near, agus nach dèan e an leithid; Nach d’ith air na slèibhtean, cha mhò a thog e suas a shùilean ri iodhalan taigh Israeil, nach do thruaill bean a choimhearsnaich; Nach do shàraich aon neach, nach do ghlèidh an geall, cha mhò a chreach le ainneart, ach a thug aran don acrach, agus a chòmhdaich an lomnochd le aodach; A thog a làmh o na bochdan, nach do ghabh ocar no riadh, a rinn mo bhreitheanais, a ghluais ann am reachdan, chan fhaigh esan bàs airson aingidheachd a athar; mairidh e gu cinnteach beò. A athair, a chionn gun do shàraich e gu h‑an‑iochdmhor, gun do chreach e a bhràthair le fòirneart, agus gun do rinn e an nì sin nach robh ceart am measg a shluaigh, feuch, bàsaichidh eadhon esan na aingidheachd. Gidheadh tha sibhse ag ràdh, Carson? Nach eil am mac a’ giùlan aingidheachd an athar? Nuair a rinn am mac an nì sin a tha dligheach agus ceart, a ghlèidh e mo reachdan‐sa uile, agus a rinn e iad, mairidh e gu cinnteach beò. An t‑anam a chiontaicheas, gheibh esan bàs: cha ghiùlain am mac aingidheachd an athar, cha mhò a ghiùlaineas an t‑athair aingidheachd a’ mhic: bidh fìreantachd an fhìrein air fhèin, agus aingidheachd an aingidh air fhèin. Ach ma thilleas an t‑aingidh o a uile aingidheachd a rinn e, agus gun coimhead e mo reachdan‐sa, agus gun dèan e an nì sin a tha dligheach agus ceart, mairidh e beò, chan fhaigh e bàs. A uile lochdan a chuir e an gnìomh cha bhi iad air an cuimhneachadh dha: na fhìreantachd a chuir e an gnìomh mairidh e beò. A bheil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh? tha an Tighearna Dia ag ràdh: nach ann a tha mo thlachd na thilleadh o a shlighe, agus gum biodh e beò? Ach nuair a thilleas am fìrean air falbh o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, a’ dèanamh a rèir nan uile ghràinealachdan a nì an t‑aingidh, am mair e beò? Air uile fhìreantachd a rinn e cha bhi iomradh: na chionta a chiontaich e, agus na pheacadh a pheacaich e, anntasan gheibh e bàs. Gidheadh tha sibhse ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach. Eisdibh a‑nis, O thaigh Israeil, nach eil mo shlighean‐sa cothromach? Nach eil ur slighean‐se neo‐chothromach? Nuair a chlaonas am fìrean o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, agus a bhàsaicheas e innte; airson aingidheachd a rinn e, gheibh e bàs. A‑rìs, nuair a thilleas an t‑aingidh air falbh o a aingidheachd a chuir e an gnìomh, agus a nì e an nì a tha dligheach agus ceart, gleidhidh e a anam beò. A chionn gu bheil e a’ toirt fa‑near, agus a’ tilleadh o uile lochdan a chuir e an gnìomh, mairidh e gu cinnteach beò, chan fhaigh e bàs. Gidheadh tha taigh Israeil ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach. O thaigh Israeil, nach eil mo shlighean‐sa cothromach? Nach eil ur slighean‐se neo‐chothromach? Uime sin bheir mise breith oirbh, O thaigh Israeil, gach aon a rèir a shlighe, tha an Tighearna Dia ag ràdh. Gabhaibh aithreachas, agus tillibh o ur n‑uile chionta; mar sin cha dèan aingidheachd ur milleadh. Tilgibh uaibh ur n‑uile chionta leis an do chiontaich sibh, agus dèanaibh dhuibh fhèin cridhe nuadh, agus spiorad nuadh; oir carson a bhàsaicheas sibh, O thaigh Israeil? Oir chan eil tlachd agamsa ann am bàs an tì a bhàsaicheas, tha an Tighearna Dia ag ràdh: uime sin, tillibh‐se, agus mairibh beò. Os bàrr, tog thusa suas tuireadh airson uachdarain Israeil. Agus abair, Ciod i do mhàthair? – leòmhann boireann: laigh i sìos am measg leòmhann, dh’altraim i a cuileanan am measg leòmhann òga. Agus thog i suas aon de a cuileanan: dh’fhàs e na leòmhann òg, agus dh’fhòghlaim e breith air a’ chreich; shluig e daoine. Chuala na cinnich fòs iomradh air, ghlacadh e nan sloc, agus thug iad e le slabhraidhean gu tìr na h‑Eiphit. A‑nis, nuair a chunnaic i gun d’fhàs i lag, agus gun do chaill i a dòchas, an sin ghabh i aon eile de a cuileanan, agus rinn i leòmhann òg dheth. Agus dh’imich e sìos agus suas am measg nan leòmhann, dh’fhàs e na leòmhann òg, agus dh’fhòghlaim e breith air a’ chreich; shluig e daoine. Agus thug e fa‑near an àrois, agus chuir e fàs am bailtean; agus bha an dùthaich fo uamhas, agus an làn a bha innte, le fuaim a bheucaich. An sin chruinnich na cinnich na aghaidh air gach taobh, o na mòr‐roinnean, agus sgaoil iad an lìon thairis air: ghlacadh e nan sloc. Agus chuir iad e an sàs ann an slabhraidhean, agus thug iad e gu rìgh Bhàbiloin; thug iad e gu daingnichean, a‑chum nach cluinnte tuilleadh a ghuth air slèibhtean Israeil. Tha do mhàthair cosmhail ri fìonain, suidhichte ri taobh nan uisgeachan; bha i torrach, agus làn de gheugan, a thaobh mòran uisgeachan. Agus bha slatan làidir aice, airson slatan‐riaghlaidh nan uachdaran; agus bha a h‑àirde togte suas am measg nan tiugh‐gheugan, agus chunnacas i na h‑àirde fhèin am measg lìonmhorachd a meanglan. Ach spìonadh a‑nìos i ann an corraich, thilgeadh i sìos gu làr, agus thiormaich a’ ghaoth an ear suas a meas: bhriseadh agus sheargadh a slatan làidir, loisg an teine iad. Agus a‑nis tha i air a suidheachadh anns an fhàsach, ann am fearann tioram, tartmhor. Agus tha teine air dol a‑mach o shlait de a geugan a loisg a meas, air chor is nach eil slat làidir air bith aice gu bhith na slait gu riaghladh. Is tuireadh seo, agus bidh e na thuireadh. Agus thàrladh anns an t‑seachdamh bliadhna, anns a’ chòigeamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, gun tàinig cuid àraidh de sheanairean Israeil a dh’fhiosrachadh on Tighearna, agus shuidh iad ann am làthair‐sa. An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, labhair ri seanairean Israeil, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh. An tàinig sibh a dh’fhiosrachadh dhìomsa? Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, cha bhi mi air m’fhiosrachadh leibh. An tagair thusa as an leth, a mhic an duine, an tagair thu? Thoir orra gun aithnich iad gràinealachdan an athraichean; Agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns an là anns an do roghnaich mise Israel, agus anns an do thog mi suas mo làmh airson sliochd taigh Iàcoib, agus anns an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a thog mi suas mo làmh air an son, ag ràdh, Is mi Iehòbhah ur Dia; Anns an là anns an do thog mi suas mo làmh air an son gu an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a‑chum fearainn a rannsaich mi a‑mach dhaibh, a’ sruthadh le bainne agus le mil, as e glòir nan uile fhearann; An sin thubhairt mi riu, Tilgibh uaibh, gach aon neach, gràinealachdan a shùl, agus na truaillibh sibh fhèin le iodhalan na h‑Eiphit; is mise Iehòbhah ur Dia. Ach chathaich iad am aghaidh, agus chan èisdeadh iad rium: cha do thilg iad uapa, gach aon, gràinealachdan an sùl, cha mhò a thrèig iad iodhalan na h‑Eiphit: an sin thubhairt mi, Dòirtidh mi mo chorraich orra, a‑chum gun coilean mi m’fhearg nan aghaidh ann am meadhon tìr na h‑Eiphit. Ach dh’obraich mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach truaillte e an làthair nan cinneach am measg an robh iad, agus an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh nan sealladh, len toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit. Air an adhbhar sin thug mi orra dol a‑mach à tìr na h‑Eiphit, agus thug mi iad a‑chum an fhàsaich: Agus thug mi dhaibh mo reachdan, agus dh’fhoillsich mi dhaibh mo bhreitheanais, nithean ma choileanas duine sam bith, mairidh e beò annta. A thuilleadh air seo fòs, thug mi dhaibh mo shàbaidean, gu bhith nan comharradh eadar mise agus iadsan, a‑chum gun aithnicheadh iad gur mi an Tighearna a tha gan naomhachadh. Ach rinn taigh Israeil ceannairc am aghaidh anns an fhàsach: cha do ghluais iad ann am reachdan, agus rinn iad tàir air mo bhreitheanais, nithean ma nì duine, mairidh e beò annta; agus mo shàbaidean thruaill iad gu mòr: an sin thubhairt mi gun dòirtinn mo chorraich a‑mach orra anns an fhàsach, a‑chum an caitheamh. Ach dh’obraich mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach biodh e air a thruailleadh am measg nan cinneach, ann an sealladh an tug mi a‑mach iad. Ach fòs thog mi suas mo làmh dhaibh anns an fhàsach, nach tugainn iad don fhearann a thug mi dhaibh, a’ sruthadh le bainne agus le mil, as e glòir nan uile fhearann: A chionn gun do rinn iad tàir air mo bhreitheanais, agus nach do ghluais iad ann am reachdan, ach gun do thruaill iad mo shàbaidean: oir chaidh an cridhe an dèidh an iodhalan. Gidheadh choigil mo shùil iad on sgrios, cha mhò a rinn mi crìoch a thoirt orra anns an fhàsach. Agus thubhairt mi rin cloinn anns an fhàsach, Na gluaisibh‐se ann an reachdan ur n‑athraichean, cha mhò a ghleidheas sibh am breitheanais, no a thruailleas sibh sibh fhèin len iodhalan. Is mise an Tighearna ur Dia; gluaisibh ann am reachdan, agus coimheadaibh mo bhreitheanais, agus dèanaibh iad: Agus naomhaichibh mo shàbaidean; agus bidh iad nan comharradh eadar mise agus sibhse, a‑chum gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia. Gidheadh, rinn an clann ar‑a‑mach ann am aghaidh: cha do ghluais iad ann am reachdan, cha mhò a choimhead iad mo bhreitheanais gu an dèanamh, nithean ma nì duine, mairidh e beò annta; thruaill iad mo shàbaidean; an sin thubhairt mi gun dòirtinn a‑mach mo chorraich orra, a‑chum gun coileanainn m’fhearg nan aghaidh anns an fhàsach. Gidheadh, thill mi air a h‑ais mo làmh, agus rinn mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach biodh e air a thruailleadh ann am fianais nan cinneach, ann an sealladh an tug mi a‑mach iad. Thog mi suas mo làmh dhaibh fòs anns an fhàsach, gun sgapainn iad am measg nan cinneach, agus gun sgaoilinn iad air feadh nan dùthchannan; A chionn nach do chuir iad an gnìomh mo bhreitheanais, ach gun do rinn iad tàir air mo reachdan, agus gun do thruaill iad mo shàbaidean, agus gu robh an sùilean an dèidh iodhalan an athraichean. Uime sin thug mi dhaibh fòs reachdan nach robh math, agus breitheanais leis nach biodh iad beò. Agus thruaill mi iad nan tìodhlacan fhèin, le iad a bhith a’ toirt air gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù dol tron teine, ionnas gun dèanainn‐sa fàs iad, a‑chum gun aithnicheadh iad gur mi an Tighearna. Uime sin, a mhic an duine, labhair ri taigh Israeil, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ann an seo fòs mhaslaich ur n‑athraichean mise, le ciontachadh gu trom am aghaidh. Nuair a thug mi iad don fhearann, mun do thog mi suas mo làmh gun tugainn dhaibh e, an sin chunnaic iad gach cnoc àrd, agus na h‑uile chruinn thiugha, agus dh’ìobair iad an sin an ìobairtean, agus an sin thug iad seachad an tabhartasan fuathach: an sin fòs rinn iad am fàile cùbhraidh, agus dhòirt iad a‑mach an ìobairtean dibhe. An sin thubhairt mi riu, Ciod an t‑ionad àrd gus a bheil sibh a’ dol? Agus goirear Bamah mar a ainm gus an là‑an‑diugh. Uime sin, abair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A bheil sibh air ur truailleadh a rèir nòs ur n‑athraichean? Agus a bheil sibh a’ cur strìopachais an gnìomh a rèir an gràinealachdan‐san? Oir nuair a tha sibh a’ toirt seachad ur tìodhlacan, nuair a tha sibh a’ toirt air ur mic dol tron teine, tha sibh gur truailleadh fhèin le ur n‑uile iodhalan, eadhon gus an là‑an‑diugh: agus an toir mise freagradh dhuibh, O thaigh Israeil? Mar as beò mi, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha toir mi dhuibh freagradh. Agus an nì sin a tha a’ teachd nur n‑aire cha tachair air chor air bith, anns a bheil sibh ag ràdh, Bidh sinn mar na cinnich, mar mhuinntir nan dùthchannan, ann an seirbhis a thoirt do chrann agus do chloich. Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu cinnteach le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le corraich air a dòrtadh a‑mach, riaghlaidh mise os ur cionn: Agus bheir mi a‑mach sibh as na slòigh, agus tionailidh mi sibh as na dùthchannan anns a bheil sibh air ur sgapadh, le làimh thrèin, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le corraich air a dòrtadh a‑mach. Agus bheir mi sibh gu fàsach nam fineachan, agus an sin tagraidh mi ribh aghaidh ri aghaidh. Amhail a thagair mi ri ur n‑athraichean ann am fàsach tìr na h‑Eiphit, is amhail a thagras mi ribhse, deir an Tighearna Dia. Agus bheir mi oirbh imeachd fon t‑slait, agus bheir mi sibh fo cheangal a’ chùmhnaint. Agus glanaidh mi a‑mach as ur measg na ceannaircich, agus an dream a tha a’ ciontachadh am aghaidh: bheir mi iad a‑mach as an dùthaich anns a bheil iad air chuairt, agus cha tèid iad a‑steach do fhearann Israeil: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna. Air ur son‐se, O thaigh Israeil, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Imichibh, dèanaibh seirbhis, gach aon duine da iodhalan a‑nis na dhèidh seo, mura èisd sibh riumsa; ach na truaillibh m’ainm naomh‐sa nas mò le ur tabhartasan agus le ur n‑iodhalan. Oir ann am shliabh naomh‐sa, ann an sliabh àirde Israeil, tha an Tighearna Dia ag ràdh, ann an sin nì uile thaigh Israeil, na bhios air thalamh uile dhiubh, seirbhis dhòmhsa: an sin gabhaidh mi riu, agus an sin iarraidh mi ur tabhartasan, agus ciad‐thoradh ur n‑ìobairtean, le ur n‑uile nithean naomha. Gabhaidh mi ribh le ur boltrach cùbhraidh nuair a bheir mi a‑mach sibh o na fineachan, agus a thionaileas mi sibh o na dùthchannan anns an robh sibh air ur sgapadh; agus bidh mi air mo naomhachadh annaibh ann am fianais nan cinneach. Agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna, nuair a bheir mi sibh gu fearann Israeil, gus an dùthaich mun do thog mi suas mo làmh gun tugainn i dur n‑athraichean. Agus ann an sin cuimhnichidh sibh ur slighe, agus ur n‑uile dhèanadais, anns an robh sibh air ur truailleadh; agus bidh sibh gràineil nur sealladh fhèin airson ur n‑uile lochdan a rinn sibh. Agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna, nuair a dh’obraicheas mi leibh airson m’ainme fhèin, chan ann a rèir ur droch shlighe, no a rèir ur dèanadais aingidh, O thaigh Israeil, deir an Tighearna Dia. Os bàrr thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, cuir d’aghaidh ris an àird a deas, agus leig sileadh dod fhacal ri deas, agus dèan fàistneachd an aghaidh frìth na machrach mu dheas; Agus abair ri frìth na h‑àird a deas, Eisd facal an Tighearna: Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, fadaidh mise teine annad, agus loisgidh e gach uile chrann uaine annad, agus gach uile chrann seargte; cha mhùchar an teine lasrach, agus loisgear ann gach uile aghaidh, o dheas gu ruige tuath. Agus chì gach uile fheòil gur mise, an Tighearna, a las e: cha bhi e air a mhùchadh. An sin thubhairt mise, Ah! a Thighearna Dhè, tha iad ag ràdh dom thaobh‐sa, Nach eil e a’ labhairt chosamhlachdan dorcha? Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, cuir d’aghaidh ri Ierusalem, agus leig sileadh dod fhacal ris na h‑ionadan naomha, agus dèan fàistneachd an aghaidh fearann Israeil, Agus abair ri fearann Israeil, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, agus tàirngidh mi a‑mach mo chlaidheamh as a thruaill, agus buinidh mi a‑mach asad am fìrean agus an t‑aingidh. A chionn gun geàrr mi as uat am fìrean agus an t‑aingidh, uime sin thèid mo chlaidheamh a‑mach as a thruaill an aghaidh gach uile fheòla, o dheas gu tuath: A‑chum gun aithnich gach uile fheòil gun do tharraing mise Iehòbhah mo chlaidheamh a‑mach as a thruaill; cha till e air ais nas mò. Dèan acain uime sin, a mhic an duine, a dhochainneas do leasraidh; agus le searbhas dèan osnaich fa chomhair an sùl. Agus tàrlaidh, nuair a their iad riut, Carson a tha thu ag osnaich? gum freagair thusa, Airson an sgeòil, a chionn gu bheil e a’ teachd: agus leaghaidh gach aon chridhe, agus bidh na h‑uile làmhan lag, agus gach aon spiorad fann, agus na h‑uile ghlùinean anfhann mar uisge: feuch tha e a’ teachd, agus bheirear e gu crìch, deir an Tighearna Dia. A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, dèan fàistneachd, agus abair, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Abair, Tha claidheamh, tha claidheamh air a gheurachadh, agus fòs air a lìomhadh. Tha e air a gheurachadh a dhèanamh àir ghoirt; tha e air a lìomhadh a‑chum gun dealradh e; a‑chum gun tilgeadh e sìos slat rìoghail mo mhic, gun chrann air bith a chaomhnadh. Agus thug e gu bhith air a lìomhadh e, a‑chum gum biodh e air a ghlacadh: tha an claidheamh air a gheurachadh, agus tha e air a lìomhadh, gu a thoirt do làimh a’ mharbhaiche. Eigh agus nuallaich, a mhic an duine, oir bidh e air mo shluagh‐sa, air uile mhòr‐uaislean Israeil: bidh uamhasan, a‑thaobh a’ chlaidheimh, air mo shluagh: buail, uime sin, air do leis. Oir tha e dearbhte; agus an t‑slat rìoghail nuair nach coigil e i, cha bhi ann nas mò, deir an Tighearna Dia. Dèan thusa, uime sin, a mhic an duine, fàistneachd, agus buail do làmhan air a chèile, agus biodh an claidheamh an treas uair air a dhùblachadh, claidheamh nan daoine marbhte, claidheamh a’ ghaisgich a mharbhadh, a thèid a‑steach dan seòmraichean uaigneach. Chuir mi roinn a’ chlaidheimh an aghaidh an geatachan uile, a‑chum gum meathadh an cridhe, agus gum meudaichear am milleadh: ah! rinneadh loinnreach e, gheuraicheadh airson an àir e. Imich thusa taobh, no taobh‐eigin, air do làimh dheis, no air do làimh chlì, ciod air bith taobh a tha ad aghaidh. Buailidh mise fòs mo làmhan air a chèile, agus bheir mi air mo chorraich gun gabh i fois: mise Iehòbhah thubhairt e. Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh, Mar an ceudna, a mhic an duine, sònraich dà shlighe dhut fhèin, a‑chum gun tigeadh claidheamh rìgh Bhàbiloin: thig araon an dithis a‑mach as an aon tìr; agus tagh thusa àite, tagh e aig ceann na slighe a‑chum a’ bhaile. Sònraich slighe, a‑chum gun tigeadh an claidheamh gu Rabat nan Amonach, agus gu Iùdah ann an Ierusalem, a’ chathair dhaingnichte. Oir sheas rìgh Bhàbiloin aig dealachadh na slighe, aig ceann an dà shlighe, a dhèanamh fiosachd: lìomh e a shaighdean; chuir e a chomhairle ri dealbhan, sheall e anns an sgamhan. Aig a làimh dheis bha an fhàistneachd airson Ierusaleim, a dh’òrdachadh cheann‐feadhna, a dh’fhosgladh a bheòil anns an àr, a thogail suas a’ ghutha le iolaich, a dh’òrdachadh reitheachan‐cogaidh an aghaidh nan geatachan, a thilgeadh suas torra, a thogail daingnich. Agus bidh e dhaibhsan mar neach ri fàistneachd bhrèige nan sealladh, dhaibhsan a thug mionnan: ach gairmidh e gu cuimhne an aingidheachd, a‑chum gum bi iad air an glacadh. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, a chionn gun tug sibh air ur n‑aingidheachd a bhith air a cuimhneachadh, le ur n‑easaontas a bhith air a leigeadh ris, air chor agus gu bheil ur lochdan follaiseach nur n‑uile dhèanadas: a chionn gu bheil sibh air ur toirt gu cuimhne glacar an làimh sibh; Agus thusa, a phrionnsa mhì‐dhiadhaidh, aingidh Israeil, aig a bheil do là air teachd, anns am bi crìoch air aingidheachd; Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Atharraich an coron rìoghail, agus thoir dhìot an crùn: chan e an t‑aon ceudna a bhios ann; àrdaich an t‑ìosal, agus ìslich an t‑àrd. Tilgidh mi e bun‐os‑cionn, bun‐os‑cionn, bun‐os‑cionn, agus cha bhi e ann, gus an tig esan aig a bheil còir air, agus dhàsan bheir mi e. Agus thusa, a mhic an duine, dèan fàistneachd, agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh a‑thaobh nan Amonach, agus a‑thaobh am maslaidh: eadhon abair thusa, Tha an claidheamh tàirngte: airson an àir tha e lìomhte; airson sgrios tha e mar dhealanach. Am feadh a tha thu a’ faicinn dhut fhèin dìomhanais, am feadh a tha thu a’ fàistneachd dhut fhèin brèige, a‑chum do thoirt air mhuinealan na muinntir a leònadh, nan aingidh aig a bheil an là air teachd, anns am bi crìoch air an euceart. An toir mi air tilleadh air ais ga thruaill? Anns an àite anns an do chruthaicheadh thu, ann am fearann do dhùthchais, bheir mise breith ort. Agus dòirtidh mi a‑mach ort mo dhian chorraich; sèididh mi thairis thu do làimh dhaoine brùideil, cleachdte ri milleadh. Bidh tu mar chonnadh don teine: bidh d’fhuil ann am meadhon an fhearainn; cha bhi thu nas mò air chuimhne; oir mise Iehòbhah labhair e. Os bàrr thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A‑nis, a mhic an duine, an tagair thu, an tagair thu as leth na cathrach fhuileachdaich? Seadh, feuchaidh tu dhi a h‑uile ghràinealachdan. An sin abair thusa, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha a’ chathair a’ dòrtadh fala na meadhon, a‑chum gun tigeadh a h‑àm, agus a’ dèanamh iodhalan na h‑aghaidh fhèin, gu i fhèin a thruailleadh. Tha thu air fàs ciontach ann ad fhuil a dhòirt thu, agus thruaill thu thu fhèin ann ad iodhalan a rinn thu; agus thug thu air do làithean teachd dlùth, agus thàinig thu a‑chum do bhliadhnachan; uime sin rinn mise dhìot masladh do na cinnich, agus ball‐magaidh do na h‑uile dhùthchannan. Iadsan a tha dlùth, agus iadsan a tha fada uat, nì iad fanaid ortsa, a tha mì‑chliùteach, a tha ri mòran sàrachaidh. Feuch, tha uachdarain Israeil annad, gach aon a rèir a chumhachd a dhòrtadh fala. Annadsa rinn iad dìmeas air athair agus màthair; ann ad mheadhon bhuin iad le ainneart ris a’ choigreach: annadsa shàraich iad an dìlleachdan agus a’ bhantrach. Rinn thu tàir air mo nithean naomha‑sa, agus thruaill thu mo shàbaidean. Annadsa tha luchd‐aithris sgeòil a dhòrtadh fala: agus annadsa tha iad ag ithe air na slèibhtean: ann ad mheadhon tha iad a’ cur an gnìomh neòghlaine. Annadsa leig iad ris lomnochdaidh an athar; dh’ìslich iad annad ise a chuireadh a thaobh airson neòghlaine. Agus rinn aon gràinealachd le mnaoi a choimhearsnaich; agus thruaill aon eile gu gràineil nighean a mhnà; agus dh’ìslich neach eile annad a phiuthar, nighean a athar. Annadsa ghabh iad duais gu fuil a dhòrtadh: ghabh thu ocar agus riadh, agus bhuannaich thu gu sanntach od choimhearsnaich le ana‑cothrom, agus dhìochuimhnich thu mise, deir an Tighearna Dia. Feuch, uime sin bhuail mise mo làmh air do bhuannachd neo‐ionraic a rinn thu, agus air d’fhuil, a bha ann ad mheadhon. An urrainn do chridhe fulang, no an urrainn do làmhan a bhith làidir anns na làithean anns am buin mise riut? Mise Iehòbhah labhair, agus nì mi e. Agus sgapaidh mi thu am measg nan cinneach, agus sgànraidh mi thu am measg nan dùthchannan, agus caithidh mi do neòghlaine asad. Agus bidh tu air do thruailleadh ann an sealladh nan cinneach, agus aithnichidh tu gur mise an Tighearna. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh. A mhic an duine, tha taigh Israeil air fàs dhòmhsa mar shal; tha iad uile nan umha, agus nan stàn, agus nan iarann, agus nan luaidh, ann am meadhon na h‑àmhainn; chan eil annta ach sal airgid. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun d’fhàs sibh uile nur sal, feuch, uime sin, cruinnichidh mise sibh gu meadhon Ierusaleim. Mar a chruinnicheas iad airgead, agus umha, agus iarann, agus luaidhe agus stàn gu meadhon na h‑àmhainn, a‑chum an teine a shèideadh air, gus a leaghadh; is amhail a chruinnicheas mise sibhse ann am chorraich, agus ann am fheirg, agus fàgaidh mi sibh an sin, agus leaghaidh mi sibh. Seadh, cruinnichidh mi sibh, agus sèididh mi oirbh ann an teine mo chorraich, agus bidh sibh air ur leaghadh na mheadhon. Mar a leaghar airgead ann am meadhon na h‑àmhainn, is amhlaidh a leaghar sibhse na meadhon‐se; agus aithnichidh sibh gun do dhòirt mise Iehòbhah a‑mach mo chorraich oirbh. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, abair ris an fhearann, Is tusa am fearann nach eil air d’uisgeachadh, air nach do thuit frasachd ann an là na dian‐fheirge. Tha co‑bhoinn fhàidhean na mheadhon; mar leòmhann beucach an tòir air a’ chreich: shluig iad anaman: ghlac iad an t‑ionmhas agus na nithean luachmhor: rinn iad a bhantraichean lìonmhor na mheadhon. Bhris a shagartan mo reachd, agus mhì‐naomhaich iad mo nithean naomha: cha do chuir iad dealachadh sam bith eadar an naomh agus am mì‑naomh, cha mhò a dh’fheuch iad ciod tha neòghlan, agus ciod glan: agus dh’fhalaich iad an sùilean om shàbaidean, agus tha mi air mo mhì‐naomhachadh nam measg. Tha a uachdarain na mheadhon mar mhadaidhean‐allaidh, cìocrach a‑chum creiche, a dhòrtadh fala, a sgrios anaman, a dh’fhaotainn buannachd neo‐ionraic. Agus chòmhdaich a fhàidhean iad le criadh gun obrachadh, a’ faicinn dìomhanais, agus a’ fàistneachd bhreug dhaibh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, nuair nach do labhair an Tighearna. Ghnàthaich sluagh an fhearainn ainneart, agus chuir iad an gnìomh reubainn, agus shàraich iad am bochd agus am feumach: seadh, rinn iad fòirneart air a’ choigreach gu h‑eucorach. Agus dh’iarr mise airson duine nam measg a dhèanadh suas a’ challaid, agus a sheasadh anns a’ bhriseadh fam chomhair airson an fhearainn, a‑chum nach sgriosainn e; ach cha d’fhuair mi aon neach. Uime sin dhòirt mi a‑mach orra mo dhian‐chorraich; chaith mi iad le teine m’fheirge: an slighe fhèin dhìol mi air an cinn, deir an Tighearna Dia. Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh, A mhic an duine, bha dithis bhan ann, nigheanan na h‑aon mhàthar; Agus rinn iad strìopachas anns an Eiphit, rinn iad strìopachas nan òige; an sin bha an uchd air a bhruthadh, agus an sin bhruthadh cìochan am maighdeannais. Agus b’iad an ainmean, Aholah, ise bu shine, agus Aholibah a piuthar; agus bu leamsa iad, agus rug iad mic agus nigheanan: mar seo an ainmean; is i Aholah Samaria, agus is i Aholibah Ierusalem. Agus rinn Aholah strìopachas nuair bu leamsa i; agus bha i an cion air a leannain, air na h‑Asirianaich, a coimhearsnaich. Sgeadaichte le gorm, nan cinn‐fheadhna, agus nan luchd‐riaghlaidh, iad uile nan òganaich àillidh, marc‐shluagh, a’ marcachd air eich. Mar seo rinn i strìopachas leo, leis a mheud is a bha de fhir thaghte ann an Asiria, agus leis na h‑uile air an robh a cion; len iodhalan uile shalaich i i fhèin. Cha mhò a sguir i de a strìopachas leis an Eiphit: oir na h‑òige laigh iad leatha, agus bhrùth iad cìochan a maighdeannais, agus dhòirt iad oirre an strìopachas. Air an adhbhar sin thug mise thairis i do làimh a leannan, do làimh nan Asirianach air an robh a cion. Leig iad seo ris a lomnochdaidh: ghabh iad a mic agus a nigheanan, agus mharbh iad i leis a’ chlaidheamh: agus dh’fhàs i iomraiteach am measg bhan, oir thug iad breitheanas oirre. Agus nuair a chunnaic a piuthar Aholibah seo, bha i na bu truaillidh na gràdh neo‐mheasarra na ise; agus na strìopachas na bu mhò na a piuthar na strìopachas. Bha a cion air na h‑Asirianaich a coimhearsnaich, cinn‐fheadhna, agus luchd‐riaghlaidh, sgeadaichte gu ro‑sgiamhach, marc‐shluagh, a’ marcachd air eich, iad uile nan òganaich àillidh. An sin chunnaic mi gu robh i air a truailleadh, gum b’ionnan slighe dhaibh araon; Ach gun deachaidh ise na b’fhaide na strìopachas: oir nuair a chunnaic i daoine air an dealbh air a’ bhalla, ìomhaighean nan Caldèanach, air an tarraing le corcar, Crioslaichte le criosan air an leasraibh, sgeadaichte le ceann‐èideadh dathte air an cinn, iad uile mar chinn‐fheadhna ri am faicinn, cosmhail ri mic Bhàbiloin, a dh’àraich tìr Chaldèa; Agus cho luath is a chunnaic i iad le a sùilean, ghabh i cion orra, agus chuir i teachdairean dan ionnsaigh, gu Caldèa. Agus thàinig na Bàbilonaich da h‑ionnsaigh gus an leabaidh‐ghaoil, agus thruaill iad i len strìopachas; ach an dèidh a bhith air a truailleadh leo, bha a h‑inntinn air a claonadh air falbh uapa. Mar sin leig i ris a strìopachas, agus leig i ris a lomnochdaidh; an sin thill m’inntinn‐sa uaipe, amhail a thill m’inntinn o a piuthair. Gidheadh mheudaich i a strìopachais, le làithean a h‑òige a ghairm gu cuimhne, anns an do rinn i strìopachas ann an tìr na h‑Eiphit. Oir mhiannaich i a co‑chèilidhean, aig a bheil am feòil mar fheòil asal, agus an sìol mar shìol each. Mar seo ghairm thu gu cuimhne neòghlaine d’òige, ann am bruthadh do bhroillich leis na h‑Eiphitich, ann am bruthadh cìochan d’òige. Air an adhbhar sin, O Aholibah, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, dùisgidh mise suas do leannain ann ad aghaidh, o a bheil d’inntinn air claonadh, agus bheir mi iad ann ad aghaidh air gach taobh; Na Bàbilonaich, agus na Caldèanaich uile, Pecod, agus Soa, agus Coa, na h‑Asirianaich uile maille riu: iad uile nan daoine àillidh, cinn‐fheadhna, agus luchd‐riaghlaidh, tighearnan mòra agus iomraiteach, iad uile a’ marcachd air eich. Agus thig iad ann ad aghaidh le carbadan, le cobhanan, agus le rothan, agus le coitheanal sluaigh, a chuireas ann ad aghaidh targaid, agus sgiath, agus clogad, air gach aon taobh: agus cuiridh mise breitheanas fan comhair, agus bheir iad breith ort a rèir am breitheanais. Agus cuiridh mise m’eud ad aghaidh, agus buinidh iad gu ro‑gharg riut: bheir iad air falbh do shròn, agus do chluasan, agus tuitidh d’fhuidheall leis a’ chlaidheamh: bheir iad leo do mhic, agus do nigheanan, agus loisgear na dh’fhàgar dhìot anns an teine. Bheir iad dhìot mar an ceudna d’aodach, agus bheir iad air falbh do sheudan maiseach. Mar seo bheir mise air do neò‐ghlaine sgur annad, agus air do strìopachas le tìr na h‑Eiphit: air chor is nach tog thu suas do shùilean riu, agus nach cuimhnich thu an Eiphit nas mò. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, bheir mise thairis thu do làimh na muinntir leis am fuathach thu, do làimh na muinntir om bheil do chridhe air claonadh; Agus buinidh iad riut gu fuathach, agus bheir iad air falbh d’uile shaothair, agus fàgaidh iad thu lom agus rùisgte; agus bidh lomnochdaidh do strìopachais air a leigeadh ris, araon do ghràinealachd agus do strìopachas. Nì mise na nithean seo riut, a chionn gun deachaidh tu le strìopachas an dèidh nan cinneach, a chionn gu bheil thu air do thruailleadh len iodhalan. Ghluais thu ann an slighe do pheathar; uime sin bheir mise a cupan‐se ann ad làimh. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Òlaidh tu de chupan do pheathar, domhain agus farsaing; nìthear gàire fanaid riut, agus bidh tu ad bhall‐magaidh; is mòr na bheil ann. Lìonar thu le misg agus le doilgheas, le cupan uamhais agus lèirsgrios, le cupan do pheathar Samaria. Nì thu fòs a òl agus a shùghadh a‑mach, agus brisidh tu a bhloighdean, agus spìonaidh tu do chìochan fhèin asad: oir mise labhair e, deir an Tighearna Dia. Uime sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do dhìochuimhnich thu mise, agus gun do thilg thu mi air do chùlaibh, air an adhbhar sin, giùlain thusa fòs do ghràinealachd agus do strìopachais. Thubhairt an Tighearna rium os bàrr, A mhic an duine, an toir thu breith air Aholah, agus air Aholibah? Seadh, foillsich dhaibh an gràinealachdan; Gun do chuir iad an gnìomh adhaltranas, agus gu bheil fuil nan làmhan, agus len iodhalan gun do rinn iad adhaltranas, agus gun tug iad fòs air am mic, a rug iad dhòmhsa, siubhal air an son‐san tron teine gan losgadh. Os bàrr rinn iad seo riumsa; thruaill iad m’ionad naomh air an là sin fhèin, agus mhì‐naomhaich iad mo shàbaidean. Oir nuair a mharbh iad an clann dan iodhalan, an sin thàinig iad air an là sin fhèin dom ionad naomh‐sa, ga thruailleadh; agus, feuch, mar seo rinn iad ann am meadhon mo thaighe. Agus a thuilleadh air seo, gun do chuir iad fios air daoine gu teachd o chèin, gus an do chuireadh teachdaire; agus, feuch, thàinig iad, airson an do rinn thu thu fhèin a nighe, do shùilean a dhath, agus thu fhèin a sgeadachadh le usgraichean. Agus shuidh thu air leabaidh urramaich, agus bòrd ullaichte fa comhair, air an do chuir thu mo bholtrach‐sa, agus m’ola. Agus bha guth na muinntir a bha aig suaimhneas maille riu, agus mòr‐chuideachd nam fear o Shaba, on fhàsach, a chuir làmh‐fhailean air an làmhan, agus coronan maiseach air an cinn. An sin thubhairt mise rithese a bha sean ann an adhaltranas, An dèan iad a‑nis strìopachas leatha, agus ise leòsan? Gidheadh chaidh iad a‑steach da h‑ionnsaigh, mar a thèid iad a‑steach gu strìopaich: mar sin chaidh iad a‑steach gu Aholah agus gu Aholibah, na mnathan neòghlan. Agus bheir na daoine cothromach breith orra, a rèir breith bhan‐adhaltranach, agus a rèir breith bhan a dhòirteas fuil; a chionn gur ban‐adhaltranaich iad, agus gu bheil fuil nan làmhan. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bheir mise a‑nìos cuideachd orra, agus bheir mi iad gu bhith air an atharrachadh, agus air an creachadh. Agus clachaidh a’ chuideachd iad le clachan, agus gearraidh iad sìos iad len claidheamhan; marbhaidh iad am mic agus an nigheanan, agus loisgidh iad an taighean le teine. Mar seo cuiridh mise casg air gràinealachd anns an fhearann, a‑chum gum fòghlaim na h‑uile mhnathan gun dèanamh a rèir ur gràinealachd‐se. Agus dìolaidh mi ribh ur gràinealachd, agus giùlainidh sibh lochdan ur n‑iodhalan, agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia. A‑rìs, anns an naoidheamh bliadhna, anns an deicheamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, sgrìobh dhut ainm an là, a’ cheart là seo: chuir rìgh Bhàbiloin e fhèin an aghaidh Ierusaleim air a’ cheart là seo. Agus labhair cosamhlachd ris an taigh cheannairceach, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cuir air coire: cuir air e, agus fòs dòirt ann uisge: Cruinnich a mhìrean ann, gach aon mhìr math, an t‑sliasaid agus an slinnean; lìon e le taghadh nan cnàmh. Gabh rogha an treud, agus loisg fòs na cnàmhan fodha, thoir goil bhras air, agus biodh a chnàmhan air am bruich ann. Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is an‑aoibhinn don chathair fhuiltich, don choire aig a bheil a shal ann, agus o nach deachaidh a shal a‑mach uaithe; thoir a‑mach e, mìr air mhìr, na tuiteadh crannchur air bith air. Oir tha a fuil na meadhon, chuir i air mullach creige i, cha do dhòirt i air an talamh i, a‑chum a falach le duslach: A‑chum gun tugadh i air feirg teachd a‑nìos a dhèanamh dìoghaltais: chuir mise a fuil air mullach creige, a‑chum nach biodh i air a falach. Air an adhbhar sin, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is an‑aoibhinn don chathair fhuiltich; nì mise fòs a’ chruach‐theine mòr. Càrnaibh connadh, fadaibh an teine, caithibh an fheòil, cuiribh oirre spìosraidh gu leòr, agus loisgear na cnàmhan. An sin cuir falamh e air èibhlean a‑chum gun teasaich a’ phràis, agus gun loisg i, agus gum bi a salchar air a leaghadh innte, air chor is gum bi a sal air a chaitheamh. Lean a sal rithe gu teann, agus cha do dhealaich e rithe; tha a salchar mòr, tha a salchar breun. Ann ad shalchar tha neòghlaine, do bhrìgh gun do ghlan mi thu, agus nach robh thu glan; cha bhi thu air do ghlanadh od thruaillidheachd nas mò, gus an toir mise air mo chorraich gun gabh i tàmh ort. Mise Iehòbhah labhair, thig e gu crìch, agus coileanaidh mise e, cha tèid mi air m’ais, cha mhò a choigleas mi, no a ghabhas mi aithreachas; a rèir do shlighe, agus a rèir do dhèanadais, bheir iad breith ort, deir an Tighearna Dia. Mar an ceudna thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, feuch, bheir mise air falbh uat miann do shùl le buille: gidheadh cha dèan thu bròn no gul, cha mhò a shileas do dheòir. Leig dhìot glaodhaich, na dèan caoidh airson nam marbh, ceangail culaidh do chinn ort, agus cuir do bhrògan air do chasan, agus na falaich do ghnùis, agus na ith aran luchd‐bròin. Mar sin labhair mi ris na daoine anns a’ mhadainn, agus dh’eug mo bhean mun anmoch; agus rinn mi anns a’ mhadainn mar a dh’àithneadh dhomh. Agus thubhairt an sluagh rium, Nach innis thu dhuinn ciod ar gnothach‐ne ris na nithean seo a tha thu a’ dèanamh? An sin fhreagair mi iad, Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Labhair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, truaillidh mise m’ionad naomh, òirdheirceas ur treise, miann ur sùl, agus an nì as caomh le ur n‑anam: agus ur mic agus ur nigheanan a dh’fhàgadh, tuitidh leis a’ chlaidheamh. Agus nì sibh mar a rinn mise: chan fhalaich sibh ur n‑aghaidh, agus chan ith sibh aran luchd‐bròin. Agus bidh ur n‑èideadh air ur cinn, agus ur brògan air ur casan: cha dèan sibh bròn no gul, ach seargaidh sibh as airson ur n‑euceartan, agus nì sibh bròn, gach aon ri chèile. Mar seo tha Eseciel dhuibh na chomharradh: a rèir gach nì a rinn esan, nì sibhse; agus nuair a thig seo, aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia. Mar an ceudna, a mhic an duine, nach tachair e anns an là anns am buin mise uapa an neart, aoibhneas an glòire, miann an sùl, agus an nì sin air an suidhich iad an inntinn, am mic, agus an nigheanan; Gun tig esan a thèid as air an là sin dod ionnsaigh, a thoirt ort a chluinntinn led chluasan? Anns an là sin fosglar do bheul don tì a thèid as, agus labhraidh tu, agus cha bhi thu nas mò balbh, agus bidh tu dhaibh mar chomharradh, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna. Thàinig facal an Tighearna a‑rìs am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh nan Amonach, agus dèan fàistneachd nan aghaidh; Agus abair ris na h‑Amonaich, Cluinnibh facal an Tighearna Dia, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, a chionn gun dubhairt thu, Aha! an aghaidh m’ionaid naoimh, nuair a thruailleadh e, agus an aghaidh fearann Israeil, nuair a bha e fàs, agus an aghaidh taigh Iùdah, nuair a dh’fhalbh iad ann am braighdeanas; Feuch, uime sin, bheir mise thairis thu do mhuinntir na h‑àird an ear mar sheilbh, agus suidhichidh iad annad an àrois, agus nì iad an àite‐còmhnaidh annad: ithidh iad do mheas, agus òlaidh iad do bhainne. Agus nì mi Tabah na crò airson chàmhal, agus clann Amoin na àite‐laighe do threudan: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do bhuail thu do làmhan, agus gun do bhreab thu led chasan, agus gun do rinn thu gàirdeachas ann ad chridhe, led uile tharcais an aghaidh fearann Israeil; Feuch, uime sin, sìnidh mise a‑mach mo làmh ort, agus bheir mi seachad thu mar chreich do na cinnich, agus gearraidh mi as thu o na slòigh, agus caithidh mi thu a‑mach as na dùthchannan; sgriosaidh mi thu, agus aithnichidh tu gur mi an Tighearna. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gu bheil Mòab agus Seir ag ràdh, Feuch, tha taigh Iùdah cosmhail ris na h‑uile chinnich; Air an adhbhar sin, feuch, fosglaidh mise taobh Mhòaib, a leigeadh ris nam bailtean a tha air a iomall, maise na dùthcha, Bet‐iesimot‐Bàalmeon, agus Ciriataim, Do fhir na h‑àirde an ear, maille ri cloinn Amoin, agus bheir mi iad mar sheilbh, a‑chum nach bi cuimhne air cloinn Amoin am measg nan cinneach. Agus bheir mi breitheanas air Mòab, agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do ghnàthaich Edom dìoghaltas trom an aghaidh Iùdah, agus gun tug e oilbheum mòr anns an dìoghaltas a rinn e orra: Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sìnidh mise fòs a‑mach mo làmh air Edom, agus gearraidh mi as duine agus ainmhidh uaithe, agus nì mi fàs e o Theman, agus tuitidh muinntir Dhedain leis a’ chlaidheamh. Agus leagaidh mi mo dhìoghaltas air Edom le làimh mo shluaigh Israel, agus nì iad ann an Edom a rèir mo chorraich, agus a rèir mo dhian‐fheirge, agus bidh fios mo dhìoghaltais aca, deir an Tighearna Dia. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do bhuin na Philistich gu dìoghaltach, agus gun do rinn iad dìoghaltas le cridhe aingidh gu milleadh, airson an t‑seann naimhdeis; Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, sìnidh mise a‑mach mo làmh air na Philistich, agus gearraidh mi as na Ceretich, agus millidh mi fuidheall slios na fairge. Agus nì mi dìoghaltas mòr orra le achmhasain gharga, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a leagas mi orra mo dhìoghaltas. Agus thàrladh anns an aon‐bhliadhna‑deug, air a’ chiad là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, a chionn gun dubhairt Tìrus an aghaidh Ierusaleim, Aha! tha ise a bha na dorsan don t‑sluagh briste: thill i thugamsa; leasaichear mise a‑nis, o chuireadh ise fàs: Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ad aghaidh, O Thìruis, agus bheir mi air mòran chinneach teachd a‑nìos ad aghaidh, mar a bheir an fhairge air a tonnan teachd a‑nìos. Agus sgriosaidh iad ballachan Thìruis, agus brisidh iad sìos a bàbhainn: tàirngidh mise fòs a duslach uaipe, agus nì mi i mar mhullach creige. Bidh i na h‑ionad‐sgaoilidh lìon ann am meadhon na fairge: oir labhair mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, agus bidh i na creich do na cinnich. Agus marbhar a nigheanan a tha anns a’ mhachair leis a’ chlaidheamh, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch bheir mise air Tìrus Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, rìgh rìghrean on àird a tuath, le eich agus le carbadan, agus le marcaich, agus le cuideachdan, agus le mòran sluaigh. Marbhaidh e leis a’ chlaidheamh do nigheanan anns a’ mhachair; agus nì e daingneach ann ad aghaidh, agus tilgidh e suas tòrr ad aghaidh, agus togaidh e suas ad aghaidh an sgiath. Agus cuiridh e innealan‐cogaidh an aghaidh do bhallachan, agus le a thuaghan brisidh e sìos do thùir. Le lìonmhorachd a chuid each, falaichidh an duslach thu; criothnaichidh do bhalla le toirm a’ mharc‐shluaigh, agus nan rothan, agus nan carbadan, nuair thèid e a‑steach air do gheatachan, mar a thèid daoine a‑steach air baile anns an do rinneadh briseadh. Le iongannan a chuid each saltraidh e sìos do shràidean uile: marbhaidh e do shluagh leis a’ chlaidheamh, agus thèid do dhaingnichean làidir sìos gu làr. Agus nì iad creach ded shaoibhreas agus nì iad cobhartach ded cheannachd; agus brisidh iad sìos do bhallachan, agus millidh iad do thaighean taitneach; agus leagaidh iad do chlachan, agus d’fhiodh, agus do dhuslach ann am meadhon an uisge. Agus bheir mise air fuaim d’òran sgur, agus cha chluinnear fonn do chlàrsach nas mò. Agus nì mi thu mar mhullach creige: bidh tu ann ad ionad gu sgaoileadh lìon air: cha bhi thu air do thogail nas mò: oir mise Iehòbhah labhair, deir an Tighearna Dia. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ri Tìrus, Nach criothnaich na h‑eileanan ri fuaim do leagaidh nuair a dh’èigheas a’ mhuinntir leònte, nuair a nìthear an t‑àr ann ad mheadhon? An sin thig uile phrionnsachan na fairge a‑nuas on rìgh‐chathraichean, agus cuiridh iad am fallaingean a thaobh, agus cuiridh iad dhiubh an culaidhean grèise: èididh iad iad fhèin le ball‐chrith, suidhidh iad air an làr, agus criothnaichidh iad gach tiota, agus bidh uamhas orra dod thaobh‐sa. Agus togaidh iad tuireadh air do shon, agus their iad riut, Cionnas a sgriosadh thusa a bha air d’àiteachadh le luchd‐fairge, a’ chathair iomraiteach a bha làidir anns an fhairge, i fhèin agus a luchd‐àiteachaidh, a tha a’ cur an eagail air na h‑uile a tha ga tathaich? A‑nis criothnaichidh na h‑eileanan ann an là do leagaidh. Seadh, bidh na h‑eileanan a tha anns an fhairge fo bhuaireadh airson do shiubhail. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nuair a nì mise dhìot cathair fhàs, mar na cathraichean nach eil air an àiteachadh, nuair a bheir mi a‑nìos ort an doimhne, agus a thig na tuiltean mòra os do chionn; Nuair a bheir mi ort dol sìos leòsan a thèid sìos don t‑sloc le muinntir na h‑aimsir o shean, agus a chuireas mi thu ann an ionadan ìochdarach na talmhainn, ann an ionadan fàs o shean, leòsan a thèid sìos don t‑sloc, air chor is nach bi thu air d’àiteachadh, agus nach seas thu nas mò ann an tìr nam beò: Nì mi uamhas dhìot, agus cha bhi thu ann: ged iarrar thu, gidheadh chan fhaighear thu nas mò gu bràth, deir an Tighearna Dia. Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh, A‑nis, a mhic an duine, tog suas tuireadh airson Thìruis; Agus abair ri Tìrus, O thusa a tha air do shuidheachadh aig dol a‑steach na fairge, a tha nad cheannaiche don t‑sluagh airson mòran eileanan, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, O Thìorais, thubhairt thu, Tha mi ro‑sgiamhach. Tha d’iomall ann am meadhon na fairge, rinn do luchd‐togail do mhaise foirfe. Rinn iad d’uile chlàir de chruinn‐ghiuthais Shenir: thug iad seudair o Lebanon a dhèanamh chrann‐siùil dhut. De dharagan Bhasain rinn iad do ràimh: rinn cuideachd nan Asurach do thobhtachan de dheud‐chnàimh o eileanan Chitim. B’e anart grinn, le obair ghrèise on Eiphit, a sgaoil thu a‑mach gu bhith na sheòl dhut: b’e gorm agus purpar o eileanan Elisah an nì sin a sgeadaich thu. B’iad luchd‐àiteachaidh Shìdoin agus Arbhaid do mharaichean: b’iad do dhaoine glice a bha annad, O Thìrus, luchd‐stiùraidh do loingeis. B’iad seanairean Ghebail, agus a dhaoine glice, a bha agad nan luchd‐calcaidh: bha loingeis na fairge gu lèir lem maraichean annad, a‑chum do mhalairt a mheudachadh. B’iad muinntir Phersia, agus Luid, agus Phuit, d’fhir‐chogaidh ann ad fheachd: chroch iad suas an sgiath agus a’ cheann‐bheairt annad; chuir iad an cèill do mhaise. Bha fir Arbhaid led fheachd air do bhallachan mun cuairt, agus bha na Gamadaich ann ad thùran: chroch iad an sgiathan air do bhallachan mun cuairt: rinn iad do mhaise foirfe. B’i Tarsis do cheannaiche, do bhrìgh pailteas an uile stòrais; le airgead, iarann, stàn, agus luaidhe, rinn iad malairt ann ad mhargaidhean. Iabhan, Tubal, agus Mesech, b’iadsan do cheannaichean: reic iad pearsannan dhaoine, agus soithichean umha ann ad mhargadh. Rinn muinntir Thogarmah malairt ann ad mhargaidhean, le eich, agus le marc‐shluagh, agus le muileidean. B’iad fir Dhedain do cheannaichean, mòran eileanan malairt do làimhe: thug iad ad ionnsaigh mar thìodhlac adhaircean deud‐chnàmh, agus eboni. B’i Siria do cheannaiche airson lìonmhorachd nan obraichean a rinn thu: rinn iad malairt ann ad mhargaidhean le emeraild, purpar, agus obair ghrèise, agus anart grinn, agus coireal, agus agat. B’iad Iùdah agus tìr Israeil do cheannaichean: reic iad ann ad mhargadh cruithneachd Mhinnit, agus pannag, agus mil, agus ola, agus ìocshlaint. B’e Damascas do cheannaiche ann an lìonmhorachd nan obraichean a rinn thu, airson pailteas an uile shaoibhreis: ann am fìon Helboin, agus ann an olainn ghil. Rinn Dan fòs, agus Iabhan, a’ dol air an ais agus air an aghaidh, malairt ann ad mhargaidhean: bha iarann obraichte, casia agus calamas ann ad mhargadh. B’e Dedan do cheannaiche ann an aodaichean luachmhor airson charbad. Rinn Aràbia agus uile phrionnsachan Chedair malairt riut ann an uain, agus ann an reitheachan, agus ann an gobhair: anns na nithean seo b’iad do luchd‐malairt. Ceannaichean Shèba agus Raamah, b’iadsan do cheannaichean: rinn iad malairt ann ad mhargadh le taghadh nan uile spìosraidh, agus leis na h‑uile chlachan luachmhor, agus le òr. B’iad Haran agus Canneh, agus Eden, ceannaichean Shèba, Asuir, agus Chìlmaid, do cheannaichean‐sa. B’iad seo do luchd‐malairt anns na h‑uile nithean, ann an aodaichean gorma, agus ann an obair ghrèise, agus ann an cisteachan de chulaidhean rìomhach, air an ceangal le cùird, agus dèante de sheudar, am measg do mhalairt. Sheinn longan Tharsis mud thimcheall ann ad mhargadh; agus bha thu air do lìonadh, agus air do dhèanamh ro‑ghlòrmhor ann am meadhon nan cuantan. Thug do ràmhaichean thu gu uisgeachan mòra: bhris a’ ghaoth an ear thu ann am meadhon na fairge. Do shaoibhreas, agus do mhargadh, do mhalairt, do mharaichean, agus d’fhir‐stiùraidh, do luchd‐calcaidh, agus do luchd‐malairt, agus d’uile luchd‐cogaidh a tha annad, agus ann ad uile chuideachd a tha ann ad mheadhon, tuitidh ann am buillsgean na fairge, ann an là do sgrios. Ri fuaim gaoir luchd‐stiùraidh do loingeis, criothnaichidh na bailtean mun cuairt dhut. Agus thig na h‑uile a ghlacas an ràmh, na maraichean, uile stiùradairean na fairge, a‑nuas on longan, seasaidh iad air a tìr. Agus bheir iad air an guth gun cluinnear e os do chionn, agus glaodhaidh iad gu goirt, agus tilgidh iad suas duslach air an cinn, aornaganaidh iad iad fhèin anns an luaithre. Agus nì iad iad fhèin uile maol air do shon, agus crioslaichidh iad iad fhèin ann an aodach‐saic, agus guilidh iad air do shon le goirteas cridhe, le tuireadh geur. Agus nan caoidh togaidh iad cumha air do shon, agus nì iad bròn os do chionn, ag ràdh, Cò a bu chosmhail ri Tìrus, a bu chosmhail rithese a tha millte ann am meadhon na fairge? Nuair a chaidh d’obraichean a‑mach anns na fairgeachan, shàsaich thu iomadh sluagh; rinn thu beartach rìghrean na talmhainn le mòr‐phailteas do shaoibhreis agus do mhalairt. Anns an àm anns am brisear thu leis an fhairge ann an doimhneachd nan uisgeachan, tuitidh do cheannachd agus do chuideachd gu h‑iomlan ann ad mheadhon. Bidh uamhas dod thaobh air uile luchd‐àiteachaidh nan eilean, bidh eagal ro‑mhòr air an rìghrean, bidh an gnùis fo ghruaimean. Nì na ceannaichean am measg nan cinneach sgeig ort; bidh tu ann ad uamhas, agus cha bhi thu ann nas mò gu bràth. Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh, A mhic an duine, abair ri prionnsa Thìruis, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, a chionn gu bheil do chridhe air a thogail suas, agus gun dubhairt thu, Is dia mi, tha mi am shuidhe ann an cathair Dhè, ann am meadhon nan cuantan; gidheadh is duine thu, agus cha Dia, ged a chuir thu do chridhe mar chridhe Dhè. Feuch, is glice thu na Daniel; chan eil diamhaireachd sam bith falaichte uat. Led ghliocas, agus led thuigse, fhuair thu dhut fhèin maoin, agus fhuair thu òr agus airgead ann ad thaisgeachan. Led ghliocas mòr, agus led mhalairt, mheudaich thu do shaoibhreas, agus tha do chridhe air a thogail suas led bheartas. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do chuir thu do chridhe mar chridhe Dhè; Feuch, uime sin, bheir mise coimhich ort, fir uamhasach nan cinneach; agus tàirngidh iad an claidheamhan an aghaidh maise do ghliocais, agus truaillidh iad do dhealradh. Cuiridh iad sìos don t‑sloc thu, agus bàsaichidh tu le bàs na muinntir a mharbhar ann am meadhon na fairge. An abair thu fhathast an làthair an tì a mharbhas thu, Is dia mi? Ach bidh tu ann ad dhuine, agus chan ann ad dhia, ann an làimh an tì a mharbhas thu. Bàsaichidh tu le bàs neo‐thimcheall‐gheàrrte, le làimh nan coimheach: oir mise labhair e, deir an Tighearna Dia. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, tog suas caoidh os cionn rìgh Thìruis, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha thu a’ cur seula air do chuid stòrais, làn de ghliocas, agus foirfe ann am maise. Bha thu ann an Eden, gàrradh Dhè; b’e do chòmhdach gach uile chlach luachmhor, an sardias, an topas, agus an daoimean, am beril, an onics, agus an iasper, an saphir, an t‑emerald, agus an carbuncal, agus an t‑òr: ghleusadh obair do thiompan agus do phìoban annad anns an là anns an do chruthaicheadh thu. Is tu an cerub ungte a chòmhdaicheas; agus shuidhich mise thu; bha thu air sliabh naomh Dhè; shiubhail thu ann am meadhon nan clach dealrach. Bha thu foirfe ann ad shlighean, on là anns an do chruthaicheadh thu gus an d’fhuaireadh annad aingidheachd. Le lìonmhorachd do mhalairt lìon iad do mheadhon le ainneart, agus pheacaich thu: uime sin, tilgidh mise thu, mar nì mì‑naomh, a‑mach o shliabh Dhè: agus sgriosaidh mi thu, O cheruib a chòmhdaicheas, a meadhon nan clach dealrach. Bha do chridhe air a thogail suas led mhaise; thruaill thu do ghliocas led dhealradh: tilgidh mise gu làr thu, cuiridh mi thu an làthair rìghrean gu bhith ad bhall‐amhairc dhaibh. Le lìonmhorachd d’euceartan thruaill thu d’ionadan naomha, le euceart do mhalairt; uime sin bheir mise a‑mach teine as do mheadhon, caithidh e thu, agus nì mise luath dhìot air an talamh, ann an sealladh nan uile a chì thu. Iadsan uile don aithne thu am measg an t‑sluaigh, bidh uamhas orra dod thaobh: bidh tu ann ad uamhann, agus cha bhi thu ann nas mò gu bràth. A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Shìdoin, agus dèan fàistneachd na h‑aghaidh. Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, O Shìdoin, agus bidh mi air mo ghlòrachadh ann ad mheadhon: agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna, nuair a nì mi innte breitheanais, agus a bhios mi air mo naomhachadh innte. Oir cuiridh mi innte plàigh, agus fuil na sràidean, agus bheirear breitheanas air an leònte na meadhon, leis a’ chlaidheamh a bhios oirre air gach taobh; agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna. Agus cha bhi dris dhealgach ann nas mò do thaigh Israeil, no dris a bheir doilgheas, dhaibhsan uile mun cuairt a tha ri tàir orra; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna Dia. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, nuair a thionaileas mise taigh Israeil o na cinnich am measg a bheil iad air an sgapadh, agus a bhios mi air mo naomhachadh annta an sealladh nan cinneach, an sin gabhaidh iad còmhnaidh nam fearann a thug mise dom òglach Iàcob. Agus gabhaidh iad còmhnaidh ann gu tèarainte, agus togaidh iad taighean, agus suidhichidh iad fìonliosan: seadh, gabhaidh iad còmhnaidh le dànachd, nuair a nì mise breitheanas orrasan uile a tha a’ dèanamh tàir orra gach taobh mun cuairt dhaibh; agus aithnichidh iad gur mise Iehòbhah an Dia. Anns an deicheamh bliadhna, anns an deicheamh mìos, air an dara‑là‑deug den mhìos, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus dèan fàistneachd na aghaidh‐san, agus an aghaidh na h‑Eiphit uile. Labhair agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ad aghaidh, O Phàraoh, a rìgh na h‑Eiphit, an uabheist mhòr a tha na laighe ann am meadhon a aibhnichean fhèin, a thubhairt, Is leam fhèin m’abhainn, rinn mi air mo shon fhèin i. Ach cuiridh mise dubhain ann ad ghiallan, agus bheir mi air iasg d’aibhnichean leantainn rid lannan, agus bheir mi a‑nìos thu à meadhon d’aibhnichean, agus leanaidh uile iasg d’aibhnichean rid lannan. Agus trèigidh mise thu anns an fhàsach, thu fhèin agus uile iasg d’aibhnichean: tuitidh tu air na machraichean sgaoilte; cha bhi thu air do thional, no air do chruinneachadh ri chèile; thug mise thu mar bhiadh do bheathaichean na machrach, agus do eunlaith an adhair. Agus aithnichidh uile luchd‐àiteachaidh na h‑Eiphit gur mise an Tighearna, a chionn gu robh iad nan luirg chuilce do thaigh Israeil. Nuair a ghlac iad thu, bhris thu nan làimh, agus reub thu an gualann uile: agus nuair a leig iad an taice ort, bhris thu, agus dh’fhàg thu an leasraidh uile gun taic. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, bheir mise claidheamh ort, agus gearraidh mi a‑mach asad duine agus ainmhidh. Agus bidh tìr na h‑Eiphit falamh agus fàs; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna: a chionn gun dubhairt e, Is leamsa an abhainn, agus is mi a rinn i. Feuch, uime sin, tha mise ann ad aghaidh, agus an aghaidh d’aibhnichean; agus nì mi tìr na h‑Eiphit gu tur fàs agus falamh, o thùr Shiene, eadhon gu iomall Etiopia. Chan imich cas duine sam bith troimhpe, agus chan imich cas ainmhidh troimhpe, cha mhò a bhios i air a h‑àiteachadh rè dà‑fhichead bliadhna. Agus nì mi tìr na h‑Eiphit fàs ann am meadhon nan dùthchannan a tha fàs, agus bidh a cathraichean, ann am meadhon nan cathraichean a tha falamh, air an dèanamh nam fàsach rè dà‑fhichead bliadhna: agus sgapaidh mi na h‑Eiphitich am measg nan cinneach, agus sgaoilidh mi iad air feadh nan dùthchannan. Gidheadh mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, An ceann dà‑fhichead bliadhna cruinnichidh mise na h‑Eiphitich o na cinnich a‑chum an robh iad air an sgaoileadh. Agus bheir mi air a h‑ais bruid nan Eiphiteach, agus bheir mi orra tilleadh gu fearann Phatrois, gu dùthaich an còmhnaidh, agus bidh iad an sin nan rìoghachd shuaraich. Bidh i suarach seach gach rìoghachd, agus chan àrdaich i i fhèin nas mò am measg nan cinneach: oir lùghdaichidh mise iad, air chor is nach riaghail iad nas mò os cionn nan cinneach. Agus cha bhi i nas fhaide na dòchas aig taigh Israeil, a bheir an easaontas gu cuimhne, nuair a sheallas iad nan dèidh: ach aithnichidh iad gur mise an Tighearna Dia. Agus thàrladh anns an t‑seachdamh bliadhna fichead, anns a’ chiad mhìos, air a’ chiad là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air a shluagh seirbhis mhòr a dhèanamh an aghaidh Thìruis: rinneadh gach ceann maol, agus gach gualann lom; gidheach cha robh tuarasdal air bith aige fhèin, no aig a shluagh, airson Thìruis, airson na seirbhis a rinn e na h‑aghaidh. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, bheir mise tìr na h‑Eiphit do Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, agus glacaidh e a sluagh, agus glacaidh e a creach, agus glacaidh e a cobhartach, agus bidh sin na thuarasdal aig a shluagh. Thug mise dha tìr na h‑Eiphit airson a shaothrach leis an do shaothraich e na h‑aghaidh; a chionn gun d’obraich iad air mo shon‐sa, deir an Tighearna Dia. Anns an là sin bheir mi air adhairc taigh Israeil briseadh a‑mach, agus bheir mi dhutsa fosgladh a’ bheòil nam meadhon; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna. Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh, A mhic an duine, dèan fàistneachd agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Dèanaibh ulartaich; Och, an là! Oir tha an là dlùth, eadhon là an Tighearna dlùth, là neulach, àm nan cinneach a bhios ann. Agus thig an claidheamh air an Eiphit, agus bidh cràdh mòr ann an Etiopia, nuair a thuiteas iadsan a mharbhar anns an Eiphit, agus bheir iad a sluagh air falbh, agus brisear sìos a bunaitean. Etiopia, agus Libia, agus Lidia, agus an sluagh co‑measgte gu lèir, agus Chub, agus muinntir na tìre a tha an co‑bhoinn, tuitidh leòsan leis a’ chlaidheamh. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Tuitidh iadsan fòs a tha a’ cumail suas na h‑Eiphit, agus thig uabhar a cumhachd a‑nuas: o thùr Shiene tuitidh iad innte leis a’ chlaidheamh, deir an Tighearna Dia. Agus bidh iad fàs ann am meadhon nan dùthchannan fàsail, agus bidh a cathraichean ann am meadhon nan cathraichean a tha air am fàsachadh. Agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a chuireas mi teine anns an Eiphit, agus a sgriosar a h‑uile luchd‐cuideachaidh. Anns an là sin thèid teachdairean a‑mach uamsa ann an longan, a chur eagail air na h‑Etiopaich air nach eil cùram, agus thig cràdh mòr orra, mar ann an là na h‑Eiphit: oir feuch, tha e a’ teachd. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cuiridh mise fòs casg air mòr‐shluagh na h‑Eiphit, le làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin. Bheirear e fhèin agus a shluagh maille ris, a’ chuid as uamhasaiche de na cinnich, a sgrios na tìre: agus tàirngidh iad an claidheamh an aghaidh na h‑Eiphit, agus lìonaidh iad an talamh le mairbh. Agus nì mise na h‑aibhnichean tioram, agus reicidh mi am fearann ri làimh nan aingidh; agus nì mi an tìr fàs, agus na h‑uile a tha innte, le làimh nan coimheach: mise Iehòbhah labhair e. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sgriosaidh mi fòs na h‑iodhalan, agus dìthichidh mi ìomhaighean a‑mach à Noph: agus cha bhi nas mò prionnsa air tìr na h‑Eiphit: agus cuiridh mi eagal ann am fearann na h‑Eiphit. Agus nì mi Patros na fhàsach, agus cuiridh mi teine ann an Sòan, agus nì mi breitheanais ann an Nò. Agus dòirtidh mi mo chorraich air Sin, neart na h‑Eiphit, agus gearraidh mi as muinntir Nò. Agus cuiridh mi teine anns an Eiphit, bidh cràdh mòr air Sin, agus reubar Nò as a chèile, agus bidh Noph gach là ann an airc. Tuitidh òganaich Abhein agus Phibeseit leis a’ chlaidheamh, agus imichidh na bailtean seo gu daorsa. Ann an Tahapanes fòs bidh an là dorcha, nuair bhriseas mise an sin cuing na h‑Eiphit: agus sguiridh mòrchuis a neirt innte: seadh, falaichidh neul i, agus thèid a nigheanan air falbh ann am braighdeanas. Mar seo nì mise breitheanais anns an Eiphit: agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna. Agus thàrladh, anns an aon‐bhliadhna‑deug, anns a’ chiad mhìos, air an t‑seachdamh là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, bhris mise gàirdean Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus, feuch, cha cheanglar e suas gu bhith air a leigheas, a chur crios air ga cheangal, ga dhèanamh làidir, a chumail a’ chlaidheimh. Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise an aghaidh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus brisidh mi a ghàirdeanan, esan a tha làidir, agus esan a bhriseadh: agus bheir mi air a’ chlaidheamh tuiteam as a làimh. Agus sgapaidh mi na h‑Eiphitich am measg nan cinneach, agus sgaoilidh mi iad air feadh nan dùthchannan. Agus neartaichidh mi gàirdeanan rìgh Bhàbiloin, agus cuiridh mi mo chlaidheamh na làimh: ach brisidh mi gàirdeanan Phàraoh, agus nì e caoirean na fhianais, mar dhuine a tha leònte gu bàs. Ach neartaichidh mi gàirdeanan rìgh Bhàbiloin, agus tuitidh gàirdean Phàraoh sìos; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a chuireas mi mo chlaidheamh ann an làimh rìgh Bhàbiloin, agus a shìneas e a‑mach e air tìr na h‑Eiphit. Agus sgapaidh mi na h‑Eiphitich am measg nan cinneach, agus sgaoilidh mi iad air feadh nan dùthchannan; agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna. Agus thàrladh, anns an aon‐bhliadhna‑deug, anns an treas mìos, air a’ chiad là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, labhair ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus ra mhòr‐chuideachd. Cò ris as cosmhail thu ann ad mhòrachd? Feuch, bu chrann seudair ann an Lebanon an t‑Asirianach, le geugan maiseach, agus le sgàil dhorcha, agus le àirde mhòir; agus bha a bhàrr am measg nam meanganan tiugha. Thug na h‑uisgeachan air fàs, dh’àraich an doimhne suas e, ruith a sruthan mu thimcheall a mheanglan, agus chuir i a‑mach a sruthanan beaga a‑chum uile chraobhan na machrach. Uime sin dh’èirich a àirde suas os cionn uile chraobhan na machrach, agus bha a mheanganan lìonmhor, agus dh’fhàs a gheugan fada, le lìonmhorachd nan uisgeachan, nuair a sgaoil e a‑mach. Rinn uile eunlaith nan speur an nid na gheugan, agus fo a gheugan rug uile bheathaichean na machrach an àlach, agus fo a sgàil ghabh cruinneachadh mòran chinneach còmhnaidh. Mar seo bha e maiseach na mhòrachd, ann am fad a gheugan: oir bha a fhreumh ri taobh nan uisgeachan mòra. Cha b’urrainn na seudair ann an gàrradh Dhè a fhalach: cha robh na craobhan giuthais cosmhail ra mheanganan, no na craobhan geanm‐chnò cosmhail ra gheugan: cha robh crann air bith ann an gàrradh Dhè cosmhail ris na mhaise. Rinn mi maiseach e le lìonmhorachd a gheugan; ionnas gun do ghabh uile chraobhan Edein, a bha ann an gàrradh Dhè, farmad ris. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do rinn e uaill as a àirde, agus gun do chuir e suas a bhàrr ann am meadhon nan neul, agus gu bheil a chridhe air a thogail suas na àirde; Uime sin thug mi thairis e do làimh aon cumhachdach nan cinneach: buinidh esan gu làidir ris; dh’fhuadaich mise a‑mach e airson a chionta. Agus gheàrr coimhich, a’ chuid as uamhasaiche de na cinnich, a‑mach e, agus dh’fhàg iad e: air na slèibhtean, agus anns na gleanntan uile, thuit a gheugan, agus tha a mheangain air am briseadh anns gach uile cheàrnaidh den talamh; agus dh’imich uile shluagh an domhain sìos o a sgàil, agus thrèig iad e. Air a bhallachan briste gabhaidh uile eunlaith an adhair còmhnaidh, agus bidh uile bheathaichean na machrach air a gheugan: A‑chum nach àrdaicheadh crann air bith de chroinn nan uisgeachan iad fhèin airson an àirde, agus nach cuireadh iad suas am bàrr am measg nan tiugh‐gheugan, cha mhò a sheasadh an croinn suas nan àirde, gach aon ag òl suas nan uisgeachan: oir tha iad uile air an toirt thairis gu bàs, do ionadan ìochdarach na talmhainn, ann am meadhon clann nan daoine, maille riùsan a thèid sìos don t‑sloc. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns an là air an deachaidh e sìos don uaigh, thug mise fa‑near caoidh a bhith air a dèanamh; chòmhdaich mi air a shon an doimhne, agus choisg mi a tuiltean, agus bhacadh na h‑uisgeachan mòra; thug mi fòs air Lebanon caoidh air a shon, agus dh’fhannaich air a shon uile chraobhan na machrach. Thug mi air na cinnich criothnachadh ri fuaim a leagaidh, nuair a thilg mi e sìos don ionad ìochdarach, leòsan a thèid sìos don t‑sloc: agus bidh an comhfhurtachd ann an ionadan ìochdarach na talmhainn aig uile chraobhan Edein, rogha agus tagha Lebanoin, na h‑uile a tha ag òl suas an uisge. Chaidh iadsan mar an ceudna sìos don ionad ìochdarach maille ris, a‑chum na dream a mharbhadh leis a’ chlaidheamh; agus iadsan a bu ghàirdean dha, a ghabh còmhnaidh fo a sgàil ann am meadhon nan cinneach. Cò, matà, ris an cosmhail thusa mar seo ann an glòir, agus ann am mòrachd am measg chraobhan Edein? Gidheadh, bheirear sìos thu maille ri craobhan Edein gu àiteachan ìochdarach na talmhainn: laighidh tu ann am meadhon na muinntir neo‐thimcheall‐gheàrrte, maille riùsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Seo Phàraoh agus a mhòr‐chuideachd uile, deir an Tighearna Dia. Agus thàrladh, anns an dara‑bliadhna‑deug, anns an dara‑mìos‐deug, air a’ chiad là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, tog suas tuireadh airson Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus abair ris, Is cosmhail thu ri leòmhann òg de na cinnich, agus tha thu mar uabheist anns na cuantan; agus thàinig thu a‑mach led shruthan, agus chuir thu troimhe chèile na h‑uisgeachan led chasan, agus shalaich thu an aibhnichean. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sgaoilidh mise uime sin mo lìon os do chionn, le cuideachd mòran chinneach, agus bheir iad a‑nìos thu ann am lìon. An sin fàgaidh mi air an talamh thu, tilgidh mi a‑mach air an fhaiche luim thu, agus bheir mi air uile eunlaith an adhair laighe ort, agus bheir mi do uile bheathaichean na talmhainn an sàth dhìot. Agus cuiridh mi d’fheòil air na slèibhtean, agus lìonaidh mi na glinn led thulaichean. Uisgichidh mi fòs led fhuil am fearann anns a bheil thu a’ snàmh, gu ruig na slèibhtean; agus bidh na h‑aibhnichean làn dhìot. Agus nuair a chuireas mi as thu, falaichidh mi na nèamhan, agus nì mi an reultan dorcha: còmhdaichidh mi a’ ghrian le neul, agus cha toir a’ ghealach seachad a solas. Uile sholais dhealrach nèimh nì mi dorcha os do chionn, agus cuiridh mi dorchadas air d’fhearann, deir an Tighearna Dia. Cuiridh mi fòs doilgheas air cridheachan mòran dhaoine, nuair a bheir mi do lèirsgrios am measg nan cinneach, gus na dùthchannan nach b’aithne dhut. Seadh, cuiridh mi air mòran dhaoine uamhas dod thaobh, agus bidh eagal ro‑mhòr air an rìghrean air do shon, nuair a thogas mise mo chlaidheamh nan làthair; agus criothnaichidh iad ann an tiota; gach aon airson a bheatha fhèin, ann an là do leagaidh‐sa. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Thig claidheamh rìgh Bhàbiloin ort. Le claidheamhan nan cumhachdach bheir mise air do mhòr‐chuideachd tuiteam, leòsan uile as uamhasaiche de na cinnich; agus millidh iad mòrchuis na h‑Èiphit, agus bidh a mòr‐shluagh gu lèir air an sgrios. Sgriosaidh mi fòs a h‑ainmhidhean uile o thaobh nan uisgeachan mòra, agus cha chuir cas duine dragh orra tuilleadh, cha mhò a ghluaisear iad le iongannan ainmhidh. An sin nì mise an uisgeachan domhain, agus bheir mi air an aibhnichean ruith mar ola, deir an Tighearna Dia. Nuair a nì mi tìr na h‑Èiphit na fàsach, agus a bhios an dùthaich falamh den nì sin den robh i làn, nuair a bhuaileas mi na h‑uile a tha a chòmhnaidh innte, an sin aithnichidh iad gur mise an Tighearna. Seo an tuireadh leis an tuir iad os a cionn: Nì nigheanan nan cinneach caoidh air a son: nì iad caoidh air a son, airson na h‑Èiphit, agus airson a mòr‐shluaigh uile, deir an Tighearna Dia. Thàrladh mar an ceudna, anns an dara‑bliadhna‑deug, air a’ chòigeamh‐là‑deug den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, dèan cumha airson mòr‐shluagh na h‑Èiphit, agus tilg sìos iad, i fhèin agus nigheanan nan cinneach iomraiteach, gu ionadan ìochdarach na talmhainn, maille riùsan a thèid sìos don t‑sloc. Cò air a bheil thu a’ toirt barrachd ann am maise? Imich sìos, agus laigh leis na neo‐thimcheall‐gheàrrte. Tuitidh iad nam meadhon‐san a mharbhadh leis a’ chlaidheamh: thugadh thairis don chlaidheamh i: tàirngibh a‑mach i fhèin agus a sluagh gu h‑iomlan. Labhraidh cinn‐fheadhna nan cumhachdach ris o mheadhon an ionaid ìochdaraich, maille riùsan a chuidich leis: chaidh iad sìos, tha iad nan laighe leis na neo‐thimcheall‐gheàrrte a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Tha Asur an sin agus a chuideachd uile: tha a uaighean‐san ma thimcheall: tha iad uile marbh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh. Tha an uaighean air an suidheachadh air gach taobh den t‑sloc, agus tha a chuideachd mu thimcheall uaighe: iad uile air am marbhadh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh, a dhùisg uamhas ann an tìr nam beò. An sin tha Elam agus a shluagh uile mu thimcheall a uaighe, iad uile air am marbhadh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh; chaidh iadsan sìos neo‐thimcheall‐gheàrrte gu ionadan ìochdarach na talmhainn, a dhùisg uamhas ann an tìr nam beò; gidheadh ghiùlain iad an nàire leòsan a chaidh sìos don t‑sloc. Ann am meadhon nam marbh shuidhich iad leabaidh dha maille ra uile shluagh: tha an uaighean ma thimcheall, iad uile neo‐thimcheall‐gheàrrte air am marbhadh leis a’ chlaidheamh: ged a dhùisgeadh an uamhas ann an tìr nam beò, gidheadh ghiùlain iad an nàire leòsan a chaidh sìos don t‑sloc: chuireadh e ann am meadhon na muinntir a mharbhadh. An sin tha Mesech, Tubal, agus a shluagh uile; tha an uaighean ma thimcheall: iad uile neo‐thimcheall‐gheàrrte, air am marbhadh leis a’ chlaidheamh, ged a sgaoil iad an uamhas ann an tìr nam beò. Agus cha laigh iad leis na cumhachdaich, a thuit de na neo‐thimcheall‐gheàrrte, a chaidh sìos do ifrinn len airm‐chogaidh; agus chuir iad an claidheamhan fon cinn, ach bidh an aingidheachd air an cnàmhan, ged a b’iad uamhas nan cumhachdach ann an tìr nam beò. Seadh, brisear thu ann am meadhon nan neo‐thimcheall‐gheàrrte, agus laighidh tu leòsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. An sin tha Edom, a rìghrean, agus a phrionnsachan uile, a tha len neart nan laighe ann am fochar na muinntir a mharbhadh leis a’ chlaidheamh: laighidh iad leis na neo‐thimcheall‐gheàrrte, agus leòsan a thèid sìos don t‑sloc. An sin tha prionnsachan na h‑àird a tuath, an t‑iomlan dhiubh, agus na Sìdonaich uile, a chaidh sìos leis na mairbh, len uamhas tha nàire orra den cumhachd; agus tha iad nan laighe neo‐thimcheall‐gheàrrte leòsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh, agus a’ giùlan an nàire leòsan a thèid sìos don t‑sloc. Chì Phàraoh iad, agus bidh comhfhurtachd aige os cionn a mhòr‐chuideachd uile, eadhon Phàraoh agus a fheachd gu lèir air am marbhadh leis a’ chlaidheamh, deir an Tighearna Dia. Oir dhùisg mise m’uamhas ann an tìr nam beò: agus suidhichear esan ann am meadhon nan neo‐thimcheall‐gheàrrte, leòsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh, Phàraoh agus a shluagh gu lèir, deir an Tighearna Dia. A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, labhair ri cloinn do shluaigh, agus abair riu, Nuair a bheir mise an claidheamh air dùthaich, ma ghabhas muinntir na dùthcha duine den crìochan fhèin, agus gun cuir iad e gu bhith na fhear‐faire dhaibh; Ma shèideas e an trompaid nuair a chì e an claidheamh a’ teachd air an fhearann, agus ma bheir e rabhadh don t‑sluagh; An sin, cò air bith a chluinneas fuaim na trompaid, agus nach gabh rabhadh; ma thig an claidheamh, agus gun toir e air falbh e, bidh a fhuil air a cheann fhèin. Chuala e fuaim na trompaid, agus cha do ghabh e rabhadh, bidh a fhuil air fhèin: ach esan a ghabhas rabhadh tèarnaidh e a anam. Ach ma chì am fear‐faire an claidheamh a’ teachd, agus nach sèid e an trompaid, agus nach faigh an sluagh rabhadh ma thig an claidheamh, agus gun toir e aon neach air falbh uapa, tha e air a thoirt air falbh na aingidheachd: ach iarraidh mise a fhuil air làimh an fhir‐fhaire. Mar sin thusa, a mhic an duine, chuir mi thu mar fhear‐faire a‑chum taigh Israeil: uime sin èisdidh tu am facal om bheul‐sa, agus bheir thu dhaibh rabhadh uamsa. Nuair a their mise ris an aingidh, O dhuine aingidh, gheibh thu gu deimhinn bàs; mura labhair thusa a‑chum an t‑aingidh a thoirmeasg o a shlighe, gheibh an duine aingidh sin bàs na aingidheachd: ach air do làimh‐sa iarraidh mise a fhuil. Gidheadh, ma bheir thusa rabhadh don aingidh mu thimcheall a shlighe, gu tilleadh uaipe: mura till e o a shlighe, gheibh e bàs na aingidheachd, ach thèarainn thusa d’anam. Uime sin, a mhic an duine, labhair thusa ri taigh Israeil, Mar seo their sibh, ag ràdh, Ma bhios ar cionta agus ar lochdan oirnn, agus gun searg sinn annta, cionnas a dh’fhaodas sinn mar sin a bhith beò? Abair riu, Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, chan eil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh; ach gun tilleadh an t‑aingidh o a shlighe, agus gum biodh e beò: tillibh, tillibh, o ur droch shlighean, carson a bhàsaicheas sibh, O thaigh Israeil? Uime sin, a mhic an duine, abair thusa ri cloinn do shluaigh, Cha dèan fìreantachd an fhìrein a shaoradh ann an là a chionta: agus na aingidheachd cha tuit an t‑aingidh anns an là anns an till e o chionta; cha mhò a dh’fhaodas am fìrean a bhith beò airson a fhìreantachd anns an là anns am peacaich e. Nuair a their mise ris an fhìrean gum mair e gu deimhinn beò: ma nì e bun as a fhìreantachd fhèin, agus gun dèan e aingidheachd, cha chuimhnichear a uile fhìreantachd; ach airson a aingidheachd a rinn e, airson sin gheibh e bàs. A‑rìs, nuair a their mise ris an aingidh, Gheibh thu gu deimhinn bàs: ma thilleas e o pheacadh, agus gun dèan e an nì sin a tha dligheach agus ceart; Ma bheir an t‑aingidh air ais an geall, agus gun aisig e a‑rìs an nì a ghoid e, gun gluais e ann an reachdan na beatha, gun aingidheachd a chur an gnìomh; mairidh e gu deimhinn beò, chan fhaigh e bàs. Cha chuimhnichear dha lochd air bith a rinn e: rinn e an nì a tha dleasdanach agus ceart: mairidh e gu cinnteach beò. Gidheadh tha clann do shluaigh‐sa ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach, Ach air an son‐san, chan eil an slighe cothromach. Nuair a thilleas am fìrean air ais o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, gheibh e bàs da chionn. Ach ma thilleas an t‑aingidh air falbh o a aingidheachd, agus gun dèan e an nì sin a tha dleasdanach agus ceart, mairidh e beò da chionn. Gidheadh tha sibh ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach: O thaigh Israeil, bheir mise breith oirbh, air gach aon a rèir a shlighe. Agus thàrladh anns an aon‐bhliadhna‑deug de ar bruid, anns an deicheamh mìos, air a’ chòigeamh là den mhìos, gun tàinig aon a theich à Ierusalem am ionnsaigh‐sa, ag ràdh, Bhuaileadh am baile. Agus bha làmh an Tighearna orm anns an anmoch, mun tàinig esan a theich, agus dh’fhosgail i mo bheul, gus an tàinig e thugam anns a’ mhadainn; agus dh’fhosgladh mo bheul, agus cha robh mi na bu mhò balbh. An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, tha iadsan a tha ag àiteachadh nan ionadan fàsa sin de fhearann Israeil a’ labhairt, ag ràdh, Bha Abrahàm na aonar, agus shealbhaich e am fearann: ach tha sinne lìonmhor, thugadh am fearann dhuinn mar sheilbh. Air an adhbhar sin abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha sibh ag ithe maille ris an fhuil, agus a’ togail ur sùl suas ri ur n‑iodhalan, agus a’ dòrtadh fala; agus an sealbhaich sibh am fearann? Tha sibh a’ seasamh air ur claidheamh, tha sibh a’ dèanamh gràinealachd, agus a’ truailleadh, gach aon agaibh, bean a choimhearsnaich: agus an sealbhaich sibh am fearann? Abair thusa riu mar seo, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mar as beò mise, gu deimhinn tuitidh iadsan a tha anns na h‑ionadan fàsa leis a’ chlaidheamh; agus esan a tha anns a’ mhachair sgaoilte, bheir mise do na beathaichean ra ithe; agus bàsaichidh iadsan a bhios anns na daingnichean agus anns na h‑uamhan leis a’ phlàigh. Oir fàgaidh mise am fearann ro‑fhàsail, agus sguiridh mòrachd a threise: agus bidh slèibhtean Israeil fàs, air chor is nach tèid aon neach tromhpa. An sin aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a nì mi am fearann ro‑fhàsail, airson an uile ghràinealachdan a chuir iad an gnìomh. Agus thusa, a mhic an duine, tha clann do shluaigh an còmhnaidh a’ labhairt umad ri taobh nam ballachan, agus ann an dorsan nan taighean; agus a’ labhairt aon ri chèile, gach aon ra bhràthair, ag ràdh, Thigibh, guidheam oirbh, agus èisdibh ciod am facal a tha a’ teachd a‑mach on Tighearna. Agus tha iad a’ teachd ad ionnsaigh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phoball‐sa, agus tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran gràidh lem beul, ach tha an cridhe a’ dol an dèidh an sannt. Agus, feuch, tha thusa dhaibh mar òran ro‑thaitneach duine aig a bheil guth binn, agus a chluicheas gu math air inneal‐ciùil: oir tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh. Agus nuair a thig seo gu crìch (feuch, tha e a’ teachd), an sin aithnichidh iad gu robh fàidh nam measg. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, dèan fàistneachd an aghaidh aodhairean Israeil, dèan fàistneachd, agus abair riu, O aodhairean, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mo thruaighe aodhairean Israeil, a tha gam beathachadh fhèin! Nach bu chòir do na h‑aodhairean an treud a bheathachadh? Tha sibh ag ithe na saill, agus gur n‑èideadh fhèin leis an olainn, tha sibh a’ marbhadh nan ainmhidhean biadhte: chan eil sibh a’ beathachadh an treud. Cha do neartaich sibh an lag, cha mhò a leighis sibh an tinn, cha mhò a cheangail sibh suas esan a bha briste, cha mhò a thug sibh air ais a’ chuid a sgapadh, cha mhò a dh’iarr sibh a’ chuid a chailleadh; ach le ainneart riaghail sibh iad, agus le an‑iochd. Agus sgapadh iad le dìth aodhairean: agus bha iad nam biadh do uile bheathaichean na machrach, nuair a bha iad air an sgapadh. Chaidh mo chaoraich‐sa air seachran air feadh nan uile bheann, agus air gach sliabh àrd: seadh, bha mo threud air a sgapadh air aghaidh na talmhainn uile, agus cha robh aon neach gan sireadh no gan iarraidh. Uime sin, O aodhairean, èisdibh‐se facal an Tighearna; Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu deimhinn a chionn gu robh mo threud nan creich, agus gun do rinneadh mo threud nam biadh do uile bheathaichean na machrach, a chionn nach robh aodhair sam bith ann, cha mhò a dh’iarr m’aodhairean mo threud, ach bheathaich na h‑aodhairean iad fhèin, agus cha do bhiadh iad mo threud‐sa; Uime sin, O aodhairean, èisdibh facal an Tighearna; Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise an aghaidh nan aodhairean, agus iarraidh mi mo threud air an làimh, agus bheir mi orra sgur de bhiadhadh an treud; cha mhò a bheathaicheas na h‑aodhairean iad fhèin tuilleadh; oir saoraidh mise mo threud as am beul, a‑chum nach bi iad dhaibh nam biadh. Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, lorgaidh mise, mise fhèin, mo chaoraich, agus iarraidh mi a‑mach iad. Amhail a lorgas aodhair a‑mach a threud, anns an là anns am bi e am measg a chaorach a chaidh a sgapadh; mar sin iarraidh mise mo chaoraich fhèin, agus saoraidh mi iad as a h‑uile àite gus an robh iad air an sgànradh, anns an là neulach agus dhorcha. Agus bheir mi a‑mach iad o mheasg nan cinneach, agus cruinnichidh mi iad o na dùthchannan, agus bheir mi iad gum fearann fhèin, agus ionaltraidh mi iad air slèibhtean Israeil, an cois nan aibhnichean, agus ann an uile ionadan àitichte na tìre. Ionaltraidh mi iad ann an innis mhaith, agus bidh am buaile air slèibhtean àrda Israeil: an sin laighidh iad ann an cluain mhaith, agus ionaltraidh iad ann an innis reamhair air slèibhtean Israeil. Beathaichidh mise mo threud, agus bheir mi orra laighe sìos, deir an Tighearna Dia. Iarraidh mi a’ chuid a chailleadh, agus bheir mi air ais a’ chuid a dh’fhuadaicheadh air falbh, agus ceanglaidh mi suas a’ chuid a bhriseadh, agus neartaichidh mi a’ chuid a bha tinn: ach sgriosaidh mi an reamhar agus an làidir; beathaichidh mi iad sin le breitheanas. Agus air ur son‐se, O mo threud; mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, bheir mise breith eadar sprèidh agus sprèidh, eadhon na reitheachan agus na gobhair fhireann. An nì suarach leibhse an innis mhath ithe suas, ach gun saltair sibh fòs a’ chuid eile den ionaltradh sìos fo ur casan? Agus òl de na h‑uisgeachan domhain, ach gur èiginn dhuibh a’ chuid eile a shalachadh le ur casan? Agus airson mo threud‐sa, tha iad ag ithe an nì sin a shaltair sibh fo ur casan, agus ag òl an nì sin a rinn ur casan a thruailleadh. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh riu, Feuch, bheir mise, mise fhèin, breith eadar an sprèidh reamhar agus an sprèidh chaol. A chionn gun do thulg sibh le taobh agus le slinnein, agus gun do rinn sibh an t‑easlan uile a phurradh le ur n‑adhaircean, gus an do sgainnir sibh iad o chèile: Uime sin tèarnaidh mise mo threud, agus cha bhi iad nas mò nan creich; agus bheir mi breith eadar sprèidh agus sprèidh. Agus cuiridh mi suas aon aodhair os an cionn, agus beathaichidh esan iad, eadhon mo sheirbhiseach Daibhidh; beathaichidh esan iad, agus bidh e dhaibh na aodhair. Agus bidh mise Iehòbhah ann am Dhia dhaibh, agus mo sheirbhiseach Daibhidh na phrionnsa nam measg; labhair mise Iehòbhah e. Agus nì mise coicheangal sìthe riu, agus cuiridh mi cosg air na droch bheathaichean anns an fhearann; agus gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte anns an fhàsach agus caidlidh iad anns na coilltean. Agus nì mi iadsan agus na h‑ionadan timcheall mo shlèibh nam beannachadh; agus bheir mi air an fhrois teachd a‑nuas na h‑àm: bidh frasan de bheannachdan ann. Agus bheir craobh na machrach seachad a toradh, agus bheir an talamh seachad a chinneas, agus bidh iad tèarainte nan dùthaich, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a bhriseas mi cuibhrichean an cuinge, agus a shaoras mi iad à làimh na muinntir a ghabh seirbhis dhiubh. Agus cha bhi iad nas mò nan cobhartaich do na cinnich, cha mhò a nì beathaichean an fhearainn an slugadh suas: ach gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte, agus cha chuir aon neach eagal orra. Agus togaidh mi suas dhaibh meangan cliùiteach, agus cha bhi iad air an claoidh nas mò le gort anns an fhearann, cha mhò a ghiùlaineas iad masladh nan cinneach nas fhaide. Mar seo aithnichidh iad gu bheil mise an Tighearna Dia maille riu, agus gur iadsan, taigh Israeil, mo shluagh, deir an Tighearna Dia. Agus sibhse, mo threud, treud m’ionaltraidh, is daoine sibh, agus is mise ur Dia, deir an Tighearna Dia. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, cuir d’aghaidh ri sliabh Sheir, agus dèan fàistneachd na aghaidh. Agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, O shlèibh Sheir, tha mise ad aghaidh, agus sìnidh mi mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus nì mi sgrios agus lèirsgrios ort. Nì mi do bhailtean nam fàsach, agus bidh tu ad nochd‐làraich, agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna. A chionn gu robh fuath bithbhuan agad, agus gun do dhòirt thu fuil chloinn Israeil le neart a’ chlaidheimh, ann an àm an airce, anns an àm anns an robh crìoch air an aingidheachd: Air an adhbhar sin, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, ullaichidh mi thusa airson fala, agus nì fuil do dhian‐ruagadh: a chionn nach d’fhuathaich thu fuil, nì fuil do dhian‐ruagadh. Mar seo nì mi lèirsgrios air sliabh Sheir, agus gearraidh mi uaithe an tì a thèid a‑mach agus an tì a thilleas air ais. Agus lìonaidh mi a shlèibhtean le a dhaoine marbhte: air do chnuic, agus ann ad ghleanntan, agus ann ad uile aibhnichean, tuitidh iadsan a mharbhar leis a’ chlaidheamh. Nì mise fàsaichean sìorraidh dhìot, agus cha togar a‑rìs do bhailtean; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna. A chionn gun dubhairt thu, Bidh an dà chinneach seo agus an dà dhùthaich seo agamsa, agus sealbhaichidh sinn iad: ged bha an Tighearna an sin: Uime sin, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, nì mi eadhon a rèir d’fheirge, agus a rèir d’fharmaid a nochd thu, led fhuath nan aghaidh; agus nì mi mi fhèin aithnichte nam measg, nuair a bheir mi breith ortsa. Agus aithnichidh tusa gur mi an Tighearna, agus gun cuala mi d’uile thoibheum an aghaidh slèibhtean Israeil, ag ràdh, Dh’fhàgadh fàs iad, agus thugadh iad dhuinne gan slugadh. Mar seo le ur beul rinn sibh uaill ann am aghaidh‐sa, agus mheudaich sibh ur briathran ann am aghaidh; chuala mise. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nuair a nì an talamh uile gàirdeachas, nì mise fàs thusa. Mar a rinn thusa gàirdeachas os cionn oighreachd taigh Israeil, a chionn gu robh i fàs, O shlèibh Sheir, agus Idumèa uile, an t‑iomlan dheth: agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna. Mar an ceudna, a mhic an duine, dèan fàistneachd do shlèibhtean Israeil, agus abair, A shlèibhtean Israeil, cluinnibh facal an Tighearna: Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun dubhairt an nàmhaid nur n‑aghaidh, Aha! is leinne fòs na seann ionadan àrda mar sheilbh: Uime sin, dèan fàistneachd agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do rinn iad fàs sibh, agus gun do shluig iad suas sibh air gach taobh, gu bhith nur seilbh do fhuidheall nan cinneach, agus gu bheil sibh air ur gabhail ann am beul luchd seanchais, agus nur mì‑chliù am measg dhaoine: Air an adhbhar sin, a shlèibhtean Israeil, èisdibh facal an Tighearna, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, ris na slèibhtean, agus ris na cnuic, ris na sruthan, agus ris na gleanntan, ris na fàsaichean uaigneach, agus ris na bailtean a thrèigeadh, a dh’fhàs nan cobhartaich agus nam ball‐fanaid do fhuidheall nan cinneach mun cuairt: Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gu deimhinn ann an teine m’eud labhair mi an aghaidh fuidheall nan cinneach, agus an aghaidh Idumèa uile, a ghabh mo dhùthaich‐sa gu bhith na seilbh dhaibh, le gàirdeachas an uile chridhe, le inntinn aingidh, ga toirt thairis mar chreich. Dèan fàistneachd uime sin mu thimcheall fearann Israeil, agus abair ris na slèibhtean agus ris na cnuic, ris na sruthan agus ris na gleanntan, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, labhair mise ann am eud agus ann am chorraich, a chionn gun do ghiùlain sibh tàmailt nan cinneach: Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Thog mise suas mo làmh; gu deimhinn na cinnich mun cuairt dhuibh giùlainidh iad fhèin am masladh. Ach sibhse, O shlèibhtean Israeil, cuiridh sibh a‑mach ur geugan, agus bheir sibh ur toradh dom shluagh‐sa Israel, oir tha iad am fagas a‑chum teachd. Oir feuch, tha mise leibh, agus tillidh mi ribh, agus bidh sibh air ur treabhadh agus air ur cur. Agus nì mi daoine lìonmhor oirbh, uile thaigh Israeil gu h‑iomlan; agus bidh na bailtean air an àiteachadh, agus bidh na h‑ionadan fàsa air an togail. Agus nì mi lìonmhor oirbh duine agus ainmhidh, agus fàsaidh iad lìonmhor, agus bheir iad toradh; agus suidhichidh mi sibh mar a bha sibh o shean, agus nì mi ribh nas fheàrr na ann ur toiseach; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna. Seadh, bheir mi air daoine coiseachd oirbh, eadhon mo phoball Israel, agus sealbhaichidh iadsan thu, agus bidh tu dhaibh ad oighreachd, agus cha dèan thu iad nas mò uireasbhaidheach. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun abair iad riut, Thusa a shluig suas daoine, agus a dh’fhàg gun sliochd do chinnich: Uime sin cha sluig thu daoine nas mò, agus chan fhàg thu do chinnich nas mò gun sliochd, deir an Tighearna Dia. Cha mhò a dh’fhuilingeas mise gun cluinnear tàmailt nan cinneach annad tuilleadh, cha mhò a ghiùlaineas tu masladh an t‑sluaigh nas fhaide, cha mhò a bheir thu air do chinnich tuiteam tuilleadh, deir an Tighearna Dia. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, A mhic an duine, nuair a bha taigh Israeil a chòmhnaidh nan dùthaich fhèin, thruaill iad i len slighe fhèin, agus len dèanadas: bha an slighe ann am làthair‐sa mar neòghlaine mnà a chuireadh air leth. Air an adhbhar sin dhòirt mi orra mo chorraich, airson na fala a dhòirt iad air an fhearann, agus airson an iodhalan leis an do rinn iad a thruailleadh: Agus sgap mi iad am measg nan cinneach, agus bha iad air an sgaoileadh air feadh nan dùthchannan. A rèir an slighe, agus a rèir an dèanadais thug mise breith orra. Agus nuair a chaidh iad a‑steach a‑chum nan cinneach gus an deachaidh iad, thruaill iad sin m’ainm naomh‐sa nuair a thubhairt iad riu, Is iad seo sluagh an Tighearna, gidheadh chaidh iad a‑mach as a fhearann. Ach ghabh mise truas rim ainm naomh fhèin, a thruaill taigh Israeil am measg nan cinneach gus an deachaidh iad. Air an adhbhar sin, abair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Chan eil mi a’ dèanamh seo air ur son‐se, O thaigh Israeil, ach airson m’ainme naoimh fhèin, a thruaill sibhse am measg nan cinneach gus an deachaidh sibh. Ach naomhaichidh mi m’ainm mòr fhèin, a bha air a thruailleadh am measg nan cinneach, a thruaill sibhse nam meadhon; agus aithnichidh na cinnich gur mise an Tighearna, tha an Tighearna Dia ag ràdh, nuair a bhios mi air mo naomhachadh annaibhse fa chomhair an sùl. Oir bheir mi sibh o mheasg nan cinneach, agus tionailidh mi sibh as na h‑uile dhùthchannan, agus bheir mi sibh gu ur fearann fhèin. An sin crathaidh mi uisge glan oirbh, agus bidh sibh glan; o ur n‑uile shalchar, agus o ur n‑uile iodhalan glanaidh mi sibh. Bheir mi fòs dhuibh cridhe nuadh, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh a‑staigh dhibh; agus buinidh mi air falbh an cridhe cloiche as ur feòil, agus bheir mi dhuibh cridhe feòla. Agus cuiridh mi mo spiorad an taobh a‑staigh dhibh, agus bheir mi oirbh gluasad ann am reachdan, agus coimheadaidh sibh mo bhreitheanais, agus nì sibh iad. Agus gabhaidh sibh còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dur n‑athraichean, agus bidh sibh nur sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhuibhse. Saoraidh mi sibh fòs o ur n‑uile shalchar; agus gairmidh mi air an arbhar, agus meudaichidh mi e, agus cha chuir mi gort air bith oirbh. Agus meudaichidh mi meas na craoibhe, agus cinneas na machrach, air chor is nach faigh sibh nas mò masladh gorta am measg nan cinneach. An sin cuimhnichidh sibh ur droch shlighe fhèin, agus ur dèanadais nach robh math, agus fuathaichidh sibh sibh fhèin nur sealladh fhèin, airson ur n‑euceartan, agus airson ur gràinealachdan. Chan ann air ur son‐se a tha mise a’ dèanamh seo, tha an Tighearna Dia ag ràdh, biodh fhios agaibh: biodh nàire agus amhluadh oirbh airson ur slighean fhèin, O thaigh Israeil. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns an là anns an glan mi sibh o ur n‑uile aingidheachd, bheir mi fòs fa‑near gun gabh sibh còmhnaidh anns na cathraichean, agus bidh na h‑ionadan fàsa air an togail. Agus bidh am fearann fàs air a threabhadh, an àite e a bhith na laighe fàs ann an sealladh gach aoin a ghabh seachad. Agus their iad, Tha an tìr seo a bha uaigneach air fàs mar ghàrradh Èdein; agus na cathraichean falamh, fàs, agus millte, tha iad air an daingneachadh, agus air an àiteachadh. An sin aithnichidh na cinnich a dh’fhàgadh air gach taobh dhibh gur mise an Tighearna a thogas na h‑àitean sgrioste, a shuidhicheas an t‑ionad fàsail: mise Iehòbhah labhair, agus nì mi e. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh mise fhathast air m’iarraidh anns an nì seo le taigh Israeil, a‑chum a dhèanamh air an son; nì mi lìonmhor iad le daoine mar threud. Mar an treud naomh, mar threud Ierusaleim na fèillean àrda: mar sin bidh na bailtean fàs air an lìonadh le treudan dhaoine; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna. Bha làmh an Tighearna orm, agus thug e a‑mach mi ann an Spiorad an Tighearna, agus chuir e sìos mi ann am meadhon a’ ghlinne a bha làn de chnàmhan, Agus thug e orm gabhail seachad orra mun cuairt, air gach taobh: agus, feuch, bha iad ro‑lìonmhor anns a’ mhachair sgaoilte; agus, feuch, bha iad ro‑thioram. Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, am faod na cnàmhan seo teachd beò? Agus fhreagair mise, O Thighearna Dhia, agadsa tha fhios. An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, dèan fàistneachd do na cnàmhan seo, agus abair riu, O chnàmhan tioram, èisdibh‐se facal an Tighearna. Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh ris na cnàmhan seo, Feuch, cuiridh mise anail annaibh, agus bidh sibh beò. Agus cuiridh mi fèithean oirbh, agus bheir mi air feòil fàs oirbh, agus còmhdaichidh mi sibh le craiceann, agus cuiridh mi anail annaibh; agus bidh sibh beò, agus aithnichidh sibh gur mi an Tighearna. Mar sin rinn mise fàistneachd mar a dh’àithneadh dhomh: agus am feadh a bha mi ri fàistneachd, bha toirm ann, agus, feuch, crith‐ghluasad, agus thàinig na cnàmhan a‑chum a chèile, cnàimh a‑chum a chnàmha. Agus nuair a dh’amhairc mi, feuch, dh’fhàs fèithean agus feòil orra, agus chòmhdaich an craiceann iad; ach cha robh anail annta. An sin thubhairt e rium, Dèan fàistneachd don anail, dèan fàistneachd, a mhic an duine, agus abair ris an anail, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Thig o na ceithir gaothan, O anail, agus sèid air na mairbh seo, a‑chum gum bi iad beò. Is amhail a rinn mise fàistneachd mar a dh’àithneadh dhomh, agus thàinig an anail dan ionnsaigh, agus dh’fhàs iad beò, agus sheas iad air an casan, armailt anabarrach mòr. An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, is iad na cnàmhan seo an t‑iomlan de thaigh Israeil; feuch tha iad ag ràdh, tha ar cnàmhan air tiormachadh, agus ar dòchas air a chall, is ann a tha sinn air ar gearradh as. Air an adhbhar sin dèan fàistneachd, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Feuch, O mo shluagh, fosglaidh mise ur n‑uaighean, agus bheir mi oirbh teachd a‑nìos as ur n‑uaighean, agus bheir mi sibh gu fearann Israeil. Agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna nuair a dh’fhosglas mi ur n‑uaighean, O mo shluagh, agus a bheir mi sibh a‑nìos as ur n‑uaighean, Agus a chuireas mi mo Spiorad annaibh, agus a bhios sibh beò, agus a shuidhicheas mi sibh nur fearann fhèin; an sin aithnichidh sibh gur mise Iehòbhah a labhair, agus gun do rinn mi e, deir an Tighearna. Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh, A bhàrr air seo, a mhic an duine, gabh thusa dhut fhèin aon mhaide, agus sgrìobh air, Airson Iùdah, agus airson chloinn Israeil, a chompanach: an sin gabh maide eile, agus sgrìobh air, Airson Iòseiph, maide Ephraim, agus uile thaigh Israeil, a chompanach: Agus ceangail iad aon ri chèile nan aon mhaide; agus fàsaidh iad nan aon ann ad làimh. Agus nuair a labhras clann do shluaigh riut, ag ràdh, Nach feuch thu dhuinn ciod as ciall dhut leis na nithean seo? Abair riu, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Feuch, gabhaidh mise maide Iòseiph a tha an làimh Ephraim, agus fineachan Israeil, a chompanach, agus cuiridh mi iad maille ris, maille ri maide Iùdah, agus nì mi aon mhaide dhiubh, agus bidh iad nan aon ann am làimh. Agus bidh na maidean air an sgrìobh thu ann ad làimh fa chomhair an sùl. Agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Feuch, bheir mise clann Israeil o mheasg nan cinneach gus a bheil iad air imeachd, agus cruinnichidh mi iad air gach taobh, agus bheir mi iad gu an dùthaich fhèin. Agus nì mi aon chinneach dhiubh anns an fhearann, air slèibhtean Israeil, agus bidh aon rìgh na rìgh dhaibh uile: agus cha bhi iad nas mò nan dà chinneach, cha mhò a bhios iad air an roinn nan dà rìoghachd tuilleadh air aon chor. Cha mhò a thruailleas iad iad fhèin tuilleadh len iodhalan, no len nithean fuathach, no le aon air bith den euceartan: ach saoraidh mise iad on uile cheannaircean anns an robh iad ciontach, agus glanaidh mi iad: mar sin bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhaibhsan. Agus bidh m’òglach Daibhidh na rìgh os an cionn: agus bidh aon bhuachaille aca uile: gluaisidh iad fòs ann am reachdan, agus bheir iad fa‑near m’òrdaighean, agus nì iad iad. Agus gabhaidh iad còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dom òglach Iàcob, anns an do ghabh ur n‑athraichean còmhnaidh: agus gabhaidh iadsan còmhnaidh ann, iad fhèin, agus an clann, agus clann an cloinne gu bràth; agus bidh m’òglach Daibhidh na rìgh dhaibh gu sìorraidh. A thuilleadh air seo nì mise coicheangal sìthe riu; bidh e na choicheangal sìorraidh riu, agus suidhichidh mi iad, agus nì mi lìonmhor iad, agus cuiridh mi mo naomh‐ionad nam meadhon gu bràth. Bidh mo phàillean mar an ceudna maille riu: seadh, bidh mise dhaibhsan ann am Dhia, agus bidh iadsan dhòmhsa nan sluagh. Agus aithnichidh na cinnich gur mise Iehòbhah a naomhaicheas Israel, nuair a bhios mo naomh‐ionad nam meadhon gu sìorraidh. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh‐sa, ag ràdh, A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Ghog, tìr Mhagog, àrd phrionnsa Mheseich agus Thubail, agus dèan fàistneachd na aghaidh, Agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ad aghaidh, O Ghog, àrd phrionnsa Mheseich agus Thubail; Agus tillidh mi air d’ais thu, agus cuiridh mi dubhain ann ad ghiallan, agus bheir mi a‑mach thu fhèin, agus d’fheachd uile, eich agus marcaich, iad uile air an èideadh leis gach uile ghnè armachd; cuideachd mhòr le targaidean agus le sgiathan, an t‑iomlan dhiubh ag iomairt chlaidheamhan: Persia, Etiopia, agus Libia maille riu; an t‑iomlan dhiubh le sgèith agus ceannbheairt: Gomer agus a chuideachdan uile; taigh Thogarmach o na h‑àirdean a tuath, agus a uile bhuidhnean; mòran sluaigh maille riut. Bi thusa deas, agus ullaich air do shon fhèin, thu fhèin agus d’uile chuideachd a tha air an cruinneachadh thugad, agus bi dhaibh ad dhìdein. An dèidh mòran làithean thigear gad amharc: anns na bliadhnachan deireannach thig thu don fhearann a thugadh air ais on chlaidheamh, a chruinnicheadh à mòran chinneach, an aghaidh slèibhtean Israeil, a bha fada fàs: ach thugadh a‑mach as na cinnich e, agus gabhaidh iadsan uile còmhnaidh ann an tèarainteachd. Èiridh tu suas, agus thig thu mar dhoininn, bidh tu cosmhail ri neul a dh’fhalach an fhearainn, thu fhèin agus d’uile bhuidhnean, agus mòran sluaigh maille riut. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tàrlaidh anns an là sin gun tig nithean ann ad aire, agus gun smaoinich thu droch smuaintean. Agus their thu, Thèid mi suas gu tìr nam bailtean gun bhallachan, thig mi air a’ mhuinntir a tha aig fois, a tha a’ gabhail còmhnaidh ann an tèarainteachd, iad uile a’ gabhail còmhnaidh gun bhallachan, agus gun chroinn no dorsan aca, A ghlacadh creiche, agus a ghlacadh cobhartaich; a thionndadh do làimhe air na h‑ionadan fàsa a tha a‑nis air an àiteachadh, agus air an t‑sluagh a chruinnicheadh a‑mach as na cinnich, a fhuair seilbh agus maoin, a tha a chòmhnaidh ann am meadhon na tìre. Their Sèba, agus Dedan, agus ceannaichean Tharsis, agus a chuid bhailtean, riut, A bheil thu air teachd a ghlacadh cobhartaich? An do chruinnich thu do chuideachd a ghlacadh creiche? A thoirt leat òir agus airgid; a thoirt air falbh sprèidhe agus maoin; a ghlacadh creiche mòire? Uime sin, a mhic an duine, dèan fàistneachd, agus abair ri Gog, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Anns an là anns an gabh mo shluagh‐sa Israel còmhnaidh gu tèarainte, nach bi fhios agad? Agus thig thu à d’àite, a‑mach as na h‑àirdean a tuath, thu fhèin agus mòran sluaigh maille riut, iad uile a’ marcachd air eich, buidheann mhòr, agus feachd cumhachdach: Agus thig thu a‑nìos an aghaidh mo shluaigh‐sa Israel, mar neul a dh’fhalach an fhearainn; tàrlaidh e anns na làithean deireannach, agus bheir mise thu an aghaidh m’fhearainn, a‑chum gun aithnich na cinnich mi, nuair a bhios mi air mo naomhachadh annadsa, O Ghog, fa chomhair an sùl. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, An tusa an tì mun do labhair mi o shean lem sheirbhisich, fàidhean Israeil, a rinn fàistneachd anns na làithean sin, rè bhliadhnachan, gun tugainn‐sa thu nan aghaidh? Agus tàrlaidh anns an àm cheudna, nuair a thig Gog an aghaidh fearann Israeil, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gun tig mo chorraich‐sa a‑nìos ann am aodann. Oir ann am eud, ann an teine mo chorraich, labhair mi: Gu cinnteach anns an là sin bidh crith mhòr air fearann Israeil: Air chor is gun criothnaich ann am làthair‐sa èisg na fairge, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, agus na h‑uile nithean snàigeach a shnàigeas air uachdar na talmhainn, agus na h‑uile dhaoine a tha air aghaidh na talmhainn; agus tilgear na slèibhtean sìos, agus tuitidh na h‑ionadan àrda, agus tuitidh a h‑uile balla gu talamh. Agus gairmidh mise airson claidheimh na aghaidh air feadh m’uile shlèibhtean, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh; bidh claidheamh gach aon duine an aghaidh a bhràthar. Agus tagraidh mi na aghaidh le plàigh agus le fuil, agus frasaidh mi air fhèin, agus air a bhuidhnean, agus air a’ mhòr‐shluagh a tha maille ris, frasan tuilteach, agus clachan‐meallain mòra, teine agus pronnasg. Mar seo nì mi mòr mi fhèin, agus naomhaichidh mi mi fhèin: agus aithnichear mi ann an sùilean mòran chinneach, agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna. Uime sin, dèan thusa, a mhic an duine, fàistneachd an aghaidh Ghog, agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, O Ghog, àrd‐phrionnsa Mheseich agus Thubail: Agus tillidh mi air d’ais thu, agus chan fhàg mi ach an siathamh cuid dhìot, agus bheir mi ort teachd a‑nìos o na h‑àirdean a tuath, agus bheir mi thu gu slèibhtean Israeil: Agus buailidh mi do bhogha à do làimh chlì, agus bheir mi air do shaighdean tuiteam à do làimh dheis. Tuitidh tu air slèibhtean Israeil, thu fhèin agus do bhuidhnean uile, agus an sluagh a tha maille riut: bheir mi thu don eunlaith fhuileachdach de gach seòrsa, agus do bheathaichean na talmhainn, a‑chum a bhith air do shlugadh suas. Tuitidh tu air a’ mhachair sgaoilte: oir labhair mise, deir an Tighearna Iehòbhah. Agus cuiridh mi teine air Magog, agus am measg na muinntir a tha a chòmhnaidh gu neo‐umhailteach anns na h‑eileanan; agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna. Mar seo nì mi m’ainm naomh aithnichte ann am meadhon mo phobaill Israel, agus cha leig mi m’ainm naomh a thruailleadh nas mò; agus bidh fhios aig na cinnich gur mi an Tighearna, aon naomh Israeil. Feuch thàinig e gu crìch, agus rinneadh e, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh: is e seo an là mun do labhair mise. Agus thèid iadsan a tha a chòmhnaidh ann am bailtean Israeil a‑mach, agus cuiridh iad ri theine, agus loisgidh iad na h‑airm, an targaid, agus fòs an sgiath, am bogha, agus na saighdean, agus an gath, agus an t‑sleagh, agus loisgidh iad le teine iad seachd bliadhna: Air chor is nach toir iad connadh air bith as a’ mhachair, cha mhò a ghearras iad a’ bheag de na coilltean: oir loisgidh iad na h‑airm anns an teine, agus creachaidh iad an dream len do chreachadh iad, agus spùinidh iad an dream len do spùineadh iad, deir an Tighearna Iehòbhah. Agus tàrlaidh air an là sin gun toir mise do Ghog an sin àite airson uaighean ann an Israel, gleann an luchd‐siubhail air taobh an ear na fairge; agus bacaidh e an luchd‐siubhail: agus an sin adhlaicidh iad Gog agus a shluagh uile; agus goiridh iad ris, Gleann sluagh Ghog. Agus bidh taigh Israeil gan adhlacadh, a‑chum am fearann a ghlanadh, seachd mìosan. Seadh, bidh uile shluagh an fhearainn gan adhlacadh, agus bidh là mo ghlòire‐sa iomraiteach nam measg, deir an Tighearna Iehòbhah. Agus cuiridh iad air leth daoine dèanadach, a shiùbhlas air feadh an fhearainn, a dh’adhlacadh leis an luchd‐siubhail na muinntir a tha fhathast air aghaidh na talmhainn, a‑chum a ghlanadh; an ceann seachd mìosan bidh iad gan iarraidh. Agus an luchd‐siubhail a tha ag imeachd tron fhearann, nuair a chì aon neach cnàimh duine, an sin cuiridh e comharradh suas làimh ris, gus an adhlaic an luchd‐adhlacaidh e ann an Gleann Hamon‐Gog. Agus fòs bidh Hamonah mar ainm air a’ bhaile: mar seo glanaidh iad am fearann. Agus thusa, a mhic an duine, mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Labhair ris gach eun iteagach, agus cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh; cruinnichibh sibh fhèin o gach taobh, gum ìobairt‐sa a tha mi a’ dèanamh air ur son, eadhon àr mòr air slèibhtean Israeil, a‑chum gun ith sibh feòil, agus gun òl sibh fuil. Ithidh sibh feòil nan cumhachdach, agus òlaidh sibh fuil prionnsachan na talmhainn, fuil reitheachan, uan, agus ghobhar, agus tharbh; iad uile air am biadhadh ann am Basan. Agus ithidh sibh saill gus am bi sibh sàthach, agus òlaidh sibh fuil gus am bi sibh air mhisg, dem ìobairt‐sa a mharbh mi air ur son. Mar seo lìonar sibh air mo bhòrd‐sa le eich, agus le carbadan, le daoine cumhachdach, agus leis na h‑uile fheachdan‐cogaidh, deir an Tighearna Iehòbhah. Agus cuiridh mi mo ghlòir am measg nan cinneach, agus chì na cinnich mo bhreitheanas a rinn mi, agus mo làmh a leag mi orra. Mar sin aithnichidh taigh Israeil gur mise an Tighearna an Dia on là sin, agus uaithe sin a‑mach. Agus aithnichidh na cinnich gun deachaidh taigh Israeil am bruid airson an aingidheachd; a chionn gun do pheacaich iad am aghaidh‐sa, uime sin dh’fhalaich mi mo ghnùis uapa, agus thug mi iad do làimh an naimhdean; mar sin thuit iad uile leis a’ chlaidheamh. A rèir an neòghlaine, agus a rèir an cionta rinn mise riu, agus dh’fhalaich mi mo ghnùis uapa. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, A‑nis bheir mi air a h‑ais bruid Iàcoib, agus nì mi tròcair air uile thaigh Israeil, agus bidh mi eudmhor airson m’ainme naoimh: An dèidh dhaibh an nàire a ghiùlan, agus an uile chionta leis an do chiontaich iad am aghaidh‐sa, nuair a ghabhas iad còmhnaidh gu tèarainte nan dùthaich fhèin, agus nach cuir aon neach eagal orra. Nuair a bheir mise air an ais iad o na cinnich, agus a chruinnicheas mi iad o dhùthchannan an naimhdean, agus a naomhaichear mi annta ann an sealladh mòran chinneach. An sin aithnichidh iad gur mise Iehòbhah an Dia, a thug fa‑near iad a bhith air an toirt ann am bruid am measg nan cinneach: ach chruinnich mi iad a‑chum an dùthcha fhèin, agus cha d’fhàg mi aon dhiubh nas mò an sin. Cha mhò a dh’fhalaicheas mi tuilleadh mo ghnùis uapa: oir dhòirt mi a‑mach mo Spiorad air taigh Israeil, deir an Tighearna Iehòbhah. Anns a’ chòigeamh‐bliadhna‑fichead de ar bruid, ann an toiseach na bliadhna, air an deicheamh là den mhìos (b’i sin an ceathramh‐bliadhna‑deug an dèidh don bhaile a bhith air a bhualadh,) air a’ cheart là sin bha làmh an Tighearna orm, agus thug e a‑chum an àite sin mi. Ann an taisbeanadh Dhè thug e mi gu tìr Israeil, agus chuir e mi air sliabh ro‑àrd, làimh ris an robh amhail cumadh cathrach thall fa chomhair. Agus thug e an sin mi, agus feuch, duine, agus a dhreach mar dhreach umha, le sreing lìn na làimh, agus le slait‐thomhais; agus sheas e anns a’ gheata. Agus thubhairt an duine rium, A mhic an duine, faic led shùilean, agus cluinn led chluasan, agus socraich do chridhe air a h‑uile nì a dh’fheuchas mise dhut; oir is ann a‑chum gum feuchainn dhut iad a thugadh an seo thu; foillsich gach nì a chì thu do thaigh Israeil. Agus, feuch, bha balla air taobh a‑muigh an taighe mun cuairt, agus ann an làimh an duine bha slat‐thomhais sia làmhan‐coille air fad, le leud boise ris gach aon làmh‐choille: mar sin thomhais e leud a’ bhalla, aon slat; agus a àirde, aon slat. An sin thàinig e gus an geata a tha ag amharc ris an àird an ear, agus chaidh e suas air a cheuman, agus thomhais e stairsneach a’ gheata, aon slat air leud, agus an t‑àrd‐doras cuideachd, aon slat air leud. Agus bha gach seòmar beag aon slat air fad, agus aon slat air leud, agus eadar na seòmraichean beaga bha còig làmhan‐coille, agus bha stairsneach a’ gheata, aig sgàth‐thaigh a’ gheata an taobh a‑staigh, aon slat. Thomhais e mar an ceudna sgàth‐thaigh a’ gheata an taobh a‑staigh, aon slat. An sin thomhais e sgàth‐thaigh a’ gheata, ochd làmhan‐coille, agus a phuist, dà làmh‐choille; agus bha sgàth‐thaigh a’ gheata an taobh a‑staigh. Agus bha trì de sheòmraichean beaga geata na h‑àird an ear air an taobh seo, agus trì air an taobh eile; bha iad nan trì a dh’aon tomhas, agus bha na puist a dh’aon tomhas, air an taobh seo agus air an taobh eile. Agus thomhais e leud dol a‑steach a’ gheata, deich làmhan‐coille, agus fad a’ gheata trì làmhan‐coille deug. B’e an dealachadh fòs fa chomhair nan seòmraichean beaga aon làmh‐choille air an taobh seo, agus aon làmh‐choille an dealachadh air an taobh eile; agus bha na seòmraichean beaga sia làmhan‐coille air an taobh seo, agus sia làmhan‐coille air an taobh eile. Thomhais e an sin an geata o mhullach aon seòmair bhig gu mullach aoin eile: b’e an leud còig làmhan‐coille fichead, doras fa chomhair dorais. Thomhais e mar an ceudna puist trì‐fichead làmh‐choille, eadhon gu bhith nam puist don gheata, air gach taobh den chùirt. Agus o aghaidh geata an dol a‑steach, gu aghaidh sgàth‐thaigh a’ gheata a‑staigh, bha deich agus dà‑fhichead làmh‐choille. Agus bha uinneagan cumhang ris na seòmraichean beaga, agus rin aghaidh an taobh a‑staigh den gheata mun cuairt, agus mar an ceudna ris na sgàth‐thaighean; agus bha uinneagan mun cuairt air an taobh a‑staigh: agus air gach post bha croinn‐phailme. An sin thug e mi don chùirt a ‑staigh, agus, feuch, seòmraichean agus ùrlar dèante airson na cùirte timcheall air gach taobh: bha deich‐seòmraichean‐fichead anns an ùrlar. Agus an t‑ùrlar ri taobh nan geatachan, thall fa chomhair leud nan geatachan, b’e sin an t‑ùrlar a b’ìsle. An sin thomhais e an leud o aghaidh a’ gheata a b’ìsle, gu aghaidh a‑muigh na cùirte a b’fhaide steach, ceud làmh‐choille ris an àird an ear. An sin thug e mi gus an taobh mu thuath, agus thomhais e fad geata na cùirte a‑muigh a tha ag amharc ris an àird a tuath, agus a leud. Agus b’iad a sheòmraichean beaga, trì air an taobh seo, agus trì air an taobh ud; agus bha a phuist agus a sgàth‐thaighean a rèir tomhas a’ chiad gheata; b’e deich agus dà‑fhichead làmh‐choille a fhad; agus còig làmhan‐coille ar fhichead a àirde. Agus bha an uinneagan, agus an sgàth‐thaighean, agus an croinn‐phailme a rèir tomhas a’ gheata a tha ag amharc ris an àird an ear; agus chaidh iad suas da ionnsaigh le seachd ceuman; agus bha a sgàth‐thaighean fan comhair. Agus bha geata na cùirte a‑staigh fa chomhair a’ gheata a tha ag amharc ris an àird a tuath, mar e sin ris an àird an ear; agus thomhais e o gheata gu geata ceud làmh‐choille. An dèidh sin thug e mi air slighe na h‑àird a deas, agus, feuch, geata ris an àird a deas; agus thomhais e a phuist, agus a sgàth‐thaighean, a rèir nan tomhas ceudna. Agus bha uinneagan ann, agus na sgàth‐thaighean mun cuairt air gach taobh, cosmhail ris na h‑uinneagan sin; b’e a fhad deich agus dà‑fhichead làmh‐choille, agus a leud còig làmhan‐coille ar fhichead. Agus bha seachd ceuman gu dol suas thuige, agus bha a sgàth‐thaighean fa chomhair; agus bha croinn‐phailme air, aon air an taobh seo, agus aon eile air an taobh ud, air a phuist. Agus bha geata anns a’ chùirt a‑staigh ri deas, agus thomhais e o gheata gu geata ri deas, ceud làmh‐choille. Agus thug e mi don chùirt a‑staigh tron gheata mu dheas, agus thomhais e an geata mu dheas a rèir nan tomhas ceudna: Agus a sheòmraichean beaga, agus a phuist, agus a sgàth‐thaighean, a rèir nan tomhas ceudna; agus bha uinneagan ann, agus na sgàth‐thaighean air gach taobh mun cuairt: b’e deich agus dà‑fhichead làmh‐choille a fhad, agus còig làmhan‐coille ar fhichead a leud. Agus bha na sgàth‐thaighean air gach taobh mun cuairt, còig làmhan‐coille ar fhichead air fad, agus còig làmhan‐choille air leud. Agus bha a sgàth‐thaighean ris a’ chùirt a‑muigh, agus croinn‐phailme air a phuist: agus bha ochd ceuman na dhol suas. Agus thug e mi gus a’ chùirt a‑staigh leth ris an àird an ear, agus thomhais e an geata a rèir an tomhais seo. Agus bha a sheòmraichean beaga, agus a phuist, agus a sgàth‐thaighean a rèir nan tomhas seo; agus bha uinneagan ann, agus na sgàth‐thaighean air gach taobh mun cuairt; deich agus dà‑fhichead làmh‐choille a fhad, agus còig làmhan‐coille ar fhichead a leud. Agus bha a sgàth‐thaighean ris a chùirt a‑muigh, agus croinn‐phailme air a phuist air an taobh seo, agus air an taobh eile; agus bha ochd ceuman na dhol suas. Agus thug e mi gus an geata tuath, agus thomhais e a rèir nan tomhas seo: A sheòmraichean beaga, a phuist, agus a sgàth‐thaighean, agus a uinneagan air gach taobh mun cuairt: deich agus dà‑fhichead làmh‐choille a fhad, agus còig làmhan‐coille ar fhichead a leud. Agus bha a phuist ris a’ chùirt a‑muigh, agus croinn‐phailme air a phuist air an taobh seo, agus air an taobh eile, agus na dhol suas bha ochd ceuman. Agus bha na seòmraichean agus an dol a‑steach làimh ri puist nan geatachan, far an do nigh iad na tabhartasan‐loisgte. Agus ann an sgàth‐thaigh a’ gheata bha dà chlàr air an taobh seo, agus dà chlàr air an taobh eile, a‑chum an ìobairt‐loisgte, agus an ìobairt‐pheacaidh, agus an ìobairt‐easaontais a mharbhadh orra. Agus air an taobh a‑muigh, mar a thèid aon suas gu fosgladh a’ gheata thuath, bha dà chlàr; agus air an taobh eile, aig sgàth‐thaigh a’ gheata bha dà chlàr. Bha ceithir clàir air an taobh seo, agus ceithir clàir air an taobh ud, ri taobh a’ gheata; ochd clàir, air an do mharbh iad an ìobairtean. Agus bha na ceithir clàir de chloich shnaidhte airson na h‑ìobairt‐loisgte, làmh‐choille gu leth air fad, agus làmh‐choille gu leth air leud, agus aon làmh‐choille air àirde; air an do leag iad mar an ceudna an acfhainn leis an do mharbh iad an tabhartas‐loisgte agus an ìobairt. Agus bha cromagan iarainn de leud boise an taobh a‑staigh, air an daingneachadh mun cuairt air gach taobh; agus air na clàran bha feòil na h‑ìobairt. Agus thug e mi a‑chum a’ gheata‑staigh; agus, feuch, an sin bha dà sheòmar anns a’ chùirt a‑staigh; aon air taobh tuath a’ gheata, ag amharc ris an àird a deas, agus an t‑aon eile air taobh deas a’ gheata, ag amharc ris an àird a tuath. Agus thubhairt e rium, Tha an seòmar seo a tha ag amharc ri deas airson nan sagart a tha a’ frithealadh air coimhead an taighe. Agus tha an seòmar a tha ag amharc ri tuath airson nan sagart a tha a’ frithealadh air coimhead na h‑altarach: is iad seo mic Shadoic am measg mic Lèbhi, a tha a’ teachd dlùth don Tighearna a‑chum frithealadh dha. Mar sin thomhais e a’ chùirt, ceud làmh‐choille air fad, agus ceud làmh‐choille air leud, ceithir‐cheàrnach; agus an altair ri aghaidh an teampaill. Agus thug e mi gu sgàth‐thaigh an teampaill, agus thomhais e gach post den sgàth‐thaigh, còig làmhan‐coille air an taobh seo, agus còig làmhan‐coille air an taobh eile; agus b’e leud a’ gheata trì làmhan‐coille air an taobh seo, agus trì làmhan‐coille air an taobh eile. B’e fad an sgàth‐thaighe fichead làmh‐choille, agus a leud aon làmh‐choille deug, agus anns an dol suas da ionnsaigh bha deich ceuman: agus bha pruip aig na puist, aon air an taobh seo, agus aon air an taobh eile. Na dhèidh sin thug e mi don teampall, agus thomhais e na puist, sia làmhan‐coille air leud air an aon taobh, agus sia làmhan‐coille air leud air an taobh eile, b’e seo leud gach puist. Agus b’e leud an dorais deich làmhan‐coille; agus bha ursannan an dorais còig làmhan‐coille air an aon taobh, agus còig làmhan‐coille air an taobh eile: agus thomhais e a fhad, dà‑fhichead làmh‐choille, agus a leud fichead làmh‐choille. An sin chaidh e gus an taobh a‑staigh, agus thomhais e post an dorais dà làmh‐choille, agus an doras fhèin sia làmhan‐coille air leud, agus air gach taobh den doras seachd làmhan‐coille. Mar sin thomhais e a fhad fichead làmh‐choille, agus an leud fichead làmh‐choille, fa chomhair aghaidh an teampaill; agus thubhairt e rium, Is e seo an t‑ionad ro‑naomh. Na dhèidh sin thomhais e balla an teampaill sia làmhan‐coille; agus leud gach seòmair‐thaoibh ceithir làmhan‐coille, timcheall an teampaill air gach taobh. Agus bha na seòmraichean‐taoibh aon an dèidh aoin, trì‐deug ar fhichead ann an àireamh, agus bhuineadh iad don bhalla sin a bha mun cuairt air an teampall air cùl nan seòmraichean‐taoibh, bha greim aca dheth, ach cha robh greim aca ann am balla an teampaill. Agus bha farsaingeachd agus sìor dhol mun cuairt an àird a‑chum nan seòmraichean‐taoibh, oir chaidh cuartachadh an taighe a‑ghnàth suas mu thimcheall an taighe: agus mar sin bha leud an taighe shuas, agus air an dòigh sin bha e a’ dol am meud on t‑seòmar ìochdarach gus an t‑aon a b’àirde aig a’ mheadhon. Chunnaic mi fòs mun cuairt air an taigh, o ìochdar stèidh nan seòmraichean‐taoibh, gum b’e àirde gach aoin dhiubh slat iomlan sia làmhan‐coille mòra. B’e leud a’ bhalla, a bha eadar na seòmraichean‐taoibh a‑muigh, còig làmhan‐coille; b’e sin fhad is a bha eadar na seòmraichean‐taoibh a bha ri taobh an taighe. Agus eadar na seòmraichean eile bha fichead làmh‐choille air gach taobh mun cuairt don taigh. Agus bha dorsan nan seòmraichean‐taoibh ris an ionad a dh’fhàgadh, aon doras ris an àird a tuath, agus doras eile ris an àird a deas; agus b’e leud an ionaid a dh’fhàgadh còig làmhan‐coille air gach taobh mun cuairt. A‑nis bha an aitreabh a bha fa chomhair an àite air leth ris an àird an iar, deich agus trì‐fichead làmh‐choille air leud; agus bha balla na h‑aitreibh còig làmhan‐coille air tighead gach taobh mun cuairt; agus b’e a fhad deich agus ceithir‐fichead làmh‐choille. Mar sin thomhais e an taigh ceud làmh‐choille air fad, agus an t‑àite air leth, agus an aitreabh le a ballachan, ceud làmh‐choille air fad. Mar an ceudna leud aghaidh an taighe, agus an ionaid air leth ris an àird an ear, ceud làmh‐choille. Agus thomhais e fad na h‑aitreibh fa chomhair an àite air leth, agus a bha air a chùlaibh, agus a sheòmraichean air an taobh seo agus air an taobh eile, ceud làmh‐choille, maille ris an teampall a‑staigh, agus ri sgàth‐thaighean na cùirte; Bha puist an dorais agus na h‑uinneagan cumhang, agus na seòmraichean mun cuairt air an trì ùrlair, thall fa chomhair an dorais, falaichte le fiodh timcheall mun cuairt, agus on làr suas gu ruig na h‑uinneagan, agus bha na h‑uinneagan air an còmhdachadh; Ach os cionn an dorais, agus anns an teampall a‑muigh, gus e sin a b’fhaide a‑staigh, agus air a’ bhalla uile mun cuairt den teampall a‑staigh agus a‑muigh. Bha ceruban air an dèanamh, agus croinn‐phailme, air chor is gu robh crann‐pailme eadar cerub agus cerub; agus aig gach cerub bha dà aghaidh: Air chor is gu robh aghaidh duine ris a’ chrann‐phailme air an aon taobh, agus aghaidh leòmhainn òig ris a’ chrann‐phailme air an taobh eile; bha seo dèante air feadh an taighe uile mun cuairt. On làr gus os cionn an dorais bha ceruban air an dèanamh, agus croinn‐phailme, agus air balla an teampaill. Bha puist an teampaill ceithir‐cheàrnach, agus aghaidh an ionaid naoimh air a’ chumachd cheudna. Bha an altair fhiodha trì làmhan‐coille air àirde, agus dà làmh‐choille air fad; air a dèanamh ceàrnach le oisnean agus clàran fiodha: agus thubhairt e rium, Seo am bòrd a tha fa chomhair an Tighearna. Agus bha dà dhoras aig an teampall agus aig an ionad naomh. Agus bha dà dhuilleig aig gach doras, dà dhuilleig a’ tionndadh; dà dhuilleig airson an aon dorais, agus dà dhuilleig airson an dorais eile. Agus bha ceruban agus croinn‐phailme dèante orra, air dorsan an teampaill, mar a bha dèante air na ballachan, agus bha dèileachan tiugha air aghaidh an sgàth‐thaighe a‑muigh. Agus bha uinneagan cumhang agus croinn‐phailme air an aon taobh agus air an taobh eile, air taobhan an sgàth‐thaighe, agus air seòmraichean taoibh an taighe, agus air na dèileachan tiugha. An sin thug e a‑mach mi gus a’ chùirt a‑muigh, air slighe na h‑àird a tuath, agus thug e mi don t‑seòmar a bha os cionn an ionaid air leth, agus a bha fa chomhair na h‑aitreibh ris an àird a tuath. Fa chomhair fad ceud làmh‐choille bha an doras tuath; agus b’e an leud leth‐cheud làmh‐choille. Fa chomhair dorsan na cùirte a‑staigh, agus fa chomhair an ùrlair a bha airson na cùirte a‑muigh, bha seòmar air aghaidh seòmair air trì ùrlair. Agus fa chomhair nan seòmraichean bha àite spaisdearachd deich làmhan‐coille air leud a‑staigh, agus ceud làmh‐choille air fad; agus bha na dorsan ri tuath. Agus bha na seòmraichean uachdarach cumhang: oir aca seo chrìochnaich na seòmraichean beaga, a dh’èirich gus a’ chiad agus an dara ùrlar den aitreibh. Oir bha iad nan trì ùrlair, ach cha robh pruip aca mar phruip nan cùirtean; uime sin bha an taigh na bu chumhainge na a’ chuid a b’ìochdaraiche agus a bu mheadhonaiche on làr. Agus bha am balla a bha a‑muigh fa chomhair nan seòmraichean, leth ris a’ chùirt a b’fhaide a‑muigh air beulaibh nan seòmraichean, leth‐cheud làmh‐choille air fad. Oir b’e fad nan seòmraichean a bha anns a’ chùirt a‑muigh leth‐cheud làmh‐choille: agus, feuch, fa chomhair an teampaill bha ceud làmh‐choille. Agus fo na seòmraichean seo bha an dol a‑steach air an taobh an ear, mar thèid aon a‑steach annta on chùirt a‑muigh. Bha na seòmraichean ann an tighead balla na cùirte ris an àird an ear, thall fa chomhair an ionaid air leth, agus thall fa chomhair an taighe. Agus bha an t‑àite spaisdearachd aig an aghaidh cosmhail ris a sin a bha aig seòmraichean na h‑àird a tuath; ionnan ann am fad, agus ionnan ann an leud; agus bha an uile dhol a‑mach araon air an aon dreach, agus fòs an dorsan. Agus a rèir dorsan nan seòmraichean a bha ris an àird a deas, bha doras ann an ceann na slighe, an t‑slighe dìreach fa chomhair a’ bhalla, ris an àird an ear, mar a thèid aon a‑steach orra. An sin thubhairt e rium, Na seòmraichean mu thuath, agus na seòmraichean mu dheas, a tha fa chomhair an ionaid air leth, is seòmraichean naomh iad, far an ith na sagartan a thig dlùth don Tighearna an nithean as ro‑naoimhe: an sin cuiridh iad na nithean as ro‑naoimhe, agus an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartas‐peacaidh, agus an tabhartas‐easaontais; oir tha an t‑ionad naomh. Nuair a thèid na sagartan a‑steach ann, an sin cha tèid iad a‑mach as an ionad naomh gus a’ chùirt a‑muigh, ach an sin cuiridh iad an aodaichean, far a bheil iad a’ frithealadh; oir tha iad naomh: agus cuiridh iad orra aodaichean eile, agus thig iad dlùth do na nithean sin a tha airson a’ phobaill. A‑nis nuair a chuir e crìoch air tomhas an taighe a‑staigh, thug e a‑mach mi a‑chum a’ gheata, a tha ag amharc ris an àird an ear, agus thomhais e mun cuairt e. Thomhais e an taobh an ear leis an t‑slait‐thomhais, còig agus ceud slat leis an t‑slait‐thomhais timcheall mun cuairt. Thomhais e an taobh mu thuath, còig agus ceud slat, leis an t‑slait‐thomhais timcheall mun cuairt. Thomhais e an taobh a deas, còig agus ceud slat, leis an t‑slait‐thomhais. Thionndaidh e mun cuairt gus an taobh an iar, agus thomhais e còig agus ceud slat, leis an t‑slait‐thomhais. Thomhais e air na ceithir taobhan e: bha balla aige mun cuairt, còig agus ceud slat air fad, agus còig agus ceud air leud a dhèanamh dealachaidh eadar an t‑ionad naomh agus an t‑àite coitcheann. Na dhèidh sin thug e mi a‑chum a’ gheata, an geata a tha ag amharc ris an àird an ear: Agus, feuch, thàinig glòir Dia Israeil o shlighe na h‑àird an ear: agus bha a ghuth mar thoirm mòran uisgeachan, agus dhealraich an talamh le a ghlòir. Agus bha an sealladh seo a chunnaic mi cosmhail ris an t‑sealladh sin a chunnaic mi nuair a thàinig e a‑chum am baile a sgrios: agus bha a choslas mar an coslas a chunnaic mi aig sruth Chebair: agus thuit mi air m’aghaidh. Agus thàinig glòir an Tighearna a‑chum an teampaill, air slighe a’ gheata a tha ag amharc ris an àird an ear. An sin thog an spiorad suas mi, agus thug e mi gus a’ chùirt a‑staigh, agus feuch, lìon glòir an Tighearna an teampall. Agus chuala mi e a’ labhairt rium a‑mach as an teampall; agus sheas an duine làimh rium. Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, tha thu a’ faicinn àite mo rìgh‐chathrach, agus ionad buinn mo chas, far an gabh mi còmhnaidh ann am meadhon cloinn Israeil gu sìorraidh, agus m’ainm naomh‐sa cha truaill taigh Israeil nas mò, iad fhèin no an rìghrean, len strìopachas, no le cairbhean an rìghrean nan ionadan àrda. Le suidheachadh an stairsnich aig mo stairsnich‐sa, agus am puist aig mo phuist‐sa, agus am balla eadar mise agus iadsan, rinn iad eadhon m’ainm naomh a thruailleadh len gràinealachdan a chuir iad an gnìomh: uime sin chaith mise iad ann am chorraich. A‑nis cuireadh iad air falbh an strìopachas, agus cairbhean an rìghrean fada uam, agus gabhaidh mi còmhnaidh nam meadhon gu sìorraidh. A mhic an duine, feuch an teampall seo do thaigh Israeil, a‑chum gun gabh iad nàire den euceartan; agus tomhaiseadh iad an samhladh. Agus ma bhios nàire orra de gach nì a rinn iad, feuch dhaibh dreach an taighe, agus a chumachd, agus a dhol a‑mach, agus a theachd a‑steach, agus a uile choslas, agus a uile òrdaighean, agus a uile dheilbh, agus a uile reachdan; agus sgrìobh e nan sealladh, a‑chum gun coimhead iad a uile dhreach, agus a uile òrdaighean, agus gun dèan iad iad. Is e seo reachd an taighe: Air mullach an t‑slèibh bidh a chrìoch uile mun cuairt ro‑naomh: feuch, is e seo reachd an taighe. Agus is iad seo tomhaisean na h‑altarach ann an làmhan‐coille, le leud boise ris gach aon làmh‐choille; bidh eadhon làmh‐choille na bonn, agus làmh‐choille na leud, agus rèis na h‑iomall air an oir mun cuairt; agus bidh seo na chuartachadh don altair. Agus on bhonn air an làr gu ruig an suidheachadh ìochdarach bidh dà làmh‐choille, agus aon làmh‐choille an leud; agus on t‑suidheachadh as lugha gus an suidheachadh as mò, bidh ceithir làmhan‐coille, agus an leud aon làmh‐choille. Mar sin bidh an altair ceithir làmhan‐coille: agus on altair an àird bidh ceithir adhaircean. Agus bidh an altair dà làmh‐choille dheug air fad, a dhà‐dheug air leud, ceithir‐cheàrnach na ceithir cheàrnan. Agus bidh am bonn ceithir làmhan‐coille deug air fad, agus ceithir‐deug air leud na cheithir cheàrnan; agus bidh an oir mun cuairt oirre leth làmh‐choille; agus bidh a bonn làmh‐choille mun cuairt, agus amhaircidh a ceuman ris an àird an ear. Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is iad seo òrdaighean na h‑altarach anns an là anns an dèan iad i, a‑chum tabhartasan‐loisgte ìobradh oirre, agus a‑chum fuil a chrathadh oirre. Agus bheir thu do na sagartan, na Lèbhithich, a tha de shliochd Shadoic, a thig dlùth dhòmhsa a‑chum frithealadh dhomh, tha an Tighearna Dia ag ràdh, tarbh òg mar thabhartas‐peacaidh. Agus gabhaidh tu de a fhuil, agus cuiridh tu i air a ceithir adhaircean, agus air ceithir ceàrnan a buinn, agus air an oir mun cuairt: mar seo glanaidh agus nighidh tu i. Gabhaidh tu fòs tarbh na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus loisgidh esan e ann an ionad òrdaichte an taighe, an taobh a‑muigh den naomh‐ionad. Agus air an dara là ìobraidh tu meann de na gobhair gun ghaoid, airson tabhartais‐pheacaidh; agus glanaidh iad an altair, mar a ghlan iad i leis an tarbh. Nuair a sguireas tu de a glanadh, ìobraidh tu tarbh òg gun ghaoid, agus reithe as an treud gun ghaoid. Agus ìobraidh tu iad an làthair an Tighearna, agus tilgidh na sagartan salann orra, agus ìobraidh iad suas iad mar ìobairt‐loisgte don Tighearna. Seachd làithean deasaichidh tu, gach aon là, gobhar airson ìobairt‐pheacaidh: deasaichidh iad fòs tarbh òg agus reithe as an treud gun ghaoid. Seachd làithean glanaidh iad an altair, agus nighidh iad i, agus naomhaichidh iad iad fhèin. Agus nuair a bhios na làithean seo air an crìochnachadh, tàrlaidh air an ochdamh là, agus mar sin sìos, gun ìobair na sagartan ur n‑ìobairtean‐loisgte air an altair, agus ur n‑ìobairtean‐sìth, agus gabhaidh mise ribh, deir an Tighearna Iehòbhah. An sin thug e mi air m’ais air slighe geata an ionaid naoimh a‑muigh, a tha ag amharc ris an àird an ear, agus bha e druidte. An sin thubhairt an Tighearna rium, Bidh an geata seo druidte, chan fhosglar e, agus cha tèid neach air bith a‑steach air, a chionn gun deachaidh an Tighearna, Dia Israeil, a‑steach air. Uime sin bidh e druidte air a’ phrionnsa; am prionnsa fhèin suidhidh ann a dh’ithe arain an làthair an Tighearna; thèid e a‑steach air slighe cùirt a’ gheata, agus thig e a‑mach air an t‑slighe cheudna. An sin thug e mi air slighe a’ gheata thuath, fa chomhair an teampaill, agus dh’amhairc mi, agus, feuch, lìon glòir an Tighearna teampall an Tighearna; agus thuit mise air m’aghaidh. Agus thubhairt an Tighearna rium, A mhic an duine, thoir geur‐aire, agus feuch led shùilean, agus cluinn led chluasan, gach nì a their mise riut mu thimcheall uile òrdaighean taigh an Tighearna, agus a uile reachdan, agus thoir aire mhath do dhol a‑steach an taighe, le uile dhol a‑mach an ionaid naoimh. Agus their thu ris an taigh cheannairceach, ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, O thaigh Israeil, gum bu leòr leibh de ur n‑uile ghràinealachdan; Gun tug sibh coigrich neo‐thimcheall‐gheàrrte nan cridhe, agus neo‐thimcheall‐gheàrrte nam feòil, gu bhith ann am naomh‐ionad‐sa, a thruailleadh mo thaighe, am feadh a tha sibh a’ tìodhlacadh dhòmhsa an arain, na saill, agus na fala; agus bhris sibh mo choicheangal le ur n‑uile ghràinealachdan. Agus cha do ghlèidh sibh cùram mo nithean naomh; ach chuir sibh luchd‐coimhead mo chùraim ann am ionad naomh air ur son fhèin. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cha tèid aon choigreach neo‐thimcheall‐gheàrrte na chridhe, no neo‐thimcheall‐gheàrrte na fheòil, a‑steach dom ionad naomh‐sa, de choigreach air bith a tha am measg chloinn Israeil. Agus na Lèbhithich a dh’imich am fad uamsa, nuair a chaidh Israel air seachran, a dh’fhalbh air seachran uamsa an dèidh an iodhalan, giùlainidh eadhon iadsan an aingidheachd. Gidheadh bidh iad nan luchd‐frithealaidh ann am ionad naomh, air am bi cùram geatachan an teampaill, agus a bhios a’ frithealadh don teampall: marbhaidh iad an tabhartas‐loisgte agus an ìobairt airson an t‑sluaigh, agus seasaidh iad nan làthair gu frithealadh dhaibh: A chionn gun do rinn iad frithealadh dhaibh ann an làthair an iodhalan, agus gun tug iad air taigh Israeil tuiteam gu aingidheachd; uime sin thog mise suas mo làmh nan aghaidh, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, agus giùlainidh iad an aingidheachd. Agus cha tig iad am fagas dhòmhsa a dhèanamh dleasdanas sagairt dhomh, no a theachd dlùth do bheag air bith dem nithean naomha anns an ionad as ro‑naoimhe: ach giùlainidh iad an nàire, agus an gràinealachdan a chuir iad an gnìomh. Ach nì mi iad nan luchd‐coimhead cùram an taighe, airson a uile sheirbhis, agus airson gach uile nì a bhios ri dhèanamh ann. Ach na sagartan, na Lèbhithich, mic Shadoic, a choimhead cùram m’ionaid naoimh, nuair a chaidh clann Israeil air seachran uam, thig iadsan dlùth dhomh, a‑chum frithealadh dhomh, agus seasaidh iad ann am fhianais a dh’ìobradh dhomh na saill agus na fala, deir an Tighearna Iehòbhah: Thèid iad a‑steach dom ionad naomh, agus thig iad dlùth dom bhòrd, a‑chum frithealadh dhomh, agus coimheadaidh iad mo chùram. Agus tàrlaidh, nuair a thèid iad a‑steach air geatachan na cùirte a‑staigh, gum bi iad air an èideadh le aodach‐lìn; agus cha tig olann air bith orra, am feadh a tha iad a’ frithealadh ann an geatachan na cùirte a‑steach, agus an taobh a‑staigh. Bidh curraicean lìn air an cinn, agus bidh triubhais lìn air an leasraidh: cha chrioslaich iad iad fhèin le aon nì a thogas fallas. Agus nuair a thèid iad a‑mach don chùirt a‑muigh, a‑chum an t‑sluaigh, cuiridh iad dhiubh an aodaichean anns an do rinn iad frithealadh, agus cuiridh iad anns na seòmraichean naomha iad, agus cuiridh iad orra aodaichean eile, agus cha naomhaich iad am poball nan aodaichean. Cha mhò a lomas iad an cinn, no a dh’fhuilingeas iad dan ciabhan fàs fada; cha dèan iad ach a‑mhàin an cinn a bharradh. Cha mhò a dh’òlas sagart air bith fìon, nuair a thèid iad a‑steach don chùirt a‑staigh. Cha mhò a ghabhas iad dhaibh fhèin mar mhnaoi bantrach, no bean a chuireadh air falbh: ach gabhaidh iad maighdeannan de shliochd taigh Israeil, no bantrach aig an robh sagart roimhe. Agus teagaisgidh iad dom shluagh‐sa an dealachadh eadar naomh agus mì‑naomh, agus bheir iad orra dealachadh a chur eadar an glan agus an neòghlan. Agus ann an còmhstri seasaidh iad ann am breitheanas; bheir iad breith air a rèir mo reachdan‐sa; agus coimheadaidh iad mo lagh agus mo reachdan, ann am uile choitheanail, agus naomhaichidh iad mo shàbaidean. Agus cha tig iad dlùth do dhuine marbh gu iad fhèin a thruailleadh: ach airson athar, no airson màthar, no airson mic, no airson nighinn, airson bràthar, no airson peathar aig nach robh fear, faodaidh iad iad fhèin a thruailleadh. Agus an dèidh dha a bhith air a ghlanadh, nì iad seachd làithean àireamh dha. Agus air an là anns an tèid e a‑steach don ionad naomh, don chùirt a‑staigh, gu frithealadh anns an ionad naomh, bheir e seachad a thabhartas‐peacaidh, deir an Tighearna Dia. Agus cha bhi oighreachd air bith aca; is mise an oighreachd: agus cha toir sibh dhaibh sealbh air bith ann an Israel; is mise an sealbh. Ithidh iad an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartas‐peacaidh, agus an tabhartas‐easaontais; agus acasan bidh gach uile nì coisrigte ann an Israel. Agus bidh toiseach ciad‐thoradh nan uile nithean, agus gach uile thabhartas de gach seòrsa de ur tabhartais aig na sagartan: bheir sibh mar an ceudna don t‑sagart toiseach ur taoise, a‑chum gun toir e air a bheannachadh còmhnaidh a ghabhail ann ad thaigh. Chan ith an sagart de nì air bith a dh’eugas leis fhèin, no a bhios reubte, mas eun no ainmhidh e. Mar an ceudna nuair a roinneas sibh le crannchur am fearann mar oighreachd, bheir sibh tabhartas don Tighearna, earrann naomh den fhearann: is e a fhad còig‐mìle‐fichead làmh‐choille, agus a leud deich mìle; bidh seo naomh na uile chrìochan mun cuairt. Dheth seo bidh airson an ionaid naoimh còig ceud air fad, le còig ceud air leud, ceithir‐cheàrnach mun cuairt; agus leth‐cheud làmh‐choille mun cuairt, airson a dhlùth‐bhailtean. An dèidh an tomhais seo, tòimhsidh tu ann am fad còig‐mìle‐fichead, agus ann an leud deich mìle; agus an sin bidh an t‑ionad naomh, an t‑àite ro‑naomh. Bidh a’ chuid seo den fhearann naomh do na sagartan, luchd‐frithealaidh an ionaid naoimh, a thig dlùth a‑chum frithealadh don Tighearna; agus bidh e na ionad airson an taighean, agus na àite naomh airson an naomh‐ionaid. Agus fòs còig‐mìle‐fichead air fad, agus deich mìle air leud bidh aig na Lèbhithich, luchd‐frithealaidh an taighe, air an son fhèin, mar sheilbh airson fichead seòmar. Agus òrdaichidh sibh mar sheilbh na cathrach còig mìle làmh‐choille air leud, agus còig‐mìle‐fichead air fad, thall fa chomhair àite an ionaid naoimh: bidh e aig uile thaigh Israeil. Agus bidh aig an uachdaran air an aon taobh, agus air an taobh eile de chuibhreann an ionaid naoimh, agus de sheilbh na cathrach, fa chomhair cuibhreann an ionaid naoimh, agus fa chomhair seilbh na cathrach, on taobh an iar, ris an iar: agus on taobh an ear, ris an ear; agus bidh am fad thall fa chomhair aoin de na h‑earrannan, on iomall an iar gus an iomall an ear. Anns an fhearann bidh a shealbh ann an Israel; agus cha sàraich m’uachdarain‐sa nas mò mo shluagh: agus am fearann bheir iad do thaigh Israeil a rèir am fineachan. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gum bu leòr leibh, O uachdarana Israeil: cuiribh uaibh ainneart agus creach, agus dèanaibh breitheanas agus ceartas, togaibh leibh ur n‑aintighearnas om shluagh‐sa, deir an Tighearna Iehòbhah. Bidh agaibh meidhean cothromach, agus ephah chothromach, agus bat cothromach. Bidh an ephah agus am bat de aon tomhas, air chor is gun cùm am bat an deicheamh cuid de homer, agus an ephah an deicheamh cuid de homer: bidh a thomhas a rèir an homeir: Agus bidh ann an secel fichead gerah: fichead secel, còig seceil ar fhichead, còig‐seceil‐deug, bidh sin na mhaneh agaibh. Seo an tabhartas a bheir sibh uaibh; an siathamh cuid de ephah à homer cruithneachd, agus bheir sibh an siathamh cuid de ephah à homer eòrna. A‑thaobh reachd na h‑ola, am bat ola, bheir sibh uaibh an deicheamh cuid de bhat as a’ chòrr, is e sin homer deich bhat; oir is deich bait a tha ann an homer: Agus aon uan as an treud, à dà cheud, à ionaltradh reamhar Israeil, airson tabhartais‐bhìdh, agus airson ìobairt‐loisgte agus airson thabhartas‐sìthe, a‑chum rèite a dhèanamh air an son, deir an Tighearna Dia. Bheir uile shluagh an fhearainn an tabhartas seo airson an uachdarain ann an Israel. Agus buinidh e don phrionnsa tabhartasan‐loisgte, agus tabhartasan‐bìdh, agus tabhartasan‐dibhe a thoirt uaithe air na làithean fèille, agus air na gealaichean nuadha, agus air na sàbaidean, agus air uile àrd‐fhèillean taigh Israeil: deasaichidh e an tabhartas‐peacaidh, agus an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartas‐loisgte, agus na tabhartasan‐sìthe, a dhèanamh rèite airson taigh Israeil. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns a’ chiad mhìos air a’ chiad là den mhìos, gabhaidh tu tarbh òg gun ghaoid, agus glanaidh tu an naomh‐ionad. Agus gabhaidh an sagart de fhuil na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus cuiridh e i air puist an taighe, agus air ceithir ceàrnan bonn na h‑altarach, agus air puist geata na cùirte a‑staigh. Agus mar sin nì thu air an t‑seachdamh là den mhìos, airson gach aoin a thèid air seachran, agus a nì gu h‑amaideach: mar sin nì sibh rèite airson an teampaill. Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh‐là‑deug den mhìos, bidh a’ chàisg agaibh, fèill seachd làithean; ithear aran gun ghortachadh. Agus air an là sin deasaichidh am prionnsa air a shon fhèin, agus airson uile shluagh an fhearainn, tarbh airson ìobairt‐pheacaidh. Agus air seachd làithean na fèille deasaichidh e ìobairt‐loisgte don Tighearna, seachd tairbh, agus seachd reitheachan gun ghaoid, gach là, fad nan seachd làithean, agus meann de na gobhair gach là airson ìobairt‐pheacaidh. Agus deasaichidh e tabhartas‐bìdh, eadhon ephah airson tairbh, agus ephah airson reithe, agus hin ola airson ephah. Anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chòigeamh‐là‑deug den mhìos, nì e a rèir sin air fèill nan seachd làithean, a rèir an tabhartais‐pheacaidh, a rèir na h‑ofrail‐loisgte, agus a rèir an tabhartais‐bhìdh, agus a rèir na h‑ola. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh geata na cùirte a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird an ear, druidte rè nan sia làithean obrach: ach air an t‑sàbaid bidh e fosgailte, agus air là na rè nuaidh bidh e fosgailte. Agus thèid an t‑uachdaran a‑steach air slighe sgàth‐thaigh a’ gheata an taobh a‑muigh, agus seasaidh e aig ursann a’ gheata, agus deasaichidh na sagartan a thabhartas‐loisgte, agus a thabhartasan‐sìthe, agus nì e adhradh aig stairsnich a’ gheata: an sin thèid e a‑mach, ach cha druidear an geata gu anmoch. Mar an ceudna nì sluagh an fhearainn adhradh aig doras a’ gheata seo an làthair an Tighearna, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nuadha. Agus is i an ìobairt‐loisgte a bheir an t‑uachdaran don Tighearna air là na sàbaid, sia uain gun ghaoid, agus reithe gun ghaoid. Agus is e an tabhartas‐bìdh ephah airson reithe, agus an tabhartas‐bìdh airson nan uan mar a bhios na chomas a thoirt uaithe, agus hin ola airson ephah. Agus air là na rè nuaidh bheir e tarbh òg gun ghaoid, agus sia uain, agus reithe: bidh iad gun ghaoid. Agus deasaichidh e tabhartas‐bìdh, ephah airson tairbh, agus ephah airson reithe: agus airson nan uan a rèir mar a bhios na chomas, agus hin ola airson ephah. Agus nuair a thèid an t‑uachdaran a‑steach, thèid e a‑steach air slighe sgàth‐thaigh a’ gheata, agus thèid e a‑mach air an t‑slighe sin. Ach nuair a thig muinntir an fhearainn an làthair an Tighearna anns na h‑àrd‐fhèillean, esan a thèid a‑steach air slighe a’ gheata thuath gu adhradh, thèid e a‑mach air slighe a’ gheata dheas; agus esan a thèid a‑steach air slighe a’ gheata dheas, thèid e a‑mach air slighe a’ gheata thuath, cha till e air slighe a’ gheata air an deachaidh e a‑steach, ach thèid e a‑mach thall fa chomhair. Agus thèid an t‑uachdaran a‑steach nam meadhon nuair a thèid iad a‑steach; agus nuair a thèid iad a‑mach, thèid e a‑mach. Agus air na fèillean, agus air na h‑àrd‐fhèillean, is e an tabhartas‐bìdh ephah airson tairbh, agus ephah airson reithe, agus airson nan uan a rèir a chomais, agus hin ola airson ephah. A‑nis nuair a dheasaicheas an t‑uachdaran o a thoil fhèin ìobairt‐loisgte, no tabhartasan‐sìthe, gu toileach don Tighearna, fosglar dha an sin an geata a tha ag amharc ris an àird an ear, agus ullaichidh e ìobairt‐loisgte, agus a thabhartas‐sìth mar a rinn e air là na sàbaid: an sin thèid e a‑mach, agus an dèidh dha dol a‑mach, druidear an doras. Ullaichidh tu gach là tabhartas‐loisgte don Tighearna, uan den chiad bhliadhna gun ghaoid; ullaichidh tu e gach aon mhadainn. Agus ullaichidh tu tabhartas‐bìdh air a shon gach aon mhadainn, an siathamh cuid a dh’ephah, agus an treas cuid de hin ola, a‑chum a mheasgadh leis a’ mhìn‐chruithneachd; tabhartas‐bìdh a‑ghnàth, le òrdagh sìorraidh don Tighearna. Mar seo ullaichidh iad an t‑uan, agus an tabhartas‐bìdh, agus an ola gach aon mhadainn, mar ìobairt‐loisgte ghnàthaichte. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ma bheir an t‑uachdaran tìodhlac do aon air bith de a mhic, bidh a shealbh sin aig a mhic; bidh a shealbh aca mar oighreachd. Ach ma bheir e tìodhlac do aon de a sheirbhisich, an sin bidh e aigesan gu bliadhna na saorsa: na dhèidh sin tillidh e a‑chum an uachdarain; ach bidh oighreachd aig a mhic dhaibh fhèin. A thuilleadh air seo cha ghabh an t‑uachdaran de oighreachd an t‑sluaigh le ainneart, a‑chum an tilgeadh a‑mach as an seilbh: ach bheir e da mhic oighreachd as a sheilbh fhèin: a‑chum nach bi mo shluagh‐sa air an sgapadh gach aon o a sheilbh. Na dhèidh sin thug e mi tron fhosgladh, a bha aig taobh a’ gheata, gu seòmraichean naomha nan sagart, a bha ag amharc ri tuath; agus, feuch, bha àite an sin aig oisinn na h‑àird an iar. An sin thubhairt e rium, Seo an t‑àite anns am bruich na sagartan an ìobairt‐easaontais, agus an ìobairt‐pheacaidh, far am fuin iad an tabhartas‐bìdh: a‑chum nach toir iad a‑mach iad gus a’ chùirt a‑muigh, gus an sluagh a naomhachadh. An sin thug e a‑mach mi gus a’ chùirt a‑muigh, agus thug e orm gabhail seachad air ceithir oisnean na cùirte; agus, feuch, bha cùirt anns gach aon oisinn den chùirt. Ann an ceithir oisnean na cùirte bha cùirtean ceangailte rithe, dà‑fhichead làmh‐choille air fad, agus deich‐ar‑fhichead air leud: bha na ceithir oisnean seo de aon tomhas. Agus bha aca balla mun cuairt dhaibh nan ceithir, agus ionadan‐bruichidh dèante fon bhalla mun cuairt. An sin thubhairt e rium, Is iad seo àiteachan na muinntir a bhruicheas, far am bruich luchd‐frithealaidh an teampaill ìobairtean an t‑sluaigh. Na dhèidh sin thug e mi a‑rìs gu doras an teampaill, agus, feuch, bhrùchd uisgeachan a‑mach o ìochdar stairsneach an taighe ris an àird an ear: oir bha aghaidh an taighe ris an àird an ear, agus thàinig na h‑uisgeachan a‑nuas fodha o thaobh a deas an taighe, air taobh mu dheas na h‑altarach. An sin thug e a‑mach mi air slighe a’ gheata mu thuath, agus thug e orm siubhal mun cuairt air an t‑slighe a‑muigh gus an geata a‑muigh, air an t‑slighe tha ag amharc ris an àird an ear, agus, feuch, ruith uisgeachan a‑mach air an taobh a deas. Agus nuair a chaidh an duine aig an robh an t‑sreang na làimh a‑mach air slighe na h‑àird an ear, thomhais e mìle làmh‐choille, agus thug e mi tro na h‑uisgeachan: bha na h‑uisgeachan gu ruig na h‑aobrainn. A‑rìs thomhais e mìle, agus thug e mi tro na h‑uisgeachan; bha na h‑uisgeachan gu ruig na glùinean: a‑rìs thomhais e mìle, agus thug e mi tro na h‑uisgeachan; bha na h‑uisgeachan gu ruig na leasraidh. Na dhèidh sin thomhais e mìle; agus bha e na shruth nach b’urrainn mi dol thairis air: oir bha na h‑uisgeachan air èirigh, uisgeachan airson snàmh annta, abhainn nach faodte dol troimhpe. Agus thubhairt e rium, Nach faca tu, a mhic an duine? An sin thug e leis mi, agus thug e orm tilleadh gu bruaich na h‑aibhne. A‑nis nuair a thill mi, feuch, air bruaich na h‑aibhne bha ro‑mhòran chraobh, air an taobh seo, agus air an taobh eile. An sin thubhairt e rium, Tha na h‑uisgeachan seo ag imeachd a‑mach rathad tìr na h‑àird an ear, agus a’ dol sìos don fhàsach, agus a’ dol a‑steach don fhairge; nuair a bheirear iad a‑mach a‑chum na fairge, lèighsear na h‑uisgeachan. Agus tàrlaidh, gach aon bheathach beò a tha a’ gluasad taobh air bith gus an tig na h‑aibhnichean, mairidh e beò: agus bidh ro‑mhòran èisg ann, a chionn gun tig na h‑uisgeachan seo thuige: oir lèighsear iad, agus mairidh gach nì beò far an tig an abhainn. Agus tàrlaidh gun seas na h‑iasgairean oirre, o Engedi gu ruig Eneglaim; bidh iad nan ionad a sgaoileadh a‑mach lìon, bidh an iasg a rèir an seòrsa, mar iasg na fairge mòire, ro‑lìonmhor. Ach a làthach, agus a àiteachan fliucha cha bhi air an leigheas, bheirear iad thairis gu salann. Agus air taobh na h‑aibhne, air a bruaich, air an taobh seo, agus air an taobh eile, fàsaidh na h‑uile chraobhan airson bìdh, aig nach bi an duilleach air seargadh, no an toradh air a chaitheamh: bheir e a‑mach toradh nuadh a rèir a mhìosan, do bhrìgh gun do shruth uisgeachan a‑mach on ionad naomh; agus bidh a thoradh airson bìdh, agus a dhuilleach airson leighis. Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Seo a’ chrìoch leis an sealbhaich sibh am fearann, a rèir dà‑threubh‐dheug Israeil: bidh dà roinn aig Iòseph. Agus sealbhaichidh sibh e, aon cho math ri chèile: oir am fearann seo mun do thog mise suas mo làmh gun tugainn e dur n‑athraichean, tuitidh oirbhse mar oighreachd. Agus seo crìoch an fhearainn air an taobh mu thuath, on fhairge mhòir, slighe Hetloin, mar a thèid daoine gu Sedad: Hamat, Berotah, Sibraim, a tha eadar crìoch Dhamascais agus crìoch Hamait; Hasar‐haticon, a tha làimh ri iomall Haurain. Agus on fhairge bidh a’ chrìoch aig Haser‐enan, crìoch Dhamascais, agus an àird a tuath air an taobh mu thuath, agus crìoch Hamait: agus seo an taobh mu thuath. Agus an taobh an ear tòimhsidh sibh o Hauran, agus o Dhamascas, agus o Ghilead, agus o fhearann Israeil làimh ri Iòrdan, on chrìch gu ruig an fhairge an ear: agus seo an taobh an ear. Agus an taobh deas mu dheas o Thamar, gu uisgeachan na strì ann an Cades, an sruth gus an fhairge mhòr: agus seo an taobh deas mu dheas. An taobh an iar mar an ceudna bidh aig an fhairge mhòir on iomall, gus an tig duine a‑nall fa chomhair Hamait; seo an taobh an iar. Mar seo roinnidh sibh am fearann seo dhuibh, a rèir fineachan Israeil. Agus tàrlaidh gun roinn sibh e le crannchur airson oighreachd dhuibh fhèin, agus do na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a ghineas clann nur measg: agus bidh iad dhuibh mar gum biodh iad air am breith anns an dùthaich am measg chloinn Israeil; bidh oighreachd aca maille ribh, am measg fineachan Israeil. Agus tàrlaidh, anns an treubh anns am bi an coigreach air chuairt, an sin gun toir sibh dha oighreachd, deir an Tighearna Dia. A‑nis is iad seo ainmean nan treubh. On cheann mu thuath gu iomall slighe Hetloin, mar a thèid neach gu Hamat, Hasarenan, crìoch Dhamascais mu thuath, gu iomall Hamait (oir is iad seo a thaobhan an ear agus an iar), bidh aon roinn aig Dan. Agus làimh ri crìch Dhain, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Aser. Agus làimh ri crìch Aseir, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Naphtali. Agus làimh ri crìch Naphtali, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Manaseh. Agus làimh ri crìch Mhanaseh, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Ephraim. Agus làimh ri crìch Ephraim, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Reuben. Agus làimh ri crìch Reubein, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Iùdah. Agus làimh ri crìch Iùdah, on taobh an ear gus an taobh an iar, bidh an tabhartas a bheir sibh seachad, còig‐mìle‐fichead làmh‐choille air leud, agus air fad mar aon de na h‑earrannan eile, on taobh an ear gus an taobh an iar, agus bidh an t‑ionad naomh na mheadhon. An tabhartas a bheir sibh seachad don Tighearna, bidh e còig‐mìle‐fichead làmh‐choille air fad, agus deich mìle làmh‐choille air leud. Agus air an son‐san, airson nan sagart, bidh an tabhartas naomh seo, ris an àird a tuath, còig‐mìle‐fichead làmh‐choille air fad, agus ris an àird an iar, deich mìle làmh‐choille air leud, agus ris an àird an ear, deich mìle làmh‐choille air leud, agus ris an àird a deas, còig‐mìle‐fichead làmh‐choille air fad; agus bidh ionad naomh an Tighearna na mheadhon. Bidh e airson nan sagart a tha naomhaichte, de mhic Shadoic, a choimhead an nì a dh’earb mise riu, nach deachaidh air seachran nuair a chaidh clann Israeil air seachran, mar a chaidh na Lèbhithich air seachran. Agus is ro‑naomh dhaibhsan tabhartas seo an fhearainn, làimh ri crìch nan Lèbhitheach. Agus thall fa chomhair crìoch nan sagart, bidh aig na Lèbhithich còig‐mìle‐fichead làmh‐choille air fad, agus deich mìle làmh‐choille air leud; is e am fad uile còig‐mìle‐fichead làmh‐choille, agus an leud deich mìle. Agus cha reic iad dheth, cha mhò a nì iad a mhalairt, no a bheir iad uapa ciad‐thoradh an fhearainn: oir tha e naomh don Tighearna. Agus bidh na còig mìle làmh‐choille a tha air am fàgail anns an leud, thall fa chomhair nan còig‐mìle‐fichead na ionad nach bi naomh, airson a’ bhaile, airson còmhnaidh, agus airson dlùth‐bhailtean; agus bidh am baile na mheadhon. Agus seo a thomhaisean; an taobh mu thuath ceithir mìle agus còig ceud, agus an taobh mu dheas ceithir mìle agus còig ceud, agus air an taobh an ear ceithir mìle agus còig ceud, agus an taobh an iar ceithir mìle agus còig ceud. Agus bidh dlùth‐bhailtean na cathrach ris an àird a tuath dà cheud agus leth‐cheud, agus ris an àird a deas dà cheud agus leth‐cheud, agus ris an àird an ear dà cheud agus leth‐cheud, agus ris an àird an iar dà cheud agus leth‐cheud. Agus bidh a’ chuid eile air leud, thall fa chomhair tabhartas a’ chuibhrinn naoimh, deich mìle ris an taobh an ear, agus deich mìle ris an taobh an iar: agus bidh e thall fa chomhair tabhartas a’ chuibhrinn naoimh; agus bidh a chinneas mar lòn do luchd‐frithealaidh na cathrach. Agus nì a’ mhuinntir a fhrithealas don bhaile frithealadh dha à uile threubhan Israeil. Is e an tabhartas uile còig‐mìle‐fichead, le còig‐mìle‐fichead: bheir sibh seachad an tabhartas naomh ceithir‐cheàrnach, maille ri seilbh na cathrach. Agus bidh a’ chuid eile airson an uachdarain, air an taobh seo, agus air an taobh eile den tabhartas naomh, agus de sheilbh na cathrach, thall fa chomhair nan còig‐mìle‐fichead leth ris a’ chrìch an iar, thall fa chomhair nan cuibhreann airson an uachdarain; agus bidh e seo na thabhartas naomh, agus bidh naomh‐ionad an teampaill na mheadhon. An dèidh sealbh nan Lèbhitheach, agus sealbh na cathrach, bidh sin anns a’ mheadhon aig an uachdaran, eadar crìoch Iùdah agus crìoch Bheniàmin, bidh seo aig an uachdaran. A‑thaobh na cuid eile de na treubhan, on taobh an ear gus an taobh an iar, bidh aon roinn aig Beniàmin. Agus làimh ri crìch Bheniàmin, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Simeon. Agus làimh ri crìch Shimeoin, on taobh an ear gus an taobh iar, aon aig Isachar. Agus làimh ri crìch Isachair, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Sebulun. Agus làimh ri crìch Shebuluin, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Gad. Agus làimh ri crìch Ghaid, aig an taobh deas mu dheas, bidh a’ chrìoch o Thamar, eadhon gu uisgeachan na strì ann an Cades, gus an abhainn leth ris an fhairge mhòir. Seo am fearann a roinneas sibh le crannchur do threubhan Israeil airson oighreachd, agus seo na cuibhreannan aca, deir an Tighearna Dia. Agus seo dol a‑mach na cathrach air an taobh mu thuath, ceithir mìle agus còig ceud tomhas. Agus bidh geatachan na cathrach a rèir ainmean treubhan Israeil, trì geatachan ris an àird a tuath; aon gheata do Reuben, aon gheata do Iùdah, aon gheata do Lèbhi. Agus air an taobh an ear ceithir mìle agus còig ceud: agus trì geatachan; aon gheata do Iòseph, aon gheata do Bheniàmin, aon gheata do Dhan. Agus air an taobh mu dheas ceithir mìle agus còig ceud tomhas: agus trì geatachan; aon gheata do Shimeon, aon gheata do Isachar, aon gheata do Shebulun. Air an taobh an iar ceithir mìle agus còig ceud, len trì geatachan; aon gheata do Ghad, aon gheata do Aser, aon gheata do Naphtali. Bha e mun cuairt ochd‐mìle‐deug tomhas: agus bidh mar ainm air a’ chathair on là sin, Tha an Tighearna an sin. Anns an treas bliadhna de linn Iehoiacim rìgh Iùdah, thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin gu Ierusalem, agus chuartaich e le feachd e. Agus thug an Tighearna Iehoiacim rìgh Iùdah da làimh, le cuid de shoithichean taigh Dhè, a thug e gu tìr Shìnair, gu taigh a dhè; seadh, thug e na soithichean gu taigh‐tasgaidh a dhè. Agus labhair an rìgh ri Aspenas, uachdaran a chaillteanach, gun tugadh e leis cuid de chloinn Israeil, agus de shliochd an rìgh, agus de na prionnsachan; Clann air nach robh ciurram air bith, ach a bha maiseach, agus fòghlaimte anns a h‑uile gliocas, agus fiosrach ann an eòlas, agus seòlta air ealdhain, agus a bha comasach air seasamh ann an lùchairt an rìgh, agus dom faodadh iad fòghlam agus teanga nan Caldèanach a theagasg. Agus dh’òrdaich an rìgh dhaibh lòn làitheil de bhiadh an rìgh, agus den fhìon a bha e ag òl: mar sin gan àrachadh trì bliadhna, a‑chum gun seasadh iad an ceann na h‑aimsir sin an làthair an rìgh. A‑nis am measg na muinntir seo bha de chloinn Iùdah, Daniel, Hananiah, Misael, agus Asariah; Don tug uachdaran nan caillteanach ainmean: oir thug e air Daniel mar ainm Beltesasar; agus air Hananiah Sadrach; agus air Misael Mesach; agus air Asariah Abed‐nego. Ach ghabh Daniel rùn na chridhe nach truailleadh e e fhèin leis a’ chuibhreann de bhiadh an rìgh, no leis an fhìon den d’òl e: uime sin ghuidh e air uachdaran nan caillteanach nach biodh e air a shalachadh. A‑nis thug Dia do Dhaniel deagh‐ghean agus coibhneas gràdhach o uachdaran nan caillteanach. Agus thubhairt uachdaran nan caillteanach ri Daniel, Tha eagal orm ro mo thighearna an rìgh, a dh’òrdaich ur biadh agus ur deoch: oir ciod uime am faiceadh e ur n‑aghaidhean nas miosa coslas na a chlann eile de ur seòrsa? An sin cuiridh sibh mise ann an cunnart mo chinn on rìgh. An sin thubhairt Daniel ri Melsar, a chuir uachdaran nan caillteanach os cionn Dhanieil, Hananiah, Mhisaeil agus Asariah, Dearbh do sheirbhisich, guidheam ort, deich làithean, agus thugar dhuinn peasair ra h‑ithe, agus uisge ra òl. An sin amhaircear air ar n‑aghaidhean ann ad làthair‐sa, agus air aghaidh na cloinne a tha ag ithe de chuibhreann‐bìdh an rìgh: agus mar a chìthear ceart dhut, buin rid sheirbhisich. Is amhail a dh’aontaich e leo anns a’ chùis seo agus dhearbh e iad deich làithean. Agus an ceann deich làithean bha dreach an aghaidhean na bu mhaisiche agus na bu shultmhoire na an uile chlann a dh’ith an cuibhreann de bhiadh an rìgh. Mar seo thug Melsar air falbh cuibhreann am bìdh, agus am fìon a bu chòir dhaibh òl; agus thug e dhaibh peasair. A‑thaobh nan ceathrar chloinne seo, thug Dia dhaibh eòlas agus tuigse anns a h‑uile fòghlam agus gliocas: agus bha tuigse aig Daniel anns na h‑uile sheallaidhean agus bhruadairean. A‑nis aig ceann nan làithean, anns an dubhairt an rìgh gun tugadh e a‑steach iad, an sin thug uachdaran nan caillteanach a‑steach iad an làthair Nebuchadnesair. Agus rinn an rìgh còmhradh riu; agus nam measg uile cha d’fhuaireadh aon cosmhail ri Daniel, Hananiah, Misael, agus Asariah: air an adhbhar sin sheas iad fa chomhair an rìgh. Agus anns na h‑uile ghnothaichean gliocais agus tuigse a dh’fhiosraich an rìgh dhiubh, fhuair e iad deich uairean na b’fheàrr na na h‑uile dhraoidhean agus speuradairean a bha na rìoghachd uile. Agus mhair Daniel gu ciad bhliadhna rìgh Chìruis. Agus anns an dara bliadhna de linn Nebuchadnesair, bhruadair Nebuchadnesar bruadar, leis an robh a inntinn air a buaireadh, agus dhealaich a chadal ris. An sin dh’àithn an rìgh na draoidhean, agus na speuradairean, agus an luchd‐fiosachd, agus na Caldèanaich, a ghairm, a dh’fheuchainn don rìgh a bhruadair: mar sin thàinig iad, agus sheas iad an làthair an rìgh. Agus thubhairt an rìgh riu, Bhruadair mi bruadar, agus bha m’inntinn air a buaireadh a dh’fhaotainn fios a’ bhruadair. An sin labhair na Caldèanaich ris an rìgh anns a’ chànain Shirianaich, O rìgh, mair beò gu bràth: innis dod sheirbhisich am bruadar, agus feuchaidh sinne a bhrìgh. Fhreagair an rìgh agus thubhairt e ris na Caldèanaich, Tha an nì air dol as m’aire; mura toir sibhse fios dhomh air a’ bhruadar le a bhrìgh, gearrar sibh nur bloighdean, agus nìthear ur taighean nan dùn aolaich. Ach ma dh’fheuchas sibh am bruadar agus a bhrìgh, gheibh sibh uamsa tìodhlacan agus duais, agus onair mhòr: uime sin feuchaibh dhomh am bruadar agus a bhrìgh. Fhreagair iadsan a‑rìs, agus thubhairt iad, Innseadh an rìgh da sheirbhisich am bruadar, agus feuchaidh sinne a bhrìgh. Fhreagair an rìgh agus thubhairt e, Tha fhios agam gu deimhinn gum b’àill leibh ùine fhaotainn, a chionn gu bheil sibh a’ faicinn gu bheil an nì air dol as m’aire. Ach mura toir sibh fios dhomh air a’ bhruadar, chan eil ach an aon bhreith dhuibh: oir dh’ullaich sibh briathran breugach agus truaillidh gu an labhairt am làthair‐sa, gu atharrachadh na h‑aimsir: uime sin innsibh dhomh am bruadar, agus aithnichidh mi gur urrainn sibh a bhrìgh fheuchainn dhomh. Fhreagair na Caldèanaich ann am fianais an rìgh, agus thubhairt iad, Chan eil duine air an talamh as urrainn gnothach an rìgh fhoillseachadh: air an adhbhar sin chan eil rìgh, no tighearna, no fear‐riaghlaidh, a dh’iarr a leithid seo de nithean air an aon draoidh, no speuradair, no Caldèanach. Agus is nì deacair a tha an rìgh ag iarraidh, agus chan eil aon air bith eile as urrainn fheuchainn fa chomhair an rìgh, ach na diathan aig nach eil an còmhnaidh maille ri feòil. Air an adhbhar seo bha an rìgh ann am feirg, agus ann an teas‐chorraich, agus dh’àithn e uile dhaoine glice Bhàbiloin a mhilleadh. Agus chaidh an t‑òrdagh a‑mach gum biodh na daoine glice air am marbhadh; agus dh’iarr iad Daniel agus a chompanaich gu bhith air am marbhadh. An sin fhreagair Daniel le comhairle agus le gliocas Arioch, ceann‐feadhna freiceadan an rìgh, a chaidh a‑mach a mharbhadh daoine glice Bhàbiloin. Fhreagair e agus thubhairt e ri Arioch, ceann‐fheadhna an rìgh, Carson a tha an t‑òrdagh cho dian on rìgh? An sin dh’innis Arioch a’ chùis do Dhaniel. An sin chaidh Daniel a‑steach, agus ghuidh e air an rìgh gun tugadh e dha ùine, agus gum feuchadh e don rìgh a’ bhrìgh. An sin chaidh Daniel ga thaigh, agus dh’innis e a’ chùis do Hananiah, Misael, agus Asariah, a chompanaich; A‑chum gun iarradh iad tròcair air Dia nèimh mu thimcheall na diamhaireachd seo; a‑chum nach bàsaicheadh Daniel agus a chompanaich leis a’ chuid eile de dhaoine glice Bhàbiloin. An sin bha an diamhaireachd air a foillseachadh do Dhaniel ann an sealladh anns an oidhche: an sin bheannaich Daniel Dia nèimh. Fhreagair Daniel, agus thubhairt e, Beannaichte gu robh ainm Dhè gu saoghal nan saoghal; oir is leis‐san gliocas agus cumhachd. Agus atharraichidh e na h‑àmannan, agus na h‑aimsirean: atharraichidh e rìghrean, agus cuiridh e suas rìghrean: bheir e gliocas don ghlic, agus eòlas dhaibhsan don aithne tuigse. Foillsichidh e na nithean domhain agus diamhair: is aithne dha ciod a tha anns an dorchadas, agus tha an solas a chòmhnaidh maille ris. Tha mi a’ toirt buidheachais agus cliù dhut, O thusa, a Dhia m’athraichean, a thug dhomh gliocas agus cumhachd, agus a thug fios dhuinn a‑nis air an nì a dh’iarr sinn ort: oir thug thu fios dhuinn a‑nis air gnothach an rìgh. Uime sin chaidh Daniel a‑steach gu Arioch, a shònraich an rìgh gu daoine glice Bhàbiloin a mhilleadh: chaidh e agus labhair e mar seo ris, Na sgrios daoine glice Bhàbiloin: thoir mise a‑steach ann am fianais an rìgh, agus feuchaidh mi don rìgh an seadh. An sin thug Arioch a‑steach Daniel ann am fianais an rìgh gu luath, agus thubhairt e mar seo ris, Fhuair mi duine de bhraighdean Iùdah, a bheir fios don rìgh air an t‑seadh. Fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ri Daniel, dom b’ainm Beltesasar, An urrainn thusa fios a thoirt dhomh air a’ bhruadar a chunnaic mi, agus air a bhrìgh? Fhreagair Daniel ann am fianais an rìgh, agus thubhairt e, An diamhaireachd a dh’iarr an rìgh chan urrainn na daoine glice, na speuradairean, na draoidhean, no an luchd‐fiosachd fheuchainn don rìgh; Ach tha Dia ann an nèamh a dh’fhoillsicheas nithean diamhair, agus a tha a’ toirt fios do Nebuchadnesar ciod a thachras anns na làithean deireannach. Do bhruadar, agus aislingean do chinn air do leabaidh, is iad seo iad: (Dod thaobh‐sa, O rìgh, thàinig do smuaintean ann ad aire air do leabaidh, na nithean a bha ri tachairt na dhèidh seo; agus tha esan a dh’fhoillsicheas nithean diamhair a’ toirt fios dhut ciod a thig gu crìch. Ach dom thaobh‐sa chan eil an diamhaireachd seo air a leigeadh ris dhomh airson gliocais air bith a tha agam thar aon duine beò, ach air an son‐san a nì a’ bhrìgh aithnichte don rìgh; agus a‑chum gum biodh fhios agadsa air smuaintean do chridhe:) Chunnaic thusa, O rìgh, agus feuch ìomhaigh mhòr: sheas an ìomhaigh mhòr seo, aig an robh dealradh òirdheirc, fad chomhair, agus bha a dreach uamhasach. Bha ceann na h‑ìomhaigh seo de òr fìnealta, a h‑uchd agus a làmhan de airgead, a brù agus a slèisdean de umha; A luirgnean de iarann, a casan, cuid de iarann, agus cuid de chriadh. Chunnaic thu gus an robh clach air a gearradh a‑mach gun làmhan, a bhuail an ìomhaigh air a casan a bha de iarann, agus de chriadh, agus a bhris nam bloighdean iad. An sin bha an t‑iarann, a’ chriadh, an t‑umha, an t‑airgead agus an t‑òr, air am briseadh nam bloighdean le chèile, agus dh’fhàs iad cosmhail ri moll nan ùrlar‐bualaidh anns an t‑samhradh, agus thug a’ ghaoth air falbh iad, air chor is nach d’fhuaireadh àite sam bith dhaibh: agus dh’fhàs a’ chlach a bhuail an ìomhaigh na sliabh mòr, agus lìon i an talamh. Seo am bruadar; agus innsidh sinn a bhrìgh an làthair an rìgh. O rìgh, is rìgh os cionn rìghrean thusa: oir thug Dia nèimh dhut rìoghachd, cumhachd, agus neart, agus glòir. Agus càit air bith a bheil clann nan daoine a’ gabhail còmhnaidh, beathaichean na machrach, agus eunlaith an adhair, thug e dod làimh‐sa, agus rinn e uachdaran dhìot os an cionn uile: is tusa an ceann seo de òr. Agus ann ad dhèidh‐sa èiridh rìoghachd eile, nas lugha na thusa, agus treas rìoghachd eile de umha, aig am bi uachdaranachd os cionn an domhain uile. Agus bidh an ceathramh rìoghachd làidir mar iarann: amhail a bhriseas iarann ann am bloighdean, agus a chlaoidheas e na h‑uile nithean: agus amhail iarann a bhriseas iad seo uile, brisidh i ann am bloighdean, agus bruthaidh. Agus mar a chunnaic thu na casan agus na meòir, cuid de chriadh a’ chreadhadair, agus cuid de iarann, bidh an rìoghachd air a roinn; ach bidh innte de neart an iarainn, anns a’ mheud is a chunnaic thu an t‑iarann air a mheasgadh le criadh làthaich. Agus mar a bha meòir nan cas, cuid de iarann, agus cuid de chriadh, bidh cuid den rìoghachd làidir, agus cuid briste. Agus mar a chunnaic thu iarann air a mheasgadh le criadh làthaich, measgaidh iadsan iad fhèin le sìol dhaoine: ach cha ghreimich iad ri chèile, amhail mar nach gabh iarann tàthadh ri criadh. Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh. Anns a’ mheud is gum faca tu gu robh a’ chlach air a gearradh a‑mach as an t‑sliabh as eugmhais làmhan, agus gun do bhris i nam bloighdean an t‑iarann, an t‑umha, a’ chriadh, an t‑airgead agus an t‑òr; thug an Dia mòr fios don rìgh ciod a thig gu crìch na dhèidh seo, agus tha am bruadar cinnteach, agus a bhrìgh dearbhte. An sin thuit an rìgh Nebuchadnesar air a aghaidh, agus thug e urram do Dhaniel, agus dh’àithn e gun tugadh iad dha tabhartas agus boltrach cùbhraidh. Fhreagair an rìgh Daniel, agus thubhairt e, Gu fìrinneach is e ur Dia‐se Dia nan diathan, agus Tighearna nan rìghrean, agus fear‐foillseachaidh nithean diamhair, air dhutsa a bhith comasach an diamhaireachd seo fhoillseachadh. An sin rinn an rìgh duine mòr de Dhaniel, agus thug e dha mòran thìodhlacan luachmhor, agus rinn e fear‐riaghlaidh dheth os cionn mòr‐roinn Bhàbiloin uile, agus ceannard air na h‑uachdarain os cionn uile dhaoine glice Bhàbiloin. An sin dh’iarr Daniel air an rìgh, agus chuir e Sadrach, Mesach, agus Abed‐nego os cionn gnothaichean mòr‐roinn Bhàbiloin, ach shuidh Daniel ann an geata an rìgh. Rinn Nebuchadnesar an rìgh ìomhaigh òir, a bha trì‐fichead làmh‐choille air àirde, agus sia làmhan‐coille air leud: chuir e suas i ann am machair Dhura, ann am mòr‐roinn Bhàbiloin. An sin chuir Nebuchadnesar an rìgh fios a‑chum gun cruinnichte ri chèile na prionnsachan, na fir‐riaghlaidh, agus na cinn‐fheadhna, na britheamhan, luchd‐coimhead an ionmhais, na comhairlichean, na fir‐lagha, agus uile luchd‐riaghlaidh nam mòr‐roinn, gu teachd a‑chum coisrigeadh na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar an rìgh suas. An sin bha na prionnsachan, na fir‐riaghlaidh, na cinn‐fheadhna, na britheamhan, luchd‐coimhead an ionmhais, na comhairlichean, na fir‐lagha, agus uile luchd‐riaghlaidh nam mòr‐roinn air an cruinneachadh ri chèile, a‑chum coisrigeadh na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar an rìgh suas; agus sheas iad fa chomhair na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar suas. An sin ghlaodh fear‐èighich gu h‑àrd, Dhuibhse tha e air àithneadh, O shluaigh, fhineachan, agus a theangannan, Ciod air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gun tuit sibh sìos, agus gun toir sibh adhradh don ìomhaigh òir a chuir an rìgh Nebuchadnesar suas: Agus cò air bith nach tuit sìos, agus nach dèan adhradh, tilgear e anns an uair sin fhèin ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian‐loisgich. Uime sin anns an àm sin, nuair a chuala an sluagh uile fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus gach uile sheòrsa ciùil, thuit an sluagh uile, na fineachan, agus na teangannan, sìos, agus thug iad adhradh don ìomhaigh òir a chuir an rìgh Nebuchadnesar suas. Air an adhbhar sin, anns an àm sin thàinig Caldèanaich àraidh am fagas, agus rinn iad casaid air na h‑Iùdhaich. Labhair iad, agus thubhairt iad ris an rìgh Nebuchadnesar, O rìgh, mair beò gu bràth. Thug thusa, O rìgh, òrdagh gun dèanadh gach aon a chluinneadh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, sleuchdadh agus adhradh don ìomhaigh òir: Agus cò air bith nach sleuchd agus nach dèan adhradh, gum biodh e air a thilgeadh ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian‐loisgich. Tha Iùdhaich àraidh, a chuir thu os cionn gnothaichean mòr‐roinn Bhàbiloin, Sadrach, Mesach, agus Abed‐nego; cha tug na daoine seo, O rìgh, meas ortsa, chan eil iad a’ dèanamh seirbhis dod dhiathan no a’ toirt adhraidh don ìomhaigh òir a chuir thu suas. An sin dh’àithn Nebuchadnesar, na fheirg agus na chorraich, Sadrach, Mesach, agus Abed‐nego, a thoirt da ionnsaigh: an sin thug iad na daoine seo an làthair an rìgh. Labhair Nebuchadnesar, agus thubhairt e riu, A bheil seo fìor, O Shadraich, a Mhesaich, agus Abed‐nego, nach eil sibhse a’ toirt seirbhis dom dhiathan‐sa, no a’ toirt adhraidh don ìomhaigh òir a chuir mi suas? A‑nis ma bhios sibh deas, ge bè air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gu sleuchdadh sìos, agus adhradh a dhèanamh don ìomhaigh a rinn mise, is math: ach mura dèan sibh adhradh, tilgear sibh, anns a’ cheart uair sin, ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian‐loisgich; agus cò an Dia sin as urrainn ur tèarnadh as mo làmhan‐sa? Fhreagair Sadrach, Mesach, agus Abed‐nego, agus thubhairt iad ris an rìgh, O Nebuchadnesair, chan eil suim againne freagradh a thoirt dhut anns a’ chùis seo. Mas ann mar sin a bhios, tha ar Dia‑ne, dom bheil sinn a’ toirt seirbhis, comasach air ar saoradh on àmhainn theinntich, dhian‐loisgich, agus nì e ar saoradh as do làimh‐sa, O rìgh. Ach mura dèan, biodh fhios agad, O rìgh, nach toir sinn seirbhis dod dhiathan no adhradh don ìomhaigh òir a chuir thu suas. An sin bha Nebuchadnesar làn corraich, agus bha dreach a ghnùise air caochladh an aghaidh Shadraich, Mhesaich, agus Abed‐nego; labhair agus dh’àithn e gun teasaicheadh iad an àmhainn seachd uairean na bu mhò na bu ghnàth leo a teasachadh. Agus dh’àithn e do na daoine a bu treasa na fheachd Sadrach, Mesach, agus Abed‐nego a cheangal, agus a thilgeadh don àmhainn theinntich, dhian‐loisgich. An sin cheangladh na daoine seo nan còtaichean, nan triubhasan, agus nan ceann‐aodaichean, agus nan aodaichean eile, agus thilgeadh iad ann am meadhon na h‑àmhainn theinntich, dhian‐loisgich. Air an adhbhar sin, a chionn gu robh àithne an rìgh ro‑theann, agus an àmhainn ro‑theth, mharbh lasair an teine na daoine sin a thog suas Sadrach, Mesach, agus Abed‐nego. Agus thuit an triùir dhaoine seo, Sadrach, Mesach agus Abed‐nego sìos ceangailte ann am buillsgean na h‑àmhainn theinntich, dhian‐loisgich. An sin bha an rìgh Nebuchadnesar làn uamhainn, agus dh’èirich e suas ann an deifir, agus labhair e, agus thubhairt e ra chomhairlichean, Nach do thilg sinn triùir dhaoine ceangailte do mheadhon an teine? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris an rìgh, Is fìor, O rìgh. Fhreagair esan agus thubhairt e, Feuch, chì mi ceathrar dhaoine fuasgailte, a’ coiseachd ann am meadhon an teine, agus chan eil dochann sam bith orra, agus tha coslas a’ cheathramh mar mhac Dhè. An sin thàinig Nebuchadnesar dlùth do bheul na h‑àmhainn theinntich, dhian‐loisgich, agus labhair e, ag ràdh, A Shadraich, Mhesaich, agus Abed‐nego, òglacha an Dè as àirde, thigibh a‑mach, agus thigibh an seo. An sin thàinig Sadrach, Mesach, agus Abed‐nego a‑mach à meadhon an teine. Agus chunnaic na prionnsachan, na h‑uachdarain, agus na cinn‐fheadhna, agus comhairlichean an rìgh, a bha cruinn an ceann a chèile, na daoine seo, nach robh cumhachd air bith aig an teine air an cuirp, cha mhò a bha fuiltean den ceann dàithte, no an còtaichean air an caochladh, no fàile an teine dhiubh. An sin labhair Nebuchadnesar, agus thubhairt e, Guma beannaichte gu robh Dia Shadraich, Mhesaich, agus Abed‐nego, a chuir a‑nuas a aingeal, agus a shaor a òglaich a chuir an dòchas ann, agus a chuir an aghaidh facail an rìgh, agus a thug seachad an cuirp a‑chum nach tugadh iad seirbhis no adhradh do dhia air bith, ach an Dia fhèin. Uime sin tha mise a’ toirt teann òrdaigh gum bi gach sluagh, cinneach, agus teanga, a labhras nì sam bith air dhochair an aghaidh Dia Shadraich, Mhesaich, agus Abed‐nego, air an gearradh nam bloighdean, agus an taighean air an dèanamh nan dùn aolaich, a chionn nach eil Dia air bith eile ann as urrainn tèarnadh air an dòigh seo. An sin dh’àrdaich an rìgh Sadrach, Mesach, agus Abed‐nego ann am mòr‐roinn Bhàbiloin. Nebuchadnesar an rìgh a‑chum nan uile shluagh, fhineachan agus theangannan a tha a chòmhnaidh air an talamh uile: Gum meudaichear sìth dhuibh. Chunnacas ceart dhòmhsa gun cuirinn an cèill na comharraidhean agus na mìorbhailean a dh’obraich an t‑àrd Dhia dom thaobh. Cia mòr a chomharraidhean! Agus cia cumhachdach a mhìorbhailean! A rìoghachd‐san is rìoghachd shìorraidh i, agus tha a uachdaranachd o linn gu linn. Bha mise Nebuchadnesar gu suaimhneach ann am thaigh, agus gu h‑àlainn ann am lùchairt: Chunnaic mi bruadar a chuir eagal orm, agus rinn mo smuaintean air mo leabaidh, agus aislingean mo chinn mo bhuaireadh. Uime sin thug mi teann‐òrdagh uile dhaoine glice Bhàbiloin a thoirt a‑steach am fhianais, a‑chum gun tugadh iad fios dhomh air brìgh a’ bhruadair. An sin thàinig a‑steach na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean: agus dh’innis mi am bruadar nan làthair; ach cha tug iad fios dhomh air a bhrìgh. Ach mu dheireadh thàinig Daniel a‑steach am làthair (dom b’ainm Beltesasar, a rèir ainm mo dhè‐sa, agus anns a bheil spiorad nan diathan naomha ), agus na làthair‐san dh’innis mi am bruadar, ag ràdh, O Bheltesasair, thusa as àirde de na draoidhean, a chionn gu bheil fhios agam gu bheil spiorad nan diathan naomha annadsa, agus nach cuir diamhaireachd air bith dragh ort, innis dhomh sealladh mo bhruadair a chunnaic mi, eadhon a bhrìgh. Mar seo bha aislingean mo chinn air mo leabaidh: Chunnaic mi, agus, feuch, craobh ann am meadhon na talmhainn, agus bha a h‑àirde mòr. Dh’fhàs a’ chraobh, agus bha i làidir, agus ràinig a h‑àirde gu nèamh, agus a sealladh gu crìch na talmhainn uile: Bha a duilleach maiseach, agus a toradh pailt, agus innte bha biadh airson nan uile: bha aig beathaichean na machrach sgàil foidhpe, agus ghabh eunlaith an adhair còmhnaidh na geugan, agus bheathaicheadh gach uile fheòil uaipe. Chunnaic mi ann an aislingean mo chinn air mo leabaidh, agus, feuch, thàinig fear‐faire, eadhon aon naomh a‑nuas o nèamh: Ghlaodh e gu h‑àrd, agus thubhairt e mar seo, Geàrr sìos an crann, agus sgath dheth a gheugan, crath dheth a dhuilleach, agus sgap a thoradh; imicheadh na beathaichean o bhith fodha, agus an eunlaith o a gheugan. Gidheadh, fàg bun a fhreumh anns an talamh, eadhon le boinn iarainn agus umha, ann am feur maoth na faiche; agus biodh e fliuch le dealt nèimh, agus a chuibhreann leis na beathaichean ann am feur na talmhainn. Atharraichear a chridhe o bhith na chridhe duine, agus thugar dha cridhe ainmhidh; agus gabhadh seachd aimsirean thairis air. Tha a’ chùis seo le teann‐òrdagh nam fear‐faire, agus an t‑iarrtas air facal nan naomh: a‑chum gum biodh fhios aig na bheil beò gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis, agus a’ cur suas os a cionn an tì as suaraiche de dhaoine. Am bruadar seo chunnaic mise Nebuchadnesar an rìgh: a‑nis, O Bheltesasair, foillsich thusa a bhrìgh, a chionn nach eil uile dhaoine glice mo rìoghachd comasach air fios a thoirt dhomh air a bhrìgh: ach tha thusa comasach, oir tha spiorad nan diathan naomha annad. An sin bha Daniel (dom b’ainm Beltesasar) air a lìonadh le uamhann car aon uaire, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh: labhair an rìgh, agus thubhairt e, A Bheltesasair, na dèanadh am bruadar no a bhrìgh do bhuaireadh. Fhreagair Beltesasar, agus thubhairt e, Mo thighearna, biodh am bruadar dhaibhsan lem fuathach thu, agus a bhrìgh dod naimhdean. An crann a chunnaic thu, a dh’fhàs, agus a bha làidir, a ràinig a àirde gu nèamh, agus a shealladh gus an talamh uile; Aig an robh a dhuilleach maiseach, agus a thoradh pailt, agus anns an robh biadh do na h‑uile; fo an do ghabh beathaichean na machrach còmhnaidh, agus aig an robh air a gheugan àite‐tàimh do eunlaith an adhair: Is tusa sin, O rìgh, a tha air fàs agus air cinntinn làidir: oir tha do mheud air fàs, agus a’ ruigheachd gu nèamh, agus d’uachdaranachd gu crìch na talmhainn. Agus mar a chunnaic an rìgh fear‐faire, agus aon naomh a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus ag ràdh, Geàrr an crann sìos, agus sgrios e; gidheadh fàg bonn a fhreumh anns an talamh, eadhon le boinn iarainn agus umha, ann am feur maoth na faiche; agus biodh e fliuch le dealt nèimh, agus a chuibhreann le beathaichean na machrach, gus an gabh seachd aimsirean thairis air: Seo a’ bhrìgh, O rìgh, agus seo òrdagh an Tì as àirde, a tha air teachd air mo thighearna an rìgh: Gum fògair iad thu o dhaoine, agus gum bi do chòmhnaidh le beathaichean na machrach, agus bheir iad ort feur ithe mar dhaimh, agus fliuchaidh iad thu le dealt nèimh, agus thèid seachd aimsirean thairis ort, gus am bi fhios agad gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis. Agus mar a dh’àithn iad bun freumh a’ chroinn fhàgail, bidh do rìoghachd cinnteach dhut, an dèidh dhut fios a bhith agad gu bheil na nèamhan a’ riaghladh. Uime sin, O rìgh, biodh mo chomhairle‐sa taitneach leat, agus bris air falbh do pheacaidhean le fìreantachd, agus d’euceartan le tròcair a nochdadh do na bochdan, a dh’fheuchainn am buanaichear do shìochaint. Thàinig seo uile air an rìgh Nebuchadnesar. An ceann dà‑mhìos‐deug bha e a’ spaisdearachd ann an lùchairt rìoghachd Bhàbiloin. Labhair an rìgh agus thubhairt e, Nach i seo Bàbilon mhòr, a thog mise mar thaigh na rìoghachd, le neart mo chumhachd, agus airson onair mo mhòrachd? Am feadh a bha am facal ann am beul an rìgh, thuit guth o nèamh, ag ràdh, O rìgh Nebuchadnesair, riutsa tha e air a labhairt, Tha an rìoghachd air dealachadh riut. Agus fògraidh iad thu o dhaoine, agus bidh do chòmhnaidh le beathaichean na machrach: bheir iad ort feur ithe mar dhaimh, agus thèid seachd aimsirean thairis ort, gus am bi fhios agad gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis. Air an uair sin fhèin choileanadh an nì sin air Nebuchadnesar; agus bha e air fhògradh o dhaoine, agus dh’ith e feur mar dhaimh, agus bha a cholann fliuch le dealt nèimh, gus an d’fhàs a fhionnadh mar iteach na h‑iolaire, agus a iongannan mar spuirean eun. Agus an ceann nan làithean thog mise Nebuchadnesar suas mo shùilean ri nèamh, agus thill mo thuigse am ionnsaigh, agus bheannaich mi an Tì as àirde, agus chliùthaich mi, agus thug mi onair dhàsan a tha beò gu sìorraidh, aig a bheil a uachdaranachd na h‑uachdaranachd shìorraidh, agus a rìoghachd o linn gu linn. Agus tha uile luchd‐àiteachaidh na talmhainn air am meas mar neoni: agus nì esan mar as àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd‐àiteachaidh na talmhainn: agus chan urrainn aon neach a làmh a bhacadh, no a ràdh ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh? Anns an àm sin fhèin thill mo thuigse thugam; agus a‑thaobh glòir mo rìoghachd, thill m’onair agus mo mhòrachd thugam; agus dh’iarr mo chomhairlichean agus mo thighearnan am ionnsaigh; agus bha mi air mo dhaingneachadh ann am rìoghachd, agus thugadh tuilleadh dhomh de mhòrachd òirdheirc. A‑nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliùthachadh agus ag àrdachadh agus a’ toirt onair do Rìgh nèimh, aig a bheil a uile obraichean nam fìrinn, agus a shlighean nam breitheanais; agus a’ mhuinntir a shiùbhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh. Rinn Belsasar an rìgh cuirm mhòr do mhìle de a thighearnan, agus dh’òl e fìon ann an làthair a’ mhìle. Dh’àithn Belsasar, nuair a bhlais e am fìon, na soithichean òir agus airgid a thug a athair Nebuchadnesar as an teampall a bha ann an Ierusalem a thoirt da ionnsaigh, a‑chum gun òladh an rìgh agus a mhòr‐uaislean, a mhnathan agus a choileabaich asda. An sin thug iad thuige na soithichean òir a thugadh à teampall taigh Dhè, a bha ann an Ierusalem; agus dh’òl an rìgh agus a mhòr‐uaislean, a mhnathan agus a choileabaich asda. Dh’òl iad fìon, agus chliùthaich iad na diathan, òir agus airgid, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche. Anns an uair sin fhèin thàinig a‑mach meòir làmh duine, agus sgrìobh iad thall fa chomhair a’ choinnleir, air aghaidh balla lùchairt an rìgh; agus chunnaic an rìgh a’ chuid den làimh a sgrìobh. An sin chaochail gnùis an rìgh, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh, air chor is gu robh uilt a leasraidh air am fuasgladh, agus bhuail a ghlùinean an aghaidh a chèile. Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear‐riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd. An sin thàinig uile dhaoine glice an rìgh a‑steach; ach cha b’urrainn iad an sgrìobhadh a leughadh, no fios a thoirt don rìgh air a bhrìgh. An sin bha an rìgh Belsasar gu mòr air a bhuaireadh, agus bha a ghnùis air a h‑atharrachadh, agus bha uamhas air a thighearnan. A‑nis thàinig a’ bhànrighinn airson briathran an rìgh agus a thighearnan a‑steach gu taigh na cuirme; agus labhair a’ bhànrighinn ag ràdh, O rìgh mair beò gu bràth: na dèanadh do smuaintean do bhuaireadh, agus na biodh do ghnùis air a caochladh. Tha duine ann ad rìoghachd anns a bheil spiorad nan diathan naomha, agus ann an làithean d’athar, bha solas, agus tuigse, agus gliocas, mar ghliocas nan diathan, air am faotainn ann; neach a rinn an rìgh Nebuchadnesar d’athair, d’athair‐sa, O rìgh, na uachdaran air na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean; Do bhrìgh gun d’fhuaireadh spiorad òirdheirc, agus eòlas, agus tuigse, mìneachadh bhruadar, agus foillseachadh cheistean cruaidhe, agus fuasgladh imcheistean, anns an Daniel seo fhèin, air an tug an rìgh mar ainm Beltesasar: a‑nis biodh Daniel air a ghairm, agus foillsichidh esan a bhrìgh. An sin thugadh Daniel a‑steach an làthair an rìgh; agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri Daniel, An tusa an Daniel sin a tha de chloinn braighdeanas Iùdah, a thug an rìgh, m’athair, à tìr nan Iùdhach? Chuala mise iomradh ort, gu bheil spiorad nan diathan annad, agus gu bheil solas, agus tuigse, agus gliocas òirdheirc air fhaotainn annad. Agus a‑nis thugadh na daoine glice, na speuradairean, a‑steach am fhianais, a‑chum gun leughadh iad an sgrìobhadh seo, agus gun tugadh iad dhòmhsa fios air a bhrìgh: ach cha b’urrainn iad brìgh na cùise fhoillseachadh. Agus chuala mi dod thaobh‐sa gur urrainn thu brìgh a thoirt à nì, agus ceistean fhuasgladh; a‑nis mas urrainn thu an sgrìobhadh a leughadh, agus a bhrìgh fhoillseachadh dhòmhsa, èidichear thu le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir mud mhuineal, agus is tu an treas fear‐riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd. An sin fhreagair Daniel, agus thubhairt e an làthair an rìgh, Biodh do thìodhlacan agad fhèin, agus thoir do dhuaisean do neach eile; gidheadh leughaidh mise an sgrìobhadh don rìgh, agus leigidh mi ris a bhrìgh dha. O thusa a rìgh, thug an Dia as àirde do Nebuchadnesar d’athair rìoghachd, agus mòrachd, agus glòir, agus onair. Agus airson na mòrachd a thug e dha, bha crith agus eagal air na h‑uile shlòigh, fhineachan, agus theangannan roimhe: mharbhadh e an tì a b’àill leis, agus an neach a b’àill leis chumadh e beò, agus an neach a b’àill leis chuireadh e suas, agus an neach a b’àill leis chuireadh e sìos. Ach nuair a bha a chridhe air a thogail suas, agus a inntinn air a cruadhachadh ann an uabhar, chuireadh sìos o a chathair rìoghail e, agus thug iad a ghlòir uaithe. Agus dh’fhògradh e o chloinn nan daoine, agus bha a chridhe mar na h‑ainmhidhean, agus a chòmhnaidh leis na h‑asail fhiadhaich: bhiadh iad e le feur mar dhaimh, agus bha a chorp fliuch le drùchd nèimh, gus an d’aithnich e gum b’e an Dia as àirde a bha a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus gu bheil e ag òrdachadh os a cionn an tì as àill leis. Agus thusa a mhac, O Bhelsasair, cha d’ìslich thu do chridhe, ged bha fhios agad air seo uile: Ach thog thu suas thu fhèin an aghaidh Tighearna nèimh, agus thug iad soithichean a thaighe ann ad làthair, agus dh’òl thu fhèin, agus do thighearnan, do mhnathan, agus do choileabaich, fìon asda, agus chliùthaich thu na diathan airgid, agus òir, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche, aig nach eil lèirsinn no claisteachd, no aithne: agus an Dia aig a bheil d’anail na làimh, agus dom buin d’uile shlighe, cha do ghlòraich thu. An sin chuireadh a’ chuid den làimh uaithe, agus bha an sgrìobhadh seo air a sgrìobhadh. Agus seo an sgrìobhadh a bha air a sgrìobhadh, MENE, MENE, TECEL, UPHARSIN. Seo brìgh na cùise; MENE, rinn Dia do rìoghachd àireamh, agus chrìochnaich e i. TECEL, tha thu air do thomhas air a’ mheidh, agus fhuaireadh easbhaidheach thu. PERES, roinneadh do rìoghachd, agus thugadh i do na Mèdaich agus do na Persaich. An sin dh’àithn Belsasar gun èideadh iad Daniel le sgàrlaid, agus gun cuireadh iad slabhraidh òir ma mhuineal, agus gun glaodhadh iad ma thimcheall gum b’e an treas fear‐riaghlaidh a bhiodh anns an rìoghachd. Air an oidhche sin chaidh Belsasar rìgh nan Caldèanach a mharbhadh. Agus ghlac Darius am Mèdach an rìoghachd, agus e mu thimcheall trì‐fichead agus dà bhliadhna a dh’aois. B’i toil Dhariuis ceud agus fichead uachdaran a chur os cionn na rìoghachd, muinntir a bhiodh os cionn na rìoghachd uile; Agus os an cionn seo trì àrd‐uachdarain (dem b’e Daniel a’ chiad aon), a‑chum gun tugadh na h‑uachdarain an cunntais dhaibh, agus nach biodh calldach air bith aig an rìgh. An sin bha Daniel seo air àrdachadh os cionn nan uachdaran, agus nam prionnsachan, a chionn gu robh spiorad òirdheirc ann; agus bha e an aire an rìgh a chur os cionn na rìoghachd uile. An sin dh’iarr na h‑uachdarain agus na prionnsachan cùis fhaotainn an aghaidh Dhanieil a‑thaobh na rìoghachd, ach cha b’urrainn iad cùis air bith fhaotainn, no coire: do bhrìgh gu robh e dìleas, cha mhò a fhuaireadh mearachd no coire sam bith ann. An sin thubhairt a’ mhuinntir seo, Chan fhaigh sinn cùis air bith an aghaidh an Danieil seo, mura faigh sinn i na aghaidh a‑thaobh reachd a Dhè. An sin chruinnich na h‑uachdarain agus na prionnsachan seo ri chèile a‑chum an rìgh, agus thubhairt iad ris mar seo, A rìgh Dhariuis, mair beò gu bràth. Ghabh uile uachdarain na rìoghachd, an luchd‐riaghlaidh, agus na prionnsachan, na comhairlichean agus na cinn‐fheadhna, comhairle le chèile gu reachd rìoghail a dhaingneachadh, agus òrdagh làidir a dhèanamh, ge bè a dh’iarras athchuinge air bith air aon dia no duine rè deich‐làithean‐fichead, ach ortsa, O rìgh, gun tilgear e ann an garaidh nan leòmhann. A‑nis, O rìgh, daingnich an t‑òrdagh agus seulaich an sgrìobhadh, a‑chum nach caochlaidhear e, a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach fhaodar atharrachadh. Uime sin sheulaich rìgh Darius an sgrìobhadh agus an t‑òrdagh. A‑nis nuair a thuig Daniel gun deachaidh an sgrìobhadh a sheulachadh, chaidh e a‑chum a thaighe agus air da uinneagan a bhith fosgailte na sheòmar ri Ierusalem, thuit e sìos air a ghlùinean trì uairean anns an là, agus rinn e ùrnaigh, agus thug e buidheachas an làthair a Dhè, mar a rinn e anns an aimsir roimhe. An sin chruinnich na daoine seo, agus fhuair iad Daniel ri ùrnaigh, agus a’ dèanamh athchuinge ann an làthair a Dhè. An sin thàinig iad am fagas, agus labhair iad ann am fianais an rìgh mu thimcheall òrdagh an rìgh, Nach do sheulaich thusa reachd, gach duine sam bith a nì athchuinge ri aon dia no duine, an taobh a‑staigh de dheich‐làithean‐fichead, ach riutsa, O rìgh, gun tilgear ann an garaidh nan leòmhann e? Fhreagair an rìgh, agus thubhairt e, Tha an nì fìor a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach atharraichear. An sin fhreagair iadsan, agus thubhairt iad ann an làthair an rìgh, Daniel sin a tha de chloinn bruid Iùdah, chan eil suim aige dhìotsa, O rìgh, no den reachd a sheulaich thu, ach tha e ri athchuinge trì uairean anns an là. An sin bha an rìgh, nuair a chuala e na briathran, ro‑dhiombach dheth fhèin, agus shuidhich e a chridhe air Daniel ga shaoradh: agus shaothraich e gu dol fodha na grèine a‑chum a thèarnadh. An sin chruinnich na daoine seo a‑chum an rìgh, agus thubhairt iad ris an rìgh, Biodh fhios agad, O rìgh, gur e lagh nam Mèdach agus nam Persach nach faodar òrdagh no reachd air bith a dhaingnich an rìgh a chaochladh. An sin dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo Daniel, agus thilg iad e do gharaidh nan leòmhann: agus labhair an rìgh ri Daniel, ag ràdh, Do Dhia, dom bheil thu a’ dèanamh seirbhis a‑ghnàth, nì esan do thèarnadh. Agus thugadh clach, agus leagadh air beul na garaidh i; agus sheulaich an rìgh le a sheula fhèin i, agus le seula a thighearnan; a‑chum nach biodh a’ chomhairle air a h‑atharrachadh mu thimcheall Dhanieil. An sin chaidh an rìgh da lùchairt, agus chaith e an oidhche ri trasg: cha mhò a thugadh innealan‐ciùil na làthair; agus dh’imich a chadal uaithe. An sin dh’èirich an rìgh gu ro‑mhoch anns a’ mhadainn, agus chaidh e gu luath gu garaidh nan leòmhann. Agus nuair a thàinig e a‑chum na garaidh, ghlaodh e le guth muladach ri Daniel; seadh, labhair an rìgh, ag ràdh ri Daniel, O Dhanieil, òglach an Dè bheò, a bheil do Dhia, dom bheil thu a’ dèanamh seirbhis an còmhnaidh, comasach air do thèarnadh o na leòmhainn? An sin thubhairt Daniel, O rìgh mair beò gu bràth. Chuir mo Dhia‑sa a‑nuas aingeal, agus dhruid e beòil nan leòmhann, air chor is nach do rinn iad mo dhochann: do bhrìgh na fhianais gun d’fhuaireadh neochiontas annam; agus fòs ad fhianais‐sa, O rìgh, cha do rinn mi cron sam bith. An sin bha an rìgh ro‑aoibhneach air a shon, agus dh’àithn e gun tugadh iad Daniel a‑nìos as a’ gharaidh, agus cha d’fhuaireadh gnè air bith de dhochainn air, a chionn gun do chreid e na Dhia. Agus dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo na daoine sin a rinn casaid air Daniel, agus thilg iad iad do gharaidh nan leòmhann, iad fhèin, an clann, agus am mnathan; agus thug na leòmhainn buaidh orra, agus bhris iad an cnàmhan uile nam bloighdean, mun do ràinig iad ìochdar na garaidh. An sin sgrìobh Darius a‑chum nan uile shluagh, chinneach agus chànainean a tha a chòmhnaidh air an talamh uile, Gu robh sìth air a meudachadh dhuibh. Tha mise a’ toirt òrdaigh, anns gach uile thighearnas dem rìoghachd, gum bi crith agus eagal air daoine ro Dhia Dhanieil: oir is esan an Dia beò agus bunaiteach gu bràth, agus a rìoghachd‐san cha sgriosar a‑chaoidh, agus a uachdaranachd tha gus a’ chrìoch. Saoraidh esan, agus tèarnaidh e, agus obraichidh e comharraidhean agus mìorbhailean air nèamh agus air talamh, neach a shaor Daniel o chumhachd nan leòmhann. Mar seo shoirbhich Daniel seo ann an linn Dhariuis, agus ann an linn Chìruis am Persach. Ann an ciad bhliadhna Bhelsasair rìgh Bhàbiloin, chunnaic Daniel bruadar, agus aisling a chinn air a leabaidh: an sin sgrìobh e am bruadar, agus dh’innis e suim nan nithean. Labhair Daniel agus thubhairt e, Chunnaic mi ann am aisling anns an oidhche, agus, feuch, ghleac ceithir gaothan nèimh air an fhairge mhòir. Agus thàinig ceithir beathaichean mòra a‑nìos as an fhairge, eug‐samhail aon o chèile. Bha a’ chiad aon cosmhail ri leòmhann, agus bha sgiathan iolaire aige: agus dh’amhairc mi gus an do spìonadh a sgiathan, agus thogadh suas on talamh e, agus thugadh air seasamh air a chasan mar dhuine, agus thugadh dha cridhe duine. Agus feuch beathach eile, an dara aon, cosmhail ri math‐ghamhainn, agus thog e suas e fhèin air aon taobh, agus bha aige trì aisnean na bheul, an taobh a‑staigh de a fhiaclan: agus thubhairt iad ris mar seo, Eirich, sluig mòran feòla. Na dhèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, aon eile amhail liopard, aig an robh air a dhruim ceithir sgiathan eòin; bha aig a’ bheathach mar an ceudna ceithir cinn; agus thugadh dha uachdaranachd. Na dhèidh seo chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus feuch, ceathramh beathach; eagalach agus uamhasach, agus ro‑làidir; agus bha fiaclan mòra iarainn aige: shluig e suas agus bhris e ann am bloighdean, agus shaltair e am fuidheall le a chasan; agus bha e eu‑cosmhail ris na h‑uile bheathaichean a bha roimhe; agus bha deich adhaircean air. Thug mi fa‑near na h‑adhaircean, agus, feuch, thàinig a‑nìos nam measg adharc bheag eile, ron robh trì de na ciad adhaircean air an spìonadh a‑nìos as am freumhan: agus, feuch, anns an adhairc seo bha sùilean mar shùilean duine, agus beul a’ labhairt nithean mòra. Dh’amhairc mi gus an robh na rìgh‐chathraichean air an suidheachadh, agus shuidh Aosda nan Làithean, aig an robh a thrusgan geal mar shneachd, agus falt a chinn mar olainn ghlain; a chathair‐rìoghail mar lasair theine, a rothan mar theine loisgeach. Bhrùchd sruth teinnteach, agus thàinig e a‑mach o an làthair: bha mìle de mhìltean a’ frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle na fhianais: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’fhosgladh na leabhraichean. Dh’amhairc mi an sin, do bhrìgh guth nam briathran mòra a labhair an adharc: dh’amhairc mi gus an do mharbhadh am beathach, gus an robh a chorp air a sgrios, agus air a thoirt don lasair loisgich. A‑thaobh na cuid eile de na beathaichean, thugadh an uachdaranachd air falbh: gidheadh shìneadh am beatha, rè tamaill agus aimsir. Chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus, feuch, thàinig neach cosmhail ri mac an duine le neòil nèimh, agus thàinig e a‑chum Aosda nan Làithean, agus thug iad e dlùth na làthair. Agus thugadh dha uachdaranachd, agus glòir, agus rìoghachd, a‑chum gun tugadh na h‑uile shlòigh, chinnich agus theangannan seirbhis dha: a uachdaranachd is uachdaranachd shìorraidh i, nach siubhail thairis, agus a rìoghachd cha sgriosar i. Bha mise Daniel muladach ann am spiorad, ann am meadhon mo chuirp, agus rinn aislingean mo chinn mo bhuaireadh. Thàinig mi am fagas do aon dhiubhsan a sheas dlùth, agus dh’fheòraich mi dheth brìgh an iomlain dheth seo: an sin dh’innis e dhomh, agus thug e fios dhomh air brìgh nan nithean. Na ceithir beathaichean mòra seo, is ceithir rìghrean iad, a dh’èireas a‑mach as an talamh. Ach glacaidh naoimh an Tì as àirde an rìoghachd, agus sealbhaichidh iad an rìoghachd gu sìorraidh, eadhon gu saoghal nan saoghal. An sin b’àill leam fios fhaotainn air seadh a’ cheathramh beathaich, a bha eug‐samhail ri càch uile, anabarrach uamhasach, aig an robh a fhiaclan de iarann, agus a iongannan de phrais; a shluig suas, a bhris ann am bloighdean, agus a shaltair am fuidheall le a chasan; Fòs air seadh nan deich adhaircean a bha na cheann, agus na tè eile a thàinig a‑nìos agus ron do thuit trì, eadhon na h‑adhairc sin aig an robh sùilean, agus beul a labhair nithean ro‑mhòr, aig an robh sealladh na bu chruadalaiche na càch. Dh’amhairc mi, agus rinn an adharc cheudna cogadh ris na naoimh, agus bhuadhaich i nan aghaidh; Gus an tàinig Aosda nan Làithean, agus an tugadh breitheanas do naoimh an Tì as àirde: oir thàinig an t‑àm anns an do shealbhaich na naoimh an rìoghachd. Mar seo thubhairt e, Is e an ceathramh beathach an ceathramh rìoghachd a bhios air an talamh, a bhios eug‐samhail o gach uile rìoghachd, agus a shluigeas suas an talamh uile, agus a shaltras sìos e, agus a bhriseas e na bhloighdean. Agus na deich adhaircean as an rìoghachd seo, is deich rìghrean iad a dh’èireas suas: agus èiridh aon eile nan dèidh; agus bidh e eug‐samhail on chiad aon, agus ceannsaichidh e trì rìghrean. Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir. Agus suidhidh am breitheanas, agus bheir iad air falbh a thighearnas, gu a chaitheamh, agus gu a sgrios gu ruig a’ chrìoch. Agus bheirear an rìoghachd agus an uachdaranachd, agus mòrachd na rìoghachd fo nèamh uile, do mhuinntir naomh an Tì as ro‑àirde, aig a bheil a rìoghachd na rìoghachd shìorraidh, agus bheir na h‑uile thighearnais ùmhlachd agus gèill dha. An seo bha crìoch na cùise. Air mo shon‐sa Daniel, rinn mo smuaintean gu ro‑mhòr mo bhuaireadh, agus dh’atharraich mo ghnùis annam; ach ghlèidh mi a’ chùis ann am chridhe. Anns an treas bliadhna de linn rìgh Bhelsasair, chunnacas aisling leamsa, leamsa Daniel, an dèidh na h‑aislinge sin a chunnacas leam an toiseach. Agus chunnaic mi ann an aisling (agus thàrladh nuair a chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, an lùchairt, a tha ann am mòr‐roinn Elaim), agus chunnaic mi ann an aisling, agus bha mi aig abhainn Ulai. An sin thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi, agus feuch, sheas, fa chomhair na h‑aibhne, reithe aig an robh dà adhairc; agus bha an dà adhairc àrd; ach aon na b’àirde na an aon eile; agus thàinig an aon a b’àirde a‑nìos mu dheireadh. Chunnaic mi an reithe a’ purradh le a adhaircean an iar, agus mu thuath, agus mu dheas; air chor is nach faodadh beathach air bith seasamh fa chomhair, cha mhò a bha neach ann a b’urrainn saoradh as a làimh, ach rinn e a rèir a thoile, agus dh’fhàs e mòr. Agus am feadh a bha mi a’ beachdachadh, feuch, thàinig boc‐goibhre on àird an iar, air aghaidh na talmhainn uile, agus cha do bhean e don làr: agus bha adharc shònraichte aig a’ bhoc eadar a shùilean. Agus thàinig e a‑chum an reithe aig an robh dà adhairc, a chunnaic mi na sheasamh fa chomhair na h‑aibhne, agus ruith e da ionnsaigh ann an cuthach a threise. Agus chunnaic mi e a’ teachd teann air an reithe, agus dhùisg a fhearg na aghaidh, agus bhuail e an reithe, agus bhris e a dhà adhairc; agus cha robh cumhachd air bith aig an reithe gu seasamh roimhe, ach thilg e sìos a‑chum an làir e, agus shaltair e air: agus cha robh neach air bith a b’urrainn an reithe a thèarnadh as a làimh. Air an adhbhar sin dh’fhàs am boc‐goibhre ro‑mhòr: agus nuair a bha e làidir, chaidh an adharc mhòr a bhriseadh; agus na h‑àite thàinig a‑nìos ceithir adhaircean sònraichte, ri ceithir gaothan nèimh. Agus a‑mach as aon dhiubh thàinig adharc bheag, a dh’fhàs anabarrach mòr, ris an àird a deas, agus ris an àird an ear, agus ris an tìr thaitnich. Agus dh’fhàs i mòr gu ruig feachd nèimh, agus thilg i sìos cuid den fheachd agus de na reultan a‑chum an làir, agus shaltair i orra. Seadh, rinn i uaill aisde fhèin an aghaidh prionnsa an fheachd, agus leatha thugadh air falbh an ìobairt làitheil, agus bha àite a naomh‐ionaid air a thilgeadh sìos. Agus thugadh feachd dhi an aghaidh na h‑ìobairt làitheil do bhrìgh euceirt, agus thilg i sìos an fhìrinn a‑chum an làir; agus dhealbh i innleachdan, agus shoirbhich i. An sin chuala mi aon naomh a’ labhairt, agus thubhairt naomh eile ris an naomh àraidh sin a labhair, Cia fhad a bhios an aisling mu thimcheall na h‑ìobairt làitheil, agus a bheirear thairis euceart gu milleadh, agus a bhios an naomh‐ionad agus am feachd air an saltairt fo chois? Agus thubhairt e rium, Gu dà mhìle agus trì cheud là: an sin glanar an naomh‐ionad. Agus thàrladh nuair a chunnaic mise, mise Daniel, an sealladh, agus a dh’iarr mi airson na brìgh, an sin feuch, sheas fam chomhair amhail coslas duine. Agus chuala mi guth duine eadar bruachan Ulai, a ghlaodh, agus a thubhairt, A Ghabrieil; thoir air an fhear seo an sealladh a thuigsinn. Agus thàinig e dlùth don àite anns an do sheas mi: agus nuair a thàinig e, bha eagal orm, agus thuit mi air m’aghaidh: ach thubhairt e rium, Tuig, O mhic an duine, oir anns an aimsir dheireannaich bidh an sealladh. A‑nis, am feadh a bha e a’ labhairt rium, bha mi ann an cadal trom, air m’aghaidh ris an talamh: ach bhean e dhomh, agus chuir e suas gu dìreach mi. Agus thubhairt e, Feuch, bheir mise fios dhut ciod a thachras ann an crìch dheireannaich na dian‐fheirge: oir anns an àm a shònraicheadh thig a’ chrìoch. An reithe a chunnaic thu, aig an robh dà adhairc, is iad sin rìghrean Mhedia agus Phersia. Agus a’ ghobhar ribeach is e sin rìgh na Grèige; agus an adharc mhòr a tha eadar a shùilean, is e sin a’ chiad rìgh. A‑nis, air dha sin briseadh, mar a sheas ceithir suas na àite, seasaidh ceithir rìoghachdan suas as a’ chinneach, ach chan ann na neart‐san. Agus ann an aimsir dheireannaich an rìoghachd, nuair a bhios luchd an easaontais air an coileanadh, seasaidh suas rìgh aig am bi aghaidh bhorb, agus a thuigeas briathran dorcha. Agus bidh a neart cumhachdach, ach chan ann le a threise fhèin: agus sgriosaidh e gu h‑iongantach, agus soirbhichidh leis, agus bheir e gu crìch, agus millidh e na cumhachdaich agus an sluagh naomh. Agus le a sheòltachd fòs bheir e air ceilg soirbheachadh na làimh; agus nì e uaill as fhèin na chridhe, agus le foill sgriosaidh e mòran: seasaidh e fòs suas an aghaidh Prionnsa nam prionnsachan, ach brisear e as eugmhais làimhe. Agus tha aisling nan làithean, a chaidh innse, fìor: air an adhbhar sin druid thusa suas an sealladh, oir bidh e an ceann mòran làithean. Agus ormsa Daniel thàinig fàiling, agus bha mi tinn car làithean àraidh; na dhèidh sin, dh’èirich mi suas, agus rinn mi gnothaichean an rìgh; agus bha uamhas orm mun aisling, ged nach tug aon neach sin fa‑near. Ann an ciad bhliadhna Dhariuis mhic Ahasueruis, de shìol nam Mèdach, a rinneadh na rìgh os cionn rìoghachd nan Caldèanach: Anns a’ chiad bhliadhna de a linn‐san, thuig mise Daniel, le leabhraichean, àireamh nam bliadhnachan mun tàinig facal an Tighearna gu Ieremiah am fàidh gun coileanadh e, deich agus trì‐fichead bliadhna anns am biodh Ierusalem na làraichean. Agus chuir mi m’aghaidh ris an Tighearna Dia, ga iarraidh le ùrnaigh agus le athchuinge, le trasg, agus le aodach‐saic, agus le luaithre: Agus rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna mo Dhia, agus rinn mi m’aidmheil, agus thubhairt mi, O Thighearna, an Dia mòr, agus uamhasach, a tha a’ cumail coicheangail agus tròcair riùsan a ghràdhaicheas e, agus don dream a choimheadas a àitheantan: Pheacaich sinne, agus chuir sinn an gnìomh euceart, agus rinn sinn gu h‑aingidh, agus bha sinn ceannairceach, eadhon le dealachadh rid àitheantan agus rid bhreitheanais. Cha mhò a dh’èisd sinn rid sheirbhisich na fàidhean, a labhair ann ad ainm‐sa ri ar rìghrean, ri ar n‑uachdarain, agus ri ar n‑athraichean, agus ri uile shluagh an fhearainn. O Thighearna, buinidh fìreantachd dhutsa, ach dhuinne nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh: do mhuinntir Iùdah, agus do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus do Israel uile, am fagas agus am fad as, feadh nan uile dhùthchannan gus an d’fhògair thusa iad airson am peacaidhean a pheacaich iad ann ad aghaidh‐sa. O Thighearna, dhuinne buinidh nàire gnùise, dar rìghrean, dar prionnsachan, agus dar n‑athraichean, a chionn gun do pheacaich sinn ad aghaidh. Don Tighearna ar Dia buinidh tròcairean agus maitheanais, ged a rinn sinne ar‑a‑mach na aghaidh. Cha mhò a thug sinn gèill do ghuth an Tighearna ar Dia, a‑chum gluasad na reachdan a chuir e romhainn le a sheirbhisich na fàidhean. Seadh, bhris Israel uile do reachd, eadhon le dol a thaobh, a‑chum nach tugadh iad gèill dod guth; air an adhbhar sin tha am mallachd air a dhòrtadh oirnn, agus an truaighe a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè, a chionn gun do pheacaich sinn na aghaidh. Agus dhaingnich e a bhriathran a labhair e nar n‑aghaidh, agus an aghaidh ar britheamhan a thug breith oirnn, le dòrainn mhòr a thoirt oirnn; oir fo nèamh uile cha do rinneadh mar a rinneadh air Ierusalem. Mar tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, tha an t‑olc seo uile air teachd oirnn; gidheadh cha do rinn sinn ar n‑ùrnaigh an làthair an Tighearna ar Dia, a‑chum gum bitheamaid air ar tilleadh o ar n‑euceartan, agus gun tuigeamaid d’fhìrinn. Uime sin rinn Dia faire air an olc, agus thug e oirnn e: oir tha an Tighearna ar Dia ceart na uile obraichean a tha e a’ dèanamh: oir cha tug sinne gèill da ghuth. Agus a‑nis, O Thighearna ar Dia, a thug do shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit le làimh chumhachdaich, agus a fhuair dhut fhèin cliù, mar air an là‑an‑diugh, pheacaich sinne, rinn sinn gu h‑aingidh. O Thighearna, a rèir d’uile fhìreantachd, guidheam ort, leig led chorraich agus led fheirg tilleadh air falbh od chathair Ierusalem, do shliabh naomh: a chionn, airson ar lochdan, agus airson aingidheachdan ar n‑athraichean, gu bheil Ierusalem agus do shluagh nam masladh do na h‑uile mun cuairt dhuinn. A‑nis, uime sin, O ar Dia, èisd ùrnaigh d’òglaich, agus a athchuinge, agus thoir air do ghnùis dealradh air d’ionad naomh a tha na làraich, air sgàth an Tighearna. O mo Thighearna, crom do chluas agus cluinn; fosgail do shùilean, agus faic ar fàsachadh, agus a’ chathair a tha air a gairm air d’ainm: oir chan eil sinn a’ taisbeanadh ar n‑athchuingean ad làthair airson ar n‑ionracais, ach airson do mhòr‐thròcair fhèin. O Thighearna, èisd; O Thighearna, maith; O Thighearna, cluinn agus dèan; na dèan moille, air do shon fhèin, O mo Dhia: oir tha do chathair agus do shluagh air an gairm air d’ainm. Agus am feadh a bha mi a’ labhairt, agus ri ùrnaigh, agus ag aideachadh mo lochdan, agus lochdan mo shluaigh Israeil, agus a’ taisbeanadh m’athchuinge an làthair an Tighearna mo Dhia, airson sliabh naomh mo Dhè: Seadh, am feadh a bha mi a’ labhairt ann an ùrnaigh, an neach ceudna a chunnaic mi anns an aisling air tùs, Gabriel air an tugadh itealaich gu luath, bhean e rium, mu àm na h‑ìobairt‐fheasgair: Agus thug e fios dhomh, agus labhair e rium, agus thubhairt e, O Dhanieil, tha mise a‑nis air teachd a‑mach a thoirt dhut gliocais agus tuigse. Aig toiseach d’athchuinge thàinig an àithne a‑mach, agus thàinig mise a dh’fheuchainn dhut: oir tha thu air do ghràdhachadh gu ro‑mhòr: uime sin, tuig a’ chùis, agus thoir fa‑near an aisling. Tha deich agus trì‐fichead seachdain air an òrdachadh air do shluagh, agus air a’ chathair naoimh, a chrìochnachadh euceirt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dhèanamh rèite airson aingidheachd, agus a thoirt a‑steach fìreantachd shìorraidh, agus a sheulachadh suas na h‑aisling agus na fàistneachd, agus a dh’ungadh an Tì as ro‑naoimhe. Aithnich uime sin agus tuig, o dhol a‑mach na h‑àithne, gu Ierusalem aiseag agus a thogail suas, gu Mesiah am Prionnsa, gum bi seachd seachdainean, agus trì‐fichead agus dà sheachdain: togar an t‑sràid a‑rìs agus am balla, eadhon ann an aimsirean carraideach. Agus an ceann nan trì‐fichead agus dà sheachdain, gearrar Mesiah as, ach chan ann air a shon fhèin: agus sgriosaidh sluagh a’ phrionnsa a thig a’ chathair, agus an naomh‐ionad; agus bidh a chrìoch sin le tuil, agus gu deireadh a’ chogaidh tha lèirsgrios air òrdachadh. Agus daingnichidh esan an coicheangal ri mòran car aon seachdain: agus ann am meadhon na seachdain bheir e air an ìobairt agus air an tabhartas sgur; agus anns an teampall bidh gràinealachd an lèirsgrios, gus an coileanar an sgrios a dh’òrdaicheadh air a làraich fhàsail. Ann an treas bliadhna Chìruis rìgh Phersia, dh’fhoillsicheadh nì do Dhaniel (dom b’ainm Beltesasar), agus bha an nì fìor, agus mu thimcheall feachd mhòir; agus thuig e a’ chùis, agus bha e eòlach anns an t‑sealladh. Anns na làithean sin bha mise Daniel ri bròn trì seachdainean iomlan. Cha d’ith mi aran taitneach air bith, cha mhò a thàinig feòil no fìon ann am bheul, cha mhò a dh’ung mi mi fhèin idir, gus an robh trì seachdainean iomlan air an coileanadh. Agus air a’ cheathramh‐là‑fichead den chiad mhìos, nuair a bha mi ri taobh na h‑aibhne mòire, Hidecel; An sin thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi, agus feuch, duine àraidh ann an aodach lìn, aig an robh a leasraidh crioslaichte le òr grinn Uphais: Bha a chorp fòs cosmhail ri beril, agus a ghnùis mar dhreach dealanaich, agus a shùilean mar lòchrain theine, agus a ghàirdeanan agus a chasan cosmhail ann an dath ri umha lìomhte, agus fuaim a bhriathran cosmhail ri guth sluaigh mhòir. Agus chunnaic mise Daniel a‑mhàin an sealladh: oir chan fhaca na daoine a bha maille rium an sealladh: ach thuit crith mhòr orra, ionnas gun do theich iad gu iad fhèin fhalach. Air an adhbhar sin dh’fhàgadh mise ann am aonar, agus chunnaic mi an sealladh mòr seo, agus cha d’fhan cumhachd air bith annam, oir dh’atharraicheadh annam mo mhaise gu duaichneachd, agus cha do mhair neart annam. Gidheadh chuala mi fuaim a bhriathran: agus nuair a chuala mi fuaim a bhriathran, an sin bha mi ann an cadal trom air m’aghaidh, agus m’aghaidh ris an làr. Agus, feuch, bhean làmh rium, a chuir mi air mo ghlùinean, agus air basan mo làmh: Agus thubhairt e rium, O Dhanieil, a dhuine ro‑ionmhainn, tuig na briathran a tha mise a’ labhairt riut, agus èirich ann ad sheasamh: oir ad ionnsaigh‐sa tha mi a‑nis air mo chur. Agus nuair a labhair e am facal seo rium, sheas mi air chrith. An sin thubhairt e rium, Na biodh eagal ort, a Dhanieil; oir on chiad là anns an do shuidhich thu do chridhe a‑chum tuigsinn, agus a‑chum thu fhèin irioslachadh ann an làthair do Dhè, bha do bhriathran air an cluinntinn, agus tha mise air teachd airson do bhriathran. Ach sheas prionnsa rìoghachd Phersia ann am aghaidh là‑ar‑fhichead: ach feuch, thàinig Mìchael, aon de na h‑àrd phrionnsachan gum chòmhnadh; agus dh’fhan mi an sin le rìghrean Phersia. A‑nis tha mi air teachd a thoirt ort a thuigsinn ciod a thachras dod shluagh anns na làithean deireannach: oir tha an sealladh fhathast rè mòran làithean. Agus nuair a labhair e an leithid seo de bhriathran rium, chuir mi m’aghaidh ris an làr, agus bha mi ann am thosd. Agus, feuch, bhean neach cosmhail ri samhladh mic dhaoine rim bhilean; an sin dh’fhosgail mi mo bheul, agus labhair mi, agus thubhairt mi ris‐san a sheas fam chomhair, O mo thighearna, leis an t‑sealladh, tha m’àmhghar air tilleadh orm, agus thrèig mo neart mi. Oir cionnas a dh’fhaodas òglach an tì seo mo thighearna labhairt ris an tì seo mo thighearna? Oir air mo shon‐sa, air ball cha d’fhan neart air bith annam, cha mhò a dh’fhàgadh anail annam. An sin thàinig a‑rìs agus bhean rium neach cosmhail ri samhladh duine, agus neartaich e mi. Agus thubhairt e, O dhuine ro‑ionmhainn, na biodh eagal ort; sìth dhut, bi làidir, seadh bi làidir. Agus nuair a labhair e rium, neartaicheadh mi, agus thubhairt mi, Labhradh mo thighearna; oir rinn thu mo neartachadh. An sin thubhairt e, A bheil fhios agad carson a thàinig mi ad ionnsaigh? Agus a‑nis tillidh mi gu cogadh ri prionnsa Phersia: agus nuair a thèid mise a‑mach, feuch, thig prionnsa na Grèige. Ach nochdaidh mi dhut an nì sin a tha comharraichte ann an sgriobtar na fìrinn: agus chan eil aon a chuireas leamsa anns na nithean seo ach Mìchael ur prionnsa‐se. Agus ann an ciad bhliadhna Dhariuis am Mèdeach, sheas mise gu a dhaingneachadh agus gu a neartachadh. Agus a‑nis foillsichidh mi dhut an fhìrinn: Feuch, seasaidh suas fhathast trì rìghrean ann am Persia; agus bidh an ceathramh nas beartaiche gu mòr na iad uile: agus le a chumhachd, trìd a bheartais, dùisgidh e suas na h‑uile an aghaidh rìoghachd na Grèige. Agus seasaidh rìgh cumhachdach suas a riaghlas le tighearnas mòr, agus a nì a rèir a thoile fhèin. Agus nuair a sheasas e suas, brisear a rìoghachd, agus roinnear i ri ceithir gaothan nèimh; agus chan ann da shliochd, no a rèir a thighearnais, leis an do riaghail e: oir bidh a rìoghachd air a spìonadh a‑nìos, eadhon airson muinntir eile a bharrachd orra seo. Agus bidh rìgh na h‑àird a deas làidir, ach bidh aon de na prionnsachan eadhon nas làidire na esan; agus bidh aige tighearnas nas mò na a thighearnas‐san. Agus an ceann bhliadhnachan ceanglaidh iad iad fhèin ri chèile; oir thig nighean rìgh na h‑àird a deas a‑chum rìgh na h‑àird a tuath a dhèanamh rèite eatorra: ach cha ghlèidh i cumhachd a ghàirdein, cha mhò a sheasas i fhèin no a sliochd: ach bheirear ise seachad, agus iadsan a thug leo i, agus esan a ghin i, agus esan a neartaich i anns na h‑aimsirean seo. Ach a‑mach à meangan de a freumh seasaidh aon suas na inbhe, a thig le feachd, agus a thèid a‑steach gu daingneach rìgh na h‑àird a tuath, agus cuiridh e nan aghaidh, agus bheir e buaidh: Agus bheir e fòs nam braighdean don Eiphit an diathan, maille rim prionnsachan, agus rin soithichean luachmhor airgid agus òir; agus buanaichidh e tuilleadh bhliadhnachan na rìgh na h‑àird a tuath. Mar sin thig rìgh na h‑àird a deas da rìoghachd‐san, agus tillidh e ga dhùthaich fhèin. Ach bidh a mhic air an dùsgadh suas, agus cruinnichidh iad sluagh de fheachdan mòra; agus thig aon gu deimhinn, agus sgaoilidh e thairis, agus imichidh e troimhe: an sin tillidh e, agus dùisgear suas e, gu ruig a dhaingnich. Agus lìonar rìgh na h‑àird a deas le feirg, agus thig e a‑mach, agus cogaidh e ris, eadhon ri rìgh na h‑àird a tuath: agus cuiridh e a‑mach sluagh mòr; ach bheirear am mòr‐shluagh thairis da làimh‐san. Agus nuair a bheir e air falbh am mòr‐shluagh, bidh a chridhe air a thogail suas, agus tilgidh e sìos deich mìltean; gidheadh cha neartaichear e. Oir tillidh rìgh na h‑àird a tuath, agus cuiridh e sluagh mòr a‑mach, as mò na a’ chiad sluagh, agus thig e gu cinnteach (an dèidh bhliadhnachan àraidh) le feachd mòr, agus le pailteas saoibhreis. Agus anns na h‑aimsirean sin seasaidh mòran suas an aghaidh rìgh na h‑àird a deas: mar an ceudna nì luchd‐creachaidh mo shluaigh‐sa iad fhèin àrdachadh a‑chum an sealladh a dhaingneachadh, ach tuitidh iad. Mar sin thig rìgh na h‑àird a tuath, agus tilgidh e suas tòrr, agus glacaidh e na bailtean as làidire; agus cha seas gàirdeanan na h‑àird a deas na aghaidh, no a shluagh taghte, cha mhò a bhios neart air bith a chuireas na aghaidh. Ach nì esan a thig na aghaidh a rèir a thoile fhèin, agus cha seas neach air bith roimhe: agus seasaidh e anns an tìr ghlòrmhoir, a bhios air a sgrios le a làimh. Suidhichidh e fòs a aghaidh gu dol a‑steach le neart a rìoghachd uile, agus daoine ionraic maille ris: mar seo nì e; agus bheir e dha nighean nam ban ga truailleadh: ach cha seas i air a thaobh‐san, cha mhò a bhios i air a shon. Na dhèidh seo tionndaidhidh e a aghaidh ris na h‑eileanan, agus glacaidh e mòran: ach bheir prionnsa air a shon fhèin fa‑near gun sguir am masladh a thug e uaithe: gun mhasladh dha fhèin bheir e air tilleadh airsan. An sin tionndaidhidh e a aghaidh ri daingneach a thìre fhèin: ach gheibh e tuisleadh agus leagadh, agus cha bhi e ri fhaotainn. An sin seasaidh suas na àite aon a chuireas fear‐togail chìsean thar an rìoghachd ghlòrmhor; ach an ceann beagan làithean sgriosar e, chan ann an corraich no an cath. Agus na àite‐san seasaidh suas neach suarach do nach toir iad onair na rìoghachd: ach thig e a‑steach gu sìochail, agus gheibh e an rìoghachd le miodal. Agus gàirdeanan na tuile bàthar as an làthair, agus brisear iad: seadh, fòs prionnsa a’ choicheangail. Agus an dèidh na rèite ris, buinidh e gu cealgach; agus thig e a‑nìos, agus fàsaidh e làidir le sluagh beag. Thèid e a‑steach gu sìochail eadhon air na h‑ionadan as fheàrr den mhòr‐roinn, agus nì e an nì nach do rinn a athraichean, no athraichean a athraichean; sgapaidh e nam measg a’ chreach, agus a chobhartach, agus an saoibhreas: agus dealbhaidh e innleachdan an aghaidh nan daingnichean làidir, eadhon rè seal. Agus dùisgidh e suas a chumhachd agus a chruadal, an aghaidh rìgh na h‑àird a deas le feachd mòr; agus bidh rìgh na h‑àird a deas air a dhùsgadh suas gu cath, le feachd ro‑mhòr agus cumhachdach; ach cha seas e: oir dealbhaidh iad innleachdan na aghaidh. Seadh, marbhaidh iadsan a dh’itheas cuibhreann de a bhiadh e, agus sgaoilidh a fheachd a‑mach mar thuil: agus tuitidh mòran sìos marbh. Agus bidh cridheachan nan rìghrean seo araon air aimhleas a dhèanamh, agus labhraidh iad breugan air an aon bhòrd; ach cha soirbhich sin: oir fhathast bidh a’ chrìoch anns an àm a shònraicheadh. An sin tillidh esan gu a dhùthaich le saoibhreas mòr; agus bidh a chridhe an aghaidh a’ choicheangail naoimh: agus an dèidh seo a dhèanamh, tillidh e gu a thìr fhèin. Anns an àm a shònraicheadh tillidh e, agus thig e ris an àird a deas; ach cha bhi na nithean mu dheireadh mar na ciad nithean. Oir thig longan Chitim na aghaidh: air an adhbhar sin bidh doilgheas air, agus tillidh e, agus bidh fearg air an aghaidh a’ choicheangail naoimh: mar sin nì e; eadhon tillidh e, agus cumaidh e bàidh riùsan a thrèigeas an coicheangal naomh. Agus seasaidh làmhan air a thaobh, agus truaillidh iad naomh‐ionad an neirt, agus bheir iad air falbh an ìobairt làitheil, agus suidhichidh iad a’ ghràinealachd a chuireas fàs. Agus a’ mhuinntir a nì gu h‑olc an aghaidh a’ choicheangail truaillidh e le miodal: ach an sluagh aig a bheil eòlas air an Dia, bidh iadsan làidir, agus nì iad gu treun. Agus iadsan aig a bheil tuigse am measg an t‑sluaigh, teagaisgidh iad mòran: gidheadh tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, agus leis an lasair, le bruid, agus le creich, rè mòran làithean. A‑nis nuair a thuiteas iad, cuidichear iad le beagan cuideachaidh: ach leanaidh mòran riu le miodal. Agus tuitidh cuid dhiubhsan aig a bheil tuigse, a‑chum an dearbhadh, agus an glanadh, agus an dèanamh geal, eadhon gu àm na crìche; a chionn gu bheil e fhathast airson àm a shònraicheadh. Agus nì an rìgh a rèir a thoile fhèin; agus àrdaichidh e e fhèin, agus togar e na mhòrchuis os cionn gach dè, agus labhraidh e nithean iongantach an aghaidh Dia nan dia, agus soirbhichidh leis gus an coileanar a’ chorraich: oir nìthear an nì sin a dh’òrdaicheadh. Cha mhò a bhios suim aige do dhia a athraichean, no do thoil bhan, no suim do dhia air bith: oir meudaichidh e e fhèin os cionn nan uile. Ach na àite bheir e onair don dia Mahusim: agus do Dhia nach b’aithne da athraichean bheir e onair le òr agus airgead, agus le clachan rìomhach, agus nithean taitneach. Mar seo nì e: do luchd‐coimhead Mhahusim, dia coimheach, a tha esan ag aideachadh, bheir e onair mhòr, agus bheir e orra riaghladh thar mòran; agus roinnidh e am fearann airson duaise. Agus an àm na crìche nì rìgh na h‑àird a deas a phurradh, agus thig rìgh na h‑àird a tuath na aghaidh mar chuairt‐ghaoith, le carbadan, agus le marcaichean, agus le mòran long; agus thèid e a‑steach do na dùthchannan, agus sgaoilidh e mar thuil, agus siùbhlaidh e thairis. Thèid e fòs a‑steach don tìr ghlòrmhoir, agus bidh mòran dhùthchannan air an tilgeadh bun‐os‑cionn; ach thèid iad seo as o làimh, Edom, agus Mòab, agus rogha chloinn Amoin. Sìnidh e fòs a‑mach a làmh air na dùthchannan; agus cha tèid tìr na h‑Eiphit as. Ach bidh cumhachd aige os cionn nan ionmhasan òir agus airgid, agus os cionn uile nithean rìomhach na h‑Eiphit, agus bidh na Libianaich agus na h‑Etiopaich air a lorg. Ach nì sgeul on àird an ear agus on àird a tuath a bhuaireadh: air an adhbhar sin thèid e a‑mach le corraich mhòir gu sgrios, agus gu mòran a mhilleadh gu tur. Agus suidhichidh e pàilleanan a lùchairtean eadar na cuantan, anns an t‑sliabh ghlòrmhor naomh; gidheadh thig e gu chrìch, agus cha chuidich neach air bith leis. Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh‐sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh‐sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar. Agus dùisgidh mòran dhiubhsan a tha nan cadal ann an duslach na talmhainn, cuid gu beatha shìorraidh, agus cuid gu nàire agus masladh bith‐bhuan. Agus dealraichidh iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur; agus iadsan a thionndaidheas mòran gu fìreantachd mar na reultan fad saoghal nan saoghal. Ach thusa, O Dhanieil, druid suas na briathran, agus seulaich an leabhar, gu àm na crìche: ruithidh mòran sìos agus suas, agus bidh eòlas air a mheudachadh. An sin dh’amhairc mise Daniel, agus, feuch, sheas dithis eile, aon air an taobh seo de bhruaich na h‑aibhne, agus aon air an taobh eile de bhruaich na h‑aibhne. Agus thubhairt neach ris an duine a bha sgeadaichte le lìon‐aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, Cia fhad a bhios gu crìch nan iongantas seo? Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon‐aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile. Agus chuala mi, ach cha do thuig mi: an sin thubhairt mi, O mo thighearna, ciod a’ chrìoch a bhios aig na nithean seo? Agus thubhairt e, Imich romhad, a Dhanieil: oir tha na briathran air an druideadh suas, agus air an seulachadh gu àm na crìche. Bidh mòran air an glanadh, agus air an dèanamh geal, agus air an dearbhadh: ach nì na h‑aingidh gu h‑olc; agus cha tuig aon neach de na h‑aingidh; ach tuigidh na daoine glice. Agus on àm anns an toirear air falbh an ìobairt làitheil, agus an cuirear suas a’ ghràinealachd a nì lèirsgrios, bidh mìle, dà cheud, ceithir‐fichead agus deich làithean. Is beannaichte esan a dh’fheitheas, agus a thig gus am mìle, trì cheud, agus còig‐deug ar fhichead là. Ach imich thusa romhad gus an tig a’ chrìoch: oir gabhaidh tu fois, agus seasaidh tu ann ad chrannchur aig crìch nan làithean. Facal an Tighearna a thàinig gu Hosèa, mac Bheeri, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais agus Heseciah, rìghrean Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim, mhic Iohais, rìgh Israeil. Toiseach facal an Tighearna le Hosèa. Agus thubhairt an Tighearna ri Hosèa, Imich gabh ad ionnsaigh bean strìopachais, agus clann strìopachais; oir rinn am fearann strìopachas mòr ann an dealachadh ris an Tighearna. Agus dh’imich e, agus ghabh e Gomer nighean Dhiblaim; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac dha. Agus thubhairt an Tighearna ris, Goir Iesreel mar ainm air; oir fòs tamall beag, agus dìolaidh mise fuil Iesreeil air taigh Iehu, agus cuiridh mi casg air rìoghachd taigh Israeil. Agus tàrlaidh air an là sin, gum bris mise bogha Israeil ann an gleann Iesreeil. Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i nighean; agus thubhairt Dia ris, Goir Lo‑ruhamah mar ainm oirre; oir cha dèan mise tròcair nas mò air taigh Israeil, ach bheir mi gu tur air falbh iad. Ach air taigh Iùdah nì mi tròcair, agus tèarnaidh mi iad leis an Tighearna an Dia, agus chan ann le bogha no le claidheamh a thèarnas mi iad, no le cath, no le eich, no le marcaich. Agus chuir i on chìch Lo‑ruhamah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac. An sin thubhairt Dia, Goir Lo‑ammi mar ainm air: oir cha sibhse mo shluagh‐sa, agus cha bhi mise ann am Dhia dhuibhse. Gidheadh bidh àireamh clann Israeil mar ghaineamh na fairge, nach gabh tomhas no àireamh; agus tàrlaidh, anns an àite anns an dubhairteadh riu, Cha sibh mo shluagh‐sa, gun abrar riu, Is sibh mic an Dè bheò. Agus bidh clann Iùdah agus clann Israeil air an cruinneachadh ri chèile, agus gabhaidh iad dhaibh fhèin aon cheann, agus thig iad a‑nìos as an tìr: oir is mòr a bhios là Iesreeil. Abraibh‐se ri ur bràithrean, Ammi, agus ri ur peathraichean, Ruhamah. Tagraibh ri ur màthair, tagraibh: oir chan i mo bhean‐sa, cha mhò as mise a fear‐se: cuireadh i air falbh uime sin a strìopachais as a sealladh, agus a h‑adhaltranais o a h‑uchd; Air eagal gun rùisg mise i lomnochd, agus gun cuir mi i mar anns an là anns an do rugadh i, agus gun dèan mi i mar fhàsach, agus gum fàg mi i mar fhearann tioram, agus gum marbh mi i le tart: Agus nach gabh mi truas da cloinn, oir is clann strìopachais iad. Oir rinn am màthair strìopachas: rinn ise a ghabh na broinn iad gu beag‐nàireach: oir thubhairt i, Thèid mi an dèidh mo luchd‐gaoil, a tha a’ toirt dhomh m’arain agus m’uisge, m’olainn agus mo lìn, m’ola agus mo dhibhe. Uime sin, feuch, druididh mise suas a slighe le droigheann, agus dùinidh mi a callaid, air chor is nach amais i air a ceuman. Agus leanaidh i an dèidh a luchd‐gaoil, ach cha bheir i orra; agus iarraidh i iad, ach chan amais i orra: an sin their i, Siùbhlaidh mi agus tillidh mi gum chiad fhear, oir bha mi na b’fheàrr dheth an sin na a‑nis. Agus cha robh fhios aice gun tug mise dhi arbhar, agus fìon, agus ola, agus an t‑airgead a rinn mi pailt dhi, agus an t‑òr a thug iad mar thabhartas do Bhàal. Uime sin tillidh mise, agus bheir mi m’arbhar leam na àm, agus m’fhìon na àm, agus bheir mi leam m’olann agus mo lìon, a thugadh a chòmhdachadh a lomnochdaidh. Agus a‑nis leigidh mi ris a neòghlaine ann an sealladh a luchd‐gaoil, agus cha saor duine sam bith as mo làimh i. Bheir mi fòs air a h‑aighear uile sgur; a gealach nuadh, agus a sàbaid, agus a h‑àrd‐fhèillean uile. Agus millidh mi a fìonain agus a crann‐fìge, mun dubhairt i, Is iad seo mo dhuais a fhuair mi om luchd‐gaoil: agus nì mi frìth dhiubh, agus ithidh beathaichean na machrach iad. Agus agraidh mi oirre làithean Bhàalim, anns an do loisg i tùis dhaibh, agus anns an do sgeadaich i i fhèin le a cluas‐fhàinnean agus le a seudan, agus anns an deachaidh i an dèidh a leannan, agus anns an do dhìochuimhnich i mise, deir an Tighearna. Gidheadh, feuch, bheir mise oirre mo leantainn, agus bheir mi i don fhàsach, agus labhraidh mi rithe gu càirdeil. Agus as a sin bheir mi dhi a fìon‐liosan, agus gleann Achoir mar dhoras dòchais: agus seinnidh i an sin, mar ann an làithean a h‑òige, agus mar anns an là anns an tàinig i a‑nìos à tìr na h‑Eiphit. Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gun goir thu dhìomsa, M’fhear, agus nach goir thu rium nas mò, Mo Bhàal. Oir bheir mi ainmean Bhàalim a‑mach as a beul, agus chan ainmichear nas mò iad air an ainm. Agus anns an là sin nì mise coicheangal air an son ri beathaichean na machrach, agus ri eunlaith nèimh, agus ri nithean snàigeach na talmhainn: agus am bogha, agus an claidheamh, agus an cath, brisidh mi a‑mach as an fhearann, agus bheir mi orra gun laigh iad sìos ann an tèarainteachd. Agus pòsaidh mi thu rium fhèin gu bràth; seadh, pòsaidh mi rium fhèin thu ann am fìreantachd, agus ann an ceartas, agus ann an coibhneas, agus ann an caomh‐ghràdh; Seadh, nì mi ceangal‐pòsaidh riut ann am fìrinn, agus gabhaidh tu eòlas air an Tighearna. Agus tàrlaidh air an là sin, cluinnidh mise, tha an Tighearna ag ràdh, cluinnidh mise na nèamhan; agus cluinnidh iadsan an talamh; Agus cluinnidh an talamh an t‑arbhar, agus am fìon, agus an ola; agus cluinnidh iadsan Iesreel. Agus suidhichidh mi dhomh fhèin i anns an fhearann, agus nì mi tròcair oirrese nach d’fhuair tròcair; agus their mi riùsan nach robh nan sluagh dhomh, Is tu mo shluagh; agus their iadsan, Is tu mo Dhia. Os bàrr thubhairt an Tighearna rium, Imich a‑rìs, gràdhaich bean (ionmhainn le a caraid, ged tha i na ban‐adhaltranaich ) a rèir gràdh an Tighearna do chloinn Israeil, ged tha iadsan ag amharc ri diathan eile, agus a’ gràdhachadh cupanan fìona. Mar sin cheannaich mi dhomh fhèin i air còig‐buinn‐deug airgid, agus homer eòrna, agus leth‐homeir eòrna. Agus thubhairt mi rithe, Fanaidh tu leamsa mòran làithean; cha dèan thu strìopachas, cha mhò a bhios tu aig fear eile; mar sin bidh mise mar an ceudna agadsa. Oir fanaidh clann Israeil mòran làithean gun rìgh, agus gun phrionnsa, agus gun ìobairt, agus gun ìomhaigh, agus gun èphod, agus gun teraphim. Na dhèidh sin tillidh clann Israeil, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia, agus Daibhidh an rìgh; agus bidh eagal an Tighearna agus a mhaitheis orra anns na làithean deireannach. Eisdibh‐se facal an Tighearna, O chlann Israeil; oir tha còmhstri aig an Tighearna ri luchd‐àiteachaidh na tìre; a chionn nach eil fìrinn, no tròcair, no eòlas Dhè anns an fhearann. Le mionnan, agus breugan, agus marbhadh, agus goid, agus dèanamh adhaltranais, bhris iad a‑mach; agus tha fuil a’ ruigheachd gu fuil. Uime sin nì am fearann caoidh, agus seargaidh gach aon a tha a chòmhnaidh ann, maille ri beathaichean na machrach, agus ri eunlaith an adhair; seadh, bheirear èisg na fairge fòs air falbh. Gidheadh chan eil duine sam bith a’ tagradh, agus chan eil duine sam bith a’ cronachadh: oir tha mo shluagh mar dhream a nì strì ris an t‑sagart. Uime sin tuitidh tu anns an là, agus tuitidh am fàidh fòs leat anns an oidhche; agus sgriosaidh mise do mhàthair. Tha mo shluagh‐sa air an sgrios le dìth eòlais. A chionn gun do chuir thu cùl ri eòlas, cuiridh mise fòs cùl riutsa, air chor is nach bi thu agam ad shagart: a chionn gun do dhearmaid thu lagh do Dhè, dearmadaidh mise fòs do chlann‐sa. Amhlaidh mar chaidh iad ann am meud, mar sin chiontaich iad am aghaidh‐sa: caochlaidh mise an glòir gu nàire. Tha iad ag ithe suas peacadh mo shluaigh‐sa, agus a’ socrachadh an cridhe air an euceart. Agus amhail a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart; agus smachdaichidh mise iad airson an slighean, agus dìolaidh mi orra an dèanadas. Agus ithidh iad, ach cha bhi iad sàsaichte; nì iad strìopachas, agus chan fhàs iad lìonmhor: oir leig iad dhiubh a bhith a’ toirt aire don Tighearna. Bheir strìopachas, agus fìon, agus fìon nuadh, air falbh an cridhe. Tha mo shluagh‐sa ag iarraidh comhairle air an croinn, agus tha an lorg a’ dèanamh foillseachaidh dhaibh: oir thug spiorad an strìopachais orra dol air seachran, agus chaidh iad le strìopachas air falbh on Dia. Air mullaichean nan sliabh tha iad ag ìobradh, agus air na slèibhtean tha iad a’ losgadh tùise; fo chruinn daraich, agus crithich, agus cuilinn, a chionn gu bheil an sgàil taitneach: air an adhbhar sin tha ur nigheanan ri strìopachas, agus ur mnathan ri adhaltranas. Nach smachdaich mise ur nigheanan, a chionn gu bheil iad ri strìopachas? Agus ur mnathan a chionn gu bheil iad ri adhaltranas? A chionn gu bheil iad gan cur fhèin air leth le strìopaichean, agus ag ìobradh le luchd neòghlaine: uime sin, an sluagh aig nach eil tuigse, tuitidh iad. Ged dhèan thusa strìopachas, O Israeil, gidheadh na ciontaicheadh Iùdah; agus na tigibh‐se gu Gilgal, cha mhò a thèid sibh suas gu Bet‐abhen; cha mhò a mhionnaicheas sibh, Mar as beò an Tighearna. Oir tha Israel a’ claonadh air ais, mar agh cùl‐sleamhnach: a‑nis biadhaidh an Tighearna iad mar uan ann an àite farsaing. Tha Ephraim air a dhlùth‐cheangal ri iodhalan, leig leis: Tha an deoch searbh: rinn a h‑uachdarain strìopachas gun chlos: ghràdhaich iad nì nàireach: Cheangail a’ ghaoth suas i na sgiathan: agus bidh nàire orra a‑thaobh an ìobairtean. Cluinnibh‐se seo, a shagartan; agus thugaibh‐se aire, O thaigh Israeil; agus thugaibh‐se fa‑near, O thaigh an rìgh; oir tha breitheanas dlùth dhuibh; a chionn gu robh sibh mar ribe air Mispah, agus mar lìon sgaoilte air Tabor. Agus rinn na ceannaircich àr domhain: uime sin bheir mise smachdachadh air an iomlan dhiubh. Is aithne dhòmhsa Ephraim, agus Israel chan eil am falach orm: oir a‑nis rinn Ephraim strìopachas; tha Israel air a thruailleadh. Cha dealbh iad an dèanadas gu tilleadh a‑chum an Dè: oir tha spiorad strìopachais nam meadhon, agus air an Tighearna cha do ghabh iad eòlas. Air an adhbhar sin ìslichear uabhar Israeil fa chomhair a shùl; agus Israel, agus Ephraim tuislichidh nan aingidheachd: tuislichidh fòs Iùdah maille riu. Len treudan agus lem buar, thèid iad a dh’iarraidh an Tighearna: ach chan fhaigh iad e; tharraing e e fhèin uapa. Bhuin iad gu fealltach an aghaidh an Tighearna; oir ghin iad clann choimheach: a‑nis sluigidh mìos iad maille rin cuibhreannan. Sèidibh‐se an trompaid ann an Gibeah, am buabhall ann an Ramah: èighibh caismeachd chatha ann am Bet‐abhen: an nàmhaid air do thòir, O Bheniàmin! Bidh Ephraim na fhàsach ann an là an achmhasain: am measg treubhan Israeil rinn mise aithnichte an nì sin a thig gu crìch gu deimhinn. Bha prionnsachan Iùdah cosmhail riùsan a dh’atharraicheas an comharradh‐fearainn: dòirtidh mise mo chorraich a‑mach orra mar uisge. Tha Ephraim sàraichte, briste ann am breitheanas; a chionn gun do ghluais e gu toileach an dèidh na h‑àithne. Uime sin bidh mise mar leòmann do Ephraim: agus mar lobhadh do thaigh Iùdah. Nuair a chunnaic Ephraim a thinneas, agus Iùdah a chreuchd, an sin chaidh Ephraim a‑chum an Asirianaich, agus chuir e fios gu rìgh Iareb: gidheadh cha b’urrainn e ur leigheas, cha mhò a shlànaich e ur creuchd. Gu deimhinn bidh mise mar leòmhann do Ephraim, agus mar leòmhann òg do thaigh Iùdah: reubaidh mise, eadhon mise fhèin, agus imichidh mi romham; bheir mi leam, agus cha bhi aon neach ann a thèarnas. Imichidh mi, agus tillidh mi gum àite, gus an aidich iad an cionta, agus an iarr iad m’aghaidh: nan àmhghar iarraidh iad mi gu moch. Thigibh agus tilleamaid ris an Tighearna: oir is esan a reub, agus is e a nì ar leigheas; is e a bhuail, agus ceanglaidh e suas sinn. An ceann dà là nì e ar n‑ath‐bheothachadh, air an treas là dùisgidh e suas sinn, agus bidh sinn beò na shealladh. Agus bidh eòlas againn: thèid sinn air ar n‑aghaidh a ghabhail eòlais air an Tighearna: tha a dhol a‑mach air ullachadh mar a’ mhadainn; agus thig e dar n‑ionnsaigh mar an t‑uisge; mar an t‑uisge deireannach, agus an ciad uisge air an talamh. Ciod a nì mi riut, O Ephraim? Ciod a nì mi riutsa, O Iùdah? Oir tha ur maitheas mar neul maidne, agus mar an drùchd moch, a shiùbhlas air falbh. Uime sin sgath mi sìos iad leis na fàidhean: mharbh mi iad le briathran mo bheòil: agus bha do bhreitheanais mar an solas na dhol a‑mach. Oir dh’iarr mise tròcair, agus chan e ìobairt, agus eòlas Dhè nas mò na ìobairtean‐loisgte. Ach bhris iadsan an coicheangal mar Adhamh: an sin bhuin iad gu fealltach am aghaidh‐sa. Is cathair luchd‐dèanamh eucorach Gilead, air a truailleadh le fuil. Agus amhail a dh’fheitheas buidheann airson duine, tha cuideachd nan sagart a’ marbhadh anns an t‑slighe gu Sechem a dh’aon‐bheachd; oir rinn iad aingidheachd gu dàna. Ann an taigh Israeil chunnaic mi nì ro‑ghràineil: an sin tha Ephraim ri strìopachas; tha Israel air a thruailleadh. Air do shon‐sa, mar an ceudna, O Iùdah, tha fogharadh air a shònrachadh, nuair a thilleas mise air a h‑ais bruid mo shluaigh. Nuair a b’àill leamsa Israel a leigheas, an sin leigeadh ris aingidheachd Ephraim agus euceart Shamaria: oir tha iad a’ cur an gnìomh ceilge: seadh, tha an gadaiche a’ dol a‑steach; tha a’ cheathairne ri creach a‑muigh. Agus chan eil iad a’ toirt fa‑near nan cridhe gur cuimhne leamsa an uile aingidheachd: a‑nis chuartaich an gnìomharan fhèin iad air gach taobh; tha iad fa chomhair m’aghaidh‐sa. Len aingidheachd tha iad a’ dèanamh an rìgh ait, agus nan uachdaran lem breugan. Is adhaltranaich iad uile; mar àmhainn air a teasachadh leis an fhuineadair, nuair a sguireas fear‐obrachaidh na taoise de a fuineadh gus am bi i air a gortachadh. Air là fèill ar rìgh, nuair a bha na prionnsachan air an teasachadh le fìon, shìn esan a‑mach a làmh le luchd‐fanaid. Oir dh’ullaich iad an cridhe mar àmhainn, am feadh a tha iad ri feall‐fhalach: fad na h‑oidhche tha am fuineadair a’ cadal; anns a’ mhadainn tha i a’ losgadh mar theine lasrach. Theasaich iad uile iad fhèin mar àmhainn, agus shluig iad am britheamhan; tha an rìghrean uile air tuiteam; chan eil aon nam measg a tha a’ gairm ormsa. Ephraim, mheasg esan e fhèin leis na cinnich; is aran nach deachaidh a thionndadh Ephraim. Shluig coigrich suas a neart, agus chan eil fhios aige air: seadh, tha fuilteanan liatha air, an siud agus an seo, gidheadh chan eil fhios aige air. Agus tha uabhar Israeil a’ tabhairt fianais fa chomhair a shùl: gidheadh chan eil iad a’ tilleadh ris an Tighearna an Dia, no ga iarraidh airson seo uile. Tha Ephraim fòs mar chalaman amaideach, gun eòlas: tha iad a’ glaodhaich ris an Eiphit, tha iad a’ triall gu Asiria. Nuair a thriallas iad, sgaoilidh mise mo lìon thairis orra; mar eunlaith an adhair bheir mi a‑nuas iad; smachdaichidh mi iad nuair a dh’èisdeas iad rin coitheanal. Mo thruaighe iad, oir theich iad uamsa! Lèirsgrios dhaibh, oir chiontaich iad am aghaidh‐sa! Ged shaor mi iad, gidheadh labhair iad breugan am aghaidh. Agus cha do ghlaodh iad riumsa len cridhe; ged rinn iad donnalaich air an leapaichean airson arbhair agus fìona; tha iad a’ cruinneachadh an ceann a chèile, tha iad ag èirigh suas am aghaidh‐sa. Seadh, smachdaich mi iad; neartaich mi fòs an gàirdeanan; gidheadh tha iad a’ dealbh aimhleis am aghaidh. Tha iad a’ tionndadh an dèidh nì gun bhuannachd: tha iad mar bhogha cealgach: tuitidh an uachdarain leis a’ chlaidheamh, airson nimh an teangaidh: seo cùis am maslaidh ann an tìr na h‑Eiphit. An trompaid rid bheul! Mar iolair an aghaidh taigh an Tighearna thig e: a chionn gun do bhris iad mo choicheangal‐sa, agus gun do chiontaich iad an aghaidh mo reachd. Riumsa glaodhaidh iad, O Dhè Israeil, is aithne dhuinne thu. Chuir Israel uaithe am fad an nì a tha math: nì nàmhaid a ruagadh. Chuir iad suas rìghrean, ach chan ann uamsa: rinn iad uachdarain, agus cha robh agamsa fios air: den airgead agus den òr rinn iad dhaibh fhèin iodhalan, a‑chum gun gearrar as iad. Cuir am fada uat do laogh, O Shamaria; tha mo chorraich‐sa air lasadh nan aghaidh: cia fhad a bhios iad gun ruigheachd air neochiontas? Oir bha seo fòs o Israel: dhealbh am fear‐obrach e; agus cha Dia a tha ann: oir brisear na bhloighdean laogh Shamaria. Oir chuir iad a’ ghaoth, agus buainidh iad a’ chuairt‐ghaoth: chan eil toradh air an dèis; cha toir i uaipe min; no, ma bheir, sluigidh coigrich suas i. Tha Israel air a shlugadh suas: a‑nis tha iad am measg nan cinneach mar shoitheach anns nach eil tlachd air bith. Oir chaidh iad suas gu Asiria: is asal fhiadhaich anns an aonach Ephraim; thuarasdalaich iad leannain. Seadh, ged a thuarasdalaich iad am measg nan cinneach, a‑nis tionailidh mise iad ri chèile; agus bidh iad gu goirid air an cràdh le uallach an rìgh agus a uachdaran. A chionn gun do rinn Ephraim mòran altairean gu peacachadh, altairean gu peacachadh tha aige. Sgrìobh mise da ionnsaigh nithean mòra mo reachd; ach mheasadh iad mar nì nach buineadh dhaibh. Tha iad ag ìobradh feòla mar thabhartas dhòmhsa, agus ga h‑ithe; ach cha ghabh an Tighearna riu: a‑nis cuimhnichidh e an aingidheachd, agus smachdaichidh e an lochdan: tillidh iad air an ais don Eiphit. Oir dhìochuimhnich Israel a Chruithear, agus thog e teampaill: agus chuir Iùdah an lìonmhorachd cathraichean daingeann: ach cuiridh mise teine air a chathraichean, agus loisgidh e a lùchairtean. Na dèan aoibhneas, O Israeil, na dèan gàirdeachas mar na cinnich: oir chaidh thu air strìopachas od Dhia: ghràdhaich thu duais air gach uile ùrlar‐arbhair. An t‑ùrlar‐arbhair agus an dabhach‐fhìona cha dèan am beathachadh, agus meallaidh am fìon nuadh an dòchas. Cha ghabh iad còmhnaidh ann am fearann an Tighearna: ach tillidh Ephraim don Eiphit: agus ann an Asiria ithidh iad nithean neòghlan. Chan ìobair iad tabhartasan‐fìona don Tighearna, cha mhò a bhios iad taitneach dha: bidh an ìobairtean dhaibh mar aran luchd‐bròin; bidh iadsan uile a dh’itheas dheth air an salachadh; gu dearbh cha tig an aran airson an anama gu taigh an Tighearna. Ciod a nì sibh ann an là na h‑àrd‐fhèille, agus ann an là fèill an Tighearna? Oir feuch, dh’imich iad air falbh o làthair an fhir‐mhillidh: tionailidh an Eiphit iad, adhlaicidh Memphis iad: na h‑ionadan taitneach a cheannaich iad len airgead, sealbhaichidh an fheanntag iad: nam pàilleanan fàsaidh an droigheann. Thàinig làithean an smachdachaidh, thàinig làithean na luigheachd: aithnichidh Israel gum b’amadan am fàidh, gu robh fear an spioraid air bhoile; airson ro‑mheud d’aingidheachd, agus airson d’fhuath mhòir. Tha fear‐faire Ephraim lem Dhia‑sa: tha am fàidh mar lìon an eunadair na uile shlighean‐san: neartaich iad am fuath an aghaidh taigh mo Dhè. Thruaill iad iad fhèin, mar ann an làithean Ghibeah: cuimhnichidh esan an aingidheachd, smachdaichidh e an lochdan. Mar dhearcan‐fìona anns an fhàsach, fhuair mise Israel; mar am meas luath air a’ chrann‐fhìge na chiad àm chunnaic mi ur n‑athraichean. Ach chaidh iad gu Bàal‐peor, agus dhealaich iad iad fhèin a‑chum an nì nàirich sin; agus dh’fhàs iad gràineil, mar chuspair an gràidh. Airson Ephraim, itealaichidh an glòir air falbh mar eun; on bhreith, agus on bhroinn, agus on ghineamhainn. Seadh, ged àraich iad an clann, sgriosaidh mise iad o mheasg dhaoine; seadh, is an‑aoibhinn dhaibh, nuair a dh’imicheas mise uapa. Tha Ephraim, mar a chunnaic mi Tìrus, air a shuidheachadh ann an ionad taitneach: ach bheir Ephraim a‑mach a chlann don fhear‐mhillidh. Thoir, O Thighearna. Ciod a bheir thu? Thoir dhaibh brù chaillteachd, agus cìochan seasga. Tha an cionta gu lèir ann an Gilgal fam chomhair: oir an sin thug mise fuath dhaibh: airson aingidheachd an dèanadais iomainidh mi as mo thaigh iad: cha toir mi nas fhaide gràdh dhaibh; tha am maithean uile cùl‐sleamhnach. Tha Ephraim buailte; thiormaicheadh suas am freumh; cha ghiùlain iad a’ bheag de thoradh: seadh, ged bheireadh iad, gidheadh marbhaidh mise toradh gràdhach am bronn. Tilgidh mo Dhia air falbh iad a chionn nach d’èisd iad ris: agus bidh iad nam fògarraich am measg nan cinneach. B’fhìonain thorrach Israel: thug e a‑mach toradh dha fhèin: a rèir pailteas a thoraidh chuir e altairean an lìonmhorachd; a rèir maitheas a fhearainn rinn e dealbhan àlainn. Tha an cridhe air a roinn; a‑nis gheibhear ciontach iad: brisidh esan sìos an altairean: sgriosaidh e an dealbhan. Oir a‑nis tha iad ag ràdh, Chan eil rìgh air bith againn, a chionn nach robh eagal an Tighearna oirnn: ciod uime sin a dhèanadh rìgh dhuinn? Labhair iad briathran faoine, nuair a mhionnaich iad; breugan nuair a rinn iad coicheangal: mar seo tha breitheanas a’ fàs a‑nìos, mar an iteodha ann an claisean na machrach. Airson laogh Bhet‐abhein bidh eagal air luchd‐àiteachaidh Shamaria; oir nì a shluagh caoidh os a chionn, agus a shagartan, acain air a shon; airson a ghlòire, oir dhealaich i ris. Os bàrr bheirear e fhèin gu Asiria, mar thabhartas do rìgh Iareb: nì masladh greim air Ephraim, agus gabhaidh Israel nàire de a chomhairle fhèin. Airson Shamaria, ghearradh a rìgh as mar an cobhar air uachdar an uisge. Sgriosar fòs ionadan àrda Abhein, cionta Israeil: thig an droigheann agus am fòghnan a‑nìos air an altairean; agus their iad ris an slèibhtean, Falaichibh sinn, agus ris na beanntan, Tuitibh oirnn. O Israeil, chiontaich thu nas mò na ann an làithean Ghibeah: an sin sheas iad: nach do rug an cath orra ann an Gibeah. An aghaidh clann na h‑aingidheachd thàinig mise, agus smachdaich mi iad. Agus cruinnichear na slòigh nan aghaidh‐san nuair a smachdaichear iad airson a dà chionta. Agus bidh Ephraim na agh fòghlaimte, lem miann a bhith a’ saltairt a‑mach an arbhair; ach chaidh mise thairis air a muineal sgiamhach. Bheir mi air Ephraim marcachd; treabhaidh Iùdah, brisidh Iàcob a fhòidean. Cuiribh dhuibh fhèin ann am fìreantachd, buainibh ann an toradh na tròcair: brisibh suas ur fearann neo‐threabhte: oir is mithich Iehòbhah iarraidh, gus an tig e agus am fras e oirbh fìreantachd. Threabh sibh aingidheachd, bhuain sibh euceart; dh’ith sibh toradh bhreugan: a chionn gun d’earb thu as do shlighe, à mòr‐chuideachd do dhaoine treuna; Uime sin èiridh buaireas am measg do shluaigh, agus bidh d’uile dhaingnichean air am milleadh, amhail a mhill Salmon Bet‐arbel ann an là a’ chatha; ghearradh nam bloighdean a’ mhàthair agus a’ chlann le chèile. Is amhail a nìthear ribhse, O Bhetel, airson ro‑mheud ur n‑aingidheachd: ann am madainn gearrar as gu cinnteach rìgh Israeil. Nuair a bha Israel na leanabh, an sin thug mise gràdh dha; agus a‑mach as an Eiphit ghairm mi mo mhac. Nuair a ghairm iad orra, an sin dh’imich iadsan uapa: dh’ìobair iad do Bhàalim, agus loisg iad tùis do dhealbhan snaidhte. Theagaisg mise fòs do Ephraim coiseachd, gan togail ann am ghàirdeanan; ach cha robh fhios aca gun do leighis mi iad. Tharraing mi iad le cùird duine, le ceanglaichean gràidh; agus bha mi dhaibh mar neach a thogas dhiubh a’ chuing air an giallan, agus chuir mi sìos biadh dhaibh. Cha till e gu tìr na h‑Eiphit, ach bidh an t‑Asirianach na rìgh air, a chionn gun do dhiùlt iad tilleadh riumsa. Agus tuitidh an claidheamh gu trom air a bhailtean, agus caithidh e a gheugan; agus sluigidh e, airson an comhairlean. Agus tha mo shluagh‐sa ann an tì air cùl‐sleamhnachadh uam; ged ghlaodh iad ris an Tì as àirde, chan àrdaicheadh aon neach e. Cionnas a bheir mi thairis thu, O Ephraim! Cionnas a bheir mi seachad thu, O Israeil! Cionnas a nì mi thu mar Admah! A chuireas mi thu mar Sheboim! Tha mo chridhe an taobh a‑staigh dhìom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le chèile. Cha chuir mi an gnìomh mo dhian‐chorraich, cha till mi a mhilleadh Ephraim; oir is mise Dia, agus chan e duine; an Tì naomh ann ad mheadhon; gidheadh nach eil a’ tathaich bhailtean. Siùbhlaidh iad an dèidh an Tighearna: beucaidh e mar leòmhann: nuair a bheucas e, an sin criothnaichidh na mic on àird an iar. Itealaichidh iad mar eun as an Eiphit, agus mar chalaman à tìr Asiria; agus suidhichidh mise nan taighean iad, deir an Tighearna. Tha Ephraim gam chuartachadh le breugan: agus taigh Israeil, le ceilg; ach fhathast tha Iùdah a’ riaghladh maille ri Dia; agus tha e dìleas maille ris na naoimh. Tha Ephraim ag ionaltradh air gaoith, agus ag imeachd an dèidh na gaoithe an ear: gach aon là tha e a’ cur bhreug agus reubainn an lìonmhorachd; rinn iad fòs coicheangal ri Asiria, agus tha ola ga giùlan don Eiphit. Tha còmhstri fòs aig an Tighearna ri Iùdah, agus nì e peanas air Iàcob a rèir a shlighean; a rèir a dhèanadais bheir e dha luigheachd. Anns a’ bhroinn ghlac e a bhràthair air shàil; agus le a neart bha cumhachd aige maille ri Dia. Seadh, bha cumhachd aige maille ris an aingeal; agus thug e buaidh: ghuil e, agus rinn e guidhe ris: fhuair e ann am Betel e, agus an sin labhair e ris. Eadhon Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e Iehòbhah a chuimhneachan. Uime sin till thusa rid Dhia: coimhead tròcair agus breitheanas; agus feith air do Dhia a‑ghnàth. Is fear‐malairt e: na làimh tha meidh na mealltaireachd; is toigh leis a bhith ri ainneart. Agus thubhairt Ephraim, Gu deimhinn tha mi air fàs saoibhir, fhuair mi dhomh fhèin stòras: ann am shaothairean uile chan fhaigh iad euceart air bith annam a bhiodh na chionta. Agus mise Iehòbhah do Dhia, a thug a‑nìos thu o thìr na h‑Eiphit, bheir mi ort fòs còmhnaidh a ghabhail ann am pàilleanan, mar ann an làithean na h‑àrd‐fhèille. Labhair mi fòs leis na fàidhean, agus rinn mi lìonmhor seallaidhean; agus le frithealadh nam fàidhean ghnàthaich mi cosamhlachdan. Gu dearbh ann an Gilead tha euceart: gu cinnteach is dìomhanas iad; tha iad ag ìobradh tharbh ann an Gilgal; seadh, tha an altairean mar chùirn ann an claisean na machrach. Ach theich Iàcob gu dùthaich Shiria; agus rinn Israel seirbhis airson mnà; agus airson mnà ghlèidh e caoraich. Agus le fàidh thug an Tighearna Israel a‑mach as an Eiphit; agus le fàidh thèarnadh e. Bhrosnaich Ephraim e a‑chum feirge gu ro‑shearbh: uime sin fàgaidh a Thighearna a fhuil air fhèin; agus tillidh e thuige fhèin a mhasladh. Nuair a labhair Ephraim le crith, dh’àrdaich e e fhèin ann an Israel; ach nuair a chiontaich e ann am Bàal, bhàsaich e. Agus a‑nis tha iad a’ ciontachadh nas mò agus nas mò, agus rinn iad dhaibh fhèin dealbh leaghte den airgead: iodhalan a rèir an seòltachd fhèin, an t‑iomlan dheth obair nam fear‐ceàirde: tha iad ag ràdh dan taobh, Dèanadh a’ mhuinntir a tha ag ìobradh an laoigh a phògadh. Air an adhbhar sin bidh iad mar neul na maidne; agus mar an drùchd moch a shiùbhlas air falbh: mar am moll air fhuadachadh le cuairt‐ghaoith on ùrlar‐bhualaidh; agus mar thoit a‑mach as an luidhear. Gidheadh is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑nìos thu o thìr na h‑Eiphit, agus cha bhi aithne agad air dia air bith ach mise; oir chan eil slànaighear ann ach mi. B’aithne dhòmhsa thu anns an fhàsach, ann am fearann an tarta mhòir: Nan ionaltradh bha iad air an lìonadh: bha iad air an lìonadh, agus dh’àrdaicheadh an cridhe: air an adhbhar sin dhìochuimhnich iad mise. Uime sin bidh mise dhaibh mar leòmhann: mar liopard anns an t‑slighe bheir mi fa‑near iad. Coinnichidh mi iad mar mhath‐ghamhainn on do bhuineadh a cuileanan, agus reubaidh mi sgairt an cridhe; agus an sin sluigidh mi iad mar leòmhann boireann: nì fiadh‐bheathach na machrach an reubadh. O Israeil, sgrios thu thu fhèin, ach annamsa tha do chobhair. Bidh mise ann am rìgh dhut: càit a bheil aon neach eile a thèarnas thu ann ad chathraichean uile? Agus do bhritheamhan uile ris an dubhairt thu, Thoir dhomh rìgh agus prionnsachan? Thug mise rìgh dhut ann am fheirg, agus thug mi air falbh e ann am chorraich. Tha aingidheachd Ephraim air a càrnadh suas: tha a chionta air a thasgadh. Thig ioghannan mnà ri saothair air: is mac nach eil glic e seo; no chan fhanadh e fada ann an àite briseadh a‑mach na cloinne. Fuasglaidh mise iad o chumhachd na h‑uaighe: saoraidh mi iad on bhàs: O bhàis, bidh mise am phlàigh dhut; O uaigh, bidh mise am sgrios dhut; bidh aithreachas air fhalach om shùilean. Ged a bha e torrach am measg a bhràithrean, thig gaoth an ear, thig gaoth an Tighearna a‑nìos on fhàsach, agus fàsaidh a fhuaran tioram, agus tiormaichear suas a thobar: bidh ionmhas nan uile shoithichean taitneach air a chreachadh. Bidh Samaria na fàsach, oir rinn i ceannairc an aghaidh a Dè: tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, brisear an naoidheanan nam bloighdean; agus reubar suas am mnathan torrach. Till, O Israeil, ris an Tighearna do Dhia, oir thuit thu led aingidheachd. Thugaibh leibh briathran, agus tillibh ris an Tighearna; abraibh ris, Thoir air falbh ar n‑uile chionta, agus gabh rinn gu gràsmhor: mar sin bheir sinn seachad laoigh ar bilean. Cha dèan Asur ar tèarnadh; air eich cha dèan sinn marcachd: cha mhò a their sinn tuilleadh ri obair ar làmhan fhèin, Is sibhse ar diathan: oir annadsa gheibh an dìlleachdan tròcair. Lèighsidh mise an cùl‐sleamhnachadh, gràdhaichidh mi iad gu saor: oir thill mo chorraich air falbh uaithe. Bidh mi mar an drùchd do Israel: fàsaidh e mar an lilidh, agus cuiridh e a‑mach a fhreumhan mar Lebanon. Sgaoilidh a gheugan, agus bidh a mhaise mar an crann‐ola, agus a fhàile mar Lebanon. Tillidh iadsan a tha a chòmhnaidh fo a sgàil: mar an t‑arbhar bidh iad air an ath‐bheothachadh; agus fàsaidh iad mar an fhìonain: bidh a fhàile mar fhìon Lebanoin. Their Ephraim, Ciod mo gnothach‐sa tuilleadh ri iodhalan? Chuala mise e; agus thug mi fa‑near e; is cosmhail mi ri crann uaine giuthais; uamsa tha do thoradh ra fhaotainn. Cò a tha glic, agus tuigidh esan na nithean seo? Crìonna, agus aithnichidh e iad? Oir tha slighean an Tighearna ceart, agus gluaisidh na fìreanan annta: ach gheibh na ciontaich tuisleadh annta. Facal an Tighearna a thàinig a‑chum Ioeil mhic Phetueil. Cluinnibh‐se seo, a sheann daoine; agus thugaibh‐se fa‑near, uile luchd‐àiteachaidh na tìre: an robh seo nur làithean‐se, no an làithean ur n‑athraichean? Innsibh‐se dur cloinn e, agus innseadh ur clann don cloinn‐san agus an clann‐san do ghinealach eile. An nì sin a dh’fhàg a’ phailm‐chnuimh, dh’ith an lòcast; agus an nì a dh’fhàg an lòcast, dh’ith a’ chnàmh‐bheist; agus an nì sin a dh’fhàg a’ chnàmh‐bheist, dh’ith am burras. Dùisgibh, a mhisgearan, agus guilibh; agus dèanaibh‐se caoidh, uile phòitearan fìona, airson an fhìon‐nuaidh, oir tha e air a ghearradh air falbh o ur beul. Oir tha cinneach air teachd a‑nìos air m’fhearann‐sa, treun, agus thar àireamh; is fiaclan leòmhainn am fiaclan; agus tha fiaclan‐carbaid leòmhainn bhoirinn aca. Dh’fhàg iad m’fhìonain‐sa na fàsach, agus rùisg iad mo chrann‐fìge; rùisg iad e gu buileach, agus thilg iad air falbh e; tha a gheugan air an dèanamh geal. Dèan caoidh mar òigh crioslaichte le aodach‐saic airson cèile a h‑òige. Tha an tabhartas‐bìdh air a ghearradh air falbh, agus an tabhartas‐dibhe o thaigh an Tighearna; dèanaibh‐se bròn, O shagartan, òglaich an Tighearna. Tha a’ mhachair na fàsach, tha an talamh ri caoidh; oir tha an t‑arbhar air a mhilleadh; tha am fìon nuadh air seargadh, dh’fhàilnich an ola. Gabhaibh nàire, O threabhaichean: dèanaibh‐se caoidh, O luchd‐deasachaidh na fìonain, airson a’ chruithneachd, agus airson an eòrna: a chionn gun do mheath fogharadh na machrach. Tha an fhìonain air tiormachadh suas, agus an crann‐fìge air seargadh; tha am pomgranat, an crann‐pailme fòs agus an crann‐ubhall, eadhon uile chraobhan na machrach, air seargadh: gu deimhinn shearg aoibhneas air falbh o chloinn nan daoine. Crioslaichibh sibh fhèin le aodach‐saic, agus tuiribh, O shagartan: dèanaibh ulartaich, a luchd‐frithealaidh na h‑altarach: thigibh, laighibh fad na h‑oidhche ann an aodach‐saic, òglacha mo Dhè: oir tha an tabhartas‐bìdh agus an tabhartas‐dibhe, air a chumail air ais o thaigh ar Dè. Naomhaichibh‐se trasgadh, gairmibh là toirmisg, cruinnichibh na seanairean, uile luchd‐àiteachaidh na tìre, gu taigh an Tighearna ur Dia, agus glaodhaibh ris an Tighearna. Och airson an là! Oir tha là an Tighearna dlùth, agus mar lèirsgrios on Uile‐chumhachdach thig e. Nach eil ar lòn air a ghearradh as fa chomhair ar sùl? Aoibhneas agus luathghair o thaigh ar Dè? Lobh an sìol fo a fhòidean; dh’fhàgadh fàs na h‑ionadan‐tasgaidh; bhriseadh sìos na saibhlean: a chionn gun do shearg an t‑arbhar. Cionnas a tha na beathaichean ag osnaich? Tha na buailtean sprèidhe ann an airc, a chionn nach eil ionaltradh aca: tha na treudan chaorach fòs air am milleadh. Riutsa, O Thighearna, glaodhaidh mise; oir chaith an teine cluaintean an fhàsaich, agus loisg an lasair uile chraobhan na machrach. Tha beathaichean na machrach fòs a’ glaodhaich riutsa: oir thiormaicheadh suas na h‑aibhnichean uisge, agus chaith an teine cluaintean an fhàsaich. Sèidibh‐se an trompaid ann an Sion, agus èighibh caismeachd catha ann am shliabh naomh‐sa: criothnaicheadh uile luchd‐àiteachaidh na tìre; oir tha là an Tighearna a’ teachd, oir tha e am fagas. Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh‐dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach. Romhpa tha teine ri sgrios, agus nan dèidh tha lasair a’ losgadh: tha am fearann mar ghàrradh Edein romhpa, agus nan dèidh na fhàsach uaigneach; seadh, cha bhi dol as aig aon nì uapa. Bidh an coslas mar choslas each; agus mar mharcaichean is amhlaidh a ruitheas iad. Mar fharam charbad air mhullach nam beann leumaidh iad; mar thoirm lasair theine a loisgeas an asbhuain: mar shluagh làidir air an cur an òrdagh catha. Ron gnùis bidh geur‐ghoimh air an t‑sluagh: tionailidh a h‑uile aghaidh dubhachas. Ruithidh iad air an aghaidh mar dhaoine cumhachdach; streapaidh iad am balla mar luchd‐cogaidh; agus siùbhlaidh iad gach aon air a shlighe, agus cha bhris iad an òrdagh. Cha mhò a theannaicheas aon air aon eile; coisichidh iad gach aon na cheum fhèin: agus ma thuiteas iad air a’ chlaidheamh, cha bhi iad air an leònadh. Ruithidh iad air an ais agus air an aghaidh anns a’ bhaile: ruithidh iad air a’ bhalla: streapaidh iad suas do na taighean: thèid iad a‑steach air na h‑uinneagan mar mhèirleach. Bidh ball‐chrith air an talamh romhpa, criothnaichidh na nèamhan: bidh a’ ghrian agus a’ ghealach dorcha, agus cumaidh na reultan air ais an dealradh. Agus cuiridh an Tighearna a‑mach a ghuth fa chomhair a fheachd: oir tha a champ ro‑mhòr; oir is treun esan a thoirt gu buil a fhacail; oir tha là an Tighearna mòr agus ro‑uamhasach, agus cò a dh’fhaodas a fhulang? Uime sin a‑nis mar an ceudna, tha an Tighearna ag ràdh, tillibh am ionnsaigh‐sa le ur n‑uile chridhe, agus le trasg, agus le gul, agus le caoidh. Agus reubaibh ur cridhe, agus chan e ur n‑aodach; agus tillibh ris an Tighearna ur Dia: oir tha e tròcaireach agus iochdmhor, mall a‑chum feirge, agus làn de chaomhalachd, agus gabhaidh e aithreachas mun olc. Cò aig a bheil fios nach till, agus nach gabh e aithreachas, agus nach fàg e beannachd na dhèidh, tabhartas‐bìdh, agus tabhartas‐dibhe, don Tighearna ur Dia? Sèidibh an trompaid ann an Sion, naomhaichibh trasg, gairmibh là toirmisg. Cruinnichibh an sluagh, naomhaichibh an coitheanal; gairmibh na seanairean; tionailibh a’ chlann, agus iadsan a tha a’ deoghail na cìche: rachadh am fear nuadh‐pòsda a‑mach as a sheòmar, agus a’ bhean nuadh‐phòsda a‑mach as a seòmar uaigneach. Dèanadh na sagartan, seirbhisich an Tighearna, gul eadar an sgàth‐thaigh agus an altair, agus abradh iad, Coigil, O Thighearna, do shluagh, agus na toir d’oighreachd thairis gu masladh: a‑chum gun riaghladh na cinnich os an cionn: cuime an abradh iad am measg nan cinneach, Càit a bheil an Dia? An sin bidh an Tighearna eudmhor ma fhearann, agus gabhaidh e truas da shluagh. Seadh, freagraidh an Tighearna, agus their e ra shluagh; Feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh arbhar, agus fìon, agus ola, agus bidh sibh air ur sàsachadh leo; agus cha dèan mi sibh nas mò nur masladh am measg nan cinneach. Ach atharraichidh mi am fad uaibh feachd na h‑àird a tuath, agus fògraidh mi e gu fearann falamh fàsail, a thoiseach gus an fhairge an ear, agus a dheireadh gus an fhairge an iar; agus thig a bhrèine a‑nìos, agus èiridh a dhroch fhàile, a chionn gun do mhaoidh e nithean mòra. Na biodh eagal ort, O fhearainn; bi luathghaireach agus ait: oir nì an Tighearna nithean mòra. Na biodh eagal oirbh, a bheathaichean na machrach: oir tha cluaintean an fhàsaich a’ briseadh a‑nìos; oir tha a’ chraobh a’ giùlan a toraidh; tha an crann‐fìge agus an fhìonain a’ toirt seachad an neirt. Bithibh ait, matà, O chlann Shioin, agus dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna ur Dia; oir thug e dhuibh an ciad uisge ann an ceart‐thomhas; agus bheir e air frasan teachd a‑nuas dur n‑ionnsaigh, an ciad uisge, agus an t‑uisge deireannach amhail roimhe seo. Agus bidh na h‑ùrlair‐bhualaidh làn de chruithneachd, agus cuiridh na dabhachan thairis le fìon agus le ola. Agus aisigidh mise dhuibh na bliadhnachan a dh’ith an lòcast, a’ chnàmh‐bheist, am burras, a’ phailm‐chnuimh, m’fheachd mòr, a chuir mi nur measg. Agus ithidh sibh ann am pailteas, agus bidh sibh sàthach, agus cliùthaichidh sibh ainm an Tighearna ur Dia, a bhuin ribh gu h‑iongantach: agus cha nàraichear am feasd mo shluagh‐sa. Agus aithnichidh sibh gu bheil mise ann am meadhon Israeil, agus gur mi an Tighearna ur Dia, agus nach aon air bith eile: agus cha nàraichear am feasd mo shluagh. Agus tàrlaidh na dhèidh sin, gun dòirt mise a‑mach mo Spiorad air gach uile fheòil, agus nì ur mic agus ur nigheanan fàistneachd, bruadairidh ur seann daoine bruadair, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean: Agus fòs air na h‑òglaich, agus air na banoglaich, anns na làithean sin, dòirtidh mi a‑mach mo Spiorad. Agus nochdaidh mi iongantasan anns na nèamhan, agus air an talamh; fuil, agus teine, agus smùidrich dheataich. Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus uamhasach an Tighearna. Agus tàrlaidh, ge bè air bith a ghairmeas air ainm an Tighearna, tèarnar e: oir ann an sliabh Shioin agus ann an Ierusalem bidh tèarnadh, mar a thubhairt an Tighearna; eadhon am measg an iarmaid a ghairmeas an Tighearna. Oir feuch, anns na làithean sin, agus anns an àm sin, nuair a bheir mise air a h‑ais bruid Iùdah, agus Ierusaleim, tàrlaidh, Gun cruinnich mi na h‑uile chinnich, agus bheir mi sìos iad gu gleann Iehosaphait, agus tagraidh mi riu an sin airson mo shluaigh, agus airson m’oighreachd Israel, a sgap iad am measg nan cinneach; agus roinn iad mo dhùthaich. Agus thilg iad croinn airson mo shluaigh; agus thug iad giullan airson strìopaich, agus reic iad nìonag airson fìona, a‑chum gun òladh iad. Seadh, agus ciod ur gnothach‐se riumsa, O Thìruis, agus a Shìdoin, agus uile chrìochan Phalistin? An dìol sibh rium luigheachd? A‑nis ma bheir sibh dhomh luigheachd, gu luath, gu grad dìolaidh mi ur luigheachd air ur ceann fhèin; A chionn gun do ghabh sibh m’airgead agus m’òr, agus gun do ghiùlain sibh gu ur teampaill mo nithean luachmhor taitneach. Clann Iùdah fòs, agus clann Ierusaleim reic sibh ris na Greugaich, a‑chum gun atharraicheadh sibh iad am fad on crìch fhèin. Feuch, togaidh mise iad as an àite gus an do reic sibh iad; agus tillidh mi ur luigheachd air ur ceann fhèin. Agus reicidh mi ur mic agus ur nigheanan gu làimh chloinn Iùdah; agus reicidh iadsan iad ris na Sabèanaich, ri sluagh fad as; oir labhair an Tighearna e. Eighibh‐se an seo am measg nan cinneach; ullaichibh cogadh, dùisgibh suas na cumhachdaich; thigeadh na fir‐chogaidh uile am fagas, thigeadh iad a‑nìos. Dèanaibh claidheamhan de ur coltairean agus sleaghan de ur corrain‐sgathaidh; abradh an lag, Tha mi làidir. Cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh, a chinneacha gu lèir, agus tionailibh o gach taobh mun cuairt; an sin bheir thusa air na cumhachdaich teachd a‑nuas, O Thighearna. Dùisgeadh na cinnich, agus thigeadh iad a‑nìos gu gleann Iehosaphait: oir an sin suidhidh mise gu breith a thoirt air na cinnich uile mun cuairt. Sàthaibh an corran, oir tha am fogharadh abaich; thigibh, gabhaibh sìos, oir tha an t‑amar‐fìona làn, tha na dabhachan a’ cur thairis: oir tha an aingidheachd mòr. Mòr‐chuideachdan, mòr‐chuideachdan, ann an gleann a’ ghearraidh; oir tha là an Tighearna dlùth ann an gleann a’ ghearraidh. Dorchaichear a’ ghrian agus a’ ghealach, agus cumaidh na reultan air ais an dealradh. Agus beucaidh an Tighearna a‑mach à Sion, agus o Ierusalem cuiridh e a‑mach a ghuth, agus bidh crith air na nèamhan, agus air an talamh: ach bidh an Tighearna na ionad‐dìdein da shluagh; agus na dhaingneach làidir do chloinn Israeil. Mar sin aithnichidh sibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha a chòmhnaidh ann an Sion, mo shliabh naomh: an sin bidh Ierusalem naomh, agus cha tèid coigrich troimhpe nas mò. Agus tàrlaidh anns an là sin gun sil na slèibhtean a‑nuas fìon nuadh, agus sruthaidh na beanntan le bainne; agus sruthaidh uile aibhnichean Iùdah le uisgeachan; agus thig tobar a‑mach o thaigh an Tighearna, agus uisgichidh e gleann Shitim. Bidh an Eiphit na nochd‐làraich, agus bidh Edom na fhàsach uaigneach; airson an ainneirt an aghaidh chloinn Iùdah; a chionn gun do dhòirt iad fuil nan neo‐chiontach nam fearann. Ach gabhaidh Iùdah còmhnaidh gu sìorraidh, agus Ierusalem o linn gu linn. Agus glanaidh mise am fuil‐san nach do ghlan mi; agus gabhaidh an Tighearna còmhnaidh ann an Sion.glanaidh mise am fuil‐san nach do ghlan mi; agus gabhaidh an Tighearna còmhnaidh ann an Sion. Briathran Amois, a bha am measg buachaillean Thecòa, a fhuair e mu thimcheall Israeil, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim mhic Iohais, rìgh Israeil, dà bhliadhna ron chrith‐thalmhainn. Agus thubhairt e, Beucaidh Iehòbhah o Shion, agus o Ierusalem cuiridh e a‑mach a ghuth; agus nì ionadan‐còmhnaidh nam buachaillean bròn, agus seargaidh mullach Charmeil. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Dhamascais, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do bhuail iad Gilead le innealan‐bualaidh iarainn. Ach cuiridh mise teine air taigh Hasaeil, a loisgeas lùchairtean Bhen‐hadaid. Brisidh mi fòs crann‐druididh Dhamascais, agus gearraidh mi as am fear‐àiteachaidh o chòmhnard Abhein, agus esan a ghlacas an t‑slat‐rìoghail o thaigh Edein: agus siùbhlaidh sluagh Shiria ann am bruid gu Cir, deir an Tighearna. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Ghàsa, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun tug iad a’ bhruid uile air falbh ann am braighdeanas, a‑chum an toirt seachad do Edom. Ach cuiridh mi teine air balla Ghàsa, a sgriosas a lùchairtean. Agus gearraidh mi am fear‐àiteachaidh air falbh o Asdod, agus esan a ghlacas an t‑slat‐rìoghail o Ascelon; agus tionndaidhidh mi mo làmh an aghaidh Ecroin: agus bàsaichidh fuidheall nam Philisteach, deir an Tighearna Iehòbhah. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Thìruis, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun tug iad suas a’ bhruid uile do Edom, agus nach do chuimhnich iad an coicheangal bràthaireil. Ach cuiridh mi teine air balla Thìruis, a loisgeas àrois rìoghail. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Edoim, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do ruaig e a bhràthair leis a’ chlaidheamh, agus gun do thilg e uaithe a h‑uile iochd, agus gun do reub a fhearg a‑ghnàth, agus gun do ghlèidh e a chorraich an còmhnaidh. Ach cuiridh mi teine air Teman, a loisgeas lùchairtean Bhosrah. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan chloinn Amoin, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do reub iad suas mnathan torrach Ghilead, a‑chum an crìochan fhèin a chur ann am farsaingeachd. Ach fadaidh mise teine air balla Rabah, agus loisgidh e sìos a lùchairtean, le iolaich ann an là a’ chatha, le cuairt‐ghaoith ann an là na doininn. Agus imichidh an rìgh ann am braighdeanas, e fhèin agus a mhòr‐uaislean le chèile, deir an Tighearna. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Mhòaib, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do loisg e cnàmhan rìgh Edoim gu aol. Ach cuiridh mi teine air Mòab, agus loisgidh e lùchairtean Chìrioit, agus bàsaichidh Mòab le co‑ghaoir, le iolaich, le fuaim na trompaid. Agus gearraidh mi as am britheamh as a mheadhon, agus marbhaidh mi a uile phrionnsachan maille ris, deir an Tighearna. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Iùdah, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do rinn iad dìmeas air reachd an Tighearna, agus nach do choimhead iad a àitheantan; agus thug an diathan brèige orra dol air seachran, iad sin a chaidh an athraichean air an dèidh. Ach cuiridh mi teine air Iùdah, agus loisgidh e lùchairtean Ierusaleim. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Israeil, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do reic iad am fìrean airson airgid, agus am bochd airson bhròg. Tha iad a’ saltairt sìos ceann nam bochd ann an duslach na talmhainn, agus a’ fiaradh slighe nan daoine ciùine: agus tha duine agus a athair a’ dol a‑steach a‑chum na h‑aon ghruagaich, a thruailleadh m’ainm naoimh‐sa. Agus tha iad gan sìneadh air aodaichean a ghabhadh ann an geall, aig taobh gach altarach; agus tha iad ag òl fìon na muinntir a dhìteadh ann an taigh an diathan. Gidheadh sgrios mise an t‑Amorach romhpa, a bha àrd mar àirde nan seudar; agus làidir mar na daragan: gidheadh sgrios mise a thoradh os a chionn, agus a fhreumhan foidhe. Fòs thug mi sibhse a‑nìos o thìr na h‑Eiphit, agus stiùir mi sibh tron fhàsach dà‑fhichead bliadhna; a‑chum gun sealbhaicheadh sibh fearann nan Amorach. Agus thog mi suas cuid de ur mic airson fhàidhean, agus de ur n‑òganaich airson Nàsarach. Nach ann mar seo a tha e, O chlann Israeil? deir an Tighearna. Ach thug sibh do na Nàsaraich fìon ra òl; agus dh’àithn sibh do na fàidhean, ag ràdh, Na dèanaibh fàistneachd. Feuch, bruthaidh mise ur n‑àite, mar a bhruthas carbad luchdaichte le arbhar a sguaban. Agus trèigidh a luathas an duine luath, agus cha bhi an duine làidir treun na neart, cha mhò a nì an duine cumhachdach e fhèin a shaoradh. Cha seas esan fòs a laimhsicheas am bogha, agus cha saor an luath‐chasach e fhèin; cha mhò a thèarnas an tì a mharcaicheas an t‑each e fhèin. Agus esan a tha a’ daingneachadh a chridhe am measg nan cumhachdach, teichidh e air falbh rùisgte anns an là sin, deir an Tighearna. Cluinnibh am facal seo a labhair an Tighearna nur n‑aghaidh, O chlann Israeil, an aghaidh an uile theaghlaich a thug mi a‑nìos o thìr na h‑Eiphit, ag ràdh, Is sibhse a‑mhàin air an do ghabh mi eòlas de uile theaghlaichean na talmhainn: uime sin smachdaichidh mi sibh airson ur n‑uile lochdan. Am faod dithis imeachd le chèile, mura bi iad rèidh? Am beuc an leòmhann anns a’ choille, nuair nach eil creach air bith aige? An èigh an leòmhann òg as a’ gharaidh, mura do ghlac e aon nì? Am faod eun tuiteam ann an lìon air an talamh, far nach eil aon ribe air a shon? An tog neach eangach suas on talamh, agus gun nì air bith a ghlacadh? An sèidear an trompaid ann am baile, agus gun eagal a bhith air an t‑sluagh? Am bi dòrainn ann am baile, agus nach e an Tighearna a chuir ann e? Gu deimhinn cha dèan an Tighearna Iehòbhah aon nì, gun a rùn‐diamhair fhoillseachadh da sheirbhisich na fàidhean. Bheuc an leòmhann; cò air nach bi eagal? Labhair an Tighearna Iehòbhah, cò nach dèanadh fàistneachd? Cuiribh an cèill anns na lùchairtean an Asdod, agus anns na tallachan an tìr na h‑Eiphit, agus abraibh, Cruinnichibh sibh fhèin air slèibhtean Shamaria; agus feuchaibh an t‑ioma‑luasgadh mòr a tha na meadhon, agus iadsan a tha air an sàrachadh innte. Oir chan aithne dhaibh a’ chòir a dhèanamh, tha an Tighearna ag ràdh; tha iad a’ tasgadh suas fòirneirt agus creiche nan lùchairtean. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Bidh eascaraid fòs mun cuairt air an fhearann; agus bheir e a‑nuas do neart uat, agus creachar do lùchairtean. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Amhail a spìonas am buachaille a‑mach à beul an leòmhainn dà chois, no mìr de chluais; mar sin bheirear a‑mach clann Israeil, a tha a chòmhnaidh ann an Samaria, ann an cùil leapa; agus ann an Damascas, air uirigh. Eisdibh‐se agus togaibh fianais do thaigh Iàcoib, tha an Tighearna Iehòbhah, Dia nan sluagh, ag ràdh, Anns an là anns an agair mise lochdan Israeil air, gun agair mi fòs air altairean Bheteil; agus gearrar adhaircean na h‑altarach dhith, agus tuitidh iad a‑chum an làir. Agus buailidh mi an taigh‐geamhraidh maille ris an taigh‐shamhraidh; agus sgriosar na taighean ìbhiridh, agus thig crìoch air na taighean mòra, deir an Tighearna. Cluinnibh‐se am facal seo, O sprèidh Bhasain, a tha air sliabh Shamaria; a tha a’ sàrachadh nam bochd, a tha a’ bruthadh nam feumach; a tha ag ràdh rim maighistirean, Thugaibh dar n‑ionnsaigh agus òlamaid. Mhionnaich an Tighearna Iehòbhah air a naomhachd, feuch, gun tig oirbh na làithean anns an toir e sibh air falbh le dubhanan, agus ur sliochd le dubhanan‐iasgaich. Agus thèid sibh a‑mach air na bealaichean, gach bò air a’ bhealach ma coinneamh; agus tilgear sibh anns an taigh‐chasgairt, deir an Tighearna. Rachaibh gu Betel agus ciontaichibh; aig Gilgal dèanaibh ur lochdan lìonmhor; agus thugaibh leibh ur n‑ìobairtean gach madainn, ur deicheamh gach trì bliadhna; Agus ìobraibh ìobairt‐bhuidheachais le taois ghoirt, agus èighibh, cuiribh an cèill na saor‐thabhartasan; oir tha seo taitneach dhuibh, O chlann Israeil, deir an Tighearna Iehòbhah. Agus thug mi fòs dhuibh glaine fhiacal nur n‑uile bhailtean, agus gainne arain nur n‑uile lùchairtean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna. Agus chùm mi uaibh mar an ceudna an t‑uisge, nuair a bha fhathast trì mìosan gu fogharadh; agus thug mi air frasadh air aon bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aon chuid thàinig an t‑uisge; agus a’ chuid eile air nach tàinig an t‑uisge, shearg e. Agus shiubhail dà no trì de bhailtean gu aon bhaile, a dh’òl uisge; ach cha robh iad air an sàsachadh: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna. Bhuail mi sibh le seargadh agus le crith‐reodha; nuair a dh’fhàs ur gàrraidhean agus ur fìonliosan, ur croinn‐fhìge, agus ur croinn‐ola, dh’ith a’ phailm‐chnuimh iad: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna. Chuir mi nur measg a’ phlàigh, a rèir nòs na h‑Eiphit; mharbh mi ur n‑òganaich leis a’ chlaidheamh, agus thug mi air falbh ur n‑eich, agus thug mi air droch fhàile ur campa teachd a‑nìos gu ur pollairean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna. Sgrios mi cuid dhibh, mar a sgrios Dia Sòdom agus Gomorrah, agus bha sibh mar aithinne air a spìonadh as an losgadh: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna. Air an adhbhar sin mar seo nì mi riut, O Israeil; agus a chionn gun dèan mi seo riut, ullaich thu fhèin gu còdhail a chumail rid Dhia, O Israeil. Oir feuch, esan a dhealbhas na slèibhtean, agus a chruthaicheas a’ ghaoth, agus a dh’fhoillsicheas do dhuine ciod as smuaintean dha; esan a nì a’ mhadainn na dorchadas, agus a shaltras air ionadan àrda na talmhainn, Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e a ainm. Eisdibh‐se am facal seo a tha mise a’ cur an cèill nur n‑aghaidh, eadhon tuireadh, O thaigh Israeil. Thuit, agus chan èirich nas mò, òigh Israeil: tha i sìnte a‑mach air a fearann fhèin; chan eil neach ann ga togail suas. Oir mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, A’ chathair a chaidh a‑mach na mìle, fàgaidh i ceud; agus i sin a chaidh a‑mach na ceud, fàgaidh i deichnear aig taigh Israeil. Uime sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh ri taigh Israeil: Iarraibh‐se mise, agus mairidh sibh beò: Ach na h‑iarraibh Betel, agus na rachaibh a‑steach gu Gilgal, agus na siùbhlaibh thairis gu Beer‐sèba: oir thèid Gilgal gu deimhinn ann am braighdeanas, agus thig Betel gu neoni. Iarraibh an Tighearna agus mairidh sibh beò; air eagal gum bris e mar theine air taigh Iòseiph, agus gun loisg e taigh Israeil, agus nach bi aon neach ann gu a mhùchadh. Sibhse a tha a’ tionndadh breitheanais gu searbhadas, agus a’ leigeadh dhibh fìreantachd air an talamh. Iarraibh esan a tha a’ dèanamh nan seachd reultan agus Orion; agus a’ tionndadh sgàil a’ bhàis gu madainn, agus a nì an là dorcha mar an oidhche: a tha a’ gairm air uisgeachan na fairge, agus gan dòrtadh a‑mach air aghaidh na talmhainn; is e Iehòbhah a ainm: A neartaicheas an creachte an aghaidh an trèin; air chor is gun tig an duine creachte an aghaidh an daingnich. Is fuath leo esan a bheir achmhasan anns a’ gheata: agus is gràin leo esan a labhras gu h‑ionraic. Air an adhbhar sin, a chionn gu bheil sibh a’ saltairt air a’ bhochd, agus a’ gabhail uaithe duaise de chruithneachd; ged thog sibh taighean de chlachan snaidhte, gidheadh chan àitich sibh iad; ged shuidhich sibh fìonliosan taitneach, gidheadh chan òl sibh fìon dhiubh. Oir is aithne dhòmhsa ur lochdan lìonmhor, agus ur peacaidhean mòra; sibhse a tha a’ claoidh an fhìrein, a tha a’ gabhail duaise, agus a’ cur a’ bhochd a lethtaobh anns a’ gheata. Air an adhbhar sin fanaidh an duine glic na thosd anns an àm sin; oir is aimsir olc i. Iarraibh‐se math, agus chan e olc, a‑chum gum mair sibh beò: agus mar sin bidh an Tighearna, Dia nan sluagh, leibh mar a labhair sibh fhèin. Fuathaichibh an t‑olc, agus gràdhaichibh am math, agus daingnichibh breitheanas anns a’ gheata; theagamh gum bi an Tighearna, Dia nan sluagh, gràsmhor do iarmad Iòseiph. Oir mar seo tha Iehòbhah, Dia nan sluagh, an Tighearna, ag ràdh, Bidh caoidh anns na h‑uile shràidean; agus their iad anns na h‑uile rathaidean mòra, Mo thruaighe, mo thruaighe! Agus gairmidh iad an treabhaichean gu bròn, agus iadsan a tha eòlach air caoidh gu tuireadh. Agus anns a h‑uile fhìonlios bidh caoineadh: oir gabhaidh mise tro do mheadhon, deir an Tighearna. Is truagh dhuibhse a tha ag iarraidh là an Tighearna. Ciod e sin dhuibhse là an Tighearna? Dorchadas agus chan e solas. Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math‐ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh; Nach bi là an Tighearna na dhorchadas, agus chan ann na sholas? Eadhon ro‑dhorcha, agus gun soilleireachd air bith ann? Is fuath leam, is beag orm ur làithean‐fèille, agus cha ghabh mi tlachd ann am fàile ur n‑àrd‐fhèillean. Ged ìobair sibh dhomh ìobairtean‐loisgte, agus tabhartasan‐bìdh, cha ghabh mi iad: cha mhò a bheir mi fa‑near tabhartasan‐sìthe ur beathaichean reamhar. Buin uam fuaim d’òran; agus ceòl do chlàrsach chan èisd mi. Ach ruitheadh breitheanas sìos mar uisgeachan, agus fìreantachd mar shruth làidir. An do thairg sibh dhòmhsa ìobairtean agus tabhartasan anns an fhàsach rè dà‑fhichead bliadhna, O thaigh Israeil? Chan eadh, ach ghiùlain sibh pàillean ur Moloich, reul ur dè, Ciun, ur dealbhan, a rinn sibh dhuibh fhèin. Uime sin bheir mise oirbh imeachd ann am bruid taobh thall Dhamascais, tha an Tighearna, don ainm Dia nan sluagh, ag ràdh. Is truagh dhaibhsan a tha gu suaimhneach ann an Sion, agus ag earbsa à sliabh Shamaria; a tha gan ainmeachadh fhèin air tùs nan cinneach, gus a bheil imeachd taigh Israeil. Siùbhlaibh thairis gu Calneh, agus faicibh; agus rachaibh as a sin gu Hamat mòr: an sin rachaibh sìos gu Gat nam Philisteach: an fheàrr iadsan na na rìoghachdan seo? No a bheil an crìochan nas mò na ur crìoch‐se? Is truagh dhaibhsan a tha a’ cur an droch là fad uapa, agus a’ toirt am fagas àite‐suidhe an fhòirneirt: A tha a’ laighe air leapaichean deud‐chnàmh, agus gan sìneadh fhèin air an uirighean; a tha ag ithe uain an treud, agus nan laogh à meadhon an taigh‐bhiadhaidh: A tha a’ seinn do fhuaim na clàrsaich; a tha cosmhail ri Daibhidh, a’ dealbh dhaibh fhèin innealan‐ciùil: A tha ag òl fìona ann an cuachan, agus gan ungadh fhèin le tagha gach ola: ach nach eil duilich airson àmhghar Iòseiph. Air an adhbhar sin a‑nis thèid iad ann am bruid leis a’ chiad chuid a dh’fhalbhas ann am braighdeanas; agus bheirear air falbh cuirm na muinntir a bha gan sìneadh fhèin. Mhionnaich an Tighearna Iehòbhah air fhèin, tha Iehòbhah, Dia nan sluagh ag ràdh, Is gràin leam òirdheirceas Iàcoib, agus is fuath leam a lùchairtean: uime sin bheir mi seachad am baile, agus gach nì a tha ann. Agus tàrlaidh, ma dh’fhanas deichnear fhear ann an aon taigh, gum faigh iad bàs. Agus togaidh caraid duine suas e, agus esan a loisgeas e, a‑chum na cnàmhan a thoirt a‑mach as an taigh; agus their e ris‐san a tha a‑staigh anns an taigh, A bheil aon neach fhathast leat? Agus their esan, Chan eil. An sin their e, Bi ad thosd. A chionn nach eil iad a’ toirt luaidh air ainm Iehòbhah. Oir feuch, àithnidh an Tighearna, agus buailidh e an taigh mòr le beàrnan, agus an taigh beag le sgoltaidhean. An ruith eich air carraig? An treabhar i le daimh? Oir thionndaidh sibh breitheanas gu domblas, agus toradh an ionracais gu iteodha. Sibhse a tha ri gàirdeachas ann an nì as neoni; a tha ag ràdh, Nach do ghabh sinn dar n‑ionnsaigh uachdaranachd le ar neart fhèin? Agus, feuch, dùisgidh mise suas cinneach nur n‑aghaidh, O thaigh Israeil, tha Iehòbhah, Dia nan sluagh ag ràdh; agus sàraichidh iad sibh o dhol a‑steach Hamait, gu ruig abhainn an fhàsaich. Mar seo thaisbein an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa, agus, feuch, dhealbh e lòcaist ann an toiseach teachd a‑nìos an fhàis mu dheireadh; agus, feuch, b’e sin am fàs deireannach, an dèidh buan an rìgh. Agus thàrladh nuair a chuir iad crìoch air ithe luibhean na tìre, gun dubhairt mise, O Thighearna Iehòbhah, maith, guidheam ort; cò a thogas suas Iàcob? Oir tha e ro‑bheag. Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo, deir an Tighearna. Mar seo thaisbein an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa; agus, feuch, ghairm an Tighearna Iehòbhah gu breitheanais le teine, agus loisg e an doimhne mhòr: agus shluig e suas earrann. An sin thubhairt mise, O Thighearna Iehòbhah, sguir, guidheam ort: cò a thogas suas Iàcob? Oir tha e ro‑bheag. Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo fòs, deir an Tighearna Iehòbhah. Mar seo thaisbein e dhomh; agus, feuch, sheas an Tighearna air balla dèante le sreing‐riaghailt, agus sreang‐riaghailt na làimh. Agus thubhairt an Tighearna rium; Ciod tha thu a’ faicinn, Amois? Agus thubhairt mise, Sreang‐riaghailt. An sin thubhairt an Tighearna, feuch, cuiridh mise sreang‐riaghailt ann am meadhon mo shluaigh Israel; cha ghabh mi nas mò seachad orra tuilleadh. Agus cuirear ionadan àrda Isaaic fàs; agus nìthear naomh‐ionadan Israeil nan làraich sgaoilte, agus èiridh mise an aghaidh taigh Ierobòaim leis a’ chlaidheamh. An sin chuir Amasiah, sagart Bheteil, fios gu Ierobòam rìgh Israeil, ag ràdh, Dhealbh Amos foill ad aghaidh ann am meadhon taigh Israeil: chan urrainn am fearann a bhriathran uile a ghiùlan. Oir mar seo tha Amos ag ràdh, Gheibh Ierobòam bàs leis a’ chlaidheamh; agus bheirear Israel gu deimhinn air falbh ann am bruid as an tìr fhèin. Thubhairt Amasiah mar an ceudna ri Amos, O fhiosaiche, falbh, teich thusa gu tìr Iùdah, agus ith aran an sin, agus an sin dèan fàistneachd: Ach na dèan fàistneachd nas mò ann am Betel: oir is e sin naomh‐ionad an rìgh, agus is e sin teach na rìoghachd. An sin fhreagair Amos, agus thubhairt e ri Amasiah, Cha b’fhàidh mise, cha mhò a bu mhac fàidh mi; ach bu bhuachaille sprèidhe mi, agus fear‐tionail meas sicamoir: Agus thug an Tighearna mi o bhith a’ leantainn an treud: agus thubhairt an Tighearna rium, Falbh, dèan fàistneachd dom phoball Israel. A‑nis uime sin, cluinn thusa facal an Tighearna: tha thu ag ràdh, Na dèan fàistneachd an aghaidh Israeil, agus na sileadh d’fhacal an aghaidh taigh Isaaic. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Bidh do bhean na strìopaich anns a’ bhaile, agus tuitidh do mhic agus do nigheanan leis a’ chlaidheamh; agus bidh d’fhearann air a roinn leis an t‑sreing: agus gheibh thu bàs ann am fearann truaillte, agus thèid Israel gu deimhinn air falbh ann am bruid, a‑mach as a dhùthaich fhèin. Mar seo thaisbein an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa; agus, feuch, cliabh de mheas samhraidh. Agus thubhairt e, Ciod a tha thu a’ faicinn, Amois? Agus thubhairt mise, Cliabh de mheas samhraidh. An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha a’ chrìoch air teachd air mo shluagh‐sa Israel; cha ghabh mise seachad orra nas mò. Agus bidh òrain an teampaill nan ulartaich anns an là sin, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh: bidh mòran chorp marbha anns gach ionad: tilgidh iad gu tosdach a‑mach iad. Cluinnibh seo, O sibhse a tha a’ slugadh suas an ainnis, eadhon a thoirt air bochdan an fhearainn fàilneachadh: Ag ràdh, Cuin a thèid a’ ghealach ùr seachad, a‑chum gun reiceamaid sìol? Agus an t‑sàbaid, a‑chum gun tugamaid a‑mach cruithneachd? A’ dèanamh na h‑ephah beag, agus an t‑seceil mòr; agus a’ dèanamh na meidhe mearachdach le ceilg: A’ ceannach nam bochd airson airgid, agus an fheumaich airson bhròg; a’ reic fòs deireadh a’ chruithneachd. Mhionnaich an Tighearna air òirdheirceas Iàcoib, Gu deimhinn cha dìochuimhnich mi gu bràth an uile obraichean. Nach criothnaich am fearann airson seo? Agus nach dèan gach duine a tha a chòmhnaidh ann caoidh? Agus nach èirich amhail tuil thar an iomlan dheth? Nach tilgear a‑mach, agus nach bàthar e, mar gum b’ann le abhainn na h‑Eiphit? Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, gun toir mise air a’ ghrèin dol fodha air mheadhon‐là, agus nì mi an talamh dorcha anns an là shoilleir. Agus tionndaidhidh mi ur fèillean gu bròn, agus ur n‑òrain uile gu tuireadh; agus bheir mi air na h‑uile leasraidh aodach‐saic, agus air gach aon cheann maoile, agus nì mi e mar chumha airson aon mhic, agus a chrìoch mar là searbh. Feuch tha na làithean a’ teachd, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, anns an cuir mise gort anns an fhearann; chan i gort dìth arain, no tart dìth uisge, ach de dhìth èisdeachd facail an Tighearna. Agus siùbhlaidh iad o fhairge gu fairge, agus on àird a tuath, eadhon gus an àird an ear; ruithidh iad air an ais agus air an aghaidh, a dh’iarraidh facal an Tighearna, agus chan fhaigh iad e. Anns an là sin fannaichidh na h‑òighean maiseach agus na h‑òganaich le tart. Iadsan a tha a’ mionnachadh air peacadh Shamaria, agus ag ràdh, Tha do dhia‑sa beò, O Dhain, agus tha cùis‐adhraidh Bheer‐sèba beò; tuitidh eadhon iadsan, agus chan èirich iad suas gu bràth tuilleadh. Chunnaic mi an Tighearna na sheasamh air an altair; agus thubhairt e, Buail an t‑àrd‐doras, air chor is gun criothnaich na h‑ursannan: oir gearraidh mise anns a’ cheann iad, an t‑iomlan dhiubh; agus an sliochd marbhaidh mi leis a’ chlaidheamh: an tì a theicheas dhiubh cha tèid e as; agus an tì a ghabhas an ruaig dhiubh cha tèarnar e. Ged chladhaich iad gu ruig an t‑ionad ìochdarach, as a sin bheir mo làmh‐sa a‑nìos iad; ged thèid iad a suas gu nèamh, as a sin bheir mise a‑nuas iad: Agus ged fhalaich iad iad fhèin ann am mullach Charmeil, rannsaichidh mise, agus bheir mi a‑mach as a sin iad; agus ged bhiodh iad air am falach om shealladh ann an ìochdar na fairge, an sin bheir mi àithne don nathair, agus nì i an teumadh: Agus ged rachadh iad gu daorsa ron naimhdean, an sin bheir mise àithne don chlaidheamh, agus marbhaidh e iad: agus leagaidh mi mo shùilean orra a‑chum uilc, agus chan ann a‑chum maith. Oir is e an Tighearna Iehòbhah, Dia nan sluagh, a bheanas ris an fhearann, agus leaghaidh e; agus nì na h‑uile a tha a chòmhnaidh ann caoidh; agus èiridh e suas gu h‑iomlan mar thuil, agus bàthar e, mar gum b’ann le abhainn na h‑Eiphit. Is esan a thogas àrd‐sheòmraichean anns na nèamhan, agus a shuidhicheas a thaigh‐tasgaidh air an talamh; an tì a ghairmeas air uisgeachan na fairge, agus a dhòirteas iad a‑mach air aghaidh na talmhainn: is e Iehòbhah a ainm. Nach eil sibh mar chloinn nan Etiopach dhòmhsa, O chlann Israeil? Tha an Tighearna ag ràdh. Nach tug mise Israel à tìr na h‑Eiphit: agus na Philistich à Caphtor, agus na Sirianaich à Cir? Feuch, tha sùilean an Tighearna Iehòbhah air an rìoghachd chiontaich, agus sgriosaidh mise bhàrr aghaidh na talmhainn i: a‑mhàin cha mhill mi gu tur taigh Iàcoib, deir an Tighearna. Oir feuch, bheir mise àithne, agus criathraidh mi taigh Israeil am measg nan uile chinneach, mar a chriathrar sìol ann an criathar, gidheadh cha tuit an sìlean as lugha dheth air an talamh. Bàsaichidh uile pheacaich mo shluaigh‐sa leis a’ chlaidheamh, a tha ag ràdh, Cha bheir an t‑olc oirnn, agus cha ghlac e sinn gu h‑obann. Anns an là sin togaidh mise suas pàillean Dhaibhidh a tha air tuiteam, agus dùinidh mi suas a bheàrnan; agus togaidh mi suas a làraichean, agus cuiridh mi suas e mar anns na làithean o shean: A‑chum gun sealbhaich iad na mhaireas de Edom, agus na h‑uile chinnich a dh’ainmichear air m’ainm‐sa, deir an Tighearna a nì seo. Feuch tha na làithean a’ teachd, tha an Tighearna ag ràdh, anns am beir an treabhaiche air a’ bhuanaiche, agus fear‐bruthaidh nam fìondhearc air fear‐cur an t‑sìl; agus silidh na slèibhtean fìon milis, agus leaghaidh na h‑uile chnuic. Agus bheir mise air a h‑ais a‑rìs bruid mo shluaigh Israel, agus togaidh iad na bailtean fàsa, agus nì iad an àiteachadh; agus suidhichidh iad fìon‐liosan, agus òlaidh iad am fìon; nì iad fòs liosan, agus ithidh iad an toradh. Agus suidhichidh mise iad nam fearann, agus cha bhi iad nas mò air an spìonadh a‑nìos as an fhearann a thug mise dhaibh, deir an Tighearna do Dhia‑sa. Sealladh Obadiah. Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh a‑thaobh Edoim: Chuala sinn aithris on Tighearna, agus chuireadh teachdaire am measg nan cinneach, ag ràdh, Èiribh‐se, agus èireamaid‐ne suas na h‑aghaidh ann an cath. Feuch, rinn mise beag thu am measg nan cinneach: tha thu gu mòr air do chur fo dhìmeas. Mheall uabhar do chridhe thu, O thusa a tha a chòmhnaidh ann an sgoltaidhean nan creag, ann ad chòmhnaidh àird; a tha ag ràdh ann ad chridhe, Cò a bheir a‑nuas mi a‑chum an làir? Ged àrdaich thu thu fhèin mar an iolair, agus ged shuidhich thu do nead am measg nan reultan, as a sin bheir mise a‑nuas thu, deir an Tighearna. Ma thig mèirlich ad ionnsaigh, ma thig gadaichean anns an oidhche (cionnas a ghearradh as thu!), nach goideadh iad gus am biodh gu leòr aca? Nan tigeadh luchd‐tional nam fìondhearc ad ionnsaigh, nach fàgadh iad dìoghlam de na dearcan? Cionnas a tha Esau air iarraidh a‑mach, a nithean falaichte air an rannsachadh! Thug uile dhaoine do chomainn a‑chum na crìche thu; na daoine a bha an sìth riut, a dh’ith aran leat, mheall iad thu, agus bhuadhaich iad ann ad aghaidh: leag iad ribe fodhad: chan eil tuigse sam bith annad. Nach sgrios mise anns an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, araon na daoine glice a‑mach à Edom, agus tuigse à sliabh Esau? Agus claoidhear do dhaoine treuna‑sa, O Themain, a‑chum gun gearrar as gach duine de shliabh Esau le àr. Airson d’ainneirt an aghaidh do bhràthar Iàcoib, nì nàire do chòmhdachadh, agus bidh tu air do ghearradh as gu bràth. Anns an là anns an do sheas thu air an taobh eile, anns an là anns an tug na coimhich a shluagh ann am bruid, anns an deachaidh coigrich a‑steach air a gheatachan, agus anns an do thilg iad crannchur air Ierusalem, bha eadhon thusa mar aon dhiubh. Ach cha bu chòir dhut amharc le sòlas air là do bhràthar, anns an là anns an do rinneadh coigreach dheth: cha mhò a bu chòir dhut gàirdeachas a dhèanamh os cionn chloinn Iùdah ann an là an lèirsgrios: cha mhò a bu chòir dhut labhairt gu h‑uaibhreach ann an là an àmhghair. Cha bu chòir dhut dol a‑steach air geata mo shluaigh‐sa ann an là an àmhghair; seadh, cha bu chòir dhut amharc le sòlas air an teinn ann an là an airce, no làmh a chur air am maoin ann an là an àmhghair. Cha mhò a bu chòir dhut seasamh anns an t‑slighe tharsainn, a ghearradh as na dream a chaidh as de a mhuinntir; cha mhò a bu chòir dhut iadsan a mhair de a chuideachd a thoirt suas ann an là an dòrainn. Oir tha là an Tighearna dlùth air na h‑uile chinnich: mar a rinn thusa, nìthear riut: tillidh do luigheachd air do cheann fhèin. Oir amhail a dh’òl sibhse air mo shliabh naomh‐sa, òlaidh na h‑uile chinnich mun cuairt; seadh, òlaidh, agus sluigidh iad sìos; agus bidh iad mar nach biodh iad idir ann. Ach air sliabh Shioin bidh saorsa, agus bidh naomhachd: agus sealbhaichidh taigh Iàcoib an sealbh fhèin. Agus bidh taigh Iàcoib na theine, agus taigh Iòseiph na lasair; agus taigh Esau na asbhuain; agus lasaidh, agus loisgidh iadsan iad; agus chan fhàgar a h‑aon beò de thaigh Esau; oir labhair an Tighearna e. Agus gabhaidh iadsan o dheas sealbh air sliabh Esau; agus iadsan on chòmhnard air na Philistich; agus sealbhaichidh iad machair Ephraim, agus machair Shamaria; agus sealbhaichidh Beniàmin Gilead. Agus sealbhaichidh braighdean an t‑sluaigh seo de chloinn Israeil fearann nan Canàanach, eadhon gu Sarephat; agus sealbhaichidh braighdean Ierusaleim, a tha an Sepharad, bailtean na h‑àird a deas. Agus thig fir‐shaoraidh a‑nìos air sliabh Shioin, a thoirt breith air sliabh Esau; agus bidh an rìoghachd leis an Tighearna. A‑nis thàinig facal an Tighearna gu Ionah mac Amitai, ag ràdh, Èirich, imich gu Ninebheh, am baile mòr sin, agus tog do ghuth na aghaidh; oir tha an aingidheachd air teachd a‑nìos am làthair‐sa. Ach dh’èirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis o fhianais an Tighearna; agus chaidh e sìos gu Iopa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phàigh e an luach‐aisig, agus chaidh e sìos innte, gu dol leo gu Tarsis, o làthair an Tighearna. Ach chuir an Tighearna a‑mach gaoth mhòr air an fhairge, agus bha onfhadh ro‑mhòr air an fhairge, ionnas gun do shaoil iad gum biodh an long air a briseadh. An sin bha eagal air na maraichean agus ghlaodh iad gach duine ra dhia; agus thilg iad a‑mach am bathair a bha anns an luing don fhairge, a‑chum a h‑aotromachadh: ach chaidh Ionah sìos gu taobhan na luinge; agus laigh e, agus bha e na shuain chadail. An sin thàinig maighistir na luinge da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod as ciall dhut, O thusa a tha ad chadal? Eirich, gairm air do Dhia; theagamh gun smaoinich Dia oirnn, a‑chum nach bàsaich sinn. Agus thubhairt iad gach aon ra chompanach, Thigibh, agus tilgeamaid croinn, a‑chum gun aithnich sinn cò airson a tha an t‑olc seo air teachd oirnn. Mar sin thilg iad croinn, agus thuit an crannchur air Ionah. An sin thubhairt iad ris, Innis dhuinn, guidheamaid ort, ciod a b’adhbhar don olc seo teachd oirnn; ciod as dreuchd dhut? Agus cia as a thàinig thu? Ciod as dùthaich dhut? Agus cò na daoine dem bheil thu? Agus thubhairt e riu, Is Eabhraidheach mi, agus tha eagal an Tighearna Dia nèimh orm, an Tì a rinn an cuan agus an talamh tioram. An sin bha na daoine fo anbharr eagail, agus thubhairt iad ris, Carson a rinn thu seo? (Oir thuig na daoine gun do theich e o làthair an Tighearna; oir dh’innis e dhaibh.) An sin thubhairt iad ris, Ciod a nì sinn riut, a‑chum gum bi an fhairge ciùin dhuinn? (Oir bha onfhadh na fairge a’ fàs na bu mhò agus na bu mhò.) Agus thubhairt e riu, Togaibh suas mi, agus tilgibh a‑mach mi anns an fhairge; mar sin bidh an fhairge ciùin dhuibhse; oir tha fhios agam gur ann air mo shon‐sa a tha an doineann mhòr seo oirbh. Gidheadh dh’iomair na daoine gu cruaidh, a‑chum tilleadh gu tìr, ach cha b’urrainn iad; oir dh’fhàs onfhadh na fairge na bu mhò agus na bu mhò nan aghaidh. Air an adhbhar sin, ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Guidheamaid ort, O Thighearna, na leig dhuinne bàsachadh airson anam an duine seo, agus na leig oirnn fuil neochiontach: oir rinn thusa, O Thighearna, mar a b’àill leat fhèin. An sin ghlac iad Ionah, agus thilg iad a‑mach e anns an fhairge; agus sguir an fhairge de a boile. An sin bha eagal an Tighearna gu ro‑mhòr air na daoine, agus dh’ìobair iad ìobairt don Tighearna, agus thug iad bòidean. A‑nis dh’ullaich an Tighearna iasg mòr a‑chum Ionah a shlugadh suas; agus bha Ionah ann am broinn an èisg trì làithean agus trì oidhchean. An sin rinn Ionah ùrnaigh ris an Tighearna a Dhia à broinn an èisg, Agus thubhairt e, Ghlaodh mi a‑thaobh m’àmhghair ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium: à broinn na h‑uaighe ghlaodh mi; chuala tusa mo ghuth. Oir thilg thu mi anns an doimhne, ann am meadhon na fairge; agus dh’iadh na tuiltean mum thimcheall; chaidh do shumainnean agus do thonnan‐sa uile thairis orm. An sin thubhairt mi, Tha mi air mo thilgeadh a‑mach à fradharc do shùl: gidheadh seallaidh mi a‑rìs rid theampall naomh. Dh’iadh na h‑uisgeachan mum thimcheall, eadhon gu ruig an t‑anam: chòmhdaich an doimhne mi mun cuairt: bha mo cheann air a ribeadh anns an fheamainn. Chaidh mi sìos gu ìochdar nan slèibhtean; dhruid an talamh a croinn gu bràth orm: gidheadh thug thusa a‑nìos as an t‑sloc mo bheatha, O Thighearna mo Dhia. Nuair a dh’fhannaich m’anam an taobh a‑staigh dhìom, chuimhnich mi air an Tighearna; agus thàinig m’ùrnaigh ad ionnsaigh, gud theampall naomh. Iadsan a tha a’ leantainn air dìomhanais bhreugach, tha iad a’ trèigsinn an tròcair fhèin. Ach ìobraidh mise dhutsa le guth buidheachais; ìocaidh mi an nì sin a bhòidich mi; is ann don Tighearna a bhuineas slàinte. Agus labhair an Tighearna ris an iasg, agus thilg e a‑mach Ionah air an talamh thioram. Agus thàinig facal an Tighearna gu Ionah an dara uair, ag ràdh, Eirich, imich gu Ninebheh, am baile mòr sin, agus labhair ris anns na briathran a dh’àithneas mise dhut. Agus dh’èirich Ionah, agus chaidh e gu Ninebheh, a rèir facal an Tighearna. (A‑nis bu bhaile ro‑mhòr Ninebheh, astar trì làithean.) Agus thòisich Ionah air dol tron bhaile, astar aon là; agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Fhathast dà‑fhichead là, agus sgriosar Ninebheh. Agus chreid muinntir Ninebheh Dia, agus dh’èigh iad trasg, agus chuir iad umpa aodach‐saic, on aon bu mhò dhiubh gus an aon a bu lugha. Oir thàinig an sgeul gu rìgh Ninebheh; agus dh’èirich e o a rìgh‐chathair, agus chuir e a fhallaing uaithe, agus chòmhdaich e e fhèin le aodach‐saic, agus shuidh e ann an luaithre. Agus thug e fa‑near a èigheach agus a chur an cèill air feadh Ninebheh (le òrdagh an rìgh agus uaislean), ag ràdh, Na blaiseadh duine no beathach, buar no treud, aon nì; na ionaltradh iad, agus na òladh iad uisge. Ach biodh duine agus ainmhidh air an còmhdachadh le aodach‐saic, agus glaodhadh iad gu treun ri Dia: seadh, tilleadh iad gach aon o dhroch shlighe, agus on fhòirneart a tha nan làmhan. Cò aig a bheil fhios nach till Dia, agus nach gabh e aithreachas, agus nach till e o a dhian‐chorraich, air chor is nach bàsaich sinn? Agus chunnaic Dia an obraichean, gun do thill iad on droch shlighe; agus ghabh Dia aithreachas mun olc a thubhairt e gun dèanadh e orra, agus cha do rinn e e. Agus mhì‐thaitinn sin ri Ionah gu ro‑mhòr, agus bha fearg mhòr air. Agus ghuidh e air an Tighearna, agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, nach dubhairt mise seo, nuair a bha mi fhathast ann am dhùthaich fhèin? Uime sin theich mi roimhe seo gu Tarsis: oir bha fhios agam gur Dia gràsmhor thusa, agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an iochd, agus gun gabh thu aithreachas mu olc. Uime sin a‑nis, O Thighearna, buin, guidheam ort, m’anam uam; oir is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò. An sin thubhairt an Tighearna, Am math a thig dhut fearg a bhith ort? A‑nis bha Ionah air dol a‑mach as a’ bhaile, agus shuidh e air an taobh an ear den bhaile, agus an sin rinn e dha fhèin bothan, agus shuidh e foidhe anns an dubhar, gus am faiceadh e ciod a thachradh don bhaile. Agus dh’ullaich an Tighearna Dia luibh‐sgàile, agus dh’fhàs i suas os cionn Ionah, a‑chum gum biodh i mar sgàil thar a cheann, ga shaoradh o dhoilgheas. Agus bha Ionah ro‑ait airson na luibh‐sgàile. Ach dh’ullaich Dia cnuimh nuair a dh’èirich a’ mhadainn air an ath là, agus bhuail i an luibh‐sgàile, agus shearg i. Agus thàrladh, nuair a dh’èirich a’ ghrian, gun do dheasaich Dia gaoth theth on ear; agus bhuail a’ ghrian air ceann Ionah, ionnas gun d’fhannaich e, agus ghuidh e ann fhèin bàs fhaotainn, agus thubhairt e, Is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò. Agus thubhairt Dia ri Ionah, An ceart dhut do chorraich a bhith air lasadh airson na luibh‐sgàile? Agus thubhairt esan, Is ceart dhomh a bhith ann an corraich gu bàs. An sin thubhairt an Tighearna, Choigleadh tusa an luibh‐sgàile, airson nach do shaothraich thu, cha mhò a thug thu oirre fàs; a dh’fhàs suas ann an oidhche, agus a chaidh seachad ann an oidhche. Agus nach coiglinn‐sa Ninebheh, am baile mòr sin, anns a bheil tuilleadh agus sia‑fichead mìle pearsa, do nach aithne an làmh dheas seach an làmh chlì, agus mòran sprèidhe? Facal an Tighearna, a thàinig gu Micah am Morastach, ann an làithean Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah; a chunnaic e a‑thaobh Shamaria agus Ierusaleim. Èisdibh, O shlòigh, an t‑iomlan dhibh: thoir fa‑near, O thalaimh, agus na h‑uile a tha ann; agus biodh an Tighearna Iehòbhah na fhianais nur n‑aghaidh, an Tighearna as a theampall naomh. Oir feuch, thig an Tighearna a‑mach as a àite; agus thig e a‑nuas, agus saltraidh e air ionadan àrda na talmhainn. Agus leaghar na slèibhtean foidhe, agus sgoiltear na glinn: mar chèir fa chomhair an teine, mar uisgeachan a dhòirtear thar bruaich chorraich. Airson easaontas Iàcoib tha seo uile, agus airson lochdan taigh Israeil. Ciod e easaontas Iàcoib? Nach e Samaria? Agus ciod iad ionadan àrda Iùdah? Nach iad sin a tha ann an Ierusalem? Uime sin nì mise Samaria na càrn anns a’ mhachair, na h‑àit airson suidheachadh fhìonlios; agus taomaidh mi sìos a clachan don ghleann, agus leigidh mi ris a bunaitean. Agus brisear a dealbhan snaidhte gu lèir nam bloighdean, agus loisgear a tuarasdal gu lèir le teine, agus an t‑iomlan de a h‑iodhalan leagaidh mise sìos nan làraich: oir de thuarasdal strìopaich chruinnich i a h‑ionmhasan; agus gu tuarasdal strìopaich tillidh iad. Air an adhbhar sin nì mise caoidh agus àrd‐ghul; siùbhlaidh mi rùisgte agus lomnochd: nì mi caoidh mar na dràgoin, agus cumha mar nigheanan na caillich‐oidhche. Oir tha a creuchd do‑leigheas, oir thàinig i gu Iùdah; thàinig i gu geata mo shluaigh‐sa, gu Ierusalem. Na cuiribh an cèill e ann an Gat; na guilibh air aon chor; ann an taigh Aphrah aornagain thu fhèin anns an luaithre. Imich air falbh, a bhean‐àiteachaidh Shaphir, led nàire air a leigeadh ris: cha deachaidh luchd‐àiteachaidh Shanam a‑mach gu tuireadh: O Bheteseil, gheibh e uaibhse àite‐seasaimh. Gu dearbh tha bean‐àiteachaidh Mharoit a’ feitheamh airson maith; gu dearbh thàinig olc a‑nuas on Tighearna gu geata Ierusaleim. Ceangail an carbad ris an each luath, O thusa a tha ag àiteachadh Lacheis. B’ise bu toiseach peacaidh do nighinn Shioin: oir annadsa fhuaireadh easaontais Israeil. Uime sin bheir thu tìodhlacan do Mhoreset‐Gat: bidh taighean Achsib nam mealladh do rìghrean Israeil. Agus bheir mise oighre ad ionnsaigh‐sa, O bhean‐àiteachaidh Mharesah; thig e gu Adulam, glòir Israeil. Dèan maol thu fhèin, agus dèan do bhearradh airson do chloinn àillidh; sgaoil, mar an iolair, do mhaoile; oir dh’fhalbh iad uat ann am braighdeanas. Is truagh dhaibhsan a tha a’ dealbh aingidheachd, agus a’ cur an gnìomh uilc air an leapaichean; nuair a shoillsicheas a’ mhadainn tha iad ga dhèanamh, a chionn gu bheil e an comas an làimhe. Agus tha iad a’ sanntachadh mhachraichean, agus gan glacadh le fòirneart; agus thaighean, agus tha iad gan toirt air falbh: mar sin tha iad a’ sàrachadh duine agus a thaighe, duine mhòir agus a oighreachd. Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, an aghaidh an teaghlaich seo tha mise a’ dealbh uilc o nach buin sibh air falbh ur muineil, cha mhò a dh’imicheas sibh gu h‑uaibhreach: oir is aimsir olc seo. Anns an là sin togar cosamhlachd nur n‑aghaidh, agus nìthear tuireadh le cumha bhrònaich, ag ràdh, Tha sinn gu tur air ar creachadh; dh’atharraich e cuibhreann mo shluaigh: cionnas a dh’atharraich e uam e? Roinn e ar machraichean, a shaoil sinn a bhiodh air an aiseag dhuinn fhèin. Gu dearbh cha bhi aon neach agad a shìneas a‑mach sreang le crannchur ann an coitheanal an Tighearna. Na dèanaibh‐se fàistneachd, O sibhse a tha ri fàistneachd: cha dèan iad fàistneachd dhaibh; cha toir esan air falbh am masladh. A bheil taigh Iàcoib ag ràdh, A bheil Spiorad an Tighearna air a chumhangachadh? An iad seo a ghnìomharan? Nach eil mo bhriathran‐sa a’ dèanamh maith don neach a ghluaiseas gu h‑ionraic? Ach o chionn fhada dh’èirich mo shluagh suas mar nàmhaid: tha sibh a’ spìonadh na fallaing, maille ris an trusgan, on mhuinntir a tha ag imeachd seachad gu tèarainte, mar dhaoine gun spèis de chogadh. Mnathan mo phobaill thilg sibh a‑mach on taighean taitneach; on cloinn thug sibh air falbh mo ghlòir gu bràth. Èiribh, agus imichibh, oir chan i seo ur còmhnaidh: a chionn gu bheil e air a shalachadh, sgriosar e; agus bidh an sgrios mòr. Ma nì duine sam bith, ag imeachd ann an spiorad brèige, agus ceilg, fàistneachd dhut airson fìona agus airson dibhe làidir, bidh eadhon esan na fhàidh don t‑sluagh seo. Cruinnichidh mi gu cinnteach, O Iàcoib, an t‑iomlan dhìotsa: cruinnichidh mi gu cinnteach iarmad Israeil; cuiridh mi iad ri chèile mar chaoraich Bhosrah, mar threud ann am meadhon am mainnireach: nì iad faram mòr le lìonmhorachd dhaoine. Thàinig am fear‐brisidh a‑nìos romhpa, bhris iad an geata, agus chaidh iad troimhe agus chaidh iad a‑mach da thrìd; agus siùbhlaidh an rìgh air an toiseach, eadhon an Tighearna air an ceann. Agus thubhairt mi, Eisdibh, guidheam oirbh, O cheannardan Iàcoib, agus a phrionnsachan taigh Israeil; nach buin dhuibhse fios a bhith agaibh ciod a tha ceart? Sibhse a tha a’ fuathachadh a’ mhaith, agus a’ gràdhachadh an uilc; a tha a’ spìonadh dhiubh an craicinn, agus am feòla bhàrr an cnàmh: A tha fòs ag ithe feòil mo shluaigh‐sa, agus a’ fionnadh dhiubh an craicinn, agus a’ briseadh an cnàmh, agus gan gearradh nam bloighdean, mar fheòil airson na poite, agus mar bhiadh ann am meadhon a choire. An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna, ach chan èisd e riu: falaichidh e fòs a ghnùis uapa anns an àm sin, mar a ghiùlain iad iad fhèin gu h‑olc nan gnìomharan. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh mu thimcheall nam fàidhean a tha a’ toirt air mo shluagh‐sa dol air seachran, a tha a’ teumadh lem fiaclan, agus a’ glaodhaich, Sìth: ach airson an tì nach cuir nam beul, tha iad ag ullachadh cogaidh na aghaidh. Air an adhbhar sin thig oidhche oirbh, air chor is nach faic sibh sealladh; agus thig dorchadas oirbh, air chor is nach dèan sibh fàistneachd; agus thèid a’ ghrian sìos air na fàidhean agus bidh an là os an cionn dorcha. An sin bidh nàire air na fiosraichean, agus amhluadh air na fàidhean; seadh, còmhdaichidh iad uile am beul, oir chan eil freagradh air bith o Dhia. Ach gu deimhinn tha mise làn cumhachd, le spiorad an Tighearna, agus de bhreitheanas, agus de neart; a leigeadh ris a easaontais do Iàcob, agus a pheacaidh do Israel. Cluinnibh seo, guidheam oirbh, a cheannardan taigh Iàcoib, agus a luchd‐stiùraidh taigh Israeil; sibhse aig a bheil fuath do bhreitheanas, agus a tha a’ fiaradh gach uile cheartais: A tha a’ togail Shioin suas le fuil, agus Ierusaleim le dòbheairt. Tha an ceannardan a’ toirt breith airson duaise, agus an sagartan a’ teagasg airson tuarasdail, agus am fàidhean a’ fàistneachd airson airgid; gidheadh leigidh iad an taice ris an Tighearna, ag ràdh, Nach eil an Tighearna nar meadhon? Cha tig aon olc oirnn. Uime sin, air ur son‐se bidh Sion air a treabhadh mar mhachair, agus bidh Ierusalem na cùirn; agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe. Ach tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan sliabh, agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na slòigh da ionnsaigh. Agus thèid mòran chinneach, agus their iad, Thigibh, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, agus gu taigh Dia Iàcoib; agus teagaisgidh e dhuinn ma shlighean, agus gluaisidh sinne na cheuman: oir à Sion thèid an lagh a‑mach, agus facal an Tighearna à Ierusalem. Agus bheir e breith am measg mòran shluagh, agus bheir e achmhasan do chinnich làidir fad as; agus buailidh iad an claidheamhan gu coltair, agus an sleaghan gu corranan‐sgathaidh: cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus chan fhòghlaim iad cogadh nas mò. Ach suidhidh iad gach duine fo a fhìonain, agus fo a chrann‐fìge fhèin, agus cha chuir aon neach eagal orra; oir beul Iehòbhah, Dia nan sluagh, labhair e. Oir gluaisidh na h‑uile shlòigh, gach aon ann an ainm a dhè fhèin; ach gluaisidh sinne ann an ainm Iehòbhah ar Dia‑ne gu saoghal nan saoghal. Anns an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, cruinnichidh mi ise a tha bacach, agus tionailidh mi ise a tha air a fògradh a‑mach, agus ise a chuir mi fo àmhghar. Agus nì mi ise a bha bacach na h‑iarmad, agus ise a bha air a tilgeadh air falbh na cinneach làidir; agus riaghlaidh an Tighearna os an cionn ann an sliabh Shioin, o seo a‑mach, eadhon gu sìorraidh. Agus thusa, O thùir an treud, a dhaingnich làidir nighean Shioin, thig d’àm‑sa; agus tillidh an t‑seann uachdaranachd, an rìoghachd, gu nighinn Ierusaleim. A‑nis carson a tha thu a’ glaodhaich gu h‑àrd? A bheil rìgh air bith annad? An do bhàsaich d’fhear‐comhairle? Oir ghlac ioghannan thu, mar mhnaoi ri saothair. Bi ann an saothair, agus beir, O nighean Shioin, mar mhnaoi ri saothair: oir a‑nis thèid thu a‑mach as a’ chathair, agus gabhaidh tu còmhnaidh anns a’ mhachair, agus thèid thu eadhon gu Bàbilon; an sin saorar thu; an sin fuasglaidh an Tighearna thu à làimh do naimhdean. A‑nis fòs tha mòran chinneach air cruinneachadh ad aghaidh, a tha ag ràdh, Biodh i air a truailleadh, agus faiceadh ar sùil ar miann air Sion. Ach chan aithne dhaibh seo smuaintean an Tighearna, cha mhò a thuigeas iad a chomhairle: oir nì e an cruinneachadh mar na sguaban a‑chum an ùrlair. Èirich agus buail an t‑arbhar, O nighean Shioin; oir nì mise d’adharc na h‑iarann, agus d’iongannan nan umha; agus buailidh tu nam bloighdean mòran chinneach; agus coisrigidh tu an ionmhas don Tighearna; agus am maoin do Thriath na talmhainn uile. A‑nis cruinnich thu fhèin ann am buidhnean, O nighean bhuidhnean: chuartaich iad le feachd sinn; bhuail iad le slait air a’ ghiall britheamh Israeil. Agus thusa, a Bhetlehem‐Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh‐sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd. Air an adhbhar sin bheir e thairis iad, gus an t‑àm anns an toir ise a tha gu leanabh a bhreith dhachaigh clann; agus gus an iompaichear fuidheall am bràithrean, maille ri mic Israeil. Agus seasaidh e, agus ionaltraidh e a threud ann an neart an Tighearna; ann am mòrachd ainm an Tighearna a Dhia; agus bidh iadsan air an iompachadh: oir a‑nis bidh esan mòr gu ruig crìochan na talmhainn. Agus bidh esan na shìth. Nuair a thig an t‑Asirianach dar tìr, agus a shaltras e nar lùchairtean, an sin togaidh sinn na aghaidh seachd buachaillean, agus ochd cinn‐fheadhna sluaigh. Agus cuiridh iad fearann Asiria fàs leis a’ chlaidheamh, eadhon fearann Nimroid na dhol a‑steach: mar seo saoraidh iad sinn on Asirianach nuair a thig e a‑chum ar fearainn, agus nuair a shaltras e an taobh a‑staigh dar crìochan. Agus bidh fuidheall Iàcoib am measg mòran shluagh, mar an drùchd on Tighearna, mar na frasan air an fheur, nach feith ri duine, agus nach fan ri mic dhaoine. Agus bidh fuidheall Iàcoib am measg nan cinneach, am meadhon mòran shlògh, mar leòmhann am measg beathaichean na frìthe, mar chuilean leòmhainn am measg nan treudan chaorach: e sin, ma thèid e roimhe, araon saltraidh sìos, agus reubaidh, agus cha tèarainn aon neach. Togar do làmh suas os cionn do naimhdean, agus bidh d’eascairdean gu lèir air an gearradh as. Agus tàrlaidh anns an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gun geàrr mise do chuid each a‑mach as do mheadhon, agus sgriosaidh mi do charbadan. Agus gearraidh mi as bailtean d’fhearainn, agus tilgidh mi sìos d’uile dhaingnichean. Agus gearraidh mi na draoidhean a‑mach as do mheadhon; agus cha bhi fiosaichean air bith agad. Do dhealbhan snaidhte mar an ceudna gearraidh mi as, agus do dhealbhan seasmhach a‑mach as do mheadhon; agus cha toir thu nas mò adhradh do obair do làmh. Agus spìonaidh mi a‑nìos do dhoireachan as do mheadhon: sgriosaidh mi fòs do naimhdean: Agus nì mi dìoghaltas, ann am feirg agus ann an corraich, air na cinnich, ionnas nach cuala iad a leithid. Èisdibh‐se a‑nis ciod a tha an Tighearna ag ràdh: Eirich, tagair fa chomhair nam beann, agus cluinneadh na cnuic do ghuth. Eisdibh‐se, O shlèibhtean, còmhstri an Tighearna; agus sibhse, a bhunaitean làidir na talmhainn: oir tha còmhstri aig an Tighearna ra shluagh, agus tagraidh e ri Israel. O mo shluagh, ciod a rinn mise ort? Agus ciod anns an do sgìthich mi thu? Tog fianais am aghaidh. Oir thug mi a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; agus à taigh nan tràillean shaor mi thu; agus chuir mi romhad Maois, Aaron, agus Miriam. O mo shluagh, cuimhnich a‑nis ciod a’ chomhairle a ghabh Balac rìgh Mhòaib; agus ciod am freagradh a thug Balàam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a‑chum gun aithnich sibh fìreantachd an Tighearna. Ciod leis an tig mi ann am fianais an Tighearna; leis an strìochd mi mi fhèin an làthair an Dè as àirde? An tig mi na fhianais le ìobairtean‐loisgte; le laoigh a bhios bliadhna a dh’aois? Am bi an Tighearna toilichte le mìltean de reitheachan, le deich mìltean de shruthan ola? An toir mi mo chiad‐ghin airson mo chionta; toradh mo chuirp airson cionta m’anama? Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia? Tha guth an Tighearna a’ glaodhaich ris a’ bhaile, agus bheir an duine glic fa‑near d’ainm: èisdibh‐se an t‑slat, agus an Tì a dh’òrdaich i. A bheil fhathast ionmhasan na h‑aingidheachd ann an taigh an droch dhuine; agus an tomhas gann a tha gràineil? Am meas mise glan i leis na meidhean eucorach, agus le màla nan tomhaisean cealgach? Aig a bheil a daoine beartach làn ainneirt; agus labhair a luchd‐àiteachaidh breugan; agus tha an teanga cealgach nam beul. Uime sin tionnsganaidh mise air do bhualadh, air do dhèanamh fàs airson do lochdan. Ithidh tu, ach cha sàsaichear thu; agus bidh do leagadh ann ad mheadhon; agus gabhaidh tu greim, ach cha ghlèidh thu: agus an nì sin a ghlèidheas tu, bheir mise don chlaidheamh. Cuiridh tu, ach cha bhuain thu: bruthaidh tu meas a’ chroinn‐ola, ach chan ung thu thu fhèin le ola; agus dearcan an fhìon nuaidh, ach chan òl thu fìon. Oir choimhead thu reachdan Omri, agus uile obraichean taigh Ahaib; agus tha sibh ag imeachd nan comhairlean; a‑chum gun dèanainn‐sa na h‑ionad fàs i, agus a luchd‐àiteachaidh nan sgeig; agus gun giùlain sibhse masladh mo shluaigh‐sa. Mo thruaighe mise! Oir dh’fhàs mi mar luchd‐tionail a’ mheas‐shamraidh; mar luchd‐dìoghlaim an fhìon‐fhogharaidh: chan eil aon bhagaid ra ithe: tha m’anam ag iarraidh a’ chiad‐thoraidh. Bhàsaich an t‑ionracan as an fhearann, agus chan eil neach treibhdhireach am measg dhaoine: tha iad uile a’ gabhail fàth airson fala: tha iad, gach aon, a’ sealg a bhràthar le lìon. A‑chum gun dèan iad olc le uile dhìcheall an làmh; tha am prionnsa agus am britheamh ag iarraidh duaise: agus tha an duine mòr a’ foillseachadh a dhroch thograidh: mar sin tha iad ga phasgadh suas. Tha an tì as fheàrr dhiubh mar dhris: tha an tì as ionraice nam measg mar phris dhroighinn: is i seo là do luchd‐faire; tha do smachdachadh air teachd; a‑nis bidh iad ann an imcheist. Na earbaibh à caraid; na cuiribh muinghinn ann am fear‐iùil: on tè a laigheas ann ad uchd glèidh dorsan do bheòil. Oir tha am mac a’ toirt eas‐onoir don athair; tha an nighean ag èirigh suas an aghaidh a màthar, bean a’ mhic an aghaidh a màthar‐chèile: is iad naimhdean duine muinntir a thaighe fhèin. Ach seallaidh mise ris an Tighearna: bidh mo dhòchas ann an Dia mo shlàinte: èisdidh mo Dhia rium. Na dèan gàirdeachas am aghaidh, O mo nàmhaid; ged thuit mi, èiridh mi; ged shuidheam ann an dorchadas, bidh an Tighearna na sholas dhomh. Giùlainidh mi corraich an Tighearna, a chionn gun do pheacaich mi na aghaidh; gus an tagair e mo chùis, agus an toir e breith air mo shon: bheir e a‑mach mi a‑chum an t‑solais; chì mi a fhìreantachd. Agus chì mo nàmhaid sin, agus còmhdaichidh nàire ise a thubhairt rium, Càit a bheil an Tighearna do Dhia? Chì do shùilean am miann oirre; a‑nis saltrar sìos i mar chlàbar nan sràidean. Anns an là anns am bi do bhallachan air an togail, anns an là sin cuirear am fad uat an t‑òrdagh. Anns an là sin fòs thig iad ad ionnsaigh o Asiria, agus o na bailtean daingnichte, agus on daingneach eadhon gus an abhainn, agus o fhairge gu fairge, agus o shliabh gu sliabh. Gidheadh bidh an talamh na fhàsach, airson a luchd‐àiteachaidh, airson toradh an dèanadais. Beathaich do shluagh led luirg, treud d’oighreachd, a tha a’ gabhail còmhnaidh gu h‑uaigneach anns an fhrìth; ann am meadhon Charmeil ionaltradh iad, ann am Basan, agus an Gilead, mar anns na làithean o shean. Mar anns na làithean anns an tàinig iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, nochdaidh mise dhaibh nithean mìorbhaileach. Chì na cinnich, agus bidh iad fo amhluadh airson an uile chumhachd: cuiridh iad an làmh air am beul, bidh an cluasan bodhar. Imlichidh iad an duslach mar nathair; gluaisidh iad a‑mach as an tuill mar chnuimhean na talmhainn: bidh eagal orra ron Tighearna ar Dia‑ne, agus bidh iad fo gheilt air do shon‐sa. Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair. Tillidh e a‑rìs, gabhaidh e truas dhinn; còmhdaichidh e ar n‑easaontais: seadh, tilgidh tu an uile lochdan ann an doimhneachdan na fairge. Coileanaidh tu an fhìrinn do Iàcob, agus an tròcair do Abrahàm, a mhionnaich thu dar n‑athraichean o na làithean o shean. An fhàistneachd mu thimcheall Ninebheh. Leabhar sealladh Nahum an t‑Elcosach. Tha Dia eudmhor, agus nì an Tighearna dìoghaltas, agus tha e ann am feirg; nì an Tighearna dìoghaltas air a eascairdean; agus taisgidh e corraich airson a naimhdean. Tha an Tighearna mall a‑chum feirge, agus mòr ann an cumhachd, agus cha saor an Tighearna air chor air bith an t‑aingidh. Anns a’ chuairt‐ghaoith agus anns an doininn tha a shlighe, agus is iad na neòil luaithre a chas. Bheir e achmhasan don fhairge, agus nì e tioram i; agus tiormaichidh e suas na h‑aibhnichean uile: shearg Basan agus Carmel; agus tha blàth Lebanoin air crìonadh. Criothnaichidh na slèibhtean roimhesan, agus leaghaidh na cnuic; agus tha an talamh air a losgadh suas na làthair; an saoghal, agus a uile luchd‐àiteachaidh. Cò as urrainn seasamh ro a fheirg‐san? Agus cò a dh’fhaodas fuireach ann an dian‐theas a chorraich? Tha a chorraich air a dòrtadh a‑mach mar theine, agus tha na creagan air an tilgeadh sìos leis. Is math an Tighearna, is daingneach làidir e ann an là na h‑airce, agus is aithne dha iadsan a tha a’ cur an dòchais ann. Ach le tuil a’ ruith thairis bheir e crìoch iomlan air an dream a dh’èireas na aghaidh; agus ruaigidh dorchadas a naimhdean. Ciod a tha sibh a’ smaoineachadh an aghaidh an Tighearna? Nì e crìoch iomlan; chan èirich àmhghar suas an dara uair. Oir am feadh a tha iad air am filleadh na chèile mar sgitheach, agus mar gum b’ann air mhisg lem fìon, caithear iad mar asbhuain làn‐thioram. Asadsa chaidh aon a‑mach a dhealbh uilc an aghaidh an Tighearna; droch fhear‐comhairle. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Ged tha iad sàmhach, agus fòs lìonmhor, gidheadh gearrar as iad, agus siùbhlaidh iad air falbh. Ged rinn mi thusa a chlaoidh, cha chlaoidh mi thu nas mò. Oir a‑nis brisidh mi a chuing‐san dhìot, agus sgaoilidh mi as a chèile do chuibhrichean. Agus thug an Tighearna àithne mud thimcheall, nach froisear a‑mach d’ainm nas mò. A‑mach à taigh do dhiathan gearraidh mise an ìomhaigh shnaidhte, agus an ìomhaigh leaghte; òrdaichidh mi d’uaigh, oir dh’fhàs thu gràineil. Feuch air na slèibhtean casan an tì a tha a’ toirt deagh sgeòil leis, a tha a’ craobh‐sgaoileadh sìthe: O Iùdah, glèidh d’àrd‐fhèillean; coilean do bhòidean: oir cha siubhail an t‑aingidh nas mò tromhad; tha e gu tur air a ghearradh as. Tha esan a phronnas ann am bloighdean air teachd a‑nìos fad chomhair; glèidh an daingneach, cuir faire air an t‑slighe, dèan do leasraidh làidir, neartaich gu treun do chumhachd. Oir aisigidh an Tighearna a‑rìs òirdheirceas Iàcoib, mar òirdheirceas Israeil: oir mhill an luchd‐millidh iad, agus sgrios iad an geugan. Rinneadh sgiath a dhaoine cumhachdach dearg, tha na gaisgich ann an sgàrlaid: bidh na carbadan mar leusan lasrach ann an là a ullachaidh; agus crathar gu h‑uamhasach na sleaghan giuthais. Bidh na carbadan air bhoile anns na sràidean, buailidh iad an aghaidh a chèile anns na h‑ionadan farsaing: bidh an dreach mar leòis, ruithidh iad mar dhealanaich. Àirmhidh e a dhaoine treuna a‑rìs: leagaidh iad sìos nan imeachd: nì iad deifir a‑chum a bhalla, agus ullaichear an dìdean. Fosglar geatachan na h‑aibhne, agus bidh an lùchairt air a sgaoileadh. Agus bheirear Husab air falbh ann am bruid, bheirear suas i; agus a gruagaichean na co‑imeachd, mar le guth chalaman, a’ bualadh air an uchd. Ach tha sruthan Ninebheh mar linne uisge; agus tha iadsan a’ teicheadh. Seasaibh, seasaibh; ach cha seall aon neach na dhèidh. Glacaibh‐se a’ chreach airgid, glacaibh a’ chreach òir; chan eil crìoch air an ionmhas ghlòrmhor, leis gach uile sheòrsa de shoithichean rìomhach. Tha i falamh, agus faoin, agus fàs, agus tha an cridhe a’ leaghadh, agus na glùinean a’ bualadh air a chèile; agus tha mòran cràidh anns na h‑uile leasraidh; agus tha an aghaidhean gu lèir a’ tional dorchadais. Càit a bheil còmhnaidh nan leòmhann, agus àite‐beathachaidh nan leòmhann òga? Far an do ghluais an leòmhann, an seann leòmhann, agus cuilean an leòmhainn, gun aon air bith a chur geilt orra. Reub an leòmhann gu leòr airson a chuileanan, agus mharbh e airson a leòmhannan boireann, agus lìon e a thuill le cobhartach, agus a uaimh le creich. Feuch, tha mise ann ad aghaidh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus loisgidh mi do charbadan anns an teine; agus ithidh an claidheamh do leòmhainn òga; agus gearraidh mise do chreach on talamh, agus cha chluinnear nas mò guth do theachdairean. Is truagh don chathair fhuiltich! Tha i uile na ceilg, làn de reubainn: chan eil sgur air a’ chreich. Fuaim slait‐sgiùrsaidh, agus torman faram nan rothan, agus nan each meamnach, agus nan carbad leumnach. Togaidh am marcaich suas araon an claidheamh loinnireach, agus an t‑sleagh lìomhaidh; agus tha mòran de mhairbh ann, agus àireamh mòr de chuirp: chan eil crìoch air an cairbhean; tha iad a’ tuisleachadh air an cuirp: Airson lìonmhorachd strìopachas na strìopaich mhaisich, bana‑mhaighistir nan draoidheachdan; a tha a’ reic chinneach le a strìopachas, agus theaghlaichean le a draoidheachdan. Feuch, tha mise ad aghaidh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus leigidh mi ris do sgiobaill air d’aghaidh, agus foillsichidh mi do na cinnich do lomnochdaidh, agus do na rìoghachdan do mhasladh. Agus tilgidh mi salchar gràineil ort, agus nì mi suarach thu, agus cuiridh mi thu mar bhall‐amhairc. Agus tàrlaidh, iadsan uile a dh’amhairceas ort, gun teich iad uat, agus their iad, Rinneadh Ninebheh na fàsach, cò a chaoidheas i? Cia as a dh’iarras mi luchd‐comhfhurtachd air do shon? Am feàrr thusa na Nò sluaghmhor a bha air a suidheachadh am measg nan aibhnichean; aig an robh na h‑uisgeachan mun cuairt dhi, aig an robh an fhairge mar dhìdein, agus a’ mhuir mar bhalla? B’e Etiopia agus an Èiphit a neart, agus bha sin anabarrach: b’iad Put agus Lubim a luchd‐cuideachaidh. Gidheadh thugadh air falbh i, dh’imich i ann am braighdeanas; bha a clann òg fòs air am pronnadh nam bloighdean aig ceann nan uile shràidean; agus thilg iad croinn airson a daoine urramach, agus bha a daoine mòra gu lèir air an ceangal ann an slabhraidhean. Bidh tusa fòs air mhisg; falaichidh tu thu fhèin; iarraidh tu dìdean on nàmhaid. Bidh d’uile dhaingnichean làidir mar chroinn‐fhìge leis na ciad fhìgean abaich: ma chrathar iad, tuitidh iad ann am beul an tì a dh’itheas iad. Feuch, tha do dhaoine mar mhnathan ann ad mheadhon: sgaoilear gu farsaing dod naimhdean geatachan do thìre; caithidh an teine do chroinn‐dhruididh. Tarraing uisge dhut fhèin airson an fheachd, neartaich do dhaingnichean làidir: rach a‑steach don chriadh agus post an làthach; daingnich an àth‐chreadha. An sin nì an teine do chaitheamh; gearraidh an claidheamh as thu, ithidh e suas thu mar a’ chnàmh‐chnuimh: dèan thu fhèin lìonmhor mar a’ chnàmh‐chnuimh, dèan thu fhèin lìonmhor mar an lòcast. Rinn thu do luchd‐malairt lìonmhor thar reultan nèimh: millidh a’ chnàmh‐chnuimh, agus siùbhlaidh i air falbh. Tha iadsan a chrùnadh annad mar na lòcaist, agus do chinn‐fheadhna mar na fionnain‐fheòir, a chòmhnaicheas anns na barranan anns an là fhuar; ach nuair a dh’èireas a’ ghrian teichidh iad air falbh, agus chan eil fhios cia an t‑àite anns a bheil iad. Tha do bhuachaillean ri clò‐chadal, O rìgh Asiria: tha d’uaislean nan tàmh: tha do shluagh air an sgapadh air na slèibhtean, agus chan eil aon neach ann gan cruinneachadh. Chan eil leigheas air do bhruthadh: tha do lot nimhneach: na h‑uile a chluinneas iomradh ort, buailidh iad am basan os do chionn; oir cò air nach do shiubhail d’olc an còmhnaidh? An fhàistneachd a chunnaic Habacuc am fàidh. Cia fhad, O Thighearna, a ghlaodhas mi, agus nach èisd thu? A ghlaodhas mi riut airson fòirneirt, agus nach saor thu? Carson a tha thu a’ nochdadh dhomh aingidheachd, agus a’ toirt orm sealltainn air doilgheas? Oir tha creach agus fòirneart fam chomhair; agus luchd‐dùsgaidh strì agus aimhreite. Air an adhbhar sin tha an reachd air fàilneachadh, agus chan eil breitheanas uair air bith a’ dol a‑mach: oir tha an ciontach ag iadhadh mu thimcheall an fhìrein; uime sin tha breitheanas eucorach a’ dol air aghaidh. Faicibh am measg nan cinneach, agus amhaircibh, agus gabhaibh iongantas gu mòr: oir nì mise obair nur làithean, nach creid sibh ged innsear i dhuibh. Oir feuch, dùisgidh mi suas na Caldèanaich, an cinneach searbh agus dian sin, a dh’imicheas tro leud an fhearainn, a ghabhail seilbh air na h‑àiteachan‐còmhnaidh nach leo fhèin. Tha iad uamhasach agus eagalach: thig am breitheanas agus an òirdheirceas a‑mach uapa fhèin. Tha an eich fòs nas luaithe na liopaird, agus tha iad nas buirbe na madaidhean‐allaidh an anmoich: agus sgaoilidh am marcaichean iad fhèin, agus thig am marc‐shluagh o ioma‑chèin: itealaichidh iad mar an iolair a dheifricheas gu ithe. Thig iad uile airson ainneirt: sgriosaidh iad romhpa mar a’ ghaoth an ear; agus cruinnichidh iad braighdean mar a’ ghaineamh. Agus nì iad sgeig air rìghrean, agus bidh prionnsachan nan cùis‐mhagaidh dhaibh: nì iad fanaid air gach daingneach làidir; agus cruachaidh iad suas talamh, agus glacaidh iad e. An sin caochlaidh an inntinn, agus siùbhlaidh iad air falbh, agus measar iad ciontach. Tha an neart seo aca on dia. Nach eil thusa o shìorraidheachd, O Thighearna, mo Dhia‑sa, m’aon naomh? Cha bhàsaich sinn. O Thighearna, dh’òrdaich thu iadsan airson breitheanais; agus, O Dhè chumhachdaich, dhaingnich thu iad airson smachdachaidh. Tha do shùilean nas glaine na gun seall thu air olc, agus chan fhaod thu amharc air aingidheachd: cuime a bheil thu ag amharc air luchd‐ceannairc, agus a’ fantainn ad thosd nuair tha an t‑aingidh a’ slugadh suas an duine as ionraice na e fhèin? Agus cuime a bheil thu a’ dèanamh dhaoine mar èisg na fairge, mar na nithean snàigeach aig nach eil aon fhear‐riaghlaidh os an cionn? Tha iad gan togail suas uile leis an dubhan; tha iad gan glacadh nan lìon, agus gan cruinneachadh nan eangaich; uime sin tha iad aoibhneach agus ait. Air an adhbhar sin, tha iad ag ìobradh dan lìon, agus a’ losgadh tùise dan eangaich: a chionn leo sin gu bheil an cuibhreann reamhar, agus an lòn pailt. An dèan iad air an adhbhar sin an lìon falamh, agus nach coigil iad a bhith a’ sìor mharbhadh nan cinneach? Seasaidh mi air m’fhaire, agus cuiridh mi mi fhèin air an tùr, agus feuchaidh mi ciod a their e rium, agus ciod a fhreagras mi nuair a chronaichear mi. Agus fhreagair an Tighearna mi, ag ràdh, Sgrìobh an fhàistneachd, agus dèan soilleir i air clàran, air chor is gum faod esan ruith a leughas i. Oir tha an fhàistneachd fhathast airson aimsir shònraichte, ach air a’ cheann mu dheireadh labhraidh i, agus cha dèan i breug: ged dhèan i moille, feith rithe; oir gu deimhinn thig i, cha bhi i air dheireadh. Feuch, chan eil a anam‐san, a tha air a thogail suas, ceart an taobh a‑staigh dheth; ach mairidh am fìrean beò le a chreideamh. Seadh fòs, mar dhuine a thèid as an rathad le fìon, tha e uaibhreach, agus chan eil e a’ gabhail fois; a’ meudachadh a chìocrais mar an uaigh; agus mar am bàs chan fhaodar a shàsachadh; agus tha e a’ cruinneachadh da ionnsaigh nan uile chinneach, agus a’ tional dha fhèin nan uile shluagh. Nach tog iad seo uile suas cosamhlachd na aghaidh, agus gnàth‐fhacal tàmailteach ma thimcheall, ag ràdh, Is truagh dhàsan a mheudaicheas an nì nach leis fhèin! Cia fhad? Agus dhàsan a luchdaicheas e fhèin le criadh thiugh. Nach èirich iadsan suas gu grad a theumas thu; agus nach dùisg iadsan a chuireas dragh ort? Agus nach bi thusa dhaibh mar chobhartach? A chionn gun do chreach thu mòran chinneach, creachaidh uile iarmad nan cinneach thusa: airson fuil dhaoine, agus sàrachadh an fhearainn, na cathrach, agus a h‑uile luchd‐àiteachaidh. Mo thruaighe esan a tha a’ sanntachadh droch shannt da thaigh; a‑chum a nead a shuidheachadh gu h‑àrd; gu e fhèin a shaoradh o chumhachd àmhghair. Dhealbh thu nàire dod thaigh, le mòran shluagh a ghearradh as; agus pheacaich thu an aghaidh d’anama fhèin. Oir glaodhaidh a’ chlach a‑mach as a’ bhalla; agus freagraidh an t‑sail as an fhiodh i. Is an‑aoibhinn dhàsan a thogas baile le fuil, agus a dhaingnicheas cathair le aingidheachd. Feuch, nach ann o Thighearna nan sluagh a tha seo, gun saothraicheadh daoine anns an teine, agus gun sgìthicheadh slòigh iad fhèin airson nì faoin? Gu cinnteach lìonar an talamh le eòlas glòir an Tighearna, mar a tha na h‑uisgeachan a’ còmhdachadh na fairge. Is an‑aoibhinn dhàsan a tha a’ toirt air a choimhearsnach òl, a tha a’ cur ris a chupain, agus ga chur air mhisg mar an ceudna, a‑chum gun amhairceadh e air a lomnochdaidh. Tha thu air do lìonadh le nàire an àite glòire: òl thusa fòs, agus biodh do ro‑chraiceann air a leigeadh ris: riutsa tillear cupan làmh dheas an Tighearna; agus bidh sgeith nàireach air do ghlòir. Oir nì ainneart Lebanoin do chòmhdachadh, agus cuiridh sgrios ainmhidhean eagal ort; airson fuil dhaoine, agus airson sàrachadh an fhearainn, na cathrach, agus a h‑uile luchd‐àiteachaidh. Ciod an tairbhe a tha anns an ìomhaigh shnaidhte, gun do rinn am fear a dhealbh i a snaidheadh: anns an ìomhaigh leaghte, agus ann am fear‐teagaisg nam breug, gun earbadh fear‐dèanamh na h‑obrach seo aisde, a dhèanamh iodhalan balbha? Is truagh dhàsan a tha ag ràdh ris an fhiodh, Dùisg: ris a’ chloich bhailbh, Èirich. An teagaisg i? Feuch, tha i air a’ cur thairis le òr agus airgead; agus chan eil anail air bith an taobh a‑staigh dhith. Ach tha an Tighearna na theampall naomh: bi ad thosd na fhianais, O thalaimh uile. Ùrnaigh Habacuc am fàidh air Sigionot. O Thighearna, chuala mi do chainnt; bha eagal orm: O Thighearna, ath‐bheothaich d’obair ann am meadhon nam bliadhnachan, ann am meadhon nam bliadhnachan dèan aithnichte; ann an corraich cuimhnich tròcair. Thàinig Dia o Theman, agus an Tì naomh o shliabh Phàrain. Selah. Chòmhdaich a ghlòir na nèamhan, agus bha an talamh làn de a chliù. Agus bha a shoilleireachd mar a’ ghrian; o a làimh shruth deàrsannan solais; agus an sin bha àite‐falaich a mhòrachd. Ro a ghnùis chaidh a’ phlàigh; agus chaidh èibhlean teine a‑mach o a chasan. Sheas e, agus thomhais e an talamh: dh’amhairc e, agus sgap e na cinnich as a chèile; agus bha na slèibhtean sìorraidh air am briseadh; chrom na cnuic bhith‐bhuan; tha a shlighe maireannach. Chunnaic mi pàilleanan Chusain ann an àmhghar: chriothnaich brat‐sgàile fearann Mhidiain. An robh corraich air an Tighearna ris na tuiltean? An robh d’fhearg an aghaidh nan aibhnichean? An robh do chorraich an aghaidh na fairge, gun do mharcaich thu air d’eich, agus air do charbadan slàinte? Rinneadh do bhogha glan‐rùisgte, a rèir nam mionn do na treubhan, eadhon d’fhacail. Selah. Sgoilt thu an talamh le sruthan. Chunnaic na slèibhtean thu agus chriothnaich iad: ghabh tuil nan uisgeachan seachad: chuir an t‑aigeann a‑mach a ghuth, thog an doimhne suas a làmhan. Sheas a’ ghrian agus a’ ghealach nan àite: nan solas shiubhail do shaighdean; nan dealradh do shleaghan lìomhte. Dh’imich thu tron fhearann ann am feirg, bhuail thu na cinnich ann an corraich. Chaidh thu a‑mach airson tèarnadh do shluaigh, airson tèarnadh do mhuinntir ungte: bhuail thu an ceann o thaigh an aingidh; leig thu ris na bunaitean gu ruig a’ mhuineil. Selah. Bhuail thu led shlait ceann a bhailtean. Ruith iad a‑mach mar chuairt‐ghaoith gu ar sgapadh; bha an gàirdeachas mar gun sluigeadh iad am bochd gu h‑uaigneach. Choisich thusa tron fhairge led eich: tro chruinneachadh nan uisgeachan mòra. Nuair a chuala mi, chriothnaich mo chom: bha mo bhilean air chrith rod ghuth: chaidh lobhadh a‑steach ann am chnàmhan, agus chriothnaich mi ann am àite; a‑chum gum biodh fois agam ann an là an àmhghair: nuair a thèid e suas an aghaidh an t‑sluaigh, agus a chlaoidheas e iad le a bhuidhnean. Ged nach toir an crann‐fìge uaithe blàth, agus ged nach fàs air an fhìonain cinneas; ged fhàilnich meas a’ chroinn‐ola, agus ged nach toir na machraichean uapa lòn; ged ghearrar an treud as on mhainnir, agus ged nach bi buar air bith anns na buailtean: Gidheadh nì mise gàirdeachas anns an Tighearna, nì mi aoibhneas ann an Dia mo shlàinte. Is e an Tighearna Iehòbhah mo neart, agus nì e mo chasan mar chasan èilde, agus bheir e orm coiseachd air m’ionadan àrda. Don àrd‐fhear‐chiùil air m’innealan teudach. Facal an Tighearna a thàinig gu Sephaniah mac Chusi, mhic Ghedaliah, mhic Amariah, mhic Hisciah, ann an làithean Iosiah, mhic Amoin, rìgh Iùdah. Sgriosaidh mise gu tur na h‑uile nithean bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna. Sgriosaidh mi duine agus ainmhidh, sgriosaidh mi eunlaith an adhair, agus èisg na fairge, agus na ceapan‐tuislidh maille ris an h‑aingidh: agus gearraidh mi as an duine bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna. Sìnidh mi fòs a‑mach mo làmh air Iùdah, agus air uile luchd‐àiteachaidh Ierusaleim; agus gearraidh mi as fuidheall Bhàail on àite seo; ainm an luchd‐ìobraidh maille ris na sagartan; Agus iadsan a tha ag adhradh do fheachd nèimh air mullach nan taighean; agus iadsan a tha ag adhradh, agus a’ mionnachadh air an Tighearna, agus fòs a’ mionnachadh air Malcham; Agus iadsan a thill air an ais on Tighearna; agus iadsan nach d’iarr an Tighearna, agus nach d’fhiosraich dheth. Bithibh tosdach an làthair an Tighearna Iehòbhah, oir tha là an Tighearna dlùth; oir dh’ullaich an Tighearna ìobairt, ghairm e a aoidhean. Agus tàrlaidh ann an là ìobairt an Tighearna gun smachdaich mise na prionnsachan, agus clann nan rìghrean, agus na h‑uile a tha air an èideadh le culaidh choimhich. Agus air an là cheudna smachdaichidh mi iadsan uile a tha a’ leum air an stairsnich, a tha a’ lìonadh taighean am maighistirean le ainneart agus le ceilg. Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gum bi fuaim èighich o gheata an èisg, agus ulartaich on dara baile, agus bruanadh mòr o na cnuic. Àrd‐ghuilibh, a luchd‐àiteachaidh Mhacteis, oir tha an luchd‐malairt gu h‑iomlan air an gearradh as; tha uile luchd‐giùlain an airgid air am milleadh. Agus tàrlaidh anns an àm sin gun rannsaich mise Ierusalem le coinnlean, agus smachdaichidh mi na daoine a tha socrach air an deasgainean; a tha ag ràdh nan cridhe, Cha dèan an Tighearna math, cha mhò a nì e olc. Air an adhbhar sin bidh am maoin na chobhartach, agus an taighean nam fàsach: agus togaidh iad taighean, ach chan àitich iad iad; agus suidhichidh iad fìonliosan, ach chan òl iad am fìon. Tha là mòr an Tighearna dlùth, tha e dlùth, agus a’ deifreachadh gu mòr: tha guth là an Tighearna searbh: guilidh an sin an cumhachdach. Is là feirge an là sin, là trioblaid agus teanntachd; là fàsalachd agus lèirsgrios; là dorchadais agus oglaidheachd; là neul agus tiugh‐dhorchadais; Là trompaid agus iolaich an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus an aghaidh nan tùr àrda. Agus bheir mise airc air daoine, ionnas gun siubhail iad mar dhoill; a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna; agus dòirtear a‑mach am fuil mar dhuslach, agus am feòil mar aolach. Cha mhò a dh’fhaodas an airgead no an òr an saoradh ann an là fearg an Tighearna; ach le teine a eud‐san loisgear am fearann uile: oir bheir e gu deimhinn lèirsgrios obann air uile luchd‐àiteachaidh na tìre. Cruinnichibh sibh fhèin ri chèile, seadh cruinnichibh ri chèile, O fhine gun iarraidh: Mun tig an t‑òrdagh gu buil, mun siubhail ur là seachad mar mholl; mun tig corraich gharg an Tighearna oirbh, mun tig là fearg an Tighearna oirbh. Iarraibh‐se an Tighearna, uile dhaoine ciùine na talmhainn, a dh’obraich a bhreitheanas; iarraibh fìreantachd, iarraibh macantachd: faodaidh e a bhith gun tèarnar sibhse ann an là fearg an Tighearna. Gu dearbh trèigear Gàsa, agus cuirear fàs Ascelon: fògraidh iad a‑mach Asdod air mheadhon‐là; agus bidh Ecron air a spìonadh à freumh. Mo thruaighe luchd‐àiteachaidh sliosan na fairge, cinneach nan Cereteach: tha facal an Tighearna nur n‑aghaidh. O Chanàain, a thìr nam Philisteach, sgriosaidh mise thu, ionnas nach bi aon gad àiteachadh. Agus bidh taobh na fairge na bhothain aig buachaillean, agus na mhainnirean aig treudan. Agus bidh an slios aig iarmad taigh Iùdah; ionaltraidh iad air: ann an taighean Asceloin laighidh iad sìos anns an anmoch: oir thig an Tighearna an Dia gan amharc, agus bheir e air an ais am braighdean. Chuala mise masladh Mhòaib, agus ana‑cainnt chloinn Amoin, leis an do rinn iad mo shluagh‐sa a mhaslachadh, agus iad fhèin a mheudachadh an aghaidh an crìochan. Air an adhbhar sin, mar as beò mise, tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh; gu deimhinn bidh Mòab mar Shòdom, agus clann Amoin mar Ghomorrah, na fhàsach fheanntagaich, agus na phuill shalainn, agus na lèirsgrios sìorraidh; nì fuidheall mo shluaigh‐sa an creachadh, agus iarmad mo chinnich an sealbhachadh. Seo gheibh iad airson an uabhair, a chionn gun tug iad masladh, agus gun do mheudaich iad iad fhèin an aghaidh cinneach Tighearna nan sluagh. Bidh an Tighearna uamhasach nan aghaidh: oir bheir e gort air uile dhiathan na talmhainn; agus bheir iad adhradh dhàsan, gach aon o a àite fhèin, eadhon uile eileanan nan cinneach. Sibhse, Etiopacha, mar an ceudna, marbhar sibh fhèin leis a’ chlaidheamh. Agus sìnidh e a‑mach a làmh an aghaidh na h‑àird a tuath, agus sgriosaidh e Asiria; agus nì e Ninebheh na làraich luim, tioram mar am fàsach. Agus laighidh treudan sìos na meadhon, uile bheathaichean na talmhainn: gabhaidh am pelican agus a’ ghràineag tàmh na h‑àrd‐dhorais: bidh am fuaim na h‑uinneagan: bidh fàsalachd anns an sgàth‐thaigh: oir leigidh e ris a h‑obair sheudair. Seo a’ chathair luathghaireach a ghabh còmhnaidh gu neo‐umhaileach; a thubhairt na cridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi. Cionnas a dh’fhàs i na fàsach, na h‑àite airson bheathaichean gu laighe sìos ann! Nì gach aon a thèid seachad sgeig oirre, agus crathaidh e a làmh. Is an‑aoibhinn dhise a tha ceannairceach agus truaillte, don chathair a tha ri sàrachadh. Cha tug i gèill don ghuth; cha do ghabh i cronachadh: cha d’earb i as an Tighearna: cha do tharraing i dlùth da Dia. Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean‐allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe. Is daoine aotrom fealltach a fàidhean: thruaill a sagartan an t‑ionad naomh: bhris iad an reachd. Tha an Tighearna cothromach na meadhon: cha dèan esan euceart: gach madainn bheir e breitheanas gu solas, chan fhàilnich e: ach chan eil eòlas aig an eucorach air nàire. Gheàrr mi as na cinnich: tha an tùir uaigneach: rinn mi fàs an sràidean, air chor is nach eil aon gan imeachd: tha am bailtean air an sgrios, gun duine sam bith annta, gun aon neach gan àiteachadh. Thubhairt mi, Gu deimhinn bidh m’eagal ort, gabhaidh tu teagasg: mar sin cha bhiodh an àite‐còmhnaidh air a ghearradh as, cionnas air bith a smachdaichinn iad: ach dh’èirich iad gu moch, agus thruaill iad an uile dhèanadas. Uime sin feithibh‐se riumsa, tha an Tighearna ag ràdh, gus an là anns an èirich mi suas a‑chum na creiche: oir is e mo rùn na cinnich a chruinneachadh, na rìoghachdan a tharraing ri chèile; a dhòrtadh orra mo chorraich, uile theas m’fheirge: oir loisgear an talamh gu h‑iomlan le teine m’eud‐sa. Gu deimhinn tillidh mi an sin ris na slòigh teanga ghlan, gu gairm gu lèir air ainm an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha le aon rùn. O thaobh thall aibhnichean Etiopia, bheir mo luchd‐athchuinge, am measg mo mhuinntir sgapte, tabhartas am ionnsaigh. Anns an là sin cha nàraichear thu airson d’uile dhèanadais, leis an do chiontaich thu ann am aghaidh‐sa; oir an sin bheir mi air falbh as do mheadhon iadsan a tha ri gàirdeachas ann ad uabhar; agus chan àrdaich thu nas mò thu fhèin ann am shliabh naomh‐sa. Fàgaidh mi fòs ann ad mheadhon sluagh an‑shocrach agus dìblidh; agus cuiridh iad an dòchas ann an ainm an Tighearna. Cha dèan iarmad Israeil aingidheachd, cha mhò a labhras iad breugan: cha mhò a gheibhear teanga chealgach nam beul. Oir ionaltraidh agus laighidh iad sìos, agus cha chuir aon neach eagal orra. Seinn, O nighean Shioin; tog iolach, O Israeil; bi ait, agus dèan gàirdeachas led uile chridhe, O nighean Ierusaleim. Thug an Tighearna air falbh do bhreitheanais; thill Rìgh Israeil air falbh do naimhdean: tha an Tighearna ann ad mheadhon; chan fhaic thu olc nas mò. Anns an là sin theirear ri Ierusalem, Na biodh eagal ort; agus ri Sion, Na biodh do làmhan lag. Tha an Tighearna Dia ann ad mheadhon cumhachdach; nì e do thèarnadh; nì e gàirdeachas os do chionn le luathghair; gabhaidh e fois na ghràdh; nì e gàirdeachas os do chionn le seinn. Cruinnichidh mi iadsan ad mheasg a tha ri caoidh airson an àrd‐choitheanail, don robh a mhasladh na eallaich. Feuch, millidh mise d’uile luchd‐sàrachaidh anns an àm sin; agus lèighsidh mi ise a tha bacach, agus cruinnichidh mi ise a bha sgaoilte; agus gheibh mi dhaibh cliù agus deagh iomradh anns gach aon tìr anns an d’fhuair iad nàire. Anns an àm sin bheir mi air ur n‑ais sibh; agus anns an àm anns an cruinnich mi sibh, bheir mi gun amharas dhuibh ainm agus cliù am measg uile chinnich na talmhainn, nuair a thilleas mi air a h‑ais ur bruid fa chomhair an sùl‐san, deir an Tighearna. Ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh, anns an t‑siathamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh gu Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus gu Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd‐shagart, ag ràdh. Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Thubhairt an sluagh seo, Cha tàinig an t‑àm gu taigh an Tighearna a thogail. An sin thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh, ag ràdh, An àm dhuibhse, O sibhse, còmhnaidh a ghabhail nur taighean maiseach, agus an taigh seo na fhàsach? A‑nis, matà, mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thugaibh fa‑near ur slighean. Chuir sibh mòran, agus is beag a thug sibh a‑steach; tha sibh ag ithe, ach chan eil gu leòr agaibh: tha sibh ag òl, ach chan eil sibh sàthach: tha sibh gur n‑èideadh, ach chan eil aon neach blàth: agus esan a tha a’ cosnadh tuarasdail, tha e ga chosnadh gu a chur ann an sporan tolltach. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thugaibh fa‑near ur slighean. Rachaibh suas a‑chum an t‑slèibh, agus thugaibh leibh fiodh, agus togaibh an taigh; agus gabhaidh mise tlachd ann, agus bidh mi air mo ghlòrachadh, deir an Tighearna. Bha sùil agaibh ri mòran, agus, feuch, thàinig e gu beagan; agus nuair a thug sibh dhachaigh e, shèid mise air. Carson? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Airson mo thaighe a tha fàs, agus sibhse a’ ruith gach duine gu a thaigh fhèin. Air an adhbhar sin chùm na nèamhan os ur cionn air ais an drùchd, agus ghlèidh an talamh a thoradh. Agus ghairm mise tart air an fhearann, agus air na slèibhtean, agus air an arbhar, agus air an fhìon nuadh, agus air an ola; agus air gach nì a bheir an talamh a‑mach: agus air duine, agus air ainmhidh; agus air uile shaothair nan làmh. An sin thug Serubabel mac Shealtieil, agus Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd‐shagart, leis a’ chuid eile den t‑sluagh uile, gèill do ghuth an Tighearna an Dia, agus do bhriathran Hagai am fàidh (mar a chuir an Tighearna an Dia fios leis), agus bha eagal air an t‑sluagh ron Tighearna. An sin labhair Hagai, teachdaire an Tighearna, ann an teachdaireachd an Tighearna, ris an t‑sluagh, ag ràdh, Tha mise leibh, deir an Tighearna. Agus dhùisg an Tighearna spiorad Sherubabeil mhic Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus spiorad Iosuah mhic Iosedeich, an t‑àrd‐shagart, agus spiorad na cuid eile den t‑sluagh uile; agus thàinig iad, agus rinn iad obair ann an taigh Tighearna nan sluagh, an Dia. Air a’ cheathramh‐là‑fichead den t‑siathamh mìos, ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh. Anns an t‑seachdamh mìos, air an aon‐là‑fichead den mhìos, thàinig facal an Tighearna leis an fhàidh Hagai, ag ràdh, Labhair a‑nis ri Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus ri Iosuah mac Iosedeich an t‑àrd‐shagart; agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, ag ràdh, Cò a tha air fhàgail nur measg a chunnaic an taigh seo na chiad ghlòir? Agus cionnas a tha sibh ga fhaicinn a‑nis? Nach eil e nur sùilean, làimh ri sin, mar neoni? Gidheadh a‑nis bi làidir, O Sherubabeil, tha an Tighearna ag ràdh; agus bi làidir, O Iosuah, mhic Iosedeich, an t‑àrd‐shagart; agus bithibh‐se làidir, uile shluagh an fhearainn, tha an Tighearna ag ràdh; agus dèanaibh obair; oir tha mise leibh, deir Tighearna nan sluagh. A rèir an fhacail a dhaingnich mi ribh nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit, mar sin tha mo spiorad a’ fantainn nur measg: na biodh eagal oirbh. Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Fhathast aon uair, ann an ùine bhig, crathaidh mise na nèamhan, agus an talamh, agus an fhairge, agus am fearann tioram: Agus crathaidh mi na h‑uile chinnich, agus thig Miann nan uile chinneach; agus lìonaidh mi an taigh seo le glòir, deir Tighearna nan sluagh. Is leamsa an t‑airgead, agus is leamsa an t‑òr, deir Tighearna nan sluagh. Bidh glòir an taighe deireannaich seo nas mò na glòir a’ chiad thaighe, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; agus anns an àite seo bheir mise sìth, deir Tighearna nan sluagh. Air a’ cheathramh‐là‑fichead den naoidheamh mìos, ann an dara bliadhna Dhariuis, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feòraich a‑nis de na sagartan mun reachd, ag ràdh, Ma ghiùlaineas aon feòil naomh ann an sgioball a thrusgain, agus gum bean a thrusgan ri aran, no brochan, no fìon, no ola, no biadh sam bith, am bi sin naomh? Agus fhreagair na sagartan, agus thubhairt iad, Cha bhi. An sin thubhairt Hagai, Ma bheanas aon a tha neòghlan le corp marbh ri aon air bith de na nithean seo, am bi sin neòghlan? Agus fhreagair na sagartan, agus thubhairt iad, Bidh e neòghlan. An sin fhreagair Hagai agus thubhairt e, Is amhail a bha an sluagh seo, agus is amhail a bha an cinneach seo ann am làthair‐sa, tha an Tighearna ag ràdh: agus is amhail a bha uile obair an làmh; agus an tabhartas a thug iad seachad an sin bha e neòghlan. Agus a‑nis guidheam oirbh, thugaibh fa‑near: on là‑an‑diugh, agus o sin suas, mun do leagadh clach air cloich ann an teampall an Tighearna: Nuair a thàinig aon gu cruaich fichead tomhas, cha robh ann ach deich: nuair a thàinig aon gu amar‐bruthaidh an fhìona, gu leth‐cheud soitheach a tharraing a‑mach as an amar, cha robh ann ach fichead. Bhuail mi sibh le seargadh, agus le fuar‐dhealt, agus le cloich‐mheallain, ann an uile shaothair ur làmh. Gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna. Thugaibh fa‑near a‑nis on là‑an‑diugh, agus o sin suas, on cheathramh‐là‑fichead den naoidheamh mìos, agus on là anns an do leagadh bunaitean teampall an Tighearna: thugaibh fa‑near. A bheil sìol fhathast anns an t‑sabhal? Seadh, gu ruige seo, cha tug an fhìonain, no a’ chraobh‐fhìge, no am pomgranat, no an crann‐ola, seachad toradh. Ach on là seo a‑mach beannaichidh mise. Agus thàinig facal an Tighearna a‑rìs gu Hagai, air a’ cheathramh‐là‑fichead den mhìos, ag ràdh, Labhair ri Serubabel uachdaran Iùdah, ag ràdh, Crathaidh mise na nèamhan, agus an talamh; Agus tilgidh mi rìgh‐chathair rìoghachdan bun‐os‑cionn, agus sgriosaidh mi neart rìoghachdan nan cinneach; agus tilgidh mi bun‐os‑cionn na carbadan, agus iadsan a tha a’ marcachd orra, agus tuitidh na h‑eich agus am marcaichean sìos, gach aon le claidheamh a bhràthar. Anns an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gabhaidh mi thusa, O Sherubabeil, a mhic Shealtieil, m’òglach, tha an Tighearna ag ràdh, agus nì mi thu mar sheula; oir roghnaich mise thu, deir Tighearna nan sluagh. Anns an ochdamh mìos, ann an dara bliadhna Dhariuis, thàinig facal an Tighearna gu Sechariah mac Bharachiah, mhic Ido, am fàidh, ag ràdh, Bha corraich ro‑mhòr air an Tighearna ri ur n‑athraichean: Agus abair thusa riu, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tillibh‐se riumsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; agus tillidh mise ribhse, deir Tighearna nan sluagh. Na bithibh mar ur n‑athraichean, ris an do ghlaodh na fàidhean a bha ann roimhe seo, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tillibh‐se a‑nis o ur droch shlighean, agus o ur droch dhèanadais. Ach cha d’èisd iad, cha mhò a thug iad aire dhòmhsa, deir an Tighearna. Ur n‑athraichean, càit a bheil iad? Agus na fàidhean, am mair iad beò am feasd? Ach mo bhriathran‐sa, agus mo reachdan, a dh’àithn mi dom òglaich na fàidhean, nach do rinn iad greim air ur n‑athraichean? Agus nach dubhairt iad, Amhail mar a shaoil Tighearna nan sluagh a dhèanamh rinne, a rèir ar slighean, agus a rèir ar dèanadais, mar sin rinn e rinn. Air a’ cheathramh‐là‑fichead den aon‐mhìos‐deug (sin am mìos Sèbat), ann an dara bliadhna Dhariuis, thàinig facal an Tighearna gu Sechariah, mac Bharachiah, mhic Ido, am fàidh, ag ràdh, Chunnaic mi anns an oidhche, agus feuch duine a’ marcachd air each ruadh, agus sheas e am measg nan craobhan‐miortail a bha anns a’ ghleann, agus air a chùlaibh bha eich ruadha, bhreaca, agus bhàna. An sin thubhairt mi, Ciod iad seo, O mo Thighearna? Agus thubhairt an t‑aingeal a labhair rium, Feuchaidh mise dhut ciod iad seo. Agus fhreagair am fear a bha na sheasamh am measg nan craobhan miortail, agus thubhairt e, Seo iadsan a chuir an Tighearna gu siubhal sìos agus suas air feadh na talmhainn. Agus fhreagair iad aingeal an Tighearna, a sheas am measg nan craobhan miortail, agus thubhairt iad, Shiubhail sinne a‑nìos agus sìos air feadh na talmhainn; agus, feuch, tha an talamh uile na thàmh, agus a’ gabhail fois. An sin fhreagair aingeal an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna nan sluagh, cia fhad a bhios tu gun tròcair a dhèanamh air Ierusalem, agus air bailtean Iùdah, ris a bheil thu ann an corraich a‑nis deich agus trì‐fichead bliadhna? Agus fhreagair an Tighearna an t‑aingeal a labhair riumsa, le briathran matha, le briathran sòlasach. Mar sin thubhairt an t‑aingeal a bha a’ labhairt rium, Glaodh thusa, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tha mise eudmhor airson Ierusaleim, agus airson Shioin le eud mòr: Agus tha mi ann an corraich ro‑mhòir ris na cinnich a tha suaimhneach; oir cha robh ormsa ach corraich bheag, agus chuidich iadsan air a h‑aghaidh an dòrainn. Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Thill mi ri Ierusalem le tròcairean: bidh mo thaigh air a thogail ann, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus bidh sreang‐thomhais air a sgaoileadh a‑mach air Ierusalem. Glaodh fhathast ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Bidh mo bhailtean‐sa fhathast air an sgaoileadh a‑mach le soirbheachadh, agus bheir an Tighearna fhathast comhfhurtachd do Shion, agus roghnaichidh e fhathast Ierusalem. An sin thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi; agus feuch ceithir adhaircean. Agus thubhairt mi ris an aingeal a bha a’ labhairt rium, Ciod iad seo? Agus fhreagair esan mi, Is iad seo na h‑adhaircean a sgap Iùdah, Israel, agus Ierusalem. Agus dh’fheuch an Tighearna dhomh ceithir fir‐cheàirde. An sin thubhairt mi, Ciod a thàinig iad seo gu a dhèanamh? Agus labhair esan, ag ràdh, Is iad seo na h‑adhaircean a sgap Iùdah, ionnas nach do thog aon duine suas a cheann: ach thàinig iad seo a‑chum eagal a chur orra, a thilgeadh a‑mach adhaircean nan cinneach a thog suas an adharc an aghaidh fearann Iùdah, a‑chum a sgapadh. Thog mi suas mo shùilean a‑rìs, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, fear le sreing‐thomhais na làimh. An sin thubhairt mise, Càit a bheil thu a’ dol? Agus thubhairt e rium, A thomhas Ierusaleim a dh’fheuchainn ciod e a leud, agus ciod e a fad. Agus, feuch, chaidh an t‑aingeal a labhair rium a‑mach, agus chaidh aingeal eile a‑mach na chòdhail. Agus thubhairt e ris, Ruith, labhair ris an òganach sin, ag ràdh, Bidh Ierusalem air a h‑àiteachadh mar bhailtean gun bhallachan, le lìonmhorachd nan daoine agus na sprèidhe a bhios innte. Oir bidh mise, tha an Tighearna ag ràdh, ann am bhalla teine dhi mun cuairt, agus bidh mi ann am ghlòir na meadhon. Ho! ho! thigibh agus teichibh on tìr mu thuath, tha an Tighearna ag ràdh; oir ri ceithir gaothan an adhair sgaoil mise sibh a‑mach, deir an Tighearna. Ho! a Shioin, tàrr as, O thusa a tha a chòmhnaidh maille ri nighinn Bhàbiloin. Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla‑san. Oir feuch, crathaidh mise mo làmh orra, agus bidh iad nan cobhartaich dan tràillean: agus aithnichidh sibhse gun do chuir Tighearna nan sluagh fios leamsa. Seinn, agus dèan gàirdeachas, O nighean Shioin; oir feuch, tha mise a’ teachd, agus gabhaidh mi còmhnaidh ann ad mheadhon, deir an Tighearna. Agus bidh mòran chinneach air an cur ris an Tighearna anns an là sin, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa: agus gabhaidh mise còmhnaidh ann ad mheadhon; agus bidh fhios agad gun do chuir Tighearna nan sluagh mise ad ionnsaigh. Agus sealbhaichidh an Tighearna Iùdah, a chuibhreann, anns an fhearann naomh; agus roghnaichidh e Ierusalem a‑rìs. Bi tosdach, O uile fheòil, an làthair an Tighearna: oir tha e air a thogail suas o a ionad‐còmhnaidh naomh. Agus thaisbein e dhomh Iosuah an t‑àrd‐shagart, na sheasamh an làthair aingeal an Tighearna; agus Sàtan na sheasamh aig a làimh dheis, gu cur na aghaidh. Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Gun dèanadh an Tighearna do chronachadh, O Shàtain; gun dèanadh eadhon an Tighearna a roghnaich Ierusalem, do chronachadh: nach aithinne e seo, air a spìonadh as an teine? A‑nis bha Iosuah air èideadh le aodach salach, agus sheas e an làthair an aingeil. Agus fhreagair esan, agus labhair e riùsan a sheas na làthair, ag ràdh, Thugaibh dheth an t‑aodach salach. Agus ris‐san thubhairt e, Feuch, thug mi air d’aingidheachd imeachd uat, agus èididh mi thu le culaidh mhaisich. Agus thubhairt e, Cuireadh iad ceann‐aodach maiseach air a cheann: agus chuir iad ceann‐aodach maiseach air a cheann, agus dh’èid iad e le fallaingean; agus sheas aingeal an Tighearna leo. Agus dhearbh aingeal an Tighearna do Iosuah, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Ma ghluaiseas tu ann am shlighean‐sa, agus ma choimheadas tu mo reachd, an sin bheir thu mar an ceudna breith air mo thaigh, agus gleidhidh tu fòs mo chùirtean; agus bheir mi dhut àiteachan‐coiseachd am measg na muinntir seo nan seasamh leat. Eisd a‑nis, O Iosuah, àrd‐shagairt, thu fhèin agus do chompanaich a tha nan suidhe ad làthair: oir is daoine a tha nan samhladh iad: oir feuch, bheir mise a‑mach m’òglach, am Meangan. Oir feuch, a’ chlach a leag mise fa chomhair Iosuah: air aon chloich tha seachd sùilean. Feuch, gearraidh mise a gearradh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus atharraichidh mi aingidheachd an fhearainn seo ann an aon là. Anns an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gairmidh sibh gach fear a choimhearsnach fon fhìonain, agus fon chrann‐fhìge. Agus thàinig an t‑aingeal a labhair rium a‑rìs, agus dhùisg e mi, mar dhuine air a dhùsgadh as a chadal. Agus thubhairt e rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Dh’amhairc mi, agus, feuch, coinnleir uile de òr, le a chupan air a mhullach, agus a sheachd lòchrain air, agus seachd feadain gus na seachd lòchrain a tha air a mhullach; Agus dà chrann‐ola làimh ris, aon air taobh deas a’ chupain, agus aon air a thaobh clì. An sin fhreagair mi, agus labhair mi ris an aingeal a bha ri còmhradh rium, ag ràdh, Ciod iad seo, mo thighearna? Agus fhreagair an t‑aingeal a bha a’ labhairt rium, agus thubhairt e rium, Nach eil fhios agad ciod iad seo? Agus thubhairt mise, Chan eil, mo thighearna. An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad‐sa, deir Tighearna nan sluagh. Cò thusa, O shlèibh mhòir? Ro Sherubabel fàsaidh tu ad chòmhnard; agus bheir e a‑mach a’ chlach‐chinn le iolaich, a’ glaodhaich, Gràs, gràs gu robh dhi. Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh‐sa, ag ràdh, Leag làmhan Sherubabeil stèidh an taighe seo; nì a làmhan fòs a chrìochnachadh: agus bidh fhios agaibh gun do chuir Tighearna nan sluagh mise dur n‑ionnsaigh. Oir cò a rinn dìmeas air là nan nithean beaga? Nì eadhon iadsan gàirdeachas, agus chì iad an t‑sreang‐thomhais an làimh Sherubabeil. Is iad an t‑seachdnar seo sùilean an Tighearna; tha iad a’ ruith sìos agus suas air feadh na talmhainn uile. An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi ris, Ciod iad an dà chrann‐ola seo air taobh deas a’ choinnleir, agus air a thaobh clì? Agus fhreagair mi a‑rìs, agus thubhairt mi ris, Ciod iad dà ghèig nan crann‐ola, a tha làimh ris an dà fheadan òir a’ taomadh na h‑ola asda fhèin? Agus fhreagair e mi, agus thubhairt e, Nach eil fhios agad ciod iad seo? Agus thubhairt mise, Chan eil, mo thighearna. An sin thubhairt esan, Is iad seo an dithis ungte a tha nan seasamh làimh ri Tighearna na talmhainn uile. Agus thog mi suas mo shùilean a‑rìs agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ròla ag itealaich. Agus thubhairt esan rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus fhreagair mise, tha mi a’ faicinn ròla ag itealaich, fichead làmh‐choille air fad, agus deich làmhan‐coille air leud. An sin thubhairt e rium, Is e seo am mallachd a tha a’ dol a‑mach air aghaidh an fhearainn uile: agus gearrar as gach aon a ghoideas, mar air an taobh seo dheth: agus gearrar as gach aon a mhionnaicheas, mar air an taobh sin dheth. Thug mise a‑mach e, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus thèid e a‑steach do thaigh a’ mhèirlich, agus do thaigh an tì a tha a’ mionnachadh gu breugach air m’ainm‐sa; agus fanaidh e ann am meadhon a thaighe, agus sgriosaidh e eadar fhiodh agus chlach e. An sin chaidh an t‑aingeal a labhair rium a‑mach, agus thubhairt e rium, Tog suas a‑nis do shùilean, agus faic ciod seo a tha a’ dol a‑mach. Agus thubhairt mise, Ciod e? Agus thubhairt esan, Seo ephah a tha a’ dol a‑mach. Agus thubhairt e, Is i seo an samhladh anns an fhearann uile. Agus, feuch, bha tàlann luaidhe air a thogail suas: agus, feuch, bean na suidhe ann am meadhon na h‑ephah. Agus thubhairt e, Is i seo Aingidheachd: agus thilg e i ann am meadhon na h‑ephah; agus chuir e an cudthrom luaidhe air a beul. An sin thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, thàinig a‑mach dà mhnaoi, agus a’ ghaoth nan sgiathan; (oir bha sgiathan aca mar sgiathan corra‑glaise); agus thog iad an ephah suas eadar an talamh agus na nèamhan. An sin thubhairt mise ris an aingeal a labhair rium, Càit a bheil iad seo a’ giùlan na h‑ephah? Agus thubhairt e rium, A thogail taighe dhi ann an tìr Shìnair; agus bidh i air a daingneachadh, agus air a suidheachadh an sin air a bonn. Agus a‑rìs thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, thàinig ceithir carbadan a‑mach o eadar dhà shliabh; agus bu shlèibhtean umha na slèibhtean. Ris a’ chiad charbad bha eich ruadha, agus ris an dara carbad eich dhubha. Agus ris an treas carbad eich gheala, agus ris a’ cheathramh carbad eich bhalla‑dhearg. An sin fhreagair mi, agus thubhairt mi ris an aingeal a bha a’ labhairt rium, Ciod iad seo, mo thighearna? Agus fhreagair an t‑aingeal, agus thubhairt e rium, Is iad seo ceithir spioradan nan nèamh a tha a’ dol a‑mach o bhith nan seasamh an làthair Tighearna na talmhainn uile. Thèid na h‑eich dhubha a tha ann a‑mach don tìr mu thuath, agus thèid na h‑eich gheala a‑mach nan dèidh; agus thèid na h‑eich bhalla‑dhearg a‑mach ris an tìr mu dheas. Agus chaidh na h‑eich bhalla‑dhearg a‑mach, agus thairg iad imeachd a‑chum gun siùbhladh iad sìos agus suas air feadh na talmhainn. Agus thubhairt e, Falbhaibh, imichibh sìos agus suas air feadh na talmhainn. Is amhail a dh’imich iad sìos agus suas air feadh na talmhainn. An sin ghairm e orm, agus labhair e rium, ag ràdh, Feuch, iad seo a tha ag imeachd gus an tìr mu thuath, chiùinich iad mo spiorad anns an tìr mu thuath. Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Gabh dhiubhsan a tha den bhruid, de theaghlach Heldai, agus Thobiah, agus Iedaiah; agus falbhaidh tu air an là cheudna, agus thèid thu a‑steach do thaigh Iosiah mhic Shephaniah, a thill o Bhàbilon. Agus gabhaidh tu airgead agus òr, agus nì thu crùin, agus cuiridh tu iad air ceann Iosuah, mhic Iosedeich, an t‑àrd‐shagart: Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Feuch an duine don ainm am Meangan; agus fàsaidh e a‑nìos as àite, agus togaidh e teampall an Tighearna. Togaidh eadhon esan teampall an Tighearna, agus gheibh e glòir, agus suidhidh e, agus riaghlaidh e air a rìgh‐chathair; agus bidh e na shagart air a rìgh‐chathair; agus bidh comhairle na sìthe eatorra araon. Agus bidh crùn aig Helem, agus aig Tobiah, agus aig Iedaiah, agus aig Hen mac Shephaniah, mar chuimhneachan ann an teampall an Tighearna. Agus thig iadsan a tha fad as, agus togaidh iad ann an teampall an Tighearna; agus bidh fhios agaibh gun do chuir Tighearna nan sluagh mise dur n‑ionnsaigh. Agus thig seo gu crìch, ma bheir sibh gèill gu cùramach do ghuth an Tighearna ur Dia. Agus thàrladh ann an ceathramh bliadhna Dhariuis gun tàinig facal an Tighearna gu Sechariah, air a’ cheathramh là den naoidheamh mìos, eadhon Chisleu. (Nuair a chuir iad gu taigh Dhè, Seresar agus Regemelech, agus an daoine a dh’fhiosrachadh an làthair an Tighearna; A labhairt ris na sagartan a bha ann an taigh Tighearna nan sluagh, agus ris na fàidhean, ag ràdh, An dèan mi gul anns a’ chòigeamh mìos, gam dhealachadh fhèin, mar a rinn mi an iomadh bliadhna seo?) An sin thàinig facal Tighearna nan sluagh am ionnsaigh‐sa, ag ràdh, Labhair ri uile shluagh an fhearainn, agus ris na sagartan, ag ràdh, Nuair a thraisg agus a ghuil sibh anns a’ chòigeamh agus anns an t‑seachdamh mìos, eadhon na deich agus trì‐fichead bliadhna seo, an do thraisg sibh idir air mo shon‐sa, eadhon air mo shon‐sa? Agus nuair a dh’ith sibh, agus nuair a dh’òl sibh, nach d’ith sibh air ur son fhèin, agus nach d’òl sibh air ur son fhèin? Nach iad seo na briathran a dh’èigh an Tighearna leis na ciad fhàidhean, nuair a bha Ierusalem air a h‑àiteachadh, agus a’ soirbheachadh, agus a bailtean mun cuairt dhi; agus an taobh deas agus an còmhnard air an àiteachadh? An sin thàinig facal an Tighearna gu Sechariah, ag ràdh, Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Cuiribh an gnìomh ceart‐bhreitheanas, agus nochdaibh tròcair agus iochd, gach duine da bhràthair: Agus na sàraichibh a’ bhantrach, no an dìlleachdan, an coigreach, no am bochd; agus na smaoinicheadh neach air bith agaibh nur cridhe olc an aghaidh a bhràthar. Ach dhiùlt iadsan èisdeachd, agus tharraing iad a’ ghuala on chuing, agus dhruid iad an cluasan, a‑chum nach cluinneadh iad. Seadh, rinn iad an cridheachan mar chloich adamaint, mun cluinneadh iad an lagh, agus na briathran a chuir Tighearna nan sluagh le a spiorad, leis na fàidhean roimhe seo: air an adhbhar sin, thàinig corraich mhòr o Thighearna nan sluagh. Agus thachair amhail a ghlaodh mise, agus nach d’èisd iadsan; mar sin ghlaodh iadsan, agus cha d’èisd mise, deir Tighearna nan sluagh. Ach sgap mi iad le cuairt‐ghaoith, am measg nan uile chinneach nach b’aithne dhaibh: agus bha am fearann fàs nan dèidh, air chor is nach do shiubhail neach air bith troimhe, air ais no air aghaidh: agus rinn iad an tìr thaitneach na fàsach. Agus thàinig facal Tighearna nan sluagh am ionnsaigh, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Bha mise eudmhor airson Shioin le eud mòr, agus bha mi eudmhor air a son le mòr‐chorraich. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thill mise gu Sion, agus gabhaidh mi còmhnaidh ann an Ierusalem; agus goirear ri Ierusalem, Baile fìrinn, agus ri sliabh Tighearna nan sluagh, Sliabh naomh. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Gabhaidh seann daoine agus seana mhnathan còmhnaidh fhathast ann an sràidean Ierusaleim, agus gach duine le a luirg na làimh le ro‑aois. Agus bidh sràidean a’ bhaile làn de mhacain agus de nìonagan, a’ cluich na sràidean. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Ma bhios e iongantach ann an sùilean iarmad an t‑sluaigh seo anns na làithean sin, am bi e iongantach ann am shùilean‐sa fòs? deir Tighearna nan sluagh. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feuch, saoraidh mise mo shluagh on tìr an ear, agus on tìr an iar: Agus bheir mi air an ais iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann an Ierusalem, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan, ann am fìrinn, agus ann an ceartas. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Biodh ur làmhan làidir, sibhse a tha a’ cluinntinn, anns na làithean seo, nam briathran seo à beul nam fàidhean, a tha anns an là anns a bheil stèidh taigh Tighearna nan sluagh ga suidheachadh, eadhon an teampaill, a‑chum gum biodh e air a thogail. Oir ro na làithean seo, cha robh luach‐saothrach air bith aig duine, no luach‐saothrach air bith aig ainmhidh; cha mhò a bha sìth aig an tì a rachadh a‑mach, no a thigeadh a‑steach, leis an teinn; oir chuir mise na h‑uile dhaoine, gach aon an aghaidh a choimhearsnaich. Ach a‑nis cha bhi mi do iarmad an t‑sluaigh seo mar anns na làithean roimhe seo, deir Tighearna nan sluagh. Oir soirbhichidh an sìol; bheir an fhìonain seachad a meas, agus bheir an talamh seachad a thoradh, agus bheir na nèamhan seachad an drùchd; agus bheir mise air iarmad an t‑sluaigh seo na nithean seo gu lèir a shealbhachadh. Agus tàrlaidh, mar a bha sibh nur mallachadh am measg nan cinneach, O thaigh Iùdah, agus a thaigh Israeil, is amhail a shaoras mise sibh, agus bidh sibh nur beannachadh. Na biodh eagal oirbh, biodh ur làmhan làidir. Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Mar a chuir mi romham olc a dhèanamh oirbh, nuair a bhrosnaich ur n‑athraichean mi gu feirg, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus nach do ghabh mi aithreachas; Mar sin smaoinich mi a‑rìs, anns na làithean seo, math a dhèanamh do Ierusalem, agus do thaigh Iùdah. Na biodh eagal oirbhse. Seo na nithean a nì sibh: Labhraibh, gach neach an fhìrinn ra choimhearsnach: dèanaibh breitheanas na fìrinn agus na sìthe nur geatachan: Agus na dealbhaibh nur cridhe gach aon neach olc an aghaidh a choimhearsnaich, agus na gràdhaichibh mionnan brèige sam bith: oir na nithean seo uile is fuathach leamsa, deir an Tighearna. Agus thàinig facal Tighearna nan sluagh am ionnsaigh, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Trasg a’ cheathramh mìos, agus trasg a’ chòigeamh, agus trasg an t‑seachdamh, agus trasg an deicheamh, bidh do thaigh Iùdah nan aoibhneas agus nan gàirdeachas, agus nam fèillean subhach; a‑mhàin gràdhaichibh‐se fìrinn agus sìochaint. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Fhathast tàrlaidh gun tig mòran dhaoine, agus luchd‐àiteachaidh mòran bhailtean: Agus thèid luchd‐àiteachaidh aon bhaile gu aon eile, ag ràdh, Rachamaid da‑rìribh a dhèanamh ùrnaigh an làthair an Tighearna, agus a dh’iarraidh Tighearna nan sluagh: thèid mise mar an ceudna. Seadh, thig mòran shluagh, agus cinnich chumhachdach, a dh’iarraidh Tighearna nan sluagh ann an Ierusalem, agus a ghuidhe an làthair an Tighearna. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Anns na làithean sin tàrlaidh gun dèan deichnear greim, as uile chànainean nan cinneach, eadhon gun dèan iad greim air sgioball an tì a bhios na Iùdhach, ag ràdh, Thèid sinne leat, oir chuala sinn gu bheil Dia leibh. Fàistneachd facal an Tighearna. Air fearann Hadraich, agus air Damascas gabhaidh i làmh: (oir tha sùil gach duine, agus uile threubhan Israeil, air an Tighearna). Agus fòs air Hamat a tha làimh ris; air Tìrus agus air Sìdon, ged tha i ro‑ghlic. Ged thog Tìrus dhi fhèin daingneach làidir, agus ged chàrn i suas airgead mar an duslach, agus òr fìorghlan mar pholl nan sràidean; Feuch, tilgidh an Tighearna a‑mach i, agus buailidh e anns an fhairge a neart; agus sgriosar i le teine. Chì Ascelon, agus bidh eagal oirre; Gàsa fòs, agus bidh i ro‑bhrònach; is amhail a bhios Ecron, oir nàraicheadh a dòchas; agus bàsaichidh an rìgh o Ghàsa, agus chan àitichear Ascelon. Agus gabhaidh clann dhìolain còmhnaidh ann an Asdod; agus gearraidh mise as uabhar nam Philisteach. Agus bheir mi air falbh a fhuil as a bheul, agus a ghràinealachdan o eadar fhiaclan: ach an tì a mhaireas, bidh esan airson ar Dè‑ne, agus bidh e mar uachdaran ann an Iùdah, agus Ecron mar an t‑Iebusach. Agus campaichidh mise timcheall mo thaighe, ga dhìon on fheachd a bhios a’ dol seachad, no a bhios a’ tilleadh; cha mhò a thèid am fear‐sàrachaidh tromhpa nas mò; oir a‑nis chunnaic mi lem shùilean. Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail. Agus gearraidh mi as an carbad o Ephraim, agus an t‑each o Ierusalem; agus gearrar as am bogha‑cogaidh; agus labhraidh esan sìth ris na cinnich: agus bidh a uachdaranachd o mhuir gu muir, agus on abhainn gu iomallan na tìre. Air mo shon‐sa fòs, le fuil do choicheangail chuir mi a‑mach do phrìosanaich as an t‑sloc anns nach robh uisge sam bith. Tillibh a‑chum an daingnich, O phrìosanacha an dòchais; eadhon air an là‑an‑diugh tha mi ag innse gun dìol mi dhut beannachdan dùbailte. Oir lùb mi dhomh fhèin Iùdah, lìon mi am bogha le Ephraim; agus togaidh mi suas do mhic‐sa, O Shioin, an aghaidh do mhac‐sa, O Ghrèig, agus nì mi thu mar chlaidheamh duine cumhachdaich. Agus chìthear an Tighearna os an cionn, agus thèid a shaighead a‑mach mar an dealanach: agus sèididh an Tighearna Iehòbhah an trompaid, agus thèid e a‑mach le iomaghaothan na h‑àird a deas. Nì Tighearna nan sluagh an dìon; agus ithidh iad, agus ceannsaichidh iad le clachan‐tabhaill: agus òlaidh iad, agus nì iad iolach mar le fìon; agus lìonar iad mar chupain, mar oiseanan na h‑altarach. Agus tèarnaidh an Tighearna an Dia iad anns an là sin, mar threud a shluaigh; oir togar suas clachan‐buaidh an crùin air feadh am fearainn. Oir cia mòr an soirbheachadh, agus cia mòr am maise! Nì an t‑arbhar na h‑òganaich, agus am fìon‐nuadh na h‑òighean, subhach. Iarraibh‐se air an Tighearna uisge ann an àm an uisge dheireannaich; nì an Tighearna dealanach, agus bheir e dhuibh pailteas uisge; do gach aon feur anns an fhaiche. Oir labhair na h‑iodhalan dìomhanas, agus chunnaic na fiosaichean breug, agus dh’innis iad aislingean faoine; is dìomhain an comhfhurtachd: uime sin dh’imich iad air falbh mar threud; bha iad air an claoidh, a chionn nach robh buachaille air bith ann. An aghaidh nam buachaillean las mo chorraich‐sa, agus na gobhair smachdaichidh mi. Ach dh’amhairc Tighearna nan sluagh air a threud, taigh Iùdah; agus nì e iad mar each maiseach anns a’ chath. Uaithesan thig a‑mach a’ chlach‐oisne, uaithesan an tarrang, uaithesan am bogha‑catha, uaithesan gach uile uachdaran le chèile. Agus bidh iad ann an cath cosmhail ri gaisgich a shaltras air clàbar nan sràidean: agus cogaidh iad, a chionn gu bheil an Tighearna maille riu; agus cuirear marcaichean nan each gu nàire. Agus neartaichidh mise taigh Iùdah, agus tèarnaidh mi taigh Iòseiph; agus suidhichidh mi iad a‑rìs; oir tha truas agam dhiubh: agus bidh iad mar nach tilginn fada uam iad: oir is mise Iehòbhah an Dia, agus èisdidh mi riu. Agus bidh Ephraim mar ghaisgeach; agus nì an cridhe gàirdeachas mar le fìon: seadh, chì an clann, agus bidh iad ait; nì an cridhe gàirdeachas anns an Tighearna. Gairmidh mise iad, agus cruinnichidh mi iad, oir shaor mi iad: agus meudaichidh iad, eadhon mar a mheudaich iad. Agus cuiridh mi iad mar shìol am measg nan cinneach; agus cuimhnichidh iad ormsa ann an dùthchannan fad as; agus mairidh iad beò len cloinn, agus tillidh iad a‑rìs. Agus bheir mi air an ais iad o thìr na h‑Eiphit, agus cruinnichidh mi iad a‑mach à Asiria; agus bheir mi iad air an ais gu tìr Ghileaid agus Lebanoin; agus cha bhi àite nas leòr ra fhaotainn dhaibh. Agus thèid e tron fhairge le dòrainn: agus buailidh e na tonnan anns an fhairge; agus tiormaichidh uile dhoimhneachdan na h‑aibhne suas; agus bheirear a‑nuas uabhar Asiria, agus imichidh slat‐rìoghail na h‑Eiphit seachad. Agus neartaichidh mi iad anns an Tighearna: agus na ainm‐san gluaisidh iad, deir an Tighearna. Fosgail do dhorsan, O Lebanoin, a‑chum gun loisg an teine do sheudair. Guil gu h‑àrd, O chraobh ghiuthais, oir thuit an seudar; oir tha iadsan a b’àirde air am milleadh: dèanaibh gul, O dharagan Bhasain; oir ghearradh frìth na callaid. Guth ulartaich nam buachaillean! A chionn gu bheil an glòir air a milleadh. Guth beucach nan leòmhann òga! Oir tha uabhar Iòrdain air a chreachadh. Mar seo thubhairt an Tighearna, mo Dhia, Beathaich thusa treud a’ chasgraidh, A tha an sealbhadairean a’ marbhadh, agus gam meas fhèin neo‐chiontach: agus tha iadsan a tha gan reic ag ràdh, Beannaichte gu robh an Tighearna, oir tha mi saoibhir: agus chan eil truas aig an aodhairean fhèin dhiubh. Oir cha ghabh mise nas mò truas de luchd‐àiteachaidh na tìre, tha an Tighearna ag ràdh; ach feuch, bheir mi thairis daoine, gach aon do làimh a choimhearsnaich, agus do làimh a rìgh; agus buailidh iad am fearann, agus cha saor mi as an làimh. Agus beathaichidh mi treud a’ chasgraidh, eadhon sibhse, a bhochdan an treud. Agus ghabh mi am ionnsaigh dà luirg: air aon dhiubh thug mi mar ainm Maise, agus air aon eile thug mi mar ainm Cuibhrichean; agus bheathaich mi an treud. Trì aodhairean fòs gheàrr mi as ann an aon mhìos; agus bha gràin aig m’anam‐sa dhiubhsan, agus bha fuath aig an anam‐san dhòmhsa. An sin thubhairt mi, Cha bheathaich mi sibh; an nì sin a bhàsaicheas, bàsaicheadh e; agus an nì sin a tha gu bhith air a ghearradh as, biodh e air a ghearradh as: agus itheadh a’ chuid eile gach aon feòil a chèile. Agus ghabh mi mo lorg, eadhon Maise, agus gheàrr mi na bloighdean i, a‑chum gum brisinn mo choicheangal a rinn mi ris an slòigh uile. Agus bhriseadh e anns an là sin: agus mar sin dh’aithnich bochdan an treud a thug an aire dhomh gum b’e sin facal an Tighearna. Agus thubhairt mi riu, Ma chìthear ceart dhuibh, thugaibh dhomh mo luach; agus mura faicear, leigibh leis: mar sin thomhais iad airson mo luach, deich‐buinn‐fhichead airgid. Agus thubhairt an Tighearna rium, Tilg a‑chum a’ chreadhadair e: an luach ciatach leis an robh mise air mo mheas leòsan! Agus ghabh mi na deich‐buinn‐fhichead airgid, agus thilg mi iad ann an taigh an Tighearna, a‑chum a’ chreadhadair. Agus gheàrr mi as a chèile mo lorg eile, eadhon Cuibhrichean; a‑chum gum brisinn am bràithreachas eadar Iùdah agus Israel. Agus thubhairt an Tighearna rium a‑rìs, Gabh ad ionnsaigh fhathast innealan buachaille amaidich: Oir feuch, togaidh mise suas buachaille anns an fhearann, nach seall an dèidh an nì sin a ghearrar as: nach iarr a’ chuid a tha òg; agus nach leighis a’ chuid a fhuair dochann; cha mhò a bheathaicheas e a’ chuid a sheas: ach ithidh e feòil na cuid a tha reamhar, agus reubaidh e an crodhain nam bloighdean. Is truagh don droch bhuachaille a dh’fhàgas an treud: thig sgrios air a ghàirdean, agus air a shùil dheis; seargaidh a ghàirdean gu tur, agus dorchaichear a shùil dheas gu h‑iomlan. Fàistneachd facal an Tighearna. A‑thaobh Israeil, tha an Tighearna ag ràdh, a tha a’ sgaoileadh a‑mach nan nèamh, agus a’ suidheachadh stèidh na talmhainn, agus a’ cruthachadh spiorad duine an taobh a‑staigh dheth: Feuch, nì mise Ierusalem na cupan ball‐chrith do na slòigh uile mun cuairt: airson Iùdah mar an ceudna bidh e anns an fheachd an aghaidh Ierusaleim. Agus anns an là sin nì mi Ierusalem na cloich chudthromaich do na slòigh uile; na h‑uile a ghabhas i mar uallach orra fhèin, gearrar iad nam bloighdean: agus na h‑aghaidh bidh uile chinnich an domhain air an cruinneachadh ri chèile. Anns an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, buailidh mise gach each le uamhas, agus a mharcaich le cuthach; agus fosglaidh mi mo shùilean air taigh Iùdah, agus gach aon each aig na slòigh buailidh mi le doille. Agus their uachdarain Iùdah nan cridhe, Is iad luchd‐àiteachaidh Ierusaleim mo neart ann an Tighearna nan sluagh, an Dia. Anns an là sin nì mise uachdarain Iùdah mar theallach teine am measg connaidh, agus mar leus teine ann an sguaib; agus loisgidh iad, air an làimh dheis, agus air an làimh chlì, na slòigh uile mun cuairt: agus àitichear Ierusalem a‑rìs, na h‑ionad fhèin, ann an Ierusalem. Saoraidh an Tighearna fòs pàilleanan Iùdah, mar o shean; mun dèan glòir taigh Dhaibhidh, no glòir luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, iad fhèin àrdachadh an aghaidh Iùdah. Anns an là sin dìonaidh an Tighearna luchd‐àiteachaidh Ierusaleim; agus bidh esan a tha lag nam measg anns an là sin mar Dhaibhidh; agus taigh Dhaibhidh mar Dhia, mar aingeal an Tighearna nan làthair. Agus tàrlaidh anns an là sin gun iarr mise na h‑uile chinnich a thig an aghaidh Ierusaleim a mhilleadh. Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad‐ghin. Anns an là sin bidh cumha mhòr ann an Ierusalem, cosmhail ri cumha Hadadrimoin, ann an gleann Mhegidoin. Agus nì am fearann caoidh, gach aon teaghlach air leth, agus am mnathan air leth: teaghlach taigh Nàtain air leth, agus am mnathan air leth: Teaghlach taigh Lèbhi air leth, agus am mnathan air leth: teaghlach Shimei air leth, agus am mnathan air leth: Na h‑uile theaghlaichean eile, gach teaghlach air leth, agus am mnathan air leth. Anns an là sin bidh tobar air fhosgladh do thaigh Dhaibhidh, agus do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, airson peacaidh agus airson neòghlaine. Agus tàrlaidh air an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gun geàrr mise a‑mach ainmean nan iodhalan as an fhearann, agus cha chuimhnichear iad nas mò; agus fòs bheir mi air na fiosaichean agus na spioradan neòghlan siubhal a‑mach as an fhearann. Agus tàrlaidh nuair a nì duine sam bith fàistneachd, an sin gun abair a athair agus a mhàthair, a ghin e, ris, Cha mhair thu beò; oir labhair thu breugan ann an ainm an Tighearna: agus nì a athair agus a mhàthair a ghin e, a bhualadh troimhe nuair a nì e fàistneachd. Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi nàire air na fàidhean, gach aon de a shealladh nuair a nì e fàistneachd: cha mhò a chuireas iad umpa fallaingean molach gu mealladh. Ach their gach aon, Chan fhàidh mise, is treabhaiche mi; oir tha còir aig duine eile orm om òige. Agus their aon ris, Ciod iad na lotan sin ann ad làmhan? An sin freagraidh esan, Iad sin leis an do lotadh mi ann an taigh mo chàirdean. Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth‐chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig. Agus tàrlaidh anns an fhearann uile tha an Tighearna ag ràdh, gun gearrar as dà thrian ann, agus gum bàsaich iad; ach bidh an treas trian air fhàgail ann. Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm‐sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia. Feuch, tha là an Tighearna a’ teachd, agus roinnear do chreach ann ad mheadhon. Oir cruinnichidh mise na h‑uile chinnich an aghaidh Ierusaleim gu cogadh; agus glacar am baile, agus creachar na taighean, agus èignichear na mnathan; agus thèid leth a’ bhaile air falbh ann am bruid; agus cha ghearrar a’ chuid eile den t‑sluagh as on bhaile. Agus thèid an Tighearna a‑mach, agus cogaidh e an aghaidh nan cinneach sin, mar a chog e ann an là a’ chatha. Agus seasaidh a chasan air an là sin air Sliabh nan Crann‐ola, a tha fa chomhair Ierusaleim air an taobh an ear: agus sgoltaidh Sliabh nan Crann‐ola na mheadhon, ris an àird an ear, agus ris an àird an iar, air chor is gum bi gleann ro‑mhòr ann: agus gluaisidh leth an t‑slèibh ri tuath, agus an leth eile ri deas. Agus teichidh sibhse rathad gleann nan sliabh: oir ruigidh gleann nan sliabh gu Asal: seadh, teichidh sibh mar a theich sibh ron chrith‐thalmhainn, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah: agus thig an Tighearna mo Dhia‑sa, agus a naoimh uile maille ris. Agus tàrlaidh anns an là sin nach bi solas soilleir agus dorchadas ann; Ach bidh e na aon là, a bhios aithnichte don Tighearna: cha là agus chan oidhche a bhios ann: ach tàrlaidh air tràth feasgair gum bi solas ann. Agus tàrlaidh air an là sin, gun tèid uisgeachan beò a‑mach à Ierusalem; leth dhiubh ris an fhairge an ear, agus leth dhiubh ris an fhairge an iar: anns an t‑samhradh agus anns a’ gheamhradh bidh e. Agus bidh an Tighearna na rìgh os cionn na talmhainn uile: anns an là sin bidh aon Tighearna ann, agus a ainm na aon. Agus cuartaichidh e am fearann uile mar chòmhnard, o Gheba gu Rimon, mu dheas de Ierusalem: agus togar suas i, agus àitichear i na h‑ionad, o gheata Bheniàmin gu àite a’ chiad gheata, agus gu geata na h‑oisne, agus o thùr Hananeeil gu fìon‐amair an rìgh. Agus nì daoine còmhnaidh innte, agus cha bhi lèirsgrios ann nas mò; ach bidh Ierusalem air a h‑àiteachadh ann an tèarainteachd. Agus seo a’ phlàigh leis am buail an Tighearna na slòigh a chog an aghaidh Ierusaleim: leaghaidh am feòil air falbh am feadh a tha iad nan seasamh air an casan, agus leaghaidh an sùilean air falbh nan sluic, agus leaghaidh an teanga air falbh nam beul. (Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi buaireas mòr on Tighearna nam measg: agus glacaidh iad greim, gach aon de làimh a choimhearsnaich; agus èiridh a làmh suas an aghaidh làmh a choimhearsnaich. Agus cogaidh Iùdah fòs aig Ierusalem; agus cruinnichear ri chèile maoin nan uile chinneach mun cuairt, òr, agus airgead, agus earradh, ann am pailteas mòr.) Agus bidh plàigh an eich, na muileid, a’ chàmhail, agus na h‑asail, agus nan uile bheathaichean a bhios anns na campan seo, mar a’ phlàigh seo. Agus tàrlaidh gun tèid gach aon a dh’fhàgar, de na h‑uile chinnich a thàinig an aghaidh Ierusaleim, suas o bhliadhna gu bliadhna gu adhradh a dhèanamh don Rìgh, Tighearna nan sluagh, agus a choimhead fèill nam pàillean. Agus tàrlaidh, cò sam bith de uile theaghlaichean na talmhainn nach tèid suas gu Ierusalem, a dhèanamh adhraidh don Rìgh, Tighearna nan sluagh, eadhon orra sin cha tig uisge sam bith. Agus mura tèid teaghlach na h‑Èiphit suas, agus mura tig iad, orrasan bidh a’ phlàigh sin leis am buail an Tighearna na cinnich nach tèid suas a choimhead fèill nam pàillean. Seo peanas na h‑Èiphit, agus peanas nan uile chinneach nach tèid suas a choimhead fèill nam pàillean. Anns an là sin, bidh air cluig nan each, Naomhachd don Tighearna: agus bidh na coireachan ann an taigh an Tighearna mar na cuachan fa chomhair na h‑altarach. Seadh, bidh gach poit ann an Ierusalem, agus ann an Iùdah, nan naomhachd do Thighearna nan sluagh: agus thig iadsan uile a dh’ìobras, agus gabhaidh iad dhiubh, agus bruichidh iad annta: agus cha bhi nas mò an Canàanach ann an taigh Iehòbhah Dia nan sluagh anns an là sin. Fàistneachd facal an Tighearna a‑chum Israeil, le Malachi. Ghràdhaich mise sibh, tha an Tighearna ag ràdh: gidheadh tha sibhse ag ràdh, Ciod anns an do ghràdhaich thu sinn? Nach b’e Esau bràthair Iàcoib, tha an Tighearna ag ràdh? Gidheadh ghràdhaich mise Iàcob. Agus dh’fhuathaich mi Esau; agus chuir mi a shlèibhtean fàs, agus tha a oighreachd aig nathraichean an fhàsaich. Mar tha Edom ag ràdh, Rinneadh bochd sinn, ach tillidh sinn agus togaidh sinn na h‑ionadan sgaoilte; mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Togaidh iadsan, ach tilgidh mise sìos; agus goirear riu, Crìoch na h‑aingidheachd, agus an sluagh ris a bheil corraich aig an Tighearna gu sìorraidh. Agus chì ur sùilean‐se, agus their sibh, Bidh an Tighearna air àrdachadh thar crìochan Israeil. Bheir mac onair da athair, agus seirbhiseach da mhaighistir; mas athair mise, matà, càit a bheil m’onair? Agus mas maighistir mi, càit a bheil m’eagal? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh ribhse, O shagartan a tha a’ dèanamh tàire air m’ainm‐sa; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne tàir air d’ainm? Tha sibh a’ toirt seachad arain thruaillte air m’altair; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne do thruailleadh? Le sibh a bhith ag ràdh, Tha bòrd an Tighearna suarach. A‑nis ma thairgeas sibh an nì a tha dall mar ìobairt, nach olc sin? Agus ma thairgeas sibh an nì a tha bacach agus tinn, nach olc sin? Tairg e a‑nis dod uachdaran; am bi e toilichte leat, no an gabh e riut? deir Tighearna nan sluagh. Agus a‑nis, guidheam oirbh, iarraibh aghaidh an Tighearna, gum bi e tròcaireach dhuinn. Is ann o ur làimh‐se a thàinig seo; an gabh mise ri aon agaibh gu taitneach? deir Tighearna nan sluagh. Gu cinnteach druidear na dorsan nur n‑aghaidh; agus chan fhadaidh sibh teine air m’altair‐sa gu dìomhain. Chan eil tlachd air bith agam annaibh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cha mhò a ghabhas mi tabhartas air bith o ur làimh. Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm‐sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm‐sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh. Ach thruaill sibhse e, le sibh a bhith ag ràdh, Tha bòrd an Tighearna truaillte; agus an tabhartas air, eadhon a bhiadh, tha e suarach. Thubhairt sibh fòs, Cia mòr an sgìos e? Agus shèid sibh uaibh e, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus thug sibh am ionnsaigh an nì a bha reubte, agus bacach, agus tinn; mar seo thug sibh tabhartas: an gabh mise sin o ur làimh? deir Tighearna nan sluagh. Ach mallaichte gu robh am mealltair, aig a bheil fireann na threud, agus a bhòidicheas agus a dh’ìobras nì truaillidh don Tighearna: oir is Rìgh mòr mise, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus tha m’ainm uamhasach am measg nan cinneach. Agus a‑nis dhuibhse tha an àithne seo, O shagartan. Mura èisd sibh, agus mura cuir sibh an suim i, a‑chum glòir a thoirt dom ainm‐sa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cuiridh mise eadhon mallachd oirbh; agus mallaichidh mi ur beannachdan; seadh, mhallaich mi iad cheana, a chionn nach eil sibh ga chur an suim. Feuch, bheir mi air an t‑sìol nach fàs e, agus tilgidh mi aolach nur n‑aghaidh, aolach ur n‑àrd‐fhèillean; agus giùlainear sibh fhèin maille ris. Agus aithnichidh sibh gun do chuir mise dur n‑ionnsaigh an àithne seo, a‑chum gum maireadh mo choicheangal le Lèbhi, deir Tighearna nan sluagh. Bha mo choicheangal ris‐san, mu thimcheall beatha agus sìthe, agus thug mi dha iad, airson an eagail leis an robh eagal air romham, agus leis an robh geilt air rom ainm. Bha lagh na fìrinn na bheul, agus cha d’fhuaireadh aingidheachd na bhilean; ghluais e leamsa ann an sìth agus ann an ionracas, agus thill e mòran air falbh o euceart. Oir bu chòir do bhilean an t‑sagairt eòlas a choimhead, agus bu chòir an reachd iarraidh as a bheul: oir is esan teachdaire Tighearna nan sluagh. Ach chaidh sibh air seachran on t‑slighe: thug sibh air mòran tuisleachadh air an reachd: thruaill sibh coicheangal Lèbhi, deir Tighearna nan sluagh. Uime sin rinn mise fòs sibhse suarach agus tàireil ann an sealladh an uile shluaigh, a rèir mar nach do choimhead sibh mo shlighean, ach gu robh sibh leth‐bhreitheach anns an lagh. Nach eil aon athair againn uile? Nach aon Dia a chruthaich sinn? Cuime a bheil sinn a’ buntainn gu fealltach, gach duine an aghaidh a bhràthar, le bhith a’ briseadh coicheangal ar n‑athraichean? Bhuin Iùdah gu fealltach, agus chuireadh gràinealachd an gnìomh ann an Israeil agus ann an Ierusalem; oir thruaill Iùdah naomhachd Dhè as ionmhainn leis, agus phòs e nighean de choimhich. Gearraidh an Tighearna as an duine a nì seo; am fear‐faire, agus am fear‐freagraidh, a‑mach à pàilleanan Iàcoib; agus esan a bheir tabhartas do Thighearna nan sluagh. Agus seo fòs rinn sibh; chòmhdaich sibh le deòir altair an Tighearna, le gul, agus le èigheach; ionnas nach eil suim aige de thabhartas nas mò, agus cha ghabh e le deagh‐ghean ur làimh e. Gidheadh tha sibh ag ràdh, Carson? A chionn gu robh an Tighearna na fhianais eadar thu agus bean d’òige, ris an do bhuin thu gu fealltach: gidheadh b’i do bhana‑chompanach i, agus bean do choicheangail. Agus nach do rinn e aon fheòil dhiubh? Agus tha fuidheall an spioraid aige. Agus ciod a tha esan ag iarraidh? Sliochd diadhaidh. Uime sin, biodh faiceall agaibh air ur spiorad, agus na buineadh neach air bith gu fealltach an aghaidh bean a òige. Oir is fuath leamsa esan a chuireas air falbh, tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh: agus esan a dh’fhalaicheas ainneart le a thrusgan, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Uime sin biodh faiceall agaibh air ur spiorad, nach buin sibh gu fealltach. Sgìthich sibh an Tighearna le ur briathran: gidheadh tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do sgìthich sinne e? Le sibh a bhith ag ràdh, Tha gach aon a tha a’ dèanamh uilc taitneach ann an sealladh an Tighearna; agus tha tlachd aige annta: no, Càit a bheil Dia a’ bhreitheanais? Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh. Ach cò a dh’fhaodas là a theachd a ghiùlan? Agus cò a sheasas nuair a dh’fhoillsichear e? Oir is cosmhail e ri teine an fhir‐leaghaidh, agus ri acfhainn‐ghlanaidh an fhir a nigheas aodach: Agus suidhidh e mar fhear‐leaghaidh agus glanaidh airgid: agus glanaidh e mic Lèbhi, agus saoraidh e o shal iad, mar òr agus mar airgead, a‑chum gum bi iad nan òglaich don Tighearna, a’ tairgse dha tabhartais ann am fìreantachd. An sin bidh tabhartas Iùdah agus Ierusaleim taitneach don Tighearna, mar anns na làithean o shean, agus anns na bliadhnachan roimhe seo. Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan‐eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh. Oir is mise Iehòbhah, cha chaochail mi: air an adhbhar sin chan eil sibhse, O chlann Iàcoib, air ur sgrios. Eadhon o làithean ur n‑athraichean chlaon sibh om reachdan‐sa, agus cha do choimhead sibh iad: tillibh riumsa, agus tillidh mise ribhse, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Ach thubhairt sibhse, Ciod anns an till sinn? An spùinn duine Dia? Gidheadh spùinn sibhse mise: ach tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do spùinn sinn thu? Ann an deicheamh agus ann an tabhartasan. Tha sibh mallaichte le mallachd, oir spùinn sibh mise; eadhon an cinneach seo uile. Thugaibh an deicheamh uile a‑chum an taigh‐thasgaidh, air chor is gum bi biadh ann am thaigh‐sa; agus dearbhaibh mi a‑nis leis an nì seo, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, mura fosgail mi dhuibh uinneagan nan nèamh a dhòrtadh a‑mach beannachd oirbh, gus nach bi àit ann ga chumail. Agus cronaichidh mi am milltear air ur sgàth‐se, agus cha mhill e toradh ur fearainn, cha mhò a thilgeas ur fìonain a meas an‑abaich anns an fhaiche, deir Tighearna nan sluagh. Agus goiridh na h‑uile chinnich beannaichte sibh: oir bidh sibh nur dùthaich thaitnich, deir Tighearna nan sluagh. Bha ur briathran dalma ann am aghaidh‐sa, tha an Tighearna ag ràdh; gidheadh tha sibh ag ràdh, Ciod a labhair sinn ad aghaidh? Thubhairt sibh, Is dìomhain seirbhis a thoirt don Tighearna; agus ciod a’ bhuannachd dhuinn gun do choimhead sinn a òrdagh, agus gun do ghluais sinn gu brònach an làthair Tighearna nan sluagh? Agus a‑nis tha sinn a’ meas nan uaibhreach sona: seadh, tha iadsan a tha a’ cur an gnìomh aingidheachd air an àrdachadh: seadh, tha iadsan a tha a’ buaireadh Dhè eadhon air an saoradh. An sin labhair iadsan air an robh eagal an Tighearna, gach aon gu tric ri chèile; agus dh’èisd an Tighearna, agus chuala e, agus bha leabhar‐cuimhne air a sgrìobhadh na làthair airson na muinntir air an robh eagal an Tighearna, agus a smaoinich air ainm. Bidh iad leamsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, anns an là sin anns an dèan mi suas mo sheudan; agus coiglidh mi iad, mar a choigleas duine a mhac fhèin a tha a’ dèanamh seirbhis dha. An sin tillidh sibhse, agus chì sibh an dealachadh eadar am fìrean agus an t‑aingidh; eadar an tì a tha a’ dèanamh seirbhis do Dhia, agus an tì nach eil ri seirbhis dha idir. Oir feuch, tha an là a’ teachd, a loisgeas mar àmhainn; agus bidh na h‑uaibhrich uile, seadh, gach neach a tha ri aingidheachd, mar asbhuain: agus loisgidh an là a tha a’ teachd suas iad, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; oir chan fhàg e bun no bàrr dhiubh. Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme‐sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte. Agus saltraidh sibh sìos na h‑aingidh: oir bidh iad mar luaithre fo bhuinn ur cas, anns an là anns an dèan mise seo, deir Tighearna nan sluagh. Cuimhnichibh‐se lagh Mhaois m’òglach, a dh’àithn mise dha ann an Hòreb, airson Israeil uile, eadhon na reachdan agus na breitheanais. Feuch, cuiridh mise dur n‑ionnsaigh Eliah am fàidh ro theachd là mòr agus uamhasach an Tighearna. Agus tionndaidhidh esan cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus cridhe na cloinne a‑chum an athraichean, air eagal gun tig mise, agus gum buail mi am fearann le lèirsgrios. A’ CHRIOCH Leabhar ginealach Iosa Crìosd, mhic Dhaibhidh mhic Abrahàim. Ghin Abrahàm Isaac, agus ghin Isaac Iàcob, agus ghin Iàcob Iùdas agus a bhràithrean, Agus ghin Iùdas Phares agus Sara o Thamar, agus ghin Phares Esrom, agus ghin Esrom Aram, Agus ghin Aram Aminadab, agus ghin Aminadab Naason, agus ghin Naason Salmon, Agus ghin Salmon Bòas o Rachab, agus ghin Bòas Obed o Rut, agus ghin Obed Iese, Agus ghin Iese Daibhidh an rìgh, agus ghin Daibhidh an rìgh Solamh on mhnaoi a bha aig Urias, Agus ghin Solamh Rebòam, agus ghin Rebòam Abia, agus ghin Abia Asa, Agus ghin Asa Iosaphat, agus ghin Iosaphat Ioram, agus ghin Ioram Osias, Agus ghin Osias Ioatam, agus ghin Ioatam Achas, agus ghin Achas Esecias, Agus ghin Esecias Manases, agus ghin Manases Amon, agus ghin Amon Iosias, Agus ghin Iosias Iechonias agus a bhràithrean, mu àm an giùlain do Bhàbilon; Agus an dèidh an toirt do Bhàbilon, ghin Iechonias Salatiel, agus ghin Salatiel Serobabel, Agus ghin Serobabel Abiud, agus ghin Abiud Eliacim, agus ghin Eliacim Asor, Agus ghin Asor Sadoc, agus ghin Sadoc Achim, agus ghin Achim Eliud, Agus ghin Eliud Eleàsar, agus ghin Eleàsar Matan, agus ghin Matan Iàcob, Agus ghin Iàcob Iòseph, fear Mhuire, on do rugadh Iosa, den goirear Crìosd. Uime sin na ginealaichean uile o Abrahàm gu Daibhidh, is ceithir‐ginealaichean‐deug iad; agus o Dhaibhidh gu bruid Bhàbiloin, ceithir‐ginealaichean‐deug; agus o bhruid Bhàbiloin gu Crìosd, ceithir‐ginealaichean‐deug. Agus mar seo bha breith Iosa Crìosd: oir an dèidh do cheangal‐pòsaidh a bhith air a dhèanamh eadar a mhàthair Muire agus Iòseph, ro dhaibh teachd cuideachd, fhuaireadh torrach i on Spiorad Naomh. Ach air do Iòseph a fear a bhith na dhuine cothromach, agus gun toil aige ball‐sampaill a dhèanamh dhith, bu mhiann leis a cur uaithe os ìosal. Ach aig smaoineachadh nan nithean sin dha, feuch, dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha ann am bruadar, ag ràdh, A Iòseiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort do bhean Muire a ghabhail ad ionnsaigh: oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e. Agus beiridh i mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air; oir saoraidh e a shluagh fhèin om peacaidhean. (Agus rinneadh seo uile a‑chum gun coileante an nì a thubhairt an Tighearna leis an fhàidh, ag ràdh, Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar‐theangachadh, Dia maille rinn.) Agus air mosgladh do Iòseph as a chadal, rinn e mar a dh’iarr aingeal an Tighearna air, agus ghabh e da ionnsaigh a bhean: Agus cha d’aithnich e i gus an do rug i a ciad‐ghin mic; agus thug e Iosa mar ainm air. Agus nuair a rugadh Iosa ann am Betlehem Iudèa, ann an làithean Heroid an rìgh, feuch, thàinig draoidhean on àird an ear gu Ierusalem, Ag ràdh, Càit a bheil rìgh sin nan Iùdhach a tha air a bhreith? Oir chunnaic sinne a reul anns an àird an ear, agus tha sinn air teachd a thabhairt adhraidh dha. Nuair a chuala Herod an rìgh sin, bha e fo thrioblaid, agus Ierusalem uile maille ris. Agus air cruinneachadh nan àrd‐shagart uile dha, agus sgrìobhaichean an t‑sluaigh, dh’fheòraich e dhiubh càit an robh Crìosd gu bhith air a bhreith. Agus thubhairt iad ris, Ann am Betlehem Iudèa: oir mar seo sgrìobhadh leis an fhàidh, Agus thusa Bhetlehem ann an tìr Iùdah, cha tu idir as lugha am measg ceannardan Iùdah: oir asadsa thig Uachdaran a stiùras mo shluagh Israel. An sin, air do Herod na draoidhean a ghairm os ìosal da ionnsaigh, gheur‐fhiosraich e dhiubh cia an t‑àm anns an d’fhoillsicheadh an reul. Agus chuir e iad gu Betlehem, agus thubhairt e, Imichibh, agus iarraibh gu dìcheallach an naoidhean; agus an dèidh dhuibh fhaotainn, innsibh dhòmhsa e, a‑chum gun tèid mise fhèin, agus gun dèan mi adhradh dha. Agus nuair a chuala iad an rìgh, dh’imich iad; agus, feuch, chaidh an reul a chunnaic iad anns an àird an ear romhpa, gus an tàinig i agus gun do stad i os cionn an ionaid anns an robh an naoidhean. Agus nuair a chunnaic iad an reul, rinn iad gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr. Agus air dol a‑steach dhaibh don taigh, fhuair iad an naoidhean maille ra mhàthair Muire, agus thuit iad sìos, agus rinn iad adhradh dha: agus air fosgladh an ionmhas dhaibh, thug iad dha tìodhlacan; òr, agus tùis, agus mirr. Agus air faotainn rabhaidh o Dhia ann am bruadar, gun iad a thilleadh a dh’ionnsaigh Heroid, chaidh iad dan dùthaich fhèin air slighe eile. Agus nuair a dh’imich iad air an ais, feuch, nochdadh aingeal an Tighearna do Iòseph ann am bruadar, ag ràdh, Èirich, agus gabh an naoidhean agus a mhàthair, agus teich don Èiphit, agus bi an sin gus an labhair mise riut: oir iarraidh Herod an naoidhean ga mhilleadh. Agus dh’eirich e, agus ghabh e da ionnsaigh an naoidhean agus a mhàthair anns an oidhche, agus dh’imich e don Èiphit: Agus bha e an sin gu bàs Heroid, a‑chum gun coileante an nì a labhair an Tighearna leis an fhàidh, ag ràdh, A‑mach as an Èiphit ghairm mi mo Mhac. An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd‐millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban‐mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean. An sin choileanadh an nì a labhradh le Ieremias am fàidh, ag ràdh, Chualas guth ann an Rama, caoidh, agus gul, agus bròn ro‑mhòr, Rachel a’ caoineadh a cloinne, agus cha b’àill leatha sòlas a ghabhail, a chionn nach eil iad beò. Ach nuair a dh’eug Herod, feuch, nochdadh aingeal an Tighearna ann am bruadar do Iòseph anns an Èiphit, Ag ràdh, Èirich, agus gabh an naoidhean agus a mhàthair, agus imich gu talamh Israeil: oir fhuair an dream a bha ag iarraidh anam an leinibh bàs. Agus dh’èirich esan, agus ghabh e an leanabh agus a mhàthair da ionnsaigh, agus thàinig e gu talamh Israeil. Ach nuair a chuala e gu robh Archelaus na rìgh ann an tìr Iudèa an àite Heroid athair, bha eagal air dol an sin: ach, air dha rabhadh fhaotainn o Dhia ann am bruadar, thionndaidh e gu crìochan Ghalile: Agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann am baile den goirear Nàsaret, a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis na fàidhean, Gun goirear Nàsarach dheth. Agus anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh, a’ searmonachadh ann am fàsach Iudèa, Agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas: oir tha rìoghachd nèimh am fagas. Oir is e seo an tì ud mun do labhair Esaias am fàidh, ag ràdh, Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach. Agus bha a’ chulaidh aig Eòin de fhionnadh chàmhal, agus crios leathair aige timcheall a leasraidh; agus is e bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich. Chaidh Ierusalem a‑mach da ionnsaigh an sin agus Iudèa uile, agus luchd‐àiteachaidh na dùthcha timcheall Iòrdain uile, Agus bhaisteadh iad leis‐san ann an Iòrdan, ag aideachadh am peacaidhean. Ach nuair a chunnaic e mòran de na Pharasaich agus de na Sadusaich a’ teachd a‑chum a bhaistidh‐san, thubhairt e riu, A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd? Air an adhbhar sin, thugaibh a‑mach toradh iomchaidh don aithreachas. Agus na smaoinichibh a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan sin. Agus a‑nis tha an tuagh air a cur ri freumh nan crann: air an adhbhar sin, ge bè crann nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos e, agus tilgear anns an teine e. Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine: Aig a bheil a’ ghuit na làimh, agus glanaidh e gu ro‑bhuileach a ùrlar‐bualaidh, agus cruinnichidh e a chruithneachd da thaigh‐tasgaidh; ach loisgidh e am moll le teine nach faodar a mhùchadh. An sin thàinig Iosa o Ghalile gu Iòrdan a dh’ionnsaigh Eòin, a‑chum gum biodh e air a bhaisteadh leis. Ach bhac Eòin e, ag ràdh, Tha feum agamsa a bhith air mo bhaisteadh leatsa, agus a bheil thusa a’ teachd am ionnsaigh‐sa? Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Leig don chùis a bhith mar seo a‑nis: oir mar seo is iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh. An sin dh’fhuiling e dha. Agus nuair a bhaisteadh Iosa, chaidh e air ball suas as an uisge; agus, feuch, dh’fhosgladh nèamh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a’ tùirling mar chalaman, agus a’ teachd air: Agus, feuch, guth o nèamh, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr‐thlachd. An sin threòraicheadh Iosa leis an Spiorad don fhàsach, a‑chum gum biodh e air a bhuaireadh leis an diabhal. Agus nuair a thraisg e dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, an dèidh sin bha acras air. Agus air teachd don bhuaireadair da ionnsaigh thubhairt e, Mas tu Mac Dhè, thoir àithne do na clachan seo a bhith nan aran. Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Tha e sgrìobhte, Chan ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach uile fhacal a thig o bheul Dhè. An sin thug an diabhal e don bhaile naomh, agus chuir e air binnein an teampaill e, Agus thubhairt e ris, Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos: oir tha e sgrìobhte gun toir e àithne da ainglean mud thimcheall, agus togaidh iad suas thu nan làmhan, a‑chum nach buail thu, uair air bith, do chas air cloich. Thubhairt Iosa ris a‑rìs, Tha e sgrìobhte, Cha bhuair thu an Tighearna do Dhia. Thug an diabhal e a‑rìs a‑chum beinne ro‑àird, agus nochd e dha uile rìoghachdan an domhain, agus an glòir; Agus thubhairt e ris, Iad seo uile bheir mise dhut, ma thuiteas tu sìos agus ma nì thu adhradh dhòmhsa. An sin thubhairt Iosa ris, Imich uam, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Bheir thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis. An sin dh’fhàg an diabhal e; agus, feuch, thàinig ainglean agus fhritheil iad dha. Ach nuair a chuala Iosa gun do chuireadh Eòin an làimh, dh’imich e do Ghalile; Agus air dha Nàsaret fhàgail, thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an Capernàum, a tha ri taobh na fairge, ann an leth‐iomall Shabuloin agus Nephtalim: A‑chum gun coileante an nì a labhradh le Esaias am fàidh, ag ràdh, Talamh Shabuloin, agus talamh Nephtalim, slighe na fairge, air an taobh thall de Iòrdan, Galile nan Cinneach: Am poball a bha nan suidhe ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; agus tha solas air èirigh do na daoine a bha nan suidhe ann an tìr agus an sgàil a’ bhàis. O sin a‑mach thòisich Iosa air searmonachadh, agus air a ràdh, Gabhaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh am fagas. Agus ag imeachd do Iosa ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e dithis bhràithrean, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge (oir b’iasgairean iad). Agus thubhairt e riu, Leanaibh mise, agus nì mi iasgairean air daoine dhibh. Agus air ball dh’fhàg iad na lìn, agus lean iad esan. Agus air triall dha as a sin, chunnaic e dithis bhràithrean eile, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair, ann an luing maille ra athair Sebede, a’ càradh an lìon: agus ghairm e iad. Agus air ball dh’fhàg iad an long agus an athair, agus lean iad e. Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh. Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd‐pairilis; agus shlànaich e iad. Agus lean cuideachd mhòr e o Ghalile, agus o Dhecapolis, agus o Ierusalem, agus o Iudèa, agus o na crìochan a tha an taobh thall de Iòrdan. Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh, chaidh e suas air beinn; agus air suidhe dha, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh. Agus dh’fhosgail e a bheul, agus theagaisg e iad, ag ràdh, Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad: oir is leo rìoghachd nèimh. Is beannaichte iadsan a tha ri bròn: oir gheibh iad sòlas. Is beannaichte na daoine macanta: oir sealbhaichidh iad an talamh mar oighreachd. Is beannaichte an dream air a bheil acras agus tart na còrach: oir sàsaichear iad. Is beannaichte na daoine tròcaireach: oir gheibh iad tròcair. Is beannaichte na daoine a tha glan nan cridhe: oir chì iad Dia. Is beannaichte luchd‐dèanamh na sìthe: oir goirear clann Dhè dhiubh. Is beannaichte an dream a tha a’ fulang geur‐leanmhainn airson na còrach: oir is leòsan rìoghachd nèimh. Is beannaichte a bhios sibh nuair a bheir daoine ana‐cainnt dhuibh, agus a nì iad geur‐leanmhainn oirbh, agus a labhras iad gach uile dhroch fhacal ribh gu breugach, air mo sgàth‐sa. Dèanaibh gàirdeachas, agus bithibh ro‑shubhach; oir is mòr ur duais air nèamh: oir mar sin rinn iad geur‐leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh. Is sibhse salann na talmhainn: gidheadh ma chailleas an salann a bhlas, ciod leis an saillear e? Chan eil feum ann o sin suas, ach a thilgeadh a‑mach, agus a shaltairt fo chasan dhaoine. Is sibhse solas an t‑saoghail. Chan fhaodar baile a tha air a shuidheachadh air sliabh fhalach. Agus cha las daoine coinneal a‑chum gun cuir iad i fo shoitheach, ach ann an coinnleir, agus nì i solas do na bheil a‑staigh. Guma h‑ann mar sin a dhealraicheas ur solas an làthair dhaoine, a‑chum gum faic iad ur deagh obraichean, agus gun toir iad glòir dur n‑Athair a tha air nèamh. Na measaibh gun tàinig mise a bhriseadh an lagha no nam fàidhean; chan ann a bhriseadh a thàinig mi, ach a choileanadh. Oir tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach, Gus an tèid nèamh agus talamh thairis, cha tèid aon lide no aon phuing den lagh thairis, gus an coileanar gach aon nì. Air an adhbhar sin ge bè neach a bhriseas aon de na h‑àitheantan seo as lugha, agus a theagaisgeas daoine mar sin, goirear an duine as lugha dheth ann an rìoghachd nèimh: ach ge bè neach a nì, agus a theagaisgeas iad, goirear duine mòr dheth ann an rìoghachd nèimh. Oir tha mi ag ràdh ribh, Mura toir ur fìreantachd‐se barrachd air fìreantachd nan sgrìobhaichean agus nam Pharasach, nach tèid sibh air chor air bith a‑steach do rìoghachd nèimh. Chuala sibh gun dubhairteadh ris na sinnsirean, Na dèan mortadh; agus ge bè neach a nì mortadh, bidh e ann an cunnart a’ bhreitheanais. Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn. Uime sin ma bheir thu do thabhartas a‑chum na h‑altarach, agus gun cuimhnich thu an sin gu bheil nì air bith aig do bhràthair ad aghaidh; Fàg do thabhartas an sin an làthair na h‑altarach, agus imich, agus dèan rèite air tùs rid bhràthair, agus an dèidh sin thig agus tabhair uat do thìodhlac. Bi rèidh rid eascaraid gu luath, am feadh a bhios tu maille ris anns an t‑slighe: air eagal gun toir an t‑eascaraid thairis thu don bhritheamh, agus gun toir am britheamh thu don mhaor, agus gun tilgear ann am prìosan thu. Tha mi ag ràdh riut gu fìrinneach nach tèid thu a‑mach as a sin gus an ìoc thu an fheòirling dheireannach. Chuala sibh gun dubhairteadh ris na sinnsirean, Na dèan adhaltranas. Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a dh’amhairceas air mnaoi a‑chum a miannachadh, gun do rinn e adhaltranas leatha cheana na chridhe. Agus ma bheir do shùil dheas adhbhar tuislidh dhut, spìon a‑mach i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn. Agus ma bheir do làmh dheas oilbheum dhut, geàrr dhìot i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn. Agus thubhairteadh, Ge bè chuireas a bhean phòsda air falbh, thugadh e litir‐dhealachaidh dhi. Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a chuireas air falbh a bhean‐phòsda fhèin, ach a‑mhàin airson strìopachais, gu bheil e a’ toirt oirre adhaltranas a dhèanamh: agus an tì a phòsas a’ bhean sin a chuireadh air falbh, tha e a’ dèanamh adhaltranais. Mar an ceudna, chuala sibh gun dubhairteadh ris na sinnsirean, Na tabhair mionnan eithich, ach coilean do mhionnan don Tighearna. Ach tha mise ag ràdh ribh, Na tugaibh mionnan idir: na tugaibh air nèamh, oir is e rìgh‐chathair Dhè e. Na tugaibh air an talamh, oir is e stòl a chas e: na tugaibh air Ierusalem, oir is e baile an rìgh mhòir e. Na tabhair mionnan air do cheann, oir chan urrainn thu aon fhuiltean a dhèanamh geal no dubh. Ach guma h‑e as còmhradh dhuibh, Seadh, seadh; Chan eadh, chan eadh: oir ge bè nì a bhios os cionn seo, is ann on olc a tha e. Chuala sibh gun dubhairteadh, Sùil airson sùla, agus fiacail airson fiacla. Ach tha mise ag ràdh ribh, Na cuiribh an aghaidh an uilc: ach ge bè neach a bhuaileas thu air do ghiall deas, tionndaidh thuige an giall eile mar an ceudna. Agus an tì lem b’àill thusa a thagradh anns an lagh, agus do chòta a bhuntainn dhìot, leig leis d’fhallaing mar an ceudna. Agus ge bè a bheir leis mìle a dh’aindeoin thu, imich leis dà mhìle. Tabhair don tì a dh’iarras ort; agus uaithesan lem bu mhiann iasad fhaotainn uat, na till air falbh. Chuala sibh gun dubhairteadh, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach, agus bidh fuath agad dod nàmhaid. Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur‐leanmhainn: A‑chum gum bi sibh nur cloinn aig ur n‑Athair a tha air nèamh: oir tha esan a’ tabhairt air a’ ghrèin fhèin èirigh air na droch dhaoine, agus air na deagh dhaoine, agus a’ cur uisge air na fìreanan agus air na neo‐fhìreanan. Oir ma bhios gràdh agaibh don mhuinntir aig a bheil gràdh dhuibh, ciod an duais a gheibh sibh? Nach eil eadhon na cìs‐mhaoir a’ dèanamh an nì cheudna? Agus ma chuireas sibh fàilte air ur bràithrean fhèin a‑mhàin, ciod a tha sibh a’ dèanamh thar chàich? Nach eil na cìs‐mhaoir fhèin a’ dèanamh an nì cheudna? Air an adhbhar sin bithibh‐se coileanta mar tha ur n‑Athair a tha air nèamh coileanta. Thugaibh an aire nach toir sibh ur dèirc am fianais dhaoine, a‑chum gum faicear leo sibh; no chan fhaigh sibh duais o ur n‑Athair a tha air nèamh. Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall‐tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca. Ach nuair a bheir thusa dèirc, na biodh fhios aig do làimh chlì ciod a tha do làmh dheas a’ dèanamh; A‑chum gum bi do dhèirc an uaigneas: agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach. Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar luchd an fhuar‐chràbhaidh: oir is ionmhainn leo ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan, agus ann an coinneachadh nan sràid nan seasamh, a‑chum gum faicear le daoine iad. Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca. Ach thusa, nuair a nì thu ùrnaigh, imich a‑steach dod sheòmar, agus air dùnadh do dhorais dhut, dèan ùrnaigh rid Athair a tha ann an uaigneas, agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach. Ach nuair a nì sibh ùrnaigh na gnàthaichibh ath‐iarrtasan dìomhain, mar na cinnich: oir saoilidh iadsan gun èisdear riu airson lìonmhorachd am briathar. Uime sin na bithibh‐se cosmhail riu: oir tha fhios aig ur n‑Athair cia iad na nithean a tha a dh’uireasbhaidh oirbh, mun iarr sibh air iad. Air an adhbhar sin dèanaibh‐se ùrnaigh air a’ mhodh seo: Ar n‑Athair a tha air nèamh, Gu naomhaichear d’ainm. Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil air an talamh, mar a nìthear air nèamh. Tabhair dhuinn an‑diugh ar n‑aran làitheil. Agus maith dhuinn ar fiachan, amhail a mhaitheas sinne dar luchd‐fiach. Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen. Oir ma mhaitheas sibh an cionta do dhaoine, maithidh ur n‑Athair nèamhaidh dhuibhse mar an ceudna: Ach mura maith sibh an cionta do dhaoine, cha mhò a mhaitheas ur n‑Athair dhuibh‐se ur cionta. Agus nuair a nì sibh trasgadh, na biodh gruaim air ur gnùis, mar luchd an fhuar‐chràbhaidh: oir cuiridh iadsan mì‑dhreach air an aghaidh a‑chum gum faicear le daoine iad a bhith a’ trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil an tuarasdal aca. Ach thusa, nuair a nì thu trasgadh, cuir ola air do cheann, agus ionnail d’aghaidh: A‑chum nach faicear le daoine gu bheil thu a’ dèanamh trasgaidh, ach led Athair a tha ann an uaigneas; agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach. Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad. Ach taisgibh ionmhasan dhuibh fhèin air nèamh, far nach mill an leòmann no a’ mheirg, agus nach cladhaich agus nach goid na mèirlich. Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, is ann an sin a bhios ur cridhe mar an ceudna. Is i an t‑sùil solas a’ chuirp: uime sin ma bhios do shùil glan, bidh do chorp uile làn solais. Ach ma bhios do shùil gu h‑olc, bidh do chorp uile dorcha. Air an adhbhar sin, ma tha an solas a tha annad na dhorchadas, cia mòr an dorchadas sin! Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon. Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach? Amhaircibh air eunlaith an adhair; oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlean: gidheadh tha ur n‑Athair nèamhaidh‐se gam beathachadh. Nach fheàrr sibhse gu mòr na iadsan? Agus cò agaibh le mòr‐chùram a dh’fhaodas aon làmh‐choille a chur ra àirde fhèin? Agus carson a tha sibh ro‑chùramach mu thimcheall ur culaidh? Fòghlamaibh cionnas a tha na lilidhean a’ fàs anns a’ mhachair; cha saothraich iad, agus cha snìomh iad. Gidheadh tha mise ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na uile ghlòir air èideadh mar aon dhiubh seo. Air an adhbhar sin, ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh feur na machrach a tha an‑diugh ann, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mò na sin a sgeadaicheas e sibhse, a dhaoine air bheag creidimh? Uime sin na bithibh làn de chùram, ag ràdh, Ciod a dh’itheas sinn, no ciod a dh’òlas sinn, no ciod a chuireas sinn umainn? (Oir iad seo uile iarraidh na Cinnich); oir tha fhios aig ur n‑Athair nèamhaidh gu bheil feum agaibhse air na nithean seo uile. Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd‐san, agus cuirear na nithean seo uile ribh. Uime sin na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall an là màireach: oir bidh a làn de chùram air an là‑màireach mu thimcheall a nithean fhèin. Is leòr don là a olc fhèin. Na tugaibh breith, a‑chum nach toirear breith oirbh. Oir a rèir na breith a bheir sibh, bheirear breith oirbh: agus leis an tomhas leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs. Agus carson a tha thu a’ faicinn an smùirnein a tha an sùil do bhràthar, ach nach eil thu a’ toirt fa‑near na sail a tha ann ad shùil fhèin? No cionnas a their thu rid bhràthair, Fuiling dhomh an smùirnean a spìonadh as do shùil; agus, feuch, an t‑sail ann ad shùil fhèin? A chealgair, buin air tùs an t‑sail as do shùil fhèin; agus an sin is lèir dhut gu math an smùirnean a bhuntainn à sùil do bhràthar. Na toiribh an nì naomh do na madaidhean, agus na tilgibh ur neamhnaidean am fianais nam muc, air eagal gun saltair iad orra len casan, agus air tilleadh dhaibh gu reub iad sibh fhèin as a chèile. Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosglar dhuibh: Oir gach uile neach a dh’iarras, glacaidh e: agus ge bè a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas an doras, fosglar. Oir cò an duine agaibhse, mas e is gun iarr a mhac aran, a bheir clach dha? Agus mas iasg a dh’iarras e, an toir e nathair dha? Air an adhbhar sin mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thabhairt dur cloinn, nach mò na sin a bheir ur n‑Athair a tha air nèamh nithean matha dhaibhsan a dh’iarras air iad? Uime sin, gach uile nì a bu mhiann leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh‐se a leithid dhaibhsan mar an ceudna: oir is e seo an lagh agus na fàidhean. Imichibh a‑steach air an doras chumhang: oir is farsaing an doras, agus is leathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum sgrios, agus is lìonmhor iad a tha a’ dol a‑steach oirre: Ach is cumhang an doras, agus is aimhleathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum na beatha, agus is tearc iad a tha ag amas oirre. Coimheadaibh sibh fhèin o na fàidhean brèige, a thig dur n‑ionnsaigh ann an culaidhean chaorach, ach a tha on leth a‑staigh nam madaidhean‐allaidh. Air an toradh aithnichidh sibh iad: an tionail daoine dearcan‐fìona de dhrisean, no fìgean de na fòghnain? Agus mar sin bheir gach uile chraobh mhath toradh math: ach bheir an droch chraobh droch thoradh. Chan fhaod a’ chraobh mhath droch thoradh a ghiùlan, no an droch chraobh toradh math a thabhairt. Gach uile chraobh nach giùlain toradh math, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i. Air an adhbhar sin, is ann air an toradh a dh’aithnicheas sibh iad. Chan e gach uile neach a their riumsa, A Thighearna, a Thighearna, a thèid a‑steach do rìoghachd nèimh; ach an tì a nì toil m’Athar‐sa a tha air nèamh. Is iomadh iad a their riumsa anns an là ud, A Thighearna, a Thighearna, nach do rinn sinn fàidheadaireachd ann ad ainm‐sa, agus ann ad ainm‐sa nach do thilg sinn a‑mach deamhain agus ann ad ainm‐sa nach do rinn sinn iomadh mìorbhail? Agus an sin aidichidh mise gu follaiseach dhaibh, Cha b’aithne dhomh riamh sibh: imichibh uam, a luchd‐dèanamh na h‑eucoir. Air an adhbhar sin, gach uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus a nì iad, samhlaichidh mi e ri duine glic, a thog a thaigh air carraig: Agus thùirling an t‑uisge, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan, agus bhuail iad air an taigh sin: agus cha do thuit e, oir bha a bhunait suidhichte air carraig. Agus gach uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus nach coilean iad, samhlaichear e ri duine amaideach a thog a thaigh air a’ ghaineamh: Agus thùirling an t‑uisge, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan, agus bhuail iad air an taigh sin: agus thuit e; agus bu mhòr a thuiteam. Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran seo, gun do ghabh am poball iongantas ra theagasg‐san: Oir theagaisg e iad mar neach aig an robh cumhachd, agus chan ann mar na sgrìobhaichean. Agus air teachd a‑nuas on bheinn dha, lean cuideachd mhòr e. Agus, feuch, thàinig lobhar, agus rinn e adhradh dha, ag ràdh, A Thighearna, mas àill leat, is comasach thu air mise a ghlanadh. Agus shìn Iosa a‑mach a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is àill leam; bi thusa glan. Agus air ball bha a luibhre air a glanadh. Agus thubhairt Iosa ris, Feuch nach innis thu do dhuine sam bith, ach imich, taisbein thu fhèin don t‑sagart, agus thoir da ionnsaigh an tìodhlac a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh. Agus air dol do Iosa a‑steach do Chapernàum, thàinig da ionnsaigh ceannard‐ceud, a’ guidhe air, Agus ag ràdh, A Thighearna, tha m’òglach na laighe a‑staigh ann am pairilis, agus air a phianadh gu h‑anabarrach. Agus thubhairt Iosa ris, Thèid mise, agus slànaichidh mi e. Agus air freagairt don cheannard‐ceud, thubhairt e, A Thighearna, chan airidh mise air thusa a theachd a‑steach fom chlèith: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach. Oir is duine mise fhèin a tha fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham: agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e: agus ris an fhear seo eile, Thig, agus thig e: agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e. Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo. Agus tha mi ag ràdh ribh gun tig mòran on àird an ear, agus on àird an iar, agus gun suidh iad maille ri Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, ann an rìoghachd nèimh: Ach gun tilgear clann na rìoghachd ann an dorchadas a tha an leth a‑muigh; bidh an sin gul agus gìosgan fhiacal. Agus thubhairt Iosa ris a’ cheannard‐ceud, Imich romhad, agus biodh e dhut a rèir mar a chreid thu. Agus shlànaicheadh a òglach an uair sin fhèin. Agus nuair a thàinig Iosa gu taigh Pheadair, chunnaic e màthair a mhnà na laighe, agus i ann am fiabhras. Agus bhean e ra làimh, agus dh’fhàg am fiabhras i: agus dh’èirich i, agus rinn i frithealadh dha. Agus nuair a bha am feasgar air teachd, thug iad da ionnsaigh mòran anns an robh deamhain; agus thilg e na spioradan a‑mach le a fhacal, agus shlànaich e iadsan uile a bha easlan: A‑chum gun coileante an nì a labhradh le Esaias am fàidh, ag ràdh, Ghabh esan ar n‑anfhainneachdan air fhèin, agus ghiùlain e ar n‑easlaintean. Agus nuair a chunnaic Iosa sluagh mòr ma thimcheall, dh’àithn e dol as a sin don taobh eile. Agus thàinig sgrìobhaiche àraidh, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, leanaidh mise thu, ge bè taobh a thèid thu. Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus neadan aig eunlaith an adhair; ach chan eil aig Mac an Duine ionad anns an cuir e a cheann fodha. Agus thubhairt fear eile de a dheisciobail ris, A Thighearna, leig dhòmhsa imeachd air tùs agus m’athair adhlacadh. Ach thubhairt Iosa ris, Lean mise, agus leig leis na mairbh am mairbh fhèin adhlacadh. Agus air dol dhàsan a‑steach do luing, lean a dheisciobail e. Agus, feuch, dh’èirich doineann mhòr air an fhairge, ionnas gun d’fhalaich na tuinn an long: ach bha esan na chadal. Agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, agus dhùisg iad e, ag ràdh, A Thighearna, teasairg sinn: tha sinn caillte. Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo eagal, sibhse air bheag creidimh? An sin dh’èirich e, agus chronaich e na gaothan agus an fhairge; agus bha ciùine mhòr ann. Ach ghabh na daoine iongantas, ag ràdh, Ciod e a’ ghnè dhuine seo, gu bheil na gaothan fhèin agus an fhairge umhail dha? Agus air teachd dha don taobh eile, gu tìr na Gergesèneach, thachair dithis dhaoine air anns an robh deamhain, a’ teachd a‑mach as na h‑àitean‐adhlaic, agus iad ro‑gharg, ionnas nach faodadh duine sam bith an t‑slighe sin a ghabhail. Agus, feuch, ghlaodh iad, ag ràdh, Ciod e ar gnothach‐ne riut, Iosa, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo gar pianadh ron àm? Agus bha treud mhòr mhuc am fad uapa, ag ionaltradh. Agus dh’iarr na deamhain a dh’athchuinge airsan, ag ràdh, Ma thilgeas tu a‑mach sinn, leig dhuinn dol anns an treud mhuc ud. Agus thubhairt e riu, Imichibh. Agus air dol a‑mach dhaibh, chaidh iad anns an treud mhuc: agus, feuch, ruith an treud mhuc uile gu dian sìos air ionad corrach don fhairge; agus chailleadh anns na h‑uisgeachan iad. Agus theich na buachaillean, agus chaidh iad don bhaile, agus dh’innis iad na nithean seo uile, agus na thachair dhaibhsan anns an robh na deamhain. Agus, feuch, chaidh am baile uile a‑mach a choinneachadh Iosa; agus nuair a chunnaic iad e, ghuidh iad air imeachd as an crìochan‐san. Agus air dol ann an luing dha, chaidh e thar an uisge, agus thàinig e da bhaile fhèin. Agus, feuch, thug iad da ionnsaigh duine air an robh a’ phairilis, na laighe air leabaidh: agus nuair a chunnaic Iosa an creideamh, thubhairt e ri fear na pairilis, Biodh deagh mhisneach agad, a mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut. Agus, feuch, thubhairt dream àraidh de na sgrìobhaichean annta fhèin, Tha am fear seo a’ labhairt toibheim. Agus air do Iosa an smuaintean fhaicinn, thubhairt e, Carson a tha sibh a’ smaoineachadh uilc nur cridheachan? Oir cia as fhasa a ràdh, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Eirich agus imich? Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil cumhachd aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air an talamh (thubhairt e an sin ri fear na pairilis), Eirich, tog do leabaidh, agus imich dod thaigh. Agus dh’èirich e, agus chaidh e da thaigh fhèin. Ach nuair a chunnaic am poball seo, ghabh iad iongantas, agus thug iad glòir do Dhia, a thug a leithid seo de chumhachd do dhaoine. Agus a’ dol do Iosa as an àite sin, chunnaic e duine na shuidhe aig bòrd na cìse, dom b’ainm Mata; agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e. Agus thàrladh, air suidhe do Iosa aig biadh anns an taigh, feuch, thàinig mòran chìs‐mhaor agus pheacach, agus shuidh iad sìos maille ris‐san agus ra dheisciobail. Agus nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a dh’itheas ur Maighistir‐se maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich? Ach nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e riu, Chan ann aig a’ mhuinntir a tha slàn a tha feum air an lèigh, ach aig a’ mhuinntir a tha easlan. Ach imichibh agus fòghlamaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair is àill leam, agus chan ìobairt: oir cha tàinig mise a ghairm nam fìreanach, ach nam peacach a‑chum aithreachais. An sin thàinig deisciobail Eòin da ionnsaigh, ag ràdh, Carson a tha sinne agus na Pharasaich a’ trasgadh gu minig, agus nach eil do dheisciobail‐sa a’ trasgadh? Agus thubhairt Iosa riu, Am faod clann seòmar an fhir‐nuadh‐phòsda a bhith brònach, am feadh a bhios am fear‐nuadh‐pòsda maille riu? Ach thig na làithean anns an toirear am fear‐nuadh‐pòsda uapa, agus an sin nì iad trasgadh. Cha chuir duine sam bith mìr de aodach nuadh air seann aodach: oir buinidh an nì a chuireadh ga lìonadh suas as an aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa. Cha mhò a chuireas daoine fìon nuadh ann an seann searragan: no brisear na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach cuiridh iad fìon nuadh ann an searragan nuadha, agus bidh iad araon tèarainte. Nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, feuch, thàinig uachdaran àraidh, agus thug e adhradh dha, ag ràdh, Fhuair mo nighean bàs air ball: ach thig‐sa, agus cuir do làmh oirre, agus bidh i beò. Agus dh’èirich Iosa, agus lean e fhèin agus a dheisciobail e. (Agus, feuch, thàinig bean, air an robh dòrtadh fala rè dà‑bhliadhna‐dheug, air a chùlaibh, agus bhean i ri iomall a aodaich: Oir thubhairt i innte fhèin, Ma bheanas mi ach ra aodach, bidh mi slàn. Ach air tionndadh do Iosa mun cuairt, chunnaic e i, agus thubhairt e, A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu. Agus bha a’ bhean slàn on uair sin.) Agus nuair a thàinig Iosa gu taigh an uachdarain, agus a chunnaic e an luchd‐ciùil, agus a’ chuideachd a’ dèanamh toirm bhròin, Thubhairt e riu, Imichibh romhaibh, oir chan eil an nìonag marbh ach na cadal. Agus rinn iad gàire fochaid ris. Ach nuair a chuireadh a’ chuideachd a‑mach, chaidh e a‑steach, agus rug e air làimh oirre, agus dh’èirich an nìonag. Agus chaidh iomradh sin a‑mach air feadh na tìre sin uile. Agus nuair a dh’imich Iosa as a sin, lean dithis dhall e, ag èigheach, agus ag ràdh, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair oirnne. Agus nuair a thàinig e a‑steach don taigh, thàinig na doill da ionnsaigh: agus thubhairt Iosa riu, A bheil sibh a’ creidsinn gur comasach mise air seo a dhèanamh? Thubhairt iad ris, Tha, a Thighearna. An sin bhean e rin sùilean, ag ràdh, Biodh e dhuibh a rèir ur creidimh. Agus dh’fhosgladh an sùilean, agus bhagair Iosa gu geur iad, ag ràdh, Faicibh nach faigh neach air bith fios air seo. Ach nuair a dh’imich iad a‑mach, sgaoil iad a chliù air feadh na dùthcha sin uile. Agus a’ dol dhaibhsan a‑mach, feuch, thug iad da ionnsaigh duine balbh anns an robh deamhan. Agus an dèidh don deamhan a bhith air a thilgeadh a‑mach, labhair am balbhan: agus ghabh an sluagh iongantas, ag ràdh, Chan fhacas a leithid seo ann an Israel riamh. Ach thubhairt na Pharasaich, Tro phrionnsa nan deamhan tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan. Agus ghabh Iosa mun cuairt nan uile chathraichean agus bhailtean, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach uile easlaint agus eucail am measg a’ phobaill. Ach nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas dhiubh, airson gu robh iad air fannachadh, agus air an sgapadh o chèile, mar chaoraich aig nach eil buachaille. An sin thubhairt e ra dheisciobail, Gu deimhinn is mòr am fogharadh, ach is tearc an luchd‐obrach. Uime sin, guidhibh‐se air Tighearna an fhogharaidh, luchd‐obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin. Agus air gairm a dhà‐dheisciobal‐dheug da ionnsaigh, thug e cumhachd dhaibh an aghaidh nan spiorad neòghlan, gu an tilgeadh a‑mach, agus a shlànachadh gach gnè easlaint, agus gach gnè eucail. Agus is iad seo ainmean an dà‑abstol‐dheug; an ciad fhear, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair; Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs‐mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus; Sìmon an Canàanach, agus Iùdas Iscariot, an neach fòs a bhrath esan. Chuir Iosa an dà‑fhear‐dheug seo a‑mach a’ tabhairt àithne dhaibh, ag ràdh, Na gabhaibh gu slighe nan Cinneach, agus na rachaibh a‑steach do aon bhaile a bhuineas do na Samaritanaich: Ach gum b’fheàrr leibh dol a dh’ionnsaigh caoraich chaillte taigh Israeil. Agus air imeachd dhuibh, searmonaichibh, ag ràdh, Tha rìoghachd nèimh am fagas. Lèighsibh an dream a tha tinn, glanaibh na lobhair, dùisgibh na mairbh, tilgibh a‑mach na deamhain: an asgaidh fhuair sibh, an asgaidh thugaibh uaibh. Na solairibh òr, no airgead, no umha nur sporanan; No màla a‑chum ur turais, no dà chòta, no brògan, no bataichean: (oir is airidh am fear‐obrach air a lòn ). Agus ge bè air bith cathair no baile don tèid sibh a‑steach, feòraichibh cò a tha na dheagh‐airidh innte; agus fanaibh an sin gus am fàg sibh an t‑àite sin. Agus nuair a thig sibh a‑steach do thaigh, beannaichibh dha. Agus mas airidh an taigh sin, thigeadh ur sìth air; ach mura airidh, tilleadh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs. Agus ge bè neach nach gabh ribh, agus nach èisd ri ur briathran; air dol a‑mach as an taigh, no as a’ bhaile sin dhuibh, crathaibh dhibh duslach ur cas. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios staid fearann Shòdoim agus Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na staid a’ bhaile sin. Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh‐allaidh: air an adhbhar sin bithibh‐se glic mar na nathraichean, agus neo‐chronail mar na calamain. Ach bithibh air ur faicill o dhaoine, oir bheir iad an làimh sibh do chomhairlean, agus sgiùrsaidh iad sibh nan sionagogan: Agus bheirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo sgàth‐sa, mar fhianais dhaibhsan agus do na Cinnich. Ach nuair a bheir iad an làimh sibh, na biodh e na ro‑chàs oirbh cionnas no ciod a labhras sibh; oir bheirear dhuibh, anns an uair sin fhèin, an nì a labhras sibh. Oir cha sibhse a labhras, ach Spiorad ur n‑Athar fhèin a labhras annaibh. Agus bheir am bràthair a bhràthair fhèin suas a‑chum bàis, agus an t‑athair am mac; agus èiridh a’ chlann an aghaidh am pàrantan, agus bheir iad fa‑near gun cuirear gu bàs iad. Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme‐sa: ach, ge bè a bhuanaicheas gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar. Agus nuair a nì iad geur‐leanmhainn oirbh anns a’ bhaile seo, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach imich sibh air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine. Chan eil an deisciobal os cionn a mhaighistir, no an seirbhiseach os cionn a thighearna. Is leòr don deisciobal a bhith mar a mhaighistir, agus don t‑seirbhiseach a bhith mar a thighearna: ma ghoir iad Beelsebub de fhear an taighe, nach mò na sin a ghoireas iad e de a mhuinntir? Uime sin na biodh eagal oirbh romhpa: oir chan eil nì sam bith falaichte nach foillsichear; agus an cleith nach dèanar aithnichte. An nì a dh’innseas mise dhuibh anns an dorchadas, labhraibh e anns an t‑solas; agus an nì a chluinneas sibh anns a’ chluais, searmonaichibh e air mullach nan taighean. Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn. Nach eil dà ghealbhan air an reic air feòirling: agus cha tuit a h‑aon dhiubh air an talamh as eugmhais freasdal ur n‑Athar‐se. Ach tha eadhon fuilteanan ur cinn uile air an àireamh. Air an adhbhar sin na biodh eagal oirbh; is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan. Uime sin ge bè a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine, aidichidh mise esan mar an ceudna am fianais m’Athar a tha air nèamh. Ach ge bè a dh’àicheas mise am fianais dhaoine, àichidh mise esan am fianais m’Athar a tha air nèamh. Na measaibh gun tàinig mise a chur sìthe air an talamh: chan ann a chur sìthe a thàinig mi, ach a chur claidheimh. Oir thàinig mi a chur duine an aghaidh a athar, agus na nighinn an aghaidh a màthar, agus bean a’ mhic an aghaidh a màthar‐chèile. Agus is iad muinntir a theaghlaich fhèin a bhios nan naimhdean do dhuine. An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn‐sa, chan airidh orm e: Agus an tì nach glac a chrann‐ceusaidh, agus nach lean mise, chan airidh orm e. An tì a gheibh a anam, caillidh e e: ach an tì a chailleas a anam air mo shon‐sa, gheibh e e. An tì a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi. An tì a ghabhas ri fàidh ann an ainm fàidh, gheibh e duais fàidh; agus an tì a ghabhas ri fìrean ann an ainm fìrein, gheibh e duais fìrein. Agus ge bè a bheir cupan de uisge fuar a‑mhàin ra òl do aon den mhuinntir bhig seo, an ainm deisciobail, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e air chor sam bith a dhuais. Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa a àitheantan a thabhairt da dhà‐dheisciobal‐deug, gun d’imich e as a sin a theagasg agus a shearmonachadh nam bailtean. A‑nis nuair a chuala Eòin anns a’ phrìosan gnìomharan Chrìosd, chuir e dithis de a dheisciobail da ionnsaigh, Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Imichibh agus innsibh do Eòin na nithean a tha sibh a’ cluinntinn agus a’ faicinn: Tha na doill a’ faotainn am fradhairc, agus na bacaich ag imeachd, tha na lobhair air an glanadh, agus na bodhair a’ cluinntinn, tha na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan. Agus is beannaichte an tì nach faigh oilbheum annamsa. Agus air imeachd dhaibhsan air falbh, thòisich Iosa air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, ag ràdh, Ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith? Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, a’ mhuinntir a chaitheas aodach mìn, is ann an taighean nan rìghrean a tha iad. Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e fàidh? Seadh, tha mi ag ràdh ribh, agus nas mò na fàidh. Oir is e seo an tì mum bheil e sgrìobhte, Feuch, cuiridh mise mo theachdaire rod ghnùis, a dh’ullaicheas do shlighe romhad. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nam measg‐san a rugadh le mnathan, nach d’èirich neach as mò na Eòin Baistidh: gidheadh, an tì sin as lugha ann an rìoghachd nèimh, is mò e na esan. Agus o làithean Eòin Baistidh gus a‑nis, tha rìoghachd nèimh a’ fulang ainneirt, agus luchd na h‑ainneirt ga glacadh le làmhachas‐làidir. Oir rinn na fàidhean uile agus an lagh fàidheadaireachd gu àm Eòin. Agus mas toigh leibh a ghabhail, is e seo Elias a bha ri teachd. Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e. Ach cò ris a shamhlaicheas mise an ginealach seo? Is cosmhail e ri cloinn a shuidheas anns a’ mhargadh, agus ag èigheach rin companaich, Agus ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, ach cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, ach cha do rinn sibhse gul. Oir thàinig Eòin chan ann ag ithe no ag òl, agus tha iad ag ràdh, Tha deamhan aige. Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl, agus tha iad ag ràdh, Feuch, duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs‐mhaor agus pheacach: ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn. An sin thòisich e air achmhasan a thabhairt do na bailtean anns am mò an do rinneadh de a obraichean cumhachdach, airson nach do rinn iad aithreachas. Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac‐aodach agus an luaithre. Ach tha mi ag ràdh ribh gum bi staid Thìruis agus Shìdoin nas so‑iomchaire ann an là a’ bhreitheanais na bhios ur staid‐se. Agus thusa, a Chapernàum, a tha air do thogail suas gu nèamh, tilgear sìos gu ifrinn thu: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annadsa air an dèanamh ann an Sòdom, dh’fhan e gun a sgrios gus an‑diugh. Ach tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do fhearann Shòdoim ann an là a’ bhreitheanais na dhutsa. Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban. Seadh, Athair, do bhrìgh gum b’ann mar sin a bha do dheagh thoil‐sa. Tha na h‑uile nithean air an tabhairt thairis dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith am Mac, ach don Athair: cha mhò as aithne do neach air bith an t‑Athair, ach don Mhac, agus do gach aon don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh. Thigibh am ionnsaigh‐sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Oir tha mo chuing‐sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom. Chaidh Iosa anns an àm sin air là na sàbaid tro na h‑achaidhean arbhair, agus bha acras air a dheisciobail, agus thòisich iad air diasan arbhair a bhuain agus ithe. Ach nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thubhairt iad ris, Feuch, tha do dheisciobail a’ dèanamh an nì nach còir a dhèanamh air là na sàbaid. Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha acras air fhèin, agus air a’ mhuinntir a bha maille ris; Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a dh’ith e aran na fianais, nach robh ceadaichte dha fhèin ithe, no dhaibhsan a bha maille ris, ach do na sagartan a‑mhàin? No nach do leugh sibh anns an lagh gu bheil na sagartan anns an teampall air làithean na sàbaid a’ briseadh na sàbaid, agus iad neo‐chiontach? Ach tha mise ag ràdh ribh gu bheil anns an ionad seo neach as mò na an teampall. Agus nam biodh fhios agaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair as àill leam agus chan ìobairt, cha dìteadh sibh an dream a tha neochiontach. Oir is e Mac an Duine Tighearna na sàbaid. Agus air dha imeachd as a sin, chaidh e a‑steach dan sionagog; Agus, feuch, bha duine ann aig an robh làmh sheargte: agus (a‑chum gum biodh cùis‐dhìtidh aca na aghaidh,) dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air làithean na sàbaid? Agus thubhairt esan riu, Cò an duine agaibhse aig am bi aon chaora, agus, ma thuiteas i ann an sloc air là na sàbaid, nach beir oirre, agus nach tog a‑nìos i? Nach mòr, matà, as fheàrr duine na caora? Uime sin tha e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid. An sin thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh: agus shìn e a‑mach i; agus bha i air a h‑aiseag slàn, mar an làmh eile. Ach chaidh na Pharasaich a‑mach, agus chùm iad comhairle na aghaidh, cionnas a dh’fhaodadh iad a mhilleadh. Ach nuair a thuig Iosa seo, dh’imich e as a sin: agus lean slòigh mhòra e, agus leighis e iad uile. Agus thug e sparradh dhaibh a‑chum nach dèanadh iad aithnichte e: A‑chum gun coileante an nì a labhradh le Esaias am fàidh, ag ràdh, Feuch, mo sheirbhiseach a thagh mi; m’aon gràdhach anns a bheil tlachd aig m’anam: cuiridh mi mo Spiorad air, agus nochdaidh e breitheanas do na Cinnich. Cha dèan e strì, agus cha ghlaodh e; cha mhò a chluinneas neach air bith a ghuth air na sràidean. Cha bhris e a’ chuilc bhrùite, agus cha mhùch e an lìon as am bi deatach, gus an tabhair e a‑mach breitheanas a‑chum buaidh. Agus na ainm‐san bidh muinghinn aig na Cinnich. An sin thugadh da ionnsaigh duine anns an robh deamhan, dall agus balbh: agus shlànaich e e, ionnas gun do labhair am balbhan agus gu robh an dall a’ faicinn. Agus ghabh am poball uile iongantas, agus thubhairt iad, An e seo mac Dhaibhidh? Ach nuair a chuala na Pharasaich seo, thubhairt iad, Chan eil am fear seo a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ach tro Bheelsebub, prionnsa nan deamhan. Agus thuig Iosa an smuaintean, agus thubhairt e riu, Gach rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin, nìthear na fàsach i; agus gach uile bhaile no taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, cha seas e. Agus ma thilgeas Sàtan a‑mach Sàtan, tha e roinnte na aghaidh fhèin; air an adhbhar sin cionnas a sheasas a rìoghachd? Agus ma tha mise tro Bheelsebub a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, cò tro a bheil ur clann‐se gan tilgeadh a‑mach? Uime sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh: Ach mas ann le Spiorad Dhè a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, thàinig rìoghachd Dhè dur n‑ionnsaigh‐se. No cionnas as urrainn neach dol do thaigh duine làidir, agus àirneis a thaighe a chreachadh, mura ceangail e air tùs an duine làidir? Agus an sin creachaidh e a thaigh. An tì nach eil leam, tha e am aghaidh; agus an tì nach cruinnich leam, sgapaidh e. Air an adhbhar sin tha mi ag ràdh ribh gum maithear gach peacadh agus gach toibheum do dhaoine: gidheadh cha mhaithear toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh do dhaoine. Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach ge bè neach a labhras an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha mhaithear dha e, anns an t‑saoghal seo, no anns an t‑saoghal a tha ri teachd. An dara cuid dèanaibh a’ chraobh math, agus a toradh math; no dèanaibh a’ chraobh truaillidh, agus a toradh truaillidh; oir is ann air a toradh a dh’aithnichear a’ chraobh. A shliochd nan nathraichean nimhe, cionnas a dh’fhaodas sibh nithean matha a labhairt, agus sibh fhèin olc? Oir is ann à pailteas a chridhe a labhras am beul. Bheir duine math a‑mach nithean matha à deagh ionmhas a chridhe: agus bheir an droch dhuine a‑mach droch nithean as a dhroch ionmhas. Ach tha mi ag ràdh ribh gun toir daoine cunntas ann an là a’ bhreitheanais airson gach facail dhìomhain a labhras iad. Oir led fhacail saorar thu, agus led fhacail dìtear thu. An sin fhreagair dream àraidh de na sgrìobhaichean agus de na Pharasaich, ag ràdh, A mhaighistir, bu mhiann leinn comharradh fhaicinn uat. Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Tha ginealach olc agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh an fhàidh Iònas. Oir mar a bha Iònas ann am broinn na muice‐mara trì làithean agus trì oidhchean, is ann mar sin a bhios Mac an Duine ann an cridhe na talmhainn trì làithean agus trì oidhchean. Eiridh muinntir Ninebheh anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh iad e, oir rinn iad aithreachas aig searmoin Iònais; agus, feuch, tha nas mò na Iònas an seo. Eiridh bànrighinn na h‑àird a deas anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh i e: oir thàinig i o na h‑àitean as iomallaiche den talamh a dh’èisdeachd gliocas Sholaimh; agus, feuch, tha nas mò na Solamh an seo. An dèidh don spiorad neòghlan dol a‑mach à duine, imichidh e tro ionadan tioram, ag iarraidh foise, agus chan fhaigh e. An sin their e, Tillidh mi dom thaigh as an tàinig mi; agus air teachd dha, gheibh e falamh, sguabte, agus deagh‐mhaiseach e. Imichidh e an sin, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin, agus thèid iad a‑steach agus gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann eadhon mar sin a thachras don ghinealach aingidh seo. Agus air dha a bhith fhathast a’ labhairt ris a’ phoball, feuch, sheas a mhàthair agus a bhràithrean a‑muigh, ag iarraidh labhairt ris. An sin thubhairt neach‐eigin ris, Feuch, tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh, ag iarraidh labhairt riut. Ach fhreagair esan agus thubhairt e ris an tì a dh’innis seo dha, Cò i mo mhàthair? Agus cò iad mo bhràithrean? Agus air sìneadh a làimhe a‑chum a dheisciobal, thubhairt e, Feuch mo mhàthair, agus mo bhràithrean! Oir ge bè neach a nì toil m’Athar‐sa a tha air nèamh, is e sin fhèin mo bhràthair, agus mo phiuthar, agus mo mhàthair. Air an là sin fhèin chaidh Iosa a‑mach as an taigh, agus shuidh e ri taobh na fairge. Agus chruinnich sluagh mòr da ionnsaigh, air chor is air dol a‑steach do luing dha, gun do shuidh e; agus sheas an sluagh uile air an tràigh. Agus labhair e mòran de nithean riu ann an cosamhlachdan, ag ràdh, Feuch, chaidh fear‐cuir a‑mach a chur sìl. Agus a’ cur an t‑sìl dha, thuit cuid dheth ri taobh an rathaid; agus thàinig an eunlaith agus dh’ith iad e. Thuit cuid air ionadan creagach, far nach robh mòran talmhainn aige; agus air ball dh’fhàs e suas, do bhrìgh nach robh doimhneachd talmhainn aige. Ach air èirigh don ghrèin dhòthadh e; agus, do bhrìgh nach robh freumh aige, shearg e as. Agus thuit cuid am measg droighinn: agus dh’fhàs an droigheann suas, agus mhùch e e. Ach thuit cuid eile ann am fearann math, agus thug e toradh a‑mach, cuid a cheud uiread, cuid a thrì‐fichead, cuid a dheich‐ar‑fhichead uiread is a chuireadh. Ge bè neach aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e. Agus thàinig na deisciobail, agus thubhairt iad ris, Carson a tha thu a’ labhairt riu ann an cosamhlachdan? Fhreagair esan agus thubhairt e riu, Do bhrìgh gun tugadh dhuibhse eòlas a bhith agaibh air rùn‐diamhair rìoghachd nèimh, ach dhaibhsan chan eil seo air a thabhairt. Oir ge bè neach aig a bheil, dhàsan bheirear, agus bidh aige an tuilleadh pailteis: ach ge bè neach aig nach eil, uaithesan bheirear eadhon an nì a tha aige. Uime sin tha mise a’ labhairt riu ann an cosamhlachdan, do bhrìgh air dhaibh faicinn nach faic iad, agus a’ cluinntinn dhaibh nach cluinn iad, agus nach tuig iad. Agus anntasan tha fàidheadaireachd Esaiais air a coileanadh, a tha ag ràdh, Le èisdeachd cluinnidh sibh, agus cha tuig sibh; agus le amharc chì sibh, agus chan aithnich sibh. Oir tha cridhe a’ phobaill seo air fàs reamhar, agus an cluasan mall a‑chum èisdeachd, agus dhruid iad an sùilean; air eagal uair air bith gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gum biodh iad air an iompachadh, agus gun slànaichinn‐sa iad. Ach is beannaichte ur sùilean‐se, oir tha iad a’ faicinn; agus ur cluasan, oir tha iad a’ cluinntinn. Oir tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gum b’iomadh fàidh agus fìrean leis am bu mhiann na nithean seo fhaicinn, a tha sibhse a’ faicinn, agus nach faca iad: agus na nithean seo a chluinntinn, a tha sibhse a’ cluinntinn, agus nach cuala iad. Eisdibh air an adhbhar sin ri cosamhlachd an t‑sìoladair. Nuair a chluinneas neach air bith facal na rìoghachd, agus nach toir e fa‑near e, thig an droch spiorad, agus bheir e air falbh an nì a chuireadh na chridhe: is e seo esan anns an do chuireadh an sìol ri taobh an rathaid. Ach esan a fhuair sìol ann an àitean creagach, is e seo an tì a chluinneas am facal, agus a ghabhas e air ball le gàirdeachas; Gidheadh chan eil freumh aige ann fhèin, ach fanaidh e rè tamaill: agus nuair a thig trioblaid, no geur‐leanmhainn airson an fhacail, air ball gheibh e oilbheum. Esan mar an ceudna a ghabh sìol am measg an droighinn, is e seo an tì a tha a’ cluinntinn an fhacail; agus tha ro‑chùram an t‑saoghail seo, agus mealltaireachd beartais, a’ mùchadh an fhacail, agus bidh e gun toradh. Ach an tì ud a ghabh sìol ann an deagh fhearann, is e sin an neach a tha a’ cluinntinn an fhacail, agus ga thoirt fa‑near; neach mar an ceudna a tha a’ giùlan toraidh, agus a tha a’ toirt a‑mach cuid a cheud uiread, cuid a thrì‐fichead, agus cuid eile a dheich‐ar‑fhichead uiread is a chuireadh. Chuir e cosamhlachd eile a‑mach dhaibh, ag ràdh, Is cosmhail rìoghachd nèimh ri duine a chuir sìol math na fhearann: Agus nuair a bha daoine nan cadal, thàinig a nàmhaid agus chuir e cogal am measg a’ chruithneachd, agus dh’imich e roimhe. Ach nuair a thàinig an t‑arbhar fo dhèis, agus a thug e a‑mach a thoradh, dh’fhoillsich an cogal e fhèin mar an ceudna. Agus air teachd do sheirbhisich fhir‐an‑taighe thubhairt iad ris, A thighearna, nach do chuir thusa sìol math ann ad fhearann? Càite, mas eadh, an d’fhuair e an cogal? Thubhairt esan riu, Rinn nàmhaid‐eigin seo. Agus thubhairt na seirbhisich ris, An àill leat, uime sin, gun tèid sinne agus gun cruinnich sinn ri chèile iad? Ach thubhairt esan, Chan àill; air eagal nuair a chruinnicheas sibh an cogal, gun spìon sibh an cruithneachd maille ris. Leigibh leo fàs araon gus an tig am fogharadh: agus ann an àm an fhogharaidh their mise ris an luchd‐buana, Cruinnichibh air tùs an cogal, agus ceanglaibh e na cheanglachain a‑chum a losgaidh: ach cruinnichibh an cruithneachd dom shabhal. Chuir e a‑mach cosamhlachd eile dhaibh, ag ràdh, Tha rìoghachd nèimh cosmhail ri gràinne de shìol mustaird, a ghabh neach agus a chuir e na fhearann. Nì gun amharas as lugha de gach uile phòr: gidheadh air fàs dha, is e as mò de na luibheannan, agus fàsaidh e na chrann, ionnas gun tig eunlaith an adhair, agus gun dèan iad neadan na gheugan. Cosamhlachd eile labhair e riu: Is cosmhail rìoghachd nèimh ri taois ghoirt, a ghabh bean agus a dh’fhalaich i ann an trì tomhaisean mine, gus an do ghortaicheadh an t‑iomlan. Na nithean sin uile labhair Iosa ris a’ phoball ann an cosamhlachdan; agus gun chosamhlachd cha do labhair e riu: A‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh, ag ràdh, Fosglaidh mi mo bheul ann an cosamhlachdan, cuiridh mi an cèill nithean a bha falaichte o thoiseach an t‑saoghail. An sin chuir Iosa am poball air falbh, agus chaidh e a‑steach don taigh: agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Mìnich dhuinne cosamhlachd cogal an fhearainn. Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, An tì a chuireas an sìol math is e Mac an Duine e: Is e am fearann an domhan: agus is e an sìol math clann na rìoghachd: ach is e an cogal clann an droch spioraid: Is e an nàmhaid a chuir iad an diabhal: is e am fogharadh deireadh an t‑saoghail: agus is iad na buanaichean na h‑aingil. Agus amhail a chruinnichear an cogal, agus a loisgear le teine e, is ann mar sin a bhios ann an deireadh an t‑saoghail seo. Cuiridh Mac an Duine aingil uaithe, agus tionailidh iad as a rìoghachd na h‑uile nithean a bheir oilbheum, agus iadsan a tha a’ dèanamh aingidheachd; Agus tilgidh iad iad anns an àmhainn air dearg‐lasadh: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal. An sin dealraichidh na fìreanan mar a’ ghrian, ann an rìoghachd an Athar fhèin. Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e. A‑rìs, tha rìoghachd nèimh cosmhail ri ionmhas air fhalach ann am fearann; nì an dèidh fhaotainn, a dh’fhalaich duine, agus air sgàth a ghàirdeachais air a shon, dh’imich e agus reic e na bha aige uile, agus cheannaich e am fearann sin. A‑rìs, is cosmhail rìoghachd nèimh ri ceannaiche àraidh ag iarraidh neamhnaidean maiseach: Agus air amas dha air aon neamhnaid ro‑luachmhoir, dh’imich e agus reic e na bha aige, agus cheannaich e i. A‑rìs, tha rìoghachd nèimh cosmhail ri lìon air a thilgeadh anns an fhairge, agus a chruinnich de gach uile sheòrsa èisg: Agus air dha a bhith làn, tharraing na h‑iasgairean e a‑chum na tràighe, agus air suidhe dhaibh, chruinnich iad na h‑èisg mhatha ann an soithichean, ach thilg iad na droch èisg a‑mach. Is ann mar sin a bhios ann an deireadh an t‑saoghail: thèid na h‑aingil a‑mach, agus dealaichidh iad na droch dhaoine à measg nam fìreanan; Agus tilgidh iad iad anns an àmhainn theinntich: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal. Thubhairt Iosa riu, An do thuig sibh na nithean seo uile? Thubhairt iad ris, Thuig, a Thighearna. Agus thubhairt esan riu, Air an adhbhar sin, gach uile sgrìobhaiche a tha fòghlaimte a‑chum rìoghachd nèimh, is cosmhail e ri fear‐taighe, a bheir a‑mach as ionmhas nithean nuadh agus sean. Agus thachair, nuair a chrìochnaich Iosa na cosamhlachdan seo, gun d’imich e as a sin. Agus nuair a thàinig e da dhùthaich fhèin, theagaisg e iad nan sionagog, ionnas gun do ghabh iad iongantas, agus gun dubhairt iad, Càit an d’fhuair am fear seo an gliocas seo, agus na feartan seo? Nach e seo mac an t‑saoir? Nach e ainm a mhàthar Muire? Nach iad a bhràithrean Seumas, agus Iòses, agus Sìmon, agus Iùdas? Agus a pheathraichean, nach eil iad uile maille rinn? Càit uime sin an d’fhuair an duine seo na nithean ud uile? Agus fhuair iad oilbheum ann. Ach thubhairt Iosa riu, Chan eil fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin, agus na thaigh fhèin. Agus cha do rinn e mòran obraichean cumhachdach an sin, airson am mì‑chreidimh. Anns an àm sin chuala Herod an tretrarch cliù Iosa, Agus thubhairt e ra sheirbhisich, Is e seo Eòin Baistidh; dh’èirich e o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis. Oir air do Herod Eòin a ghlacadh, cheangail e e, agus thilg e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean Philip, a bhràthair fhèin. Oir thubhairt Eòin ris, Chan eil e dligheach dhut i a bhith agad. Agus nuair a bu mhiann leis a chur gu bàs, bha eagal a’ phobaill air, oir bha meas fàidh aca air. Ach nuair a bha co‑ainm là‑breithe Heroid air a chumail, rinn nighean Heròdiais dannsa nan làthair, agus thaitinn i ri Herod: Ionnas gun do gheall e le mionnan gun tugadh e dhi ge bè air bith nì a dh’iarradh i. Agus air dhise a bhith air a teagasg le a màthair ro‑làimh, thubhairt i, Thoir dhomh an seo ceann Eòin Baistidh air mèis. Agus bha an rìgh duilich: ach airson a mhionnan, agus na muinntir a bha nan suidhe aig biadh maille ris, dh’àithn e a thabhairt dhi. Agus air cur fir‐marbhaidh uaithe, bhuin e a cheann de Eòin anns a’ phrìosan. Agus thugadh a cheann air mèis, agus thugadh don chailinn e: agus thug ise da màthair e. Agus thàinig a dheisciobail, agus thug iad an corp leo, agus dh’adhlaic iad e, agus thàinig iad agus dh’innis iad sin do Iosa. Nuair a chuala Iosa seo, chaidh e as a sin air luing gu ionad fàsail air leth: agus nuair a chuala am poball sin, lean iad dan cois e as na bailtean. Agus air dol a‑mach do Iosa, chunnaic e coitheanal mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, agus shlànaich e an dream aca a bha easlan. Agus nuair a b’fheasgar e, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Is àite fàsail seo, agus tha an t‑àm a‑nis air dol seachad; cuir an sluagh air falbh, a‑chum gun tèid iad do na bailtean, agus gun ceannaich iad biadh dhaibh fhèin. Ach thubhairt Iosa riu, Cha ruig iad a leas falbh; thugaibh‐se dhaibh ra ithe. Agus thubhairt iad ris, Chan eil againn an seo ach còig buileannan agus dà iasg. Thubhairt esan riu, Thugaibh an seo iad am ionnsaigh‐sa. Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus ghlac e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air amharc dha suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e, agus thug e na buileannan da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad. Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad làn dà‑chlèibh‐dheug den bhiadh bhriste, a bha a dh’fhuidheall aca. Agus bha iadsan a dh’ith mu thimcheall còig mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn. Agus air ball cho‐èignich Iosa a dheisciobail gu dol an luing, agus dol roimhe a‑chum an taoibh eile, gus an cuireadh esan an sluagh air falbh. Agus nuair a leig e an sluagh uaithe, chaidh e suas air beinn na aonar a dhèanamh ùrnaigh: agus nuair a bha am feasgar air teachd, bha e an sin na aonar. Ach bha an long anns an àm sin ann am meadhon na fairge, air a tilgeadh a‑null agus a‑nall leis na tonnan: oir bha a’ ghaoth nan aghaidh. Agus anns a’ cheathramh faire den oidhche, chaidh Iosa dan ionnsaigh, ag imeachd air an fhairge. Agus nuair a chunnaic na deisciobail e ag imeachd air an fhairge, bha iad fo bhuaireas, ag ràdh, Is spiorad a tha ann; agus ghlaodh iad a‑mach le eagal. Ach labhair Iosa riu air ball, ag ràdh, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh. Agus fhreagair Peadar e agus thubhairt e, A Thighearna, mas tusa a tha ann, iarr ormsa teachd ad ionnsaigh air na h‑uisgeachan. Agus thubhairt esan, Thig. Agus nuair a bha Peadar air teachd a‑nuas as an luing, dh’imich e air na h‑uisgeachan, a‑chum teachd gu Iosa. Ach nuair a chunnaic e a’ ghaoth làidir, ghabh e eagal: agus nuair a thòisich e air dol fodha, ghlaodh e, ag ràdh, A Thighearna, fòir orm. Agus air ball shìn Iosa a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thubhairt e ris, O thusa air bheag creidimh, carson a bha thu fo amharas? Agus nuair a chaidh iad a‑steach don luing, laigh a’ ghaoth. An sin thàinig iadsan a bha anns an luing, agus rinn iad adhradh dha, ag ràdh, Gu fìrinneach is tu Mac Dhè. Agus nuair a chaidh iad gus an taobh eile, thàinig iad gu talamh Ghenesaret. Agus nuair a fhuair muinntir an àite sin fios uime, chuir iad fios air feadh na tìre sin uile air gach taobh dhiubh, agus thug iad da ionnsaigh an dream sin uile a bha easlan. Agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn ri iomall a aodaich a‑mhàin; agus a mheud dhiubh is a bhean, shlànaicheadh gu h‑iomlan iad. An sin thàinig sgrìobhaichean agus Pharasaich o Ierusalem gu Iosa ag ràdh, Carson a tha do dheisciobail a’ dol an aghaidh gnàth nan sinnsear? Oir chan ionnlaid iad an làmhan nuair a dh’itheas iad aran. Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Carson a tha sibhse a’ briseadh àithne Dhè le ur gnàth fhèin? Oir thug Dia àithne, ag ràdh, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus ge bè a mhallaicheas a athair no a mhàthair, cuirear gu bàs e. Ach their sibhse, Ge bè neach a their ra athair no ra mhàthair, Biodh e na thìodhlac don teampall gach nì leis am faodadh tu buannachd fhaotainn uamsa. Nach feum e urram a thabhairt da athair no da mhàthair? Mar sin chuir sibhse an neo‐bhrìgh àithne Dhè le ur gnàth fhèin. A chealgairean, is math a rinn Esaias fàidheadaireachd mur timcheall, ag ràdh, Tha an sluagh seo a’ dlùthachadh riumsa lem beul, agus a’ toirt urraim dhomh lem bilean: ach tha an cridhe fada uam. Ach is ann an dìomhain a tha iad a’ dèanamh adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg. Agus air gairm an t‑sluaigh dha, thubhairt e riu, Eisdibh agus tuigibh: Chan e an nì a thèid a‑steach anns a’ bheul a shalaicheas an duine; ach an nì a thig a‑mach as a’ bheul, is e seo a shalaicheas an duine. An sin thàinig a dheisciobail, agus thubhairt iad ris, A bheil fhios agad gun do ghabh na Pharasaich oilbheum, an dèidh dhaibh na briathran ud a chluinntinn? Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Gach uile luibh nach do shuidhich m’Athair nèamhaidh‐sa, spìonar as a bhun e. Leigibh leo: is cinn‐iùil dhall nan dall iad. Agus ma threòraicheas dall dall eile, tuitidh iad araon anns a’ chlais. Agus fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Mìnich dhuinn an cosamhlachd sin. Agus thubhairt Iosa, A bheil sibhse fhathast mar an ceudna gun tuigse? Nach eil sibh a’ tuigsinn fhathast ge bè nì a thèid a‑steach anns a’ bheul, gun tèid e anns a’ bhroinn, agus gun tilgear a‑mach don t‑sloc‐shalchair e? Ach na nithean sin a thig a‑mach as a’ bheul, tha iad a’ teachd on chridhe, agus is iad sin a shalaicheas an duine. Oir is ann as a’ chridhe thig droch smuaintean, mortadh, adhaltranas, strìopachas, gadachd, fianais bhrèige, toibheum: Is iad seo na nithean a shalaicheas an duine: ach ithe le làmhan gun ionnlad, cha salaich sin an duine. Agus air dol do Iosa as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin. Agus, feuch, thàinig bean de mhuinntir Chanàain o na crìochan sin, agus ghlaodh i ris, ag ràdh, Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean air a buaireadh gu truagh le deamhan. Ach cha tug esan freagradh sam bith dhi. Agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, agus dh’iarr iad air, ag ràdh, Cuir air falbh i, oir tha i a’ glaodhaich nar dèidh. Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Cha do chuireadh mise ach a‑chum caoraich chaillte taigh Israeil. An sin thàinig ise agus rinn i adhradh dha, ag ràdh, A Thighearna, cuidich leam. Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Cha chòir aran na cloinne a ghlacadh, agus a thilgeadh a‑chum nan con. Agus thubhairt ise, Is fìor, a Thighearna: ach ithidh na coin den spruilleach a thuiteas o bhòrd am maighistirean. An sin fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, O bhean, is mòr do chreideamh: biodh e dhut mar as àill leat. Agus rinneadh a nighean slàn on uair sin a‑mach. Agus air imeachd do Iosa as a sin thàinig e làimh ri fairge Ghalile; agus nuair a chaidh e suas air beinn, shuidh e sìos an sin. Agus thàinig mòr‐shluagh da ionnsaigh, agus aca maille riu bacaich, doill, balbhain, daoine ciurramach, agus mòran eile, agus thilg iad sìos aig casan Iosa iad, agus shlànaich e iad: Ionnas gun do ghabh an sluagh iongantas nuair a chunnaic iad na balbhain a’ labhairt, na daoine ciurramach slàn, na bacaich ag imeachd, agus na doill a’ faicinn: agus thug iad glòir do Dhia Israeil. An sin ghairm Iosa a dheisciobail da ionnsaigh, agus thubhairt e, Tha mi a’ gabhail truais den t‑sluagh, oir dh’fhan iad maille rium a‑nis rè trì làithean, agus chan eil nì air bith aca ra ithe: agus cha chuir mi uam nan trasg iad, air eagal gum fannaich iad air an t‑slighe. Agus thubhairt a dheisciobail ris, Cia as a gheibheamaid uiread arain anns an fhàsach is a bu leòr a shàsachadh slòigh cho mòr? Agus thubhairt Iosa riu, Cia lìon buileann a tha agaibh? Agus thubhairt iadsan, Seachd, agus beagan a dh’iasgan beaga. Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an làr. Agus air glacadh nan seachd buileann agus nan iasg dha, agus air tabhairt buidheachais, bhris e iad, agus thug e da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad. Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad den bhiadh bhriste a dh’fhàgadh làn sheachd basgaid. Agus b’iad a’ mhuinntir a dh’ith, ceithir mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn. Agus air dha an sluagh a leigeadh uaithe, chaidh e air luing, agus thàinig e gu crìochan Mhagdala. Agus air teachd do na Pharasaich agus do na Sadusaich ga dhearbhadh, dh’iarr iad air comharradh a nochdadh dhaibh o nèamh. Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Nuair is feasgar e, their sibh, Bidh deagh aimsir ann, oir tha an t‑adhar dearg: Agus air madainn, Bidh droch aimsir ann an‑diugh, oir tha an t‑adhar dearg agus dorcha. A chealgairean, is aithne dhuibh breith a thoirt air gnùis an adhair, agus nach eil e an comas dhuibh comharraidhean nan aimsir a thuigsinn? Tha ginealach aingidh agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh an fhàidh Iònas. Agus air dha am fàgail, dh’imich e as a sin. Agus nuair a thàinig a dheisciobail a dh’ionnsaigh an taoibh eile, dhìochuimhnich iad aran a thabhairt leo. Agus thubhairt Iosa riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o thaois ghoirt nam Pharasach, agus nan Sadusach. Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin ag ràdh, Is ann airson nach tug sinn aran leinn. Agus nuair a thuig Iosa sin, thubhairt e riu, O sibhse air bheag creidimh, carson a tha sibh a’ reusonachadh eadaraibh fhèin gur ann a chionn nach tug sibh aran leibh? Nach eil sibh fhathast a’ tuigsinn, no a’ cuimhneachadh còig buileannan nan còig mìle, agus cia lìon cliabh a thog sibh? No seachd buileannan nan ceithir mìle, agus cia lìon basgaid a thog sibh? Cionnas nach eil sibh a’ tuigsinn nach ann mu aran a thubhairt mi ribh, sibh a bhith air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach agus nan Sadusach? An sin thuig iad cionnas nach d’iarr e orra a bhith air am faicill o thaois ghoirt an arain, ach o theagasg nam Pharasach agus nan Sadusach. Agus air teachd do Iosa gu crìochan Chesarèa Philipi, dh’fheòraich e de a dheisciobail, ag ràdh, Cò tha daoine ag ràdh as e Mac an Duine? Agus thubhairt iadsan, Tha cuid ag ràdh Eòin Baistidh, cuid Elias, agus cuid eile Ieremias, no aon de na fàidhean. Thubhairt esan riu, Ach cò tha sibhse ag ràdh as mi? Agus fhreagair Sìmon Peadar agus thubhairt e, Is tusa Crìosd, Mac an Dè bheò. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Is beannaichte thusa, a Shìmoin Bhar‐Iona; oir cha d’fhoillsich fuil agus feòil sin dhutsa, ach m’Athair‐sa a tha air nèamh. Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a’ charraig seo togaidh mise m’eaglais: agus cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre. Agus bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh: agus ge bè nì a cheanglas tusa air talamh, bidh e ceangailte air nèamh; agus ge bè nì a dh’fhuasglas tusa air talamh, bidh e fuasgailte air nèamh. An sin dh’àithn e da dheisciobail gun iad a dh’innse do neach air bith gum b’esan Iosa an Crìosd. On àm sin a‑mach thòisich Iosa air a nochdadh da dheisciobail gur èiginn dhàsan dol suas gu Ierusalem, agus mòran de nithean fhulang o na seanairean, agus na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus a bhith air a thogail suas air an treas là. Agus ghabh Peadar e, agus thòisich e air achmhasan a thabhairt dha, ag ràdh, Guma fada sin uatsa, a Thighearna: cha tachair sin dhutsa. Ach air tionndadh dhàsan, thubhairt e ri Peadar, Imich air mo chùl, a Shàtain; is oilbheum dhomh thu: oir chan eil spèis agad de nithean Dhè, ach de nithean dhaoine. An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh‐sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e air a chrann‐ceusaidh, agus leanadh e mise. Oir ge bè neach lem b’àill a anam a ghleidheadh, caillidh e e; agus ge bè neach a chailleas a anam air mo sgàth‐sa, gheibh e e. Oir ciod an tairbhe a tha ann do dhuine, ged chosnadh e an saoghal uile, agus a anam fhèin a chall? No ciod a’ mhalairt a bheir duine airson a anama? Oir thig Mac an Duine ann an glòir a Athar, maille ra ainglean; agus an sin bheir e do gach neach a rèir a ghnìomharan. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Gu bheil cuid den dream a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad Mac an Duine a’ teachd na rìoghachd fhèin. Agus an dèidh sia làithean, ghabh Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eòin a bhràthair, agus thug e iad air leth gu beinn àird, Agus dh’atharraicheadh a chruth nan làthair; agus dhealraich a aghaidh mar a’ ghrian, agus rinneadh a aodach geal mar an solas. Agus, feuch, chunnacas leo Maois agus Elias a’ còmhradh ris. An sin fhreagair Peadar, agus thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, is math dhuinne a bhith an seo: mas àill leatsa, dèanamaid trì pàilleanan an seo: aon dhutsa, aon do Mhaois, agus aon do Elias. Air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thilg neul soillseach sgàil orra: agus, feuch, guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr‐thlachd: èisdibh ris. Agus nuair a chuala na deisciobail seo, thuit iad air an aghaidh, agus ghabh iad eagal ro‑mhòr. Agus thàinig Iosa agus bhean e riu, agus thubhairt e, Eiribh, agus na biodh eagal oirbh. Agus nuair a thog iad suas an sùilean, chan fhaca iad neach air bith ach Iosa na aonar. Agus an àm dhaibh teachd a‑nuas on bheinn, thug Iosa àithne dhaibh, ag ràdh, Na innsibh do neach air bith an nì a chunnaic sibh gus an èirich Mac an Duine o na mairbh. Agus dh’fheòraich a dheisciobail dheth, ag ràdh, Carson mas eadh a their na sgrìobhaichean gur èiginn do Elias teachd air tùs? Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Thig Elias gu fìrinneach air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean: Ach tha mise ag ràdh ribh gun tàinig Elias cheana, agus cha d’aithnich iad e, ach rinn iad gach nì a bu toil leo ris: is ann mar sin, mar an ceudna, a dh’fhulaingeas Mac an Duine uapa. An sin thuig na deisciobail gum b’ann mu Eòin Baistidh a labhair e riu. Agus nuair a thàinig iad a‑chum an t‑sluaigh, thàinig duine àraidh da ionnsaigh, a’ tuiteam air a ghlùinean dha, agus ag ràdh, A Thighearna, dèan tròcair air mo mhac, oir tha e gu tinn leis an tuiteamaich, agus is mòr an cràdh a tha e a’ fulang: oir tha e gu minig a’ tuiteam anns an teine, agus gu minig anns an uisge. Agus thug mi e a dh’ionnsaigh do dheisciobal, agus cha b’urrainn iad a leigheas. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, A ghinealaich neo‐chreidmhich agus choirbte, cia fhad a dh’fhulaingeas mi sibh? Thugaibh am ionnsaigh‐sa an seo e. Agus chronaich Iosa an deamhan, agus dh’imich e as: agus shlànaicheadh an leanabh on uair sin a‑mach. An sin, nuair a thàinig na deisciobail a‑chum Iosa fa leth, thubhairt iad, Carson nach b’urrainn sinne a thilgeadh a‑mach? Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh. Gidheadh, cha tèid a’ ghnè seo a‑mach ach le ùrnaigh agus le trasgadh. Agus am feadh a bha iad a’ fantainn ann an Galile, thubhairt Iosa riu, Bidh Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan dhaoine: Agus marbhaidh iad e, ach air an treas là èiridh e. Agus bha iadsan ro‑bhrònach. Agus air teachd dhaibh do Chapernàum, thàinig luchd‐togail na cìse gu Peadar, agus thubhairt iad ris, Nach eil ur Maighistir‐se ag ìocadh na cìse? Thubhairt esan, Tha. Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh, labhair Iosa ris air tùs, ag ràdh, Ciod i do bharail‐sa, a Shìmoin? Cò uaithe a tha rìghrean na talmhainn a’ togail càine no cìse? An ann on cloinn fhèin, no o choigrich? Thubhairt Peadar ris, O choigrich. Thubhairt Iosa ris, Air an adhbhar sin tha a’ chlann saor. Gidheadh, a‑chum nach tugamaid oilbheum dhaibh, imich thusa a‑chum na fairge, agus tilg dubhan innte, agus tog an ciad iasg a thig a‑nìos: agus air fosgladh a bheòil dhut, gheibh thu bonn airgid; sin gabh, agus thoir dhaibh air mo shon‐sa, agus air do shon fhèin. Anns an àm sin fhèin thàinig na deisciobail a‑chum Iosa, ag ràdh, Cò as mò ann an rìoghachd nèimh? Agus air do Iosa leanabh beag a ghairm da ionnsaigh, chuir e nam meadhon e. Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, Mura iompaichear sibh, agus mura bi sibh mar leanabain, nach tèid sibh a‑steach do rìoghachd nèimh. Air an adhbhar sin, ge bè a dh’ìslicheas e fhèin mar an leanaban seo, is e sin fhèin as mò ann an rìoghachd nèimh. Agus ge bè a ghabhas aon leanaban de a leithid seo ann am ainm‐sa, gabhaidh e mise. Ach ge bè neach a bheir oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo a tha a’ creidsinn annamsa, b’fheàrr dha gum biodh clach‐mhuilinn air a crochadh ra mhuineal, agus gum biodh e air a bhàthadh ann an doimhne na fairge. Is an‑aoibhinn don t‑saoghal airson oilbheuman: oir is èiginn do oilbheuman teachd; ach is an‑aoibhinn don duine sin tron tig an oilbheum. Uime sin, ma bheir do làmh no do chas adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot iad, agus tilg uat iad: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth‐chois no air leth‐làimh, na dà làimh no dà chois a bhith agad, agus thu a bhith air do thilgeadh anns an teine shìorraidh. Agus ma bheir do shùil adhbhar oilbheim dhut, spìon asad i, agus tilg uat i: is fheàrr dhut dol a‑steach a‑chum na beatha air leth‐shùil, na dà shùil a bhith agad agus thu a bhith air do thilgeadh ann an teine ifrinn. Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil‐san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar‐sa a tha air nèamh. Oir thàinig Mac an Duine a shaoradh an nì sin a bha caillte. Ciod as barail dhuibhse? Ma bhios aig duine ceud caora, agus gun tèid aon dhiubh air seachran, nach fàg e na naoi‐caoraich‐dheug agus ceithir‐fichead air na beanntan, agus nach tèid e a dh’iarraidh na caorach a chaidh air seachran? Agus ma thàrlas dha gum faigh e i, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun dèan e tuilleadh gàirdeachais airson na caorach sin na airson nan naoi‐caorach‐dheug agus ceithir‐fichead, nach deachaidh air seachran. Mar seo chan i toil ur n‑Athar‐se a tha air nèamh gun rachadh aon neach den mhuinntir bhig seo a chall. Uime sin ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, imich agus innis a lochd dha eadar thu fhèin agus esan a‑mhàin: ma dh’èisdeas e riut, choisinn thu do bhràthair. Ach mura èisd e riut, thoir leat aon no dithis eile, a‑chum gum bi gach nì air a dhèanamh seasmhach ann am beul dithis no triùir fhianaisean. Agus ma dhiùltas e iadsan èisdeachd, innis don eaglais e: ach ma dhiùltas e an eaglais èisdeachd, biodh e dhut mar Chinneach agus mar chìs‐mhaor. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè air bith nithean a cheanglas sibhse air thalamh, bidh iad ceangailte air nèamh: agus ge bè air bith nithean a dh’fhuasglas sibhse air thalamh, bidh iad fuasgailte air nèamh. A‑rìs tha mi ag ràdh ribh, Ma chòrdas dithis agaibh air thalamh mu thimcheall aon nì a dh’iarras iad, nìthear seo dhaibh lem Athair‐sa a tha air nèamh. Oir ge bè àite anns a bheil dithis no triùir air an cruinneachadh an ceann a chèile ann am ainm‐sa, tha mise an sin nam meadhon. Air dol do Pheadar da ionnsaigh anns an àm sin, thubhairt e, A Thighearna, cia minig a pheacaicheas mo bhràthair am aghaidh, agus a mhaitheas mi dha? An ann gu ruig an seachdamh uair? Thubhairt Iosa ris, Chan abair mi riut gus an seachdamh uair, ach gu deich agus trì‐fichead seachd uairean. Air an adhbhar sin is cosmhail rìoghachd nèimh ri rìgh àraidh lem b’àill cunntas a dhèanamh ra sheirbhisich. Agus nuair a thòisich e air cunntas a dhèanamh, thugadh aon da ionnsaigh air an robh aige deich mìle tàlann: Ach do bhrìgh nach robh aige nì leis an dìoladh e, dh’àithn a thighearna e fhèin, agus a bhean, agus a chlann, agus na h‑uile nithean a bha aige a reic, agus dìoladh a dhèanamh. Air an adhbhar sin thuit an seirbhiseach sin sìos, agus rinn e ùmhlachd dha, ag ràdh, A thighearna, dèan foighidinn rium, agus ìocaidh mi dhut an t‑iomlan. An sin air do thighearna an òglaich sin truas mòr a ghabhail dheth, leig e a chead dha, agus mhaith e na fiachan dha. Ach nuair a chaidh an seirbhiseach sin fhèin a‑mach, fhuair e aon de a cho‐sheirbhisich air an robh aige ceud pèighinn: agus chuir e làmh ann, agus rug e air sgòrnan air, ag ràdh, Ioc dhomh na bheil agam ort. Agus thuit a cho‐sheirbhiseach sìos aig a chasan, agus ghuidh e air, ag ràdh, Dèan foighidinn rium, agus ìocaidh mi dhut an t‑iomlan. Agus cha b’àill leis‐san sin: ach dh’imich e agus thilg e ann am prìosan e gus an ìocadh e na fiachan. Agus nuair a chunnaic a cho‐sheirbhisich na nithean a rinneadh, bha iad ro‑dhuilich, agus thàinig iad, agus dh’fhoillsich iad dan tighearna gach nì a rinneadh. An sin ghairm a thighearna air, agus thubhairt e ris, A dhroch sheirbhisich, mhaith mi dhut na fiachan ud uile, do bhrìgh gun do chuir thu impidh orm; Nach bu chòir dhutsa, mar an ceudna, tròcair a dhèanamh air do cho‐sheirbhiseach fhèin, amhail a rinn mise tròcair ortsa? Agus ghabh a thighearna fearg, agus thug e don luchd‐pianaidh e gus an ìocadh e a fhiachan uile dha. Agus mar sin nì m’Athair nèamhaidh ribhse, mura maith gach aon agaibh o ur cridheachan da bhràthair an cionta. Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran sin, gun d’imich e o Ghalile, agus thàinig e gu crìochan Iudèa, air an taobh thall de Iòrdan: Agus lean sluagh mòr e, agus shlànaich e iad an sin. Thàinig na Pharasaich mar an ceudna da ionnsaigh ga dhearbhadh, agus ag ràdh ris, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur uaithe air gach uile adhbhar? Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Nach do leugh sibh, An tì a rinn air tùs iad, gun do rinn e iad fear agus bean? Agus thubhairt e, Air an adhbhar seo fàgaidh duine a athair agus a mhàthair, agus dlùth‐leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad araon nan aon fheòil. Air an adhbhar sin, cha dithis iad nas mò, ach aon fheòil. Uime sin, an nì a cheangail Dia, na sgaoileadh duine. Thubhairt iad ris, Carson, mas eadh, a dh’àithn Maois litir‐dhealachaidh a thabhairt dhi, agus a cur air falbh? Thubhairt esan riu, Dh’fhuiling Maois dhuibhse, airson cruas ur cridhe, ur mnathan a chur uaibh: ach cha robh e mar sin o thùs. Agus tha mise ag ràdh ribh, ge bè a chuireas uaithe a bhean, ach airson strìopachais, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais: agus ge bè neach a phòsas ise a chuireadh air falbh, tha e a’ dèanamh adhaltranais. Thubhairt a dheisciobail ris, Mas e sin cor an fhir ra mhnaoi, chan eil am pòsadh math ra dhèanamh. Ach thubhairt esan riu, Chan eil na h‑uile dhaoine comasach air a’ chainnt seo a ghabhail, ach iadsan don tugadh e. Oir tha cuid nan caillteanaich, a rugadh mar sin o bhroinn am màthar; agus tha cuid de chaillteanaich ann a rinneadh nan caillteanaich le daoine; agus tha caillteanaich ann a rinn iad fhèin nan caillteanaich airson rìoghachd nèimh. Ge bè neach a tha comasach air a ghabhail da ionnsaigh, gabhadh e e. An sin thugadh clann bheag da ionnsaigh, a‑chum gun cuireadh e a làmhan orra, agus gun dèanadh e ùrnaigh: agus chronaich na deisciobail iad. Ach thubhairt Iosa, Fuilingibh do na leanaban, agus na bacaibh dhaibh teachd am ionnsaigh: oir is ann dan leithidean sin a tha rìoghachd nèimh. Agus an dèidh dha a làmhan a chur orra, dh’imich e as a sin. Agus, feuch, thàinig neach agus thubhairt e ris, A Mhaighistir mhaith, ciod am math a nì mi a‑chum gum faigh mi a’ bheatha mhaireannach? Agus thubhairt esan ris, Carson a ghoireadh tu math dhìomsa? Chan eil aon neach math ach a h‑aon, eadhon Dia: ach mas àill leat dol a‑steach a‑chum na beatha, coimhead na h‑àitheantan. Thubhairt esan ris, Cia iad? Agus thubhairt Iosa, Na dèan mortadh. Na dèan adhaltranas. Na goid. Na toir fianais bhrèige. Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin. Thubhairt an t‑òganach ris, Choimhead mi iad sin uile om òige: ciod a tha a dh’uireasbhaidh orm fhathast? Thubhairt Iosa ris, Mas àill leat a bhith coileanta, imich, reic na bheil agad, agus tabhair do na bochdan, agus gheibh thu ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise. Ach nuair a chuala an t‑òganach na briathran sin, dh’fhalbh e gu brònach: oir bha mòr‐shaoibhreas aige. An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gu bheil e cruaidh air duine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd nèimh. Agus a‑rìs tha mi ag ràdh ribh gur fhasa do chàmhal dol tro chrò snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè. Agus nuair a chuala a dheisciobail seo, ghabh iad iongantas mòr, ag ràdh, Cò mas eadh an neach a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh? Ach air amharc do Iosa orra, thubhairt e riu, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha na h‑uile nithean comasach. An sin fhreagair Peadar, agus thubhairt e ris, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa; air an adhbhar sin ciod a gheibh sinn? Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath‐ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair‐dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh‐dheug Israeil. Agus ge bè neach a thrèig taighean, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean‐phòsda, no clann, no fearann air sgàth m’ainme‐sa, gheibh e a cheud uiread, agus a’ bheatha mhaireannach mar oighreachd. Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh; agus air dheireadh, a bhios air thoiseach. Oir is cosmhail rìoghachd nèimh ri fear‐taighe, a chaidh a‑mach moch air mhadainn a thuarasdalachadh luchd‐obrach da ghàrradh‐fìona. Agus an dèidh dha còrdadh ris an luchd‐obrach air pèighinn Ròmanaich anns an là, chuir e da ghàrradh‐fìona iad. Agus nuair a chaidh e a‑mach timcheall na treas uaire, chunnaic e dream eile nan seasamh dìomhanach anns a’ mhargadh, Agus thubhairt e riu, Imichibh‐se mar an ceudna don ghàrradh‐fhìona, agus ge bè nì a bhios ceart, bheir mi dhuibh e. Agus dh’imich iad. Nuair a chaidh e a‑mach a‑rìs timcheall na siathamh agus na naoidheamh uaire, rinn e mar an ceudna. Agus nuair a chaidh e a‑mach mu thimcheall na h‑aon‐uaire‐deug, fhuair e dream eile nan seasamh dìomhanach, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh nur seasamh an seo feadh an là dìomhanach? Thubhairt iad ris, A chionn nach do thuarasdalaich duine air bith sinn. Thubhairt esan riu, Imichibh‐se mar an ceudna don ghàrradh‐fhìona, agus ge bè nì a tha ceart, gheibh sibh e. Agus nuair a thàinig am feasgar, thubhairt tighearna a’ ghàrraidh‐fhìona sin ra stiùbhard, Gairm an luchd‐obrach, agus thoir dhaibh an tuarasdal, a’ tòiseachadh on dream a thàinig mu dheireadh gu ruig na ciad daoine. Agus nuair a thàinig iadsan a thuarasdalaicheadh mu thimcheall na h‑aon‐uaire‐deug, fhuair gach duine dhiubh pèighinn. Ach nuair a thàinig an ciad dream, shaoil iadsan gum faigheadh iad na bu mhò; ach fhuair gach aon dhiubh mar an ceudna pèighinn. Agus air dhaibh a fhaotainn, rinn iad gearan an aghaidh fhir‐an‑taighe. Ag ràdh, An dream sin a thàinig mu dheireadh, cha do rinn iad obair ach aon uair, agus rinn thu iad ionnan rinne, a ghiùlain uallach agus teas an là. Ach fhreagair esan agus thubhairt e ri fear dhiubh, A charaid, chan eil mi a’ dèanamh eucoir ort: nach do chòrd thu rium air pèighinn? Tog leat do chuid fhèin, agus imich romhad: is i mo thoil‐sa a thabhairt don tì seo a thàinig mu dheireadh, mar a thug mi dhutsa. Nach eil e ceadaichte dhòmhsa an nì as àill leam a dhèanamh rim chuid fhèin? A bheil do shùil‐sa olc, airson gu bheil mise math? Mar sin bidh an dream dheireannach air thoiseach, agus an dream a tha air thoiseach air dheireadh: oir tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh. Agus a’ dol do Iosa suas gu Ierusalem, thug e an dà‑dheisciobal‐dheug leis a lethtaobh anns an t‑slighe, agus thubhairt e riu, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a bhrath thairis do na h‑àrd‐shagartan, agus do na sgrìobhaichean, agus dìtidh iad a‑chum bàis e. Agus bheir iad thairis e do na Cinnich a‑chum fanaid a dhèanamh air, agus a‑chum sgiùrsadh, agus a cheusadh: ach air an treas là èiridh e a‑rìs. An sin thàinig da ionnsaigh màthair clann Shebede maille ra mic, a’ toirt adhraidh dha, agus ag iarraidh nì àraidh air. Agus thubhairt esan rithe, Ciod a b’àill leat? Thubhairt i ris, Abair gun suidh iad seo mo dhithis mhac, fear aca air do làimh dheis, agus am fear eile air do làimh chlì, ann ad rìoghachd. Ach fhreagair Iosa agus thubhairt e, Chan eil fhios agaibh ciod a tha sibh ag iarraidh. A bheil sibh comasach air a’ chupan sin òl a dh’òlas mise, agus a bhith air ur baisteadh leis a’ bhaisteadh lem baistear mise? Thubhairt iad ris, Tha sinn comasach. Agus thubhairt esan riu, Olaidh sibh gu deimhinn dem chupan‐sa, agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh lem baistear mise: ach suidhe air mo làimh dheis agus chlì, cha leamsa sin a thabhairt, ach dhaibhsan dom bheil e air ullachadh lem Athair. Agus nuair a chuala an deichnear seo, bha iad diombach ris an dithis bhràithrean. Ach ghairm Iosa iad da ionnsaigh, agus thubhairt e, Tha fhios agaibh gu bheil aig uachdarain nan Cinneach tighearnas orra, agus gu bheil aig an daoine mòra smachd orra. Ach mar sin cha bhi e nur measg‐se: ach ge bè neach lem b’àill a bhith mòr nur measg, biodh e dhuibh na fhear‐frithealaidh. Agus ge bè air bith lem b’àill toiseach a bhith aige nur measg, biodh esan na sheirbhiseach dhuibh: Amhail mar nach tàinig Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thabhairt a anama fhèin mar èirig airson mhòran. Agus a’ dol a‑mach dhaibh à Iericho lean sluagh mòr e: Agus, feuch, dithis dhaoine dall, a bha nan suidhe ri taobh na slighe, nuair a chuala iad gu robh Iosa a’ dol seachad, ghlaodh iad, ag ràdh, Dèan tròcair oirnne, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh. Agus chronaich an sluagh iad, a‑chum gum biodh iad nan tosd: ach is mò a ghlaodh iadsan ag ràdh, Dèan tròcair oirnn, a Thighearna, a Mhic Daibhidh. Agus sheas Iosa, agus ghairm e iad, agus thubhairt e, Ciod as àill leibh mise a dhèanamh dhuibh? Thubhairt iadsan ris, A Thighearna, ar sùilean a bhith air am fosgladh. Agus ghabh Iosa truas dhiubh, agus bhean e rin sùilean: agus air ball thàinig fradharc dan sùilean, agus lean iad e. Agus nuair a dhruid iad ri Ierusalem, agus a thàinig iad gu Betphage, gu Sliabh nan Crann‐ola, an sin chuir Iosa dithis de a dheisciobail uaithe, Ag ràdh riu, Rachaibh don bhaile a tha thall fa ur comhair, agus air ball gheibh sibh asal ceangailte ann, agus loth maille rithe: fuasglaibh, agus thugaibh am ionnsaigh iad. Agus ma labhras aon duine nì air bith ribh, abraibh gu bheil feum aig an Tighearna orra; agus cuiridh e uaithe air ball iad. Rinneadh na nithean seo uile, a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh ag ràdh, Innsibh do nighean Shioin, Feuch, tha do Rìgh a’ teachd ad ionnsaigh gu ciùin, agus e na shuidhe air asail, agus air searrach, mac na h‑asail. Agus dh’imich na deisciobail, agus rinn iad mar a dh’àithn Iosa dhaibh; Agus thug iad an asal agus an loth leo, agus chuir iad am fallaingean orra, agus chuir iad esan na shuidhe air am muin. Agus sgaoil mòr‐shluagh am fallaingean air an t‑slighe; agus gheàrr dream eile geugan de na craobhan, agus leag iad air an t‑slighe iad. Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan! Agus nuair a thàinig e a‑steach do Ierusalem, ghluaiseadh am baile uile, ag ràdh, Cò e seo? Agus thubhairt an sluagh, Is e seo Iosa, am fàidh o Nàsaret Ghalile. Agus chaidh Iosa a‑steach do theampall Dhè, agus thilg e a‑mach iadsan uile a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall, agus thilg e bùird luchd‐malairt an airgid thairis, agus cathraichean luchd‐reic nan calaman, Agus thubhairt e riu, Tha e sgrìobhte, Goirear taigh ùrnaigh dem thaigh‐sa; ach rinn sibhse na gharaidh luchd‐reubainn e. Agus thàinig na doill agus na bacaich da ionnsaigh anns an teampall, agus shlànaich e iad. Agus nuair a chunnaic na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean na gnìomharan iongantach a rinn e, agus a’ chlann a’ glaodhaich anns an teampall, agus ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh, bha corraich mhòr orra, Agus thubhairt iad ris, An cluinn thu ciod a tha a’ mhuinntir sin ag ràdh? Agus thubhairt Iosa riu, Tha mi a’ cluinntinn; nach do leugh sibhse riamh, A beul naoidhean agus chìochran choilean thu moladh? Agus nuair a dh’fhàg e iad, chaidh e a‑mach as a’ bhaile gu Betani, agus dh’fhan e an sin. Agus nuair a thill e a‑chum a’ bhaile anns a’ mhadainn, bha acras air. Agus air dha crann‐fìge fhaicinn air an t‑slighe, thàinig e da ionnsaigh, agus cha d’fhuair e nì air bith air, ach duilleach a‑mhàin; agus thubhairt e ris, Na fàsadh toradh o seo suas gu bràth ort. Agus chrìon an crann‐fìge air ball. Agus nuair a chunnaic na deisciobail e, ghabh iad iongantas, ag ràdh, Cia luath a shearg an crann‐fìge as! Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas, chan e a‑mhàin gun dèan sibh an nì a rinneadh air a’ chrann‐fìge, ach mar an ceudna ma their sibh ris a’ bheinn seo, Bi air do thogail, agus air do thilgeadh anns an fhairge, bidh e dèante: Agus ge bè air bith nithean a dh’iarras sibh nur n‑ùrnaigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh iad. Agus nuair a thàinig e don teampall, thàinig na h‑àrd‐shagartan agus seanairean a’ phobaill da ionnsaigh, agus e a’ teagasg, ag ràdh ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thusa a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug an cumhachd seo dhut? Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Feòraichidh mise mar an ceudna aon nì dhibhse, agus ma dh’inneas sibh dhomh e, innsidh mise dhuibhse, air mhodh ceudna, ciod an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo. Baisteadh Eòin, cia as a thàinig e? O nèamh, no o dhaoine? Ach reusonaich iadsan nam measg fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, O nèamh, their esan rinn, Carson, mas eadh, nach do chreid sibh e? Ach ma their sinn, O dhaoine, tha eagal a’ phobaill oirnn; oir tha meas fàidh aig gach uile dhuine air Eòin. Agus fhreagair iad Iosa, agus thubhairt iad, Chan eil fhios againn. Agus thubhairt esan riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo. Ach ciod i ur barail‐se? Bha aig duine àraidh dithis mhac, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a’ chiad mhic, agus thubhairt e, A mhic, imich, dèan obair an‑diugh ann am ghàrradh‐fìona. Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Cha dèan: ach na dhèidh sin, ghabh e aithreachas agus dh’imich e. Agus thàinig e gus an dara mac, agus thubhairt e mar an ceudna. Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Thèid, a thighearna; gidheadh, cha deachaidh e. Cò den dithis a rinn toil a athar? Thubhairt iadsan ris, An ciad fhear. Thubhairt Iosa riu, Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun tèid na cìs‐mhaoir agus na strìopaichean do rìoghachd Dhè romhaibhse. Oir thàinig Eòin dur n‑ionnsaigh air slighe na fìreantachd agus cha do chreid sibh e: ach chreid na cìs‐mhaoir agus na strìopaichean e. Agus ged a chunnaic sibhse seo, cha do ghabh sibh aithreachas na dhèidh sin, a‑chum gun creideadh sibh e. Eisdibh ri cosamhlachd eile: Bha fear‐taighe àraidh ann, a phlanndaich fìonlios, agus chuir e gàrradh ma thimcheall, agus chladhaich e ionad‐bruthaidh an fhìona ann, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e; agus chaidh e fhèin air choigrich. Agus nuair a dhruid riu àm an toraidh, chuir e a sheirbhisich a dh’ionnsaigh na tuatha, a dh’fhaotainn a thoraidh. Agus rug an tuath air a sheirbhisich, agus ghabh iad air fear dhiubh, agus mharbh iad fear eile, agus chlach iad fear eile. A‑rìs, chuir e seirbhisich eile uaithe, tuilleadh na anns a’ chiad chuideachd; agus rinn iad orrasan mar an ceudna. Ach mu dheireadh, chuir e a mhac fhèin dan ionnsaigh, ag ràdh, Bheir iad urram dom mhac. Ach nuair a chunnaic an tuath am mac, thubhairt iad eatorra fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus glacamaid a oighreachd‐san dhuinn fhèin. Agus rug iad air, agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e, agus mharbh iad e. Air an adhbhar sin, nuair a thig tighearna an fhìonlios sin, ciod a nì e ris an tuath sin? Thubhairt iad ris, Sgriosaidh e gu truagh na droch dhaoine sin, agus suidhichidh e am fìonlios air tuath eile, a bheir a thoradh dha na aimsir fhèin. Thubhairt Iosa riu, Nach do leugh sibh riamh anns na sgriobtairean, A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh i na cloich‐chinn na h‑oisne: is e an Tighearna a rinn seo, agus tha e iongantach nar sùilean‐ne? Uime sin tha mi ag ràdh ribh gun toirear rìoghachd Dhè uaibhse, agus gun toirear do chinneach eile i, a bheir a toradh uapa. Agus ge bè neach a thuiteas air a’ chloich seo, brisear e; ach ge bè air an tuit i, nì i mìn‐luaithre dheth. Agus nuair a chuala na h‑àrd‐shagartan agus na Pharasaich a chosamhlachdan‐san, thuig iad gum b’ann mun timcheall fhèin a labhair e. Ach nuair a bu mhiann leo breith air, bha eagal a’ phobaill orra, oir bha meas fàidh acasan air. Agus fhreagair Iosa, agus labhair e riu a‑rìs ann an cosamhlachdan, ag ràdh, Is cosmhail rìoghachd nèimh ri rìgh àraidh, a rinn cuirm phòsaidh da mhac fhèin; Agus chuir e a sheirbhisich a ghairm na muinntir a fhuair cuireadh a‑chum na bainnse: ach cha b’àill leòsan teachd. A‑rìs, chuir e dan ionnsaigh seirbhisich eile, ag ràdh, Abraibh‐se ris a’ mhuinntir don tugadh cuireadh, Feuch, dheasaich mi mo dhìnnear: tha mo dhaimh agus mo sprèidh bhiadhte air am marbhadh, agus tha na h‑uile nithean ullamh; thigibh a‑chum na bainnse. Ach chuir iadsan an suarachas e, agus dh’imich iad romhpa, fear dhiubh gu a fhearann, agus fear eile a‑chum a cheannachd: Agus rug a’ chuid eile dhiubh air a sheirbhisich, agus thug iad masladh dhaibh, agus mharbh iad iad. Ach nuair a chuala an rìgh seo ghabh e fearg; agus chuir e a armailtean uaithe, agus sgrios e an luchd‐mortaidh sin, agus loisg e am baile‐san. An sin thubhairt e ra sheirbhisich, Gu fìrinneach tha a’ bhanais ullamh; gidheadh an dream a fhuair cuireadh, cha b’airidh iad air. Air an adhbhar sin imichibh‐se gus na rathaidean mòra, agus a mheud is a gheibh sibh, cuiribh iad a‑chum na bainnse. Agus chaidh na seirbhisich sin a‑mach air na rathaidean, agus chruinnich iad gach uile neach a fhuair iad eadar olc agus mhath: agus lìonadh taigh na bainnse le muinntir a shuidh a‑chum bìdh. Agus air dol a‑steach don rìgh a dh’fhaicinn nan aoidhean, chunnaic e an sin duine aig nach robh trusgan na bainnse uime: Agus thubhairt e ris, A charaid, cionnas a thàinig thusa a‑steach an seo, gun trusgan na bainnse umad? Ach dh’fhan esan na thosd. An sin thubhairt an rìgh ris na seirbhisich, Air a cheangal dhuibh eadar chasan agus làmhan, togaibh leibh e, agus tilgibh e anns an dorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal. Oir tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh. An sin dh’imich na Pharasaich, agus ghabh iad comhairle cionnas a dh’fhaodadh iad esan a ribeadh na chainnt. Agus chuir iad da ionnsaigh an deisciobail fhèin maille ri luchd‐leanmhainn Heroid, ag ràdh, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìor, agus gu bheil thu a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn, agus nach eil suim agad de dhuine sam bith: oir chan eil thu ag amharc air pearsa dhaoine. Uime sin innis dhuinne do bharail, A bheil e ceadaichte cìs a thabhairt do Chèasar, no nach eil? Ach air tuigsinn am mìoruin do Iosa, thubhairt e, Carson a tha sibh gam bhuaireadh, a chealgairean? Nochdaibh dhòmhsa airgead na cìse. Agus thug iad da ionnsaigh pèighinn. Agus thubhairt e riu, Cò dha a bhuineas an dealbh seo, agus an sgrìobhadh a tha ma thimcheall? Thubhairt iadsan ris, Do Chèasar. An sin thubhairt esan riu, Thugaibh uime sin do Chèasar na nithean as le Cèasar; agus do Dhia na nithean as le Dia. Agus nuair a chuala iad seo, ghabh iad iongantas, agus dh’fhàg iad e, agus dh’imich iad romhpa. Air an là sin fhèin thàinig da ionnsaigh na Sadusaich, a their nach eil aiseirigh ann, agus chuir iad ceist air. Ag ràdh, A Mhaighistir, thubhairt Maois, Ma gheibh duine bàs gun chlann aige, gur còir da bhràthair a bhean‐san a phòsadh de dhlighe dàimhe, agus sliochd a thogail da bhràthair. A‑nis bha seachdnar bhràithrean nar measg‐ne; agus air don chiad fhear dhiubh bean a phòsadh, fhuair e bàs, agus do bhrìgh nach robh sliochd aige, dh’fhàg e a bhean da bhràthair. Agus thachair mar an ceudna don dara, agus don treas bràthair, gu ruig an seachdamh. Agus nan dèidh uile fhuair a’ bhean bàs mar an ceudna. Air an adhbhar sin, anns an aiseirigh cò den t‑seachdnar dom bean i? Oir bha i aca uile. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Tha sibh air seachran, gun eòlas agaibh air na sgriobtairean, no air cumhachd Dhè: Oir anns an aiseirigh cha dèan iad pòsadh, cha mhò a bheirear ann am pòsadh iad; ach tha iad mar aingil Dhè air nèamh. Ach mu thimcheall aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an nì sin a labhradh ribh le Dia, ag ràdh, Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib? Chan e Dia Dia nam marbh, ach nam beò. Agus nuair a chuala am poball seo, ghabh iad iongantas ra theagasg‐san. Ach nuair a chuala na Pharasaich gun do chuir e na Sadusaich nan tosd, chruinnicheadh iad an ceann a chèile. An sin chuir neach àraidh dhiubh, a bha na fhear‐teagaisg an lagha, ceist air, ga dhearbhadh, agus ag ràdh, A Mhaighistir, cia i an àithne as mò anns an lagh? Thubhairt Iosa ris, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile inntinn. Is i seo a’ chiad àithne agus an àithne mhòr. Agus is cosmhail an dara rithe seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin. Air an dà àithne seo tha an lagh uile agus na fàidhean an crochadh. Ach air do na Pharasaich a bhith cruinn an ceann a chèile, dh’fheòraich Iosa dhiubh, Ag ràdh, Ciod i ur barail‐se mu thimcheall Chrìosd? Cò dom mac e? Thubhairt iadsan ris, Do Dhaibhidh. Thubhairt esan riu, Cionnas mas eadh a ghoireas Daibhidh anns an spiorad a Thighearna dheth, ag ràdh, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan? Air an adhbhar sin, ma ghoireas Daibhidh a Thighearna dheth, cionnas as mac dha e? Agus cha b’urrainn aon neach freagradh sam bith a thabhairt air; cha mhò a bha chridhe aig aon neach, on là sin suas, nì air bith fheòrach dheth. An sin labhair Iosa ris an t‑sluagh, agus ra dheisciobail fhèin, Ag ràdh, Tha na sgrìobhaichean agus na Pharasaich nan suidhe ann an cathair Mhaois: Air an adhbhar sin, na h‑uile nithean a dh’iarras iad oirbhse a choimhead, coimheadaibh agus dèanaibh iad; ach na dèanaibh a rèir an obraichean: oir their iad, agus cha dèan iad. Oir ceanglaidh iad uallaichean troma agus do‑iomchair, agus cuiridh iad iad air guaillean dhaoine; gidheadh, cha charaich iad fhèin iad le aon dem meuran. Ach an obraichean uile tha iad a’ dèanamh a‑chum a bhith air am faicinn le daoine: nì iad am philactaraidhean leathann, agus iomall an aodaich mòr; Agus is ionmhainn leo na ciad ionadan‐suidhe anns na fèillean, agus na ciad chathraichean anns na coitheanail, Agus fàilte fhaghail air na margaidhean, agus daoine a ghairm Rabbi, Rabbi dhiubh. Ach na goirear Rabbi dhibhse: oir is aon àrd‐mhaighistir a tha agaibh, Crìosd; agus is bràithrean sibh fhèin uile. Agus na goiribh ur n‑athair de dhuine sam bith air thalamh: oir is aon Athair a tha agaibh, a tha air nèamh. Cha mhò a ghoirear àrd‐mhaighistirean dhibh: oir is aon àrd‐mhaighistir a tha agaibh, eadhon Crìosd. Ach an tì as mò nur measg, bidh e na òglach agaibh. Agus ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e. Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh ag ithe suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a’ dèanamh ùrnaighean fada; uime sin gheibh sibh an dìteadh as mò. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir cuartaichidh sibh muir agus tìr a‑chum aon duine a dhèanamh de ur creideamh fhèin; agus nuair a bhios e dèante, nì sibh mac ifrinn dheth dà uair nas mò na sibh fhèin. Is an‑aoibhinn dhuibh, a chinn‐iùil dhalla, a their, Ge bè duine a bheir mionnan air an teampall, cha nì air bith sin: ach ge bè a bheir mionnan air òr an teampaill, tha e ceangailte. Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an t‑òr, no an teampall a tha a’ naomhachadh an òir? Agus, Ge bè a bheir mionnan air an altair, chan eil suim ann: ach ge bè a bheir mionnan air an tìodhlac a tha oirre, tha e ceangailte. Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an tìodhlac, no an altair a tha a’ naomhachadh an tìodhlaic? Air an adhbhar sin, ge bè a mhionnaicheas air an altair, tha e a’ mionnachadh oirre fhèin, agus air gach nì a tha oirre. Agus ge bè a mhionnaicheas air an teampall, tha e a’ mionnachadh airsan, agus air an Tì a tha na chòmhnaidh ann. Agus ge bè neach a mhionnaicheas air nèamh, tha e a’ mionnachadh air rìgh‐chathair Dhè, agus airsan a tha na shuidhe oirre. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh a’ toirt an deichimh as a’ mhionnt, agus an anise, agus a’ chuimin, agus dhearmaid sibh nithean cudthromach an lagha, cothrom, tròcair, agus fìrinn: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh. A chinn‐iùil dhalla, a shìolaidheas a’ mheanbh‐chuileag, agus a shluigeas an càmhal. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir glanaidh sibh an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis, ach tha iad an taobh a‑staigh làn reubainn agus eucoir. Pharasaich dhoill, glan air tùs an taobh a‑staigh den chupan agus den mhèis, a‑chum gum bi an taobh a‑muigh dhiubh glan mar an ceudna. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir is cosmhail sibh ri uaighean gealaichte, a tha maiseach air an taobh a‑muigh, ach air an taobh a‑staigh a tha làn de chnàmhan dhaoine marbha, agus den uile shalchar. Mar an ceudna, tha sibhse an leth a‑muigh am fianais dhaoine ann an coslas fhìreanan, ach anns an taobh a‑staigh làn ceilg agus easaontais. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh a’ togail àitean‐adhlaic nam fàidhean, agus a’ dèanamh leacan‐laighe nam fìrean maiseach. Agus ag ràdh, Nam bitheamaid ann an làithean ar n‑athraichean, cha bhitheamaid compàirteach riu ann am fuil nam fàidhean. Mar sin tha sibh nur fianaisean nur n‑aghaidh fhèin gur sibh clann na muinntir a mharbh na fàidhean. Mar sin lìonaibh‐se suas tomhas ur n‑athraichean. A nathraichean, a shìol nan nathraichean nimhe, cionnas a dh’fhaodar leibh a dhol as o dhamnadh ifrinn? Air an adhbhar sin, feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh fàidhean, agus daoine glice, agus sgrìobhaichean; agus cuid dhiubh marbhaidh agus ceusaidh sibh, agus cuid dhiubh sgiùrsaidh sibh nur sionagogan, agus nì sibh geur‐leanmhainn orra o bhaile gu baile: A‑chum gun tig oirbh gach uile fhuil fhìreanta a dhòrtadh air an talamh, o fhuil Abeil fhìreanta gu fuil Shachariais mhic Bharachiais, a mharbh sibh eadar an teampall agus an altair. Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun tig na nithean seo uile air a’ ghinealach seo. A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh, cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh ri chèile, mar a chruinnicheas cearc a h‑eòin fo a sgiathan, agus cha b’àill leibhse! Feuch, fàgar ur taigh agaibh na fhàsach. Oir tha mise ag ràdh ribh nach faic sibh mise o seo suas, gus an abair sibh, Is beannaichte an Tì a thig ann an ainm an Tighearna. Agus chaidh Iosa a‑mach, agus dh’imich e on teampall; agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, a nochdadh dha aitreabh an teampaill. Agus thubhairt Iosa riu, Nach faic sibh iad seo uile? Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh nach fàgar clach air muin cloiche an seo nach tilgear sìos. Agus air suidhe dha air Sliabh nan Crann‐ola, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh ann an uaigneas, ag ràdh, Innis dhuinne cuin a thig na nithean sin gu crìch, agus ciod e comharradh do theachd‐sa, agus crìoch an t‑saoghail? Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire nach meall aon neach sibh: Oir thig mòran ann am ainm‐sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus meallaidh iad mòran. Agus cluinnidh sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean: thugaibh an aire nach bi sibh fo amhluadh: oir is èiginn do na nithean sin uile teachd gu crìch, ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast. Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh gortan, agus plàighean, agus crithean‐talmhainn ann am mòran àitean. Agus chan eil annta seo uile ach toiseach thruaighean. An sin bheir iad thairis sibh a‑chum àmhghair, agus marbhaidh iad sibh, agus bidh fuath aig gach uile chinneach dhuibh air sgàth m’ainme‐sa. Agus an sin gabhaidh mòran oilbheum, agus brathaidh iad a chèile, agus bidh fuath aca da chèile. Agus èiridh mòran fhàidhean brèige, agus meallaidh iad mòran. Agus do bhrìgh gum bi an eucoir air a meudachadh, fuaraichidh gràdh mhòran. Ach ge bè a bhios seasmhach gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar. Agus bidh soisgeul seo na rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an domhain uile, mar fhianais do na h‑uile chinnich: agus an sin thig a’ chrìoch. Air an adhbhar sin, nuair a chì sibhse gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad naomh (tuigeadh an tì a leughas), An sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudèa a‑chum nam beann: An tì a tha air mullach an taighe, na tigeadh e a‑nuas a thabhairt nì sam bith leis as a thaigh: Agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh e air ais a thogail a fhallaing leis. Agus is an‑aoibhinn do na mnathan torrach, agus dhaibhsan a bheir cìoch uapa anns na làithean sin. Ach guidhibh‐se gun ur teicheadh a bhith anns a’ gheamhradh no air an t‑sàbaid: Oir anns an àm sin bidh àmhghar mòr ann, amhail nach robh ann o thùs an domhain gus a‑nis, agus nach mò a bhios a‑chaoidh. Agus mura biodh na làithean sin air an giorrachadh, cha bhiodh feòil sam bith air a tèarnadh: ach airson nan daoine taghte bidh na làithean sin air an giorrachadh. An sin ma their aon duine ribh, Feuch, tha Crìosd an seo, no an siud; na creidibh e: Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin. Feuch, dh’innis mi dhuibh e ro‑làimh. Uime sin ma their iad ribh, Feuch, tha e anns an fhàsach, na rachaibh a‑mach: feuch, tha e anns na seòmraichean uaigneach, na creidibh sin. Oir mar a thig an dealanach on àird an ear, agus a dhealraicheas e gus an àird an iar, mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine. Oir ge bè àite anns am bi a’ chairbh, is ann an sin a chruinnichear na h‑iolairean. Air ball an dèidh trioblaid nan làithean ud, dorchaichear a’ ghrian, agus cha tabhair a’ ghealach a solas, agus tuitidh na reultan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh. Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr. Agus cuiridh e a‑mach aingeal le fuaim mhòir na gall‐truimp, agus cruinnichidh iad a shluagh taghte o na ceithir gaothan, o leth‐iomall nèimh gus an leth‐iomall eile. Ach fòghlamaibh cosamhlachd on chrann‐fìge: nuair a bhios a gheug a‑nis maoth, agus a dh’fhàsas an duilleach, aithnichidh sibh gur fagas an samhradh: Agus mar an ceudna, nuair a chì sibhse na nithean sin uile, biodh fhios agaibh gu bheil e am fagas, eadhon aig na dorsan. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach tèid an ginealach seo fhèin thairis gus an tachair na nithean seo uile. Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran‐sa thairis a‑chaoidh. Ach chan eil fios an là no na h‑uaire sin aig duine air bith, no fòs aig ainglean nèimh, ach aig m’Athair‐sa a‑mhàin. Ach amhail a bha làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine. Oir mar a bha iad anns na làithean ron tuil ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus a’ toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach anns an àirc, Agus nach robh fhios aca gus an tàinig an tuil, agus an do thog i leatha iad uile; mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine. An sin bidh dithis air a’ mhachair; gabhar fear aca, agus fàgar am fear eile. Bidh dithis bhan a’ meileadh anns a’ mhuileann; gabhar aon dhiubh, agus fàgar an aon eile. Uime sin dèanaibh‐se faire, oir chan eil fhios agaibh ciod an uair anns an tig ur Tighearna. Ach tha fhios seo agaibh, nam b’fhiosrach fear‐an‑taighe ciod an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e gum briseadh a thaigh troimhe. Uime sin, bithibh‐se ullamh mar an ceudna: oir nuair nach saoil sibh, thig Mac an Duine. Cò e, mas eadh, a tha na òglach fìrinneach agus glic, a chuir a thighearna os cionn a mhuinntir, a thabhairt bìdh dhaibh na àm fhèin? Is beannaichte an t‑òglach sin a gheibh a thighearna, ri àm dha teachd, a’ dèanamh mar sin. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun cuir e e os cionn a mhaoin gu h‑iomlan. Ach ma their an droch sheirbhiseach ud na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàil na theachd; Agus ma thòisicheas e air a cho‐sheirbhisich a bhualadh, agus air ithe agus òl maille ri luchd‐misge: Thig tighearna an òglaich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha. Agus gearraidh e na bhloighdean e, agus bheir e a chuibhreann dha maille ris na cealgairean: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal. An sin samhlaichear rìoghachd nèimh ri deich òighean a thug leo an lòchrain, agus a chaidh a‑mach an còdhail an fhir nuadh‐phòsda. Agus bha còignear dhiubh glic, agus còignear amaideach. Thug iadsan a bha amaideach an lòchrain leo, ach cha tug iad ola leo. Ach iadsan a bha glic, thug iad ola leo nan soithichean maille rin lòchrain. Agus air dèanamh moille don fhear nuadh‐phòsda, thuit clò cadail orra uile, agus suain. Ach anns a’ mheadhon‐oidhche, rinneadh glaodh, Feuch, tha am fear nuadh‐pòsda a’ teachd; rachaibh a‑mach ga choinneachadh. An sin dh’èirich na h‑òighean ud uile, agus dheasaich iad an lòchrain. Agus thubhairt na h‑òighean amaideach riùsan a bha glic, Thoiribh dhuinne cuid de ur n‑ola: oir tha ar lòchrain a’ dol as. Ach fhreagair iadsan a bha glic, ag ràdh, Air eagal nach bi gu leòr ann dhuinn fhèin agus dhuibhse, gum b’fheàrr leibh dol a‑chum an luchd‐reic; agus ceannaichibh dhuibh fhèin. Agus am feadh a bha iad a’ dol a cheannach, thàinig am fear nuadh‐pòsda; agus chaidh iadsan a bha ullamh a‑steach leis a‑chum a’ phòsaidh, agus dhruideadh an doras. Na dhèidh sin, thàinig mar an ceudna na h‑òighean eile, ag ràdh, A thighearna, a thighearna, fosgail dhuinne. Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach aithne dhomh sibh. Dèanaibh faire air an adhbhar sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair air an tig Mac an Duine. Oir is cosmhail e ri duine a’ dol air choigrich, a ghairm a sheirbhisich, agus a thug dhaibh a mhaoin: Agus do aon dhiubh thug e còig tàlannan, agus do neach eile a dhà, agus do neach eile a h‑aon; do gach aon fa leth a rèir a chomais; agus air ball ghabh e a thuras. Agus dh’imich esan a fhuair na còig tàlannan, agus rinn e ceannachd leo, agus bhuannaich e còig tàlannan eile. Agus mar an ceudna esan a fhuair a dhà, bhuannaich e dithis eile. Ach an tì a fhuair a h‑aon, dh’imich e agus chladhaich e anns an talamh, agus dh’fhalaich e airgead a mhaighistir. An dèidh aimsir fhada thàinig tighearna nan seirbhiseach sin, agus rinn e cunntas riu. Agus thàinig esan a fhuair na còig tàlannan, agus thug e leis còig tàlannan eile, ag ràdh, A thighearna, thug thu dhòmhsa còig tàlannan: feuch, bhuannaich mi còig tàlannan eile a thuilleadh orra. Agus thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan, cuiridh mise os cionn mhòran thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna. Agus thàinig esan a fhuair an dà thàlann, agus thubhairt e, A thighearna, thug thu dhòmhsa dà thàlann: feuch, bhuannaich mi dà thàlann eile a thuilleadh orra. Thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan de nithean, cuiridh mise os cionn mòran de nithean thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna. Ach nuair a thàinig esan a fhuair an t‑aon tàlann, thubhairt e, A thighearna, bha fhios agam gur duine cruaidh thu, a bhuaineas anns an àite anns nach do chuir thu, agus a thionaileas anns an ionad anns nach do sgaoil thu; Agus air dhomh a bhith fo eagal, chaidh mi agus dh’fhalaich mi do thàlann anns an talamh: feuch, sin agad do chuid fhèin. Fhreagair a thighearna agus thubhairt e ris, A sheirbhisich uilc agus leisg, bha fhios agad gum buaininn‐sa anns an àit anns nach do chuir mi, agus gun tionalainn as an ionad anns nach do sgaoil mi; Bu chòir dhut, uime sin, m’airgead a thabhairt don luchd‐malairt agus air dhomh teachd, gheibhinn mo chuid fhèin maille ra riadh. Buinibh uaithe, uime sin, an tàlann, agus thugaibh dhàsan e aig a bheil na deich tàlannan. (Oir do gach neach aig a bheil, bheirear, agus bidh aige gu pailt: ach uaithesan aig nach eil, bheirear eadhon an nì sin a tha aige.) Agus tilgibh an seirbhiseach mi‑thairbheach seo do dhorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal. Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile maille ris, an sin suidhidh e air cathair rìoghail a ghlòire: Agus cruinnichear na làthair na h‑uile chinnich; agus sgaraidh e iad o chèile, amhail a sgaras buachaille na caoraich o na gobhair: Agus cuiridh e na caoraich air a làimh dheis, ach na gobhair air a làimh chlì. An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar‐sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain: Oir bha mi acrach, agus thug sibh dhomh biadh: bha mi tartmhor, agus thug sibh dhomh deoch: bha mi am choigreach, agus thug sibh aoigheachd dhomh: Lomnochd, agus dh’èidich sibh mi: bha mi easlan, agus thàinig sibh gam amharc: bha mi ann am prìosan, agus thàinig sibh am ionnsaigh. An sin freagraidh na fìreanan e, ag ràdh, A Thighearna, cuin a chunnaic sinn acrach thu, agus a bheathaich sinn thu, no tartmhor, agus a thug sinn deoch dhut? No cuin a chunnaic sinn ad choigreach thu, agus a thug sinn aoigheachd dhut, no lomnochd, agus a dh’èidich sinn thu? No cuin a chunnaic sinn easlan thu, no ann am prìosan, agus a thàinig sinn ad ionnsaigh? Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e. An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean: Oir bha mi acrach, agus cha tug sibh dhomh biadh; bha mi tartmhor, agus cha tug sibh dhomh deoch: Bha mi am choigreach, agus cha tug sibh aoigheachd dhomh: lomnochd, agus cha d’èidich sibh mi: easlan agus ann am prìosan, agus cha tàinig sibh gam amharc. An sin freagraidh iadsan mar an ceudna e, ag ràdh, A Thighearna, cuin a chunnaic sinne thu acrach, no tartmhor, no ad choigreach, no lomnochd, no easlan, no am prìosan, agus nach do fhritheil sinn dhut? An sin freagraidh esan iad, ag ràdh, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is nach do rinn sibh e don neach as lugha dhiubh seo, cha do rinn sibh dhòmhsa e. Agus imichidh iadsan a‑chum peanais shìorraidh; ach na fìreanan a‑chum na beatha maireannaich. Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran seo uile, gun dubhairt e ra dheisciobail, Tha fhios agaibh gu bheil a’ chàisg an dèidh dà là, agus tha Mac an Duine air a bhrath a‑chum a cheusadh. An sin chruinnich uachdarain nan sagart, agus na sgrìobhaichean, agus seanairean a’ phobaill, gu talla an àrd‐shagairt, den goirear Caiaphas, Agus ghabh iad comhairle le chèile a‑chum Iosa a ghlacadh le foill, agus a chur gu bàs. Ach thubhairt iad, Na dèanamaid e anns an fhèill, air eagal gum bi buaireas am measg a’ phobaill. Agus air do Iosa a bhith ann am Betani, ann an taigh Shìmoin an lobhar, Thàinig bean da ionnsaigh aig an robh bocsa alabastair làn de ola ro‑luachmhor, agus dhòirt i air a cheann e, agus e na shuidhe aig biadh. Ach nuair a chunnaic a dheisciobail sin, bha fearg orra, ag ràdh, Ciod as ciall don ana‐caitheamh seo? Oir dh’fhaodadh an ola seo a bhith air a reic air mhòran, agus a bhith air a toirt do na bochdan. Ach air aithneachadh seo do Iosa, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ cur dragh air a’ mhnaoi? Oir rinn i deagh obair dhòmhsa. Oir tha na bochdan agaibh a‑ghnàth maille ribh, ach chan eil mise agaibh a‑ghnàth. Oir air dòrtadh na h‑ola seo dhi air mo chorp‐sa, is ann fa chomhair m’adhlacaidh a rinn i e. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè àite anns am bi an soisgeul seo air a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu h‑iomlan, aithrisear an nì a rinn a’ bhean seo, mar chuimhne oirre. An sin dh’imich aon den dà‑fhear‐dheug, dom b’ainm Iùdas Iscariot, a‑chum nan àrd‐shagart. Agus thubhairt e, Ciod a bheir sibh dhòmhsa, agus brathaidh mi dhuibh e? Agus chòrd iad ris air dheich‐buinn‐fhichead airgid. Agus on àm sin a‑mach dh’iarr e fàth air esan a bhrath. Agus air a’ chiad là de fhèill an arain neo‐ghortaichte, thàinig na deisciobail a‑chum Iosa, ag ràdh ris, Càit an àill leat sinne a dh’ullachadh dhut, a‑chum gun ith thu a’ chàisg? Agus thubhairt esan, Rachaibh don bhaile gu a leithid seo de dhuine, agus abraibh ris, Tha am Maighistir ag ràdh, Tha m’àm am fagas: cumaidh mi a’ chàisg aig do thaigh‐sa maille rim dheisciobail. Agus rinn na deisciobail mar a dh’òrdaich Iosa dhaibh, agus dheasaich iad a’ chàisg. Agus nuair a thàinig am feasgar, shuidh e maille ris an dà‑fhear‐dheug. Agus ag ithe dhaibh, thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath fear dhibh mise. Agus bha iad ro‑bhrònach, agus thòisich gach aon aca fa‑leth air a ràdh ris, Am mise e, a Thighearna? Agus fhreagair esan agus thubhairt e, An tì a thumas a làmh anns a’ mhèis maille riumsa, brathaidh esan mi. Gu deimhinn tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar tha e sgrìobhte ma thimcheall: ach is an‑aoibhinn don duine sin lem brathar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e. An sin fhreagair Iùdas a bhrath e, agus thubhairt e, A Mhaighistir, am mise e? Thubhairt esan ris, Thubhairt thu. Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thug e do na deisciobail e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp‐sa. Agus air glacadh a’ chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhaibh e, ag ràdh, Olaibh uile dheth: Oir is i seo m’fhuil‐sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran a‑chum maitheanas pheacaidhean. Ach tha mi ag ràdh ribh nach òl mi à seo suas de thoradh seo na fìonain, gus an là sin anns an òl mi e nuadh maille ribh ann an rìoghachd m’Athar. Agus air dhaibh laoidh a sheinn, chaidh iad a‑mach gu Sliabh nan Crann‐ola. An sin thubhairt Iosa riu, Gheibh sibh uile oilbheum annamsa a‑nochd; oir tha e sgrìobhte, Buailidh mi am buachaille, agus sgapar caoraich an treuda. Ach an dèidh dhòmhsa èirigh a‑rìs, thèid mi romhaibh do Ghalile. Agus fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Ged gheibh na h‑uile dhaoine oilbheum annad, chan fhaigh mise oilbheum gu bràth. Thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, air an oidhche seo fhèin mun goir an coileach, gun àich thu mi trì uairean. Thubhairt Peadar ris, Ged b’èiginn dhomh bàsachadh maille riut, chan àich mi thu. Agus thubhairt na deisciobail uile mar an ceudna. An sin thàinig Iosa maille riu gu ionad den goirear Getsemane, agus thubhairt e ris na deisciobail, Suidhibh‐se an seo gus an tèid mise a dhèanamh ùrnaigh an siud. Agus thug e Peadar leis, agus dithis mhac Shebede, agus thòisich e air a bhith brònach, agus ro‑dhoilgheasach. An sin thubhairt e riu, Tha m’anam ro‑bhrònach, eadhon gu bàs: fanaibh‐se an seo, agus dèanaibh faire maille riumsa. Agus dh’imich e beagan air adhart, agus thuit e air a aghaidh, a’ dèanamh ùrnaigh, agus ag ràdh, O m’Athair, ma dh’fhaodas e a bhith, rachadh an cupan seo seachad orm; gidheadh, na biodh e mar as àill leamsa, ach mar as toil leatsa. Agus thàinig e a‑chum nan deisciobal, agus fhuair e nan cadal iad, agus thubhairt e ri Peadar, An ann mar sin, nach b’urrainn sibh faire a dhèanamh aon uair a‑mhàin maille riumsa? Dèanaibh faire agus ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh: tha gun amharas an spiorad togarrach; ach tha an fheòil anfhann. A‑rìs an dara uair, dh’imich e agus rinn e ùrnaigh, ag ràdh, O m’Athair, mura faodar gun tèid an cupan seo seachad orm gun mi ga òl, do thoil‐sa gu robh dèante. Agus thàinig e agus fhuair e iad a‑rìs nan cadal, oir bha an sùilean trom. Agus dh’fhàg e iad, agus dh’imich e a‑rìs, agus rinn e ùrnaigh an treas uair, ag ràdh nam briathar ceudna. An sin thàinig e a‑chum a dheisciobal, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois; feuch, tha an uair air druideadh, agus tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan pheacach. Eiribh, imicheamaid: feuch, tha an tì a bhrathas mise am fagas. Agus air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear‐dheug, agus maille ris cuideachd mhòr le claidheamhan agus bataichean o na h‑àrd‐shagartan agus o sheanairean a’ phobaill. A‑nis bha an tì a bhrath esan air tabhairt comharraidh dhaibh, ag ràdh, Ge bè neach a phògas mise, is e sin e; dèanaibh greim air. Agus air ball thàinig e a‑chum Iosa, agus thubhairt e, Fàilte dhut, a Mhaighistir; agus phòg e e. Ach thubhairt Iosa ris, A charaid, carson a thàinig thu? An sin thàinig iad, agus chuir iad làmh ann an Iosa, agus ghlac iad e. Agus, feuch, shìn aon dhiubhsan a bha maille ri Iosa a làmh, agus tharraing e a chlaidheamh, agus air dha seirbhiseach an àrd‐shagairt a bhualadh, gheàrr e a chluas dheth. An sin thubhairt Iosa ris, Cuir a‑rìs do chlaidheamh air ais na ionad fhèin, oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh, tuitidh iad leis a’ chlaidheamh. An saoil thusa nach faod mise a‑nis m’Athair a ghuidhe, agus bheir e dhomh tuilleadh na dà‑lègion‐dheug de ainglean? Ach cionnas an sin a bhiodh na sgriobtairean air an coileanadh, a tha ag ràdh gur ann mar seo as èiginn tachairt? Anns an uair sin fhèin thubhairt Iosa ris an t‑sluagh, An tàinig sibh a‑mach mar gum b’ann an aghaidh gadaiche, le claidheamhan agus bataichean a‑chum mise a ghlacadh? Bha mi gach là am shuidhe maille ribh anns an teampall a’ teagasg agus cha do chuir sibh làmh annam. Ach thachair seo uile a‑chum gum biodh sgriobtairean nam fàidhean air an coileanadh. An sin thrèig na deisciobail uile e, agus theich iad. Agus air dhaibhsan Iosa a ghlacadh, thug iad leo e gu Caiaphas an t‑àrd‐shagart, far an robh na sgrìobhaichean agus na seanairean air cruinneachadh. Ach lean Peadar e fad uapa, eadhon gu talla an àrd‐shagairt, agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e maille ris na seirbhisich a dh’fhaicinn na crìche. Agus dh’iarr na h‑àrd‐shagartan agus na seanairean, agus a’ chomhairle uile, fianais bhrèige an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs. Ach cha d’fhuair iad i: seadh, ged a thàinig mòran fhianaisean brèige, cha d’fhuair iad i. Fa‑dheòidh thàinig dà fhianais bhrèige. Agus thubhairt iad, Thubhairt am fear seo, Is urrainn mise teampall Dhè a leagail, agus a thogail a‑rìs ann an trì làithean. Agus air don àrd‐shagart èirigh, thubhairt e ris, Nach freagair thu a’ bheag? Ciod e a tha iad sin a’ toirt am fianais ad aghaidh? Ach dh’fhan Iosa na thosd. Agus fhreagair an t‑àrd‐shagart agus thubhairt e ris, Tha mi gad mhionnachadh air an Dia bheò gun innseadh tu dhuinn an tu Crìosd, Mac Dhè. Thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu: gidheadh tha mi ag ràdh ribh, Na dhèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd air neòil nèimh. An sin reub an t‑àrd‐shagart a aodach, ag ràdh, Gun do labhair e toibheum; ciod am feum tuilleadh a tha againn air fianaisean? Feuch, a‑nis chuala sibh a thoibheum. Ciod i ur barail‐se? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Tha e toillteanach air a’ bhàs. An sin thilg iad smugaid na aodann, agus bhuail iad lem basan e; agus ghabh cuid eile air le slatan, Ag ràdh, Dèan fàidheadaireachd dhuinn, a Chrìosd. Cò e a bhuail thu? Agus shuidh Peadar a‑mach anns an talla: agus thàinig cailinn àraidh da ionnsaigh, ag ràdh, Bha thusa mar an ceudna maille ri Iosa o Ghalile. Ach dh’àich esan nan làthair uile, ag ràdh, Chan eil fhios agam ciod a tha thu ag ràdh. Agus air dol a‑mach dha don fhor‐dhoras, chunnaic cailinn eile e, agus thubhairt i riùsan a bha an sin, Bha am fear seo mar an ceudna maille ri Iosa o Nàsaret. Agus dh’àich e a‑rìs le mionnan, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine. Agus tamall beag na dhèidh sin thàinig an dream a bha nan seasamh an làthair, agus thubhairt iad ri Peadar, Gu fìrinneach is ann dhiubh siud fhèin a tha thusa; oir tha do chainnt gad bhrath. An sin thòisich e ri mallachadh agus mionnachadh, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine. Agus air ball ghoir an coileach. Agus chuimhnich Peadar briathran Iosa, a thubhairt ris, Mun goir an coileach, àichidh tu mi trì uairean. Agus air dol a‑mach dha, ghuil e gu goirt. Air teachd don mhadainn, ghabh uachdarain nan sagart uile, agus seanairean a’ phobaill, comhairle le chèile an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs. Agus air dhaibh esan a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Phontius Pilat, an t‑uachdaran. An sin, nuair a chunnaic Iùdas, a bhrath e, gun do dhìteadh e, ghabh e aithreachas, agus thug e air an ais na deich‐buinn‐fhichead airgid do na h‑àrd‐shagartan, agus do na seanairean, Ag ràdh, Pheacaich mi ann am brath na fala neochiontaich. Ach thubhairt iadsan, Ciod e sin dhuinne? Amhairc thusa air a sin. Agus air tilgeadh uaithe nam bonn airgid anns an teampall, dh’imich e roimhe, agus chaidh e agus chroch e e fhèin. Agus ghlac na h‑àrd‐shagartan na buinn airgid, agus thubhairt iad, Cha chòir an cur anns an ionmhas, oir is luach fala iad. Agus air gabhail comhairle dhaibh, cheannaich iad leo fearann a’ chreadhadair, a‑chum a bhith na àit‐adhlaic do choigrich. Air an adhbhar sin goirear den fhearann sin, Fearann na fala, gus an là‑an‑diugh. (An sin choileanadh an nì a labhradh le Ieremias am fàidh, ag ràdh, Agus ghabh iad na deich‐buinn‐fhichead airgid, luach an tì a mheasadh, neach a mheas iadsan a bha de chloinn Israeil. Agus thug iad iad airson fearann a’ chreadhadair, mar a dh’òrdaich an Tighearna dhòmhsa.) Agus sheas Iosa an làthair an uachdarain: agus dh’fhiosraich an t‑uachdaran dheth, ag ràdh, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu. Agus nuair a chuir na h‑àrd‐shagartan agus na seanairean cionta as a leth, cha do fhreagair e nì sam bith. An sin thubhairt Pilat ris, Nach cluinn thu cia lìon nithean air a bheil iad a’ toirt fianais ad aghaidh? Agus cha tug e freagradh dha air aon fhacal; ionnas gun do ghabh an t‑uachdaran iongantas ro‑mhòr. A‑nis ri àm na fèille, chleachd an t‑uachdaran aon phrìosanach a b’àill leo a chur fa sgaoil don phoball. Agus bha aca, anns an àm sin, prìosanach ro‑chomharraichte, dom b’ainm Barabas. Air an adhbhar sin, nuair a bha iad cruinn an ceann a chèile, thubhairt Pilat riu, Cò as àill leibh mise a chur fa sgaoil dhuibh? Barabas, no Iosa, den goirear Crìosd? Oir bha fhios aige gum b’ann o fharmad a thug iad thairis e. Agus nuair a bha e na shuidhe air cathair a’ bhreitheanais, chuir a bhean teachdaireachd da ionnsaigh, ag ràdh, Na biodh agadsa gnothach sam bith ris an fhìrean sin: oir is mòr a dh’fhuiling mise an‑diugh ann am bruadar air a shon‐san. Ach chuir na h‑àrd‐shagartan agus na seanairean impidh air a’ phoball gun iarradh iad Barabas, agus gum milleadh iad Iosa. Agus fhreagair an t‑uachdaran agus thubhairt e riu, Cò den dithis as àill leibh mise a chur fa sgaoil dhuibh? Thubhairt iadsan, Barabas. Thubhairt Pilat riu, Ciod mas eadh a nì mi ri Iosa, den goirear Crìosd? Thubhairt iad ris uile, Ceusar e. Agus thubhairt an t‑uachdaran, Carson? Ciod an t‑olc a rinn e? Ach is mò gu mòr a ghlaodh iadsan, ag ràdh, Ceusar e. Agus nuair a chunnaic Pilat nach do bhuadhaich e a’ bheag sam bith, ach gun d’èirich an tuilleadh buaireis, ghabh e uisge, agus dh’ionnlaid e a làmhan am fianais an t‑sluaigh, ag ràdh, Tha mise neochiontach de fhuil an fhìrein seo; faicibh‐se sin. Agus fhreagair am poball uile, agus thubhairt iad, Biodh a fhuil oirnne, agus air ar cloinn. An sin leig e fa sgaoil Barabas dhaibh: ach air dha Iosa a sgiùrsadh, thug e thairis e a‑chum a cheusadh. An sin thug saighdearan an uachdarain leo Iosa do thalla a’ bhreitheanais, agus chruinnich iad a’ bhuidheann uile ma thimcheall. Agus air dhaibh a rùsgadh, chuir iad uime fallaing sgàrlaid. Agus air dhaibh crùn droighinn fhighe, chuir iad ma cheann e, agus slat chuilce na làimh dheis: agus lùb iad an glùn na làthair, agus rinn iad fanaid air, ag ràdh, Gum beannaichear thu, a Rìgh nan Iùdhach! Agus thilg iad smugaid air, agus ghlac iad an t‑slat chuilce, agus bhuail iad anns a’ cheann e. Agus an dèidh dhaibh fanaid a dhèanamh air, thug iad an fhallaing dheth, agus chuir iad a aodach fhèin uime, agus thug iad leo e a‑chum a cheusadh. Agus nuair a chaidh iad a‑mach, fhuair iad duine o Chirène, dom b’ainm Sìmon: esan cho‐èignich iad a‑chum a chrann‐ceusaidh‐san a ghiùlan. Agus nuair a thàinig iad gu ionad don ainm Golgòta, sin ri ràdh, àite claiginn, Thug iad dha ri òl fìon‐geur, measgte le domblas: agus air dha a bhlasad, chan òladh e e. Agus nuair a cheus iad e, roinn iad a thrusgan eatorra, a’ tilgeadh crannchuir: a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh, Roinn iad m’aodach eatorra, agus chuir iad crannchur air mo bhrat. Agus shuidh iad, agus rinn iad faire air an sin: Agus chuir iad a chùis‐dhìtidh sgrìobhte os a chionn, IS E SEO IOSA, RÌGH NAN IÙDHACH. An sin cheusadh maille ris dà ghadaiche; fear air a làimh dheis, agus fear eile air a làimh chlì. Agus thug iadsan a bha a’ dol seachad toibheum dha, a’ crathadh an ceann, Agus ag ràdh, Thusa a leagas an teampall, agus a chuireas suas an trì làithean e, fòir ort fhèin: mas tu Mac Dhè, thig a‑nuas on chrann‐cheusaidh. Mar an ceudna, thubhairt na h‑àrd‐shagartan, maille ris na sgrìobhaichean, agus na seanairean, a’ fanaid air, Shaor e daoine eile; e fhèin a shaoradh cha chomasach e: mas e Rìgh Israeil, thigeadh e a‑nis a‑nuas on chrann‐cheusaidh, agus creididh sinn e. Chuir e a dhòigh ann an Dia; saoradh e a‑nis e, ma tha toil aige dha; oir thubhairt e, Is mise Mac Dhè. Agus thug na gadaichean a cheusadh maille ris am beum ceudna dha. A‑nis, on t‑siathamh uair bha dorchadas air an tìr uile, gus an naoidheamh uair. Agus mu thimcheall na naoidheamh uaire, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eli, Eli, lama sabachtani? Is e sin ri ràdh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi? Agus air cluinntinn sin do chuid dhiubhsan a bha nan seasamh an sin, thubhairt iad, Tha am fear seo a’ ghlaodhaich air Elias. Agus air ball ruith aon dhiubh, agus ghabh e spong, agus lìon e de fhìon‐geur i, agus air dha a cur air slait chuilce, thug e dha ra òl. Ach thubhairt càch, Leig dha, faiceamaid an tig Elias ga thèarnadh. Agus nuair a dh’èigh Iosa a‑rìs le glaodh mòr, thug e suas a spiorad. Agus, feuch, reubadh brat‐roinn an teampaill na dhà chuid o mhullach gu ìochdar; agus chriothnaich an talamh, agus sgoilteadh na creagan: Agus dh’fhosgladh na h‑uaighean, agus dh’èirich mòran de chuirp nan naomh, a bha nan cadal, Agus chaidh iad a‑mach as na h‑uaighean an dèidh a aiseirigh‐san, agus chaidh iad a‑steach don bhaile naomh, agus nochdadh iad do mhòran. A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard‐ceud, agus iadsan a bha maille ris a’ coimhead Iosa, a’ chrith‐thalmhainn, agus na nithean eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b’e seo Mac Dhè. Agus bha an sin mòran bhan (ag amharc am fad) a lean Iosa o Ghalile, a’ frithealadh dha: Am measg an robh Muire Magdalen, agus Muire, màthair Sheumais agus Iòseis, agus màthair clann Shebede. Agus air teachd don fheasgar, thàinig duine saoibhir o Arimatèa, dom b’ainm Iòseph, a bha e fhèin na dheisciobal aig Iosa mar an ceudna. Chaidh esan gu Pilat, agus dh’iarr e corp Iosa: an sin dh’àithn Pilat an corp a thabhairt dha. Agus ghlac Iòseph an corp, agus phàisg e ann an lìon‐aodach fìorghlan e, Agus chuir e e na uaigh nuaidh fhèin, a chladhaich e ann an carraig. Agus charaich e clach mhòr gu doras na h‑uaighe, agus dh’imich e roimhe. Agus bha Muire Magdalen agus a’ Mhuire eile nan suidhe fa chomhair na h‑uaighe. A‑nis air an là màireach, an là an dèidh an ullachaidh, chruinnicheadh na h‑àrd‐shagartan agus na Pharasaich gu Pilat, Ag ràdh, A thighearna, is cuimhne leinn nuair a bha am mealltair ud fhathast beò, gun dubhairt e, Eiridh mi an dèidh trì làithean. Òrdaich, uime sin, an uaigh a bhith air a coimhead gu cinnteach gus an treas là, air eagal gun tig a dheisciobail anns an oidhche, agus gun goid iad leo e, agus gun abair iad ris an t‑sluagh, Dh’èirich e o na mairbh: agus mar sin bidh am mearachd dheireannach nas miosa na an ciad mhearachd. Thubhairt Pilat riu, Tha faire agaibh; imichibh, dèanaibh an uaigh cho tèarainte is as aithne dhuibh. Agus dh’imich iad, agus rinn iad an uaigh cinnteach, a’ cur seula air a’ chloich, maille ri faire. An dèidh na sàbaid, aig briseadh na fàire air a’ chiad là den t‑seachdain, thàinig Muire Magdalen, agus a’ Mhuire eile, a dh’fhaicinn na h‑uaighe. Agus, feuch, bha crith‐thalmhainn mhòr ann; oir thàinig aingeal an Tighearna a‑nuas o nèamh, agus air teachd dha, charaich e a’ chlach on doras, agus shuidh e oirre. Agus bha a ghnùis mar dhealanach, agus a aodach geal mar shneachd. Agus air eagal roimhe chriothnaich an luchd‐coimhead, agus chaidh iad an riochd mairbh. Ach fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris na mnathan, Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam gu bheil sibh ag iarraidh Iosa, a chaidh a cheusadh. Chan eil e an seo; oir dh’èirich e, mar a thubhairt e: thigibh, faicibh an t‑àite anns an robh an Tighearna na laighe. Agus imichibh gu luath, agus innsibh da dheisciobail gun d’èirich e o na mairbh: agus, feuch, tha e a’ dol romhaibh do Ghalile; an sin chì sibh e; feuch, thubhairt mise ribh e. Agus dh’imich iad gu luath on uaigh, le eagal agus mòr‐ghàirdeachas, agus ruith iad a dh’innse da dheisciobail. Agus ag imeachd dhaibhsan a dh’innse da dheisciobail, feuch, thachair Iosa fhèin orra, ag ràdh, Fàilte dhuibh. Agus thàinig iad am fagas dha, agus rug iad air a chasan, agus rinn iad adhradh dha. An sin thubhairt Iosa riu, Na biodh eagal oirbh: imichibh, abraibh rim bhràithrean iadsan a dhol do Ghalile, agus an sin chì iad mi. Agus nuair a bha iadsan ag imeachd, feuch, thàinig cuid den luchd‐faire don bhaile, agus nochd iad do na h‑àrd‐shagartan gach nì a thachair. Agus air cruinneachadh dhaibhsan an ceann a chèile maille ris na seanairean, agus air gabhail comhairle dhaibh, thug iad mòran airgid do na saighdearan, Ag ràdh, Abraibh‐se gun tàinig a dheisciobail anns an oidhche, agus gun do ghoid iad e, nuair a bha sinne nar cadal. Agus ma chluinneas an t‑uachdaran seo, cuiridh sinne impidh air, agus nì sinn sibhse tèarainte. Agus ghabh iad an t‑airgead, agus rinn iad mar a theagaisgeadh dhaibh: agus tha a’ chainnt seo air a h‑aithris am measg nan Iùdhach gus an là‑an‑diugh. An sin chaidh an t‑aon‐deisciobal‐deug do Ghalile, don bheinn far an d’òrdaich Iosa dhaibh. Agus nuair a chunnaic iad e, rinn iad adhradh dha: ach bha cuid aca fo amharas. Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh. Uime sin imichibh‐se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh; A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen. Toiseach soisgeul Iosa Crìosd, Mac Dhè: A rèir mar tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Feuch, cuiridh mi mo theachdaire rod ghnùis, a dh’ullaicheas do shlighe romhad. Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach. Bha Eòin a’ baisteadh anns an fhàsach, agus a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais a‑chum maitheanas pheacaidhean. Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean. Agus bha Eòin air èideadh le fionnadh chàmhal, agus crios leathair ma leasraidh; agus bu bhiadh dha lòcaist agus mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e, ag ràdh, Tha neach a’ teachd am dhèidh as cumhachdaiche na mise, neach nach airidh mise air cromadh sìos agus barr‐iall a bhròg fhuasgladh. Bhaist mise gu dearbh sibh le uisge: ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh. Agus thàrladh anns na làithean sin gun tàinig Iosa o Nàsaret Ghalile, agus bhaisteadh e le Eòin ann an Iòrdan. Agus air ball, nuair a chaidh e suas as an uisge, chunnaic e na nèamhan air am fosgladh, agus an Spiorad mar chalaman a’ teachd a‑nuas air. Agus thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr‐thlachd. Agus air ball, tharraing an Spiorad e don fhàsach. Agus bha e an sin anns an fhàsach dà‑fhichead là air a bhuaireadh le Sàtan, agus bha e maille ris na fiadh‐bheathaichean, agus fhritheil na h‑aingil dha. Agus an dèidh do Eòin a bhith air a chur am prìosan, thàinig Iosa do Ghalile, a’ searmonachadh soisgeul rìoghachd Dhè, Agus ag ràdh, Choileanadh an aimsir, agus tha rìoghachd Dhè am fagas; dèanaibh‐se aithreachas, agus creidibh an soisgeul. Agus air dha a bhith ag imeachd ri taobh fairge Ghalile, chunnaic e Sìmon, agus Anndras a bhràthair, a’ tilgeadh lìn anns an fhairge; oir b’iasgairean iad. Agus thubhairt Iosa riu, Thigibh am dhèidh‐sa, agus nì mi nur n‑iasgairean air daoine sibh. Agus air ball dh’fhàg iad an lìn, agus lean iad esan. Agus nuair a chaidh e beagan air aghaidh as a sin chunnaic e Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair, agus iad anns an luing a’ càradh an lìon. Agus air ball ghairm e iad; agus dh’fhàg iad Sebede an athair anns an luing maille ris an luchd‐tuarasdail, agus lean iad esan. Agus chaidh iad a‑steach do Chapernàum; agus air ball air dha dol a‑steach don t‑sionagog air an t‑sàbaid, theagaisg e. Agus ghabh iad iongantas ra theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh ùghdarras, agus cha b’ann mar na sgrìobhaichean. Agus bha nan sionagog‐san neach anns an robh spiorad neòghlan, agus ghlaodh e, Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach‐ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios‐ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè. Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as. Agus nuair a reub an spiorad neòghlan e, agus a ghlaodh e le guth àrd, thàinig e a‑mach as. Agus ghabh iad mòr‐iongantas uile, ionnas gu robh iad a’ cur na ceiste seo ri chèile, ag ràdh, Ciod e seo? Ciod e an teagasg nuadh seo? Oir le ùghdarras tha e a’ toirt òrdaigh eadhon do na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha. Agus chaidh a chliù air ball a‑mach air feadh na tìre uile timcheall Ghalile. Agus gun dàil, air dhaibh dol a‑mach as an t‑sionagog, chaidh iad a‑steach do thaigh Shìmoin agus Anndrais, maille ri Seumas agus Eòin. Ach bha màthair‐chèile Shìmoin na laighe ann am fiabhras; agus ghrad labhair iad ris uimpe. Agus thàinig esan agus thog e i, a’ breith air làimh oirre: agus air ball dh’fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh. Agus nuair a bha am feasgar ann, air don ghrèin dol fodha, thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus iadsan anns an robh deamhan. Agus bha am baile uile air a chruinneachadh a‑chum an dorais. Agus leighis e mòran air an robh iomadh gnè eucail, agus thilg e a‑mach mòran dheamhan, agus cha d’fhulaing e do na deamhain labhairt, airson gum b’aithne dhaibh e. Agus air dha èirigh anns a’ mhadainn, fada ro là, chaidh e a‑mach, agus dh’imich e gu àite fàsail, agus rinn e ùrnaigh an sin. Agus lean Sìmon, agus an dream a bha maille ris, e. Agus air fhaotainn dhaibh thubhairt iad ris, Tha gach uile neach gad iarraidh. Agus thubhairt esan riu, Rachamaid a dh’ionnsaigh nam bailtean eile làimh rinn, a‑chum gun searmonaich mi an sin mar an ceudna: oir is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mise a‑mach. Agus shearmonaich e nan sionagogan air feadh Ghalile uile, agus thilg e a‑mach na deamhain. Agus thàinig lobhar da ionnsaigh, a’ guidhe air, agus a’ lùbadh a ghlùin dha, agus ag ràdh ris, Mas àill leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan. Agus ghabh Iosa truas mòr dheth, agus air sìneadh a‑mach a làimhe, bhean e ris, agus thubhairt e ris, Is àill leam; bi‑sa glan. Agus cho luath is a labhair e, air ball dh’fhalbh an luibhre uaithe, agus rinneadh glan e. Agus thug e geur‐òrdagh dha, agus air ball chuir e air falbh e; Agus thubhairt e ris, Feuch nach innis thu a’ bheag do neach air bith: ach imich, nochd thu fhèin don t‑sagart, agus tabhair mar ìobairt airson do ghlanaidh na nithean a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh. Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird. Agus an dèidh làithean àraidh, chaidh e a‑rìs a‑steach do Chapernàum; agus chualas esan a bhith anns an taigh. Agus air ball chruinnicheadh mòran an ceann a chèile, air chor is nach robh àit a chumadh iad, eadhon timcheall an dorais: agus labhair e am facal riu. Agus thàinig iad, a’ toirt da ionnsaigh neach air an robh a’ phairilis, air a ghiùlan le ceathrar. Agus a chionn nach b’urrainn iad teachd am fagas dha leis an t‑sluagh, rùisg iad mullach an taighe anns an robh e: agus air dhaibh a tholladh, leig iad sìos an leabaidh air an robh an neach a bha tinn leis a’ phairilis na laighe. Nuair a chunnaic Iosa an creideamh‐san, thubhairt e ris an neach air an robh a’ phairilis, A mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut. Ach bha dream àraidh de na sgrìobhaichean nan suidhe an sin, agus iad a’ reusonachadh nan cridheachan fhèin, Carson a tha am fear seo a’ labhairt toibheim mar seo? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin? Agus air ball, air aithneachadh do Iosa na spiorad fhèin gu robh iadsan a’ reusonachadh mar sin annta fhèin, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh nan nithean sin nur cridheachan? Cia aca as fhasa a ràdh ris an neach air a bheil a’ phairilis, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich? Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air thalamh (thubhairt e ris an fhear air an robh a’ phairilis), Tha mi ag ràdh riut, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich dod thaigh. Agus dh’èirich esan air ball, agus thog e an leabaidh agus chaidh e a‑mach nam fianais uile, ionnas gu robh mòr‐iongantas orra uile, agus gun do ghlòraich iad Dia, ag ràdh, Chan fhaca sinne riamh a leithid seo. Agus chaidh e a‑mach a‑rìs ri taobh na mara; agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh, agus theagaisg e iad. Agus a’ dol seachad dha, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig àite‐togail na cìse, agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e. Agus thàrladh, nuair a shuidh Iosa a‑chum bìdh na thaigh‐san, gun do shuidh mòran chìs‐mhaor agus pheacach maille ri Iosa agus ra dheisciobail; oir bha mòran ann, agus lean iad e. Agus nuair a chunnaic na sgrìobhaichean agus na Pharasaich esan ag ithe maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a tha e ag ithe agus ag òl maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich? Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e riu, Chan eil feum acasan a tha slàn air an lèigh, ach acasan a tha tinn: cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach a‑chum aithreachais. Agus bu ghnàth le deisciobail Eòin agus nam Pharasach a bhith a’ trasgadh: agus thàinig iad, agus thubhairt iad ris, Carson a tha deisciobail Eòin agus nam Pharasach ri trasgadh, agus nach eil do dheisciobail‐sa a’ trasgadh? Agus thubhairt Iosa riu, A bheil clann seòmar an fhir nuadh‐phòsda comasach air trasgadh a dhèanamh, am feadh a bhios am fear nuadh‐pòsda maille riu? Am feadh tha am fear nuadh‐pòsda aca maille riu, chan fhaod iad trasg a dhèanamh. Ach thig na làithean anns an toirear am fear nuadh‐pòsda uapa; agus an sin nì iad trasgadh anns na làithean sin. Agus chan eil duine sam bith a dh’fhuaigheas mìr de aodach nuadh air seann aodach; no, ma dh’fhuaigheas, buinidh am mìr nuadh, a chuireadh ga lìonadh suas, as an t‑seann aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa. Agus cha chuir duine air bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha. Agus thàrladh gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair air là na sàbaid; agus thòisich a dheisciobail, ag imeachd dhaibh, ris na diasan arbhair a spìonadh. Agus thubhairt na Pharasaich ris, Feuch, carson a tha iad a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte air là na sàbaid? Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibhse riamh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha uireasbhaidh air, agus acras air fhèin agus orrasan a bha maille ris? Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiatair an t‑àrd‐shagart, agus a dh’ith e aran na fianais, nach eil ceadaichte do neach air bith ithe, ach do na sagartan, agus a thug e, mar an ceudna, don dream a bha maille ris? Agus thubhairt e riu, Dh’òrdaicheadh an t‑sàbaid airson an duine, chan e an duine airson na sàbaid: Air an adhbhar sin, is Tighearna Mac an Duine air an t‑sàbaid fhèin. Agus chaidh e a‑rìs a‑steach don t‑sionagog; agus bha an sin duine aig an robh làmh sheargte. Agus rinn iad faire air, a dh’fheuchainn an lèighseadh e e air là na sàbaid, a‑chum gum biodh cùis‐dhìtidh aca na aghaidh. Agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich anns a’ mheadhon. Agus thubhairt e riu, A bheil e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid, no olc; anam a thèarnadh, no a sgrios? Ach dh’fhan iadsan nan tosd. Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile. Agus chaidh na Pharasaich a‑mach, agus ghabh iad comhairle air ball maille ri luchd‐leanmhainn Heroid na aghaidh‐san, cionnas a dh’fhaodadh iad a sgrios. Ach chaidh Iosa maille ra dheisciobail air leth a‑chum na mara: agus lean sluagh mòr e o Ghalile, agus o Iudèa. Agus o Ierusalem, agus o Idumèa, agus o thaobh thall Iòrdain, agus iadsan a bha timcheall Thìruis agus Shìdoin, thàinig cuideachd mhòr dhiubh da ionnsaigh, nuair a chuala iad cho mòr is a bha na nithean a rinn e. Agus thubhairt e ra dheisciobail long bheag a bhith a’ feitheamh air, airson an t‑sluaigh, a‑chum nach dòmhlaicheadh iad e: Oir leighis e mòran; ionnas gun do dhlùth‐theann iad ris, a mheud is air an robh plàighean, a‑chum gum beanadh iad ris. Agus na spioradan neòghlan, nuair a chunnaic iad e, shleuchd iad dha, agus ghlaodh iad, ag ràdh, Is tusa Mac Dhè. Agus thug e sparradh teann dhaibh nach dèanadh iad aithnichte e. Agus chaidh e suas gu beinn, agus ghairm e iadsan a b’àill leis: agus thàinig iad da ionnsaigh. Agus dh’òrdaich e dà‑fhear‐dheug, a‑chum gum biodh iad maille ris, agus gun cuireadh e a‑mach iad a shearmonachadh; Agus gum biodh aca cumhachd a leigheas easlainte, agus a thilgeadh a‑mach dheamhan. Agus air Sìmon thug e Peadar mar cho‐ainm; Agus Seumas mac Shebede, agus Eòin bràthair Sheumais (agus orrasan thug e Boanerges mar cho‐ainm, is e sin ri ràdh, Clann na tàirneanaich), Agus Anndras, agus Philip, agus Bartolomèus, agus Mata, agus Tòmas, agus Seumas, mac Alphèuis, agus Tadèus, agus Sìmon an Canàanach, Agus Iùdas Iscariot, an neach sin a bhrath e: agus chaidh iad do thaigh. Agus chruinnicheadh an sluagh a‑rìs, ionnas nach robh e an comas dhaibh uiread is aran ithe. Agus nuair a chuala a chàirdean seo, thàinig iad a‑mach a bhreith air, oir thubhairt iad, Tha e air mhì‐chèill. Agus thubhairt na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas o Ierusalem, Tha Beelsebub aige, agus is ann tro phrionnsa nan deamhan a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan. Agus ghairm e iad da ionnsaigh, agus thubhairt e riu ann an cosamhlachdan, Cionnas a dh’fhaodas Sàtan Sàtan a thilgeadh a‑mach? Agus ma bhios rìoghachd roinnte na h‑aghaidh fhèin, chan urrainn an rìoghachd sin seasamh. Agus ma bhios taigh air a roinn na aghaidh fhèin, chan urrainn an taigh sin seasamh. Agus ma dh’èireas Sàtan na aghaidh fhèin agus gum bi e roinnte, chan urrainn e seasamh, ach tha crìoch air. Chan urrainn neach air bith dol a‑steach do thaigh duine làidir, agus a àirneis a thogail leis, mura ceangail e an duine làidir an toiseach; agus an sin creachaidh e a thaigh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum maithear na h‑uile pheacaidhean do chloinn nan daoine, agus gach toibheum a labhras iad; Ach ge bè a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e maitheanas a‑chaoidh, ach tha e an cunnart peanais shìorraidh: Airson gun dubhairt iad, Tha spiorad neòghlan aige. An sin thàinig a bhràithrean agus a mhàthair, agus air dhaibh seasamh a‑muigh, chuir iad fios da ionnsaigh, a’ gairm air. Agus bha an sluagh nan suidhe ma thimcheall; agus thubhairt iad ris, Feuch, tha do mhàthair agus do bhràithrean a‑muigh gad iarraidh. Agus fhreagair e iad, ag ràdh, Cò i mo mhàthair, no mo bhràithrean? Agus sheall e mun cuairt orrasan a bha nan suidhe ma thimcheall, agus thubhairt e, Feuch mo mhàthair agus mo bhràithrean. Oir ge bè neach a nì toil Dhè, is esan mo bhràthair, agus mo phiuthar, agus mo mhàthair. Agus thòisich e air teagasg a‑rìs làimh ris a’ mhuir; agus chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh, ionnas gun deachaidh e a‑steach do luing, agus gun do shuidh e air a’ mhuir; agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tìr. Agus theagaisg e dhaibh mòran de nithean ann an cosamhlachdan, agus thubhairt e riu na theagasg, Eisdibh: Feuch chaidh fear‐cuir a‑mach a chur sìl: Agus thàrladh, nuair a chuir e an sìol, gun do thuit cuid dheth ri taobh an rathaid, agus thàinig eunlaith an adhair, agus dh’ith iad suas e. Agus thuit cuid eile dheth air fearann creagach, far nach robh mòr‐thalamh aige: agus air ball dh’fhàs e suas, do bhrìgh nach robh doimhne talmhainn aige: Ach air don ghrèin èirigh, loisgeadh e, agus a chionn nach robh freumh aige, shearg e as. Agus thuit cuid eile am measg droighinn, agus dh’fhàs an droigheann suas, agus thachd e e, agus cha tug e toradh uaithe. Agus thuit cuid eile air talamh math, agus thug e toradh uaithe a’ fàs suas agus a’ meudachadh; agus thug e a‑mach, cuid a dheich‐ar‑fhichead uiread, agus cuid a thrì‐fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh. Agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e. Agus nuair a bha e na aonar, dh’fheòraich iadsan a bha mun cuairt dha, maille ris an dà‑fhear‐dheug, an cosamhlachd dheth. Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè: ach dhaibh‐san a tha an leth a‑muigh nìthear gach nì ann an cosamhlachdan: A‑chum is a’ faicinn dhaibh gum faic iad, agus nach aithnich iad, agus a’ cluinntinn dhaibh gun cluinn iad, agus nach tuig iad; air eagal àm air bith gun tilleadh iad, agus gum biodh am peacaidhean air am maitheadh dhaibh. Agus thubhairt e riu, Nach aithne dhuibh an cosamhlachd seo? Agus cionnas, matà, a thuigeas sibh gach uile chosamhlachd? Tha am fear‐cuir a’ cur an fhacail. Agus is iad seo iadsan ri taobh an rathaid, anns an cuirear am facal; an dèidh dhaibh a chluinntinn, air ball tha Sàtan a’ teachd, agus a’ togail leis an fhacail, a shìol‐chuireadh nan cridheachan. Agus is iad seo iadsan mar an ceudna a chuireadh air fearann creagach; muinntir, nuair a chluinneas iad am facal, a ghabhas e air ball le gàirdeachas: Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad rè sealain; na dhèidh sin, nuair a dh’èireas àmhghar no geur‐leanmhainn airson an fhacail, air ball tha iad a’ gabhail oilbheim. Agus is iad seo iadsan a chuireadh am measg an droighinn, an dream a dh’èisdeas ris an fhacal; Agus tha ro‑chùram an t‑saoghail seo, agus mealltaireachd saoibhreis, agus ana‐miannan nithean eile a’ teachd a‑steach, agus a’ tachdadh an fhacail, agus nìthear neo‐thorrach e. Agus is iad seo iadsan a chuireadh ann an talamh math; an dream a chluinneas am facal, agus a ghabhas e, agus a bheir a‑mach toradh, cuid a dheich‐ar‑fhichead uiread, cuid a thrì‐fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh. Agus thubhairt e riu, An toirear coinneal a‑chum gun cuirear i fo bheul soithich, no fo leabaidh? Nach ann a‑chum a cur ann an coinnleir? Oir chan eil nì air bith falaichte nach foillsichear; agus cha robh nì air bith an cleith nach tig am follais. Ma tha cluasan a‑chum èisdeachd aig neach air bith, èisdeadh e. Agus thubhairt e riu, Thugaibh fa‑near ciod a chluinneas sibh: leis an tomhas a thomhaiseas sibh, tomhaisear dhuibh fhèin; agus bheirear tuilleadh dhuibhse tha ag èisdeachd. Oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha: agus ge bè neach aig nach eil bheirear uaithe an nì sin fhèin a tha aige. Agus thubhairt e, Is amhail rìoghachd Dhè, mar gun cuireadh duine sìol anns an talamh. Agus gun caidleadh e, agus gun èireadh e a dh’oidhche agus a là, agus gun gineadh an sìol, agus gum fàsadh e suas, air dòigh nach fhios dha. Oir bheir an talamh a‑mach toradh uaithe fhèin, air tùs am fochann, a‑rìs an dias, an dèidh sin an làn arbhar anns an dèis. Ach nuair a tha an toradh abaich, air ball cuiridh e an corran ann, a chionn gu bheil am fogharadh air teachd. Agus thubhairt e, Ciod an nì ri an samhlaich sinn rìoghachd Dhè? No ciod e an cosamhlachd leis an coimeas sinn i? Is cosmhail i ri gràinne mustaird, nì, nuair a chuirear anns an talamh e, as lugha de na h‑uile phòran a tha air thalamh. Ach an dèidh a chur, fàsaidh e suas, agus cinnidh e nas mò na luibh sam bith eile, agus fàsaidh geugan mòra air; ionnas gum faod eunlaith an adhair neadan a dhèanamh fo a sgàil. Agus le iomadh de a leithidean sin de chosamhlachdan labhair e am facal riu, a rèir mar a b’urrainn iad a chluinntinn. Ach gun chosamhlachd cha do labhair e riu. Agus mhìnich e na h‑uile nithean da dheisciobail fhèin air leth. Agus thubhairt e riu air an là sin fhèin, air teachd don fheasgar, Rachamaid thairis gus an taobh eile. Agus nuair a sgaoil iad an coitheanal, thug iad leo esan anns an luing mar a bha e; agus bha longan beaga eile maille ris mar an ceudna. Agus dh’èirich doineann mhòr ghaoithe, agus leum na tonnan a‑steach don luing, air chor is gu robh i a‑nis làn. Agus bha esan ann an deireadh na luinge, na chadal air cluasaig: agus dhùisg iad e, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, nach eil suim agad gun caillear sinn? Agus dh’èirich e, agus chronaich e a’ ghaoth, agus thubhairt e ris an fhairge, Tosd, bi sàmhach. An sin laigh a’ ghaoth, agus bha fiath mòr ann. Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh cho eagalach? Cionnas nach eil creideamh agaibh? Agus ghabh iad eagal ro‑mhòr, agus thubhairt iad ri chèile, Ciod e an duine seo, gu bheil a’ ghaoth agus an fhairge fhèin umhail dha? Agus thàinig iad gu taobh eile na mara, gu dùthaich nan Gadarèneach. Agus nuair a chaidh e a‑mach as an luing, air ball thachair air as na h‑àitean‐adhlaic duine anns an robh spiorad neòghlan, Aig an robh a chòmhnaidh anns na h‑àitean‐adhlaic; agus cha b’urrainn neach air bith a cheangal, eadhon le slabhraidhean: Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion‐bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh. Agus bha e a‑ghnàth, a là agus a dh’oidhche, anns na beanntan, agus anns na h‑ionadan‐adhlaic, a’ glaodhaich agus ga ghearradh fhèin le clachan. Ach nuair a chunnaic e Iosa fada uaithe, ruith e agus shleuchd e dha, Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach‐sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh. (Oir thubhairt e ris, Thig a‑mach as an duine, a spioraid neòghlain.) Agus dh’fheòraich e dheth, Ciod as ainm dhut? Agus fhreagair esan, ag ràdh, Lègion as ainm dhomh, oir tha sinn mòran ann. Agus ghuidh e gu ro‑gheur air, gun e gan cur a‑mach as an dùthaich sin. Agus bha treud mòr mhuc an sin, ag ionaltradh am fagas don bheinn. Agus ghuidh na deamhain uile air, ag ràdh, Cuir sinne a dh’ionnsaigh nam muc, a‑chum gun rachamaid a‑steach annta. Agus air ball thug Iosa cead dhaibh; agus air dol a‑mach do na spioradan neòghlan, chaidh iad a‑steach anns na mucan, agus ruith an treud sìos gu dian le àite cas don fhairge (bha iad mu thimcheall dà mhìle), agus thachdadh iad anns an fhairge. Agus theich iadsan a bha ag ionaltradh nam muc, agus dh’innis iad sin, araon anns a’ bhaile, agus anns an tìr. Agus chaidh iad a‑mach a dh’fhaicinn ciod e an nì ud a thachair. Agus thàinig iad a‑chum Iosa, agus chunnaic iad an tì anns an robh an deamhan, agus aig an robh an lègion, na shuidhe, agus a aodach uime, agus a chiall aige; agus ghabh iad eagal. Agus dh’innis iadsan a chunnaic e dhaibh, cionnas a thachair don tì anns an robh an deamhan, agus mu thimcheall nam muc. Agus thòisich iad ri guidhe air imeachd a‑mach as an crìochan. Agus air dha dol a‑steach anns an luing, ghuidh an tì anns an robh an deamhan air gum faodadh e a bhith maille ris. Gidheadh cha do leig Iosa leis, ach thubhairt e ris, Imich dhachaidh a dh’ionnsaigh do mhuinntir, agus innis dhaibh meud nan nithean a rinn an Tighearna dhut, agus gun do rinn e tròcair ort. Agus dh’imich esan, agus thòisich e ri chur an cèill ann an Decapolis meud nan nithean a rinn Iosa dha: agus ghabh iad iongantas uile. Agus nuair a chaidh Iosa a‑rìs thairis anns an luing gus an taobh eile, chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh; agus bha e làimh ris a’ mhuir. Agus, feuch, thàinig aon de uachdarain nan sionagog, dom b’ainm Iàirus; agus nuair a chunnaic e esan, leig e e fhèin sìos aig a chasan, Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, Tha mo nighean bheag ann an cunnart grad‐bhàis; thig, tha mi a’ guidhe ort, agus leag do làmhan oirre a‑chum gun slànaichear i, agus mairidh i beò. Agus dh’imich Iosa maille ris; agus lean sluagh mòr e, agus dhòmhlaich iad e. Agus bha bean àraidh an sin, air an robh dòrtadh fala rè dà‑bhliadhna‐dheug. Agus dh’fhulaing i mòran o iomadh lèigh, agus chaith i na bha aice, agus cha b’fheàirrd i a’ bheag e, ach gum bu mhisde; Nuair a chuala i iomradh air Iosa, thàinig i am measg an t‑sluaigh o chùlaibh, agus bhean i ra aodach: Oir thubhairt i, Ma dh’fhaodas mi beantainn ach ra aodach, slànaichear mi. Agus air ball thiormaicheadh tobar a fala; agus dh’aithnich i air a corp fhèin gun do lèighseadh i on phlàigh sin. Agus dh’aithnich Iosa air ball ann fhèin gun deachaidh cumhachd a‑mach as, agus air dha tionndadh anns an t‑sluagh, thubhairt e, Cò a bhean rim aodach? Agus thubhairt a dheisciobail ris, Tha thu a’ faicinn gu bheil an sluagh gad dhòmhlachadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium? Agus dh’amhairc e mun cuairt ga faicinn‐se a rinn seo. Ach air don mhnaoi a bhith fo eagal agus air chrith, air aithneachadh an nì a rinneadh innte, thàinig i, agus leig i i fhèin sìos na làthair, agus dh’innis i an fhìrinn uile dha. Agus thubhairt e rithe, A nighean, shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth, agus bi slàn od phlàigh. Am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig dream o thaigh uachdaran an t‑sionagoig, ag ràdh, Fhuair do nighean bàs; carson a chuireadh tu tuilleadh dragh air a’ Mhaighistir? Cho luath is a chuala Iosa an còmhradh seo a labhradh, thubhairt e ri uachdaran an t‑sionagoig, Na biodh eagal ort, a‑mhàin creid. Agus cha d’fhuiling e do neach air bith a leantainn, ach Peadar, agus Seumas, agus Eòin bràthair Sheumais. Agus thàinig e gu taigh uachdaran an t‑sionagoig, agus chunnaic e an iomairt agus iadsan a bha a’ gul, agus a’ caoineadh gu mòr. Agus nuair a thàinig e a‑steach, thubhairt e riu, Carson a tha sibh ris an iomairt seo, agus ri bròn? Chan eil an nìonag marbh, ach na cadal. Agus rinn iadsan gàire fanaid ris: ach air dhàsan an cur uile a‑mach, thug e leis athair agus màthair na nighinn, agus iadsan a bha maille ris, agus chaidh e a‑steach far an robh an nìonag na laighe. Agus rug e air an nìonaig air làimh, agus thubhairt e rithe, Talitha‐cumi; is e sin, air eadar‐mhìneachadh, A chailinn (tha mise ag ràdh riut), èirich. Agus air ball dh’èirich an nìonag agus dh’imich i; oir bha i dà‑bhliadhna‐dheug a dh’aois: agus ghabh iad iongantas anabarrach. Agus thug e òrdagh teann dhaibh nach faigheadh duine air bith fios air a seo; agus dh’àithn e càil‐eigin a thoirt dhi ri ithe. Agus chaidh e a‑mach as a sin, agus thàinig e da dhùthaich fhèin; agus lean a dheisciobail e. Agus nuair a thàinig an t‑sàbaid, thòisich e air teagasg anns an t‑sionagog: agus air do mhòran a chluinntinn, ghabh iad iongantas, ag ràdh, Cia as a tha na nithean seo aig an fhear seo? Agus ciod e an gliocas seo a thugadh dha, gu bheil a leithid seo de fheartan air an dèanamh le a làmhan? Nach e seo an saor, mac Mhuire, bràthair Sheumais, agus Iòseis, agus Iùdais, agus Shìmoin, agus nach eil a pheathraichean an seo maille rinn? Agus fhuair iad oilbheum ann. Ach thubhairt Iosa riu, Chan eil fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin, agus am measg a chàirdean, agus na thaigh fhèin. Agus cha robh e an comas dha mìorbhail air bith a dhèanamh an sin, saor o gun do chuir e a làmhan air beagan de mhuinntir a bha tinn, agus gun do leighis e iad. Agus bha iongantas air airson am mì‑chreidimh. Agus chaidh e timcheall nam bailtean, a’ teagasg. Agus ghairm e da ionnsaigh an dà‑fhear‐dheug, agus thòisich e air an cur a‑mach dithis agus dithis, agus thug e dhaibh cumhachd air spioradan neòghlan; Agus dh’àithn e dhaibh gun nì air bith a thoirt leo airson na slighe, ach lorg a‑mhàin; gun mhàla, gun aran, gun airgead nan sporan: Ach bonn‐bhrògan a bhith air an casan, agus gun dà chòta a bhith umpa. Agus thubhairt e riu, Ge bè ionad air bith anns an tèid sibh a‑steach do thaigh, an sin fanaibh gus am falbh sibh as an àite sin. Agus cò air bith iad nach gabh ribh, agus nach èisd ribh, air dhuibh imeachd as an àite sin, crathaibh an duslach a bhios fo ur casan mar fhianais nan aghaidh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom agus do Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na don bhaile sin. Agus chaidh iad a‑mach, agus shearmonaich iad gun dèanadh daoine aithreachas. Agus thilg iad a‑mach mòran dheamhan, agus dh’ung iad le ola mòran a bha tinn, agus leighis iad iad. Agus chuala Herod an rìgh uime, oir chaidh ainm am follais; agus thubhairt e, Tha Eòin Baistidh air èirigh o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis. Thubhairt cuid eile, Gur e Elias a tha ann. Agus thubhairt cuid eile, Gur fàidh a tha ann, no mar aon de na fàidhean. Ach nuair a chuala Herod seo, thubhairt e, Is e Eòin, den do chuir mise an ceann, a tha ann; dh’èirich e o na mairbh. Oir chuir Herod fhèin a‑mach agus ghlac e Eòin, agus cheangail e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean‐phòsda Philip, a bhràthair fhèin, do bhrìgh gun do phòs e i. Oir thubhairt Eòin ri Herod, Chan eil e ceadaichte dhut bean do bhràthar a bhith agad. Uime sin bha diomb mòr aig Heròdias ris, agus bu mhiann leatha a chur gu bàs; ach cha b’urrainn i. Oir bha eagal Eòin air Herod, air dha fios a bhith aige gum bu duine ceart agus naomh e, agus thug e fa‑near e; agus nuair a chuala e e, rinn e mòran de nithean air a chomhairle, agus dh’èisd e ris gu toileach. Agus air teachd do là iomchaidh, rinn Herod, air co‑ainm an là anns an do rugadh e, suipear da uaislean agus da àrd‐cheannardan, agus do mhaithean Ghalile: Agus nuair a chaidh nighean Heròdiais seo a‑steach, agus a rinn i dannsa, thaitinn i ri Herod agus riùsan a shuidh maille ris, agus thubhairt an rìgh ris a’ chailinn, Iarr ormsa ge bè nì as àill leat, agus bheir mi dhut e. Agus thug e mionnan dhi, Ge bè nì a dh’iarras tu orm, bheir mi dhut e, gu leth mo rìoghachd. Agus nuair a chaidh i a‑mach thubhairt i ra màthair, Ciod a dh’iarras mi? Agus thubhairt ise, Ceann Eòin Baistidh. Agus chaidh i air ball le cabhaig a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’iarr i, ag ràdh, Is àill leam gun tugadh tu dhomh gun dàil ceann Eòin Baistidh air mèis. Agus bha an rìgh ro‑dhuilich; gidheadh airson a mhionnan, agus an dream a bha nan suidhe maille ris, cha robh toil aige a diùltadh. Agus air ball, chuir an rìgh a‑mach fear‐millidh, agus dh’àithn e a cheann a thoirt a‑steach: agus dh’imich esan agus thug e an ceann dheth anns a’ phrìosan; Agus thug e a cheann leis air mèis, agus thug e don chailinn e: agus thug a’ chailinn da màthair e. Agus nuair a chuala a dheisciobail sin, thàinig iad agus thog iad a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e. Agus chruinnicheadh na h‑abstoil a‑chum Iosa, agus dh’innis iad dha na h‑uile nithean, araon gach nì a rinn iad, agus gach nì a theagaisg iad. Agus thubhairt e riu, Thigibh‐se air leth do àit uaigneach, agus gabhaibh fois car tamaill bhig. Oir bha mòran a’ teachd agus a’ dol, agus cha robh ùine aca uiread is biadh ithe. Agus chaidh iad gu àite fàsail ann an luing air leth. Agus chunnaic an sluagh iadsan a’ falbh, agus dh’aithnich mòran e, agus ruith iad dan cois as na bailtean uile an sin, agus bha iad romhpa, agus chruinnicheadh iad da ionnsaigh. Agus nuair a chaidh Iosa a‑mach, chunnaic e sluagh mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, a chionn gu robh iad mar chaoraich gun bhuachaille aca: agus thòisich e air mòran de nithean a theagasg dhaibh. Agus nuair a bha a‑nis mòran den là air dol seachad, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Tha an t‑àite seo fàs, agus tha a‑nis mòran den là air dol thairis: Leig air falbh iad, a‑chum gun tèid iad don tìr mun cuairt agus do na bailtean, agus gun ceannaich iad biadh dhaibh fhèin: oir chan eil nì air bith aca ra ithe. Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thugaibh‐se dhaibh ra ithe. Agus thubhairt iadsan ris, An tèid sinn agus an ceannaich sinn luach dà cheud pèighinn de aran, a‑chum gun tugamaid dhaibh nì ra ithe? Ach thubhairt esan riu, Cia lìon buileann a tha agaibh? Rachaibh agus faicibh. Agus air faotainn fios dhaibh, thubhairt iad, Còig, agus dà iasg. Agus dh’àithn e dhaibh a thoirt orra uile suidhe sìos nan cuideachdan air an fheur uaine. Agus shuidh iad sìos nam buidhnean fa leth, nan ceudan agus nan leth‐cheudan. Agus air dha na còig buileannan agus an dà iasg a ghabhail, agus amharc suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e na buileannan, agus thug e da dheisciobail iad, a‑chum gun cuireadh iad romhpa iad; agus roinn e an dà iasg orra uile. Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad. Agus thog iad dà‑chliabh‐dheug làn den bhiadh bhriste, agus de na h‑èisg. Agus b’iad an dream a dh’ith de na buileannan còig mìle fear. Agus air ball cho‐èignich e a dheisciobail gu dol anns an luing, agus dol roimhe a dh’ionnsaigh an taoibh thall gu Betsaida, gus an cuireadh e an sluagh air falbh. Agus nuair a chuir e air falbh iad, chaidh e gu beinn a dhèanamh ùrnaigh. Agus nuair a bha an t‑anmoch ann, bha an long ann am meadhon na mara, agus esan na aonar air tìr. Agus chunnaic e iadsan air am pianadh ag iomramh; oir bha a’ ghaoth nan aghaidh; agus thàinig e dan ionnsaigh mu thimcheall na ceathramh faire den oidhche, ag imeachd air a’ mhuir, agus b’àill leis dol seachad orra. Ach nuair a chunnaic iadsan e ag imeachd air a’ mhuir, shaoil iad gum bu tannasg a bha ann; agus ghlaodh iad. (Oir chunnaic iad uile e, agus bha iad fo bhuaireas.) Agus air ball labhair e riu, agus thubhairt e riu, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh. Agus chaidh e suas dan ionnsaigh don luing; agus laigh a’ ghaoth: agus bha uamhas mòr thar tomhas orra, agus ghabh iad iongantas. Oir cha tug iad fa‑near mìorbhail nam buileannan; oir bha an cridhe air a chruadhachadh. Agus nuair a chaidh iad thairis, thàinig iad gu talamh Ghenesaret, agus tharraing iad gu tìr. Agus nuair a thàinig iad a‑mach as an luing, air ball dh’aithnich iad e. Agus ruith iad air feadh na tìre sin uile mun cuairt, agus thòisich iad air an dream a bha tinn a ghiùlan mun cuairt air leapaichean, ge bè àite anns an cuala iad esan a bhith. Agus ge bè air bith bailtean, no cathraichean, no dùthaich don deachaidh e a‑steach, chuir iad na daoine tinn air na sràidean, agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn a‑mhàin ri iomall a aodaich: agus a mheud is a bhean ris, lèighseadh iad. Agus chruinnicheadh na Pharasaich da ionnsaigh, agus dream àraidh de na sgrìobhaichean a thàinig o Ierusalem. Agus nuair a chunnaic iad cuid de a dheisciobail ag ithe arain le làmhan salach (sin ri ràdh, gun ionnlaid), fhuair iad cron dhaibh. Oir chan ith na Pharasaich agus na h‑Iùdhaich uile biadh, mura ionnlaid iad an làmhan gu minig, a’ coimhead beul‐aithris nan seanairean. Agus air dhaibh teachd on mhargadh, mura tum iad iad, chan ith iad. Agus tha mòran de nithean eile a ghabh iad orra a choimhead, mar tha nighe chupan, agus phoitean, agus shoithichean umha, agus leapaichean. An sin dh’fheòraich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, Carson nach eil do dheisciobail ag imeachd a rèir beul‐aithris nan seanairean, ach a tha iad ag ithe arain le làmhan gun ionnlaid? Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Is math a rinn Esaias fàidheadaireachd mur timcheall‐se, a chealgairean, a rèir mar tha e sgrìobhte, Tha am poball seo a’ toirt urraim dhòmhsa lem bilean, ach tha an cridhe fada uam. Ach is ann gu dìomhain a tha iad a’ toirt adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg. Oir air dhuibh àithne Dhè a thrèigsinn, tha sibh a’ cumail òrdachadh dhaoine, mar tha nighe phoitean agus chupan: agus mòran eile den leithidean sin tha sibh a’ dèanamh. Agus thubhairt e riu, Is math a tha sibh a’ cur air cùl àithne Dhè, a‑chum gun coimhead sibh ur n‑òrdachadh fhèin. Oir thubhairt Maois, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus, Ge bè neach a mhallaicheas athair no màthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e. Ach their sibhse, Ma their neach ra athair no ra mhàthair, Biodh e na Chorban, sin ri ràdh, na thìodhlac don teampall, ge bè nì leis am faigheadh tu tairbhe uamsa: Nach leig sibh dha à sin suas nì sam bith a dhèanamh airson a athar, no a mhàthar; A’ cur facal Dhè an neo‐bhrìgh le ur beul‐aithris fhèin, a dh’aithris sibh: agus mòran den leithidean sin de nithean tha sibh a’ dèanamh. Agus nuair a ghairm e an sluagh uile da ionnsaigh, thubhairt e riu, Eisdibh riumsa uile, agus tuigibh: Chan eil nì sam bith on taobh a‑muigh den duine, a thèid a‑steach ann, dom bheil e an comas a shalachadh; ach na nithean a tha a’ teachd a‑mach as, is iad sin a tha a’ salachadh an duine. Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e. Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh on t‑sluagh, chuir a dheisciobail ceist air mu thimcheall a’ chosamhlachd. Agus thubhairt e riu, A bheil sibhse mar seo fhathast gun tuigse? Nach eil fhios agaibh, ge bè nì air bith a thèid a‑steach anns an duine on leth a‑muigh, nach eil e an comas dha esan a shalachadh? Do bhrìgh nach tèid e a‑steach da chridhe, ach don bhroinn, agus thèid e a‑mach don t‑sloc shalchair, a’ glanadh gach uile bhìdh. Agus thubhairt e, Is e an nì a thig a‑mach as an duine a shalaicheas an duine. Oir is ann on taobh a‑staigh, à cridhe dhaoine, a thig a‑mach droch smuaintean, adhaltranas, strìopachas, mortadh, Goid, sannt, aingidheachd, mealltaireachd, macnas, droch shùil, toibheum, uabhar, amaideachd: Tha na h‑uilc seo uile a’ teachd a‑mach on taobh a‑staigh, agus a’ salachadh an duine. Agus air dha èirigh as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin: agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh, cha b’àill leis fios a bhith aig neach sam bith air: gidheadh chan fhaodadh e a bhith am falach. Oir chuala bean uime, aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan, agus thàinig i agus thuit i aig a chasan; (Agus bu bhana‐Ghreugach a’ bhean, ban‐Shirophenìseach a‑thaobh cinnich); agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach as a nighinn. Agus thubhairt Iosa rithe, Fuiling don chloinn air tùs a bhith air an sàsachadh: oir chan eil e iomchaidh aran na cloinne a ghabhail, agus a thilgeadh a‑chum nan con. Agus fhreagair ise agus thubhairt i ris, Is fìor sin, a Thighearna: gidheadh, ithidh na coin fon bhòrd de spruilleach na cloinne. Agus thubhairt esan rithe, Airson na cainnte seo fhèin, imich romhad; tha an deamhan air dol a‑mach as do nighinn. Agus nuair a bha ise air teachd a dh’ionnsaigh a taighe, fhuair i an deamhan air dol a‑mach, agus a nighean air a cur na laighe air an leabaidh. Agus a‑rìs, nuair a dh’imich e o chrìochan Thìruis agus Shìdoin, thàinig e gu muir Ghalile, tro mheadhon crìochan Dhecapolis. Agus thug iad da ionnsaigh duine bodhar, aig an robh stadaich na chainnt: agus ghuidh iad air gun cuireadh e làmh air. Agus thug e air leth on t‑sluagh e, agus chuir e a mheòir na chluasan, agus chuir e sileadh air, agus bhean e ra theangaidh. Agus air dha amharc suas gu nèamh, rinn e osna, agus thubhairt e ris, Ephphata, is e sin ri ràdh, Bi air d’fhosgladh. Agus air ball dh’fhosgladh a chluasan, agus dh’fhuasgladh ceangal a theangaidh, agus labhair e gu ceart. Agus dh’àithn e dhaibh gun iad a dh’innse sin do neach air bith: ach mar as mò a thoirmisg esan dhaibh, bu mhò gu ro‑mhòr a chuir iadsan an gnìomh am follais; Agus bha iad gu ro‑mhòr air an lìonadh le iongantas, ag ràdh, Rinn e na h‑uile nithean gu math: tha e araon a’ tabhairt air na bodhair gun cluinn iad, agus air na bailbh gun labhair iad. Anns na làithean sin, air do shluagh ro‑mhòr a bhith ann, agus gun nì air bith aca ri ithe, ghairm Iosa a dheisciobail da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Tha truas mòr agam den t‑sluagh, do bhrìgh gun d’fhan iad a‑nis trì làithean maille rium, agus nach eil nì air bith aca ri ithe; Agus ma leigeas mi dan taighean fhèin nan trasg iad, fannaichidh iad air an t‑slighe: oir thàinig cuid aca am fad. Agus fhreagair a dheisciobail e, Cia as a dh’fhaodas neach iad seo a shàsachadh le aran an seo anns an fhàsach? Agus dh’fhiosraich e dhiubh, Cia lìon buileann a tha agaibh? Agus thubhairt iadsan, Seachd. Agus thug e òrdagh don t‑sluagh suidhe sìos air an làr: agus ghlac e na seachd buileannan, agus air toirt buidheachais, bhris e, agus thug e iad da dheisciobail, a‑chum gun cuireadh iad nan làthair iad: agus chuir iad sìos an làthair an t‑sluaigh iad. Agus bha aca beagan a dh’èisg bheaga: agus bheannaich e iad, agus dh’àithn e an cur sìos nan làthair mar an ceudna. Agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad làn seachd basgaidean den bhiadh bhriste, a bha a dh’fhuidheall aca. Agus bha iadsan a dh’ith mu thimcheall ceithir mìle; agus leig e air falbh iad. Agus air ball chaidh e a‑steach an luing maille ra dheisciobail, agus thàinig e gu crìochan Dhalmanuta. Agus thàinig na Pharasaich a‑mach: agus thòisich iad ri ceistean a chur air, ag iarraidh comharraidh uaithe o nèamh, ga dhearbhadh. Agus air dèanamh osna dhàsan na spiorad, thubhairt e, Carson a tha an ginealach seo ag iarraidh comharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach toirear comharradh don ghinealach seo. Agus dh’fhàg e iad, agus air dha dol a‑steach don luing a‑rìs, chaidh e a‑chum an taoibh eile. Agus dhìochuimhnich na deisciobail aran a thoirt leo; agus cha robh aca ach aon bhuileann maille riu anns an luing. Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Thugaibh an aire, bithibh air ur faicill an aghaidh taois ghoirt nam Pharasach, agus taois ghoirt Heroid. Agus bha iadsan a’ reusonachadh nam measg fhèin, ag ràdh, Is ann a chionn nach eil aran againn a tha e. Agus air aithneachadh sin do Iosa, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh do bhrìgh nach eil aran agaibh? Nach eil fhios agaibh fhathast, agus nach eil sibh a’ tuigsinn? A bheil ur cridhe fhathast air a chruadhachadh? Air dhuibh sùilean a bhith agaibh, nach faic sibh? Agus air dhuibh cluasan a bhith agaibh, nach cluinn sibh? Agus nach eil sibh a’ cuimhneachadh? Nuair a bhris mi na còig buileannan am measg nan còig mìle, cia lìon cliabh làn de bhiadh briste a thog sibh? Thubhairt iadsan ris, A dhà‐dheug. Agus nuair a bhris mi na seachd am measg nan ceithir mìle, cia lìon basgaid làn de bhiadh briste a thog sibh? Agus thubhairt iadsan. Seachd. Agus thubhairt e riu, Cionnas nach eil sibh a’ tuigsinn? Agus thàinig e gu Betsaida; agus thug iad da ionnsaigh duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris. Agus rug e air làimh an doill agus threòraich e a‑mach as a’ bhaile e; agus air dha a sheile a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh’fheòraich e dheth an robh e a’ faicinn nì air bith. Agus dh’amhairc esan suas, agus thubhairt e, Tha mi a’ faicinn dhaoine mar chraobhan ag imeachd. Na dhèidh sin, chuir e a làmhan a‑rìs air a shùilean, agus thug e air amharc suas: agus dh’aisigeadh a fhradharc dha, agus chunnaic e gach uile dhuine gu soilleir. Agus chuir e a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin e, ag ràdh, Na rach a‑steach don bhaile, agus na innis do neach air bith anns a’ bhaile e. Agus chaidh Iosa agus a dheisciobail a‑mach gu bailtean Chesarèa Philipi: agus air an t‑slighe chuir e ceist air a dheisciobail, ag ràdh riu, Cò tha daoine ag ràdh as mise? Agus fhreagair iadsan, Eòin Baistidh; agus cuid eile, Elias; agus cuid eile, Aon de na fàidhean. Agus thubhairt esan riu, Ach cò a tha sibhse ag ràdh as mi? Fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Is tu Crìosd. Agus thug e sparradh dhaibh gun iad a dh’innse seo uime do neach sam bith. Agus thòisich e rin teagasg, gur èiginn do Mhac an duine mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus èirigh a‑rìs an dèidh trì làithean. Agus labhair e a’ chainnt seo gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus thòisich e ra chronachadh. Ach air dhàsan tionndadh mun cuairt agus amharc air a dheisciobail, chronaich e Peadar, ag ràdh, Imich air mo chùlaibh, a Shàtain: oir chan eil spèis agad de nithean Dhè, ach de nithean dhaoine. Agus air gairm an t‑sluaigh agus a dheisciobal da ionnsaigh, thubhairt e riu, Ge bè neach leis an àill teachd am dhèidh‐sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann‐ceusaidh, agus leanadh e mise. Oir ge bè neach leis an àill a anam fhèin a choimhead, caillidh e e; ach ge bè neach a chailleas a anam air mo shon‐sa, agus airson an t‑soisgeil, coimheadaidh esan e. Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged a chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus a anam a chall? No ciod a bheir duine ann an èirig a anama? Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa agus dem bhriathran anns a’ ghinealach adhaltranach agus olc seo, dhethsan gabhaidh Mac an Duine nàire, nuair a thig e ann an glòir a Athar, maille ris na h‑ainglean naomha. Agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gu bheil cuid dhiubhsan a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè a’ teachd le cumhachd. Agus an ceann sia làithean, thug Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eòin leis, agus threòraich e iad leo fhèin air leth gu beinn àird: agus dh’atharraicheadh a chruth nam fianais. Agus rinneadh a aodach dealrach, ro‑gheal mar an sneachd: air mhodh nach robh e an comas do ghlanadair‐aodaich sam bith air talamh a ghealachadh. Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh Elias maille ri Maois: agus bha iad a’ còmhradh ri Iosa. Agus fhreagair Peadar, agus thubhairt e ri Iosa, A Mhaighistir, is math dhuinne a bhith an seo: air an adhbhar sin dèanamaid trì pàilleanan; aon dhutsa, agus aon do Mhaois, agus aon de Elias. Oir cha robh fhios aige ciod a theireadh e: oir bha iad fo eagal ro‑mhòr. Agus thàinig neul a chuir sgàil orra, agus thàinig guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach‐sa, èisdibh ris. Agus air ball, nuair a dh’amhairc iad mun timcheall, chan fhaca iad neach air bith à sin suas, ach Iosa na aonar maille riu. Agus aig teachd dhaibh a‑nuas on bheinn, dh’àithn e dhaibh gun na nithean a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine a‑rìs o na mairbh. Agus ghlèidh iad a’ chainnt seo aca fhèin, a’ fiosrachadh de chèile ciod a bu chiall don aiseirigh o na mairbh. Agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Carson a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur èiginn gun tig Elias air tùs? Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thig Elias gu deimhinn air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean, agus mar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e gu mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a chur an dìmeas. Ach tha mi ag ràdh ribh gu bheil Elias da‑rìribh air teachd, agus rinn iad ris gach nì a thogair iad, a rèir mar a tha e sgrìobhte uime. Agus nuair thàinig e a‑chum a dheisciobal, chunnaic e sluagh mòr mun timcheall, agus na sgrìobhaichean a’ deasbaireachd riu. Agus air ball bha an sluagh uile, nuair a chunnaic iad e, fo uamhas mòr, agus air dhaibh ruith da ionnsaigh, chuir iad fàilte air. Agus dh’fheòraich e de na sgrìobhaichean, Ciod e mum bheil sibh a’ deasbaireachd riu? Agus air freagairt do neach den t‑sluagh, thubhairt e, A Mhaighistir, thug mi mo mhac ad ionnsaigh, anns a bheil spiorad balbh: Agus ge bè ionad sam bith anns an glac e e, tha e ga tharraing as a chèile; agus tha e a’ cur cobhair as a bheul, agus a’ gìosgarnaich le fhiaclan, agus tha e a’ seargadh as: agus thubhairt mi rid dheisciobail, iad ga chur a‑mach, agus cha b’urrainn iad. Ach fhreagair esan, agus thubhairt e ris, O chinnich gun chreideamh, cia fhad a bhios mi maille ribh? Cia fhad a dh’fhuilingeas mi sibh? Thugaibh e am ionnsaigh. Agus thug iad da ionnsaigh e: agus nuair a chunnaic e e, reub an spiorad air ball e; agus thuit e air an talamh, agus bha e ga aoirneagan fhèin, agus a’ cur cobhair as a bheul. Agus dh’fheòraich e de a athair, Cia fhad an aimsir o thàinig seo air? Agus thubhairt e, O bha e na leanabh. Agus gu minig thilg e anns an teine e, agus anns an uisge, a‑chum gum milleadh e e: ach ma tha thusa comasach air nì sam bith a dhèanamh, gabh truas dhinn, agus cuidich leinn. Ach thubhairt Iosa ris, Mas urrainn thusa creidsinn, tha gach aon nì comasach don neach a chreideas. Agus ghlaodh athair an leinibh a‑mach air ball, agus thubhairt e le deòir, Tha mi a’ creidsinn, a Thighearna; cuidich thusa lem mhì‐chreideamh. Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh a’ ruith cuideachd, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, A spioraid bhailbh agus bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, Thig a‑mach as, agus na rach a‑steach ann nas mò. Agus ghlaodh an spiorad, agus reub e gu ro‑chràiteach e, agus chaidh e a‑mach as: agus bha e an riochd mairbh, ionnas gun dubhairt mòran, Tha e marbh. Ach air do Iosa a ghlacadh air làimh, thog e suas e, agus dh’èirich e. Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh, dh’fheòraich a dheisciobail dheth an uaigneas, Carson nach b’urrainn sinne a thilgeadh a‑mach? Agus thubhairt esan riu, Chan eil e comasach gun tèid a ghnè seo a‑mach le nì air bith, ach le ùrnaigh agus trasgadh. Agus dh’imich iad as a sin, agus chaidh iad tro Ghalile: agus cha b’àill leis a fhios seo a bhith aig aon neach. Oir theagaisg e a dheisciobail fhèin, agus thubhairt e riu, Tha Mac an Duine air a thabhairt thairis do làmhan dhaoine, agus cuiridh iad gu bàs e; agus an dèidh a chur gu bàs, èiridh e a‑rìs an treas là. Ach cha do thuig iad a’ chainnt seo, agus bha eagal orra fheòraich dheth. Agus thàinig e gu Capernàum; agus air dha a bhith anns an taigh, dh’fheòraich e dhiubh, Ciod e mun robh sibh a’ deasbaireachd eadaraibh fhèin air an t‑slighe? Ach dh’fhan iadsan nan tosd; oir air an t‑slighe bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin cò aca a bu mhò a bhiodh. Agus air suidhe dha, ghairm e an dà‑fhear‐dheug da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Ge bè neach leis am miann a bhith air thoiseach, bidh esan air dheireadh air càch uile, agus na sheirbhiseach do na h‑uile. Agus ghabh e leanabh, agus chuir e nam meadhon e: agus nuair a thog e suas na uchd e, thubhairt e riu. Ge bè neach a ghabhas ri aon den leithidean seo de leanaban ann am ainm‐sa, tha e a’ gabhail riumsa; agus ge bè neach a ghabhas riumsa, cha mhise ris a bheil e a’ gabhail, ach ris an Tì a chuir uaithe mi. Agus fhreagair Eòin e, ag ràdh, A Mhaighistir, chunnaic sinne neach nach eil gar leantainn‐ne a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm‐sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn fhèin. Ach thubhairt Iosa, Na bacaibh e; oir chan eil neach sam bith a nì mìorbhail am ainm‐sa dom bheil e an comas olc a labhairt gu h‑ealamh umam. Oir ge bè neach nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn. Oir ge bè neach a bheir cupan uisge dhuibhse ra òl ann am ainm‐sa, a chionn gur le Crìosd sibh, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais. Agus ge bè a bheir adhbhar oilbheim do aon neach den mhuinntir bhig seo, a tha a’ creidsinn annamsa, b’fheàrr dha gum biodh clach‐mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge. Agus ma bheir do làmh adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot i: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth‐làimh, na dà làimh a bhith agad, agus dol gu ifrinn, don teine nach mùchar a‑chaoidh; Far nach bàsaich an cnuimh, agus nach tèid an teine as. Agus ma bheir do chas adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot i: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth‐chois, na dà chois a bhith agad, agus a bhith air do thilgeadh ann an ifrinn, don teine nach mùchar a‑chaoidh; Far nach bàsaich a’ chnuimh, agus nach tèid an teine as. Agus ma bheir do shùil adhbhar oilbheim dhut, spìon asad i: is fheàrr dhut dol a‑steach do rìoghachd Dhè air aon sùil, na dà shùil a bhith agad, agus a bhith air do thilgeadh ann an teine ifrinn; Far nach bàsaich a’ chnuimh, agus nach tèid an teine as. Oir saillear gach aon neach le teine, agus saillear gach aon ìobairt le salann. Is math an salann: ach ma chailleas an salann a shaillteachd, ciod e leis an dèan sibh deagh‐bhlasda e? Biodh agaibh salann annaibh fhèin, agus bithibh sìochail ri chèile. Agus air èirigh dha as a sin, thàinig e gu crìochan Iudèa tron dùthaich a tha air an taobh thall de Iòrdan: agus thàinig slòigh da ionnsaigh a‑rìs; agus mar bu ghnàth leis, theagaisg e iad a‑rìs. Agus thàinig na Pharasaich da ionnsaigh, agus dh’fheòraich iad dheth ga dhearbhadh, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh? Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Ciod a dh’àithn Maois dhuibh? Agus thubhairt iadsan, Thug Maois cead dhuinn litir‐dhealachaidh a sgrìobhadh, agus a cur air falbh. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Airson cruas ur cridhe, sgrìobh e an àithne seo dhuibh. Gidheadh o thoiseach na cruitheachd, rinn Dia iad fear agus bean. Air an adhbhar seo, fàgaidh duine a athair agus a mhàthair, agus dlùth‐leanaidh e ra mhnaoi‐phòsda; Agus bidh iad araon nan aon fheòil: ionnas nach dithis iad o sin suas, ach aon fheòil. Air an adhbhar sin, an nì a chuir Dia cuideachd, na cuireadh duine o chèile. Agus anns an taigh, dh’fheòraich a dheisciobail dheth a‑rìs mu thimcheall an nì cheudna. Agus thubhairt e riu, Ge bè neach a chuireas air falbh a bhean fhèin, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais na h‑aghaidh. Agus ma chuireas bean air falbh a fear fhèin, agus ma bhios i air a pòsadh ri fear eile, tha i a’ dèanamh adhaltranais. Agus thug iad leanaban da ionnsaigh, a‑chum gum beanadh e riu; agus chronaich a dheisciobail a’ mhuinntir a thug leo iad. Ach nuair a chunnaic Iosa sin, bha e ro‑dhiombach, agus thubhairt e riu, Leigibh do na leanaban teachd am ionnsaigh, agus na bacaibh iad: oir is ann dan leithidean a tha rìoghachd Dhè. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè neach nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag, nach tèid e gu bràth a‑steach innte. Agus ghlac e na uchd iad, agus chuir e a làmhan orra, agus bheannaich e iad. Agus nuair a chaidh e a‑mach air an t‑slighe, thàinig neach na ruith, agus leig e e fhèin air a ghlùinean dha, agus dh’fheòraich e dheth, A Mhaighistir mhaith, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach? Agus thubhairt Iosa ris, Carson a ghoireas tu math dhìomsa? Chan eil neach sam bith math ach a h‑aon, is e sin Dia. Is aithne dhut na h‑àitheantan, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Na dèan eucoir, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair. Ach fhreagair esan agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, choimhead mi iad sin uile om òige. Agus air amharc do Iosa air, ghràdhaich e e, agus thubhairt e ris, Tha aon nì a dh’uireasbhaidh ort: imich, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, tog an crann‐ceusaidh, agus lean mise. Agus bha doilgheas airsan airson nam briathran sin, agus dh’fhalbh e gu tùirseach; oir bha mòran saoibhreis aige. Agus air amharc do Iosa mun cuairt, thubhairt e ra dheisciobail, Cia deacair don mhuinntir sin aig a bheil mòr‐shaoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè! Agus bha mòr‐uamhas air na deisciobail airson a bhriathran. Ach fhreagair Iosa a‑rìs, agus thubhairt e riu, A chlann, cia deacair dhaibhsan a chuireas an dòigh ann an saoibhreas, dol a‑steach do rìoghachd Dhè! Is fhasa do chàmhal dol tro chrò na snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè. Ach bha uamhas orrasan thar tomhas, ag ràdh eatorra fhèin, Cò mas eadh a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh? Agus air do Iosa amharc orra, thubhairt e, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach chan eil do Dhia: oir do Dhia tha na h‑uile nithean comasach. Agus thòisich Peadar air a ràdh ris, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa. Ach fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil neach sam bith a dh’fhàg taigh, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean‐phòsda, no clann, no fearann, air mo shon‐sa agus airson an t‑soisgeil, Nach faigh a cheud uiread anns an aimsir seo fhèin, taighean, agus bràithrean, agus peathraichean, agus màthraichean, agus clann, agus fearann, maille ri geur‐leanmhainn; agus anns an t‑saoghal a tha ri teachd, a’ bheatha mhaireannach. Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh; agus air dheireadh a bhios air thoiseach. Agus bha iad air an t‑slighe a’ dol suas gu Ierusalem: agus bha Iosa ag imeachd romhpa, agus ghlac uamhas iad, agus nuair a bha iad ga leantainn, bha eagal orra. Agus thug e an dà‑fhear‐dheug air leth a‑rìs, agus thòisich e air na nithean a bha gu tachairt dha innse dhaibh; Ag ràdh, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis do na h‑àrd‐shagartan, agus do na sgrìobhaichean: agus dìtidh iad a‑chum bàis e, agus bheir iad thairis e do na Cinnich; Agus nì iad fanaid air, agus sgiùrsaidh iad e, agus tilgidh iad smugaid air, agus cuiridh iad gu bàs e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs. Agus thàinig da ionnsaigh Seumas agus Eòin, mic Shebede, ag ràdh, A Mhaighistir, is àill leinn gun dèan thu dhuinne ge bè nì a dh’iarras sinn. Agus thubhairt esan riu, Ciod as àill leibh mise a dhèanamh dhuibh? Agus thubhairt iadsan ris, Deònaich dhuinne gun suidheamaid, a h‑aon air do làimh dheis, agus am fear eile air do làimh chlì, ann ad ghlòir. Agus thubhairt Iosa riu, Chan aithne dhuibh ciod a tha sibh ag iarraidh: a bheil sibh comasach air a’ chupan òl a dh’òlas mise? Agus a bhith air ur baisteadh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise? Thubhairt iadsan ris, Tha sinn comasach. Ach thubhairt Iosa riu, Olaidh sibhse gu deimhinn an cupan a dh’òlas mise; agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise: Ach suidhe air mo làimh dheis, agus air mo làimh chlì, cha leamsa sin ra thabhairt, ach dhaibhsan don d’ullaicheadh e. Agus air cluinntinn seo don deichnear, thòisich iad air mòr‐chorraich a ghabhail ri Seumas agus Eòin. Ach ghairm Iosa iad da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil acasan a tha air am meas mar uachdarain air na Cinnich àrd‐thighearnas orra; agus gu bheil aig an daoine mòra làn‐ùghdarras orra. Ach cha bhi e mar sin nur measg‐se: ach ge bè neach len àill a bhith mòr nur measg, bidh e na òglach agaibh: Agus ge bè neach agaibh len àill toiseach a bhith aige, bidh e na sheirbhiseach do na h‑uile. Oir cha tàinig eadhon Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thoirt a anama fhèin mar èirig airson mhòran. Agus thàinig iad gu Iericho: agus air imeachd dhàsan agus da dheisciobail, agus do shluagh mòr, a‑mach à Iericho, bha Bartimèus an dall, mac Thimèuis, na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce. Agus nuair a chuala e gum b’e Iosa o Nàsaret a bha ann, thòisich e ri glaodhaich agus a ràdh, Iosa, a Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm. Agus chronaich mòran e, a‑chum gum biodh e na thosd: ach bu ro‑mhò a ghlaodh esan, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm. Agus sheas Iosa, agus dh’àithn e esan a ghairm da ionnsaigh: agus ghairm iad an dall, ag ràdh ris, Biodh misneach agad, èirich; tha e gad ghairm. Agus air dhàsan a fhallaing a thilgeadh uaithe, dh’èirich e, agus thàinig e gu Iosa. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Thubhairt an dall ris, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc. Agus thubhairt Iosa ris, Imich; shlànaich do chreideamh thu. Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa anns an t‑slighe. Agus nuair a thàinig iad am fagas do Ierusalem, gu Betphage agus Betani, aig Sliabh nan Crann‐ola, chuir e uaithe dithis de a dheisciobail. Agus thubhairt e riu, Rachaibh don bhaile ud thall far comhair; agus air ball nuair a thèid sibh a‑steach ann, gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh; fuasglaibh e, agus thugaibh leibh e. Agus ma their neach air bith ribh, Carson a tha sibh a’ dèanamh seo? Abraibh gu bheil feum aig an Tighearna air; agus air ball cuiridh e an seo e. Agus dh’imich iad, agus fhuair iad an searrach ceangailte a‑muigh aig an doras, aig coinneachadh dà shlighe; agus dh’fhuasgail iad e. Agus thubhairt cuid dhiubhsan, a bha nan seasamh an sin, riu, Carson a tha sibh a’ fuasgladh an t‑searraich? Agus thubhairt iadsan riu mar a dh’àithn Iosa dhaibh: agus leig iad uapa iad. Agus thug iad an searrach a‑chum Iosa, agus chuir iad am fallaingean air; agus shuidh esan air. Agus sgaoil mòran am fallaingean fhèin air an t‑slighe: agus gheàrr cuid eile geugan de na craobhan, agus sgaoil iad air an t‑slighe iad. Agus ghlaodh iadsan a bha ag imeachd roimhe, agus iadsan a bha ga leantainn, ag ràdh, Hosanna, is beannaichte an tì a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna! Is beannaichte rìoghachd ar n‑athar Daibhidh, a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna; Hosanna anns na h‑àrdan! Agus chaidh Iosa a‑steach do Ierusalem, agus don teampall; agus nuair a dh’amhairc e air gach nì mun cuairt, agus a bha am feasgar a‑nis air teachd, chaidh e a‑mach gu Betani maille ris an dà‑fhear‐dheug. Agus air an là màireach, nuair a chaidh iad a‑mach à Betani, dh’fhàs e acrach. Agus air faicinn craoibh‐fhìge fada uaithe air an robh duilleach, thàinig e a dh’fheuchainn am faigheadh e nì sam bith oirre: agus air dha teachd da h‑ionnsaigh, cha d’fhuair e nì sam bith ach duilleach; oir cha robh àm tional nam fìgean fhathast ann. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nar itheadh neach sam bith toradh dhìotsa o seo suas a‑chaoidh. Agus chuala a dheisciobail e. Agus thàinig iad gu Ierusalem: agus chaidh Iosa a‑steach don teampall, agus thòisich e air an dream a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall a chur a‑mach, agus thilg e thairis bùird luchd‐malairt an airgid, agus cathraichean na muinntir a bha a’ reic chalaman; Agus chan fhulaingeadh e gun giùlaineadh neach sam bith soitheach tron teampall. Agus theagaisg e, ag ràdh riu, Nach eil e sgrìobhte, Goirear taigh ùrnaigh dem thaigh‐sa leis na h‑uile chinnich? Ach rinn sibhse na gharaidh luchd‐reubainn e. Agus chuala na sgrìobhaichean agus na h‑àrd‐shagartan seo, agus dh’iarr iad cionnas a dh’fhaodadh iad esan a mhilleadh: oir bha a eagal‐san orra, do bhrìgh gu robh an sluagh uile fo iongantas mòr ra theagasg. Agus nuair a bha am feasgar air teachd, chaidh e a‑mach as a’ bhaile. Agus anns a’ mhadainn, a’ gabhail seachad dhaibh, chunnaic iad an crann‐fìge air crìonadh o a fhreumhan. Agus air cuimhneachadh do Pheadar, thubhairt e ris, A Mhaighistir, feuch, tha a’ chraobh‐fhìge, a mhallaich thu, air crìonadh. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Biodh creideamh Dhè agaibh. Oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè neach a their ris a’ bheinn seo, Togar thu, agus tilgear anns an fhairge thu, agus nach bi fo amharas na chridhe, ach a chreideas gun tachair na nithean a their e, thig gach nì a their e gu crìch dha. Air an adhbhar sin tha mi ag ràdh ribh, Ge bè nithean air bith a dh’iarras sibh ann an ùrnaigh, creidibh gum faigh sibh, agus gheibh sibh iad. Agus nuair a sheasas sibh a’ dèanamh ùrnaigh, maithibh, ma tha nì air bith agaibh an aghaidh aon duine; a‑chum gum maith ur n‑Athair a tha air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse. Ach mura maith sibhse, cha mhò a mhaitheas ur n‑Athair a tha air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse. Agus thàinig iad a‑rìs gu Ierusalem: agus air dhàsan a bhith a’ spaisdearachd anns an teampall, thàinig da ionnsaigh na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean, Agus thubhairt iad ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thu a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo a‑chum na nithean seo a dhèanamh? Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Feòraichidh mise mar an ceudna aon nì dhibhse, agus freagraibh mi, agus innsidh mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo. An ann o nèamh no o dhaoine a thàinig baisteadh Eòin? Freagraibh mi. Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, O nèamh; their esan rinn, Carson mas eadh nach do chreid sibh e? Ach ma their sinn, O dhaoine; bha eagal an t‑sluaigh orra; oir b’e meas nan uile air Eòin gum b’fhàidh e gu fìrinneach. Agus air freagairt dhaibh, thubhairt iad ri Iosa, Chan eil fhios againn. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo. Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios, agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad‐bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich. Agus anns an àm dhligheach chuir e seirbhiseach a dh’ionnsaigh na tuatha, a‑chum gum faigheadh e de thoradh an fhìonlios on tuath. Ach air dhaibhsan a ghlacadh, bhuail iad e, agus chuir iad uapa falamh e. Agus a‑rìs chuir e seirbhiseach eile dan ionnsaigh: agus chlach iad e, agus reub iad a cheann, agus chuir iad uapa e le eas‐urram. Agus a‑rìs chuir e neach eile dan ionnsaigh; agus esan mharbh iad: agus mòran eile, a’ bualadh cuid dhiubh, agus a’ marbhadh cuid eile. Fhathast uime sin, air dha aon mhac a bhith aige, a b’ionmhainn leis, chuir e esan mar an ceudna fa‑dheòidh dan ionnsaigh, ag ràdh, Bheir iad urram dom mhac. Ach thubhairt an tuath sin nam measg fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus bidh an oighreachd againn fhèin. Agus rug iad air, agus mharbh iad e, agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e. Ciod e uime sin a nì tighearna an fhìonlios? Thig e agus sgriosaidh e an tuath sin, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile. Nach do leugh sibh an sgriobtar seo? A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisinn dhith. Rinneadh seo leis an Tighearna, agus is iongantach e nar sùilean‐ne. Agus dh’iarr iad breith air, ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd: agus air fhàgail dhaibh, dh’imich iad romhpa. Agus chuir iad da ionnsaigh dream àraidh de na Pharasaich, agus de luchd‐leanmhainn Heroid, a‑chum gun glacadh iad e na chainnt. Agus air dhaibhsan teachd, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus nach eil suim agad de neach air bith: oir chan eil thu ag amharc air gnùis dhaoine, ach a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e ceadaichte cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? An tabhair no nach tabhair sinn i? Ach air dhàsan an cealg a thuigsinn, thubhairt e riu, Carson a tha sibh gam bhuaireadh? Thugaibh pèighinn am ionnsaigh, a‑chum gum faic mi i. Agus thug iad da ionnsaigh i. Agus thubhairt e riu, Cò dom buin an ìomhaigh seo, agus an sgrìobhadh seo? Agus thubhairt iadsan ris, Do Chèasar. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Thugaibh do Chèasar na nithean as le Cèasar, agus do Dhia na nithean as le Dia. Agus ghabh iad iongantas ris. An sin thàinig na Sadusaich da ionnsaigh, a tha ag ràdh nach eil aiseirigh ann; agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, sgrìobh Maois dhuinne, Nam faigheadh bràthair duine air bith bàs, agus gum fàgadh e bean, agus nach fàgadh e clann, gun gabhadh a bhràthair a bhean da ionnsaigh, agus gun togadh e sliochd da bhràthair. A‑nis bha seachdnar bhràithrean ann: agus ghabh an ciad fhear dhiubh bean, agus nuair a dh’eug e, cha d’fhàg e sliochd. Agus ghabh an dara fear i, agus fhuair esan bàs, agus cha mhò a dh’fhàg esan sliochd: agus an treas fear mar an ceudna. Agus ghabh an t‑seachdnar i, agus cha d’fhàg iad sliochd: nan dèidh uile, chaochail a’ bhean mar an ceudna. Anns an aiseirigh uime sin, nuair a dh’èireas iad, cò dhiubh dom bean i? Oir bha i aig an t‑seachdnar na mnaoi. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Nach eil sibh uime sin ann am mearachd, do bhrìgh nach eil eòlas agaibh air na sgriobtairean no air cumhachd Dhè? Oir nuair a dh’èireas iad o na mairbh, cha phòs iad, cha mhò a bheirear ann am pòsadh iad; ach tha iad mar na h‑ainglean a tha air nèamh. Ach mu thimcheall nam marbh, gun èirich iad, nach do leugh sibh ann an leabhar Mhaois, cionnas a labhair Dia ris anns a’ phreas, ag ràdh, Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib? Chan e Dia nam marbh e, ach Dia nam beò: tha sibhse uime sin ann am mearachd mòr. Agus thàinig neach de na sgrìobhaichean, agus nuair a chuala e iadsan a’ deasbaireachd ri chèile, agus a thuig e gun do fhreagair e gu math iad, chuir e ceist air, Cia i a’ chiad àithne de na h‑àitheantan uile? Agus fhreagair Iosa e, Is i seo a’ chiad àithne de na h‑àitheantan uile. Èisd, O Israeil, an Tighearna ar Dia‐ne is aon Tighearna e; Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile inntinn, agus led uile neart: is i seo a’ chiad àithne: Agus is cosmhail an dara àithne rithe seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin: chan eil àithne eile ann as mò na iad seo. Agus thubhairt an sgrìobhaiche ris, Is math gu fìrinneach, a Mhaighistir, a thubhairt thu: oir tha aon Dia ann, agus chan eil atharrach ann ach e fhèin. Agus esan a ghràdhachadh leis an uile chridhe, agus leis an uile thuigse, agus leis an uile anam, agus leis an uile neart, agus neach a ghràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin, is mò sin na na h‑uile làn ìobairtean‐loisgte agus thabhartas. Agus nuair a chunnaic Iosa gun do fhreagair e gu tuigseach, thubhairt e ris, Chan eil thu fada o rìoghachd Dhè. Agus cha robh de mhisnich aig neach air bith o sin suas ceist a chur air. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, a’ teagasg anns an teampall, Cionnas a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur e Crìosd mac Dhaibhidh? Oir thubhairt Daibhidh fhèin tron Spiorad Naomh, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna‐sa, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan. Air an adhbhar sin, tha Daibhidh fhèin a’ gairm a Thighearna dheth; cionnas mas eadh is e a mhac e? Agus dh’èisd am mòr‐shluagh ris gu taitneach. Agus thubhairt e riu na theagasg, Bithibh air ur faicill o na sgrìobhaichean, leis an ionmhainn imeachd ann an culaidhean fada agus fàilte fhaotainn air na margaidhean; Agus na ciad chathraichean anns na sionagogan, agus na ciad àiteachan‐suidhe aig na fèillean; A dh’itheas suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a nì ùrnaighean fada: gheibh iad sin an dìteadh as mò. Agus air do Iosa suidhe fa chomhair àite‐coimhead an ionmhais, thug e fa‑near cionnas a bha am poball a’ cur an airgid anns an ionmhas: agus chuir mòran de dhaoine saoibhir mòran ann. Agus air teachd do bhantraich bhochd, thilg i dà bhonn bheag ann, a nì feòirling. Agus air dha a dheisciobail a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo tuilleadh anns an ionmhas na iadsan uile a thilg ann. Oir thilg iadsan uile ann dem mòr‐phailteas; ach thilg ise as a gainne na bha aice uile, eadhon a beathachadh gu h‑iomlan. Agus nuair a bha e a’ dol a‑mach as an teampall, thubhairt neach de a dheisciobail ris, A Mhaighistir, feuch ciod a’ ghnè chlach, agus ciod a’ ghnè aitreibh seo! Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Am faic thu an aitreabh mhòr seo? Chan fhàgar clach air muin cloiche, nach sgarar o chèile. Agus nuair a shuidh e air Sliabh nan Crann‐ola, fa chomhair an teampaill, dh’fheòraich Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, ann an uaigneas dheth, Innis dhuinne cuin a bhios na nithean sin, agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean sin gu lèir air an coileanadh? Agus fhreagair Iosa iad, agus thòisich e air a ràdh, Thugaibh an aire nach meall aon neach sibh: Oir thig mòran ann am ainm‐sa, ag ràdh, Is mise e: agus meallaidh iad mòran. Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean, na biodh buaireas oirbh: oir is èiginn dhaibh seo teachd; ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast. Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh crithean‐talmhainn ann an iomadh àit, agus bidh gortan agus trioblaidean ann: is iad sin toiseach dhòrainnean. Ach thugaibh an aire dhuibh fhèin; oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean: agus anns na sionagogan sgiùrsar sibh, agus cuirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo shon‐sa, mar fhianais dhaibhsan. Agus is èiginn air tùs an soisgeul a bhith air a shearmonachadh do na h‑uile chinnich. Ach nuair a bheir iad leo sibh, gu ur tabhairt thairis, na biodh e na ro‑chùram oirbh ciod e a labhras sibh, agus na smaoinichibh ro‑làimh air: ach ge bè nì a bheirear dhuibh anns an uair sin fhèin, abraibh e: oir cha sibhse a tha a’ labhairt, ach an Spiorad Naomh. Agus bheir am bràthair a bhràthair thairis a‑chum bàis, agus an t‑athair a mhac: agus èiridh a’ chlann suas an aghaidh am pàrantan, agus bheir iad fa‑near an cur gu bàs. Agus bidh sibh air ur fuathachadh leis na h‑uile dhaoine air sgàth m’ainme‐sa: ach an tì a bhuanaicheas a‑chum na crìche, is e seo a shaorar. Ach nuair a chì sibh gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad anns nach bu chòir dhi (tuigeadh an tì a leughas), an sin teicheadh iadsan a tha ann an tìr Iudèa a‑chum nam beann: Agus na tigeadh esan a tha air mullach an taighe a‑nuas don taigh, agus na rachadh e a‑steach a thoirt nì air bith as a thaigh: Agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh e air ais a thogail a fhallaing leis. Ach mo thruaighe iad na mnathan sin a tha torrach, agus iadsan a tha a’ toirt cìche anns na làithean sin! Agus guidhibh‐se gun ur teicheadh a bhith anns a’ gheamhradh. Oir bidh àmhghar anns na làithean sin, amhail nach robh a leithid ann o thoiseach na cruitheachd a chruthaich Dia gus a‑nis, agus nach mò a bhios. Agus mura giorraicheadh an Tighearna na làithean ud, cha rachadh feòil air bith as: ach airson an t‑sluaigh thaghte, a thagh e fhèin, ghiorraich e na làithean ud. Agus an sin ma their neach air bith ribh, Feuch, tha Crìosd an seo, no, Feuch, tha e an sin, na creidibh e: Oir èiridh Crìosdan brèige, agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean, agus mìorbhailean a‑chum, nam bu chomasach e, na daoine taghte fhèin a mhealladh. Agus thugaibh‐se an aire: feuch, ro‑innis mi dhuibh na h‑uile nithean. Ach anns na làithean sin, an dèidh an àmhghair ud, bidh a’ ghrian air a dorchachadh, agus cha toir a’ ghealach a solas uaipe; Agus tuitidh reultan nèimh, agus bidh na cumhachdan a tha anns na nèamhan air an crathadh. Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd anns na neòil, maille ri mòr‐chumhachd agus glòir. Agus an sin cuiridh e a aingil a‑mach, agus cruinnichidh e ri chèile a dhaoine taghte fhèin o na ceithir gaothan, o leth‐iomall na talmhainn gu leth‐iomall nèimh. A‑nis fòghlamaibh cosamhlachd on chraoibh‐fhìge. Nuair a bhios a geug a‑nis maoth, agus a chuireas i a‑mach a duilleach, tha fhios agaibh gu bheil an samhradh am fagas; Agus mar an ceudna sibhse, nuair a chì sibh na nithean sin a’ tachairt, biodh fhios agaibh gu bheil e am fagas, eadhon aig na dorsan. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo thairis gus an coileanar na nithean sin uile. Thèid nèamh agus talamh thairis; ach cha tèid mo bhriathran‐sa thairis a‑chaoidh. Ach chan eil fhios an là no na h‑uaire sin aig neach air bith, chan eil aig na h‑ainglean a tha air nèamh, no aig a’ Mhac, ach aig an Athair. Thugaibh fa‑near, dèanaibh faire agus ùrnaigh; oir chan eil fhios agaibh cuin a thig an t‑àm. Oir tha Mac an Duine mar dhuine a chaidh air thuras, agus a dh’fhàg a thaigh fhèin, agus a thug da sheirbhisich cumhachd, agus a obair fhèin do gach neach, agus a thug àithne don dorsair faire a dhèanamh. Uime sin dèanaibh‐se faire, oir chan eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an taighe; an ann air feasgar, no air mheadhon‐oidhche, no aig gairm‐choileach, no anns a’ mhadainn; Air eagal air teachd dha gu h‑obann, gum faigh e sibh nur cadal. Agus na nithean a tha mi ag ràdh ribhse, tha mi ag ràdh ris na h‑uile dhaoine, Dèanaibh faire. Agus bha a’ chàisg agus fèill an arain neo‐ghortaichte an dèidh dà là: agus dh’iarr na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean cionnas a ghlacadh iad esan le foill, agus a chuireadh iad gu bàs e. Ach thubhairt iad, Chan ann air an fhèill, air eagal gun èirich buaireas am measg an t‑sluaigh. Agus air bhith dha ann am Betani, ann an taigh Shìmoin an lobhar, nuair a bha e na shuidhe aig bòrd, thàinig bean, aig an robh bocsa alabastair de ola spicnaird ro‑luachmhor; agus bhris i am bocsa, agus dhòirt i air a cheann e. Agus bha cuid dhiubh diombach annta fhèin, agus ag ràdh, Carson a rinneadh an t‑ana‐caitheamh seo air an ola? Oir dh’fhaodadh i a bhith air a reic airson tuilleadh na trì cheud pèighinn, agus air a toirt do na bochdan. Agus rinn iad gearan na h‑aghaidh. Ach thubhairt Iosa, Leigibh leatha; carson a tha sibh a’ cur dragh oirre? Rinn i obair mhath ormsa. Oir tha na bochdan a‑ghnàth maille ribh, agus ge bè uair as àill leibh, faodaidh sibh math a dhèanamh dhaibh: ach chan eil mise a‑ghnàth agaibh. Rinn i na dh’fhaodadh i; thàinig i ro‑làimh a dh’ungadh mo chuirp a‑chum adhlaic. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè earrann air bith, air feadh an domhain uile, anns am bi an soisgeul seo air a shearmonachadh, bidh mar an ceudna an nì seo a rinn i air innse mar chuimhne oirre. Agus dh’imich Iùdas Iscariot, aon den dà‑fhear‐dheug, a‑chum nan àrd‐shagart, gu esan a bhrath dhaibh. Agus nuair a chuala iadsan seo, bha iad aoibhneach, agus gheall iad airgead a thoirt dha. Agus dh’iarr e cionnas a dh’fhaodadh e gu h‑iomchaidh esan a bhrath. Agus air a’ chiad là de fhèill an arain neo‐ghortaichte, nuair a bu ghnàth leo an t‑uan‐càisge a mharbhadh, thubhairt a dheisciobail ris, Càit an toil leat sinne a dhol a dh’ullachadh, a‑chum gun itheadh tu a’ chàisg? Agus chuir e dithis de a dheisciobail, agus thubhairt e riu, Rachaibh a‑steach don bhaile, agus coinnichidh duine sibh a’ giùlan soitheach uisge: leanaibh e. Agus ge bè àit an tèid e a‑steach, abraibh‐se ri fear‐an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh, Càit a bheil an seòmar‐aoigheachd, anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail? Agus nochdaidh esan dhuibh seòmar àrd, farsaing, na làn uidheam agus deasaichte: an sin ullaichibh dhuinn. Agus chaidh a dheisciobail a‑mach, agus thàinig iad don bhaile, agus fhuair iad mar a thubhairt e riu; agus dh’ullaich iad a’ chàisg. Agus air teachd don fheasgar, thàinig esan maille ris an dà‑fhear‐dheug. Agus nuair a bha iad nan suidhe, agus ag ithe, thubhairt Iosa, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse, a tha ag ithe maille rium, mise. Agus thòisich iad air a bhith dubhach, agus a ràdh ris, an dèidh a chèile, Am mise e? Agus fear eile, Am mise e? Agus air freagairt dhàsan thubhairt e riu, Is fear den dà‑fhear‐dheug e, a tha a’ tumadh maille riumsa anns a’ mhèis. Tha Mac an Duine gu deimhinn ag imeachd, mar a tha e sgrìobhte uime, ach is an‑aoibhinn don fhear sin lem bràthar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e. Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus an dèidh a bheannachadh, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh: is e seo mo chorp‐sa. Agus air glacadh a’ chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhaibhsan e: agus dh’òl iad uile as. Agus thubhairt e riu, Is i seo m’fhuil‐sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach òl mi nas mò de thoradh na fìonain gus an là sin anns an òl mi nuadh e ann an rìoghachd Dhè. Agus air dhaibh laoidh a sheinn, chaidh iad a‑mach gu Sliabh nan Crann‐ola. Agus thubhairt Iosa riu, Gheibh sibh uile oilbheum annamsa a‑nochd: oir tha e sgrìobhte, Buailidh mi am buachaille, agus sgapar na caoraich. Ach an dèidh dhomh èirigh, thèid mi romhaibh do Ghalile. Ach thubhairt Peadar ris, Ged fhaigh iadsan uile oilbheum annad, gidheadh chan fhaigh mise e. Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, An‑diugh, air an oidhche seo fhèin, mun goir an coileach dà uair, gun àich thusa mi trì uairean. Ach is ro‑mhò a thubhairt esan, Ged is èiginn dhomh am bàs fhulang maille riut, chan àich mi a‑chaoidh thu. Agus mar sin thubhairt càch uile mar an ceudna. Agus thàinig iad gu ionad dom b’ainm Getsemane; agus thubhairt e ra dheisciobail, Suidhibh‐se an seo, gus an dèan mise ùrnaigh. Agus thug e leis Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus thòisich e air a bhith fo uamh‐chrith, agus fo anabarr bròin; Agus thubhairt e riu, Tha m’anam ro‑bhrònach, eadhon gu bàs: fanaibh‐se an seo, agus dèanaibh faire. Agus chaidh e beagan air aghaidh, agus thuit e air an talamh, agus rinn e ùrnaigh, nam bu chomasach e gun rachadh an uair thairis air. Agus thubhairt e, Abba, Athair, tha gach nì so‑dhèanamh dhutsa; cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh, na b’e an nì a b’àill leamsa, ach an nì as toil leatsa. Agus thàinig e, agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thubhairt e ri Peadar, A Shìmoin, a bheil thu ad chadal? Nach b’urrainn thu faire a dhèanamh aon uair? Dèanaibh faire agus ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh: tha an spiorad gu deimhinn togarrach, ach tha an fheòil anfhann. Agus air dha imeachd a‑rìs, rinn e ùrnaigh, ag ràdh nam briathran ceudna. Agus nuair a thill e, fhuair e iad a‑rìs nan cadal, oir bha an sùilean trom, agus cha robh fhios aca cionnas a bheireadh iad freagradh air. Agus thàinig e an treas uair, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois: is leòr e, thàinig an uair; feuch, tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan nam peacach. Eiribh, imicheamaid; feuch, tha an tì a bhrathas mise am fagas. Agus air ball, air dha a bhith fhathast a’ labhairt, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear‐dheug, agus sluagh mòr maille ris le claidheamhan agus bataichean, o na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean. Agus bha an tì a bhrath esan air toirt comharraidh dhaibh, ag ràdh, Ge bè neach don toir mise pòg, is e sin e; glacaibh e, agus thugaibh leibh e gu tèarainte. Agus air teachd dha, chaidh e air ball da ionnsaigh‐san, agus thubhairt e, Fàilte dhut, a Mhaighistir; agus phòg e e. Agus chuir iadsan làmh ann, agus ghlac iad e. Agus air tarraing claidheimh do fhear de na bha an làthair, bhuail e òglach an àrd‐shagairt, agus gheàrr e a chluas dheth. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, An tàinig sibh a‑mach gam ghlacadh‐sa, mar gum b’ann an aghaidh fir‐reubainn le claidheamhan agus le bataichean? Bha mi gach là maille ribh anns an teampall, a’ teagasg, agus cha do ghlac sibh mi: ach tha seo a‑chum gum biodh na sgriobtairean air an coileanadh. Agus air do na h‑uile a thrèigsinn, theich iad. Agus lean òganach àraidh e, aig an robh lìon‐aodach air a chur ma chorp lomnochd: agus rug na h‑òganaich air. Ach air dhàsan an lìon‐aodach fhàgail, theich e lomnochd uapa. Agus thug iad leo Iosa a‑chum an àrd‐shagairt: agus chruinnicheadh maille ris na h‑àrd‐shagartan uile, agus na seanairean, agus na sgrìobhaichean. Agus lean Peadar e fada uapa, gus an deachaidh e a‑steach do thalla an àrd‐shagairt: agus bha e na shuidhe maille ris na seirbhisich, agus ga gharadh ris an teine. Agus dh’iarr na h‑àrd‐shagartan agus a’ chomhairle uile fianais an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs; agus cha d’fhuair iad. Oir rinn mòran dhaoine fianais bhrèige na aghaidh, ach cha do chòrd am fianais ri chèile. Agus dh’èirich dream àraidh, agus thug iad fianais bhrèige na aghaidh, ag ràdh, Chuala sinne e ag ràdh, Leagaidh mi sìos an teampall seo, a rinneadh le làmhan, agus ann an trì làithean togaidh mi teampall eile, nach do rinneadh le làmhan. Agus mar sin fhèin cha robh am fianais a’ teachd ri chèile. Agus air èirigh suas don àrd‐shagart anns a’ mheadhon, chuir e ceist air Iosa, ag ràdh, Nach toir thu freagradh air bith uat? Ciod sin mu bheil iad seo a’ toirt fianais ad aghaidh? Ach dh’fhan esan na thosd, agus cha do fhreagair e nì sam bith. A‑rìs dh’fheòraich an t‑àrd‐shagart dheth, agus thubhairt e ris, An tu Crìosd, mac an tì bheannaichte? Agus thubhairt Iosa, Is mi: agus chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd le neòil nèimh. An sin reub an t‑àrd‐shagart a aodach, agus thubhairt e, Ciod am feum a tha againn tuilleadh air fianaisean? Chuala sibh an toibheum: ciod i ur barail‐se? Agus thug iad uile breith na aghaidh gun do thoill e am bàs. Agus thòisich cuid dhiubh air smugaid a thilgeadh air, agus a aghaidh fhalach, agus a bhualadh lem basan, agus a ràdh ris, Dèan fàidheadaireachd: agus ghabh na seirbhisich air le slatan. Agus air do Pheadar a bhith shìos anns an talla, thàinig aon de bhanoglaich an àrd‐shagairt: Agus nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh, agus air dhi beachdachadh air, thubhairt i ris, Bha thusa cuideachd maille ri Iosa o Nàsaret. Ach dh’àich esan, ag ràdh, Chan aithne dhomh, agus chan eil mi a’ tuigsinn ciod a tha thu ag ràdh. Agus chaidh esan a‑mach don fhor‐dhoras; agus ghoir an coileach. Agus air do bhanoglaich fhaicinn a‑rìs, thòisich i air a ràdh riùsan a bha nan seasamh an làthair, Is ann dhiubh a tha am fear seo. Agus dh’àich e a‑rìs. Agus an ceann beagan na dhèidh sin, thubhairt iadsan a bha nan seasamh an làthair a‑rìs ri Peadar, Gu fìrinneach is ann dhiubh siud thu: oir is Galilèach thu, agus tha do chainnt cosmhail riu. Ach thòisich esan air mallachadh agus air mionnachadh, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine seo mum bheil sibh a’ labhairt. Agus ghoir an coileach an dara uair. Agus chuimhnich Peadar am facal a thubhairt Iosa ris, Mun goir an coileach dà uair, àichidh tu mi trì uairean. Agus nuair a smaoinich e air, ghuil e. Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd‐shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat. Agus dh’fheòraich Pilat dheth, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus air freagairt dha, thubhairt e ris, Thubhairt thu e. Agus chuir na h‑àrd‐shagartan mòran de nithean as a leth: ach cha do fhreagair esan aon nì. Agus chuir Pilat a‑rìs ceist air, ag ràdh, Nach freagair thu nì sam bith? Feuch cia lìon nì air a bheil iad sin a’ toirt fianais ad aghaidh. Ach cha do fhreagair Iosa nì sam bith tuilleadh; air chor is gun do ghabh Pilat iongantas. A‑nis air an fhèill bu ghnàth leis aon phrìosanach, ge bè air bith a dh’iarradh iad, a leigeadh as dhaibh. Agus bha neach àraidh, dom b’ainm Barabas, ceangailte maille ra chompanaich ann an ceannairc, muinntir a bha air dèanamh mort anns a’ cheannairc. Agus air glaodhaich gu h‑àrd don t‑sluagh, thòisich iad air iarraidh air a dhèanamh dhaibh mar a rinn e an còmhnaidh. Ach fhreagair Pilat iad, ag ràdh, An àill leibh gun cuir mi rìgh nan Iùdhach fa sgaoil dhuibh? (Oir bha fhios aige gum b’ann tro fharmad a thug na h‑àrd‐shagartan thairis e.) Ach bhrosnaich na h‑àrd‐shagartan an sluagh, a‑chum gum b’fheàrr leo Barabas a chur fa sgaoil dhaibh. Agus fhreagair Pilat, agus thubhairt e riu a‑rìs, Ciod mas eadh as àill leibh mi a dhèanamh ris an duine sin, den goir sibh Rìgh nan Iùdhach? Agus ghlaodh iad a‑rìs, Ceus e. An sin thubhairt Pilat riu, Carson, ciod e an t‑olc a rinn e? Ach bu ro‑mhò a ghlaodh iadsan, Ceus e. Agus air do Philat a bhith toileach gnìomh taitneach a dhèanamh don t‑sluagh, dh’fhuasgail e Barabas dhaibh, agus thug e thairis Iosa, an dèidh dha a sgiùrsadh, a‑chum a cheusadh. Agus thug na saighdearan leo e a‑steach don talla, eadhon cùirt an uachdarain: agus ghairm iad a’ chuideachd uile an ceann a chèile. Agus chuir iad uime aodach purpair, agus air dhaibh coron droighinn fhighe, chuir iad air e. Agus thòisich iad air beannachadh dha, ag ràdh, Fàilte dhut, a Rìgh nan Iùdhach! Agus bhuail iad anns a’ cheann e le slait chuilce, agus thilg iad smugaid air, agus a’ lùbadh an glùn, rinn iad adhradh dha. Agus an dèidh dhaibh fanaid a dhèanamh air, thug iad dheth an t‑aodach purpair, agus chuir iad a aodach fhèin uime, agus thug iad a‑mach e a‑chum gun ceusadh iad e. Agus dh’èignich iad duine àraidh a bha a’ dol seachad, Sìmon o Chirène (athair Alecsandair agus Rùfais, a bha a’ teachd as a’ mhachair), a‑chum a chrann‐ceusaidh a ghiùlan. Agus thug iad e gu ionad dom b’ainm Golgota, is e sin air eadar‐theangachadh, àite claiginn. Agus thug iad dha ri òl fìon air a mheasgadh le mirr: ach cha do ghabh esan e. Agus nuair a cheus iad e, roinn iad a thrusgan, a’ tilgeadh croinn air ciod a’ chuid a bhiodh aig gach duine dheth. Agus bha an treas uair ann; agus cheus iad e. Agus bha sgrìobhadh a chùise‐dìtidh air a sgrìobhadh os a chionn, RÌGH NAN IÙDHACH. Agus cheus iad maille ris dà ghadaiche; fear air a làimh dheis, agus fear air a làimh chlì. An sin choileanadh an sgriobtar a thubhairt, Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach. Agus thug iadsan a bha a’ dol seachad ana‐cainnt dha, a’ crathadh an ceann, agus ag ràdh, O thusa a leagas an teampall, agus a thogas e ann an trì làithean, Fòir ort fhèin, agus thig a‑nuas on chrann‐cheusaidh. Agus mar an ceudna thubhairt na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean ri chèile, a’ fanaid air, Shaor e daoine eile; chan eil e comasach air e fhèin a shaoradh. Thigeadh a‑nis Crìosd, Rìgh Israeil, a‑nuas on chrann‐cheusaidh, a‑chum gum faic agus gun creid sinn. Agus thug iadsan a chaidh a cheusadh maille ris ana‐cainnt dha. Agus nuair a thàinig an siathamh uair, bha dorchadas air an talamh uile, gu ruig an naoidheamh uair. Agus air an naoidheamh uair, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eloi, Eloi, lama sabachtani? Is e sin, air eadar‐theangachadh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi? Agus air cluinntinn sin do chuid dhiubhsan a bha nan seasamh an làthair thubhairt iad, Feuch, tha e a’ gairm Eliais. Agus ruith fear dhiubh, agus air dha spong a lìonadh de fhìon‐geur, agus a cur air slait chuilce, thug e dha ri òl, ag ràdh, Leigibh leis; faiceamaid an tig Elias ga thoirt a‑nuas. Agus air do Iosa èigheach le guth àrd, thug e suas an deò. Agus bha brat‐roinn an teampaill air a reubadh na dhà chuid o mhullach gu ìochdar. Agus nuair a chunnaic an ceannard‐ceud, a bha na sheasamh fa chomhair, gun tug e suas an deò, a’ glaodhaich mar sin, thubhairt e, Gu fìrinneach b’e an duine seo Mac Dhè. Agus bha, mar an ceudna, mnathan am fad uapa ag amharc: nam measg sin bha Muire Magdalen, agus Muire, màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme; Muinntir a lean e mar an ceudna, nuair a bha e ann an Galile, agus a bha a’ frithealadh dha; agus mòran eile de mhnathan a chaidh suas maille ris gu Ierusalem. Agus a‑nis air teachd don fheasgar (do bhrìgh gum b’e là an ullachaidh e, eadhon an là ron t‑sàbaid), Thàinig Iòseph o Arimatèa, comhairleach urramach, aig an robh, mar an ceudna, sùil ri rìoghachd Dhè, agus chaidh e a‑steach gu dàn a dh’ionnsaigh Philait, agus dh’iarr e corp Iosa. Agus b’ioghnadh le Pilat ma bha e cheana marbh. Agus air dha an ceannard‐ceud a ghairm, dh’fhiosraich e dheth, an robh fad o fhuair e bàs. Agus air dha fios fhaotainn on cheannard‐ceud, thug e an corp do Iòseph. Agus cheannaich esan lìon‐aodach grinn, agus thug e a‑nuas e, agus phàisg e anns an lìon‐aodach e, agus chuir e e ann an uaigh a chladhaicheadh à carraig, agus charaich e clach gu doras na h‑uaighe. Agus dh’amhairc Muire Magdalen, agus Muire màthair Iòseis, air an àit anns an do chuireadh e. Agus air dol don t‑sàbaid seachad, cheannaich Muire Magdalen, agus màthair Sheumais, agus Salòme, spìosraidh deagh fhàile, a‑chum air dhaibh teachd gun ungadh iad e. Agus thàinig iad gu ro‑mhoch air madainn a’ chiad là den t‑seachdain a‑chum na h‑uaighe, aig èirigh na grèine. Agus thubhairt iad eatorra fhèin, Cò a charaicheas dhuinn a’ chlach o dhoras na h‑uaighe? Agus air dhaibh amharc, chunnaic iad gu robh a’ chlach air a h‑atharrachadh air falbh, oir bha i ro‑mhòr. Agus air dhaibh dol a‑steach don àit‐adhlaic, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, mun robh trusgan fada geal; agus bha eagal orra. Agus thubhairt esan riu, Na biodh eagal oirbh: tha sibh ag iarraidh Iosa o Nàsaret, a cheusadh: dh’èirich e, chan eil e an seo: faicibh an t‑àit anns an do chuir iad e. Ach imichibh, innsibh da dheisciobail agus do Pheadar gu bheil e a’ dol romhaibh do Ghalile: chì sibh an sin e, mar a thubhairt e ribh. Agus air dol a‑mach dhaibh, theich iad on uaigh; oir bha ball‐chrith agus uamhann orra: agus cha dubhairt iad nì sam bith ri neach air bith; oir bha eagal orra. Agus air èirigh do Iosa anns a’ mhadainn air a’ chiad là den t‑seachdain, nochdadh e air tùs do Mhuire Magdalen, as an do thilg e seachd deamhain. Agus air imeachd dhise, dh’innis i sin dhaibhsan a bha maille ris, agus iad ri bròn agus gul. Agus iadsan, nuair a chuala iad gu robh e beò, agus gum facadh leatha‐se e, cha do chreid iad. Na dhèidh sin, nochdadh e do dhithis dhiubh ann an cruth eile, ag imeachd dhaibh, agus iad a’ dol don dùthaich. Agus dh’imich iadsan agus dh’innis iad e do chàch: agus cha mhò a chreid iad iadsan. An dèidh sin nochdadh e don aon‐fhear‐deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas‐cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh. Agus thubhairt e riu, Imichibh air feadh an t‑saoghail uile, agus searmonaichibh an soisgeul do gach dùil. Ge bè a chreideas agus a bhaistear, saorar e, ach ge bè nach creid, dìtear e. Agus leanaidh na comharraidhean seo an dream a chreideas: Ann am ainm‐sa tilgidh iad a‑mach deamhain; labhraidh iad le teangan nuadha; Togaidh iad nathraichean nimhe; agus ma dh’òlas iad nì air bith marbhtach, cha chiùrr e iad; cuiridh iad an làmhan air daoine tinne, agus bidh iad gu math. Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas‐làimh Dhè. Agus air dhaibhsan dol a‑mach, shearmonaich iad anns gach àit, air a bhith don Tighearna a’ co‑obrachadh leo, agus a’ daingneachadh an fhacail leis na comharraidhean a lean e. Amen. Do bhrìgh gun do ghabh mòran os làimh eachdraidh a sgrìobhadh ann an òrdagh air na nithean sin a tha air an coileanadh nar measg‐ne; A rèir mar a dh’aithris na daoine sin dhuinne iad, a chunnaic iad o thùs len sùilean, agus a bha nan luchd‐frithealaidh an fhacail: Chunnacas iomchaidh dhòmhsa mar an ceudna, a Theophiluis ro‑òirdheirc, air faotainn dearbh fhios nan uile nithean dhomh on fhìor thoiseach, sgrìobhadh ad ionnsaigh‐sa ann an òrdagh, A‑chum gum biodh fios agad air cinnteachd nan nithean anns an deachaidh do theagasg. Bha ann an làithean Heroid, rìgh Iudèa, sagart àraidh dom b’ainm Sacharias, de chùrsa Abia: agus bha a bhean de nigheanan Aaroin, agus b’ainm dhi Elisabet. Agus bha iad le chèile ionraic ann am fianais Dhè, ag imeachd ann an uile àitheantan agus òrdaighean an Tighearna gu neo‐lochdach. Agus cha robh duine cloinne aca, do bhrìgh gu robh Elisabet neo‐thorrach, agus bha iad le chèile aosmhor. Agus thàrladh, am feadh a bha esan a’ frithealadh mar shagart an làthair Dhè ann an òrdagh a chùrsa, A rèir gnàth na sagartachd, b’e a chrannchur tùis a losgadh, air dha dol a‑steach do theampall an Tighearna. Agus bha coitheanal an t‑sluaigh uile a’ dèanamh ùrnaigh a‑muigh ri àm na tùise. Agus chunnacas leis‐san aingeal an Tighearna na sheasamh air taobh deas altair na tùise. Agus nuair a chunnaic Sacharias e, bha e fo thrioblaid, agus thuit eagal air. Ach thubhairt an t‑aingeal ris, Na gabh eagal, a Shachariais; oir fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus beiridh do bhean Elisabet mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air. Agus bidh aoibhneas agus subhachas ort; agus nì mòran gàirdeachas ra bhreith. Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch làidir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhon o bhroinn a mhàthar. Agus tillidh e mòran de chloinn Israeil a‑chum an Tighearna an Dia. Agus thèid e roimhesan ann an spiorad agus ann an cumhachd Eliais, a thionndadh cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus nan eas‐umhail gu gliocas nam fìrean, a dh’ullachadh pobaill deas don Tighearna. Agus thubhairt Sacharias ris an aingeal, Cionnas a bhios a fhios seo agam? Oir is seann duine mise, agus tha mo bhean aosmhor. Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut. Agus, feuch, bidh tu balbh agus gun chomas labhairt, gus an là anns an tig na nithean seo gu crìch, a chionn nach do chreid thu mo bhriathran‐sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin. Agus bha am poball a’ feitheamh ri Sacharias, agus b’iongantach leo a’ mhoille a rinn e anns an teampall. Agus nuair a thàinig e a‑mach, cha b’urrainn e labhairt riu: agus thuig iad gum faca e sealladh nèamhaidh anns an teampall: oir bha e a’ smèideadh orra, agus dh’fhan e na thosd. Agus thàrladh, nuair a choileanadh làithean a fhrithealaidh, gun deachaidh e da thaigh fhèin. Agus an dèidh nan làithean sin dh’fhàs a bhean Elisabet torrach, agus dh’fhalaich i i fhèin rè còig mìosan, ag ràdh, Is ann mar seo a rinn an Tighearna dhomh anns na làithean air an d’amhairc e orm, a thogail dhìom mo mhaslaidh am measg dhaoine. Agus anns an t‑siathamh mìos, chuireadh an t‑aingeal Gabriel o Dhia, gu baile de Ghalile, dom b’ainm Nàsaret; A dh’ionnsaigh òighe a bha fo cheangal‐pòsaidh aig fear dom b’ainm Iòseph, de thaigh Dhaibhidh; agus b’e ainm na h‑òighe Muire. Agus air dol a‑steach don aingeal da h‑ionnsaigh, thubhairt e, Fàilte dhut, O thusa don do nochdadh mòr dheagh‐ghean tha an Tighearna maille riut: is beannaichte thu am measg bhan. Agus nuair a chunnaic i e, bha i fo thrioblaid inntinn airson a chainnte, agus a’ reusonachadh ciod a’ ghnè fhàilte a dh’fhaodadh a bhith an seo. Agus thubhairt an t‑aingeal rithe, Na biodh eagal ort, a Mhuire: oir fhuair thu deagh‐ghean o Dhia. Agus, feuch, gabhaidh tu ad bhroinn, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air. Bidh e mòr, agus goirear Mac an Tì as ro‑àirde dheth; agus bheir an Tighearna Dia dha rìgh‐chathair a athar fhèin Daibhidh. Agus bidh e na Rìgh air taigh Iàcoib gu bràth, agus cha bhi crìoch air a rìoghachd. Agus thubhairt Muire ris an aingeal, Cionnas a bhios seo, do bhrìgh nach eile aithne agamsa air fear? Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth. Agus, feuch, do bhana‐charaid Elisabet, tha ise fhèin torrach air mac, na seann aois; agus is e seo an siathamh mìos dhise den goirte bean neo‐thorrach; Oir chan eil nì sam bith do‑dhèante do Dhia. Agus thubhairt Muire, Feuch banoglach an Tighearna; biodh e dhòmhsa a rèir d’fhacail. Agus dh’fhalbh an t‑aingeal uaipe. Agus air èirigh do Mhuire anns na làithean sin, chaidh i le cabhaig do dhùthaich nam beann, gu baile de Iùdah, Agus chaidh i a‑steach do thaigh Shachariais, agus chuir i fàilte air Elisabet. Agus thàrladh nuair a chuala Elisabet beannachadh Mhuire, gun do leum an naoidhean na broinn: agus lìonadh Elisabet leis an Spiorad Naomh. Agus ghlaodh i a‑mach le guth àrd, agus thubhairt i, Is beannaichte thu am measg bhan, agus is beannaichte toradh do bhronn. Agus cionnas a dh’èirich seo dhòmhsa gun tigeadh màthair mo Thighearna am ionnsaigh? Oir feuch, cho luath is a thàinig fuaim do bheannachaidh am chluasan, bhriosg an naoidhean le aoibhneas ann am bhroinn. Agus is beannaichte ise a chreid: oir coileanar na nithean a labhradh rithe leis an Tighearna. Agus thubhairt Muire, Tha m’anam ag àrd‐mholadh an Tighearna; Agus tha mo spiorad a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia mo Shlànaighear: Do bhrìgh gun d’amhairc e air staid ìosail a bhanoglaich: oir feuch, o seo suas goiridh gach linn beannaichte mi. Do bhrìgh gun do rinn an Tì a tha cumhachdach nithean mòra dhomh; agus is naomh a ainm. Agus tha a thròcair‐san o linn gu linn, don dream don eagal e. Nochd e neart le a ghàirdean, sgap e na h‑uaibhrich ann an smaointean an cridhe fhèin. Thug e a‑nuas na daoine cumhachdach on cathraichean rìoghail, agus dh’àrdaich e iadsan a bha ìosal. Lìon e an dream a bha acrach le nithean matha; agus chuir e uaithe na daoine saoibhir falamh. Rinn e còmhnadh ri Israel, a òglach fhèin, ann an cuimhneachadh a thròcair, Mar a labhair e ri ar n‑athraichean, do Abrahàm agus da shliochd gu bràth. Agus dh’fhan Muire maille rithe mu thimcheall trì mìosan, agus thill i da taigh fhèin. A‑nis thàinig làn inbhe Elisabeit, gum biodh i air a h‑aisead; agus rug i mac. Agus chuala a coimhearsnaich agus a càirdean mar a nochd an Tighearna mòr‐thròcair dhi: agus rinn iad gàirdeachas maille rithe. Agus thàrladh air an ochdamh là gun tàinig iad a thimcheall‐ghearradh an naoidhein; agus ghairm iad Sacharias dheth a rèir ainm a athar. Agus fhreagair a mhàthair, agus thubhairt i, Chan eadh; ach goirear Eòin dheth. Agus thubhairt iad rithe, Chan eil aon neach ded chàirdean den gairmear an t‑ainm seo. Agus smèid iad air a athair, ciod an t‑ainm a b’àill leis a thoirt air. Agus air iarraidh clàir‐sgrìobhaidh dhàsan, sgrìobh e, ag ràdh, Is e Eòin as ainm dha. Agus ghabh iad iongantas uile. Agus air ball dh’fhosgladh a bheul, agus dh’fhuasgladh a theanga, agus labhair e, a’ moladh Dhè. Agus thàinig eagal air an coimhearsnaich uile: agus dh’aithriseadh na nithean sin gu lèir air feadh dùthaich àrd Iudèa uile. Agus iadsan uile a chuala na nithean sin, thaisg iad nan cridhe iad, ag ràdh, Ciod a’ ghnè leinibh a bhios an seo? Agus bha làmh an Tighearna maille ris. Agus bha Sacharias, a athair, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, agus rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball, Agus gun do thog e suas dhuinne adharc slàinte ann an taigh Dhaibhidh, a òglach fhèin; A rèir mar a labhair e le beul a fhàidhean naomha fhèin, a bha ann o thoiseach an t‑saoghail; A thoirt saorsa dhuinn o ar naimhdean, agus o làimh na muinntir sin uile lem fuathach sinn: A choileanadh na tròcair a gheall e dar n‑athraichean, agus a chuimhneachadh a choicheangail naoimh fhèin: Na mionnan a mhionnaich e dar n‑athair Abrahàm, Gun tugadh e dhuinn, air dhuinn a bhith air ar saoradh o làimh ar naimhdean, gun dèanamaid seirbhis dha as eugmhais eagail, Ann an naomhachd agus ann am fìreantachd na làthair fhèin uile làithean ar beatha. Agus thusa, a leinibh, goirear dhìot Fàidh an Tì as àirde: oir thèid thu ro aghaidh an Tighearna, a dh’ullachadh a shlighe; A thoirt eòlas na slàinte da phoball, ann am maitheanas am peacaidhean. Tro thròcair ro‑mhòr ar Dè‑ne, leis an d’fhiosraich an ùr‑mhadainn on ionad as àirde sinn, A thoirt solais dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, a threòrachadh ar cas air slighe na sìthe. Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, agus bha e anns an fhàsach gu là a fhoillseachaidh do Israel. Agus thàrladh anns na làithean sin gun deachaidh òrdagh a‑mach o Chèasar Augustus an domhan uile a mheas. (Agus rinneadh an ciad mheas seo nuair a bha Cirenius na uachdaran air Siria.) Agus chaidh iad uile a‑chum a bhith air am meas, gach aon fa leth da bhaile fhèin. Agus chaidh Iòseph mar an ceudna suas o Ghalile, à baile Nàsaret, do Iudèa, gu baile Dhaibhidh, den gairmear Betlehem, do bhrìgh gu robh e de thaigh agus de shliochd Dhaibhidh, A‑chum gum biodh e air a mheas maille ri Muire a bha fo cheangal‐pòsaidh dha, agus i mòr‐thorrach. Agus thàrladh, am feadh a bha iad an sin, gun do choileanadh làithean a h‑inbhe, a‑chum i a bhith air a h‑aisead. Agus rug i a ciad‐ghin mic, agus phaisg i e ann am brat‐spèilidh, agus chuir i na laighe ann am prasaich e; do bhrìgh nach robh àit aca anns an taigh‐òsda. Agus bha anns an dùthaich sin buachaillean a’ fantainn a‑muigh, agus a’ dèanamh faire‐oidhche air an treud. Agus, feuch, thàinig aingeal an Tighearna orra, agus dhealraich glòir an Tighearna mun timcheall; agus ghabh iad eagal mòr. Agus thubhairt an t‑aingeal riu, Na biodh eagal oirbh: oir feuch, tha mi ag innse dhuibh deagh sgeul mòr‐aoibhneis, a bhios don uile shluagh: Oir rugadh dhuibh an‑diugh Slànaighear, ann am baile Dhaibhidh, neach as e Crìosd an Tighearna. Agus bidh seo na chomharradh dhuibh: Gheibh sibh an naoidhean paisgte ann am brat‐spèilidh, na laighe ann am prasaich. Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean nèimh, a’ moladh Dhè, agus ag ràdh, Glòir do Dhia anns na h‑àrdan, agus air talamh sìth, deagh‐ghean do dhaoine. Agus thàrladh, nuair a dh’fhalbh na h‑aingil uapa do nèamh, gun dubhairt na buachaillean ri chèile, Rachamaid a‑nis eadhon do Bhetlehem, agus faiceamaid an nì seo a rinneadh, a dh’fhoillsich an Tighearna dhuinn. Agus thàinig iad gu grad, agus fhuair iad Muire agus Iòseph, agus an leanabh na laighe anns a’ phrasaich. Agus nuair a chunnaic iad sin, dh’aithris iad an nì a dh’innseadh dhaibh mu thimcheall an leinibh seo. Agus ghabh gach neach a chuala seo iongantas ris na nithean sin a dh’innseadh dhaibh leis na buachaillean. Ach ghlèidh Muire na nithean sin uile, a’ beachd‐smaoineachadh orra na cridhe. Agus thill na buachaillean, a’ tabhairt glòire agus molaidh do Dhia airson nan nithean sin uile a chuala agus a chunnaic iad, a rèir mar a labhradh riu. Agus nuair a choileanadh ochd làithean a‑chum an leanabh a thimcheall‐ghearradh, thugadh IOSA mar ainm air, eadhon an t‑ainm a ghairm an t‑aingeal dheth mun do ghabhadh anns a’ bhroinn e. Agus nuair a choileanadh làithean a glanaidh, a rèir lagh Mhaois, thug iad esan gu Ierusalem, a‑chum a thaisbeanadh don Tighearna; (Mar a tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna, Gach ciad‐ghin mic a dh’fhosglas a’ bhrù, gairmear naomh don Tighearna e;) Agus a thoirt ìobairt a rèir mar a theirear ann an lagh an Tighearna, dà thurtar no dà chalaman òg. Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air. Agus dh’fhoillsicheadh dha leis an Spiorad Naomh nach faiceadh e bàs gus am faiceadh e Crìosd an Tighearna. Agus thàinig e le treòrachadh an Spioraid don teampall. Agus nuair a thug na pàrantan an leanabh Iosa a‑steach, a‑chum gun dèanadh iad air a shon a rèir gnàthachadh an lagha, An sin ghlac esan na uchd e, agus bheannaich e Dia, agus thubhairt e: A‑nis, a Thighearna, tha thu a’ leigeadh dod sheirbhiseach siubhal ann an sìth, a rèir d’fhacail; Oir chunnaic mo shùilean do shlàinte, A dh’ullaich thu ro ghnùis nan uile shluagh: Solas a shoillseachadh nan Cinneach, agus glòir do phobaill Israel. Agus ghabh Iòseph agus a mhàthair iongantas mu na nithean a labhradh uime. Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar: Agus thèid claidheamh tro d’anam‐sa fhèin a‑chum gum foillsichear smuaintean cridheachan mhòran. Agus bha Anna, ban‐fhàidh, nighean Phanueil, de threubh Aseir; bha i ro‑aosmhor, agus chaith i seachd bliadhna maille ri a fear o àm dhi a bhith na h‑òighe: Agus bu bhantrach i mu thimcheall ceithir bliadhna agus ceithir‐fichead a dh’aois nach deachaidh on teampall, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche le trasg agus le ùrnaigh. Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem. Agus nuair a choilean iad na h‑uile nithean a rèir lagh an Tighearna, thill iad do Ghalile, dam baile fhèin Nàsaret. Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, air a lìonadh le gliocas: agus bha gràs Dhè air. Agus chaidh a phàrantan gach bliadhna gu Ierusalem, aig fèill na càisge. Agus nuair a bha e dà‑bhliadhna‐dheug a dh’aois, chaidh iad suas gu Ierusalem, a rèir gnàth na fèille. Agus air coileanadh nan làithean sin dhaibh, nuair a thill iadsan, dh’fhan an leanabh Iosa nan dèidh ann an Ierusalem; agus cha robh fhios aig Iòseph no aig a mhàthair air a sin. Ach air dhaibh a shaoilsinn gu robh e anns a’ chuideachd, dh’imich iad astar là; agus dh’iarr iad e am measg an càirdean agus an luchd‐eòlais. Agus nuair nach d’fhuair iad e, thill iad gu Ierusalem ga iarraidh. Agus thàrladh an dèidh trì làithean gun d’fhuair iad e anns an teampall, na shuidhe am meadhon an luchd‐teagaisg, araon gan èisdeachd, agus a’ cur cheist orra. Agus ghabh a’ mhuinntir a chuala e uile iongantas ra thuigse agus ra fhreagraidhean. Agus nuair a chunnaic iad e, ghlac uamhas iad: agus thubhairt a mhàthair ris, A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Feuch, bha d’athair agus mise gu brònach gad iarraidh. Agus thubhairt esan riu, Carson a bha sibh gam iarraidh? Nach robh fhios agaibh gum bu chòir dhòmhsa a bhith ann an taigh m’Athar? Agus cha do thuig iadsan an nì a labhair e riu. Agus chaidh e sìos maille riu, agus thàinig e gu Nàsaret, agus bha e umhail dhaibh: ach ghlèidh a mhàthair na nithean sin uile na cridhe. Agus thàinig Iosa air aghaidh ann an gliocas agus am meudachd, agus ann an deagh‐ghean aig Dia agus aig daoine. A‑nis anns a’ chòigeamh‐bliadhna‐deug de ìmpireachd Thiberiuis Chèasair, air bhith do Phontias Pilat na uachdaran air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air Iturèa agus dùthaich Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene, Nuair a bha Annas agus Caiaphas nan àrd‐shagartan, thàinig facal Dhè a‑chum Eòin, mac Shachariais, anns an fhàsach. Agus thàinig e don dùthaich mu thimcheall Iòrdain, a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais, a‑chum maitheanas pheacaidhean; Mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar briathran an fhàidh Esaiais, ag ràdh, Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach. Bidh gach gleann air a lìonadh, agus gach beinn agus cnoc air an ìsleachadh; agus bidh na nithean cama air an dèanamh dìreach, agus na slighean garbha air an dèanamh rèidh; Agus chì gach uile fheòil slàinte Dhè. Uime sin thubhairt e ris an t‑sluagh a thàinig a‑mach a‑chum a bhith air am baisteadh leis, A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd? Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo. Agus a‑nis fhèin tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh: air an adhbhar sin gach craobh nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i. Agus dh’fhiosraich an sluagh dheth, ag ràdh, Ciod uime sin a nì sinne? Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil dà chòta, roinneadh e ris an tì aig nach eil; agus an tì aig a bheil biadh, dèanadh e mar an ceudna. Agus thàinig mar an ceudna cìs‐mhaoir gu bhith air am baisteadh, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, ciod a nì sinne? Agus thubhairt esan riu, Na dèanaibh nì air bith os cionn na dh’òrdaicheadh dhuibh. Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid‐bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal. Agus air a bhith don phoball a’ feitheamh, agus na h‑uile dhaoine a’ reusonachadh nan cridheachan fhèin mu thimcheall Eòin, am b’e Crìosd a bha ann; Fhreagair Eòin, ag ràdh riu uile, Tha mise gu dearbh gur baisteadh le uisge; ach tha neach a’ teachd as cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air barr‐iall a bhròg fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine; Aig a bheil a ghuit na làimh, agus ro‑ghlanaidh e a ùrlar, agus cruinnichidh e an cruithneachd da thaigh‐tasgaidh: ach loisgidh e am moll le teine nach fhaodar a mhùchadh. Agus ag earalachadh mòran de nithean eile, shearmonaich e don t‑sluagh. Ach air do Herod an tetrarc a bhith air a chronachadh leis airson Heròdiais, bean a bhràthar Philip, agus airson gach olc a rinn Herod, Chuir e seo ris gach olc eile, gun do dhruid e Eòin ann am prìosan. Agus thàrladh, nuair a bha an sluagh uile air am baisteadh, air do Iosa mar an ceudna a bhith air a bhaisteadh, agus e ri ùrnaigh, gun d’fhosgladh nèamh, Agus gun tàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an coslas corporra mar chalaman, agus gun tàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr‐thlachd. Agus thòisich Iosa fhèin air a bhith mu thimcheall deich‐bliadhna‐fichead a dh’aois, air dha a bhith (a rèir barail dhaoine ) na mhac do Iòseph, mac Heli, Mhic Mhatait, mhic Lèbhi, mhic Mhelchì, mhic Ianna, mhic Iòseiph, Mhic Mhatatiais, mhic Amois, mhic Nauim, mhic Esli, mhic Nage, Mhic Mhaait, mhic Mhatatiais, mhic Shemei, mhic Iòseiph, mhic Iùdah, Mhic Ioanna, mhic Rhesa, mhic Shorobabeil, mhic Shalatieil, mhic Neri, Mhic Mhelchì, mhic Adi, mhic Chosaim, mhic Elmodaim, mhic Eir, Mhic Iose, mhic Elieseir, mhic Ioreim, mhic Mhatait, mhic Lèbhi, Mhic Shimeoin, mhic Iùdah, mhic Iòseiph, mhic Ionain, mhic Eliacim, Mhic Mhelea, mhic Mhainain, mhic Mhatata, mhic Nàtain, mhic Dhaibhidh, Mhic Iese, mhic Obeid, mhic Bhoos, mhic Shalmoin, mhic Naasoin, Mhic Aminadaib, mhic Araim, mhic Esroim, mhic Phareis, mhic Iùdah, Mhic Iàcoib, mhic Isaaic, mhic Abrahàim, mhic Thara, mhic Nachoir, Mhic Sharuich, mhic Ragau, mhic Phaleic, mhic Ebeir, mhic Shala, Mhic Chainain, mhic Arphacsaid, mhic Shem, mhic Noe, mhic Lameich, Mhic Mhatùsala, mhic Enoich, mhic Iareid, mhic Mhahelil, mhic Chainain, Mhic Enois, mhic Shet, mhic Adhaimh, mhic Dhè. Agus air do Iosa a bhith làn den Spiorad Naomh, thill e air ais o Iòrdan, agus threòraicheadh e leis an Spiorad don fhàsach, Agus bha e air a bhuaireadh rè dà‑fhichead là leis an diabhal; agus cha d’ith e nì sam bith anns na làithean sin: agus air dhaibh a bhith air an crìochnachadh, an sin dh’fhàs e acrach. Agus thubhairt an diabhal ris, Mas tu Mac Dhè, abair ris a’ chloich seo a bhith na h‑aran. Agus fhreagair Iosa e, ag ràdh, Tha e sgrìobhte nach ann le aran a‑mhàin a thig duine beò, ach le gach uile fhacal Dhè. Agus air don diabhal a thoirt gu beinn àird, nochd e dha uile rìoghachdan an domhain ann am mionaid aimsir. Agus thubhairt an diabhal ris, Bheir mise an cumhachd seo uile dhut, agus an glòir; oir thugadh dhòmhsa sin; agus bheir mi e do neach air bith as toil leam. Uime sin ma nì thu adhradh dhòmhsa, is leat iad uile. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Tàrr air mo chùlaibh, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Nì thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis. Agus thug e e gu Ierusalem, agus chuir e air binnein an teampaill e, agus thubhairt e ris, Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos à seo: Oir tha e sgrìobhte, Bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, thusa a choimhead; Agus togaidh iad suas thu nan làmhan, air eagal gum buail thu, uair air bith, do chas air cloich. Agus air freagairt do Iosa thubhairt e ris, Thubhairteadh, Na buair thusa an Tighearna do Dhia. Agus nuair a chrìochnaich an diabhal am buaireadh uile, dh’imich e uaithe rè tamaill. Agus thill Iosa ann an cumhachd an Spioraid a‑chum Ghalile: agus chaidh a iomradh‐san air feadh na dùthcha mun cuairt gu h‑iomlan. Agus theagaisg e nan sionagogan, a’ faotainn glòire o na h‑uile dhaoine. Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh. Agus thugadh dha leabhar an fhàidh Esaias; agus air fosgladh an leabhair dha, fhuair e an t‑àit anns an robh e sgrìobhte, Tha Spiorad an Tighearna orm, do bhrìgh gun d’ung e mi a shearmonachadh an t‑soisgeil do na bochdan; chuir e mi a shlànachadh na muinntir aig a bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdean, agus aiseag am fradhairc do na doill, a thoirt saorsa don mhuinntir a tha brùite, A shearmonachadh bliadhna thaitneach an Tighearna. Agus air dùnadh an leabhair dha, thug e don fhear‐fhrithealaidh e, agus shuidh e: agus bha sùilean na bha anns an t‑sionagog uile a’ geur‐amharc air. Agus thòisich e air a ràdh riu, An‑diugh tha an sgriobtar seo air a choileanadh nur cluasan‐se. Agus thug iad uile fianais dha, agus ghabh iad iongantas ris na briathran gràsmhor a thàinig a‑mach as a bheul. Agus thubhairt iad, Nach e seo mac Iòseiph? Agus thubhairt e riu, Gun amharas thubhairt sibh rium an gnàth‐fhacal seo, A lèigh, leighis thu fhèin: ge bè air bith iad na nithean a chuala sinn a rinneadh leat an Capernàum, dèan mar an ceudna iad an seo ad dhùthaich fhèin. Agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach eil fàidh air bith taitneach na dhùthaich fhèin. Ach gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu robh mòran bhantrach ann an Israel an làithean Eliais, nuair a dhruideadh nèamh rè trì bliadhna agus sia mìosan, agus a bha gorta mhòr air feadh na tìre uile: Ach cha do chuireadh Elias a dh’ionnsaigh aoin dhiubh, ach gu Sarepta Shìdoin, a‑chum mnà a bha na bantraich. Agus bha mòran lobhar ann an Israel ri linn Eliseais am fàidh; agus cha do ghlanadh a h‑aon aca, ach Nàaman an Sirianach. Agus lìonadh iadsan uile a bha anns an t‑sionagog le feirg, nuair a chuala iad na nithean sin; Agus dh’èirich iad suas, agus thilg iad a‑mach as a’ bhaile e, agus thug iad leo e gu malaidh a’ chnuic, air an robh am baile togte, a‑chum a thilgeadh sìos an coinneamh a chinn. Ach air gabhail dhàsan tro am meadhon, dh’fhalbh e, Agus chaidh e sìos gu Capernàum, baile de Ghalile, agus bha e gan teagasg air làithean na sàbaid: Agus ghabh iad iongantas ra theagasg; do bhrìgh gu robh a fhacal le cumhachd. Agus bha anns an t‑sionagog duine anns an robh spiorad deamhain neòghlain, agus ghlaodh e le guth mòr, Ag ràdh, Leig leinn; ciod e ar gnothach‐ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Tha fhios agam cò thu, Aon naomh Dhè. Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as. Agus air don deamhan esan a thilgeadh sìos nam meadhon, thàinig e a‑mach as, gun chiùrradh sam bith a dhèanamh air. Agus thàinig uamhas orra uile, agus labhair iad ri chèile, ag ràdh, Ciod a’ ghnè cainnte seo? Oir le ùghdarras agus cumhachd tha e a’ toirt òrdaigh do na spioradan neòghlan, agus tha iad a’ teachd a‑mach. Agus chaidh iomradh airsan a‑mach air feadh gach àite den dùthaich mun cuairt. Agus dh’èirich e as an t‑sionagog agus chaidh e a‑steach do thaigh Shìmoin: agus bha fiabhras mòr air màthair‐chèile Shìmoin; agus ghuidh iad air as a leth. Agus air dha seasamh os a cionn, chronaich e am fiabhras, agus dh’fhàg e i. Agus dh’èirich ise air ball, agus rinn i frithealadh dhaibh. Agus aig dol fodha na grèine, iadsan uile aig an robh daoine easlan le iomadh gnè thinnis, thug iad da ionnsaigh iad: agus chuir esan a làmhan air gach aon dhiubh, agus leighis e iad. Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd. Agus air teachd don là, chaidh e a‑mach, agus dh’imich e gu àite fàsail: agus bha an sluagh ga iarraidh, agus thàinig iad da ionnsaigh, agus b’àill leo a chumail, a‑chum nach rachadh e uapa. Ach thubhairt esan riu, Is èiginn dhòmhsa rìoghachd Dhè a shearmonachadh do bhailtean eile mar an ceudna; oir is ann a‑chum seo a chuireadh mi. Agus shearmonaich e ann an sionagogan Ghalile. Agus thàrladh, nuair a bha am poball a’ dlùth‐theannadh air a‑chum facal Dhè èisdeachd, gun do sheas e làimh ri loch Ghenesaret, Agus chunnaic e dà luing nan seasamh ri taobh an loch: ach bha na h‑iasgairean air dol a‑mach asda, agus a’ nighe an lìon. Agus chaidh e a‑steach do aon de na bàtaichean a bu le Sìmon, agus dh’iarr e air dol a‑mach beagan o thìr: agus air suidhe dha, theagaisg e an sluagh as a’ bhàta. A‑nis nuair a sguir e de labhairt, thubhairt e ri Sìmon, Cuir a‑mach a‑chum na doimhne, agus leigibh sìos ur lìn a‑chum tarraing. Agus fhreagair Sìmon, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, shaothraich sinn feadh na h‑oidhche uile, agus cha do ghlac sinn nì sam bith: ach air d’fhacal‐sa leigidh mi sìos an lìon. Agus nuair a rinn iad seo, chuartaich iad tacar mòr èisg, ionnas gun do bhriseadh an lìon. Agus smèid iad air an companaich, a bha anns an luing eile, teachd agus còmhnadh a dhèanamh leo. Agus thàinig iad, agus lìon iad an dà luing, ionnas gu robh iad an inbhe dol fodha. Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo thuit e sìos aig glùinean Iosa, ag ràdh, Imich uamsa, a Thighearna, oir is duine peacach mi. Oir ghlac uamhas e fhèin agus iadsan uile a bha maille ris, airson an tarraing èisg a ghlac iad: Agus mar an ceudna Seumas agus Eòin, mic Shebede, a bha nan companaich aig Sìmon. Agus thubhairt Iosa ri Sìmon, Na biodh eagal ort; à seo suas glacaidh tu daoine. Agus nuair a thug iad am bàtaichean gu tìr, dh’fhàg iad na h‑uile nithean, agus lean iad esan. Agus nuair a bha esan ann am baile àraidh, feuch duine làn de luibhre: agus air dha Iosa fhaicinn, thuit e sìos air a aghaidh, agus ghuidh e air, ag ràdh, A Thighearna, mas toil leat, tha thu comasach air mise a ghlanadh. Agus shìn e a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is toil leam; bi glan. Agus air ball dh’fhàg an luibhre e. Agus dh’àithn e dha gun innse do neach air bith: Ach imich, agus nochd thu fhèin don t‑sagart, agus thoir seachad airson do ghlanaidh, mar a dh’àithn Maois mar fhianais dhaibh. Ach bu mhò a sgaoileadh a iomradh‐san: agus thàinig sluagh mòr an ceann a chèile a‑chum èisdeachd, agus a bhith air an slànachadh leis on eucailean. Agus chaidh e air leth a‑chum an fhàsaich, agus rinn e ùrnaigh. Agus thàrladh air là àraidh, nuair a bha e a’ teagasg, gu robh nan suidhe an sin Pharasaich agus luchd‐teagaisg an lagha, a thàinig as gach uile bhaile de Ghalile, agus de Iudèa, agus o Ierusalem: agus bha cumhachd an Tighearna an làthair a‑chum an slànachadh. Agus, feuch, ghiùlain daoine air leabaidh duine air an robh a’ phairilis: agus dh’iarr iad a thoirt a‑steach, agus a chur na làthair‐san. Agus nuair nach d’fhuair iad seòl air am faodadh iad a thoirt a‑steach, le meud na cuideachd, chaidh iad suas air an taigh, agus leig iad sìos tro mhullach an taighe e fhèin agus a leabaidh, anns a’ mheadhon an làthair Iosa. Agus nuair a chunnaic e an creideamh, thubhairt e ris, A dhuine, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut. Agus thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air reusonachadh, ag ràdh, Cò e seo a tha a’ labhairt toibheim? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin? Ach air aithneachadh an smuaintean do Iosa, fhreagair e agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibh a’ reusonachadh nur cridheachan? Cia aca as fhasa a ràdh, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Èirich agus imich? Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil cumhachd aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air thalamh (thubhairt e ri fear na pairilis), tha mi ag ràdh riut, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich dod thaigh. Agus dh’èirich e air ball nan làthair, agus thog e an leabaidh air an robh e na laighe, agus chaidh e da thaigh fhèin a’ toirt glòire do Dhia. Agus ghlac uamhas iad uile, agus thug iad glòir do Dhia, agus lìonadh le eagal iad, ag ràdh, Chunnaic sinne nithean do‑chreidsinn an‑diugh. Agus an dèidh nan nithean sin, chaidh e a‑mach, agus chunnaic e cìs‐mhaor dom b’ainm Lèbhi na shuidhe aig àite‐togail na cìse; agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus air fàgail nan uile nithean dha, dh’èirich e, agus lean e e. Agus rinn Lèbhi fèisd mhòr dha na thaigh fhèin: agus bha cuideachd mhòr de chìs‐mhaoir, agus de mhuinntir eile a shuidh maille riu. Agus rinn an sgrìobhaichean agus am Pharasaich gearan an aghaidh a dheisciobal‐san, ag ràdh, Carson a tha sibh ag ithe agus ag òl maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich? Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Chan eil feum acasan a tha slàn air an lèigh, ach acasan a tha tinn. Cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach a‑chum aithreachais. Agus thubhairt iadsan ris, Carson a tha deisciobail Eòin gu tric ri trasgadh, agus a’ dèanamh ùrnaigh, agus mar an ceudna deisciobail nam Pharasach; ach tha do dheisciobail‐sa ag ithe agus ag òl? Agus thubhairt esan riu, Am faod sibh a thoirt air cloinn seòmar an fhir nuadh‐phòsda trasg a dhèanamh, am feadh a tha am fear nuadh‐pòsda maille riu? Ach thig na làithean nuair a bheirear am fear nuadh‐pòsda uapa; an sin nì iad trasg anns na làithean sin. Agus labhair e mar an ceudna cosamhlachd riu: Cha chuir neach air bith mìr de aodach nuadh air seann aodach, no reubaidh an t‑aodach nuadh e, agus cha tig am mìr den aodach nuadh ris an t‑seann aodach. Agus cha chuir duine sam bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear e fhèin, agus caillear na searragan. Ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha; agus bidh iad le chèile tèarainte. Agus chan eil duine sam bith, air dha seann fhìon òl, a dh’iarras air ball fìon nuadh; oir their e, Is e an seann fhìon as fèarr. Agus thàrladh air a’ chiad là sàbaid an dèidh an dara là de fhèill na càisge gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair; agus spìon a dheisciobail na diasan arbhair, agus dh’ith iad, an dèidh am bruthadh len làmhan. Agus thubhairt cuid de na Pharasaich riu, Carson a tha sibh a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte ri dhèanamh air làithean na sàbaid? Agus fhreagair Iosa iad, agus thubhairt e, Nach do leugh sibhse an nì seo a rinn Daibhidh, nuair a bha acras air fhèin, agus orrasan a bha maille ris; Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a ghabh e aran na fianais, agus a dh’ith e fhèin, agus a thug e mar an ceudna dhaibhsan a bha maille ris; nì nach eil ceadaichte ithe ach do na sagartan a‑mhàin? Agus thubhairt e riu, Is Tighearna Mac an Duine air an t‑sàbaid fhèin. Thàrladh mar an ceudna air sàbaid eile gun deachaidh e a‑steach don t‑sionagog, agus gun do theagaisg e; agus bha an sin duine aig an robh a làmh dheas air seargadh. Agus rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire, a dh’fheuchainn an lèighseadh e air an t‑sàbaid; a‑chum gum faigheadh iad cùis‐dhìtidh na aghaidh. Ach thuig esan an smuaintean, agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich, agus seas a‑mach anns a’ mheadhon. Agus dh’èirich esan, agus sheas e. An sin thubhairt Iosa riu, Feòraichidh mise aon nì dhibh: A bheil e ceadaichte air làithean na sàbaid math a dhèanamh, no olc, anam a shaoradh, no a sgrios? Agus air dha amharc mun cuairt orra uile, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus rinn e sin: agus dh’aisigeadh a làmh slàn dha mar an làmh eile. Agus lìonadh iadsan le cuthach; agus labhair iad ri chèile, ciod a dhèanadh iad ri Iosa. Agus anns na làithean sin chaidh esan gu beinn a dhèanamh ùrnaigh, agus bhuanaich e rè na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia. Agus air teachd don là, ghairm e da ionnsaigh a dheisciobail; agus thagh e dà‑fhear‐dheug asda, den do ghairm e Abstoil: Sìmon, air an tug e mar an ceudna Peadar mar ainm, agus Anndras a bhràthair, Seumas agus Eòin, Philip agus Bartolomèus, Mata agus Tòmas, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon den goirear Selotes, Iùdas bràthair Sheumais, agus Iùdas Iscariot, esan a bha na fhear‐brathaidh. Agus thàinig e a‑nuas leo, agus sheas e air ionad còmhnard, agus coitheanal a dheisciobal, agus buidheann mhòr‐shluaigh o Iudèa uile agus o Ierusalem, agus o chois fairge Thìruis agus Shìdoin, muinntir a thàinig ga èisdeachd, agus gu bhith air an leigheas on easlaintean; Agus iadsan a bha air am pianadh le spioradan neòghlan: agus lèighseadh iad. Agus dh’iarr an sluagh uile beantainn ris: oir chaidh cumhachd a‑mach as, agus shlànaich e iad uile. Agus thog e suas a shùilean air a dheisciobail, agus thubhairt e, Is beannaichte sibhse a tha bochd: oir is leibh rìoghachd Dhè. Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis; oir sàsaichear sibh. Is beannaichte sibhse a tha a’ caoidh a‑nis: oir gàiridh sibh. Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a chuireas iad as an cuideachd sibh, agus a bheir iad cainnt mhaslach dhuibh, agus a thilgeas iad a‑mach ur n‑ainm mar olc, airson Mac an Duine. Dèanaibh‐se gàirdeachas anns an là sin, agus leumaibh le aoibhneas: oir feuch, is mòr ur duais air nèamh: oir is ann mar sin a rinn an athraichean air na fàidhean. Ach is an‑aoibhinn dhuibhse a tha saoibhir: oir fhuair sibh ur sòlas. Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha sàthach: oir bidh acras oirbh. Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ gàireachdaich a‑nis: oir nì sibh bròn agus gul. Is an‑aoibhinn dhuibhse nuair a labhras daoine math umaibh: oir is ann mar sin a rinn an athraichean ris na fàidhean brèige. Ach tha mi ag ràdh ribhse a tha ag èisdeachd, Gràdhaichibh ur naimhdean, dèanaibh math dhaibhsan lem fuathach sibh; Beannaichibh iadsan a tha gur mallachadh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn gu naimhdeil ribh. Ris an tì a bhuaileas thu air aon ghiall, cùm an giall eile; agus don tì a bheir d’fhallaing dhìot, na bac do chòta mar an ceudna. Thoir do gach neach a dh’iarras ort; agus on neach a bheir uat do mhaoin, na iarr air ais i. Agus mar a b’àill leibh daoine a dhèanamh dhuibh, dèanaibh‐se mar an ceudna dhaibhsan. Oir ma ghràdhaicheas sibh iadsan aig a bheil gràdh dhuibh, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir gràdhaichidh peacaich fhèin an dream aig a bheil gràdh dhaibh. Agus ma nì sibh math don mhuinntir a nì math dhuibh, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir nì peacaich an nì seo fhèin mar an ceudna. Agus ma bheir sibh iasad dhaibhsan om bheil dùil agaibh ri a fhaotainn a‑rìs, ciod am buidheachas a tha agaibh? Oir bheir peacaich fhèin iasad do pheacaich, a‑chum gum faigh iad uiread a‑rìs. Ach gràdhaichibh‐se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc. Bithibh‐se uime sin tròcaireach, mar a tha ur n‑Athair tròcaireach. Agus na tugaibh breith agus cha toirear breith oirbh: na dìtibh, agus cha dìtear sibh: thugaibh maitheanas, agus bheirear maitheanas dhuibh. Thugaibh uaibh, agus bheirear dhuibh; deagh thomhas, air a gheinneadh agus air a chrathadh ri chèile, agus a’ cur thairis, bheir daoine nur n‑uchd; oir leis an tomhas len tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs. Agus labhair e cosamhlachd riu, Am faod an dall dall a threòrachadh? Nach tuit iad le chèile ann an sloc? Chan eil an deisciobal os cionn a mhaighistir: ach ge bè neach a tha coileanta, bidh e mar a mhaighistir. Agus carson a tha thu a’ faicinn an smùirnein a tha an sùil do bhràthar, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near na sail a tha ann ad shùil fhèin? No cionnas a dh’fhaodas tu a ràdh rid bhràthair, A bhràthair, leig dhomh an smùirnean a thoirt as do shùil, agus nach eil thu a’ toirt fa‑near an t‑sail a tha ann ad shùil fhèin? A chealgair, tilg a‑mach air tùs an t‑sail as do shùil fhèin, agus an sin is lèir dhut gu soilleir an smùirnean a tha ann an sùil do bhràthar a thoirt aisde. Oir cha deagh chraobh a bheir a‑mach droch thoradh: agus cha droch chraobh a bheir a‑mach deagh thoradh. Oir aithnichear gach craobh air a toradh: oir cha tionail daoine fìgean de dhroighinn, no caoran fìona den fhearr‐dhris. Bheir duine math nì math a‑mach à deagh ionmhas a chridhe; agus bheir droch dhuine nì olc a‑mach à droch ionmhas a chridhe: oir is ann à pailteas a chridhe a labhras a bheul. Agus carson a ghoireas sibh, A Thighearna, a Thighearna, dhìomsa, agus nach dèan sibh na nithean a tha mi ag ràdh? Gach neach a thig am ionnsaigh‐sa, agus a chluinneas mo bhriathran, agus a nì iad, feuchaidh mi dhuibh cò ris as cosmhail e: Is cosmhail e ri duine a thog taigh, agus a chladhaich domhain, agus a chuir a’ bhunait air carraig: agus nuair a thàinig an tuil, bhuail an sruth gu dian air an taigh sin, agus cha b’urrainn e a charachadh; oir bha e air a shuidheachadh air carraig. Ach an tì a chluinneas agus nach dèan, is cosmhail e ri duine a thog taigh air an talamh gun bhunait, air an do bhuail an sruth gu dian, agus air ball thuit e: agus bu mhòr tuiteam an taighe sin. A‑nis nuair a chrìochnaich e a bhriathran uile ann an èisdeachd an t‑sluaigh, chaidh e a‑steach do Chapernàum. Agus bha seirbhiseach ceannaird‐ceud àraidh, a b’ionmhainn leis, gu tinn agus ri uchd bàis. Agus nuair a chuala e mu Iosa, chuir e seanairean nan Iùdhach da ionnsaigh, a’ cur impidh air gun tigeadh e, agus gun lèighseadh e a sheirbhiseach. Agus nuair a thàinig iad gu Iosa, ghuidh iad air gu dùrachdach, ag ràdh gum b’airidh e gun dèanadh esan seo dha: Oir is toigh leis ar cinneach‐ne, agus thog esan dhuinn sionagog. Agus chaidh Iosa maille riu. Ach air dha a bhith a‑nis am fagas don taigh, chuir an ceannard‐ceud càirdean da ionnsaigh, ag ràdh ris, A Thighearna, na cuir dragh ort fhèin; oir chan airidh mise gun rachadh tu a‑steach fom chlèith: Uime sin cha mhò a mheas mi gum b’airidh mi fhèin air teachd ad ionnsaigh: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach. Oir is duine mise fhèin air mo chur fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham; agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e; agus ri fear eile, Thig, agus thig e; agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e. Agus nuair a chuala Iosa na nithean seo, ghabh e iongantas ris, agus air tionndadh dha, thubhairt e ris an t‑sluagh a lean e, Tha mi ag ràdh ribh nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo ann an Israel fhèin. Agus air tilleadh air an ais don taigh do na teachdairean a chuireadh da ionnsaigh, fhuair iad an seirbhiseach a bha tinn, slàn. Agus thàrladh, an là na dhèidh sin, gun deachaidh e a‑chum baile den gairmear Nain; agus chaidh a dheisciobail maille ris, agus sluagh mòr. A‑nis nuair a thàinig e am fagas do gheata a’ bhaile, feuch, ghiùlaineadh a‑mach duine marbh, aon mhac a mhàthar, agus bu bhantrach i: agus bha sluagh mòr de mhuinntir a’ bhaile maille rithe. Agus nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas dhith, agus thubhairt e rithe, Na guil. Agus thàinig e agus bhean e ris a’ ghiùlan; agus sheas iadsan a bha ga iomchar; agus thubhairt e, Oganaich, tha mi ag ràdh riut, èirich. Agus dh’èirich an duine a bha marbh na shuidhe, agus thòisich e air labhairt: agus thug e da mhàthair e. Agus ghlac eagal iad uile: agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Dh’èirich fàidh mòr nar measg‐ne; agus, Dh’amhairc Dia air a shluagh fhèin. Agus chaidh an t‑iomradh seo a‑mach airsan air feadh Iudèa uile, agus na dùthcha mun cuairt uile. Agus dh’innis a dheisciobail do Eòin mu thimcheall nan nithean sin uile. Agus ghairm Eòin da ionnsaigh dithis àraidh de a dheisciobail, agus chuir e iad gu Iosa, ag ràdh, An tusa esan a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Agus air teachd o na daoine da ionnsaigh, thubhairt iad, Chuir Eòin Baistidh sinne ad ionnsaigh, ag ràdh, An tusa an tì a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Agus anns an uair sin fhèin leighis e mòran on easlaintean agus om plàighean, agus o dhroch spioradan; agus thug e am fradharc do mhòran a bha dall. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Imichibh‐se agus innsibh do Eòin na nithean a chunnaic agus a chuala sibh; gu bheil na doill a’ faicinn, na bacaich ag imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a’ cluinntinn, na mairbh air an dùsgadh, an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan. Agus is beannaichte esan nach faigh oilbheum annamsa. Agus nuair a dh’fhalbh teachdairean Eòin, thòisich e air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, Ciod an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith? Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, iadsan a tha sgeadaichte le aodach rìomhach, agus a’ caitheamh am beatha gu sòghail, is ann an cùirtean nan rìghrean a tha iad. Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e fàidh? Seadh, tha mi ag ràdh ribh, agus nas mò na fàidh. Is e seo an tì mum bheil e sgrìobhte, Feuch, cuiridh mi mo theachdaire rod ghnùis, a dh’ullaicheas do shlighe romhad. Oir tha mi ag ràdh ribh, Nam measg‐san a rugadh le mnathan, chan eil fàidh as mò na Eòin Baistidh: gidheadh an tì as lugha ann an rìoghachd Dhè, is mò e na esan. Agus dh’fhìreanaich am poball uile a chuala e, agus na cìs‐mhaoir, Dia, air dhaibh a bhith air am baisteadh le baisteadh Eòin. Ach chuir na Pharasaich agus an luchd‐lagha cùl ri comhairle Dhè dan taobh fhèin, am feadh nach do bhaisteadh iad leis. Agus thubhairt an Tighearna, Cò ris uime sin a shamhlaicheas mi daoine a’ ghinealaich seo, agus cò ris a tha iad cosmhail? Tha iad cosmhail ri cloinn a tha nan suidhe anns a’ mhargadh, agus a dh’èigheas ri chèile, ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse gul. Oir thàinig Eòin Baistidh, chan ann ag ithe arain, no ag òl fìona; agus their sibh, Tha deamhan aige. Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl; agus their sibh, Feuch duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs‐mhaor agus pheacach. Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn uile. Agus dh’iarr duine àraidh de na Pharasaich air gun itheadh e biadh maille ris. Agus chaidh e a‑steach do thaigh an Pharasaich, agus shuidh e sìos a‑chum bìdh. Agus, feuch, nuair a fhuair bean anns a’ bhaile, a bha na peacach, fios gu robh e na shuidhe aig biadh ann an taigh an Pharasaich, thug i leatha bocsa alabastair làn de ola chùbhraidh. Agus sheas i aig a chasan air a chùlaibh a’ gul, agus thòisich i air a chasan a fhliuchadh le a deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn, agus phòg i a chasan, agus dh’ung i leis an ola iad. Agus nuair a chunnaic am Pharasach, a thug cuireadh dha, seo, labhair e ann fhèin, ag ràdh, Nam b’fhàidh an duine seo, bhiodh fhios aige cò i a’ bhean seo a tha a’ beantainn ris, agus ciod as gnè dhi; oir is peacach i. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, A Shìmoin, tha nì agam ri ràdh riut. Agus thubhairt esan, A Mhaighistir, abair e. Bha aig fear‐fiachan àraidh dithis a dh’fhèichneinean: bha aige air aon fhear còig ceud pèighinn, agus air an fhear eile leth‐cheud. Agus do bhrìgh nach robh aca nì leis an dìoladh iad, mhaith e gu saor dhaibh araon. Innis dhòmhsa uime sin, cò dhiubh as mò a ghràdhaicheas e? Agus fhreagair Sìmon agus thubhairt e, Is i mo bharail gur e an neach as mò don do mhaith e. Agus thubhairt e ris, Is ceart a thug thu breith. Agus air tionndadh ris a’ mhnaoi, thubhairt e ri Sìmon, Am faic thu a’ bhean seo? Thàinig mi a‑steach dod thaigh, cha tug thu dhomh uisge airson mo chas; ach dh’ionnlaid ise mo chasan le deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn. Cha tug thusa dhomh pòg: ach o thàinig ise a‑steach, cha do sguir i a phògadh mo chas. Cha d’ung thusa mo cheann le ola: ach dh’ung ise mo chasan le ola chùbhraidh. Uime sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am maitheadh; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr: ach ge bè neach dom maithear beagan, bidh a ghràdh beag. Agus thubhairt e rithe, Tha do pheacaidhean air am maitheadh. Agus thòisich iadsan a bha nan suidhe aig biadh maille ris air a ràdh annta fhèin, Cò e seo a tha eadhon a’ maitheadh pheacaidhean? Agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth. Agus thàrladh an dèidh sin, gun d’imich esan tro gach cathair agus baile, a’ searmonachadh agus a’ cur an cèill soisgeul rìoghachd Dhè, agus an dà‑fhear‐dheug maille ris; Agus mnathan àraidh a lèighseadh o dhroch spioradan agus o easlaintean, Muire den gairmear Magdalen, as an deachaidh seachd deamhain, Agus Ioanna bean Chusa, stiùbhard Heroid, agus Susanna, agus mòran eile, a bha a’ frithealadh dha lem maoin. Agus nuair a chruinnich sluagh mòr, agus a thàinig iad as gach baile da ionnsaigh, labhair e ann an cosamhlachd: Chaidh fear‐cuir a‑mach a chur a shìl: agus a’ cur dha, thuit cuid ri taobh an rathaid; agus shaltradh sìos e, agus dh’ith eunlaith an adhair suas e. Agus thuit cuid eile air carraig, agus air fàs dha, shearg e, do bhrìgh nach robh sùgh aige. Agus thuit cuid eile am measg droighinn, agus dh’fhàs an droigheann maille ris, agus thachd e e. Agus thuit cuid eile air talamh math, agus dh’fhàs e suas, agus thug e toradh uaithe, a cheud uiread is a chuireadh. Agus air dha na nithean sin a ràdh, ghlaodh e, Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e. Agus dh’fheòraich a dheisciobail dheth, ag ràdh, Ciod e an cosamhlachd seo? Agus thubhairt esan, Thugadh dhuibhse eòlas fhaotainn air rùn‐diamhair rìoghachd Dhè; ach do chàch ann an cosamhlachdan, ionnas a’ faicinn dhaibh nach faiceadh iad, agus a’ cluinntinn dhaibh nach tuigeadh iad. Ach is e seo an cosamhlachd: Is e an sìol facal Dhè. Iadsan ri taobh an rathaid, is iad sin a dh’èisdeas: na dhèidh sin tha an diabhal a’ teachd, agus a’ togail air falbh an fhacail as an cridheachan, air eagal gun creideadh iad agus gum biodh iad air an saoradh. An dream air a’ charraig, is iad sin iadsan, nuair a dh’èisdeas iad, a ghabhas am facal dan ionnsaigh le gàirdeachas, ach chan eil aca seo freumh, muinntir a chreideas rè tamaill, agus an àm buairidh a tha a’ tuiteam air falbh. Agus an nì a thuit am measg droighinn, is iad sin an dream a dh’èisdeas, agus air dhaibh dol a‑mach, tha iad air an tachdadh le cùram, agus le saoibhreas, agus le sàimh na beatha seo, agus chan eil iad a’ toirt toraidh uapa a‑chum foirfeachd. Ach an nì a thuit anns an talamh mhath, is iad sin iadsan, air dhaibh am facal èisdeachd, a tha ga choimhead ann an cridhe treibhdhireach agus math, agus a’ toirt toraidh uapa le foighidinn. Chan eil neach air bith, air dha coinneal a lasadh, a dh’fhalaicheas fo shoitheach i, no a chuireas fo leabaidh i: ach cuiridh e ann an coinnleir i, a‑chum gum faic iadsan a thig a‑steach an solas. Oir chan eil nì sam bith falaichte nach dèanar follaiseach; no uaigneach nach aithnichear, agus nach tig am follais. Air an adhbhar sin thugaibh fa‑near cionnas a dh’èisdeas sibh: oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha; agus ge bè neach aig nach eil, bheirear uaithe eadhon an nì sin a shaoilear a bhith aige. An sin thàinig da ionnsaigh a mhàthair agus a bhràithrean, agus cha b’urrainn iad teachd am fagas dha leis an dùmhlas. Agus dh’innseadh dha le dream àraidh, a thubhairt, Tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh, ag iarraidh d’fhaicinn. Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Is iad mo mhàthair agus mo bhràithrean iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a nì e. Agus thàrladh air là àraidh gun deachaidh e fhèin agus a dheisciobail a‑steach do luing: agus thubhairt e riu, Rachamaid thairis gu taobh thall an loch. Agus chuir iad a‑mach o thìr. Ach a’ seòladh dhaibh, thuit cadal airsan: agus thàinig ànradh gaoithe a‑nuas air an loch, agus lìonadh iad le uisge, agus bha iad ann an gàbhadh. Agus thàinig iad da ionnsaigh, agus dhùisg iad e, ag ràdh, A Mhaighistir, a Mhaighistir, tha sinn caillte! An sin dh’èirich esan, agus chronaich e a’ ghaoth, agus onfhadh an uisge: agus sguir iad, agus thàinig fiath ann. Agus thubhairt e riu, Càit a bheil ur creideamh? Agus air dhaibh a bhith fo eagal, ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Ciod a’ ghnè dhuine seo? Oir tha e a’ toirt àithne do na gaothan, agus don uisge fhèin, agus tha iad umhail dha. Agus thàinig iad air tìr aig dùthaich nan Gadarèneach, a tha thall fa chomhair Ghalile. Agus nuair a chaidh e a‑mach air tìr, choinnich duine àraidh as a’ bhaile e, anns an robh deamhain rè aimsir fhada, agus aig nach biodh aodach uime, agus nach fanadh ann an taigh, ach anns na h‑àitean‐adhlaic. Nuair a chunnaic e Iosa, ghlaodh e a‑mach, agus thuit e sìos na làthair, agus thubhairt e le guth àrd, Ciod e mo ghnothach‐sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Guidheam ort, na pian mi. (Oir bha e air toirt àithne don spiorad neòghlan dol a‑mach as an duine. Oir bu tric a rug e gu naimhdeil air: agus cheangladh e le slabhraidhean, agus choimheadadh an gèimhlean e; agus air briseadh a chuibhreach dha, dh’iomaineadh e leis an deamhan don fhàsach.) Agus dh’fheòraich Iosa dheth, ag ràdh, Ciod as ainm dhut? Agus thubhairt esan, Lègion: do bhrìgh gun deachaidh mòran dheamhan a‑steach ann. Agus ghuidh iad air gun àithne a thoirt dhaibh dol sìos don doimhneachd. Agus bha treud lìonmhor mhuc an sin, ag ionaltradh air an t‑sliabh: agus ghuidh iad air cead a thoirt dhaibh dol a‑steach annta. Agus thug e cead dhaibh. An sin air dol do na deamhain a‑mach as an duine, chaidh iad anns na mucan: agus ruith an treud mhuc gu dian sìos le bruthach don loch, agus thachdadh iad. Agus nuair a chunnaic an dream a bha gam biadhadh an nì a rinneadh, theich iad, agus dh’innis iad e anns a’ bhaile, agus anns an dùthaich. Agus chaidh iadsan a‑mach a dh’fhaicinn an nì a rinneadh; agus thàinig iad gu Iosa, agus fhuair iad an duine as an deachaidh na deamhain na shuidhe aig casan Iosa, air èideadh, agus e na chèill: agus ghabh iad eagal. Agus dh’innis an dream a chunnaic e dhaibh, cionnas a shlànaicheadh an duine anns an robh na deamhain. An sin dh’iarr muinntir dùthaich nan Gadarèneach uile airsan imeachd uapa; oir ghlacadh le eagal mòr iad: agus chaidh e anns an luing, agus thill e air ais a‑rìs. A‑nis ghuidh an duine as an deachaidh na deamhain air e fhèin a bhith maille ris: ach chuir Iosa uaithe e, ag ràdh, Till dod thaigh fhèin, agus cuir an cèill meud nan nithean a rinn Dia dhut. Agus dh’imich e roimhe, ag innse gu follaiseach, air feadh a’ bhaile uile, meud nan nithean a rinn Iosa dha. Agus thàrladh, nuair a thill Iosa air ais, gun do ghabh an sluagh gu toileach ris: oir bha iad uile ga fheitheamh. Agus, feuch, thàinig duine dom b’ainm Iàirus, a bha na uachdaran air an t‑sionagog; agus thuit e aig casan Iosa, agus ghuidh e air gun tigeadh e da thaigh: Do bhrìgh gu robh aon‐ghin nighinn aige, mu thimcheall dà‑bhliadhna‐dheug, agus i a’ faotainn a’ bhàis. (Ach air dha a bhith ag imeachd, bha an sluagh ga theannadh. Agus thàinig bean air an robh dòrtadh fala dà‑bhliadhna‐dheug, agus a chaith a beathachadh uile ri lèighean, agus nach b’urrainn a bhith air a leigheas le neach air bith. Thàinig ise air a chùlaibh, agus bhean i ri iomall a aodaich: agus sguir a dòrtadh fala air ball. Agus thubhairt Iosa, Cò a bhean rium? Air àicheadh do na h‑uile, thubhairt Peadar ris, agus iadsan a bha maille ris, A Mhaighistir, tha an sluagh gad dhùmhlachadh agus gad theannadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium? Agus thubhairt Iosa, Bhean neach‐eigin rium: oir mhothaich mi cumhachd a’ dol asam. Agus nuair a chunnaic a’ bhean nach robh i an an‑fhios, thàinig i air chrith, agus a’ sleuchdadh dha, chuir i an cèill dha, an làthair an t‑sluaigh uile, carson a bhean i ris, agus mar a shlànaicheadh i gu grad. Agus thubhairt esan rithe, A nighean, biodh misneach agad: shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth.) Am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig neach o thaigh uachdaran an t‑sionagoig, ag ràdh ris, Tha do nighean marbh; na cuir dragh air a’ Mhaighistir. Ach nuair a chuala Iosa seo, fhreagair e e, ag ràdh, Na biodh eagal ort: a‑mhàin creid, agus bidh i air a slànachadh. Agus nuair a chaidh e don taigh, cha do leig e le neach air bith dol a‑steach, ach Peadar, agus Eòin, agus Seumas, agus athair agus màthair na nighinn. Agus bha iad uile a’ gul, agus a’ dèanamh caoidh air a son: ach thubhairt esan, Na guilibh; chan eil i marbh, ach na cadal. Agus rinn iad gàire fanaid ris, do bhrìgh gu robh fhios aca gu robh i marbh. Agus air dha an cur a‑mach uile, ghlac e air làimh i, agus ghlaodh e, ag ràdh, A nighean, èirich. Agus thàinig a spiorad air ais, agus dh’èirich i air ball; agus dh’àithn e biadh a thoirt dhi. Agus ghlac uamhas mòr a pàrantan: ach thug esan àithne dhaibh gun an nì a rinneadh innse do neach air bith. Agus ghairm e an dà‑fhear‐dheug an ceann a chèile, agus thug e cumhachd agus ùghdarras dhaibh air na h‑uile dheamhain, agus a‑chum easlaintean a leigheas. Agus chuir e a‑mach iad a shearmonachadh rìoghachd Dhè, agus a shlànachadh nan easlan. Agus thubhairt e riu, Na tugaibh nì air bith leibh a‑chum na slighe, bataichean, no màla, no aran, no airgead; cha mhò a bhios dà chòta aig gach fear agaibh. Agus ge bè air bith taigh don tèid sibh a‑steach, fanaibh an sin, agus à sin rachaibh a‑mach. Agus cò air bith iad nach gabh ribh, air dhuibh dol a‑mach as a’ bhaile sin, crathaibh dhibh eadhon an duslach o ur casan mar fhianais nan aghaidh. Agus chaidh iadsan a‑mach, agus ghabh iad tro na bailtean, a’ searmonachadh an t‑soisgeil, agus a’ leigheas anns gach àite. Agus chuala Herod an tetrarc na h‑uile nithean a rinneadh leis: agus bha e ann an imcheist, do bhrìgh gun dubhairteadh le cuid gu robh Eòin air èirigh o na mairbh; Agus le cuid gun d’fhoillsicheadh Elias; agus le cuid eile gu robh aon de na seann fhàidhean air èirigh a‑rìs. Agus thubhairt Herod, Thug mise an ceann de Eòin: ach cò e am fear seo mum bheil mi a’ cluinntinn a leithid seo de nithean? Agus dh’iarr e a fhaicinn. Agus air tilleadh do na h‑Abstoil, dh’innis iad dha gach nì a rinn iad. Agus thug e leis iad, agus chaidh e fa leth gu àite fàsail, a bhuineadh don bhaile den goirear Betsaida. Agus nuair a fhuair an sluagh fios air, lean iad e: agus ghabh e da ionnsaigh iad, agus labhair e riu mu thimcheall rìoghachd Dhè, agus leighis e iadsan aig an robh feum air leigheas. Agus nuair a thòisich an là air teireachdainn, thàinig an dà‑fhear‐dheug, agus thubhairt iad ris, Cuir air falbh an sluagh, a‑chum gun tèid iad do na bailtean agus don tìr mun cuairt, agus gun gabh iad tàmh agus gum faigh iad biadh; oir tha sinn an seo ann an àite fàsail. Ach thubhairt esan riu, Thugaibh‐se dhaibh nì ri ithe. Agus thubhairt iadsan, Chan eil againn tuilleadh na còig buileannan agus dà iasg: mura tèid sinn agus biadh a cheannach don t‑sluagh seo uile. Oir bha iad mu thimcheall còig mìle fear. Agus thubhairt e ra dheisciobail, Cuiribh nan suidhe iad, leth‐cheud anns gach cuideachd. Agus rinn iad mar sin, agus chuir iad nan suidhe iad uile. Agus ghabh e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air dha amharc suas gu nèamh, bheannaich e iad, agus bhris e, agus thug e da dheisciobail iad gu an cur an làthair an t‑sluaigh. Agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad uile: agus thogadh dà‑chliabh‐dheug de bhiadh briste, a bha a dh’fhuidheall aca. Agus thàrladh, air dha a bhith ri ùrnaigh fa leth, gu robh a dheisciobail maille ris: agus dh’fheòraich e dhiubh, ag ràdh, Cò a tha an sluagh ag ràdh as mise? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Eòin Baistidh: ach tha cuid ag ràdh Elias: agus cuid eile gu bheil aon de na seann fhàidhean air èirigh a‑rìs. Thubhairt e riu, Ach cò a tha sibhse ag ràdh as mi? Agus fhreagair Peadar, agus thubhairt e, Crìosd Dhè. Agus air dha sparradh teann a thoirt dhaibh, dh’àithn e gun iad a dh’innse seo do neach sam bith; Ag ràdh, gur èiginn do Mhac an Duine mòran fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air a thogail suas air an treas là. Agus thubhairt e riu uile, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh‐sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann‐ceusaidh gach là, agus leanadh e mise. Oir ge bè neach lem b’àill a anam a thèarnadh, caillidh e e: ach ge bè neach a chailleas a anam air mo sgàth‐sa, saoraidh esan e. Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus e fhèin a chall, no a bhith air a sgrios? Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa agus dem bhriathran, gabhaidh Mac an Duine nàire dhethsan, nuair a thig e na ghlòir fhèin, agus an glòir Athar, agus nan ainglean naomha. Ach tha mise ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil cuid nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè. Agus thàrladh, mu thimcheall ochd làithean an dèidh nam briathran seo, gun tug e leis Peadar, agus Eòin, agus Seumas, agus gun deachaidh e suas gu beinn a dhèanamh ùrnaigh. Agus nuair a bha e ri ùrnaigh, bha dreach a ghnùise air atharrachadh, agus rinneadh a aodach geal agus dealrach. Agus, feuch, bha dithis fhear a’ còmhradh ris, eadhon Maois agus Elias, A nochdadh ann an glòir, agus a bha a’ labhairt ma bhàs, a bha esan gus a choileanadh ann an Ierusalem. Ach bha Peadar, agus iadsan a bha maille ris, trom nan cadal: agus nuair a dhùisg iad, chunnaic iad a ghlòir, agus an dithis fhear a bha nan seasamh maille ris. Agus nuair a bha iadsan a’ dealachadh ris, thubhairt Peadar ri Iosa, A Mhaighistir, is math dhuinne a bhith an seo; agus dèanamaid trì pàilleanan, aon dhutsa, agus aon do Mhaois, agus aon do Elias; gun fhios aige ciod a bha e ag ràdh. Am feadh a bha e ag ràdh seo, thàinig neul, agus chuir e sgàil orra: agus ghabh iad eagal nuair a bha iad a’ dol a‑steach anns an neul. Agus thàinig guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach‐sa; èisdibh ris. Agus nuair a rinneadh an guth seo, fhuaireadh Iosa na aonar: agus dh’fhan iadsan nan tosd, agus cha d’innis iad do neach air bith anns na làithean sin aon nì de na chunnaic iad. Agus thàrladh, an là na dhèidh sin, nuair a thàinig iad a‑nuas on bheinn, gun do thachair sluagh mòr air. Agus, feuch, ghlaodh duine àraidh den t‑sluagh, ag ràdh, A Mhaighistir, tha mi a’ guidhe ort, amhairc air mo mhac, oir is e m’aon duine‐cloinne e. Agus, feuch, tha spiorad a’ breith air, agus tha e gu h‑obann ag èigheach; agus tha e ga tharraing as a chèile, air chor is gu bheil e a’ cur cobhair a‑mach, agus an dèidh a cho‐bhruthadh is gann a dh’fhàgas e e. Agus ghuidh mi air do dheisciobail gun cuireadh iad a‑mach e, agus cha b’urrainn iad. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, O ghinealaich mhì‐chreidmhich agus fhiair, cia fhad a bhios mi maille ribh, agus a dh’fhuilingeas mi sibh? Thoir an seo do mhac. Agus am feadh a bha e fhathast a’ teachd, thilg an deamhan sìos e, agus reub e e: agus chronaich Iosa an spiorad neòghlan, agus shlànaich e an leanabh, agus thug e da athair e. Agus ghabh iad uamhas uile ri mòr‐chumhachd Dhè. Ach air dhaibh uile a bhith a’ gabhail iongantais ris na h‑uile nithean a rinn Iosa, thubhairt e ra dheisciobail, Taisgibh na briathran seo nur cluasan: oir tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine. Ach cha do thuig iadsan an còmhradh seo, agus bha e falaichte uapa air chor is nach b’aithne dhaibh e: agus bha eagal orra ceist a chur air mu thimcheall a’ chòmhraidh seo. An sin dh’èirich deasbaireachd eatorra, cò aca a bu mhò a bhiodh. Agus air do Iosa smuaintean an cridhe fhaicinn, ghabh e leanabh, agus chuir e làimh ris fhèin e. Agus thubhairt e riu, Ge bè a ghabhas ris an leanabh seo ann am ainm‐sa, tha e a’ gabhail riumsa: agus ge bè neach a ghabhas riumsa, tha e a’ gabhail ris an tì a chuir uaithe mi: oir an neach as lugha nur measg‐se uile, bidh esan mòr. Agus fhreagair Eòin, agus thubhairt e, A Mhaighistir, chunnaic sinne duine àraidh a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm‐sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn‐ne. Agus thubhairt Iosa ris, Na bacaibh e: oir ge bè nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn. A‑nis, nuair a choileanadh làithean a ghabhail suas, shuidhich e a ghnùis a‑chum dol gu Ierusalem; Agus chuir e teachdairean ro a ghnùis: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do bhaile leis na Samaritanaich, a dh’ullachadh air a shon‐san. Agus cha do ghabh iadsan ris, a chionn gu robh a aghaidh mar gum biodh e a’ dol gu Ierusalem. Agus nuair a chunnaic a dheisciobail Seumas agus Eòin seo, thubhairt iad, A Thighearna, an àill leat gun abramaid teine a theachd a‑nuas o nèamh, agus an losgadh, eadhon mar a rinn Elias? Ach thionndaidh esan agus chronaich e iad, agus thubhairt e, Chan eil fhios agaibh ciod a’ ghnè spioraid dem bheil sibh: Oir cha tàinig Mac an Duine a sgrios anaman dhaoine, ach gan tèarnadh. Agus chaidh iad gu baile eile. Agus thàrladh, nuair a bha iad ag imeachd air an t‑slighe, gun dubhairt duine àraidh ris, A Thighearna, leanaidh mise thu ge bè àit an tèid thu. Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus neadan aig eunlaith an adhair; ach chan eil àit aig Mac an Duine anns an cuir e a cheann fodha. Ach thubhairt e ri duine eile, Lean mise: ach thubhairt esan, A Thighearna, leig dhomh dol air tùs agus m’athair adhlac. Ach thubhairt Iosa ris, Leig leis na mairbh am mairbh fhèin adhlac; ach imich thusa agus searmonaich rìoghachd Dhè. Agus thubhairt neach eile mar an ceudna, A Thighearna, leanaidh mise thu: ach leig dhomh air tùs mo chead a ghabhail dhiubhsan a tha aig mo thaigh. Ach thubhairt Iosa ris, Chan eil neach air bith, a chuireas a làmh ris a’ chrann‐àraidh, agus a sheallas na dhèidh, iomchaidh airson rìoghachd Dhè. An dèidh nan nithean sin, dh’òrdaich an Tighearna mar an ceudna deichnear agus trì‐fichead eile, agus chuir e a lìon dithis agus dithis ro a ghnùis iad, do gach baile, agus àit, gus an robh e fhèin gu teachd. Air an adhbhar sin thubhairt e riu, Tha am fogharadh gu fìrinneach mòr, ach tha an luchd‐obrach tearc: guidhibh uime sin air Tighearna an fhogharaidh luchd‐obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin. Imichibh: feuch, tha mise gur cur a‑mach mar uain am measg mhadadh‐allaidh. Na giùlainibh sporan, no màla, no brògan; agus na beannaichibh do neach air bith anns an t‑slighe. Agus ge bè taigh don tèid sibh a‑steach, abraibh air tùs, Sìth don taigh seo. Agus ma bhios mac na sìthe an sin gabhaidh ur sìth còmhnaidh air: ach mura bi, tillidh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs. Agus fanaibh anns an taigh sin, ag ithe agus ag òl nan nithean a bheirear dhuibh: oir is airidh am fear‐obrach air a thuarasdal. Na rachaibh o thaigh gu taigh. Agus ge bè baile don tèid sibh a‑steach, agus anns an gabh iad ribh, ithibh na nithean sin a chuireas iad nur làthair: Agus lèighsibh a’ mhuinntir a tha easlan ann, agus abraibh riu, Tha rìoghachd Dhè air teachd am fagas dhuibh. Ach ge bè baile don tèid sibh a‑steach, agus nach gabh iad ribh, air dhuibh dol a‑mach air a shràidean, abraibh, Eadhon duslach ur baile a lean rinn, tha sinn a’ glanadh dhinn nur n‑aghaidh‐se; gidheadh, biodh fhios seo agaibh gun do dhruid rìoghachd Dhè ribh. Ach tha mise ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom anns an là ud na don bhaile sin. Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin! Is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida! Oir nam biodh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fad on a dhèanadh iad aithreachas, nan suidhe ann an sac‐aodach agus ann an luaithre. Ach bidh e nas so‑iomchaire do Thìrus agus do Shìdon anns a’ bhreitheanas na dhuibhse. Agus thusa, a Chapernàum, a tha air d’àrdachadh gu nèamh, tilgear sìos gu ifrinn thu. Esan a dh’èisdeas ribhse, èisdidh e riumsa: agus esan a dhiùltas sibhse, tha e gam dhiùltadh‐sa: agus an neach a dhiùltas mise, tha e a’ diùltadh an tì a chuir uaithe mi. Agus thill an deichnear agus an trì‐fichead le gàirdeachas, ag ràdh, a Thighearna, tha na deamhain fhèin fo smachd againne tro d’ainm‐sa. Agus thubhairt e riu, Chunnaic mi Sàtan mar dhealanach a’ tuiteam o nèamh. Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh. Gidheadh na dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil na spioradan fo ur smachd; ach dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte anns na nèamhan. Anns an uair sin fhèin rinn Iosa gàirdeachas na spiorad, agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean sin o dhaoine glice agus tuisgeach, agus gun d’fhoillsich thu iad do naoidheanan: seadh, Athair, oir is ann mar sin a bu toil leatsa. Tha na h‑uile nithean air an tabhairt dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith cò e am Mac, ach don Athair; no cò e an t‑Athair ach don Mhac, agus an neach don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh. Agus air tionndadh ra dheisciobail, thubhairt e riu an uaigneas, Is beannaichte na sùilean a chì na nithean a tha sibhse a’ faicinn: Oir tha mi ag ràdh ribh gum b’iomadh fàidh agus rìgh, lem bu mhiann na nithean fhaicinn a tha sibhse a’ faicinn, agus nach faca iad; agus na nithean a chluinntinn, a tha sibhse a’ cluinntinn, agus nach cuala iad. Agus, feuch, sheas fear‐lagha àraidh suas ga dhearbhadh, agus ag ràdh, A Mhaighistir, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach? Agus thubhairt e ris, Ciod a tha sgrìobhte anns an lagh? Cionnas a leughas tu? Agus a’ freagairt dhàsan, thubhairt e, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile neart, agus led uile inntinn; agus do choimhearsnach mar thu fhèin. Agus thubhairt esan ris, Is ceart a fhreagair thu: dèan‐sa seo, agus bidh tu beò. Ach air dhàsan toil a bhith aige e fhèin fhìreanachadh, thubhairt e ri Iosa, Agus cò e mo choimhearsnach? Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Chaidh duine àraidh sìos o Ierusalem gu Iericho, agus thuit e am measg luchd‐reubainn, agus air dhaibh a rùsgadh agus a lotadh, dh’imich iad romhpa, air dhaibh esan fhàgail leth‐mharbh. Agus thàrladh gun d’imich sagart àraidh sìos air an t‑slighe sin: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e seachad air an taobh eile. Agus mar an ceudna, air do Lèbhitheach a bhith dlùth don ionad sin, thàinig e agus dh’amhairc e air, agus ghabh e seachad air an taobh eile. Ach air do Shamaritanach àraidh a bhith a’ gabhail an rathaid, thàinig e far an robh esan: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e truas mòr dheth, Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh‐òsda e, agus ghabh e cùram dheth. Agus air an là màireach, nuair a dh’fhalbh e, thug e a‑mach dà phèighinn Ròmanach, agus thug e do fhear an taigh‐òsda iad, agus thubhairt e ris, Gabh cùram dheth; agus ge bè nì tuilleadh a chaitheas tu, an tràth a thilleas mise air m’ais, dìolaidh mi dhut e. Cò a‑nis den triùir seo a shaoileas tu a bu choimhearsnach dhàsan a thuit am measg an luchd‐reubainn? Agus thubhairt esan, An tì a rinn tròcair air. An sin thubhairt Iosa ris, Imich thusa, agus dèan mar an ceudna. Agus ag imeachd dhaibh, chaidh e a‑steach do bhaile àraidh; agus ghabh bean àraidh dom b’ainm Marta da taigh fhèin e. Agus bha piuthar aice den goirte Muire, a shuidh aig casan Iosa, agus a bha ag èisdeachd a fhacail. Ach bha Marta air a ro‑chùradh le mòran frithealaidh, agus air seasamh dhi na làthair thubhairt i, A Thighearna, nach eil suim agad gun d’fhàg mo phiuthar mise am aonar ri frithealadh? Uime sin abair rithe cuideachadh leam. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e rithe, A Mharta, a Mharta, tha thusa làn cùraim agus dragha mu thimcheall mòran nithean: Ach tha aon nì feumail. Agus rinn Muire roghainn den chuid mhaith sin, nach toirear uaipe. Agus thàrladh air dha a bhith ann an ionad àraidh ri ùrnaigh, nuair a sguir e, gun dubhairt neach àraidh de a dheisciobail ris, A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh, mar a theagaisg Eòin da dheisciobail fhèin. Agus thubhairt e riu, Nuair a nì sibh ùrnaigh, abraibh, Ar n‑Athair a tha air nèamh, gun naomhaichear d’ainm. Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil, mar air nèamh, guma h‑amhlaidh sin air thalamh. Thoir dhuinn o là gu là ar n‑aran làitheil. Agus maith dhuinn ar peacaidhean: oir tha sinne fhèin a’ maitheadh do gach aon air a bheil fiachan againn. Agus na leig ann am buaireadh sinn, ach saor sinn on olc. Agus thubhairt e riu, Cò agaibhse aig am bi caraid, agus a thèid da ionnsaigh air mheadhon‐oidhche, agus a their ris, A charaid, thoir dhomh trì buileannan an iasad; Oir thàinig caraid dhomh am ionnsaigh as a shlighe, agus chan eil nì agam a chuireas mi na làthair? Agus gum freagair esan on taobh a‑staigh agus gun abair e, Na cuir dragh orm: tha an doras a‑nis air a dhùnadh, agus tha mo chlann maille rium anns an leabaidh; chan fhaigh mi èirigh agus an toirt dhut. Tha mi ag ràdh ribh, ged nach èirich e agus nach toir e dha, airson gur e a charaid e; gidheadh airson a liosdachd, èiridh e agus bheir e dha a mheud is a tha a dh’uireasbhaidh air. Agus tha mise ag ràdh ribh, Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh; buailibh an doras, agus fosglar dhuibh. Oir gach neach a dh’iarras, glacaidh e: agus an tì a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas, fosglar. Ma dh’iarras mac aran air aon neach agaibhse a tha na athair, an toir e dha clach? No ma dh’iarras e iasg, an toir e nathair dha an àit èisg? No ma dh’iarras e ubh, an toir e scorpion dha? Air an adhbhar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thoirt dur cloinn, nach mòr as mò na sin a bheir ur n‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh’iarras air e? Agus bha e a’ tilgeadh a‑mach deamhain, agus bha e balbh. Agus air dol don deamhan a‑mach, labhair am balbhan; agus ghabh an sluagh iongantas. Ach thubhairt cuid dhiubh, Is ann tro Bheelsebub, ceannard nan deamhan, a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan. Agus dh’iarr dream eile dhiubh, ga dhearbhadh, comharradh air o nèamh. Ach air dhàsan an smuaintean a thuigsinn, thubhairt e riu, Gach rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin, fàsaichear i; agus gach taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, tuitidh e. Agus ma tha Sàtan mar an ceudna air a roinn na aghaidh fhèin, cionnas a sheasas a rìoghachd? Oir tha sibhse ag ràdh gu bheil mise tro Bheelsebub a’ tilgeadh a‑mach dheamhan. Agus mas ann tro Bheelsebub a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, cò e tro a bheil ur clann‐se gan tilgeadh a‑mach? Uime sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh. Ach mas ann le meur Dhè a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, tha rìoghachd Dhè, gun teagamh, air teachd oirbhse. Nuair a ghleidheas duine làidir fo airm a thalla fhèin, tha na bhuineas dha ann an sìth: Ach nuair a thig duine as treasa na e, agus a bheir e buaidh air, bheir e uaithe a armachd uile anns an robh a dhòigh, agus roinnidh e a’ chreach. An neach nach eil leamsa, tha e am aghaidh; agus an neach nach eil a’ cruinneachadh leam, tha e a’ sgapadh. Nuair a thèid an spiorad neòghlan a‑mach à duine, imichidh e tro ionadan tioram, ag iarraidh foise: agus nuair nach faigh e sin, their e, Tillidh mi a dh’ionnsaigh mo thaighe as an tàinig mi. Agus air dha teachd, gheibh e e air a sguabadh agus air a dhèanamh maiseach. An sin imichidh e, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin; agus air dhaibh dol a‑steach, gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh crìoch an duine sin nas miosa na a thoiseach. Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo, thog bean àraidh den t‑sluagh a guth, agus thubhairt i ris, Is beannaichte a’ bhrù a ghiùlain thu, agus na cìochan a dheoghail thu. Ach thubhairt esan, Is mò gur beannaichte iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a choimheadas e. Agus nuair a chruinnich an sluagh gu tiugh da ionnsaigh, thòisich e air a ràdh, Is droch ghinealach seo: tha iad ag iarraidh comharraidh; agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh Iònais am fàidh. Oir mar a bha Iònas na chomharradh do mhuinntir Ninebheh, is ann mar sin mar an ceudna a bhios Mac an Duine don ghinealach seo. Eiridh bànrighinn na h‑àird a deas suas anns a’ bhreitheanas maille ri daoine a’ ghinealaich seo, agus dìtidh i iad: oir thàinig ise o iomallan na talmhainn, a dh’èisdeachd ri gliocas Sholaimh; agus, feuch, tha nas mò na Solamh an seo. Eiridh muinntir Ninebheh suas anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh iad e: oir rinn iadsan aithreachas le searmoin Iònais; agus, feuch, tha nas mò na Iònas an seo. Chan eil neach sam bith, air dha coinneal a lasadh, a chuireas am falach i no fo shoitheach; ach ann an coinnleir, a‑chum gum faic an dream a thig a‑steach an solas. Is i an t‑sùil solas a’ chuirp: uime sin nuair a bhios do shùil glan, bidh do chorp uile làn solais: ach nuair a bhios do shùil olc, bidh do chorp mar an ceudna dorcha. Uime sin thoir an aire nach bi an solas a tha annad na dhorchadas. Air an adhbhar sin, ma bhios do chorp uile soillseach, gun chuid sam bith dheth dorcha, bidh e soillseach gu h‑iomlan, mar nuair a shoillsicheas coinneal thu le a dealradh. Agus a’ labhairt dhàsan, dh’iarr Pharasach àraidh air a dhìnnear a ghabhail maille ris: agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e a‑chum bìdh. Agus nuair a chunnaic am Pharasach sin, b’ioghnadh leis nach d’ionnlaid e e fhèin ro a dhìnneir. Agus thubhairt an Tighearna ris, A‑nis, Pharasacha, glanaidh sibhse an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis: ach tha an taobh a‑staigh dhibh làn reubainn agus aingidheachd. Amadana, an tì a rinn an nì a tha an taobh a‑muigh, nach do rinn e an nì a tha an taobh a‑staigh mar an ceudna? Ach thugaibh uaibh dèirc de na nithean a tha agaibh: agus, feuch, tha na h‑uile nithean glan dhuibh. Ach is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir tha sibh a’ toirt deichimh à mionnt, agus à rù, agus as gach uile ghnè luibhean, agus a’ gabhail thairis air breitheanas agus air gràdh Dhè: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh. Is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir is ionmhainn leibh na ciad àiteachan‐suidhe anns na sionagogan, agus fàilte fhaotainn air na margaidhean. Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh mar uaighean nach faicear, agus do nach toir na daoine a tha ag imeachd thairis orra an aire. Agus fhreagair duine àraidh den luchd‐lagha, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, le seo a labhairt tha thu a’ toirt maslaidh dhuinne mar an ceudna. Agus thubhairt esan, Is an‑aoibhinn dhuibhse mar an ceudna, a luchd‐lagha: oir tha sibh a’ cur uallaichean troma, do‑ghiùlan air daoine, agus cha bhean sibh fhèin ris na h‑uallaichean le aon de ur meuran. Is an‑aoibhinn dhuibh: oir tha sibh a’ togail àitean‐adhlaic nam fàidhean, agus is iad ur n‑athraichean a mharbh iad. Gu deimhinn tha sibh a’ toirt fianais gu bheil sibh ag aontachadh le gnìomharan ur n‑athraichean: oir mharbh iadsan gu deimhinn iad, agus tha sibhse a’ togail an àitean‐adhlaic. Air an adhbhar sin thubhairt gliocas Dhè, Cuiridh mise fàidhean agus abstoil dan ionnsaigh, agus cuid dhiubh marbhaidh iad, agus cuid eile geur‐leanaidh iad: A‑chum gun agrar air a’ ghinealach seo fuil nam fàidhean uile a dhòirteadh o thoiseach an domhain; O fhuil Abeil gu fuil Shachariais, a chaidh a mhilleadh eadar an altair agus an teampall: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun agrar i air a’ ghinealach seo. Is an‑aoibhinn dhuibh, a luchd‐lagha: oir thug sibh air falbh iuchair an eòlais: cha deachaidh sibh fhèin a‑steach, agus an dream a bha a’ dol a‑steach, bhac sibh iad. Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air a chur thuige gu dian, agus a tharraing gu labhairt air mòran de nithean; A’ dèanamh feall‐aire air, agus ag iarraidh nì‑eigin a ghlacadh as a bheul, a‑chum gum biodh cùis‐dhìtidh aca na aghaidh. Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd. Oir chan eil nì air bith falaichte, nach foillsichear: no uaigneach, air nach faighear fios. Air an adhbhar sin, ge bè nì a labhair sibh anns an dorchadas, cluinnear e anns an t‑solas: agus an nì a labhair sibh anns a’ chluais ann an seòmraichean uaigneach, èighear e air mullach nan taighean. Agus tha mi ag ràdh ribhse, mo chàirdean, Na biodh eagal oirbh ron mhuinntir sin a mharbhas an corp, agus na dhèidh sin aig nach eil nì tuilleadh a dh’fhaodas iad a dhèanamh. Ach nochdaidh mi dhuibh cò e ron còir dhuibh eagal a bhith oirbh: Biodh eagal an Tì ud oirbh aig a bheil cumhachd, an dèidh neach a mharbhadh, a thilgeadh do ifrinn; seadh, tha mi ag ràdh ribh, Biodh eagal an Tì seo oirbh. Nach eil còig gealbhain air an reic air dà fheòirling, agus chan eil aon dhiubh air a dhearmad am fianais Dhè? Ach tha eadhon fuilteinean ur cinn uile air an àireamh. Uime sin na biodh eagal oirbh: is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan. Agus tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine, aidichidh Mac an Duine esan mar an ceudna an làthair ainglean Dhè. Ach ge bè neach a dh’àicheas mise am fianais dhaoine, àichear esan am fianais ainglean Dhè. Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach don tì a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha toirear maitheanas. Agus nuair a bheir iad sibh a‑chum nan sionagog, agus nan uachdaran, agus nan daoine cumhachdach, na biodh e na ro‑chùram oirbh cionnas no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh: Oir teagaisgidh an Spiorad Naomh dhuibh, anns an uair sin fhèin, na nithean as còir dhuibh a ràdh. Agus thubhairt neach àraidh den t‑sluagh ris, A Mhaighistir, abair rim bhràthair an oighreachd a roinn rium. Agus thubhairt e ris, A dhuine, cò a chuir mise am bhritheamh no am fhear‐roinn os ur cionn? Agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o shannt: oir chan ann am mòr‐phailteas nan nithean a tha e a’ sealbhachadh a tha beatha an duine. Agus labhair e cosamhlachd riu, ag ràdh, Thug fearann duine shaoibhir àraidh bàrr pailt uaithe: Agus smaoinich e ann fhèin, ag ràdh, Ciod a nì mi, a chionn nach eil agam àit anns an cruinnich mi mo thoradh? Agus thubhairt e, Nì mi seo: leagaidh mi mo shaibhlean, agus togaidh mi saibhlean as mò; agus cruinnichidh mi annta sin mo thoradh uile, agus mo mhaoin. Agus their mi rim anam, Anam, tha agad mòran de nithean matha air an tasgadh fa chomhair mòran bhliadhnachan; gabh fois, ith, òl, agus bi subhach. Ach thubhairt Dia ris, Amadain, air an oidhche seo fhèin iarrar d’anam uat: an sin cò dha a bhuineas na nithean sin a dh’ullaich thu? Is ann mar sin a tha an tì a thaisgeas ionmhas dha fhèin, agus nach eil saoibhir a‑thaobh Dhè. Agus thubhairt e ra dheisciobail, Uime sin tha mise ag ràdh ribh, na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Is mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach. Thugaibh fa‑near na fithich: oir chan eil iadsan a’ cur no a’ buain; chan eil aca taigh‐tasgaidh no sabhal; agus tha Dia gam beathachadh: cia mòr as fheàrr sibhse na an eunlaith? Agus cò agaibhse, le ro‑chùram, as urrainn aon làmh‐choille a chur ra àirde fhèin? Mura eil sibh uime sin comasach air an nì as lugha a dhèanamh, carson a tha sibh ro‑chùramach mu nithean eile? Thugaibh fa‑near na lilidhean, cionnas a tha iad a’ fàs: chan eil iad a’ saothrachadh, no a’ snìomh: gidheadh tha mi ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na ghlòir uile air a sgeadachadh mar aon dhiubh seo. Agus ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh an fheòir, a tha an‑diugh anns a’ mhachair, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mòr as mò a sgeadaicheas e sibhse, O dhaoine air bheag creidimh? Uime sin na iarraibh‐se ciod a dh’itheas sibh, no ciod a dh’òlas sibh, agus na bithibh amharasach. Oir na nithean seo uile tha cinnich an t‑saoghail ag iarraidh: ach tha fhios aig ur n‑Athair‐se gu bheil feum agaibh air na nithean sin. Ach iarraibh‐se rìoghachd Dhè, agus cuirear na nithean seo uile ribh. Na biodh eagal ort, a threud bhig; oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh. Reicibh na bheil agaibh, agus thugaibh dèirc uaibh: dèanaibh dhuibh fhèin sporain nach fàs sean, ionmhas nach teirig, anns na nèamhan, far nach tig gadaiche am fagas, agus nach truaill an reudan. Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, an sin bidh ur cridhe mar an ceudna. Biodh ur leasraidh crioslaichte mun cuairt, agus ur lòchrain air an lasadh; Agus sibh fhèin cosmhail ri daoine a tha a’ feitheamh ris an Tighearna, nuair a thilleas e on phòsadh; a‑chum air dha teachd agus bualadh, gun grad‐fhosgail iad dha. Is beannaichte na seirbhisich sin a gheibh an Tighearna, nuair a thig e, ri faire: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun crioslaich e e fhèin mun cuairt, agus gun cuir e nan suidhe iad a‑chum bìdh, agus gun tig e a‑mach agus gun dèan e frithealadh dhaibh. Agus ma thig e anns an dara faire, no ma thig e anns an treas faire, agus gum faigh e iad mar sin, is beannaichte na seirbhisich sin. Agus biodh cinnt agaibh air a seo, nam biodh fhios aig fear an taighe cia an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e a thaigh a bhith air a tholladh troimhe. Bithibh‐se uime sin deas mar an ceudna: oir thig Mac an Duine nuair nach saoil sibh. Agus thubhairt Peadar ris, A Thighearna, an ann rinne a tha thu a’ labhairt a’ chosamhlachd seo, no ris na h‑uile? Agus thubhairt an Tighearna, Cò e uime sin an stiùbhard fìrinneach agus glic sin, a chuireas a thighearna os cionn a theaghlaich, a thoirt dhaibh an cuibhreann bìdh na àm fhèin? Is beannaichte an seirbhiseach sin a gheibh a thighearna, nuair a thig e, a’ dèanamh mar sin. Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun cuir e e os cionn na bheil aige. Ach ma their an seirbhiseach sin na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàile na theachd; agus ma thòisicheas e air na h‑òglaich agus na banoglaich a bhualadh, agus ithe, agus òl, agus a bhith air mhisg: Thig tighearna an t‑seirbhisich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha, agus gearraidh e na bhloighdean e, agus bheir e a chuibhreann dha maille ris na mì‑chreidmhich. Agus an seirbhiseach sin dom b’aithne toil a mhaighistir, agus nach d’ullaich e fhèin, agus nach do rinn a rèir a thoile, buailear e le mòran bhuillean. Ach an tì do nach b’aithne, agus a rinn nithean a b’airidh air buillean, buailear esan le beagan bhuillean. Oir gach neach don tugadh mòran, iarrar mòran uaithe: agus ge bè rin d’earbadh mòran, iarrar an tuilleadh air. Thàinig mise a chur teine air an talamh, agus ciod as àill leam, ma tha e cheana air fhadadh. Ach tha baisteadh agam ri bhith air mo bhaisteadh leis, agus cionnas a tha mi air mo theannachadh gus an coileanar e! A bheil sibh a’ saoilsinn gun tàinig mise a thoirt sìth air an talamh? Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh, ach aimhreit. Oir bidh à seo suas còignear ann an aon taigh air an roinn, triùir an aghaidh dithis, agus dithis an aghaidh triùir. Bidh an t‑athair air a roinn an aghaidh a’ mhic, agus am mac an aghaidh an athar; a’ mhàthair an aghaidh na nighinn, agus an nighean an aghaidh na màthar; a’ mhàthair‐chèile an aghaidh bean a mic, agus bean a’ mhic an aghaidh a màthar‐chèile. Agus thubhairt e mar an ceudna ris an t‑sluagh, Nuair a chì sibh neul ag èirigh anns an àird an iar, air ball their sibh, Tha fras a’ teachd; agus tha e mar sin. Agus nuair a chì sibh a’ ghaoth a deas a’ sèideadh, their sibh, Bidh teas ann; agus tha e a’ tachairt. A chealgairean, is aithne dhuibh breith a thoirt air aghaidh nan speur agus na talmhainn; ach cionnas nach eil sibh a’ toirt breith air an aimsir seo? Agus carson nach eil sibh eadhon uaibh fhèin a’ breithneachadh an nì sin a tha ceart? Nuair a thèid thu maille rid eascaraid a‑chum an uachdarain, dèan dìcheall anns an t‑slighe air a bhith air do shaoradh uaithe; air eagal gun tarraing e a‑chum a’ bhritheimh thu, agus gun toir am britheamh thairis don mhaor thu, agus gun tilg am maor am prìosan thu. Tha mi ag ràdh riut nach tèid thu a‑mach as a sin, gus an ìoc thu eadhon a’ phèighinn dheireannach. Agus bha an làthair anns an àm sin daoine àraidh a dh’innis dha mu thimcheall nan Galilèach, muinntir a mheasg Pilat am fuil maille rin ìobairtean. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, A bheil sibh a’ saoilsinn gu robh na Galilèaich sin nam peacaich nas mò na na Galilèaich uile, airson gun d’fhuiling iad a leithid seo? Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna. No na h‑ochd‐fir‐dheug sin air an do thuit an tùr ann an Silòam, agus a mharbh iad, an saoil sibh gu robh iadsan nam peacaich os cionn nan uile dhaoine a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem? Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna. Labhair e mar an ceudna an cosamhlachd seo: Bha aig duine àraidh crann‐fìge suidhichte na ghàrradh‐fìona: agus thàinig e ag iarraidh toraidh air, agus cha d’fhuair e. An sin thubhairt e ris a’ ghàrradair, Feuch, tha mi rè trì bliadhna a’ teachd a dh’iarraidh toraidh air a’ chrann‐fhìge seo, agus chan eil mi a’ faotainn a’ bheag: geàrr sìos e, carson a tha e a’ fàsachadh na talmhainn? Agus fhreagair esan agus thubhairt e ris, A thighearna, leig leis air a’ bhliadhna seo mar an ceudna, gus an cladhaich mi ma thimcheall, agus gun cuir mi aolach ma bhun: Agus ma ghiùlaineas e toradh, is math: ach mura giùlain, na dhèidh sin gearraidh tu sìos e. Agus bha e a’ teagasg ann an aon de na sionagogan air an t‑sàbaid. Agus, feuch, bha bean àraidh an làthair aig an robh spiorad anfhainneachd rè ochd‐bliadhna‑deug, agus bha i air a cromadh ri chèile, agus gun chomas aice air chor sam bith i fhèin a dhìreachadh. Agus nuair a chunnaic Iosa i, ghairm e da ionnsaigh i, agus thubhairt e rithe, A bhean, tha thu air d’fhuasgladh od anfhainneachd. Agus chuir e a làmhan oirre; agus air ball rinneadh dìreach i, agus thug i glòir do Dhia. Agus fhreagair uachdaran an t‑sionagoig, agus e làn feirge airson gun do rinn Iosa leigheas air là na sàbaid, agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Tha sia làithean anns an còir obair a dhèanamh: orra seo air an adhbhar sin thigibh, agus bithibh air ur leigheas, agus na b’ann air là na sàbaid. An sin fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, A chealgair, nach fuasgail gach aon agaibh a dhamh no a asal on phrasaich, agus nach toir e gu uisge e air là na sàbaid? Agus nach bu chòir a’ bhean seo, a tha na nighinn do Abrahàm, a cheangail Sàtan a‑nis rè ochd‐bliadhna‑deug, a bhith air a fuasgladh on chuibhreach seo air là na sàbaid? Agus nuair a thubhairt e na nithean sin, chuireadh a naimhdean uile gu nàire; ach rinn an sluagh uile gàirdeachas, airson nan uile nithean glòrmhor a rinneadh leis. An sin thubhairt e, Cò ris a tha rìoghachd Dhè cosmhail, agus cò ris a shamhlaicheas mi i? Tha i cosmhail ri gràinne de shìol mustaird a ghabh duine, agus a chuir e na ghàrradh: agus dh’fhàs e, agus rinneadh craobh mhòr dheth; agus rinn eunlaith an adhair nid na geugan. Agus thubhairt e a‑rìs, Cò ris a shamhlaicheas mi rìoghachd Dhè? Tha i cosmhail ri taois ghoirt, a ghabh bean agus a dh’fhalaich i ann an trì tomhaisean mine, gus an do ghortaicheadh an t‑iomlan. Agus chaidh e tro gach cathair agus baile beag, a’ teagasg, agus a’ gabhail na slighe gu Ierusalem. An sin thubhairt neach àraidh ris, A Thighearna, an tearc iad a shaorar? Agus thubhairt esan riu, Dèanaibh spàirn chruaidh gu dol a‑steach air a’ gheata chumhang: oir tha mi ag ràdh ribh gun iarr mòran dol a‑steach, agus nach urrainn iad. On uair a dh’èireas fear‐an‑taighe, agus a dhùineas e an doras, agus a thòiseachas sibhse air seasamh a‑muigh, agus an doras a bhualadh, ag ràdh, A Thighearna, a Thighearna, fosgail dhuinn; agus air dhàsan freagairt, their e ribh, Chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh? An sin tòisichidh sibh air a ràdh, Dh’ith sinn agus dh’òl sinn ad làthair, agus theagaisg thu nar sràidean. Ach their esan, Tha mi ag ràdh ribh, chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh? Imichibh uam uile, a luchd‐dèanamh na h‑eucoir. An sin bidh gul agus gìosgan fhiacal, nuair a chì sibh Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, agus na fàidhean uile ann an rìoghachd Dhè, agus sibh fhèin air ur tilgeadh a‑mach. Agus thig iad on àird an ear, agus on àird an iar, agus on àird a tuath agus deas, agus suidhidh iad ann an rìoghachd Dhè. Agus, feuch, tha daoine air dheireadh a bhios air thoiseach, agus air thoiseach a bhios air dheireadh. Air an là sin fhèin thàinig Pharasaich àraidh da ionnsaigh, ag ràdh ris, Gabh a‑mach agus imich à seo: oir tha toil aig Herod do mharbhadh. Agus thubhairt e riu, Imichibh agus innsibh don t‑sionnach sin, Feuch, tha mi a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, agus tha mi a’ dèanamh leigheas an‑diugh agus a‑màireach, agus air an treas là bidh mi air mo dhèanamh foirfe. Gidheadh, is èiginn dhomh imeachd an‑diugh agus a‑màireach, agus an là na dhèidh sin: oir chan fhaod e a bhith gun cuirear fàidh gu bàs a‑mach à Ierusalem. A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh: cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh, mar a chruinnicheas cearc a h‑àlach fo a sgiathan, agus cha b’àill leibh! Feuch, dh’fhàgadh ur taigh fàs agaibh: agus gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach faic sibh mise gus an tig an t‑àm anns an abair sibh, Is beannaichte an tì a thig ann an ainm an Tighearna. Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur‐fhaire air. Agus, feuch, bha duine àraidh nan làthair air an robh a’ mheud‐bhronn. Agus fhreagair Iosa, agus labhair e ris an luchd‐lagha, agus ris na Pharasaich, ag ràdh, A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air là na sàbaid? Ach dh’fhan iadsan nan tosd. Agus air dha breith air, leighis e e, agus leig e uaithe e: Agus fhreagair e iadsan, ag ràdh, Cò agaibhse, ma thuiteas a asal no a dhamh ann an slochd, nach tarraing a‑mach gu grad e air là na sàbaid? Agus cha b’urrainn iad a fhreagairt a‑rìs anns na nithean sin. Agus labhair e cosamhlachd riùsan a fhuair cuireadh, nuair a thug e fa‑near mar a thagh iad na ciad àiteachan‐suidhe, ag ràdh riu. Nuair a gheibh thu cuireadh o neach air bith a‑chum bainnse, na suidh anns a’ chiad àit; air eagal gun d’fhuair duine as urramaiche na thusa cuireadh uaithe; Agus gun tig an tì a thug cuireadh dhutsa agus dhàsan, agus gun abair e riut, Thoir àite don duine seo; agus gun tòisich thusa an sin le nàire air suidhe anns an àit as ìsle. Ach nuair a gheibh thu cuireadh, imich agus suidh anns an àit as ìsle; a‑chum, nuair a thig esan a thug cuireadh dhut, gun abair e riut, A charaid, suidh suas nas àirde: an sin gheibh thu urram an làthair na muinntir a tha nan suidhe air bòrd maille riut. Oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e. An sin thubhairt e ris an tì mar an ceudna a thug cuireadh dha, Nuair a nì thu dìnnear no suipear, na gairm do chàirdean, no do bhràithrean, no do luchd‐dàimh, no do choimhearsnaich shaoibhir; air eagal gun toir iadsan mar an ceudna cuireadh dhutsa a‑rìs, agus gum faigh thu a’ chomain cheudna. Ach nuair a nì thu cuirm, gairm na bochdan, na daoine ciurramach, na bacaich, na doill: Agus bidh tu beannaichte, a chionn nach urrainn iad a’ chomain cheudna a thoirt dhut: oir gheibh thu comain ann an aiseirigh nam fìrean. Agus nuair a chuala aon de na shuidh maille ris air bòrd na nithean sin, thubhairt e ris, Is beannaichte an tì sin a dh’itheas aran ann an rìoghachd Dhè. Ach thubhairt esan ris, Rinn duine àraidh suipear mhòr, agus thug e cuireadh do mhòran: Agus chuir e a sheirbhiseach uaithe an àm na suipeir a ràdh ris a’ mhuinntir a fhuair cuireadh, Thigibh, oir tha na h‑uile nithean a‑nis ullamh. Agus thòisich iad uile a dh’aon ghuth air an leisgeul a ghabhail. Thubhairt an ciad fhear ris, Cheannaich mi fearann, agus is èiginn dhomh dol a‑mach agus fhaicinn: tha mi a’ guidhe ort, gabh mo leisgeul. Agus thubhairt fear eile, Cheannaich mi còig cuing dhamh, agus tha mi dol gan dearbhadh: tha mi a’ guidhe ort, gabh mo leisgeul. Agus thubhairt fear eile, Phòs mi bean, agus air an adhbhar sin chan eil e an comas dhomh teachd. Agus thàinig an seirbhiseach sin, agus dh’innis e na nithean sin da thighearna. An sin air gabhail feirge do fhear‐an‑taighe, thubhairt e ra sheirbhiseach, Gabh a‑mach gu grad gu sràidean agus gu caol‐shràidean a’ bhaile, agus thoir a‑steach an seo na bochdan, agus na daoine ciurramach, agus na bacaich, agus na doill. Agus thubhairt an seirbhiseach, A thighearna, rinneadh mar a dh’òrdaich thu, gidheadh tha àite falamh ann fhathast. Agus thubhairt an tighearna ris an t‑seirbhiseach, Gabh a‑mach gus na rathaidean mòra agus na gàrraidhean, agus co‑èignich iad gu teachd a‑steach, a‑chum gum bi mo thaigh air a lìonadh. Oir tha mi ag ràdh ribh nach blais aon de na daoine ud, a fhuair cuireadh, dem shuipeir‐sa. Agus bha sluagh mòr ag imeachd maille ris: agus air dha tionndadh, thubhairt e riu, Ma thig neach air bith am ionnsaigh‐sa, agus nach fuathaich e a athair, agus a mhàthair, agus a bhean‐phòsda, agus a chlann agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa. Agus ge bè neach nach giùlain a chrann‐ceusaidh, agus nach lean mise, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa. Oir cò am fear agaibhse leis am miann tùr a thogail, nach suidh sìos air tùs, agus nach meas an costas, a dh’fheuchainn a bheil aige na chuireas crìoch air? Air eagal an dèidh dha a bhunait a leagadh, agus gun a bhith comasach air crìoch a chur air, gun tòisich na h‑uile a chì e ri fanaid air, Ag ràdh, Thòisich an duine seo air taigh a thogail, agus cha b’urrainn e a chrìochnachadh. No cò an rìgh, aig dol a‑mach dha gu cogadh an aghaidh rìgh eile, nach suidh sìos air tùs, agus nach gabh comhairle, a dh’fheuchainn an urrainn e le deich mìle coinneamh a thoirt dhàsan a tha a’ teachd le fichead mìle na aghaidh? No air a bhith dhàsan fhathast fada uaithe, cuiridh e teachdaireachd a dh’iarraidh cumhachan sìthe. Mar sin mar an ceudna, gach neach agaibhse nach trèig na h‑uile nithean a tha aige, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa. Tha an salann math: ach ma chailleas an salann a bhlas, ciod e leis an dèanar deagh‐bhlasda e? Chan eil e iomchaidh a‑chum na talmhainn, no a‑chum an dùnain; ach tilgidh daoine a‑mach e. An tì aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e. An sin thàinig na cìs‐mhaoir uile agus na peacaich am fagas dha, a‑chum èisdeachd ris. Agus rinn na Pharasaich agus na sgrìobhaichean gearan, ag ràdh, Tha am fear seo a’ gabhail pheacach da ionnsaigh, agus ag ithe maille riu. Agus labhair esan an cosamhlachd seo riu, ag ràdh, Cò an duine dhibhse aig a bheil ceud caora, ma chailleas e aon dhiubh, nach fàg an naoi‐deug agus an ceithir‐fichead anns an fhàsach, agus nach tèid an dèidh na caorach a chailleadh gus am faigh e i? Agus air dha a faotainn, cuiridh e air a ghuaillean i le gàirdeachas. Agus nuair a thig e dhachaigh, gairmidh e a chàirdean agus a choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh riu, Dèanaibh gàirdeachas maille riumsa, a chionn gun d’fhuair mi mo chaora a bha caillte. Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi aoibhneas air nèamh airson aon pheacaich a nì aithreachas, nas mò na airson naoi‐deug agus ceithir‐fichead fìrean, aig nach eil feum air aithreachas. No cò a’ bhean aig a bheil deich buinn airgid, ma chailleas i aon bhonn dhiubh, nach las coinneal, agus nach sguab an taigh, agus nach iarr gu dìcheallach gus am faigh i e? Agus air dhi a fhaotainn, gairmidh i a bana‐chàirdean agus a bana‐choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas leamsa, oir fhuair mi am bonn a chaill mi. Mar an ceudna tha mi ag ràdh ribh, Tha gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacaich a nì aithreachas. Agus thubhairt e, Bha aig duine àraidh dithis mhac: Agus thubhairt am mac a b’òige dhiubh ra athair, Athair, thoir dhòmhsa a’ chuid‐roinn a thig orm ded mhaoin. Agus roinn e eatorra a bheathachadh. Agus an dèidh beagan làithean, chruinnich am mac a b’òige a chuid uile, agus ghabh e a thuras do dhùthaich fad air astar, agus an sin chaith e a mhaoin le beatha straoidheasaich. Agus nuair a chaith e a chuid uile, dh’èirich gort ro‑mhòr anns an tìr sin; agus thòisich e ri bhith ann an uireasbhaidh. Agus chaidh e agus cheangail e e fhèin ri aon de shaor‐dhaoine na dùthcha sin; agus chuir e da fhearann e, a bhiadhadh mhuc. Agus bu mhiann leis a bhrù a lìonadh de na plaoisg a bha na mucan ag ithe; oir cha tug neach air bith dha. Agus nuair a thàinig e da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, Cia lìon de luchd‐tuarasdail m’athar‐sa aig a bheil aran gu leòr agus ra sheachnadh, nuair a tha mise a’ bàsachadh le gort? Eiridh mi, agus thèid mi a dh’ionnsaigh m’athar, agus their mi ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair‐sa. Agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac‐sa dhìom: dèan mi mar aon ded luchd‐tuarasdail. Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh a athar. Ach air dha a bhith fhathast fada uaithe, chunnaic a athair e, agus ghabh e truas mòr dheth, agus ruith e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e. Agus thubhairt am mac ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair‐sa, agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac dhìom. Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan: Agus thugaibh an seo an laogh biadhte, agus marbhaibh e; agus itheamaid agus bitheamaid subhach: Oir bha mo mhac seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; bha e caillte, agus fhuaireadh e. Agus thòisich iad air a bhith subhach. A‑nis bha a mhac a bu shine a‑muigh anns an fhearann: agus nuair a thàinig e, agus a thàr e am fagas don taigh, chuala e an ceòl agus an dannsa. Agus ghairm e da ionnsaigh aon de na h‑òglaich, agus dh’fhiosraich e ciod a bu chiall do na nithean sin. Agus thubhairt esan ris, Thàinig do bhràthair: agus mharbh d’athair an laogh biadhte, a chionn gun d’fhuair e a‑rìs slàn fallain e. Agus ghabh esan fearg, agus cha b’àill leis dol a‑steach: air an adhbhar sin thàinig a athair a‑mach, agus chuir e impidh air. Ach fhreagair esan agus thubhairt e ra athair, Feuch, tha mise a’ dèanamh seirbhis dhut an uiread seo de bhliadhnachan, agus uair air bith cha do bhris mi d’àithne, gidheadh cha tug thu meann riamh dhomh, a‑chum gum bithinn subhach maille rim chàirdean. Ach nuair a thàinig do mhac seo, a dh’ith suas do bheathachadh maille ri strìopaichean, mharbh thu an laogh biadhte dha. Agus thubhairt e ris, A mhic, tha thusa a‑ghnàth maille rium, agus na h‑uile nithean as leamsa, is leatsa iad. Bu chòir dhuinn a bhith subhach, agus aoibhneach; oir bha do bhràthair seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; agus bha e caillte, agus fhuaireadh e. Agus thubhairt e mar an ceudna ra dheisciobail, Bha duine saoibhir àraidh ann aig an robh stiùbhard; agus chasaideadh ris e, mar neach a bha a’ dèanamh ana‐caithimh air a mhaoin. Agus ghairm e e, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a tha mi a’ cluinntinn mud thimcheall? Thoir cunntas air do stiùbhardachd; oir chan fhaod thu a bhith nas fhaide ad stiùbhard. An sin thubhairt an stiùbhard ann fhèin, Ciod a nì mi? Oir tha mo mhaighistir a’ toirt na stiùbhardachd uam: chan urrainn mi ruamhar a dhèanamh, is nàir leam dèirc iarraidh. Tha fhios agam ciod a nì mi, a‑chum nuair a chuirear as an stiùbhardachd mi, gun gabh iad a‑steach dan taighean mi. Agus air dha gach aon dhiubhsan air an robh fiachan aig a thighearna a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e ris a’ chiad fhear, Cia mheud a tha aig mo thighearna ortsa? Agus thubhairt esan, Ceud tomhas ola. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus suidh sìos gu h‑ealamh, agus sgrìobh leth‐cheud. An sin thubhairt e ri fear eile, Agus cia mheud a tha aige ortsa? Agus thubhairt esan, Ceud tomhas cruithneachd. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus sgrìobh ceithir‐fichead. Agus mhol an tighearna an stiùbhard eucorach, do bhrìgh gun do rinn e gu glic: oir tha clann an t‑saoghail seo nan ginealach fhèin nas glice na clann an t‑solais. Agus tha mise ag ràdh ribh, Dèanaibh dhuibh fhèin càirdean le Mamon na h‑eucoir; a‑chum nuair a shiùbhlas sibh, gun gabhar sibh do àitean‐còmhnaidh sìorraidh. An tì a tha fìrinneach anns an nì as lugha, tha e fìrinneach mar an ceudna ann am mòran; agus an tì a tha eucorach anns an nì as lugha, tha e eucorach ann am mòran mar an ceudna. Air an adhbhar sin, mura robh sibh fìrinneach anns an t‑saoibhreas eucorach, cò a dh’earbas ribh an saoibhreas fìor? Agus mura robh sibh fìrinneach ann an cuid duine eile, cò a bheir dhuibh an nì as leibh fhèin? Chan eil seirbhiseach sam bith comasach air seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna; oir an dara cuid fuathaichidh e aon dhiubh, agus bheir e gràdh don fhear eile; no gabhaidh e le aon dhiubh agus nì e tàir air an fhear eile. Chan eil sibh comasach air seirbhis a dhèanamh do Dhia agus Mhamon. Agus chuala na Pharasaich, a bha sanntach, na nithean sin uile: agus rinn iad fanaid air. Agus thubhairt e riu, Is sibhse an dream a tha gur fìreanachadh fhèin am fianais dhaoine; ach is aithne do Dhia ur cridheachan: oir an nì sin a tha ro‑mheasail aig daoine, is gràinealachd e am fianais Dhè. Bha an lagh agus na fàidhean ann gu teachd Eòin: o sin tha rìoghachd Dhè air a searmonachadh, agus tha gach duine a’ dol le dian strì a‑steach innte. Agus is fhasa do nèamh agus don talamh dol thairis, na do aon lide den lagh tuiteam. Gach neach a chuireas uaithe a bhean, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais; agus ge bè neach a phòsas a’ bhean a chuireadh air falbh o a fear, tha e a’ dèanamh adhaltranais. Bha duine saoibhir àraidh ann, a bha air a sgeadachadh le purpar agus lìon‐aodach grinn, agus bha e a’ caitheamh a bheatha gach là gu sòghail le mòr‐ghreadhnachas: Agus bha duine bochd àraidh ann dom b’ainm Làsaras, a chuireadh na laighe aig a dhoras, làn de chreuchdan. Agus bu mhiann leis a bhith air a shàsachadh leis an spruileach a bha a’ tuiteam o bhòrd an duine shaoibhir; seadh, agus thàinig na madaidhean agus dh’imlich iad a chreuchdan. Agus thàrladh gun d’fhuair an duine bochd bàs, agus gun do ghiùlaineadh leis na h‑ainglean e gu uchd Abrahàim: fhuair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus dh’adhlaiceadh e. Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean, air dha a bhith ann am piantan, agus chunnaic e Abrahàm fada uaithe, agus Làsaras na uchd. Agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras, a‑chum gun tum e bàrr a mheòir ann an uisge, agus gum fuaraich e mo theanga; oir tha mi air mo ro‑phianadh anns an lasair seo. Ach thubhairt Abrahàm, A mhic, cuimhnich gun d’fhuair thusa do nithean matha ri àm dhut a bhith beò, agus Làsaras mar an ceudna droch nithean; ach a‑nis tha esan a’ faotainn sòlais, agus tha thusa air do phianadh. Agus a bhàrr air seo uile, tha doimhne mhòr air a cur eadar sinne agus sibhse, air chor agus iadsan lem b’àill dol a seo dur n‑ionnsaigh‐se, nach eil e an comas dhaibh; agus nach mò a tha e an comas do aon neach teachd as a sin dar n‑ionnsaigh‐ne. An sin thubhairt e, Uime sin tha mi a’ guidhe ort, athair, gun cuireadh tu e gu taigh m’athar: Oir tha còignear bhràithrean agam; a‑chum gun toir e fianais dhaibh, air eagal gun tig iadsan mar an ceudna don ionad ro‑phiantach seo. Thubhairt Abrahàm ris, Tha Maois agus na fàidhean aca; èisdeadh iad riùsan. Agus thubhairt esan, Chan eadh, Athair Abrahàim: ach ma thèid neach dan ionnsaigh o na mairbh, nì iad aithreachas. Agus thubhairt e ris, Mura èisd iad ri Maois agus ris na fàidhean, cha mhò a chreideas iad, ged èireadh neach o na mairbh. An sin thubhairt e ra dheisciobail, Chan fhaodar nach tig oilbheuman: ach is an‑aoibhinn dhàsan tron tig iad. B’fheàrr dha gum biodh clach‐mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge, na gun tugadh e oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo. Thugaibh an aire dhuibh fhèin: ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, cronaich e; agus ma ghabhas e aithreachas, thoir maitheanas dha. Agus ma pheacaicheas e ad aghaidh seachd uairean anns an là, agus gun till e riut seachd uairean anns an là, ag ràdh, Tha aithreachas orm; thoir maitheanas dha. Agus thubhairt na h‑abstoil ris an Tighearna, Meudaich ar creideamh. Agus thubhairt an Tighearna, Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne de shìol mustaird, theireadh sibh ris a’ chraoibh shicamin seo, Bi air do spìonadh as do fhreumhan, agus bi air do shuidheachadh anns a’ chuan. Agus bhiodh i umhail dhuibh. Ach cò agaibhse aig a bheil seirbhiseach a’ treabhadh, no a’ buachailleachd, a their ris, an dèidh dha teachd a‑steach on fhearann, Thig air ball, agus suidh sìos a‑chum bìdh? Agus nach dòcha e a ràdh ris, Ullaich nì a ghabhas mise gum shuipeir, agus crioslaich thu fhèin, agus fritheil dhomh, gus an ith agus an òl mi; agus na dhèidh sin ithidh agus òlaidh tusa? An toir e buidheachas don t‑seirbhiseach sin do bhrìgh gun do rinn e na nithean a dh’òrdaicheadh dha? Cha saoil mi gun toir. Mar sin sibhse, nuair a nì sibh na h‑uile nithean a dh’àithneadh dhuibh, abraibh, Is seirbhisich neo‐thairbheach sinn: oir rinn sinn a‑mhàin an nì a bu dligheach dhuinn a dhèanamh. A‑nis, a’ dol suas dha gu Ierusalem, chaidh e tro mheadhon Shamaria agus Ghalile. Agus nuair a bha e a’ dol a‑steach do bhaile àraidh, thachair deichnear dhaoine air a bha nan lobhair, a sheas fada uaithe: Agus thog iad suas an guth, ag ràdh, Iosa, a Mhaighistir, dèan tròcair oirnn. Agus nuair a chunnaic e iad, thubhairt e riu, Imichibh, nochdaibh sibh fhèin do na sagartan. Agus ag imeachd dhaibh, ghlanadh iad. Agus nuair a chunnaic aon dhiubh gun do lèighseadh e, thill e air ais, a’ toirt glòire do Dhia le guth àrd. Agus thuit e air a aghaidh aig a chasan‐san, a’ toirt buidheachais dha: agus bu Shamaritanach e. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, Nach do ghlanadh deichnear; ach an naoinear, càit a bheil iad? Cha d’fhuaireadh a thill a thoirt glòire do Dhia, ach an coigreach seo. Agus thubhairt e ris, Eirich, imich; shlànaich do chreideamh thu. Agus nuair a dh’fheòraich na Pharasaich dheth cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad agus thubhairt e, Cha tig rìoghachd Dhè air chor gum mothaichear i. Cha mhò a their iad, Feuch an seo, no, Feuch an sin: oir feuch, tha rìoghachd Dhè an taobh a‑staigh dhibh. Agus thubhairt e ris na deisciobail, Thig na làithean anns am miannach leibh aon de làithean Mac an Duine fhaicinn, agus chan fhaic sibh e. Agus their iad ribh, Feuch an seo, no, Feuch an siud: na rachaibh, agus na leanaibh iad. Oir mar a tha an dealanach a dhealraicheas o aon ionad fo nèamh, a’ soillseachadh gus an t‑ionad eile fo nèamh, mar sin bidh Mac an Duine mar an ceudna na là fhèin. Ach is èiginn dha air tùs mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis a’ ghinealach seo. Agus mar a bha e ann an làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh e ann an làithean Mac an Duine: Bha iad ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach don àirc: agus thàinig an dìle, agus sgrios i iad uile. Amhail fòs mar a thachair ann an làithean Lot; bha iad ag ithe agus ag òl, a’ ceannach agus a’ reic, a’ planndachadh agus a’ togail aitreibh: Ach air an là sin fhèin anns an deachaidh Lot a‑mach à Sòdom, fhrasadh teine agus pronnasg o nèamh, agus sgrios e iad uile. Is ann mar sin a bhios anns an là anns am foillsichear Mac an Duine. Anns an là sin, an tì a bhios air mullach an taighe, agus a àirneis anns an taigh, na tigeadh e a‑nuas gu a toirt leis: agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh esan air ais mar an ceudna. Cuimhnichibh bean Lot. Ge bè neach a dh’iarras a bheatha fhèin a thèarnadh, caillidh e i; agus ge bè neach a chailleas a bheatha, gleidhidh esan i. Tha mi ag ràdh ribh, anns an oidhche sin bidh dithis dhaoine anns an aon leabaidh; gabhar aon dhiubh, agus fàgar am fear eile. Bidh dithis bhan a’ bleith cuideachd; gabhar aon dhiubh agus fàgar a’ bhean eile. Bidh dithis dhaoine anns a’ mhachair; gabhar aon dhiubh agus fàgar am fear eile. Agus fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Càit, a Thighearna? Agus thubhairt esan riu, Ge bè àite anns am bi an corp, an sin cruinnichear na h‑iolairean. Agus labhair e cosamhlachd riu, a’ nochdadh gur còir ùrnaigh a dhèanamh a‑ghnàth, agus gun fhannachadh; Ag ràdh, Bha britheamh ann am baile àraidh, air nach robh eagal Dhè, agus aig nach robh urram do dhuine: Agus bha bantrach àraidh anns a’ bhaile sin, agus thàinig i da ionnsaigh, ag ràdh, Cùm còir rium an aghaidh mo nàmhaid. Agus cha b’àill leis rè tamaill: ach na dhèidh sin thubhairt e ann fhèin, Ged nach eil eagal Dhè orm, no urram agam do dhuine; Gidheadh airson gu bheil a’ bhantrach seo a’ cur dragha orm, cumaidh mi còir rithe, air eagal le a sìor‐theachd gun sgìthich i mi. Agus thubhairt an Tighearna, Eisdibh ciod a tha am britheamh eucorach ag ràdh, Agus nach dèan Dia dìoghaltas airson a dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a là agus a dh’oidhche, ged tha e fad‐fhulangach mun timcheall? Tha mi ag ràdh ribh gun dèan e dìoghaltas air an son gu luath. Gidheadh, nuair a thig Mac an Duine, am faigh e creideamh air an talamh? Agus labhair e an cosamhlachd seo ri dream àraidh a bha ag earbsa asda fhèin gu robh iad nam fìreanan, agus a bha a’ dèanamh tàir air dream eile: Chaidh dithis dhaoine suas don teampall a dhèanamh ùrnaigh; fear dhiubh na Pharasach, agus am fear eile na chìs‐mhaor. Sheas am Pharasach leis fhèin, agus rinn e ùrnaigh mar seo, A Dhè, tha mi a’ toirt buidheachais dhut nach eil mi mar a tha daoine eile, nan luchd‐fòirneirt, eucorach, adhaltranach, no eadhon mar an cìs‐mhaor seo. Tha mi a’ trasgadh dà uair anns an t‑seachdain, tha mi a’ toirt deichimh as na h‑uile nithean a tha mi a’ sealbhachadh. Agus air seasamh don chìs‐mhaor fad air ais, cha b’àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia, dèan tròcair ormsa a tha am pheacach. Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e. Agus thug iad da ionnsaigh mar an ceudna naoidheanan, a‑chum gum beanadh e riu: agus nuair a chunnaic na deisciobail seo, chronaich iad iad. Ach air do Iosa an gairm da ionnsaigh, thubhairt e, Fuilingibh do na leanaban teachd am ionnsaigh‐sa, agus na bacaibh iad; oir is ann dan leithidean seo a tha rìoghachd Dhè. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag, nach tèid e air chor sam bith a‑steach innte. Agus dh’fheòraich uachdaran àraidh dheth, ag ràdh, A Mhaighistir mhaith, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach? Agus thubhairt Iosa ris, Carson a ghoireas tu math dhìomsa? Chan eil neach sam bith math ach a h‑aon, eadhon Dia. Is aithne dhut na h‑àitheantan, Na dèan adhaltranas, Na dèan mortadh, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair. Agus thubhairt esan, Choimhead mi iad sin uile om òige. Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e ris, Tha aon nì fhathast a dh’uireasbhaidh ort; reic na h‑uile nithean a tha agad, agus roinn air na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise. Agus nuair a chuala e seo, bha e ro‑dhuilich; oir bha mòr‐bheartas aige. Agus nuair a chunnaic Iosa gun robh e làn tùirse, thubhairt e, Cia deacair dhaibhsan aig a bheil saoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè! Oir is fhasa do chàmhal dol tro chrò snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè. Agus thubhairt iadsan a chuala seo, Cò mas eadh a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh? Ach thubhairt esan, Na nithean a tha eu‑comasach do dhaoine, tha iad comasach do Dhia. An sin thubhairt Peadar, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa. Agus thubhairt esan riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil aon neach a thrèig taigh, no pàrantan, no bràithrean, no bean‐phòsda, no clann airson rìoghachd Dhè, Nach faigh mòran nas mò anns an aimsir seo a tha an làthair, agus anns an t‑saoghal a tha ri teachd, a’ bheatha mhaireannach. Agus ghabh e an dà‑fhear‐dheug da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem, agus bidh na h‑uile nithean a tha sgrìobhte leis na fàidhean mu Mhac an Duine air an coileanadh. Oir bheirear thairis e do na Cinnich, agus thèid fanaid a dhèanamh air, agus maslaichear e, agus tilgear smugaid air; Agus sgiùrsaidh agus marbhaidh iad e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs. Agus cha do thuig iadsan aon nì dhiubh seo: agus bha na briathran seo falaichte orra, agus cha b’aithne dhaibh na nithean a chaidh a labhairt. Agus thàrladh, nuair a dhruid e ri Iericho, gu robh dall àraidh na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce; Agus air cluinntinn an t‑sluaigh a’ dol seachad, dh’fheòraich e ciod e seo. Agus dh’innis iad dha gum b’e Iosa o Nàsaret a bha a’ gabhail seachad. Agus ghlaodh e, ag ràdh, Iosa mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm. Agus chronaich iadsan a bha air thoiseach e, a‑chum gum biodh e na thosd: ach bu mhò gu mòr a ghlaodh esan, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm. Agus air seasamh do Iosa, dh’àithn e a thoirt da ionnsaigh: agus nuair a thàinig e am fagas dha, dh’fheòraich e dheth, Ag ràdh, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Agus thubhairt esan, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc. Agus thubhairt Iosa ris, Faigh do fhradharc: shlànaich do chreideamh thu. Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e e, a’ toirt glòire do Dhia: agus thug an sluagh uile cliù do Dhia, nuair a chunnaic iad seo. Agus air do Iosa dol a‑steach, chaidh e tro Iericho. Agus, feuch, bha duine ann dom b’ainm Sachèus, agus b’àrd chìs‐mhaor esan, agus bha e saoibhir: Agus bha dèidh aige air Iosa fhaicinn, cò e; agus cha b’urrainn e airson an t‑sluaigh, a chionn gu robh e ìosal na phearsa. Agus ruith e roimhe, agus streap e suas ann an craoibh shicamoir, a‑chum gum faiceadh e e; oir bha e gus an t‑slighe sin a ghabhail. Agus nuair a thàinig Iosa a‑chum an àite sin, air dha amharc suas, chunnaic e e, agus thubhairt e ris, A Shachèuis, thig a‑nuas gu grad; oir is èiginn dhòmhsa stad an‑diugh aig do thaigh. Agus thàinig e a‑nuas le cabhaig, agus ghabh e ris gu subhach. Agus nuair a chunnaic iad seo, rinn iad uile gearan, ag ràdh gun deachaidh e a‑steach air aoigheachd gu duine a tha na pheacach. Agus sheas Sachèus agus thubhairt e ris an Tighearna, Feuch, a Thighearna, tha mi a’ toirt leth mo mhaoin do na bochdan: agus ma thug mi aon nì o neach air bith le casaid bhrèige, tha mi a’ toirt dha a cheithir uiread. Agus thubhairt Iosa ris, Thàinig slàinte an‑diugh a dh’ionnsaigh an taighe seo, do bhrìgh gur mac do Abrahàm esan mar an ceudna. Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a thèarnadh an nì sin a bha caillte. Agus a’ cluinntinn nan nithean sin dhaibh, chuir e ris, agus labhair e cosamhlachd, do bhrìgh gu robh e am fagas do Ierusalem, agus gun do shaoil iadsan gum biodh rìoghachd Dhè air a grad‐fhoillseachadh. Air an adhbhar sin thubhairt e, Chaidh duine uasal àraidh do dhùthaich fad as a dh’fhaotainn rìoghachd dha fhèin, agus a thilleadh air ais. Ach ghairm e a dheich seirbhisich, agus thug e dhaibh deich puinnd, agus thubhairt e riu, Cuiribh gu buil iad, gus an tig mise. Agus bha fuath aig muinntir a dhùthcha dha, agus chuir iad teachdaireachd na dhèidh, ag ràdh, Chan àill leinn an duine seo a bhith na rìgh oirnn. A‑nis nuair a thill e air ais, an dèidh dha an rìoghachd fhaotainn, an sin dh’òrdaich e na seirbhisich ud a bhith air an gairm da ionnsaigh, don tug e an t‑airgead, a‑chum gum biodh fhios aige ciod a bhuannaich gach aon dhiubh leis a’ bhuileachadh. An sin thàinig an ciad fhear, ag ràdh, A thighearna, bhuidhinn do phunnd deich puinnd. Agus thubhairt e ris, Is math, a dheagh sheirbhisich: do bhrìgh gu robh thusa fìrinneach ann an ro‑bheagan, biodh agadsa uachdaranachd air deich bailtean. Agus thàinig an dara fear, ag ràdh, A thighearna, rinn do phunnd còig puinnd. Agus thubhairt e ris‐san, Bi‑sa mar an ceudna os cionn còig bailtean. Agus thàinig fear eile, ag ràdh, A thighearna, feuch do phunnd, a bha agamsa taisgte ann an nèapaigean: Oir bha eagal orm romhad, do bhrìgh gur duine geur‐theann thu: tha thu a’ togail an nì nach do leag thu, agus a’ buain an nì nach do chuir thu. Agus thubhairt e ris, As do bheul fhèin bheir mi breith ort, a dhroch sheirbhisich. Bha fhios agad gum bu duine geur‐theann mi, a’ togail an nì nach do leag mi, agus a’ buain an nì nach do chuir mi: Air an adhbhar sin carson nach tug thu m’airgead don luchd‐malairt, agus air teachd dhòmhsa thogainn e le riadh? Agus thubhairt e riùsan a bha nan seasamh an làthair, Thugaibh uaithe am punnd, agus thoiribh dhàsan e aig a bheil na deich puinnd; (Agus thubhairt iad ris, A thighearna, tha deich puinnd aige;) Oir tha mi ag ràdh ribh gun toirear do gach neach aig a bheil: ach uaithesan aig nach eil, bheirear eadhon an nì sin a tha aige. Ach thugaibh an seo na naimhdean ud agamsa, leis nach b’àill mise a bhith am rìgh os an cionn, agus marbhaibh am fhianais iad. Agus air dha seo a ràdh, dh’imich e romhpa, a’ dol suas gu Ierusalem. A‑nis nuair a dhruid e ri Betphage agus Betani, làimh ris an t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann‐ola, chuir e dithis de a dheisciobail uaithe, Ag ràdh, Imichibh don bhaile tha fa ur comhair; anns am faigh sibh, air dhuibh dol a‑steach, searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh: fuasglaibh, agus thugaibh an seo e. Agus ma dh’fheòraicheas neach air bith dhibh, Carson a tha sibh ga fhuasgladh? mar seo their sibh ris, Tha feum aig an Tighearna air. Agus air imeachd dhaibhsan a chuireadh air falbh, fhuair iad mar a thubhairt e riu. Agus nuair a bha iad a’ fuasgladh an t‑searraich, thubhairt a shealbhadairean riu, Carson a tha sibh a’ fuasgladh an t‑searraich? Agus thubhairt iadsan, Tha feum aig an Tighearna air. Agus thug iad gu Iosa e: agus thilg iad am fallaingean air an t‑searrach, agus chuir iad Iosa air. Agus ag imeachd dhàsan, sgaoil iad am fallaingean fodha air an t‑slighe. Agus nuair a thàinig e am fagas, eadhon gu dol sìos Sliabh nan Crann‐ola, thòisich mòr‐chuideachd nan deisciobal uile ri gàirdeachas a dhèanamh, agus moladh a thoirt do Dhia le guth àrd, airson nan uile obraichean cumhachdach a chunnaic iad, Ag ràdh, Guma beannaichte an Rìgh a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna: sìth air nèamh, agus glòir anns na h‑àrdan. Agus thubhairt cuid de na Pharasaich o mheasg an t‑sluaigh ris, A Mhaighistir, cronaich do dheisciobail. Agus fhreagair esan, agus thubhairt e riu, Tha mi ag ràdh ribh, nam fanadh iad sin nan tosd, gun glaodhadh na clachan fhèin. Agus nuair a thàinig e am fagas, chunnaic e am baile, agus ghuil e air a shon, Ag ràdh, Nam b’aithne dhut, eadhon dhutsa, air bheag sam bith ann ad là seo fhèin, na nithean a bhuineas dod shìth: ach a‑nis tha iad falaichte od shùilean. Oir thig na làithean ort, anns an tilg do naimhdean dìg mud thimcheall, agus an iadh iad umad mun cuairt, agus an druid iad a‑steach air gach taobh thu; Agus an leag iad cho ìosal ris an làr thu, agus do chlann annad, agus nach fàg iad annad clach air muin cloiche; do bhrìgh nach b’aithne dhut aimsir d’fhiosrachaidh. Agus chaidh e a‑steach don teampall, agus thòisich e air an dream a bha a’ reic agus a’ ceannach ann a thilgeadh a‑mach. Ag ràdh riu, Tha e sgrìobhte, Is taigh‐ùrnaigh mo thaigh‐sa; ach rinn sibhse na gharaidh luchd‐reubainn e. Agus bha e gach là a’ teagasg anns an teampall. Ach dh’iarr na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus ceannardan a’ phobaill, esan a mhilleadh. Gidheadh cha robh fhios aca ciod a dhèanadh iad: oir bha am poball uile ag èisdeachd ris le ro‑aire. Agus thàrladh air aon de na làithean sin, nuair a bha e a’ teagasg a’ phobaill anns an teampall, agus a’ searmonachadh an t‑soisgeil, gun tàinig na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean air, maille ris na seanairean, Agus labhair iad ris, ag ràdh, Innis dhuinn ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thu a’ dèanamh nan nithean seo? No cò esan a thug an t‑ùghdarras seo dhut? Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Feòraichidh mise mar an ceudna aon nì dhibhse; agus freagraibh mi: Baisteadh Eòin, an ann o nèamh a bha e, no o dhaoine? Agus reusonaich iad eatorra fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, o nèamh; their esan, Carson, matà, nach do chreid sibh e? Ach ma their sinn, O dhaoine, clachaidh an sluagh uile sinn; oir is deimhinn leo gum b’fhàidh Eòin. Agus fhreagair iadsan, nach robh fhios aca cia uaithe a bha e. Agus thubhairt Iosa riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo. An sin thòisich e air a’ chosamhlachd seo a labhairt ris an t‑sluagh: Phlanndaich duine àraidh fìonlios, agus shuidhich e air tuath e; agus chaidh e air choigrich rè aimsir fhada. Agus anns an àm dhligheach chuir e seirbhiseach a dh’ionnsaigh na tuatha, a‑chum gun tugadh iad dha de thoradh an fhìonlios: ach ghabh an tuath air, agus chuir iad uapa falamh e. Agus a‑rìs chuir e seirbhiseach eile uaithe; agus ghabh iad airsan mar an ceudna, agus mhaslaich iad e, agus chuir iad uapa falamh e. Agus a thuilleadh air sin chuir e an treas seirbhiseach uaithe; agus lot iad esan mar an ceudna, agus thilg iad a‑mach e. An sin thubhairt tighearna an fhìonlios, Ciod a nì mi? Cuiridh mi mo mhac gràdhach dan ionnsaigh: faodaidh e a bhith, nuair a chì iad e, gun toir iad urram dha. Ach nuair a chunnaic an tuath e reusonaich iad eatorra fhèin, ag ràdh, Is e seo an t‑oighre: thigibh, marbhamaid e, a‑chum gum bi an oighreachd againn fhèin. Agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e, agus mharbh iad e. Ciod uime sin a nì tighearna an fhìonlios riu? Thig e agus sgriosaidh e an tuath ud, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile. Agus nuair a chuala iad seo, thubhairt iad, Nar leigeadh Dia. Agus air dhàsan amharc orra, thubhairt e, Ciod e seo mas eadh a tha sgrìobhte, A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisne dhith? Ge bè neach a thuiteas air a’ chloich sin, brisear e: ach ge bè neach air an tuit i, pronnaidh i gu luaithre e. Agus anns an uair sin fhèin dh’iarr na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean làmh a chur ann; ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd seo. Agus rinn iad geur‐fhaire air, agus chuir iad a‑mach luchd‐foille, a leigeadh orra fhèin a bhith nam fìreanan, a‑chum gun dèanadh iad greim air a fhacail, air chor is gun tugadh iad thairis e do chumhachd agus do ùghdarras an uachdarain. Agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thu a’ labhairt agus a’ teagasg gu ceart, agus nach eil suim agad de phearsa duine sam bith, ach gu bheil thu a’ teagasg slighe Dhè a rèir na fìrinn. A bheil e ceadaichte dhuinn cìs a thoirt do Chèasar, no nach eil? Ach thuig esan an cuilbheartachd, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh gam bhuaireadh? Nochdaibh dhomh pèighinn: cò leis an dealbh agus an sgrìobhadh a tha oirre? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Le Cèasar. Agus thubhairt esan riu, Thugaibh‐se air an adhbhar sin do Chèasar na nithean as le Cèasar, agus do Dhia na nithean as le Dia. Agus cha b’urrainn iad greim a dhèanamh air a bhriathran am fianais an t‑sluaigh: agus ghabh iad iongantas ra fhreagradh, agus dh’fhan iad nan tosd. An sin thàinig da ionnsaigh dream àraidh de na Sadusaich, a tha ag àicheadh gu bheil aiseirigh ann, agus dh’fheòraich iad dheth, Ag ràdh, A Mhaighistir, sgrìobh Maois dhuinn, Nam faigheadh bràthair duine air bith bàs, agus bean‐phòsda aige, agus gum faigheadh e bàs gun chlann, gun gabhadh a bhràthair a bhean, agus gun togadh e suas sliochd da bhràthair. Air an adhbhar sin, bha seachdnar bhràithrean ann: agus ghabh an ciad fhear bean, agus fhuair e bàs gun chlann. Agus ghabh an dara fear i mar mhnaoi, agus fhuair esan bàs gun chlann. Agus ghabh an treas fear i; agus mar an ceudna an t‑seachdnar. Agus cha d’fhàg iad clann, agus fhuair iad bàs. Mu dheireadh uile fhuair a’ bhean bàs mar an ceudna. Anns an aiseirigh uime sin, cò dhiubh dom bean i? Oir bha i aig an t‑seachdnar na mnaoi. Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Tha clann an t‑saoghail seo a’ pòsadh, agus air an toirt ann am pòsadh: Ach an dream sin a mheasar gur airidh iad air an t‑saoghal ud fhaghail, agus an aiseirigh o na mairbh, chan eil iad a’ pòsadh, no air an toirt ann am pòsadh. Agus chan urrainn iad bàs fhaghail nas mò; oir tha iad ann an co‑inbhe ris na h‑ainglean; agus is iad clann Dhè iad, air bhith dhaibh nan cloinn don aiseirigh. Ach gun èirich na mairbh, nochd Maois fhèin aig a’ phreas, nuair a tha e a’ gairm den Tighearna, Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. A‑nis chan e Dia nam marbh e, ach nam beò: oir tha na h‑uile beò dhàsan. An sin fhreagair dream àraidh de na sgrìobhaichean, agus thubhairt iad, A Mhaighistir, is math a labhair thu. Agus cha robh a chridhe aca tuilleadh nì sam bith fheòraich dheth. Agus thubhairt e riu, Cionnas a their iad gur e Crìosd mac Dhaibhidh? Agus tha Daibhidh fhèin ag ràdh ann an leabhar nan Salm, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh air mo làimh dheis, Gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan. Tha Daibhidh air an adhbhar sin a’ gairm a Thighearna dheth; cionnas mas eadh is e a mhac e? An sin thubhairt e ra dheisciobail, ann an èisdeachd an t‑sluaigh uile, Thugaibh an aire dhuibh fhèin o na sgrìobhaichean, leis am miann imeachd ann an culaidhean fada, agus leis an ionmhainn fàilte fhaotainn air na margaidhean, agus na cathraichean as àirde anns na sionagogan, agus na ciad àiteachan‐suidhe aig fèillean; A shluigeas suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a nì ùrnaighean fada: gheibh iad sin an dìteadh as mò. Agus air dha amharc suas, chunnaic e na daoine saoibhir a’ tilgeadh an tìodhlacan ann an àite‐coimhead an ionmhais. Agus chunnaic e mar an ceudna bantrach bhochd àraidh a’ tilgeadh dà leth‐fheòirling an sin. Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo nas mò ann na iad uile. Oir thilg iad seo uile dem pailteas a‑steach do thìodhlacan Dhè: ach thilg ise de a h‑uireasbhaidh fhèin am beathachadh uile a bha aice. Agus air do chuid dhiubh a bhith a’ labhairt mun teampall, mar a bha e air a dhèanamh maiseach le clachan sgiamhach, agus le tìodhlacan, thubhairt e, A‑thaobh nan nithean seo a chì sibh, thig na làithean anns nach fàgar clach air muin cloiche dhiubh, nach tilgear sìos. Agus dh’fheòraich iadsan dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cuin matà a bhios na nithean seo? Agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean seo gu teachd gu crìch? Agus thubhairt esan, Feuchaibh nach meallar sibh; oir thig mòran ann am ainm‐sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus, Tha an t‑àm am fagas; uime sin na leanaibh iad. Ach nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus mu cheannaircean, na biodh mòr‐gheilt oirbh: oir is èiginn do na nithean seo tachairt air tùs; ach chan eil a’ chrìoch air ball. An sin thubhairt e riu, Eiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: Agus bidh crithean‐talmhainn mòra ann an iomadh àit, agus goirt, agus plàighean; agus nithean uamhasach, agus comharraidhean mòra o nèamh. Ach ro na nithean seo uile, cuiridh iad làmh annaibhse, agus geur‐leanaidh iad sibh, gur tabhairt thairis do choitheanail, agus do phrìosanan, gur tabhairt a‑chum rìghrean agus uachdaran air sgàth m’ainme‐sa. Agus tachraidh seo dhuibhse mar fhianais. Air an adhbhar sin daingnichibh nur cridheachan, gun smaoineachadh ro‑làimh ciod a fhreagras sibh air ur son fhèin: Oir bheir mise dhuibh beul agus gliocas, nach bi ur naimhdean uile comasach air labhairt no cur na aghaidh. Agus brathar sibh le ur pàrantan, agus le ur bràithrean, agus le ur luchd‐dàimhe, agus le ur càirdean; agus bheir iad fa‑near cuid dhibh a chur gu bàs. Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme‐sa. Ach cha chaillear fuiltean de ghruaig ur cinn. Nur foighidinn sealbhaichibh ur n‑anaman. Agus nuair a chì sibh Ierusalem air a cuartachadh le armailtean, an sin biodh fhios agaibh gu bheil a fàsachadh am fagas. (An sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudèa a‑chum nam beann), agus imicheadh iadsan a tha na meadhon‐se a‑mach aisde; agus na rachadh iadsan a tha anns a’ mhachair a‑steach innte. Oir is iad sin làithean an dìoghaltais, a‑chum gun coileanar na h‑uile nithean a tha sgrìobhte. Ach mo thruaighe na mnathan a bhios torrach, agus iadsan a bhios a’ toirt cìche anns na làithean sin! Oir bidh teanntachd mhòr anns an dùthaich, agus fearg air a’ phoball seo. Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach. Agus bidh comharraidhean anns a’ ghrèin, agus anns a’ ghealaich, agus anns na reultan; agus air an talamh teanntachd nan cinneach ann an ioma‐chomhairle; an cuan agus na tonnan a’ beucaich; Cridheachan dhaoine gan trèigsinn tro eagal, agus feitheamh nan nithean sin a tha teachd air an domhan: oir bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh. Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd ann an neul, le cumhachd agus mòr‐ghlòir. Agus nuair a thòisicheas na nithean seo air tachairt, an sin amhaircibh suas, agus togaibh ur cinn; oir tha ur saorsa am fagas. Agus labhair e cosamhlachd riu, Amhaircibh air a’ chraoibh‐fhìge, agus na craobhan uile; Nuair a bhios iad cheana a’ cur a‑mach an duillich, tha sibh a’ faicinn, agus ag aithneachadh uaibh fhèin, gu bheil an samhradh a‑nis am fagas. Agus mar an ceudna sibhse, nuair a chì sibh na nithean seo a’ tachairt, biodh fhios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè fagas do làimh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo thairis gus an coileanar na nithean seo uile. Thèid nèamh agus talamh thairis: ach cha tèid mo bhriathran‐sa thairis a‑chaoidh. Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann. Oir mar ribe thig e air na h‑uile dhaoine, a tha ag àiteachadh aghaidh na talmhainn uile. Dèanaibh‐se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine. Agus bha e anns an là a’ teagasg anns an teampall, agus anns an oidhche chaidh e a‑mach, agus dh’fhan e air an t‑sliabh, den goirear Sliabh nan Crann‐ola. Agus thàinig an sluagh uile gu moch da ionnsaigh anns an teampall, a dh’èisdeachd ris. A‑nis dhruid riu fèill an arain neo‐ghortaichte, den goirear a’ chàisg. Agus bha na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean ag iarraidh cionnas a dh’fhaodadh iad esan a chur gu bàs; oir bha eagal an t‑sluaigh orra. An sin chaidh Sàtan ann an Iùdas don co‑ainm Iscariot, a bha de àireamh an dà‑fhir‐dheug. Agus dh’imich e, agus labhair e ris na h‑àrd‐shagartan agus ri ceannardan an teampaill, cionnas a bhrathadh e esan dhaibh. Agus bha iad subhach, agus rinn iad coicheangal airgead a thoirt dha. Agus gheall esan, agus dh’iarr e àm iomchaidh air a bhrath dhaibh gun an sluagh a bhith an làthair. An sin thàinig là an arain neo‐ghortaichte, anns am b’èiginn an t‑uan‐càisge a mharbhadh. Agus chuir e uaithe Peadar agus Eòin, ag ràdh, Imichibh, agus ullaichibh dhuinn a’ chàisg, a‑chum gun ith sinn i. Agus thubhairt iadsan ris, Càit an àill leat sinn a dh’ullachadh? Agus thubhairt e riu, Feuch, air dhuibh dol a‑steach don bhaile, tachraidh oirbh duine, a’ giùlan soitheach uisge; leanaibh e don taigh anns an tèid e a‑steach. Agus abraibh ri fear‐an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh riut, Càit a bheil an seòmar aoigheachd anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail? Agus feuchaidh e dhuibh àrd‐sheòmar farsaing, uidheamaichte: ullaichibh an sin. Agus dh’imich iad agus fhuair iad mar a thubhairt e riu: agus dh’ullaich iad a’ chàisg. Agus an tràth a thàinig an uair, shuidh e sìos, agus an dà‑abstol‐dheug maille ris. Agus thubhairt e riu, Le mòr‐thogradh mhiannaich mi a’ chàisg seo ithe maille ribh ro dhomh fulang: Oir tha mi ag ràdh ribh, nach ith mi dhith tuilleadh gus an coileanar i ann an rìoghachd Dhè. Agus ghlac e cupan, agus air dha buidheachas a thabhairt, thubhairt e, Gabhaibh seo, agus roinnibh eadaraibh fhèin e: Oir tha mi ag ràdh ribh, nach òl mi de thoradh na fìonain gus an tig rìoghachd Dhè. Agus ghlac e aran, agus an dèidh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, Is e seo mo chorp‐sa a tha air a thoirt air ur son‐se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa. Agus mar an ceudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an tiomnadh nuadh ann am fhuil‐sa, a dhòirteadh air ur son‐se. Ach feuch, làmh an tì a bhrathas mise maille rium air a’ bhòrd. Agus gu fìrinneach tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar a dh’òrdaicheadh: ach is an‑aoibhinn don duine sin leis am brathar e. Agus thòisich iadsan air fiosrachadh eatorra fhèin, cò aca a bha gus an nì seo a dhèanamh. Agus bha mar an ceudna còmhstri eatorra, cò aca a bu mhò a bhiodh. Ach thubhairt esan riu, Tha aig rìghrean nan Cinneach tighearnas orra; agus goirear daoine fialaidh dhiubhsan, aig a bheil ùghdarras orra. Ach na bithibh‐se mar sin: ach an neach as mò nur measg, biodh e mar an neach as òige; agus an tì as àirde, mar esan a tha ri frithealadh. Oir cò aca as mò, an tì a shuidheas air bòrd, no esan a fhrithealas? Nach e an tì a shuidheas; ach tha mise nur measg‐se mar fhear‐frithealaidh. Is sibhse iadsan a dh’fhan maille riumsa ann am dheuchainnean; Agus tha mise ag òrdachadh dhuibh rìoghachd, mar a dh’òrdaich m’Athair dhòmhsa; A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd‐sa ann am rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh‐dheug Israeil. Agus thubhairt an Tighearna, A Shìmoin, a Shìmoin, feuch, dh’iarr Sàtan sibhse, a‑chum ur criaradh mar chruithneachd. Ach ghuidh mise air do shon‐sa, nach dìobradh do chreideamh thu: agus nuair a dh’iompaichear thu, neartaich do bhràithrean. Agus thubhairt esan ris, A Thighearna, tha mise ullamh gu dol maille riut araon a‑chum prìosain, agus a‑chum bàis. Agus thubhairt esan, Tha mi ag ràdh riut, a Pheadair, nach goir an coileach an‑diugh gus an àich thu trì uairean gur aithne dhut mi. Agus thubhairt e riu, Nuair a chuir mi uam sibh gun sporan agus gun mhàla, agus gun bhrògan, an robh uireasbhaidh nì sam bith oirbh? Agus thubhairt iad, Cha robh. An sin thubhairt e riu, Ach a‑nis ge bè aig a bheil sporan, togadh e e, agus mar an ceudna a mhàla: agus an tì aig nach eil claidheamh, reiceadh e a fhallaing, agus ceannaicheadh e aon. Oir tha mi ag ràdh ribh, gur èiginn fhathast an nì seo a tha sgrìobhte a choileanadh annamsa. Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach: oir tha crìoch aig na nithean ud a tha mum thimcheall‐sa. Agus thubhairt iadsan, A Thighearna, feuch, tha dà chlaidheamh an seo. Agus thubhairt esan riu, Is leòr e. Agus air dha dol a‑mach, chaidh e, mar a bu ghnàth leis, gu Sliabh nan Crann‐ola; agus lean a dheisciobail e. Agus nuair a thàinig e don àite, thubhairt e riu, Dèanaibh ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Agus thàirngeadh esan uapa mu thimcheall urchar cloiche, agus leig e e fhèin air a ghlùinean, agus rinn e ùrnaigh, Ag ràdh, Athair, mas toil leat, cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh chan e mo thoil‐sa, ach do thoil‐sa gu robh dèante. Agus dh’fhoillsicheadh dha aingeal o nèamh, ga neartachadh. Agus air dha a bhith ann an cruaidh‐ghleac anama, rinn e ùrnaigh na bu dùrachdaiche: agus bha a fhallas mar bhraonan mòra fala a’ tuiteam sìos air an talamh. Agus air dha èirigh o ùrnaigh, thàinig e a‑chum a dheisciobal, agus fhuair e nan cadal iad tro thùirse, Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh nur cadal? Eiribh, agus dèanaibh ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Agus nuair a bha e fhathast a’ labhairt, feuch, sluagh, agus dh’imich esan dom b’ainm Iùdas, aon den dà‑fhear‐dheug, romhpa, agus dhruid e ri Iosa, a‑chum a phògadh. Ach thubhairt Iosa ris, A Iùdais, a bheil thu le pòig a’ brath Mac an Duine? Agus nuair a chunnaic iadsan a bha ma thimcheall‐san an nì a bha gu tachairt, thubhairt iad ris, A Thighearna, am buail sinn leis a’ chlaidheamh? Agus bhuail aon dhiubh seirbhiseach an àrd‐shagairt, agus gheàrr e dheth a chluas dheas. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, Fuilingibh gu seo. Agus bhean e ra chluais, agus shlànaich e i. An sin thubhairt Iosa ris na h‑àrd‐shagartan agus ri ceannardan an teampaill, agus ris na seanairean, a thàinig da ionnsaigh, An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le bataichean, mar gum b’ann an aghaidh fir‐reubainn? Nuair a bha mi gach là maille ribh anns an teampall, cha do shìn sibh a‑mach ur làmhan am aghaidh: ach is seo ur n‑uair‐se, agus cumhachd an dorchadais. An sin rug iad air, agus thug iad leo e do thaigh an àrd‐shagairt. Agus lean Peadar am fad uaithe e. Agus air dhaibh teine fhadadh ann am meadhon an talla, agus suidhe sìos maille ri chèile, shuidh Peadar nam meadhon. Ach chunnaic cailinn àraidh e na shuidhe aig an teine, agus air dhi amharc gu geur air, thubhairt i, Bha am fear seo mar an ceudna maille ris. Agus dh’àich esan e, ag ràdh, A bhean, chan aithne dhomh e. Agus beagan na dhèidh sin chunnaic neach eile e, agus thubhairt e, Is ann dhiubh thusa mar an ceudna. Agus thubhairt Peadar, A dhuine, chan ann. Agus mu thimcheall ùine aon uaire na dhèidh sin, chòmhdaich neach eile air, ag ràdh, Gu fìrinneach bha am fear seo mar an ceudna maille ris; oir is Galilèach e. Agus thubhairt Peadar, A dhuine, chan aithne dhomh ciod a tha thu ag ràdh. Agus air ball, am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, ghoir an coileach. Agus air tionndadh don Tighearna, dh’amhairc e air Peadar: agus chuimhnich Peadar facal an Tighearna, mar a thubhairt e ris, Mun goir an coileach, àichidh tu mi trì uairean. Agus chaidh Peadar a‑mach, agus ghuil e gu goirt. Agus rinn na daoine a chùm Iosa fanaid air, ga bhualadh. Agus nuair a dh’fhalaich iad a shùilean, bhuail iad e anns an aghaidh, agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Dèan fàidheadaireachd cò e a bhuail thu. Agus labhair iad mòran de nithean eile gu toibheumach na aghaidh. Agus nuair a bha an là air teachd, chruinnich seanadh an t‑sluaigh, agus na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean an ceann a chèile, agus thug iad esan a‑chum an comhairle. Ag ràdh, An tusa Crìosd? Innis dhuinn. Agus thubhairt e riu, Ma dh’innseas mi dhuibh, cha chreid sibh: Agus ma dh’fheòraicheas mi nì air bith, cha toir sibh freagradh dhomh, agus cha leig sibh as mi. On àm seo bidh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè. An sin thubhairt iad uile, An tusa mas eadh Mac Dhè? Agus thubhairt e riu, Tha sibhse ag ràdh gur mi. Agus thubhairt iad, Ciod tuilleadh am feum a tha againn air fianais? Oir chuala sinn fhèin i as a bheul fhèin. Agus air èirigh dan cuideachd uile, thug iad e gu Pilat. Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh. Agus dh’fheòraich Pilat dheth, ag ràdh, An tusa rìgh nan Iùdhach? Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Tha thu ga ràdh. An sin thubhairt Pilat ris na h‑àrd‐shagartan agus ris an t‑sluagh, Chan eil mi a’ faotainn coire air bith anns an duine seo. Agus bha iadsan na bu ro‑dhèine, ag ràdh, Tha e a’ buaireadh an t‑sluaigh, a’ teagasg tro Iudèa uile, a’ tòiseachadh o Ghalile gus an t‑àite seo. Nuair a chuala Pilat mu Ghalile, dh’fheòraich e am bu Ghalilèach an duine. Agus nuair a chuala e gum b’ann fo uachdaranachd Heroid a bha e, chuir e e gu Herod, a bha e fhèin ann an Ierusalem anns na làithean sin. Agus nuair a chunnaic Herod Iosa, bha aoibhneas mòr air: oir bha dèidh aige rè ùine fhada air esan fhaicinn, do bhrìgh gun cuala e mòran uime; agus bha dùil aige gum faiceadh e mìorbhail‐eigin air a dhèanamh leis. An sin dh’fheòraich e mòran de cheistean dheth; ach cha tug e freagradh sam bith air. Agus sheas na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean ga chasaid gu dian. Ach chuir Herod agus a luchd‐cogaidh ann an neo‐mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e. Agus rinneadh Pilat agus Herod nan càirdean da chèile anns an là sin: oir bha iad roimhe sin an naimhdeas ri chèile. Agus nuair a ghairm Pilat an ceann a chèile na h‑àrd‐shagartan, agus na h‑uachdarain, agus an sluagh, Thubhairt e riu, Thug sibh am ionnsaigh‐sa an duine seo, mar neach a tha a’ tionndadh an t‑sluaigh a thaobh: agus, feuch, air dhomh a cheasnachadh nur làthair, cha d’fhuair mi coire air bith anns an duine seo a‑thaobh nan nithean sin mum bheil sibh a’ dèanamh casaid air; No mar an ceudna Herod: oir chuir mi da ionnsaigh sibh, agus, feuch, cha do rinneadh nì air bith leis toilltinneach air bàs. Uime sin, air dhòmhsa a smachdachadh, leigidh mi as e. (Oir b’èiginn dha aon a leigeadh as dhaibh air an fhèill.) Agus ghlaodh iad a‑mach a dh’aon ghuth, ag ràdh, Beir uainn am fear seo, agus leig air a chomas dhuinn Barabas: (Neach airson ceannairc àraidh a rinneadh anns a’ bhaile, agus airson mortaidh, a thilgeadh am prìosan.) Air an adhbhar sin labhair Pilat riu a‑rìs, air dha a bhith toileach Iosa a chur fa sgaoil. Ach ghlaodh iadsan, ag ràdh, Ceus e, ceus e. Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e. Agus laigh iadsan air le guthan mòra, ag iarraidh esan a cheusadh: agus bhuadhaich an guthan‐san, agus guthan nan àrd‐shagart. Agus thug Pilat breith gun dèante na dh’iarr iad. Agus leig e a‑mach dhaibh esan a thilgeadh ann am prìosan airson ceannairc agus mortaidh, an neach a dh’iarr iad; ach thug e thairis Iosa den toil. Agus an tràth a thug iad leo e, rug iad air Sìmon, duine àraidh o Chirène, a bha a’ teachd on dùthaich, agus chuir iad an crann‐ceusaidh air, ga ghiùlan an dèidh Iosa. Agus lean cuideachd mhòr e den t‑sluagh, agus de mhnathan, a bha mar an ceudna ri bròn, agus ga chaoineadh‐san. Ach air tionndadh do Iosa riu, thubhairt e, A nigheanan Ierusaleim, na guilibh air mo shon‐sa, ach guilibh air ur son fhèin, agus airson ur cloinne: Oir feuch, tha na làithean a’ teachd anns an abair iad, Is beannaichte na mnathan neo‐thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne. An sin tòisichidh iad air a ràdh ris na beanntan, Tuitibh oirnne; agus ris na cnuic, Falaichibh sinn. Oir ma nì iad na nithean seo ris a’ chrann ùr, ciod a nì iad ris a’ chrìonaich? Agus thugadh mar an ceudna dithis eile, a bha nan luchd droch‐bheairt, a‑chum a bhith air an ceusadh maille ris. Agus nuair a thàinig iad don àite den goirear Calbhari, an sin cheus iad e fhèin, agus na droch dhaoine, fear dhiubh air a làimh dheis, agus am fear eile air a làimh chlì. An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air. Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè. Agus rinn na saighdearan mar an ceudna fanaid air, a’ teachd da ionnsaigh, agus a’ tairgse fìon‐geur dha. Agus ag ràdh, Mas tu rìgh nan Iùdhach, teasairg thu fhèin. Agus bha sgrìobhadh mar an ceudna air a sgrìobhadh os a chionn, ann an litrichean Grèigis, agus Laidinn, agus Eabhra, IS E SEO RÌGH NAN IÙDHACH. Agus thug aon de na droch dhaoine a chrochadh toibheum dha, ag ràdh, Mas tu Crìosd, saor thu fhèin agus sinne. Ach fhreagair am fear eile, agus chronaich e e, ag ràdh, Nach eil eagal Dhè ort, agus gu bheil thu fon aon dìteadh ris? Agus sinne da‑rìribh ann an ceartas; oir tha sinn a’ faotainn nan nithean sin a thoill ar gnìomharan: ach cha do rinn an duine seo cron air bith. Agus thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, cuimhnich ormsa nuair a thig thu dod rìoghachd. Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut gum bi thu maille riumsa an‑diugh ann am Pàrras. Agus bha e mu thimcheall na siathamh uaire, agus bha dorchadas air an talamh uile gus an naoidheamh uair. Agus dhorchaicheadh a’ ghrian, agus reubadh brat‐roinn an teampaill na mheadhon. Agus nuair a ghlaodh Iosa le guth mòr, thubhairt e, Athair, tha mi a’ tiomnadh mo spioraid ad làmhan‐sa: agus nuair a thubhairt e seo, thug e suas an deò. A‑nis nuair a chunnaic an ceannard‐ceud an nì a rinneadh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, Gu fìrinneach b’ionracan an duine seo. Agus an sluagh uile a chruinnich a dh’ionnsaigh an t‑seallaidh sin, nuair a chunnaic iad na nithean a rinneadh, thill iad air an ais, a’ bualadh an uchd. Agus sheas a luchd‐eòlais uile, agus na mnathan a lean e o Ghalile, fad as, ag amharc air na nithean sin. Agus, feuch, duine àraidh dom b’ainm Iòseph, comhairleach, a bha na dhuine math, agus na fhìrean; (Cha d’aontaich an duine seo len comhairle no len gnìomh;) o Arimatèa, baile leis na h‑Iùdhaich; neach mar an ceudna aig an robh sùil ri rìoghachd Dhè. Chaidh esan gu Pilat, agus dh’iarr e corp Iosa. Agus air dha a thoirt a‑nuas, phaisg e ann an lìon‐aodach e, agus chuir e ann an uaigh e a chladhaicheadh à carraig, anns nach do chuireadh aon duine riamh roimhe. Agus b’e sin là an ullachaidh, agus bha an t‑sàbaid am fagas. Agus lean na mnathan a thàinig maille ris o Ghalile, agus chunnaic iad an uaigh, agus cionnas a chuireadh a chorp. Agus thill iad, agus dh’ullaich iad spìosraidh agus ola deagh fhàile; agus ghabh iad tàmh air là na sàbaid, a rèir na h‑àithne. A‑nis air a’ chiad là den t‑seachdain, gu ro‑mhoch air mhadainn, thàinig iad a‑chum na h‑uaighe, a’ toirt leo nan spìosraidh a dh’ullaich iad, agus mnathan àraidh eile maille riu. Agus fhuair iad a’ chlach air a carachadh on uaigh. Agus air dhaibh dol a‑steach, cha d’fhuair iad corp an Tighearna Iosa. Agus am feadh a bha iad ann an imcheist mun nì seo, feuch, sheas dithis dhaoine làimh riu ann an aodaichean dealrach. Agus air dhaibh a bhith fo eagal, agus a’ cromadh an aghaidh a‑chum na talmhainn, thubhairt iad riu, Carson a tha sibh ag iarraidh an tì a tha beò am measg nam marbh? Chan eil e an seo, ach dh’èirich e: cuimhnichibh mar a labhair e ribh air dha a bhith fhathast ann an Galile; Ag ràdh, Is èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rìs air an treas là. Agus chuimhnich iad a bhriathran, Agus air dhaibh tilleadh on uaigh, dh’innis iad na nithean seo uile don aon‐fhear‐deug, agus do chàch uile. Agus b’i Muire Magdalen, agus Ioanna, agus Muire màthair Sheumais, agus mnathan eile maille riu, a dh’innis na nithean seo do na h‑abstoil. Agus mheasadh am briathran leòsan mar sgeulan faoine, agus cha do chreid iad iad. An sin air èirigh do Pheadar ruith e a‑chum na h‑uaighe; agus air dha cromadh sìos, chunnaic e an lìon‐aodach na laighe leis fhèin, agus dh’fhalbh e, a’ gabhail iongantais leis fhèin mun nì seo a rinneadh. Agus, feuch, bha dithis dhiubh a’ dol air an là sin fhèin gu baile dom b’ainm Emàus, a bha trì‐fichead stàid o Ierusalem. Agus bha iad a’ labhairt eatorra fhèin mu thimcheall nan nithean ud uile a thachair. Agus nuair a bha iad a’ còmhradh, agus a’ co‑reusonachadh, thàinig Iosa e fhèin am fagas, agus dh’imich e maille riu. Ach bha an sùilean air an cumail, air chor is nach d’aithnich iad e. Agus thubhairt e riu, Ciod e an còmhradh seo air a bheil sibh a’ teachd eadaraibh fhèin, ag imeachd dhuibh, agus sibh dubhach? Agus fhreagair fear dhiubh dom b’ainm Cleopas, agus thubhairt e ris, A bheil thusa a‑mhàin ad choigreach ann an Ierusalem, agus gun fhios agad air na nithean a rinneadh innte anns na làithean seo? Agus thubhairt e riu, Ciod na nithean? Agus thubhairt iadsan ris, Na nithean a‑thaobh Iosa o Nàsaret, a bha na fhàidh cumhachdach ann an gnìomh agus ann am facal am fianais Dhè, agus an t‑sluaigh uile: Agus cionnas a thug na h‑àrd‐shagartan agus ar n‑uachdarain thairis a‑chum dìteadh bàis e, agus a cheus iad e. Ach bha dùil againne gum b’esan an tì a bha gu Israel a shaoradh; agus a thuilleadh air seo uile, is e an‑diugh an treas là o rinneadh na nithean seo. Agus mar an ceudna, chuir mnathan àraidh dhinn fhèin, a chaidh gu moch a dh’ionnsaigh na h‑uaighe, mòr‐ioghnadh oirnn: Agus nuair nach d’fhuair iad a chorp, thàinig iad, ag ràdh gum faca iad sealladh de ainglean, a thubhairt gu bheil e beò. Agus chaidh dream àraidh dhiubhsan, a bha maille rinn fhèin, a‑chum na h‑uaighe, agus fhuair iad eadhon mar a thubhairt na mnathan; ach chan fhaca iad esan. An sin thubhairt e riu, O dhaoine amaideach, agus mall‐chridheach a chreidsinn nan nithean sin uile a labhair na fàidhean! Nach b’èiginn do Chrìosd na nithean seo fhulang, agus dol a‑steach da ghlòir? Agus air dha tòiseachadh o Mhaois, agus o na fàidhean uile, dh’eadar‐mhìnich e dhaibh anns na sgriobtairean uile na nithean ma thimcheall fhèin. Agus dhruid iad ris a’ bhaile, don robh iad a’ dol: agus leig esan air gun rachadh e na b’fhaide. Ach cho‐èignich iadsan e, ag ràdh, Fan maille rinne, oir tha e dlùth don fheasgar, agus tha deireadh an là ann. Agus chaidh e a‑steach a dh’fhuireach maille riu. Agus nuair a shuidh e gu biadh maille riu, air dha aran a ghlacadh, bheannaich e e, agus bhris e e, agus thug e dhaibh e. Agus dh’fhosgladh an sùilean, agus dh’aithnich iad e; agus chaidh e as an t‑sealladh. Agus thubhairt iad ri chèile, Nach robh ar cridhe a’ lasadh annainn, am feadh a bha e a’ labhairt rinn air an t‑slighe, agus nuair a dh’fhosgail e dhuinn na sgriobtairean? Agus dh’èirich iad air an uair sin fhèin, agus thill iad gu Ierusalem, agus fhuair iad an t‑aon‐fhear‐deug cruinn an ceann a chèile, agus an dream a bha maille riu, Ag ràdh, Dh’èirich an Tighearna da‑rìribh, agus chunnacas le Sìmon e. Agus dh’innis iad na nithean a rinneadh air an t‑slighe, agus mar a dh’aithnicheadh leo e ann am briseadh an arain. Agus a’ labhairt nan nithean seo dhaibh, sheas Iosa fhèin nam meadhon, agus thubhairt e riu, Sìth maille ribh. Ach bha iadsan fo gheilt‐chrith agus fo eagal, agus shaoil iad gur spiorad a chunnaic iad. Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo bhuaireas, agus carson a tha smuaintean ag èirigh suas nur cridheachan? Feuchaibh mo làmhan agus mo chasan, gur mi fhèin a tha ann: laimhsichibh mi, agus faicibh; oir chan eil aig spiorad feòil agus cnàmhan, mar a chì sibh agamsa. Agus nuair a thubhairt e seo, nochd e dhaibh a làmhan agus a chasan. Agus air dhaibh a bhith fhathast mì‑chreidmheach tro aoibhneas, agus iad fo iongantas, thubhairt e riu, A bheil biadh sam bith agaibh an seo? Agus thug iad dha mìr de iasg ròiste, agus de chìr‐mheala. Agus ghlac e e, agus dh’ith e nam fianais. Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall‐sa, a bhith air an coileanadh. An sin dh’fhosgail e an tuigse, a‑chum gun tuigeadh iad na sgriobtairean, Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh o na mairbh air an treas là: Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh a bhith air an searmonachadh na ainm‐san, do na h‑uile chinnich, a’ tòiseachadh aig Ierusalem. Agus is fianaisean sibhse air na nithean seo. Agus, feuch, cuiridh mise gealladh m’Athar oirbh: ach fanaibh‐se ann am baile Ierusaleim, gus an sgeadaichear le cumhachd o na h‑àrdan sibh. Agus thug e a‑mach iad cho fad is Betani; agus thog e suas a làmhan, agus bheannaich e iad. Agus am feadh a bha e gam beannachadh, dhealaicheadh riu e, agus thogadh suas gu nèamh e. Agus rinn iad adhradh dha, agus thill iad gu Ierusalem le gàirdeachas mòr: Agus bha iad a‑ghnàth anns an teampall, a’ moladh agus a’ beannachadh Dhè. Amen. Anns an toiseach bha am Facal, agus bha am Facal maille ri Dia, agus b’e am Facal Dia. Bha e seo air tùs maille ri Dia. Rinneadh na h‑uile nithean leis; agus as eugmhais cha do rinneadh aon nì a rinneadh. Annsan bha beatha, agus b’i a’ bheatha solas dhaoine. Agus tha an solas a’ soillseachadh anns an dorchadas, agus cha do ghabh an dorchadas e. Chuireadh duine o Dhia, dom b’ainm Eòin. Thàinig esan mar fhianais, a‑chum fianais a thoirt mun t‑solas, a‑chum gun creideadh na h‑uile trìdsan. Cha b’esan an solas sin, ach chuireadh e a‑chum gun tugadh e fianais mun t‑solas. B’e seo an solas fìor a tha a’ soillseachadh gach uile dhuine a tha a’ teachd a‑chum an t‑saoghail. Bha e anns an t‑saoghal, agus rinneadh an saoghal leis, agus cha d’aithnich an saoghal e. Thàinig e a dh’ionnsaigh a dhùthcha fhèin, agus cha do ghabh a mhuinntir fhèin ris. Ach a mheud is a ghabh ris, thug e dhaibh cumhachd a bhith nan cloinn do Dhia, eadhon dhaibhsan a tha a’ creidsinn na ainm: A bha air an gineamhain, chan ann o fhuil, no o thoil na feòla, no o thoil duine, ach o Dhia. Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg‐ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon‐ghin Mhic an Athar ), làn gràis agus fìrinn. (Thug Eòin fianais uime, agus ghlaodh e, ag ràdh, Is e seo an tì mun do labhair mi, An tì a tha a’ teachd am dhèidh, tha toiseach aige orm; oir bha e romham.) Agus as a lànachd‐san fhuair sinne uile, agus gràs airson gràis. Oir thugadh an lagh le Maois, ach thàinig an gràs agus an fhìrinn le Iosa Crìosd. Chan fhaca neach air bith Dia riamh; an t‑aon‐ghin Mic, a tha ann an uchd an Athar, is esan a dh’fhoillsich e. Agus is e seo fianais Eòin nuair a chuir na h‑Iùdhaich sagartan agus Lèbhithich o Ierusalem, a‑chum gum fiosraicheadh iad dheth, Cò thusa? Dh’aidich esan, agus cha d’àich e; ach dh’aidich e, Cha mhi Crìosd. Agus dh’fheòraich iad dheth, Ciod mas eadh? An tu Elias? Agus thubhairt e, Cha mhi. An tu am fàidh? Agus fhreagair e, Cha mhi. An sin thubhairt iad ris, Cò thu? A‑chum gun toir sinn freagradh dhaibhsan a chuir uapa sinn: ciod a tha thu ag ràdh mud thimcheall fhèin? Thubhairt e, Is mise guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Dèanaibh dìreach slighe an Tighearna, mar a thubhairt am fàidh Esaias. Agus an dream a chuireadh leis an teachdaireachd, b’ann de na Pharasaich iad. Agus dh’fheòraich iad dheth, agus thubhairt iad ris, Carson mas eadh a tha thu a’ baisteadh, mura tu Crìosd, no Elias, no am fàidh? Fhreagair Eòin iad, ag ràdh, Tha mise a’ baisteadh le uisge; ach tha neach na sheasamh nur measg, nach aithne dhuibh; Is e seo an tì, a tha a’ teachd am dhèidh‐sa, aig a bheil toiseach orm, neach nach airidh mise air barr‐iall a bhròige fhuasgladh. Rinneadh na nithean seo ann am Betani air an taobh thall de Iòrdan, far an robh Eòin a’ baisteadh. Air an là màireach chunnaic Eòin Iosa a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e, Feuch Uan Dhè, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t‑saoghail! Is e seo an tì mun dubhairt mi, Tha fear a’ teachd am dhèidh aig a bheil barrachd orm; oir bha e romham. Agus cha robh aithne agamsa air: ach a‑chum gum biodh e air fhoillseachadh do Israel, uime sin thàinig mi a’ baisteadh le uisge. Agus thug Eòin fianais, ag ràdh, Chunnaic mi an Spiorad a’ teachd a‑nuas mar chalaman o nèamh, agus ghabh e còmhnaidh air. Agus cha b’aithne dhòmhsa e: ach an tì a chuir mi a bhaisteadh le uisge, thubhairt esan rium, Ge bè air am faic thu an Spiorad a’ teachd a‑nuas agus a’ gabhail còmhnaidh, is e sin an tì a bhaisteas leis an Spiorad Naomh. Agus chunnaic mi, agus rinn mi fianais, gur e seo Mac Dhè. Air an là màireach a‑rìs sheas Eòin agus dithis de a dheisciobail; Agus air dha amharc air Iosa, agus e ag imeachd, thubhairt e, Feuch Uan Dhè! Agus chuala an dithis dheisciobal e a’ labhairt, agus lean iad Iosa. Agus air tionndadh do Iosa, chunnaic e iad ga leantainn, agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibh ag iarraidh? Thubhairt iadsan ris, Rabbi (is e sin ri ràdh, air eadar‐theangachadh, A Mhaighistir), càit a bheil thu a’ gabhail còmhnaidh? Thubhairt e riu, Thigibh agus faicibh. Thàinig iad agus chunnaic iad càit an robh e a’ gabhail còmhnaidh, agus dh’fhan iad maille ris air an là sin: oir bha e mu thimcheall na deicheamh uaire. B’e Anndras, bràthair Shìmoin Pheadair, aon den dithis a chuala Eòin a’ labhairt, agus a lean esan. Fhuair esan air tùs a bhràthair fhèin Sìmon, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne am Mesias, is e sin, air eadar‐theangachadh, Crìosd. Agus thug e a‑chum Iosa e; agus nuair a dh’amhairc Iosa air, thubhairt e, Is tusa Sìmon mac Iòna: gairmear Cèphas dhìot, is e sin air eadar‐theangachadh, Peadar. Air an là na dhèidh sin, bu toil le Iosa dol a‑mach do Ghalile, agus fhuair e Philip, agus thubhairt e ris, Lean mise. A‑nis bha Philip o Bhetsaida, baile Anndrais agus Pheadair. Fhuair Philip Natànael, agus thubhairt e ris, Fhuair sinne an tì mun do sgrìobh Maois anns an lagh, agus na fàidhean, Iosa o Nàsaret, mac Iòseiph. Agus thubhairt Natànael ris, Am faod nì math air bith teachd à Nàsaret? Thubhairt Philip ris, Thig agus faic. Chunnaic Iosa Natànael a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e uime, Feuch Israeleach da‑rìribh, anns nach eil cealg! Thubhairt Natànael ris, Cionnas as aithne dhut mi? Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Mun do ghairm Philip thu, nuair a bha thu fon chrann‐fhìge, chunnaic mise thu. Fhreagair Natànael agus thubhairt e ris, Rabbi, is tusa Mac Dhè; is tu Rìgh Israeil. Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, A chionn gun dubhairt mi riut, chunnaic mi thu fon chrann‐fhìge, a bheil thu a’ creidsinn? Chì thu nithean as mò na iad seo. Agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, na dhèidh seo chì sibh nèamh fosgailte, agus aingil Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air Mac an Duine. Agus air an treas là bha pòsadh ann an Cana Ghalile; agus bha màthair Iosa an sin. Agus fhuair Iosa mar an ceudna agus a dheisciobail cuireadh a‑chum a’ phòsaidh. Agus air teireachdainn don fhìon, thubhairt màthair Iosa ris, Chan eil fìon aca. Thubhairt Iosa rithe, Ciod e mo ghnothach‐sa riut, a bhean? Cha tàinig m’uair‐sa fhathast. Thubhairt a mhàthair ris an luchd‐frithealaidh, Ge bè nì a their e ribh, dèanaibh e. Agus bha sia soithichean‐uisge de chloich air an cur an sin, a rèir gnàth‐glanaidh nan Iùdhach, a ghabhadh dà fheircin no trì, gach aon dhiubh. Thubhairt Iosa riu, Lìonaibh na soithichean le uisge. Agus lìon iad iad gus am beul. Agus thubhairt e riu, Tàirngibh a‑nis, agus thugaibh a‑chum uachdaran na cuirme. Agus thug iad ann e. Nuair a bhlais uachdaran na cuirme an t‑uisge a rinneadh na fhìon (agus cha robh fhios aige cia as a thàinig e; ach bha fhios aig an luchd‐frithealaidh a tharraing an t‑uisge), ghairm uachdaran na cuirme am fear nuadh‐pòsda, Agus thubhairt e ris, Cuiridh gach duine fìon math an làthair air tùs; agus nuair a dh’òlas daoine gu leòr, an sin am fìon as miosa: ach ghlèidh thusa am fìon math gus a‑nis. Seo toiseach nam mìorbhailean a rinn Iosa ann an Cana Ghalile, agus dh’fhoillsich e a ghlòir; agus chreid a dheisciobail ann. An dèidh seo chaidh e sìos do Chapernàum, e fhèin, agus a mhàthair, agus a bhràithrean, agus a dheisciobail; agus cha d’fhan iad ann mòran làithean. Agus bha càisg nan Iùdhach am fagas; agus chaidh Iosa suas gu Ierusalem, Agus fhuair e nan suidhe anns an teampall luchd‐reic cruidh, agus chaorach, agus chalaman, agus luchd‐malairt an airgid: Agus air dèanamh sgiùrsair dha de chùird chaola, dh’fhuadaich e a‑mach as an teampall iad uile, agus na caoraich agus an crodh; agus dhòirt e a‑mach airgead an luchd‐malairt, agus thilg e na bùird thairis; Agus thubhairt e riùsan a bha a’ reic chalaman, Togaibh iad sin à seo; na dèanaibh taigh m’Athar‐sa na thaigh‐marsantachd. Agus chuimhnich a dheisciobail gu robh e sgrìobhte, Dh’ith eud do thaighe suas mi. An sin fhreagair na h‑Iùdhaich, agus thubhairt iad ris, Ciod an comharradh a nochdas tu dhuinne, do bhrìgh gu bheil thu a’ dèanamh nan nithean sin? Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Leagaibh sìos an teampall seo, agus ann an trì làithean cuiridh mise suas e. An sin thubhairt na h‑Iùdhaich, Sia bliadhna agus dà‑fhichead bha an teampall seo ga thogail, agus an cuir thusa suas ann an trì làithean e? Ach labhair esan mu theampall a chuirp. Uime sin nuair a bha e air èirigh o na mairbh, chuimhnich a dheisciobail gun dubhairt e seo: agus chreid iad an sgriobtar, agus am facal a thubhairt Iosa. A‑nis nuair a bha e ann an Ierusalem aig a’ chàisg, air an fhèill, chreid mòran na ainm, nuair a chunnaic iad na mìorbhailean a rinn e. Ach cha d’earb Iosa e fhèin riu, do bhrìgh gum b’aithne dha na h‑uile dhaoine, Agus nach robh feum aige neach air bith a dhèanamh fianais air duine: oir bha fhios aige ciod a bha anns an duine. Agus bha duine de na Pharasaich, dom b’ainm Nicodèmus, a bha na uachdaran air na h‑Iùdhaich: Thàinig esan a‑chum Iosa anns an oidhche, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gur fear‐teagaisg thu a thàinig o Dhia: oir chan urrainn duine air bith na mìorbhailean seo a dhèanamh a tha thusa a’ dèanamh, mura bi Dia maille ris. Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura beirear duine a‑rìs, nach urrainn e rìoghachd Dhè fhaicinn. Thubhairt Nicodèmus ris, Cionnas a dh’fhaodas duine a bhith air a bhreith nuair tha e aosda? A bheil e comasach air dol a‑steach an dara uair do bhroinn a mhàthar, agus a bhith air a bhreith? Fhreagair Iosa, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi duine air a bhreith o uisge, agus on Spiorad, chan urrainn e dol a‑steach do rìoghachd Dhè. An nì sin a tha air a bhreith on fheòil, is feòil e; agus an nì sin a tha air a bhreith on Spiorad, is spiorad e. Na gabh iongantas gun dubhairt mi riut, Is èiginn dhuibh a bhith air ur breith a‑rìs. Tha a’ ghaoth a’ sèideadh far an àill leatha, agus tha thu a’ cluinntinn a fuaim, ach chan eil fhios agad cia as a tha i a’ teachd, no càit a bheil i a’ dol: is ann mar sin a tha gach neach a tha air a bhreith on Spiorad. Fhreagair Nicodèmus agus thubhairt e ris, Cionnas a dh’fhaodas na nithean seo a bhith? Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, A bheil thusa ad fhear‐teagaisg Israeil, agus nach aithne dhut na nithean seo? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut gu bheil sinne a’ labhairt an nì as fios dhuinn, agus a’ toirt fianais air an nì sin a chunnaic sinn; agus cha ghabh sibhse ar fianais. Ma dh’innis mi dhuibh nithean talmhaidh, agus nach creid sibh, cionnas a chreideas sibh ma dh’innseas mi dhuibh nithean nèamhaidh? Agus cha deachaidh aon neach suas do nèamh, ach an tì a thàinig a‑nuas o nèamh, Mac an Duine a tha air nèamh. Agus mar a thog Maois suas an nathair anns an fhàsach, is ann mar sin as èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas: A‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha mhaireannach aige. Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon‐ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige. Oir cha do chuir Dia a Mhac don t‑saoghal a‑chum gun dìteadh e an saoghal, ach a‑chum gum biodh an saoghal air a shaoradh trìdsan. An tì a chreideas ann, cha dìtear e: ach an tì nach creid, tha e air a dhìteadh cheana, a chionn nach do chreid e ann an ainm aon‐ghin Mhic Dhè. Agus is e seo an dìteadh, gun tàinig an solas don t‑saoghal, agus gun do ghràdhaich daoine an dorchadas nas mò na an solas, a chionn gu robh an gnìomharan olc. Oir gach neach a tha a’ dèanamh uilc, tha e a’ toirt fuatha don t‑solas, agus chan eil e a’ teachd a‑chum an t‑solais, air eagal gum biodh a obraichean air an cronachadh. Ach an tì a nì an fhìrinn, thig e a‑chum an t‑solais, a‑chum gum bi a obraichean follaiseach, gur ann an Dia a rinneadh iad. An dèidh sin thàinig Iosa agus a dheisciobail do thìr Iudèa; agus dh’fhan e an sin maille riu, agus bhaist e. Agus bha Eòin mar an ceudna a’ baisteadh ann an Enon, làimh ri Salim, do bhrìgh gu robh mòran uisgeachan an sin; agus thàinig iad, agus bhaisteadh iad: Oir cha robh Eòin fhathast air a thilgeadh ann am prìosan. An sin dh’èirich ceist eadar deisciobail Eòin agus na h‑Iùdhaich, mu thimcheall glanaidh. Agus thàinig iad a‑chum Eòin, agus thubhairt iad ris, A mhaighistir, an tì a bha maille riut an taobh thall de Iòrdan, don tug thu fianais, feuch, tha esan a’ baisteadh, agus tha na h‑uile dhaoine a’ teachd da ionnsaigh. Fhreagair Eòin agus thubhairt e, Chan eil duine comasach air nì sam bith a ghabhail, mura bi e air a thoirt dha o nèamh. Tha sibhse fhèin a’ toirt fianais dhòmhsa gun dubhairt mi, Cha mhi Crìosd, ach gun do chuireadh roimhe mi. An tì aig a bheil a’ bhean nuadh‐phòsda, is e am fear nuadh‐pòsda e: ach caraid an fhir nuadh‐phòsda, a tha na sheasamh agus ag èisdeachd ris, tha e a’ dèanamh gàirdeachais mhòir airson guth an fhir nuadh‐phòsda: uime sin tha mo ghàirdeachas‐sa air a choileanadh. Is èiginn dhàsan fàs, ach dhòmhsa a bhith air mo lùghdachadh. An tì a thig a‑nuas tha e os cionn nan uile: an tì a tha on talamh, tha e talmhaidh, agus labhraidh e air mhodh talmhaidh: an tì a thig o nèamh, tha e os cionn nan uile. Agus an nì a chunnaic agus a chuala e, air a sin tha e a’ toirt fianais; agus chan eil aon duine a’ gabhail ra fhianais. An tì a ghabh ra fhianais‐san, chuir e a sheula ris, gu bheil Dia fìor. An tì a chuir Dia uaithe, tha e a’ labhairt briathran Dhè: oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a’ toirt an Spioraid dha. Is toigh leis an Athair am Mac, agus thug e na h‑uile nithean na làimh. An tì a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireannach aige; ach an tì nach eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, chan fhaic e beatha; ach tha fearg Dhè a’ gabhail còmhnaidh air. Air an adhbhar sin nuair a thuig Iosa gun cuala na Pharasaich gu robh e a’ dèanamh agus a’ baisteadh tuilleadh dheisciobal na Eòin, (Ged nach do bhaist Iosa fhèin iad ach a dheisciobail,) Dh’fhàg e Iudèa, agus chaidh e a‑rìs do Ghalile. Agus b’èiginn dha dol tro Shamaria. An sin thàinig e gu baile a bhuineadh do Shamaria, ris an abrar Sichar, am fagas don fhearann a thug Iàcob da mhac Iòseph. A‑nis bha tobar Iàcoib an sin. Uime sin air do Iosa a bhith sgìth le a thuras, shuidh e mar sin làimh ris an tobar; agus bha e mu thimcheall na siathamh uaire. Thàinig bean o Shamaria a tharraing uisge: thubhairt Iosa rithe, Thoir dhòmhsa deoch. Oir bha a dheisciobail air dol don bhaile a cheannach bìdh. An sin thubhairt a’ bhean o Shamaria ris, Cionnas a tha thusa agus gur Iùdhach thu ag iarraidh deoch uam‐sa, a tha am bhan‐Shamaritanaich? Oir chan eil comann aig na h‑Iùdhaich ris na Samaritanaich. Fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nam b’aithne dhut tìodhlac Dhè, agus cò e a tha ag ràdh riut, Thoir dhomh deoch, dh’iarradh tu airsan, agus bheireadh e uisge beò dhut. Thubhairt a’ bhean ris, A Thighearna, chan eil inneal‐tarraing agad, agus tha an tobar domhain: uime sin cia as a tha an t‑uisge beò sin agad? Am mò thusa na ar n‑athair Iàcob, a thug dhuinne an tobar seo, agus a dh’òl as e fhèin, agus a chlann, agus a sprèidh? Fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Ge bè neach a dh’òlas den uisge seo, bidh tart air a‑rìs: Ach ge bè neach a dh’òlas den uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air: ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na thobar uisge ann, a’ sruthadh suas a‑chum na beatha maireannaich. Thubhairt a’ bhean ris, A Thighearna, thoir dhòmhsa an t‑uisge seo, a‑chum nach bi tart orm, agus nach tig mi an seo a tharraing. Thubhairt Iosa rithe, Imich, gairm d’fhear‐pòsda, agus thig an seo. Fhreagair a’ bhean agus thubhairt i, Chan eil fear agam. Thubhairt Iosa rithe, Is math a thubhairt thu, Chan eil fear agam: Oir bha còignear fhear agad, agus esan a tha agad a‑nis, chan e d’fhear fhèin e: thubhairt thu seo gu fìor. Thubhairt a’ bhean ris, A Thighearna, tha mi a’ faicinn gur fàidh thu. Rinn ar n‑athraichean adhradh anns an t‑sliabh seo; agus tha sibhse ag ràdh gur ann an Ierusalem a tha an t‑ionad anns an còir adhradh a dhèanamh. Thubhairt Iosa rithe, A bhean, creid mise gu bheil an uair a’ teachd, anns nach dèan sibh adhradh don Athair aon chuid anns an t‑sliabh seo, no ann an Ierusalem. Tha sibhse a’ dèanamh adhraidh don nì nach aithne dhuibh: tha sinne a’ dèanamh adhraidh don nì as aithne dhuinn: oir is ann o na h‑Iùdhaich a tha slàinte. Ach tha an uair a’ teachd, agus tha i a‑nis ann, anns an dèan am fìor luchd‐adhraidh adhradh don Athair ann an spiorad agus ann am fìrinn: oir tha an t‑Athair ag iarraidh an leithidean seo de luchd‐adhraidh. Is spiorad Dia, agus is èiginn da luchd‐adhraidh adhradh a dhèanamh dha ann an spiorad agus ann am fìrinn. Thubhairt a’ bhean ris, Tha fhios agam gu bheil am Mesias a’ teachd, ris an abrar Crìosd: nuair a thig esan innsidh e na h‑uile nithean dhuinn. Thubhairt Iosa rithe, Is mise e, a tha a’ labhairt riut. Agus air a seo thàinig a dheisciobail, agus b’iongantach leo gu robh e a’ labhairt ris a’ mhnaoi: ach cha dubhairt aon neach, Ciod a tha thu ag iarraidh? No, Carson a tha thu a’ labhairt rithe? An sin dh’fhàg a’ bhean a soitheach‐uisge, agus dh’fhalbh i don bhaile, agus thubhairt i ris na daoine, Thigibh, faicibh duine a dh’innis dhòmhsa na h‑uile nithean a rinn mi riamh. Nach e seo Crìosd? An sin chaidh iad a‑mach as a’ bhaile, agus thàinig iad da ionnsaigh‐san. Anns an àm sin fhèin ghuidh a dheisciobail air, ag ràdh, A Mhaighistir, ith. Ach thubhairt esan riu, Tha agamsa biadh ra ithe air nach eil fhios agaibhse. Uime sin thubhairt na deisciobail ri chèile, An tug neach air bith nì da ionnsaigh ra ithe? Thubhairt Iosa riu, Is e mo bhiadh‐sa toil an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, agus a obair a chrìochnachadh. Nach abair sibhse, Tha ùine ceithir mìosan ann fhathast, agus an sin thig am fogharadh? Feuch, tha mi ag ràdh ribh, Togaibh suas ur sùilean, agus seallaibh air an h‑achaidhean; oir tha iad cheana geal a‑chum an fhogharaidh. Agus an tì a bhuaineas tha e a’ faotainn tuarasdail, agus a’ cruinneachadh toraidh a‑chum na beatha maireannaich; a‑chum gun dèan an tì a chuireas, agus an tì a bhuaineas, gàirdeachas le chèile. Agus an seo tha an ràdh ud fìor, Gu bheil aon neach a’ cur, agus neach eile a’ buain. Chuir mise sibhse a bhuain an nì sin nach do shaothraich sibh: shaothraich daoine eile, agus chaidh sibhse a‑steach nan saothair. Agus chreid mòran de Shamaritanaich a’ bhaile sin ann, airson cainnt na mnà a thug fianais, ag ràdh, Dh’innis e dhomh na h‑uile nithean a rinn mi riamh. Uime sin nuair a thàinig na Samaritanaich da ionnsaigh, ghuidh iad air fantainn maille riu: agus dh’fhuirich e an sin dà là. Agus chreid mòran tuilleadh airson a fhacail fhèin: Agus thubhairt iad ris a’ mhnaoi, Tha sinn a’ creidsinn chan ann à seo suas airson do chòmhraidh‐sa: oir chuala sinn fhèin e, agus tha fhios againn gur e seo da‑rìribh Crìosd, Slànaighear an t‑saoghail. Agus an dèidh dà là dh’fhalbh e as a sin, agus chaidh e do Ghalile: Oir thug Iosa fhèin fianais nach eil urram aig fàidh na thìr fhèin. Uime sin, nuair a thàinig e do Ghalile, ghabh na Galilèaich ris, air dhaibh na nithean sin uile fhaicinn a rinn e ann an Ierusalem air an fhèill: oir chaidh iadsan mar an ceudna a‑chum na fèille. An sin thàinig Iosa a‑rìs do Chana Ghalile, far an do rinn e fìon den uisge. Agus bha duine cumhachdach àraidh, aig an robh a mhac gu tinn ann an Capernàum. Nuair a chuala esan gu robh Iosa air teachd à Iudèa do Ghalile, chaidh e da ionnsaigh, agus ghuidh e air gun rachadh e sìos, agus gun slànaicheadh e a mhac: oir bha e ri uchd bàis. An sin thubhairt Iosa ris, Mura faic sibh comharraidhean agus mìorbhailean, cha chreid sibh. Thubhairt an duine cumhachdach ris, A Thighearna, rach sìos mum faigh mo leanaban bàs. Thubhairt Iosa ris, Imich; tha do mhac beò. Agus chreid an duine am facal a labhair Iosa ris, agus dh’imich e. Agus am feadh a bha e fhathast a’ dol sìos, choinnich a sheirbhisich e, agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Tha do mhac beò. An sin dh’fhiosraich e dhiubh an uair anns an deachaidh e am feabhas: agus thubhairt iad ris, An‑dè, air an t‑seachdamh uair, dh’fhàg am fiabhras e. An sin dh’aithnich an t‑athair gum b’i an uair sin fhèin, anns an dubhairt Iosa ris, Tha do mhac beò; agus chreid e fhèin, agus a theaghlach uile. Is e seo a‑rìs an dara mìorbhail a rinn Iosa, nuair a thàinig e à Iudèa do Ghalile. Na dhèidh seo bha fèill nan Iùdhach ann; agus chaidh Iosa suas gu Ierusalem. A‑nis tha ann an Ierusalem, làimh ri geata nan caorach, lochan ris an abrar anns a’ chainnt Eabhraidhich, Betesda, aig a bheil còig taighean‐fasgaidh. Annta sin bha nan laighe mòr‐bhuidheann de dhaoine easlan, dall, bacach, seargte, a’ feitheamh ri carachadh an uisge. Oir chaidh aingeal sìos an àm àraidh anns an lochan, agus chuir e an t‑uisge troimhe chèile: uime sin an ciad neach a rachadh sìos ann, an dèidh cur troimhe chèile an uisge, rinneadh slàn e de aon tinneas a bhiodh air. Agus bha duine àraidh an sin, a bha ochd‐bliadhna‐deug ar fhichead ann an easlaint. Nuair a chunnaic Iosa esan na laighe, agus fhios aige gu robh e a‑nis ùine fhada mar sin, thubhairt e ris, Am miann leat a bhith air do dhèanamh slàn? Fhreagair an duine easlan e, A Thighearna, chan eil duine agam, nuair a chuirear an t‑uisge troimhe chèile, a chuireas anns an lochan mi: ach am feadh tha mise a’ teachd, tha neach eile a’ dol sìos romham. Thubhairt Iosa ris, Eirich, tog do leabaidh, agus imich. Agus air ball rinneadh an duine slàn, agus thog e a leabaidh, agus dh’imich e: agus bha an t‑sàbaid ann air an là sin. Uime sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris an tì a shlànaicheadh, Is i an t‑sàbaid a tha ann; chan eil e dligheach dhut do leabaidh a ghiùlan. Fhreagair e iad, An tì a rinn slàn mi, thubhairt esan rium, Tog do leabaidh agus imich. An sin dh’fheòraich iad dheth, Cò an duine a thubhairt riut, Tog do leabaidh agus imich? Agus cha robh fhios aig an tì a shlànaicheadh cò e: oir chaidh Iosa as a shealladh, air do mhòr‐shluagh a bhith anns an àite. Na dhèidh seo fhuair Iosa e anns an teampall, agus thubhairt e ris, Feuch, rinneadh slàn thu: na peacaich nas mò, air eagal gun tachair nas miosa dhut. Dh’imich an duine, agus dh’innis e do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa a rinn slàn e. Agus air a shon seo rinn na h‑Iùdhaich geur‐leanmhainn air Iosa, agus dh’iarr iad a mharbhadh, do bhrìgh gun do rinn e na nithean seo air an t‑sàbaid. Ach fhreagair Iosa iad, Tha m’Athair ag obrachadh gus a‑nis, agus tha mise ag obrachadh. Uime sin bu mhò a dh’iarr na h‑Iùdhaich a mharbhadh, a chionn nach e a‑mhàin gun do bhris e an t‑sàbaid, ach gun dubhairt e mar an ceudna gum b’e Dia a Athair‐san, ga dhèanamh fhèin co‑ionann ri Dia. Air an adhbhar sin fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil am Mac comasach air nì sam bith a dhèanamh uaithe fhèin, ach an nì a chì e an t‑Athair a’ dèanamh: oir ge bè nithean a nì esan, na nithean sin fhèin nì am Mac mar an ceudna. Oir is ionmhainn leis an Athair am Mac, agus tha e a’ foillseachadh dha nan uile nithean a tha e fhèin a’ dèanamh: agus foillsichidh e dha obraichean as mò na iad seo, air chor is gum bi iongantas oirbhse. Oir mar tha an t‑Athair a’ dùsgadh, agus a’ beothachadh nam marbh, is amhail sin a tha am Mac a’ beothachadh an dream as àill leis. Oir chan eil an t‑Athair a’ toirt breith air duine sam bith; ach thug e gach uile bhreitheanas don Mhac: A‑chum gun tugadh na h‑uile dhaoine urram don Mhac, amhail a tha iad a’ toirt urraim don Athair. An tì nach eil a’ toirt urraim don Mhac, chan eil e a’ toirt urraim don Athair a chuir uaithe e. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal‐sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gu bheil an uair a’ teachd, agus gu bheil i a‑nis ann, anns an cluinn na mairbh guth Mac Dhè: agus an dream a chluinneas, bidh iad beò. Oir mar a tha aig an Athair beatha ann fhèin, is amhail sin a thug e don Mhac beatha a bhith aige ann fhèin; Agus thug e mar an ceudna dha ùghdarras a‑chum breith a thabhairt, do bhrìgh gur e Mac an Duine. Na gabhaibh iongantas dheth seo; oir tha an uair a’ teachd, anns an cluinn iadsan uile a tha anns na h‑uaighean a ghuth‐san: Agus thèid iad a‑mach; iadsan a rinn math, a‑chum aiseirigh na beatha; agus iadsan a rinn olc, a‑chum aiseirigh an damnaidh. Chan eil mise comasach air nì sam bith a dhèanamh uam fhèin: mar a chluinneas mi bheir mi breith: agus tha mo bhreitheanas ceart; do bhrìgh nach eil mi ag iarraidh mo thoile fhèin, ach toil an Athar a chuir uaithe mi. Ma bheir mise fianais mum thimcheall fhèin, chan eil m’fhianais fìor. Tha neach eile a’ toirt fianais mum thimcheall, agus tha fhios agam gur fìor an fhianais a tha e a’ dèanamh mum thimcheall. Chuir sibhse a‑chum Eòin, agus thug e fianais don fhìrinn. Ach chan eil mise a’ gabhail fianais o dhuine: ach tha mi ag ràdh nan nithean seo, a‑chum gum bi sibhse air ur tèarnadh. B’esan an lòchran lasrach agus dealrach: agus bha sibhse toileach car tamaill gàirdeachas a dhèanamh na sholas. Ach tha agamsa fianais as mò na fianais Eòin: oir na h‑obraichean a thug an t‑Athair dhòmhsa a‑chum gun crìochnaichinn iad, tha na h‑obraichean sin fhèin a tha mise a’ dèanamh a’ toirt fianais mum thimcheall, gun do chuir an t‑Athair uaithe mi. Agus an t‑Athair fhèin a chuir uaithe mi, thug e fianais mum thimcheall. Cha chuala sibh riamh a ghuth, cha mhò a chunnaic sibh a choslas. Agus chan eil a fhacal‐san agaibh a’ gabhail còmhnaidh annaibh: oir an tì sin a chuir esan uaithe, chan eil sibh ga chreidsinn. Rannsaichibh na sgriobtairean, oir tha sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh annta; agus is iad sin a tha a’ toirt fianais mum thimcheall‐sa. Gidheadh chan àill leibh teachd am ionnsaigh‐sa, a‑chum gum faigheadh sibh beatha. Chan eil mise a’ gabhail urraim o dhaoine. Ach is aithne dhomh sibhse, nach eil gràdh Dhè agaibh annaibh. Thàinig mise ann an ainm m’Athar, agus chan eil sibh a’ gabhail rium: ma thig neach eile na ainm fhèin, gabhaidh sibh ris‐san. Cionnas a dh’fhaodas sibh creidsinn, a tha a’ gabhail urraim o chèile, agus nach eil ag iarraidh an urraim a thig o Dhia a‑mhàin? Na saoilibh gun dèan mise ur casaid ris an Athair: tha aon a tha a’ dèanamh casaid oirbh, Maois, anns a bheil sibh a’ cur ur dòchais. Oir nan creideadh sibh Maois, chreideadh sibh mise: oir sgrìobh esan mum thimcheall. Ach mura creid sibh a sgrìobhadh‐san, cionnas a chreideas sibh mo bhriathran‐sa? Na dhèidh sin chaidh Iosa thar muir Ghalile, no Thiberiais. Agus lean sluagh mòr e, do bhrìgh gum faca iad a mhìorbhailean a rinn e air an dream a bha easlan. Agus chaidh Iosa suas air beinn, agus shuidh e an sin maille ra dheisciobail. Agus bha a’ chàisg, fèill nan Iùdhach, am fagas. An sin nuair a thog Iosa suas a shùilean, agus a chunnaic e gun tàinig buidheann mhòr shluaigh da ionnsaigh, thubhairt e ri Philip, Cia an t‑àit as an ceannaich sinn aran a‑chum gun ith iad seo? (Ach thubhairt e seo ga dhearbhadh‐san; oir bha fhios aige fhèin ciod a dhèanadh e.) Fhreagair Philip e, Cha leòr dhaibh luach dà cheud pèighinn de aran, a‑chum gun gabhadh gach aon dhiubh beagan. Thubhairt aon de a dheisciobail, Anndras, bràthair Shìmoin Pheadair, ris, Tha òganach an seo, aig a bheil còig buileannan eòrna, agus dà iasg bheag: ach ciod iad seo am measg na h‑uiread? Agus thubhairt Iosa, Thugaibh air na daoine suidhe sìos. A‑nis bha mòran feòir anns an àite. Air an adhbhar sin shuidh na daoine sìos, ann an àireamh timcheall còig mìle. Agus ghlac Iosa na buileannan, agus air tabhairt buidheachais dha roinn e air na deisciobail iad, agus na deisciobail orrasan a shuidh: agus mar an ceudna de na h‑èisg bheaga, a mheud is a b’àill leo. Nuair a shàsaicheadh iad, thubhairt e ra dheisciobail, Cruinnichibh am biadh briste a tha a thuilleadh ann, a‑chum nach caillear a’ bheag. Air an adhbhar sin chruinnich iad e ri chèile, agus lìon iad dà‑chliabh‐dheug de spruilleach nan còig buileannan eòrna, a bha a dh’fhuidheall aig a’ mhuinntir a dh’ith. An sin nuair a chunnaic na daoine sin am mìorbhail a rinn Iosa, thubhairt iad, Gu fìrinneach is e seo am fàidh a bha gu teachd a‑chum an t‑saoghail. Uime sin nuair a thuig Iosa gu robh iad air tì teachd agus breith air le làimh làidir, a‑chum gun dèanadh iad rìgh dheth, dh’imich e a‑rìs don bheinn na aonar. Agus nuair a thàinig am feasgar, chaidh a dheisciobail sìos a‑chum na mara. Agus air dol ann an luing dhaibh, chaidh iad thar a’ mhuir gu Capernàum: agus bha an dorchadas a‑nis ann, agus cha robh Iosa air teachd dan ionnsaigh. Agus aig sèideadh do ghaoith mhòir, dh’èirich a’ mhuir. Uime sin nuair a rinn iad iomramh timcheall còig no deich‐ar‑fhichead de stàidean, chunnaic iad Iosa ag imeachd air a’ mhuir, agus a’ druideadh ris an luing; agus ghabh iad eagal. Ach thubhairt esan riu, Is mise a tha ann; na biodh eagal oirbh. Uime sin ghabh iad gu toileach a‑steach don luing e: agus air ball ràinig an long an tìr gus an robh iad a’ dol. Air an là na dhèidh sin, nuair a chunnaic an sluagh a sheas air taobh eile na mara nach robh long eile an sin, ach an long sin anns an deachaidh a dheisciobail a‑steach, agus nach deachaidh Iosa anns an luing maille ra dheisciobail, ach gun d’fhalbh a dheisciobail nan aonar; (Gidheadh thàinig luing bheaga eile o Thiberias, làimh ris an àite anns an d’ith iad an t‑aran, an dèidh don Tighearna buidheachas a thoirt;) Uime sin nuair a chunnaic an sluagh nach robh Iosa an sin, no a dheisciobail, chaidh iad fhèin mar an ceudna ann am bàtaichean, agus thàinig iad gu Capernàum, ag iarraidh Iosa. Agus air dhaibh fhaotainn air an taobh thall den mhuir, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, cuin a thàinig thu an seo? Fhreagair Iosa iad agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Tha sibh gam iarraidh, chan ann a chionn gum faca sibh na mìorbhailean, ach a chionn gun d’ith sibh de na buileannan, agus gun do shàsaicheadh sibh. Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair. An sin thubhairt iad ris, Ciod a nì sinn, a‑chum is gun obraich sinn obraichean Dhè? Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Is i seo obair Dhè, gun creid sibh anns an tì a chuir e uaithe. Uime sin thubhairt iad ris, Ciod an comharradh a nì thusa, matà, a‑chum gum faic sinn, agus gun creid sinn thu? Ciod an obair a nì thu? Dh’ith ar n‑athraichean mana anns an fhàsach; a rèir mar a tha e sgrìobhte, Thug e dhaibh aran o nèamh ra ithe. An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach tug Maois dhuibh an t‑aran o nèamh; ach tha m’Athair‐sa a’ toirt dhuibh an arain fhìor o nèamh. Oir is e sin aran Dhè a tha a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus a tha a’ tabhairt beatha don t‑saoghal. An sin thubhairt iad ris, A Thighearna, thoir dhuinne an t‑aran seo an còmhnaidh. Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh‐sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air. Ach mar a thubhairt mi ribh, ged a chunnaic sibh mi, chan eil sibh a’ creidsinn. Gach nì a bheir an t‑Athair dhòmhsa, thig e am ionnsaigh; agus an tì a thig am ionnsaigh, cha tilg mi air chor sam bith a‑mach. Oir thàinig mi a‑nuas o nèamh, chan ann a‑chum gun dèanainn mo thoil fhèin, ach toil an tì a chuir uaithe mi. Agus is i seo toil an Athar a chuir uaithe mi, nach caillinn a’ bheag sam bith den uile a thug e dhomh, ach gun togainn suas e a‑rìs air an là dheireannach. Agus is i seo toil an tì a chuir uaithe mi, gum biodh a’ bheatha mhaireannach aig gach neach a chì am Mac, agus a chreideas ann: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach. An sin rinn na h‑Iùdhaich gearan uime, a chionn gun dubhairt e, Is mise an t‑aran a thàinig a‑nuas o nèamh. Agus thubhairt iad, Nach e seo Iosa mac Iòseiph, neach aig an aithne dhuinn a athair agus a mhàthair? Cionnas mas eadh a tha e ag ràdh, Thàinig mi a‑nuas o nèamh. Air an adhbhar sin fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Na dèanaibh gearan nur measg fhèin. Chan urrainn neach air bith teachd am ionnsaigh‐sa mura tarraing an t‑Athair a chuir uaithe mise e: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach. Tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Agus bidh iad uile air an teagasg o Dhia. Uime sin gach neach a chuala, agus a dh’fhòghlaim on Athair, thig e am ionnsaigh‐sa. Chan e gum faca neach sam bith an t‑Athair, ach an tì a tha o Dhia; chunnaic esan an t‑Athair. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, An tì a tha a’ creidsinn annamsa tha a bheatha mhaireannach aige. Is mise aran na beatha. Dh’ith ur n‑athraichean mana anns an fhàsach agus fhuair iad bàs. Is e seo an t‑aran a tha a’ teachd a‑nuas o nèamh, a‑chum is gun ith neach dheth, agus nach faigh e bàs. Is mise an t‑aran beò, a thàinig a‑nuas o nèamh: ma dh’itheas neach air bith den aran seo, bidh e beò gu sìorraidh: agus an t‑aran a bheir mise uam, is e m’fheòil e, a bheir mi airson beatha an t‑saoghail. Air an adhbhar sin bha connsachadh aig na h‑Iùdhaich ri chèile, ag ràdh, Cionnas a dh’fhaodas an duine seo a fheòil a thoirt dhuinn ra h‑ithe? An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura ith sibh feòil Mac an Duine, agus mura òl sibh a fhuil, chan eil beatha agaibh annaibh. Esan a dh’itheas m’fheòil‐sa, agus a dh’òlas m’fhuil‐sa, tha a’ bheatha shìorraidh aige; agus togaidh mise suas e air an là dheireannach. Oir is biadh gu fìrinneach m’fheòil, agus is deoch gu fìrinneach m’fhuil. Esan a dh’itheas m’fheòil‐sa, agus a dh’òlas m’fhuil‐sa, tha e a’ gabhail còmhnaidh annamsa, agus mise annsan. Mar a tha an t‑Athair beò a chuir uaithe mise, agus a tha mise beò tron Athair; is amhail sin esan a dh’itheas mise, bidh e mar an ceudna beò tromhamsa. Is e seo an t‑aran sin a thàinig a‑nuas o nèamh; chan ann mar a dh’ith ur n‑athraichean mana, agus a fhuair iad bàs: esan a dh’itheas an t‑aran seo, bidh e beò am feasd. Thubhairt e na nithean seo anns an t‑sionagog, nuair a bha e a’ teagasg ann an Capernàum. Uime sin nuair a chuala mòran de a dheisciobail seo, thubhairt iad, Is cruaidh a’ chainnt seo; cò a dh’fhaodas èisdeachd rithe? Nuair a thuig Iosa ann fhèin gu robh a dheisciobail ri gearan uime seo, thubhairt e riu, A bheil seo a’ toirt oilbheim dhuibh? Agus ciod nam faiceadh sibh Mac an Duine a’ dol a suas don àit anns an robh e roimhe? Is e an Spiorad a bheothaichas; chan eil tairbhe air bith anns an fheòil: na briathran a tha mise a’ labhairt ribh, is spiorad agus is beatha iad. Ach tha cuid dhibhse nach eil a’ creidsinn. (Oir b’aithne do Iosa o thùs cò iad nach robh a’ creidsinn, agus cò an tì a bhrathadh e.) Agus thubhairt e, Air an adhbhar sin thubhairt mi ribh, nach urrainn neach air bith teachd am ionnsaigh, mura bi e air a thoirt dha om Athair. On àm sin chaidh mòran de a dheisciobail air an ais, agus cha d’imich iad nas mò maille ris. An sin thubhairt Iosa ris an dà‑fhear‐dheug, An àill leibhse falbh cuideachd? An sin fhreagair Sìmon Peadar e, A Thighearna, cò a dh’ionnsaigh an tèid sinn? Agadsa tha briathran na beatha maireannaich. Agus tha sinne a’ creidsinn, agus tha fhios againn gur tusa Crìosd, Mac an Dè bheò. Fhreagair Iosa iad, Nach do thagh mise sibhse dà‑fhear‐dheug, agus tha fear agaibh na dhiabhal? Ach labhair e mu Iùdas Iscariot, mac Shìmoin: oir is e seo an tì a bha gu esan a bhrath, air dha a bhith na aon den dà‑fhear‐dheug. Agus an dèidh nan nithean sin, bha Iosa ag imeachd mun cuairt ann an Galile: oir cha b’àill leis a bhith ag imeachd ann an Iudèa, a chionn gu robh na h‑Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh. Agus bha fèill nan Iùdhach, eadhon fèill nam pàillean, am fagas. Uime sin thubhairt a bhràithrean ris, Imich as a seo agus rach do Iudèa, a‑chum gum faic do dheisciobail mar an ceudna d’obraichean a tha thu a’ dèanamh. Oir cha dèan neach air bith aon nì am falach, a dh’iarras e fhèin a bhith am follais: ma tha thu a’ dèanamh nan nithean seo, nochd thu fhèin don t‑saoghal. Oir cha do chreid a bhràithrean fhèin ann. An sin thubhairt Iosa riu, Cha tàinig m’àm‑sa fhathast; ach tha ur n‑àm‑se a‑ghnàth deas. Chan eil e an comas don t‑saoghal sibhse fhuathachadh; ach fuathaichidh e mise, do bhrìgh gu bheil mi a’ toirt fianais ma thimcheall, gu bheil a obraichean olc. Rachaibh‐se suas a‑chum na fèille seo: cha tèid mise suas fhathast a‑chum na fèille seo, do bhrìgh nach eil m’àm fhathast air a choileanadh. Nuair a thubhairt e na nithean seo riu, dh’fhan e ann an Galile. Ach nuair a chaidh a bhràithrean suas, an sin chaidh esan suas mar an ceudna a‑chum na fèille, chan ann am follais, ach mar gum b’ann an uaigneas. An sin dh’iarr na h‑Iùdhaich e air an fhèill, agus thubhairt iad, Càit a bheil e? Agus bha borbhan mòr am measg an t‑sluaigh ma thimcheall: oir thubhairt cuid, Is duine math e: ach thubhairt cuid eile, Chan eadh; ach tha e a’ mealladh an t‑sluaigh. Gidheadh cha do labhair neach sam bith gu follaiseach uime, air eagal nan Iùdhach. A‑nis mu mheadhon na fèille, chaidh Iosa suas don teampall, agus theagaisg e. Agus ghabh na h‑Iùdhaich iongantas, ag ràdh, Cionnas as aithne don duine seo litrichean, agus nach d’fhòghlaim e? Fhreagair Iosa iad, agus thubhairt e, Cha leam fhèin mo theagasg, ach leis‐san a chuir uaithe mi. Mas àill le neach sam bith a thoil‐san a dhèanamh, bidh fios aige mun teagasg, an ann o Dhia a tha e, no a bheil mise a’ labhairt uam fhèin. An tì a labhras uaithe fhèin, tha e ag iarraidh a ghlòire fhèin: ach ge bè a dh’iarras glòir an tì a chuir uaithe e, tha esan fìrinneach, agus chan eil eucoir air bith ann. Nach tug Maois an lagh dhuibh, agus gidheadh chan eil aon neach agaibh a’ coileanadh an lagha? Carson a tha sibh ag iarraidh mise a mharbhadh? Fhreagair an sluagh agus thubhairt iad, Tha deamhan agad: cò a tha ag iarraidh do mharbhadh? Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Rinn mise aon obair, agus tha iongantas oirbh uile air an adhbhar sin. Thug Maois dhuibh an timcheall‐ghearradh (chan e gur ann o Mhaois a tha e, ach o na h‑athraichean ), agus timcheall‐ghearraidh sibhse duine air an t‑sàbaid. Ma tha duine air an t‑sàbaid a’ gabhail timcheall‐ghearraidh, a‑chum nach bi lagh Mhaois air a briseadh, a bheil fearg agaibh riumsa, a chionn gun do rinn mi duine gu h‑iomlan slàn air an t‑sàbaid? Na tugaibh breith a rèir coslais, ach thugaibh breith cheart. An sin thubhairt cuid de mhuinntir Ierusaleim, Nach e seo esan a tha iad ag iarraidh a mharbhadh? Agus, feuch, tha e a’ labhairt gu follaiseach, agus chan eil iad ag ràdh nì sam bith ris: a bheil dearbh‐fhios aig na h‑uachdarain gur e seo da‑rìribh Crìosd? Gidheadh is aithne dhuinn an duine seo, cia as dha: ach nuair a thig Crìosd, chan aithne do neach air bith cia as dha. An sin ghlaodh Iosa anns an teampall, agus e a’ teagasg, ag ràdh, Is aithne dhuibh araon mise, agus cia as dhomh: agus cha tàinig mi uam fhèin, ach tha esan fìor a chuir uaithe mi, air nach eil eòlas agaibhse. Ach tha eòlas agamsa air; oir is ann uaithe a tha mi, agus chuir esan uaithe mi. An sin dh’iarr iad a ghlacadh: ach cha do chuir neach air bith làmh ann, a chionn nach robh a uair fhathast air teachd. Agus chreid mòran den t‑sluagh ann, agus thubhairt iad, Nuair a thig Crìosd, an dèan e nas mò de mhìorbhailean na iad sin a rinn an duine seo? Chuala na Pharasaich gu robh an sluagh a’ borbhanaich nan nithean seo ma thimcheall: agus chuir na Pharasaich agus na h‑àrd‐shagartan maoir ga ghlacadh. An sin thubhairt Iosa, Fhathast tamall beag tha mise maille ribh, agus an sin tha mi a’ dol a‑chum an tì a chuir uaithe mi. Iarraidh sibh mi, agus chan fhaigh sibh mi: agus don àite anns am bi mi, chan urrainn sibhse teachd. An sin thubhairt na h‑Iùdhaich eatorra fhèin, Càit an tèid am fear seo, nach faigh sinn e? An tèid e a‑chum na muinntir a tha air an sgapadh am measg nan Greugach, agus an teagaisg e na Greugaich? Ciod i a’ chainnt seo a thubhairt e, Iarraidh sibh mi, agus chan fhaigh sibh mi: agus don àite anns a bheil mise, chan urrainn sibhse teachd? Air an là dheireannach, là mòr sin na fèille, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e am ionnsaigh‐sa, agus òladh e. An tì a chreideas annamsa, mar a tha an sgriobtar ag ràdh, sruthaidh as a bhroinn aibhnichean de uisge beò. (Ach labhair e seo mun Spiorad, a bha iadsan a chreideadh annsan gu fhaghail: oir cha robh an Spiorad fhathast air a thabhairt, do bhrìgh nach robh Iosa fhathast air a ghlòrachadh.) Uime sin, nuair a chuala mòran den t‑sluagh a’ chainnt seo, thubhairt iad, Gu fìrinneach is e seo am Fàidh. Thubhairt cuid eile, Is e seo Crìosd. Ach thubhairt dream eile, An ann o Ghalile a thig Crìosd? Nach dubhairt an sgriobtar gun tig Crìosd de shìol Dhaibhidh, agus à Betlehem, am baile anns an robh Daibhidh? Air an adhbhar sin dh’èirich eas‐aonachd am measg an t‑sluaigh air a shon‐san. Agus b’àill le cuid dhiubh a ghlacadh; ach cha do chuir duine air bith làmh ann. An sin thàinig na maoir a‑chum nan ard‐shagart agus nam Pharasach; agus thubhairt iadsan riu, Carson nach tug sibh leibh e? Fhreagair na maoir, Cha do labhair duine riamh mar an duine seo. An sin fhreagair na Pharasaich iad, A bheil sibhse mar an ceudna air ur mealladh? An do chreid aon air bith de na h‑uachdarain ann, no de na Pharasaich? Ach an sluagh seo aig nach eil eòlas an lagha, tha iad mallaichte. Thubhairt Nicodèmus riu (esan a thàinig da ionnsaigh anns an oidhche, air dha a bhith na aon dhiubh), A bheil ar lagh‐ne a’ toirt breith air duine sam bith gus an cluinn e uaithe fhèin an toiseach, agus gus am bi fhios aige ciod a tha e a’ dèanamh? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, A bheil thusa mar an ceudna o Ghalile? Rannsaich, agus faic: oir à Galile cha d’èirich fàidh. Agus dh’imich gach aon da thaigh fhèin. Ach chaidh Iosa a‑chum Sliabh nan Crann‐ola: Agus gu moch air mhadainn thàinig e a‑rìs don teampall, agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh; agus air suidhe dha, theagaisg e iad. Agus thug na sgrìobhaichean agus na Pharasaich bean da ionnsaigh a ghlacadh ann an adhaltranas; agus air dhaibh a cur anns a’ mheadhon, Thubhairt iad ris, A Mhaighistir, ghlacadh a’ bhean seo anns an dearbh ghnìomh, a’ dèanamh adhaltranais. A‑nis dh’àithn Maois dhuinn anns an lagh a leithid‐se a chlachadh: ciod mas eadh a tha thusa ag ràdh? Thubhairt iad seo ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh aca cùis‐chasaid na aghaidh. Ach chrom Iosa sìos, agus sgrìobh e le a mheur air an làr (mar nach biodh e gan cluinntinn). Mar sin air dhaibh buanachadh a’ feòraich dheth, thog e e fhèin suas agus thubhairt e riu, An neach a tha gun pheacadh agaibhse, tilgeadh e a’ chiad chlach oirre. Agus chrom e sìos a‑rìs agus sgrìobh e air an làr. Agus nuair a chuala iadsan seo (air dhaibh a bhith air an agairt len cogais fhèin ), chaidh iad a‑mach an dèidh a chèile, a’ tòiseachadh aig an dream a bu shine, gus an dream mu dheireadh: agus dh’fhàgadh na aonar Iosa, agus a’ bhean na seasamh anns a’ mheadhon. Agus nuair a dh’èirich Iosa suas, agus nach faca e aon air bith ach a’ bhean, thubhairt e rithe, A bhean, càit a bheil iad siud do luchd‐casaid? An do dhìt duine air bith thu? Thubhairt ise, Cha do dhìt aon duine, a Thighearna. Agus thubhairt Iosa rithe, Cha mhò a tha mise gad dhìteadh: imich romhad, agus na peacaich nas mò. An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige. Uime sin thubhairt na Pharasaich ris, Tha thu a’ toirt fianais mud thimcheall fhèin; chan eil d’fhianais fìor. Fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Ged a tha mi a’ toirt fianais mum thimcheall fhèin, gidheadh tha m’fhianais fìor: oir tha fhios agam cia as a thàinig mi, agus càit a bheil mi a’ dol; ach chan eil fhios agaibhse cia as a thàinig mi, no càit a bheil mi a’ dol. Tha sibhse a’ toirt breith a rèir na feòla; chan eil mise a’ toirt breith air duine sam bith. Agus gidheadh ma bheir mise breith, tha mo bhreith fìrinneach: oir chan eil mi am aonar, ach mise agus an t‑Athair a chuir uaithe mi. Agus tha e sgrìobhte nur lagh fhèin gu bheil fianais dithis dhaoine fìor. Is aon mise a tha a’ dèanamh fianais mum thimcheall fhèin, agus tha an t‑Athair, a chuir uaithe mi, a’ dèanamh fianais mum thimcheall. An sin thubhairt iad ris, Càit a bheil d’Athair? Fhreagair Iosa, Chan aithne dhuibhse aon chuid mise no m’Athair: nam biodh eòlas agaibh ormsa, bhiodh eòlas agaibh air m’Athair mar an ceudna. Labhair Iosa na briathran seo ann an taigh‐coimhead an ionmhais, a’ teagasg dha anns an teampall: agus cha do chuir duine air bith làmh ann; oir cha robh a uair fhathast air teachd. An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Tha mise a’ falbh, agus iarraidh sibh mi, agus bàsaichidh sibh nur peacadh; chan urrainn sibhse teachd don àite dom bheil mise a’ dol. An sin thubhairt na h‑Iùdhaich, Am marbh e e fhèin? Do bhrìgh gu bheil e ag ràdh, Far a bheil mise a’ dol, chan urrainn sibhse teachd. Agus thubhairt e riu, Tha sibhse o shìos, tha mise o shuas: tha sibhse den t‑saoghal seo, chan eil mise den t‑saoghal seo. Uime sin thubhairt mi ribh gum bàsaich sibh nur peacaidhean: oir mura creid sibh gur mise e, gheibh sibh bàs nur peacaidhean. An sin thubhairt iad ris, Cò thusa? Agus thubhairt Iosa riu, An neach sin fhèin a thubhairt mi ribh o thùs. Tha mòran agam ri ràdh agus ri bhreithneachadh mur timcheall‐se: ach tha an tì a chuir uaithe mi fìrinneach; agus tha mise a’ labhairt ris an t‑saoghal nan nithean a chuala mi uaithesan. Cha do thuig iad gum b’ann mu thimcheall an Athar a labhair e riu. An sin thubhairt Iosa riu, Nuair a thogas sibh suas Mac an Duine, an sin bidh fhios agaibh gur mise e, agus nach eil mi a’ dèanamh nì sam bith uam fhèin; ach mar a theagaisg m’Athair mi, gu bheil mi a’ labhairt nan nithean seo. Agus tha an tì a chuir uaithe mi maille rium: cha d’fhàg an t‑Athair am aonar mi, do bhrìgh gu bheil mi a’ dèanamh a‑ghnàth nan nithean sin as taitneach leis. Nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo, chreid mòran ann. An sin thubhairt Iosa ris an h‑Iùdhaich a chreid ann, Ma bhuanaicheas sibh ann am fhacal‐sa, bidh sibh da‑rìribh nur deisciobail agam; Agus bidh eòlas agaibh air an fhìrinn, agus nì an fhìrinn saor sibh. Fhreagair iad e, Is sinne sliochd Abrahàim, agus cha robh sinn riamh fo dhaorsa aig duine sam bith: cionnas a tha thusa ag ràdh, bidh sibh saor? Fhreagair Iosa iad, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè a nì peacadh, is seirbhiseach don pheacadh e. Agus chan fhan an seirbhiseach anns an taigh gu bràth: ach fanaidh am mac gu bràth. Uime sin ma nì am Mac saor sibh, bidh sibh saor da‑rìribh. Tha fhios agam gur sibh sliochd Abrahàim; ach tha sibh ag iarraidh mise a mharbhadh, do bhrìgh nach eil àite aig m’fhacal annaibh. Tha mise a’ labhairt an nì sin a chunnaic mi aig m’Athair; agus tha sibhse a’ dèanamh an nì a chunnaic sibh aig ur n‑athair fhèin, Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Is e Abrahàm ar n‑athair‐ne. Thubhairt Iosa riu, Nam bu chlann do Abrahàm sibh, dhèanadh sibh obraichean Abrahàim. Ach a‑nis tha sibh ag iarraidh mise a mharbhadh, duine a dh’innis dhuibh an fhìrinn, a chuala mi o Dhia: cha do rinn Abrahàm seo. Tha sibhse a’ dèanamh obraichean ur n‑athar fhèin. An sin thubhairt iad ris, Cha do rugadh ann an strìopachas sinne; tha aon Athair againn, eadhon Dia. An sin thubhairt Iosa riu, Nam bè Dia ur n‑athair, ghràdhaicheadh sibh mise: oir chaidh mise a‑mach, agus thàinig mi o Dhia; agus cha tàinig mi uam fhèin, ach chuir esan uaithe mi. Carson nach eil sibh a’ tuigsinn mo chòmhraidh? Do bhrìgh nach urrainn sibh èisdeachd rim fhacal. Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana‐miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige. Agus do bhrìgh gu bheil mise ag innse na fìrinn, chan eil sibh gam chreidsinn. Cò agaibhse a chuireas peacadh as mo leth‐sa? Agus ma tha mi ag innse na fìrinn, carson nach eil sibh gam chreidsinn? An tì a tha o Dhia, èisdidh e ri briathran Dhè: uime sin chan eil sibhse ag èisdeachd, a chionn nach ann o Dhia a tha sibh. An sin fhreagair na h‑Iùdhaich, agus thubhairt iad ris, Nach math a thubhairt sinn gur Samaritanach thu, agus gu bheil deamhan agad? Fhreagair Iosa, Chan eil deamhan agam; ach tha mi a’ toirt urraim dom Athair, agus tha sibhse a’ toirt eas‐urraim dhòmhsa. Agus chan eil mi ag iarraidh mo ghlòire fhèin: tha neach a tha ag iarraidh agus a’ toirt breith. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ma choimheadas neach m’fhacal‐sa, chan fhaic e bàs am feasd. An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, A‑nis tha fhios againn gu bheil deamhan agad. Fhuair Abrahàm bàs, agus na fàidhean; gidheadh tha thusa ag ràdh, Ma choimheadas duine m’fhacal‐sa, cha bhlais e bàs am feasd. Am mò thusa na ar n‑athair Abrahàm, a fhuair bàs? Agus fhuair na fàidhean bàs: cò a tha thu a’ dèanamh dhìot fhèin? Fhreagair Iosa, Ma tha mi a’ toirt glòire dhomh fhèin, chan eil ach neoni ann am ghlòir: is e m’Athair a tha a’ toirt glòire dhomh, neach a tha sibhse ag ràdh gur e ur Dia e: Gidheadh cha do ghabh sibh eòlas air; ach tha eòlas agamsa air: agus nan abrainn nach aithne dhomh e, bhithinn cosmhail ribhse ann am bhreugaire: ach is aithne dhomh e, agus tha mi a’ coimhead a fhacail. Bha dèidh mhòr aig Abrahàm ur n‑athair‐se air mo là‑sa fhaicinn: agus chunnaic e e, agus rinn e gàirdeachas. An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, Chan eil thu fhathast leth‐cheud bliadhna a dh’aois, agus am faca tu Abrahàm? Thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Mun robh Abrahàm ann, tha mise. An sin thog iadsan clachan a‑chum an tilgeadh air: ach dh’fhalaich Iosa e fhèin, agus chaidh e a‑mach as an teampall, a’ dol tro am meadhon, agus mar sin chaidh e seachad. Agus nuair a ghabh Iosa seachad, chunnaic e duine a bha dall o rugadh e. Agus dh’fheòraich a dheisciobail dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cò a pheacaich, an duine seo, no a phàrantan, gun do rugadh dall e? Fhreagair Iosa, Cha do pheacaich aon chuid an duine seo, no a phàrantan: ach a‑chum gum foillsichte obraichean Dhè ann. Is èiginn dhòmhsa obraichean an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, am feadh is là e: tha an oidhche a’ teachd, nuair nach urrainn aon duine obair a dhèanamh. Am feadh tha mise anns an t‑saoghal, is mi solas an t‑saoghail. Nuair a thubhairt e na nithean seo, chuir e sile air an talamh, agus rinn e criadh den t‑sile, agus sgaoil e a’ chriadh air sùilean an doill. Agus thubhairt e ris, Imich, ionnlaid ann an lochan Shilòaim (is e sin air eadar‐theangachadh, Air a chur). Uime sin dh’imich e, agus dh’ionnlaid e, agus thàinig e a’ faicinn. Uime sin thubhairt na coimhearsnaich, agus iadsan a chunnaic dall e roimhe sin, Nach e seo esan a bha na shuidhe ag iarraidh na dèirce? Thubhairt cuid, Is e seo e; cuid eile, Tha e cosmhail ris: thubhairt e fhèin, Is mi e. Air an adhbhar sin thubhairt iad ris, Cionnas a dh’fhosgladh do shùilean? Fhreagair esan agus thubhairt e, Rinn duine don ainm Iosa criadh, agus sgaoil e air mo shùilean i, agus thubhairt e rium, Imich gu lochan Shilòaim, agus ionnlaid: agus dh’imich mi agus dh’ionnlaid mi, agus fhuair mi mo fhradharc. An sin thubhairt iad ris, Càit a bheil e? Thubhairt esan, Chan aithne dhomh. Thug iad a‑chum nam Pharasach esan a bha roimhe dall. Agus b’i an t‑sàbaid a bha ann nuair a rinn Iosa a’ chriadh, agus a dh’fhosgail e shùilean. An sin a‑rìs dh’fheòraich na Pharasaich dheth mar an ceudna cionnas a fhuair e a fhradharc. Agus thubhairt esan riu, Chuir e criadh air mo shùilean, agus dh’ionnlaid mi, agus tha mi a’ faicinn. Uime sin thubhairt cuid de na Pharasaich, Chan eil an duine seo o Dhia, do bhrìgh nach eil e a’ gleidheadh na sàbaid. Thubhairt cuid eile, Cionnas a dh’fhaodas duine a tha na pheacach a leithid seo de mhìorbhailean a dhèanamh? Agus bha eas‐aonachd nam measg. Thubhairt iad a‑rìs ris an duine dhall, Ciod a tha thusa ag ràdh uime a‑thaobh gun d’fhosgail e do shùilean? Agus thubhairt esan, Is fàidh e. Ach cha do chreid na h‑Iùdhaich ma thimcheall, gu robh e dall, agus gun d’fhuair e a fhradharc, gus an do ghairm iad pàrantan an tì a fhuair a fhradharc. Agus dh’fheòraich iad dhiubh, ag ràdh, An e seo ur mac‐se, a tha sibh ag ràdh a rugadh dall? Cionnas mas eadh a tha e a‑nis a’ faicinn? Fhreagair a phàrantan iad agus thubhairt iad, Tha fhios againn gur e seo ar mac, agus gun do rugadh dall e: Ach cionnas a tha e nis a’ faicinn, chan eil fhios againn; no cò a dh’fhosgail a shùilean, chan aithne dhuinn: tha e fhèin air teachd gu aois, feòraichibh dheth, labhraidh e air a shon fhèin. Thubhairt a phàrantan na briathran seo, a chionn gu robh eagal nan Iùdhach orra; oir shuidhich na h‑Iùdhaich cheana eatorra fhèin, nan aidicheadh duine sam bith gum b’esan Crìosd, gun rachadh a chur as an t‑sionagog. Air an adhbhar sin thubhairt a phàrantan, Tha e air teachd gu aois, feòraichibh dheth fhèin. Air an adhbhar sin ghairm iad an dara uair an duine a bha dall, agus thubhairt iad ris, Thoir glòir do Dhia: tha fhios againn gur peacach an duine seo. An sin fhreagair esan agus thubhairt e, Am peacach e chan aithne dhomh: air aon nì tha fhios agam, air dhomh a bhith dall, gu bheil mi a‑nis a’ faicinn. Ach thubhairt iad ris a‑rìs, Ciod a rinn e dhut? Cionnas a dh’fhosgail e do shùilean? Fhreagair e iad, Dh’innis mi dhuibh cheana, agus cha d’èisd sibh; carson a b’àill leibh a chluinntinn a‑rìs? A bheil a’ mhiann oirbhse a bhith nur deisciobail aige mar an ceudna? An sin chàin iad e, agus thubhairt iad, Is tusa a dheisciobal; ach is sinne deisciobail Mhaois. Tha fhios againn gun do labhair Dia ri Maois: ach mu thimcheall an fhir seo, chan eil fhios againn cia as dha. Fhreagair an duine agus thubhairt e riu, An seo tha nì iongantach, nach eil fhios agaibh cia as dha, agus gun d’fhosgail e mo shùilean; Ach tha fhios againn nach èisd Dia ri peacaich: ach ma tha neach air bith na fhear‐adhraidh do Dhia, agus a’ dèanamh a thoile, ris‐san èisdidh e. O thoiseach an t‑saoghail cha chualas gun d’fhosgail aon neach sùilean duine a rugadh dall. Mura biodh an duine seo o Dhia, cha b’urrainn e nì sam bith a dhèanamh. Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Rugadh thusa uile ann am peacaidhean, agus a bheil thu gar teagasg‐ne? Agus thilg iad a‑mach e. Chuala Iosa gun do thilg iad a‑mach e: agus air dha a fhaotainn, thubhairt e ris, A bheil thu a’ creidsinn ann am Mac Dhè? Fhreagair esan agus thubhairt e, Cò e, a Thighearna, a‑chum gun creid mi ann? Agus thubhairt Iosa ris, Chunnaic thu araon e, agus an tì a tha a’ labhairt riut, is esan e. Agus thubhairt esan, Tha mi a’ creidsinn, a Thighearna. Agus rinn e adhradh dha. Agus thubhairt Iosa, Is ann a‑chum breitheanais a thàinig mise a‑chum an t‑saoghail seo, a‑chum iadsan nach eil a’ faicinn, gum faiceadh iad; agus gum biodh iadsan a tha a’ faicinn, air an dèanamh dall. Agus chuala cuid de na Pharasaich, a bha maille ris, na nithean seo, agus thubhairt iad ris, A bheil sinne dall mar an ceudna? Thubhairt Iosa riu, Nam biodh sibh dall, cha bhiodh peacadh agaibh ach a‑nis tha sibh ag ràdh, Is lèir dhuinn; uime sin tha ur peacadh a’ fantainn. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, An tì nach tèid a‑steach tron doras do chrò nan caorach, ach a thèid suas air sheòl eile, is gadaiche agus fear‐reubainn e. Ach an tì a thèid a‑steach air an doras, is esan buachaille nan caorach. Dhàsan fosglaidh an dorsair; agus èisdidh na caoraich ra ghuth: agus gairmidh e a chaoraich fhèin air an ainm, agus treòraichidh e a‑mach iad. Agus nuair a chuireas e a‑mach a chaoraich fhèin, imichidh e romhpa, agus leanaidh na caoraich e: oir is aithne dhaibh a ghuth. Agus cha lean iad coigreach, ach teichidh iad uaithe, do bhrìgh nach aithne dhaibh guth choigreach. An cosamhlachd seo labhair Iosa riu: ach cha do thuig iadsan ciod iad na nithean a labhair e riu. An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur mise doras nan caorach. Iadsan uile a thàinig romhamsa, is gadaichean agus luchd‐reubainn iad: ach cha d’èisd na caoraich riu. Is mise an doras: ma thèid neach air bith a‑steach tromhamsa, tèarnar e, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh. Cha tig an gadaiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thàinig mise a‑chum gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca nas pailte. Is mise am buachaille math: leigidh am buachaille math a anam sìos airson nan caorach. Ach am fear‐tuarasdail, agus an tì nach e am buachaille, agus nach leis fhèin na caoraich, chì e am madadh‐allaidh a’ teachd, agus fàgaidh e na caoraich, agus teichidh e: agus glacaidh am madadh‐allaidh iad, agus sgapaidh e na caoraich. Ach teichidh am fear‐tuarasdail, a chionn gur fear‐tuarasdail e, agus nach eil suim aige de na caoraich. Is mise am buachaille math, agus is aithne dhomh mo chaoraich fhèin, agus aithnichear lem chaoraich fhèin mi. Mar as aithne don Athair mise, mar sin is aithne dhòmhsa an t‑Athair: agus tha mi leigeadh m’anama sìos airson nan caorach. Agus tha caoraich eile agam, nach eil den chrò seo: is èiginn dhomh iad sin mar an ceudna a thoirt a‑steach, agus èisdidh iad rim ghuth; agus bidh aon treud ann, agus aon bhuachaille. Air an adhbhar seo is ionmhainn leis an Athair mise, airson gun leig mi sìos m’anam, a‑chum gun glac mi e a‑rìs. Chan eil neach air bith ga thoirt uam, ach tha mi ga leigeadh sìos uam fhèin: tha cumhachd agam a leigeadh sìos, agus tha cumhachd agam a ghlacadh a‑rìs. An àithne seo fhuair mi om Athair. Air an adhbhar sin, dh’èirich eas‐aonachd a‑rìs am measg nan Iùdhach airson nam briathran seo. Agus thubhairt mòran dhiubh, Tha deamhan aige, agus tha e air bhoil; carson a tha sibh ag èisdeachd ris? Thubhairt cuid eile, Chan iad seo briathran duine anns a bheil deamhan; a bheil deamhan comasach air sùilean nan dall fhosgladh? Agus bha fèill‐chuimhne an ath‐choisrigidh ann an Ierusalem, agus b’e an geamhradh a bha ann. Agus bha Iosa a’ sràideamachd anns an teampall ann an sgàth‐thaigh Sholaimh. An sin chruinnich na h‑Iùdhaich ma thimcheall, agus thubhairt iad ris, Cia fhad a chumas tu ar n‑anaman ann an amharas? Mas tu Crìosd, innis dhuinn gu follaiseach. Fhreagair Iosa iad, Dh’innis mi dhuibh, agus cha do chreid sibh: na h‑obraichean a tha mi a’ dèanamh ann an ainm m’Athar, tha iad sin a’ toirt fianais mum thimcheall. Ach chan eil sibhse a’ creidsinn; oir chan ann dem chaoraich sibh, mar a thubhairt mi ribh. Tha mo chaoraich‐sa ag èisdeachd rim ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus leanaidh iad mi: Agus bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh; agus cha sgriosar iad am feasd, cha mhò a spìonas neach air bith as mo làimh iad. M’Athair a thug dhòmhsa iad, is mò e na na h‑uile; agus chan urrainn neach air bith an spìonadh à làimh m’Athar. Mise agus an t‑Athair, is aon sinn. Uime sin thog na h‑Iùdhaich clachan a‑rìs a‑chum a chlachadh. Fhreagair Iosa iad, Nochd mi dhuibh mòran obraichean matha om Athair; cia de na h‑obraichean sin airson a bheil sibh gam chlachadh? Fhreagair na h‑Iùdhaich e, ag ràdh, Airson obraichean matha chan eil sinn gad chlachadh; ach airson toibheim, agus airson, air a bhith dhutsa ad dhuine, gu bheil thu a’ dèanamh Dè dhìot fhèin. Fhreagair Iosa iad, Nach eil e sgrìobhte nur lagh‐sa, Thubhairt mi, Is diathan sibh? Ma thubhairt e diathan riùsan, a dh’ionnsaigh an tàinig facal Dhè, agus nach faodar an sgriobtar a bhriseadh; An abair sibh ris‐san, a naomhaich an t‑Athair, agus a chuir e a‑chum an t‑saoghail, Tha thu a’ labhairt toibheim; airson gun dubhairt mi, Is mi Mac Dhè? Mura dèan mi obraichean m’Athar, na creidibh mi. Ach ma nì, ged nach creid sibh mise, creidibh na h‑obraichean, a‑chum gum bi fhios agaibh, agus gun creid sibh gu bheil an t‑Athair annamsa, agus mise annsan. Uime sin dh’iarr iad a‑rìs a ghlacadh: ach chaidh e as an làimh. Agus chaidh e a‑rìs gus an taobh thall de Iòrdan, don ionad anns an robh Eòin air tùs ri baisteadh; agus rinn e còmhnaidh an sin. Agus thàinig mòran da ionnsaigh, agus thubhairt iad, Cha do rinn Eòin aon mhìorbhail: ach bha na h‑uile nithean a thubhairt Eòin mun duine seo fìor. Agus chreid mòran anns an àite sin ann. A‑nis bha duine àraidh gu tinn, dom b’ainm Làsaras o Bhetani, baile Mhuire agus Mharta a piuthar. (B’i a’ Mhuire sin a dh’ung an Tighearna le ola luachmhoir, agus a thiormaich a chasan le a falt, aig an robh a bràthair Làsaras gu tinn.) Uime sin chuir a pheathraichean fios da ionnsaigh, ag ràdh, A Thighearna, feuch, tha an tì as ionmhainn leat tinn. Nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e, Chan eil an tinneas seo a‑chum bàis, ach a‑chum glòir Dhè, a‑chum gum bi Mac Dhè air a ghlòrachadh da thaobh. A‑nis b’ionmhainn le Iosa Marta, agus a piuthar, agus Làsaras. Uime sin nuair a chuala e gu robh esan tinn, dh’fhan e fhathast dà là anns an ionad anns an robh e. Na dhèidh sin thubhairt e ra dheisciobail, Rachamaid a‑rìs do Iudèa. Thubhairt a dheisciobail ris, A Mhaighistir, a‑nis dh’iarr na h‑Iùdhaich do chlachadh; agus a bheil thu a’ dol a‑rìs an sin? Fhreagair Iosa, Nach eil dà‑uair‐dheug anns an là? Ma dh’imicheas duine anns an là, cha tuislich e, oir tha e a’ faicinn solas an t‑saoghail seo: Ach ma dh’imicheas duine anns an oidhche, tuislichidh e, do bhrìgh nach eil an solas ann. Na nithean seo labhair e: agus na dhèidh sin thubhairt e riu, Tha ar caraid Làsaras na chadal: ach tha mise a’ dol a‑chum gun dùisg mi as a chadal e. An sin thubhairt a dheisciobail, A Thighearna, ma tha e na chadal, bidh e slàn. Gidheadh labhair Iosa ma bhàs: ach shaoil iadsan gun do labhair e mu thimcheall fois cadail. An sin thubhairt Iosa riu gu soilleir, Fhuair Làsaras bàs. Agus tha mi subhach air ur son‐se nach robh mi an sin, a‑chum gun creid sibh; ach rachamaid da ionnsaigh. An sin thubhairt Tòmas, ris an abrar Didimus, ra cho‐dheisciobail, Rachamaid‐ne mar an ceudna, a‑chum gum faigh sinn bàs maille ris. An sin nuair a thàinig Iosa, fhuair e e an dèidh dha a bhith cheana ceithir làithean anns an uaigh. (A‑nis bha Betani fagas do Ierusalem, mu thimcheall còig‐stàidean‐deug uaithe.) Agus thàinig mòran de na h‑Iùdhaich a‑chum Mharta agus Mhuire, gu comhfhurtachd a thoirt dhaibh a‑thaobh am bràthar. An sin nuair a chuala Marta gu robh Iosa a’ teachd, chaidh i na chòdhail: ach shuidh Muire anns an taigh. An sin thubhairt Marta ri Iosa, A Thighearna, nam biodh tusa an seo, chan fhaigheadh mo bhràthair bàs. Ach tha fhios agam a‑nis fhèin, ge bè air bith nithean a dh’iarras tu air Dia, gun toir Dia dhut iad. Thubhairt Iosa rithe, Eiridh do bhràthair a‑rìs. Thubhairt Marta ris, Tha fhios agam gun èirich e a‑rìs anns an aiseirigh air an là dheireannach. Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò: Agus ge bè neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd. A bheil thu a’ creidsinn seo? Thubhairt i ris, Tha, a Thighearna: tha mi a’ creidsinn gur tusa Crìosd, Mac Dhè, a bha gu teachd a‑chum an t‑saoghail. Agus air dha na nithean seo a ràdh, dh’fhalbh i, agus ghairm i a piuthar Muire ann an uaigneas, ag ràdh, Thàinig am Maighistir, agus tha e gad ghairm. Nuair a chuala ise sin, dh’èirich i gu grad, agus thàinig i da ionnsaigh. A‑nis cha robh Iosa fhathast air teachd don bhaile, ach bha e anns an àite anns an do choinnich Marta e. An sin na h‑Iùdhaich a bha maille rithe anns an taigh, agus a’ toirt comhfhurtachd dhi, nuair a chunnaic iad Muire, gun d’èirich i gu grad, agus gun deachaidh i a‑mach, lean iad i, ag ràdh, Tha i a’ dol a‑chum na h‑uaighe, a chaoineadh an sin. An sin nuair a thàinig Muire don àite anns an robh Iosa, agus a chunnaic i e, thuit i aig a chasan, ag ràdh ris, A Thighearna, nam biodh tusa an seo, chan fhaigheadh mo bhràthair bàs. Uime sin nuair a chunnaic Iosa i a’ gul, agus na h‑Iùdhaich a thàinig maille rithe a’ gul mar an ceudna, rinn e osna na spiorad, agus chuir e e fhèin fo àmhghar. Agus thubhairt e, Càit an do chuir sibh e? Thubhairt iad ris, A Thighearna, thig agus faic. Ghuil Iosa. An sin thubhairt na h‑Iùdhaich, Feuch cionnas a ghràdhaich e e! Agus thubhairt cuid dhiubh, Nach faodadh an duine seo a dh’fhosgail sùilean an doill, a thoirt fa‑near nach faigheadh eadhon am fear seo bàs? Uime sin thàinig Iosa, ag osnaich a‑rìs ann fhèin, a‑chum na h‑uaighe. Agus b’uamh i, agus bha clach air a cur oirre. Thubhairt Iosa, Togaibh a’ chlach. Thubhairt Marta, piuthar an duine mhairbh, ris, A Thighearna, tha a‑nis droch bholadh dheth; oir is e seo an ceathramh là. Thubhairt Iosa rithe, Nach dubhairt mi riut, ma chreideas tu, gum faic thu glòir Dhè? An sin thog iad a’ chlach (on àit anns an robh an duine marbh air a chur). Agus thog Iosa suas a shùilean, agus thubhairt e, Athair, tha mi a’ toirt buidheachais dhut, gun d’èisd thu rium. Agus bha fhios agam gu bheil thu ag èisdeachd rium a‑ghnàth: ach thubhairt mi e airson an t‑sluaigh a tha nan seasamh mum thimcheall, a‑chum gun creid iad gun do chuir thusa uat mi. Agus nuair a labhair e na nithean seo, ghlaodh e le guth mòr, A Làsarais, thig a‑mach. Agus thàinig esan a bha marbh a‑mach, agus a chasan agus a làmhan ceangailte leis an aodach‐mhairbh: agus bha a aghaidh ceangailte mun cuairt le nèapaigin. Thubhairt Iosa riu, Fuasglaibh e, agus leigibh leis imeachd. An sin chreid mòran de na h‑Iùdhaich ann, a thàinig a‑chum Mhuire, agus a chunnaic na nithean a rinn Iosa. Ach dh’fhalbh cuid a‑chum nam Pharasach, agus dh’innis iad dhaibh na nithean a rinn Iosa. An sin chruinnich na h‑àrd‐shagartan agus na Pharasaich comhairle, agus thubhairt iad, Ciod tha sinn a’ dèanamh? Oir tha an duine seo a’ dèanamh mòran mhìorbhailean. Ma leigeas sinn leis air an dòigh seo, creididh na h‑uile dhaoine ann; agus thig na Ròmanaich, agus sgriosaidh iad ar n‑àite, agus ar cinneach. An sin thubhairt fear àraidh dhiubh dom b’ainm Caiaphas, air dha a bhith na àrd‐shagart air a’ bhliadhna sin, riu, Chan aithne dhuibh nì sam bith. Cha mhò a tha sibh a’ toirt fa‑near gur iomchaidh dhuinne gum faigheadh aon duine bàs airson an t‑sluaigh, agus nach biodh an cinneach uile air a sgrios. Ach cha b’ann uaithe fhèin a labhair e seo: ach air dha a bhith na àrd‐shagart air a’ bhliadhna sin, rinn e fàidheadaireachd gum faigheadh Iosa bàs airson a’ chinnich sin; Agus chan ann airson a’ chinnich sin a‑mhàin, ach a‑chum mar an ceudna gun cruinnicheadh e an ceann a chèile, nan aon, clann Dhè a bha air an sgapadh. Uime sin on là sin a‑mach, chuir iad an comhairle ri chèile a‑chum esan a chur gu bàs. Air an adhbhar sin cha d’imich Iosa nas mò gu follaiseach am measg nan Iùdhach; ach chaidh e as a sin do dhùthaich làimh ris an fhàsach, gu baile ris an abrar Ephraim, agus an sin ghabh e còmhnaidh maille ra dheisciobail. Agus bha càisg nan Iùdhach am fagas: agus chaidh mòran suas as an dùthaich do Ierusalem ron chàisg, a‑chum iad fhèin a ghlanadh. An sin dh’iarr iad Iosa, agus labhair iad ri chèile nan seasamh anns an teampall, Ciod ur barail‐se? An e nach tig e a‑chum na fèille? A‑nis bha araon na h‑àrd‐shagartan agus na Pharasaich air toirt àithne, nam biodh fhios aig neach air bith càit an robh e, gun innseadh e e, a‑chum gun glacadh iad e. An sin thàinig Iosa, sia làithean ron chàisg, gu Betani, far an robh Làsaras a bha marbh, neach a thog esan o na mairbh. Uime sin rinn iad suipear dha an sin; agus bha Marta a’ frithealadh: ach bha Làsaras na aon dhiubhsan a shuidh aig bòrd maille ris. An sin ghabh Muire punnd de ola spicnaird ro‑luachmhoir, agus dh’ung i casan Iosa, agus thiormaich i a chasan le a falt: agus lìonadh an taigh le fàile cùbhraidh na h‑ola. An sin thubhairt aon de a dheisciobail, Iùdas Iscariot, mac Shìmoin, a bha gu esan a bhrath, Carson nach do reiceadh an ola seo airson trì cheud pèighinn, agus nach tugadh do na bochdan e? Thubhairt e seo, cha b’ann a chionn gu robh suim aige de na bochdan; ach a chionn gum bu ghadaiche e, agus gu robh an sporan aige, agus gun do ghiùlain e na nithean a chuireadh ann. An sin thubhairt Iosa, Leig leatha: fa chomhair là m’adhlacaidh ghlèidh i seo. Oir tha na bochdan a‑ghnàth agaibh maille ribh, ach chan eil mise agaibh a‑ghnàth. Agus bha fhios aig sluagh mòr de na h‑Iùdhaich gu robh e an sin: agus thàinig iad, chan ann a‑mhàin airson Iosa, ach a‑chum gum faiceadh iad mar an ceudna Làsaras, a thog esan o na mairbh. Ach ghabh na h‑àrd‐shagartan comhairle, a‑chum Làsaras mar an ceudna a mharbhadh; Do bhrìgh air a shon‐san gun d’imich mòran de na h‑Iùdhaich, agus gun do chreid iad ann an Iosa. Air an là màireach, air cluinntinn do mhòr‐shluagh a thàinig a‑chum na fèille, gu robh Iosa a’ teachd gu Ierusalem, Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach na chòdhail, agus ghlaodh iad, Hosanna, beannaichte gu robh Rìgh Israeil a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna! Agus air do Iosa asal òg fhaotainn, shuidh e air; a rèir mar a tha e sgrìobhte, Na biodh eagal ort, a nighean Shioin: feuch, tha do Rìgh a’ teachd, na shuidhe air loth asail. Cha do thuig a dheisciobail na nithean seo air tùs: ach nuair a ghlòraicheadh Iosa, an sin chuimhnich iad gu robh na nithean seo sgrìobhte uime, agus gun do rinn iad na nithean seo dha. Uime sin rinn an sluagh a bha maille ris fianais gun do ghairm e Làsaras as an uaigh, agus gun do thog e o na mairbh e. Air an adhbhar sin mar an ceudna choinnich an sluagh e, do bhrìgh gun cuala iad gun do rinn e am mìorbhail seo. Thubhairt na Pharasaich uime sin eatorra fhèin, Am faic sibh nach eil sibh a’ buadhachadh a’ bheag sam bith? Feuch, tha an saoghal air dol na dhèidh. Agus bha Greugaich àraidh am measg na muinntir a chaidh suas a‑chum adhradh a dhèanamh aig an fhèill: Air an adhbhar sin thàinig iadsan gu Philip, a bha o Bhetsaida Ghalile, agus dh’iarr iad air, ag ràdh, A thighearna, bu mhiann leinn Iosa fhaicinn. Thàinig Philip agus dh’innis e do Anndras: agus a‑rìs dh’innis Anndras agus Philip do Iosa. Agus fhreagair Iosa iad ag ràdh, Thàinig an uair a‑chum gum biodh Mac an Duine air a ghlòrachadh. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura faigh an gràinne cruithneachd a thuiteas anns an talamh bàs, fanaidh e na aonar: ach ma gheibh e bàs, bheir e toradh mòr uaithe. Esan a ghràdhaicheas a anam; caillidh e e; agus esan a dh’fhuathaicheas a anam anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e e a‑chum na beatha maireannaich. Ma nì neach air bith seirbhis dhòmhsa, leanadh e mi; agus ge bè àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma nì neach seirbhis dhòmhsa bheir m’Athair urram dha. A‑nis tha m’anam fo àmhghar; agus ciod a their mi? Athair, saor mi on uair seo: ach is ann air a shon seo a thàinig mi a‑chum na h‑uaire seo. Athair, glòraich d’ainm. An sin thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Ghlòraich mi araon e, agus glòraichidh mi a‑rìs e. Uime sin thubhairt an sluagh a sheas an làthair, agus a chuala seo, gu robh tàirneanach ann: thubhairt cuid eile, Labhair aingeal ris. Fhreagair Iosa agus thubhairt e, Chan ann air mo shon‐sa a thàinig an guth seo, ach air ur son‐se. A‑nis tha breitheanas an t‑saoghail seo ann: a‑nis tilgear uachdaran an t‑saoghail seo a‑mach. Agus mise, ma thogar suas on talamh mi, tàirngidh mi na h‑uile dhaoine am ionnsaigh. (Ach thubhairt e seo, a’ ciallachadh ciod a’ ghnè bhàis a gheibheadh e.) Fhreagair an sluagh e, Chuala sinne as an lagh gum fan Crìosd gu sìorraidh: agus cionnas a tha thusa ag ràdh gur èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas? Cò e Mac an Duine seo? An sin thubhairt Iosa riu, Fhathast rè tamaill bhig tha an solas maille ribh: gluaisibh am feadh is a tha solas agaibh, a‑chum nach beir an dorchadas oirbh: oir an tì a tha ag imeachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol. Am feadh is a tha an solas agaibh, creidibh anns an t‑solas, a‑chum gum bi sibh nur cloinn don t‑solas. Labhair Iosa na nithean seo, agus dh’fhalbh e, agus dh’fhalaich e e fhèin uapa. Ach ged a rinn e a choilìon seo de mhìorbhailean nan làthair, cha do chreid iad ann: A‑chum gum biodh briathran an fhàidh Esaias air an coileanadh, a thubhairt e, A Thighearna, cò a chreid ar n‑aithris‐ne? Agus cò dha a dh’fhoillsicheadh gàirdean an Tighearna? Air an adhbhar seo cha robh e an comas dhaibh creidsinn, do bhrìgh gun dubhairt Esaias a‑rìs, Dhall e an sùilean, agus chruadhaich e an cridhe, a‑chum nach faiceadh iad len sùilean, agus nach tuigeadh iad len cridhe, agus nach tilleadh iad, agus gun slànaichinn‐sa iad. Thubhairt Esaias na nithean seo, nuair a chunnaic e a ghlòir‐san, agus a labhair e uime. Gidheadh chreid mòran de na h‑Uachdarain fhèin ann: ach airson nam Pharasach cha d’aidich iad e, air eagal gun cuirte a‑mach as an t‑sionagog iad. Oir b’annsa leo glòir dhaoine na glòir Dhè. Agus ghlaodh Iosa, agus thubhairt e, An tì a tha a’ creidsinn annam‐sa, chan ann annamsa a tha e a’ creidsinn, ach anns an tì a chuir uaithe mi. Agus an tì a tha gam fhaicinn‐sa, tha e a’ faicinn an tì a chuir uaithe mi. Thàinig mi am sholas a‑chum an t‑saoghail, a‑chum ge bè a chreideas annam, nach fanadh e ann an dorchadas. Agus ma chluinneas neach air bith mo bhriathran‐sa, agus nach creid e, chan eil mise ga dhìteadh: oir cha tàinig mi a dhìteadh an t‑saoghail, ach a shaoradh an t‑saoghail. An tì a tha a’ cur cùil riumsa, agus nach eil a’ gabhail rim bhriathran, tha aige neach a bheir breith air: am facal a labhair mi, bheir e sin breith air anns an là dheireannach. Oir cha do labhair mi uam fhèin; ach an t‑Athair a chuir uaithe mi, thug e àithne dhomh, ciod a theirinn, agus ciod a labhrainn. Agus tha fhios agam gur beatha mhaireannach a àithne‐san: air an adhbhar sin na nithean a tha mi a’ labhairt, mar a thubhairt an t‑Athair rium, mar sin tha mi a’ labhairt. A‑nis ro fhèill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gu robh a uair air teachd, anns an rachadh e as an t‑saoghal seo a‑chum an Athar, air dha a mhuinntir fhèin a bha anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e gu crìch iad. Agus nuair a bha an t‑suipear thairis (air don diabhal a‑nis a chur ann an cridhe Iùdais Iscarioit, mac Shìmoin, esan a bhrath), Air do fhios a bhith aig Iosa gun tug an t‑Athair na h‑uile nithean na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann a dh’ionnsaigh Dhè a bha e a’ dol; Dh’èirich e on t‑suipeir, agus chuir e dheth a fhallaing, agus ghlac e làmh‐anart, agus cheangail e uime e. Na dhèidh sin, thaom e uisge ann an soitheach‐ionnlaid, agus thòisich e air casan nan deisciobal ionnlad, agus an tiormachadh leis an làmh‐anart a bha ceangailte uime. An sin thàinig e gu Sìmon Peadar: agus thubhairt esan ris, A Thighearna, a bheil thusa ag ionnlad mo chasan‐sa? Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, An nì seo a tha mi a’ dèanamh chan aithne dhutsa a‑nis; ach bidh fhios agad air an dèidh seo. Thubhairt Peadar ris, Cha nigh thu mo chasan‐sa gu bràth. Fhreagair Iosa e, Mura nigh mi thu, chan eil cuid agad maille rium. Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, chan iad mo chasan a‑mhàin, ach mar an ceudna mo làmhan agus mo cheann. Thubhairt Iosa ris, An tì a tha air ionnlad, chan eil feum aige ach a chasan ionnlad, ach tha e gu h‑iomlan glan: agus tha sibhse glan, ach chan eil sibh uile glan. Oir bha fhios aige cò a bhrathadh e; uime sin thubhairt e, Chan eil sibh uile glan. An sin, an dèidh dha an casan ionnlad, agus a fhallaing a ghabhail da ionnsaigh, shuidh e a‑rìs, agus thubhairt e riu, A bheil fhios agaibh ciod a rinn mi dhuibh? Tha sibh a’ gairm Maighistir agus Tighearna dhìomsa: agus tha sibh ag ràdh gu math; oir is mi sin. Uime sin ma dh’ionnlaid mise, ur Tighearna agus ur Maighistir, ur casan‐se, is còir dhuibhse mar an ceudna casan a chèile ionnlad. Oir thug mi eisempleir dhuibh, a‑chum mar a rinn mise dhuibh, gun dèanadh sibhse mar an ceudna. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha mhò an t‑òglach na a mhaighistir, agus cha mhò an teachdaire na an tì a chuir uaithe e. Mas aithne dhuibh na nithean seo, is beannaichte sibh ma nì sibh iad. Chan eil mi a’ labhairt oirbh uile: is aithne dhomh cò a thagh mi: ach is èiginn an sgriobtar a choileanadh, An tì a tha ag ithe arain maille rium, thog e a shàil am aghaidh. A‑nis tha mi ag ràdh seo ribh mun tig e gu crìch, a‑chum nuair a thàrlas e, gun creid sibh gur mise e. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise uam, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi. Air do Iosa na nithean seo a ràdh, bha e fo thrioblaid na spiorad, agus rinn e fianais, agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibh mise. An sin dh’amhairc na deisciobail air a chèile, fo amharas cò uime a labhair e. A‑nis bha aon de a dheisciobail na laighe ann an uchd Iosa, neach a b’ionmhainn le Iosa. Air an adhbhar sin smèid Sìmon Peadar airsan, gum feòraicheadh e cò uime a labhair e. An sin air dhàsan aomadh ri uchd Iosa, thubhairt e ris, A Thighearna cò e? Fhreagair Iosa, Is e an tì sin e don toir mise an greim, an dèidh dhomh a thumadh. Agus nuair a thum e an greim, thug e e do Iùdas Iscariot, mac Shìmoin. Agus an sin an dèidh a’ ghreama, chaidh Sàtan a‑steach annsan. An sin thubhairt Iosa ris, An nì a tha thu a’ dèanamh, dèan gu grad e. A‑nis cha do thuig aon dhiubhsan a bha nan suidhe aig a’ bhòrd carson a thubhairt e seo ris. Oir shaoil cuid dhiubh, do bhrìgh gu robh an sporan aig Iùdas, gun dubhairt Iosa ris, Ceannaich na nithean a tha a dh’uireasbhaidh oirnn a‑chum na fèille; no gun tugadh e nì‑eigin do na bochdan. An sin an dèidh dhàsan an greim a ghabhail, chaidh e a‑mach air ball; agus bha an oidhche ann. Uime sin, nuair a chaidh esan a‑mach, thubhairt Iosa, A‑nis tha Mac an Duine air a ghlòrachadh, agus tha Dia air a ghlòrachadh ann. Ma tha Dia air a ghlòrachadh ann, glòraichidh Dia esan mar an ceudna ann fhèin, agus air ball glòraichidh e e. A chlann bheag, fhathast ùine bheag tha mise maille ribh. Iarraidh sibh mi: agus mar a thubhairt mi ris na h‑Iùdhaich, Don àite don tèid mise, chan eil e an comas dhuibhse teachd; mar sin tha mi ag ràdh ribhse a‑nis. Aithne nuadh tha mi a’ toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gun gràdhaich sibh fhèin a chèile mar an ceudna. Le seo aithnichidh na h‑uile dhaoine gur sibh mo dheisciobail‐sa, ma bhios gràdh agaibh fhèin da chèile. Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, càit an tèid thu? Fhreagair Iosa e, Don àite don tèid mi, chan urrainn thusa a‑nis mo leantainn; gidheadh leanaidh tu mi na dhèidh seo. Thubhairt Peadar ris, a Thighearna, carson nach urrainn mi do leantainn a‑nis? Leigidh mi sìos m’anam air do shon. Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon‐sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna. Ann an taigh m’Athar‐sa tha iomadh àite‐còmhnaidh: mura biodh e mar sin, dh’innsinn‐sa dhuibh. Tha mi a’ dol a dh’ullachadh àite dhuibh. Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rìs, agus gabhaidh mi sibh am ionnsaigh fhèin; a‑chum far a bheil mise, gum bi sibhse mar an ceudna. Agus is aithne dhuibh càit a bheil mi a’ dol, agus is aithne dhuibh an t‑slighe. Thubhairt Tòmas ris, A Thighearna, chan eil fhios againn càit a bheil thu a’ dol; agus cionnas a dh’fhaodas eòlas na slighe a bhith againn? Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa. Nam b’aithne dhuibh mise, b’aithne dhuibh m’Athair mar an ceudna: agus à seo suas is aithne dhuibh e, agus chunnaic sibh e. Thubhairt Philip ris, A Thighearna foillsich an t‑Athair dhuinne, agus is leòr leinn e. Thubhairt Iosa ris, A bheil mise ùine cho fada maille ribh, agus nach aithne dhut fhathast mi, Philip? An tì a chunnaic mise, chunnaic e an t‑Athair: agus cionnas a tha thu ag ràdh, Foillsich an t‑Athair dhuinn? Nach eil thu a’ creidsinn gu bheil mise anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa? Na briathran a tha mi a’ labhairt ribh, chan ann uam fhèin a tha mi gan labhairt: ach an t‑Athair, a tha a’ gabhail còmhnaidh annamsa, tha esan a’ dèanamh nan obraichean. Creidibh mise gu bheil mi anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa; no, creidibh mi airson nan obraichean fhèin. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a chreideas annam‐sa, na h‑obraichean a tha mise a’ dèanamh, nì esan mar an ceudna; agus nì e obraichean as mò na iad seo, do bhrìgh gu bheil mise a’ dol a‑chum m’Athar. Agus ge bè nì a dh’iarras sibh am ainm‐sa, nì mise sin: a‑chum gum bi an t‑Athair air a ghlòrachadh anns a’ Mhac. Ma dh’iarras sibh nì air bith am ainm‐sa, nì mise e. Mas toigh leibh mise, coimheadaibh m’àitheantan: Agus guidhidh mise an t‑Athair, agus bheir e dhuibh Comhfhurtair eile, a‑chum gum fan e maille ribh gu bràth; Spiorad na fìrinn; neach nach urrainn an saoghal a ghabhail, do bhrìgh nach eil e ga fhaicinn, agus nach aithne dha e: ach is aithne dhuibhse e, oir tha e fantainn maille ribh, agus bidh e annaibh. Chan fhàg mi sibh nur dìlleachdain: thig mi dur n‑ionnsaigh. Tamall beag fhathast, agus chan fhaic an saoghal mi tuilleadh; ach chì sibhse mi: do bhrìgh gu bheil mise beò, bidh sibhse beò mar an ceudna. Anns an là sin bidh fhios agaibh gu bheil mise ann am Athair, agus sibhse annamsa, agus mise annaibh‐se. An tì aig a bheil m’àitheantan‐sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha. Thubhairt Iùdas (chan e Iscariot) ris, A Thighearna, carson a dh’fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin don t‑saoghal? Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris. An tì nach gràdhaich mise, cha choimhead e mo bhriathran: agus am facal a tha sibh a’ cluinntinn, cha leamsa e, ach leis an Athair a chuir uaithe mi. Na nithean seo labhair mi ribh, air dhomh a bhith am chòmhnaidh maille ribh: Ach an Comhfhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair uaithe ann am ainm‐sa, teagaisgidh esan dhuibh na h‑uile nithean, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh na h‑uile nithean a labhair mise ribh. Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth‐sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air. Chuala sibh mar a thubhairt mi ribh, Tha mi a’ falbh, agus thig mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh. Nam biodh gràdh agaibh dhòmhsa, bhiodh aoibhneas oirbh, a chionn gun dubhairt mi, Tha mi a’ dol a‑chum an Athar: oir is mò m’Athair na mise. Agus a‑nis dh’innis mi dhuibh seo ro dha teachd gu crìch, a‑chum, nuair a thig e gu crìch, gun creideadh sibh. A seo suas cha labhair mi mòran ribh: oir tha uachdaran an t‑saoghail seo a’ teachd, agus chan eil nì air bith aige annamsa. Ach a‑chum gum bi fhios aig an t‑saoghal gur ionmhainn leam an t‑Athair; agus mar a thug an t‑Athair àithne dhomh, mar sin tha mi a’ dèanamh. Eiribh, rachamaid à seo. Is mise an fhìonain fhìor, agus is e m’Athair an treabhaiche. Gach uile gheug annamsa nach eil a’ giùlan toraidh, bheir e air falbh; agus gach uile gheug a tha a’ tabhairt toraidh, glanaidh e i, a‑chum gun giùlain i tuilleadh toraidh. A‑nis tha sibhse glan tre an fhacal a labhair mi ribh. Fanaibh annamsa, agus mise annaibhse. Mar nach urrainn a’ gheug toradh a thoirt uaipe fhèin, mura fan i anns an fhìonain, cha mhò as urrainn sibhse, mura fan sibh annamsa. Is mise an fhìonain, sibhse na geugan: an tì a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, bheir esan mòr‐thoradh uaithe; oir as m’eugmhais‐sa chan urrainn sibh aon nì a dhèanamh. Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeadh a‑mach mar ghèig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad anns an teine iad, agus loisgear iad. Ma dh’fhanas sibh annamsa, agus ma dh’fhanas m’fhacail‐sa annaibhse, iarraidh sibh gach nì as àill leibh, agus nìthear dhuibh e. An seo tha m’Athair‐sa air a ghlòrachadh, gun toir sibhse mòr‐thoradh uaibh; agus bidh sibh nur deisciobail dhòmhsa. Mar a ghràdhaich an t‑Athair mise, mar sin ghràdhaich mise sibhse: fanaibh ann am ghràdh‐sa. Ma choimheadas sibh m’àitheantan, fanaidh sibh ann am ghràdh; mar a choimhead mise àitheantan m’Athar, agus a tha mi a’ fantainn na ghràdh. Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum fanadh mo ghàirdeachas annaibh, agus gum biodh ur gàirdeachas‐se làn. Is i seo m’àithne‐sa, gun gràdhaich sibhse a chèile, mar a ghràdhaich mise sibhse. Gràdh as mò na seo chan eil aig neach air bith, gun leigeadh duine a anam sìos airson a chàirdean. Is sibhse mo chàirdean‐sa, ma nì sibh gach nì a tha mi ag àithneadh dhuibh. A seo suas cha ghairm mi seirbhisich dhibh; oir chan aithne don t‑seirbhiseach ciod a tha a thighearna a’ dèanamh: ach ghairm mi càirdean dhibh; oir na h‑uile nithean a chuala mi om Athair, thug mi fios dhuibhse orra. Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm‐sa, gun toir e dhuibh e. Tha mi ag àithneadh nan nithean seo dhuibh, a‑chum gun gràdhaich sibh a chèile. Ma tha an saoghal gur fuathachadh, tha fhios agaibh gun d’fhuathaich e mise romhaibh. Nam b’ann den t‑saoghal sibh, ghràdhaicheadh an saoghal a chuid fhèin: ach do bhrìgh nach ann den t‑saoghal sibh, ach gun do thagh mise sibh as an t‑saoghal, uime sin tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh. Cuimhnichibh am facal a thubhairt mi ribh, Chan eil an seirbhiseach nas mò na a thighearna. Ma rinn iad geur‐leanmhainn ormsa, nì iad geur‐leanmhainn oirbhse mar an ceudna: ma choimhead iad m’fhacal‐sa, coimheadaidh iad ur facal‐se mar an ceudna. Ach na nithean seo uile nì iad oirbh airson m’ainme‐sa, do bhrìgh nach aithne dhaibh esan a chuir uaithe mi. Mura bithinn‐sa air teachd, agus air labhairt riu, cha bhiodh peacadh aca: ach a‑nis chan eil leisgeul am peacaidh aca. An tì aig a bheil fuath dhòmhsa, tha fuath aige dom Athair mar an ceudna. Mura bithinn‐sa air dèanamh nan obraichean nam measg nach do rinn aon neach eile, cha bhiodh peacadh aca: ach a‑nis chunnaic iad, agus dh’fhuathaich iad araon mise agus m’Athair. Ach rinneadh seo a‑chum gun coileante am facal a tha sgrìobhte nan lagh fhèin, Dh’fhuathaich iad mi gun adhbhar. Ach nuair a thig an Comhfhurtair, a chuireas mise dur n‑ionnsaigh on Athair, Spiorad na fìrinn, a tha a’ teachd a‑mach on Athair, nì esan fianais mum thimcheall‐sa. Agus nì sibhse fianais mar an ceudna, do bhrìgh gu bheil sibh maille rium o thùs. Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum nach faigheadh sibh oilbheum. Cuiridh iad as an t‑sionagog sibh: seadh, thig an uair, ge bè neach a mharbhas sibh, gun saoil e gu bheil e a’ dèanamh seirbhis do Dhia. Agus nì iad na nithean seo, do bhrìgh nach aithne dhaibh an t‑Athair, no mise. Ach dh’innis mi na nithean seo dhuibh, a‑chum nuair a thig an t‑àm, gun cuimhnich sibh gun d’innis mi dhuibh iad. Ach cha dubhairt mi na nithean seo ribh o thùs, do bhrìgh gu robh mi maille ribh. Ach a‑nis tha mi a’ dol a‑chum an tì a chuir uaithe mi; agus chan eil a h‑aon agaibhse a’ feòraich dhìom, Càit a bheil thu a’ dol? Ach a chionn gun dubhairt mi na nithean seo ribh, lìon do‑bhròn ur cridhe. Gidheadh tha mi ag innse dhuibh na fìrinn. Is buannachd dhuibh mise a dh’fhalbh: oir mura falbh mi, cha tig an Comhfhurtair dur n‑ionnsaighse; ach ma dh’fhalbhas mi, cuiridh mi esan dur n‑ionnsaigh. Agus nuair a thig esan, bheir e dearbh‐shoilleireachd don t‑saoghal mu pheacadh, agus mu fhìreantachd, agus mu bhreitheanas; Mu pheacadh, do bhrìgh nach eil iad a’ creidsinn annamsa; Mu fhìreantachd, do bhrìgh gu bheil mi dol a dh’ionnsaigh m’Athar, agus nach faic sibh nas mò mi; Mu bhreitheanas, a chionn gu bheil uachdaran an t‑saoghail seo air a dhìteadh. Tha mòran nithean agam fhathast ri ràdh ribh, ach chan urrainn sibh an giùlan an tràth seo. Ach nuair a thig esan, Spiorad na fìrinn, treòraichidh e sibh a‑chum gach uile fhìrinn: oir cha labhair e uaithe fhèin: ach labhraidh e na h‑uile nithean a chluinneas e: agus foillsichidh e dhuibhse nithean a tha ri teachd. Bheir esan glòir dhòmhsa: oir gheibh e dem chuid‐sa, agus nochdaidh e dhuibhse e. Na h‑uile nithean a tha aig an Athair, is leamsa iad: air an adhbhar seo thubhairt mi gum faigh e dem chuid‐sa, agus nochdaidh e dhuibhse e. Tamall beag agus chan fhaic sibh mi; agus a‑rìs, tamall beag agus chì sibh mi, do bhrìgh gu bheil mi dol a‑chum an Athar. An sin thubhairt cuid de a dheisciobail eatorra fhèin, Ciod e seo a tha e ag ràdh rinn, Tamall beag agus chan fhaic sibh mi: agus a‑rìs, Tamall beag agus chì sibh mi: agus, Do bhrìgh gu bheil mi dol a‑chum an Athar? Air an adhbhar sin thubhairt iad, Ciod e seo a tha e ag ràdh, Tamall beag? Chan eil sinne a’ tuigsinn ciod a tha e ag ràdh. A‑nis dh’aithnich Iosa gu robh toil aca fheòraich dheth, agus thubhairt e riu, A bheil sibh a’ feòraich nur measg fhèin mar a thubhairt mi, Tamall beag agus chan fhaic sibh mi: agus a‑rìs, tamall beag agus chì sibh mi? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun dèan sibhse gul agus caoidh, ach nì an saoghal gàirdeachas: agus bidh sibhse do‑bhrònach, ach tillear ur bròn gu gàirdeachas. Nuair a bhios bean ri saothair chloinne, bidh i fo dhoilgheas, a chionn gu bheil a h‑uair air teachd: ach nuair a bheireas i an leanabh, cha chuimhnich i a h‑àmhghar nas mò, tre aoibhneas gun do rugadh duine a‑chum an t‑saoghail. Agus tha a‑nis uime sin doilgheas oirbhse: ach chì mise a‑rìs sibh, agus nì ur cridhe gàirdeachas, agus ur gàirdeachas cha bhuin neach air bith uaibh. Agus air an là sin chan fheòraich sibh nì air bith dhìomsa. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè nithean a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm‐sa, gun toir e dhuibh iad. Gus a seo cha d’iarr sibh nì air bith ann am ainm‐sa: iarraibh, agus gheibh sibh, a‑chum gum bi ur n‑aoibhneas làn. Na nithean seo labhair mi ribh ann am briathran dorcha: ach thig an uair anns nach labhair mi nas mò ribh ann am briathran dorcha, ach innsidh mi gu soilleir mun Athair dhuibh. Anns an là sin iarraidh sibh am ainm‐sa: agus chan eil mi ag ràdh ribh gun guidh mi an t‑Athair air ur son: Oir is toigh leis an Athair fhèin sibh, airson gun tug sibh gràdh dhòmhsa, agus gun do chreid sibh gur ann o Dhia a thàinig mi. Thàinig mi a‑mach on Athair, agus tha mi air teachd a‑chum an t‑saoghail: a‑rìs, tha mi a’ fàgail an t‑saoghail, agus a’ dol a‑chum an Athar. Thubhairt a dheisciobail ris, Feuch, a‑nis tha thu a’ labhairt gu soilleir, agus chan eil thu a’ labhairt cosamhlachd air bith. A‑nis tha fhios againn gur aithne dhut na h‑uile nithean, agus nach feum thu duine air bith a dh’fheòraich dhìot: air a shon seo tha sinn a’ creidsinn gur ann o Dhia a thàinig thu. Fhreagair Iosa iad, A bheil sibh a‑nis a’ creidsinn? Feuch, thig an t‑àm, seadh, tha e cheana air teachd, anns an sgapar o chèile sibh, gach aon ga ionad fhèin, agus am fàg sibh mise am aonar: gidheadh chan eil mise am aonar, oir tha an t‑Athair maille rium. Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal. Labhair Iosa na briathran seo; agus thog e suas a shùilean gu nèamh, agus thubhairt e, Athair, thàinig an uair; glòraich do Mhac, a‑chum gun glòraich do Mhac thusa mar an ceudna: A‑chum, mar a thug thu cumhachd dha air gach feòil, na h‑uile a thug thu dha, gun tugadh esan dhaibh a’ bheatha mhaireannach. Agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhith aca ortsa, an t‑aon Dia fìor, agus air Iosa Crìosd a chuir thu uat. Ghlòraich mise thusa air thalamh: chrìochnaich mi an obair a thug thu dhomh ra dèanamh. Agus a‑nis, Athair, glòraich thusa mise maille riut fhèin, leis a’ ghlòir a bha agam maille riut mun robh an saoghal ann. Dh’fhoillsich mise d’ainm do na daoine a thug thu dhomh as an t‑saoghal: bu leatsa iad, agus thug thu dhòmhsa iad; agus choimhead iad d’fhacal. A‑nis thuig iad gur ann uat a tha na h‑uile nithean, a thug thu dhòmhsa. Oir thug mi dhaibh na briathran a thug thusa dhomh; agus ghabh iad iad, agus thuig iad gu fìrinneach gur ann uatsa a thàinig mi, agus chreid iad gun do chuir thu uat mi. Air an son‐san tha mi a’ guidhe: chan eil mi a’ guidhe airson an t‑saoghail, ach airson na muinntir sin a thug thu dhomh, oir is leatsa iad. Agus is leatsa na h‑uile nithean as leamsa, agus is leamsa na nithean as leatsa; agus tha mi air mo ghlòrachadh annta. Agus a‑nis chan eil mise nas mò anns an t‑saoghal, ach tha iadsan anns an t‑saoghal, agus tha mise a’ teachd ad ionnsaigh‐sa. Athair naoimh, coimhead iadsan tre d’ainm, a thug thu dhòmhsa, a‑chum gum bi iad nan aon, mar tha sinne. Am feadh a bha mise maille riu anns an t‑saoghal, choimhead mi iad tre d’ainm‐sa: ghlèidh mi a’ mhuinntir a thug thu dhomh, agus cha do chailleadh a h‑aon dhiubh, ach mac an sgrios: a‑chum gum biodh an sgriobtar air a choileanadh. Agus a‑nis tha mi a’ teachd ad ionnsaigh‐sa; agus tha mi a’ labhairt nan nithean seo anns an t‑saoghal, a‑chum gum biodh mo ghàirdeachas aca air a choileanadh annta. Thug mi d’fhacal dhaibh; agus thug an saoghal fuath dhaibh, airson nach ann den t‑saoghal iad, mar nach eil mise den t‑saoghal. Chan eil mi a’ guidhe gun tugadh tu as an t‑saoghal iad, ach gun coimheadadh tu on olc iad. Chan eil iadsan den t‑saoghal, mar nach eil mise den t‑saoghal. Naomhaich iad tron fhìrinn: is e d’fhacal‐sa an fhìrinn. Mar a chuir thusa mise a‑chum an t‑saoghail, mar sin chuir mise iadsan a‑chum an t‑saoghail. Agus air an son‐san tha mise gam naomhachadh fhèin, a‑chum gum bi iadsan mar an ceudna air an naomhachadh tron fhìrinn. Agus chan eil mi a’ guidhe air an son‐san a‑mhàin, ach mar an ceudna airson na muinntir sin a chreideas annamsa tro am facal‐san: A‑chum gum bi iad uile nan aon; a‑chum mar a tha thusa, Athair, annamsa, agus mise annadsa, gum bi iadsan mar an ceudna nan aon annainne; a‑chum gun creid an saoghal gun do chuir thusa uat mi. Agus thug mise dhaibhsan a’ ghlòir a thug thusa dhòmhsa, a‑chum gum bi iad nan aon, mar a tha sinne nar n‑aon; Mise anntasan, agus thusa annamsa, a‑chum gun dèanar coileanta iad ann an aon; agus a‑chum gum bi fhios aig an t‑saoghal gun do chuir thusa uat mi, agus gun do ghràdhaich thu iadsan, mar a ghràdhaich thu mise. Athair, is àill leam an dream a thug thu dhomh, gum bi iad maille rium, far a bheil mi; a‑chum gum faic iad mo ghlòir a thug thu dhomh: oir ghràdhaich thusa mi mun do leagadh bunaitean an domhain. Athair chothromaich, cha b’aithne don t‑saoghal thusa: ach b’aithne dhòmhsa thu, agus thuig iad seo gun do chuir thusa uat mi. Agus dh’fhoillsich mise d’ainm dhaibh, agus foillsichidh mi e, a‑chum gum bi an gràdh, leis an do ghràdhaich thu mise, anntasan, agus mise annta. Nuair a labhair Iosa na briathran seo, chaidh e maille ra dheisciobail thairis air sruth Chedroin, far an robh lios, don deachaidh e fhèin agus a dheisciobail. Agus b’aithne do Iùdas, a bhrath esan, an t‑àit: oir thàinig Iosa gu tric an sin maille ra dheisciobail. An sin air do Iùdas buidheann agus maoir fhaotainn o na h‑àrd‐shagartan agus na Pharasaich, thàinig e don àite sin le leusan, agus lòchrain, agus airm. Uime sin air do Iosa fios a bhith aige air na h‑uile nithean a bha gu teachd air, chaidh e a‑mach, agus thubhairt e riu, Cò a tha sibh ag iarraidh? Fhreagair iadsan e, Iosa o Nàsaret, Thubhairt Iosa riu, Is mise e. Agus sheas mar an ceudna Iùdas, a bhrath esan, maille riu. An sin cho luath is a thubhairt e riu, Is mise e, chaidh iad air an ais, agus thuit iad air an làr. An sin dh’fheòraich e dhiubh a‑rìs, Cò a tha sibh ag iarraidh? Thubhairt iadsan, Iosa o Nàsaret. Fhreagair Iosa, Thubhairt mi ribh gur mise e. Uime sin mas mise a tha sibh ag iarraidh, leigibh leo sin falbh: A‑chum gun coileante am facal a labhair e, An dream a thug thu dhomh, cha do chaill mi aon dhiubh. An sin air do Shìmon Peadar claidheamh a bhith aige, tharraing e e, agus bhuail e òglach an àrd‐shagairt, agus gheàrr e a’ chluas dheas dheth. Agus b’e ainm an òglaich Malchas. An sin thubhairt Iosa ri Peadar, Cuir do chlaidheamh anns an truaill: an cupan a thug m’Athair dhòmhsa, nach òl mi e? An sin rug a’ bhuidheann, agus an ceannard, agus maoir nan Iùdhach, air Iosa, agus cheangail iad e, Agus thug iad leo e air tùs gu Annas; (oir b’esan athair‐cèile Chaiaphais, a bha na àrd‐shagart air a’ bhliadhna sin). A‑nis b’e Caiaphas a thug comhairle do na h‑Iùdhaich, gum b’iomchaidh gum faigheadh aon duine bàs airson an t‑sluaigh. Agus lean Sìmon Peadar agus deisciobal eile Iosa. B’aithne don àrd‐shagart an deisciobal sin, agus chaidh e a‑steach maille ri Iosa do chùirt an àrd‐shagairt. Ach sheas Peadar aig an doras an leth a‑muigh. Uime sin chaidh an deisciobal sin eile a b’aithne don àrd‐shagart a‑mach, agus labhair e ris a’ bhan‐dorsair, agus thug e Peadar a‑steach. An sin thubhairt a’ bhanoglach a bha a’ gleidheadh an dorais ri Peadar, Nach ann de dheisciobail an duine seo thusa mar an ceudna? Thubhairt esan, Chan ann. Agus bha na seirbhisich agus na maoir nan seasamh, air dhaibh teine guail a chur suas, oir bha am fuachd ann, agus bha iad gan garadh fhèin: agus bha Peadar na sheasamh maille riu, agus ga gharadh fhèin. An sin dh’fhiosraich an t‑àrd‐shagart de Iosa mu thimcheall a dheisciobal, agus mu thimcheall a theagaisg. Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith. Carson a tha thu a’ fiosrachadh dhìomsa? Feòraich dhiubhsan a chuala, ciod a thubhairt mi riu: feuch, tha fhios acasan ciod a thubhairt mi. Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, bhuail aon de na maoir, a bha na sheasamh an làthair, a bhas air Iosa, ag ràdh, An ann mar seo a fhreagras tu an t‑àrd‐shagart? Fhreagair Iosa e, Ma labhair mi gu h‑olc, dèan fianais air an olc: ach mas ann gu math, carson a tha thu gam bhualadh? (A‑nis chuir Annas e ceangailte gu Caiaphas an t‑àrd‐shagart.) Agus bha Sìmon Peadar na sheasamh agus ga gharadh. Uime sin thubhairt iad ris, Nach aon de a dheisciobail thusa mar an ceudna? Dh’àich esan, agus thubhairt e, Cha mhi. Thubhairt aon de sheirbhisich an àrd‐shagairt, (caraid don fhear den do gheàrr Peadar a chluas), Nach faca mise thu anns an lios maille ris? An sin dh’àich Peadar a‑rìs, agus air ball ghoir an coileach. An sin thug iad Iosa o Chaiaphas gu àit a’ bhreitheanais: agus b’i a’ mhadainn a bha ann, agus cha deachaidh iad fhèin do àit a’ bhreitheanais, a‑chum nach biodh iad air an salachadh; ach gun itheadh iad a’ chàisg. An sin chaidh Pilat a‑mach dan ionnsaigh‐san, agus thubhairt e, Ciod a’ chasaid a tha sibh a’ toirt an aghaidh an duine seo? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Mura b’fhear droch‐bheairt e, cha tugamaid thairis dhutsa e. An sin thubhairt Pilat riu, Gabhaibh‐se e, agus thugaibh breith air a rèir ur lagha fhèin. An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, Chan eil e ceadaichte dhuinne neach air bith a chur gu bàs: A‑chum gum biodh facal Iosa air a choileanadh, a labhair e, a’ ciallachadh ciod a’ ghnè bàis a bha e gu fhaotainn. An sin chaidh Pilat a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus ghairm e Iosa, agus thubhairt e ris, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Fhreagair Iosa e, A bheil thu ag ràdh seo uat fhèin, no an d’innis daoine eile dhut e mum thimcheall‐sa? Fhreagair Pilat, An Iùdhach mise? Thug do chinneach fhèin, agus na h‑àrd‐shagartan, thairis dhòmhsa thu: ciod a rinn thu? Fhreagair Iosa, Chan ann den t‑saoghal seo a tha mo rìoghachd‐sa: nam b’ann den t‑saoghal seo a bhiodh mo rìoghachd, dhèanadh mo sheirbhisich cogadh, a‑chum nach tugte thairis do na h‑Iùdhaich mi: ach a‑nis chan ann o seo a tha mo rìoghachd. Air an adhbhar sin thubhairt Pilat ris, An rìgh thu mas eadh? Fhreagair Iosa, Thubhairt thusa gur rìgh mi. Is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mi don t‑saoghal, a‑chum gun dèanainn fianais don fhìrinn. Gach neach a tha air taobh na fìrinn, èisdidh e rim ghuth‐sa. Thubhairt Pilat ris, Ciod i an fhìrinn? Agus air dha seo a ràdh, chaidh e a‑mach a‑rìs a‑chum nan Iùdhach, agus thubhairt e riu, Chan eil mise a’ faotainn coire air bith ann. Ach tha gnàth agaibhse gun leiginn as duine dhuibh air a’ chàisg: uime sin an àill leibh mi a leigeadh rìgh nan Iùdhach fa sgaoil dhuibh? An sin ghlaodh iadsan uile, ag ràdh, Chan e an duine seo, ach Barabas. A‑nis b’fhear‐reubainn Barabas. An sin air an adhbhar sin ghlac Pilat Iosa, agus sgiùrs e e. Agus dh’fhigh na saighdearan crùn droighinn, agus chuir iad air a cheann e, agus chuir iad fallaing phurpair uime, Agus thubhairt iad, Fàilte ort, a rìgh nan Iùdhach! Agus bhuail iad lem basan e. An sin chaidh Pilat a‑mach a‑rìs, agus thubhairt e riu, Feuch, tha mi ga thoirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi fhios agaibh nach eil mise a’ faotainn coire sam bith ann. An sin thàinig Iosa a‑mach, agus an crùn droighinn air, agus an fhallaing phurpair uime. Agus thubhairt Pilat riu, Feuch an duine! Uime sin, nuair a chunnaic na h‑àrd‐shagartan agus na maoir e, ghlaodh iad, ag ràdh, Ceus e, ceus e. Thubhairt Pilat riu, Gabhaibh‐se e, agus ceusaibh e: oir chan eil mise a’ faotainn coire sam bith ann. Fhreagair na h‑Iùdhaich e, Tha lagh againne, agus a rèir ar lagha‐ne is còir a chur gu bàs, airson gun do rinn e Mac Dhè dheth fhèin. Uime sin nuair a chuala Pilat a’ chainnt sin, bu mhò a bha a dh’eagal air; Agus chaidh e a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus thubhairt e ri Iosa, Cia as dhut? Ach cha tug Iosa freagradh dha. An sin thubhairt Pilat ris, Nach labhair thu riumsa? Nach eil fhios agad gu bheil cumhachd agamsa do cheusadh, agus gu bheil cumhachd agam do chur fa sgaoil? Fhreagair Iosa, Cha bhiodh cumhachd air bith agad am aghaidh‐sa, mura tugte dhut on àirde e; air an adhbhar sin an tì a thug mise thairis dhut, tha aigesan am peacadh as mò. Agus o sin suas dh’iarr Pilat a chur fa sgaoil: ach ghlaodh na h‑Iùdhaich, ag ràdh, Ma leigeas tu am fear seo fa sgaoil, cha charaid do Chèasar thu: ge bè neach a tha ga dhèanamh fhèin na rìgh, tha e a’ labhairt an aghaidh Chèasair. Uime sin nuair a chuala Pilat a’ chainnt sin, thug e a‑mach Iosa, agus shuidh e air a’ chathair‐bhreitheanais, anns an ionad ris an abrar an Leac‐ùrlar, ach anns an Eabhra, Gabata. Agus b’e là ullachadh na càisge e, agus mu thimcheall na siathamh uaire: agus thubhairt e ris an h‑Iùdhaich, Feuch ur rìgh! Ach ghlaodh iadsan a‑mach, Beir uainn, beir uainn, ceus e. Thubhairt Pilat riu, An ceus mi ur rìgh‐se? Fhreagair na h‑àrd‐shagartan, Chan eil rìgh againne ach Cèasar. An sin air an adhbhar sin thug e thairis dhaibh e, gu bhith air a cheusadh. Agus ghlac iad Iosa, agus thug iad leo e. Agus chaidh e a‑mach a’ giùlan a chroinn‐cheusaidh, don ionad den goirear àit a’ chlaiginn, don ainm anns an Eabhra, Golgota. An sin cheus iad e, agus dithis eile maille ris, fear air gach taobh, agus Iosa anns a’ mheadhon. Agus sgrìobh Pilat mar an ceudna tiodal, agus chuir e air a’ chrann‐cheusaidh e. Agus b’e an sgrìobhadh, IOSA O NASARET, RÌGH NAN IÙDHACH. Uime sin leugh mòran de na h‑Iùdhaich an tiodal seo: oir bha an t‑àit anns an do cheusadh Iosa fagas don bhaile: agus bha an sgrìobhadh an Eabhra, an Grèigis, agus an Laidinn. An sin thubhairt àrd‐shagartan nan Iùdhach ri Pilat, Na sgrìobh, Rìgh nan Iùdhach; ach gun dubhairt e fhèin, Is mi rìgh nan Iùdhach. Fhreagair Pilat, An nì a sgrìobh mi, sgrìobh mi e. An sin nuair a cheus na saighdearan Iosa, ghlac iad a thrusgan, (agus rinn iad ceithir earrannan dheth, earrann do gach saighdear), agus a chòta mar an ceudna: agus bha an còta gun fhuaigheal, air fhighe o a bhràigh sìos gu h‑iomlan. Thubhairt iad uime sin eatorra fhèin, Na reubamaid e, ach tilgeamaid croinn air, cò aig a bhios e: a‑chum gun coileante an sgriobtar, a tha ag ràdh, Roinn iad mo thrusgan eatorra, agus thilg iad croinn air mo bhrat. Air an adhbhar sin rinn na saighdearan na nithean seo. A‑nis sheas làimh ri crann‐ceusaidh Iosa, a mhàthair, agus piuthar a mhàthar, Muire bean Chleophais, agus Muire Magdalen. Uime sin nuair a chunnaic Iosa a mhàthair, agus an deisciobal a b’ionmhainn leis na sheasamh an làthair, thubhairt e ra mhàthair, A bhean, feuch do mhac! An sin thubhairt e ris an deisciobal, Feuch do mhàthair! Agus on àm sin a‑mach thug an deisciobal sin leis i da thaigh fhèin. An dèidh seo air do Iosa fios a bhith aige gu robh na h‑uile nithean a‑nis air an crìochnachadh, a‑chum gun coileante an sgriobtar, thubhairt e, Tha tart orm. A‑nis bha an sin soitheach làn de fhìon‐geur: agus air dhaibhsan spong a lìonadh den fhìon‐gheur, agus a chur air hiosop, shìn iad a‑chum a bheòil e. An sin nuair a ghabh Iosa am fìon‐geur, thubhairt e, Tha e crìochnaichte: agus air cromadh a chinn dha, thug e suas a spiorad. An sin a‑chum nach fanadh na cuirp air a’ chrann‐cheusaidh air an t‑sàbaid, a chionn gum b’e là an ullachaidh a bha ann (oir bu là mòr an là sàbaid sin ), dh’iarr na h‑Iùdhaich air Pilat gun rachadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun tugte air falbh iad. An sin thàinig na saighdearan, agus bhris iad luirgnean a’ chiad fhir, agus luirgnean an fhir eile, a cheusadh maille ris. Ach air dhaibh teachd a‑chum Iosa, nuair a chunnaic iad gu robh e cheana marbh, cha do bhris iad a luirgnean‐san. Ach lot fear de na saighdearan a thaobh le sleagh, agus air ball thàinig a‑mach fuil agus uisge. Agus thug an tì a chunnaic sin fianais, agus tha a fhianais fìrinneach: agus tha fhios aige gu bheil e a’ labhairt na fìrinn, a‑chum gun creideadh sibhse. Oir rinneadh na nithean seo a‑chum gun coileante an sgriobtar, Cha bhrisear cnàimh dheth. Agus a‑rìs tha sgriobtar eile ag ràdh, Amhaircidh iad airsan a lot iad. Na dhèidh seo, dh’iarr Iòseph o Arimatèa (a bha na dheisciobal aig Iosa, ach am falach air eagal nan Iùdhach ) air Pilat comas corp Iosa a thoirt leis: agus leig Pilat sin leis. Thàinig e air an adhbhar sin, agus thug e leis corp Iosa. Thàinig mar an ceudna Nicodèmus (a thàinig air tùs gu Iosa anns an oidhche), agus thug e leis mu thimcheall ceud punnd de mhirr agus de aloes air am measgadh feadh a chèile. An sin ghabh iad corp Iosa, agus cheangail iad e ann an lìon‐aodaichean, maille ris an spìosraidh, mar as gnàth leis na h‑Iùdhaich adhlacadh a dhèanamh. A‑nis bha lios anns an àite anns an do cheusadh e; agus anns an lios uaigh nuadh, anns nach do chuireadh aon duine riamh. Air an adhbhar sin, airson ullachadh càisg nan Iùdhach, do bhrìgh gu robh an uaigh am fagas, chuir iad Iosa an sin. Air a’ chiad là den t‑seachdain thàinig Muire Magdalen gu moch, agus an dorchadas fhathast ann, a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic i a’ chlach air a togail on uaigh. Ruith i an sin, agus thàinig i gu Sìmon Peadar, agus gus an deisciobal eile a b’ionmhainn le Iosa, agus thubhairt i riu, Thug iad leo an Tighearna as an uaigh, agus chan eil fhios againn càit an do chuir iad e. Uime sin chaidh Peadar a‑mach, agus an deisciobal sin eile, agus thàinig iad a‑chum na h‑uaighe. Agus ruith iad nan dithis cuideachd: agus ruith an deisciobal eile na bu luaithe na Peadar, agus thàinig e air tùs a‑chum na h‑uaighe. Agus air cromadh sìos dha, chunnaic e an lìon‐aodach na laighe; gidheadh cha deachaidh e a‑steach. An sin thàinig Sìmon Peadar ga leantainn, agus chaidh e a‑steach don uaigh, agus chunnaic e an lìon‐aodach na laighe; Agus an nèapaigin a bha ma cheann, chan ann na laighe maille ris an lìon‐aodach, ach air leth air a filleadh ann an aon àit. An sin chaidh a‑steach mar an ceudna an deisciobal sin eile a thàinig air tùs a‑chum na h‑uaighe, agus chunnaic, agus chreid e. Oir cha do thuig iad fhathast an sgriobtar, gum b’èiginn gun èireadh esan a‑rìs o na mairbh. An sin dh’imich na deisciobail a‑rìs a‑chum an cuideachd fhèin. Ach sheas Muire aig an uaigh a‑muigh, a’ gul: agus a’ gul dhi chrom i sìos, ag amharc a‑steach don uaigh, Agus chunnaic i dà aingeal ann an culaidhean geala, nan suidhe, fear aig a’ cheann, agus fear aig na casan, anns an àite anns an robh corp Iosa na laighe; Agus thubhairt iadsan rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Thubhairt i riu, Airson gun tug iad mo Thighearna leo, agus nach eil fhios agam càit an do chuir iad e. Agus nuair a thubhairt i seo, thill i air a h‑ais, agus chunnaic i Iosa na sheasamh, agus cha d’aithnich i gum b’e Iosa a bha ann. Thubhairt Iosa rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Cò a tha thu ag iarraidh? Air saoilsinn dhise gum b’e an gàrradair a bha ann, thubhairt i ris, A thighearna, ma thug thusa leat e, innis dhòmhsa càit an do chuir thu e, agus bheir mise leam e. Thubhairt Iosa rithe, A Mhuire. Air tionndadh dhise, thubhairt i ris, Rabboni, is e sin ri ràdh, A Mhaighistir. Thubhairt Iosa rithe, Na bean rium; oir cha deachaidh mi fhathast suas a‑chum m’Athar: ach imich a‑chum mo bhràithrean, agus abair riu, Tha mise a’ dol suas a‑chum m’Athar fhèin agus ur n‑Athar‐se, agus a‑chum mo Dhè fhèin agus ur Dè‑se. Thàinig Muire Magdalen agus dh’innis i do na deisciobail gum faca i an Tighearna, agus gun dubhairt e na nithean seo rithe. Agus air teachd don fheasgar an là sin fhèin, air a’ chiad là den t‑seachdain, agus na dorsan dùinte far an robh na deisciobail cruinn air eagal nan Iùdhach, thàinig Iosa agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e riu, Sìth dhuibh. Agus air dha seo a ràdh, nochd e dhaibh a làmhan agus a thaobh. An sin bha aoibhneas air na deisciobail nuair a chunnaic iad an Tighearna. An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Sìth dhuibh: mar a chuir an t‑Athair uaithe mise, mar sin tha mise gur cur‐se uam. Agus air dha seo a ràdh, shèid e orra, agus thubhairt e riu, Gabhaibh‐se an Spiorad Naomh. Cò air bith iad dom maith sibh am peacaidhean, tha iad maithte dhaibh; agus cò air bith iad don cùm sibh am peacaidhean gun am maitheadh, tha iad air an cumail. Ach cha robh Tòmas, aon den dà‑fhear‐dheug, den goirear Didimus, maille riu, nuair a thàinig Iosa. Uime sin thubhairt na deisciobail eile ris, Chunnaic sinne an Tighearna. Ach thubhairt esan riu, Mura faic mise aileadh nan tàirngean na làmhan, agus mura cuir mi mo mheur ann an aileadh nan tàirngean, agus mura cuir mi mo làmh na thaobh, cha chreid mi. Agus an ceann ochd làithean na dhèidh sin, bha a dheisciobail a‑rìs a‑staigh, agus Tòmas maille riu: thàinig Iosa, agus na dorsan dùinte, agus sheas e anns a’ mheadhon, agus thubhairt e, Sìth dhuibh. Na dhèidh sin thubhairt e ri Tòmas, Cuir an seo do mheur, agus feuch mo làmhan; agus sìn an seo do làmh, agus cuir am thaobh i: agus na bi mì‑chreidmheach, ach creidmheach. Agus fhreagair Tòmas, agus thubhairt e ris, Mo Thighearna agus mo Dhia. Thubhairt Iosa ris, Airson gum faca tu mi, a Thòmais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach faca, agus a chreid. Agus rinn Iosa, gu fìrinneach, mòran de mhìorbhailean eile am fianais a dheisciobal, nach eil sgrìobhte anns an leabhar seo. Ach tha iad seo sgrìobhte, a‑chum gun creideadh sibh gur e Iosa an Crìosd Mac Dhè; agus a’ creidsinn dhuibh, gum biodh agaibh beatha tro a ainm‐san. An dèidh nan nithean sin dh’fhoillsich Iosa e fhèin a‑rìs da dheisciobail aig muir Thiberiais; agus air an dòigh seo nochd e e fhèin: Bha maille ri chèile Sìmon Peadar, agus Tòmas den goirear Didimus, agus Natànael o Chàna Ghalile, agus mic Shebede, agus dithis eile de a dheisciobail. Thubhairt Sìmon Peadar riu, Tha mise a’ dol a dh’iasgach. Thubhairt iadsan ris, Tha sinne a’ dol maille riut. Dh’imich iad a‑mach, agus chaidh iad a‑steach do luing air ball; agus cha do ghlac iad nì air bith an oidhche sin. Ach nuair a bha a’ mhadainn a‑nis air teachd, sheas Iosa air an tràigh: gidheadh cha robh fhios aig na deisciobail gum b’e Iosa a bha ann. An sin thubhairt Iosa riu, A chlann, a bheil biadh air bith agaibh? Fhreagair iadsan e, Chan eil. Agus thubhairt esan riu, Tilgibh an lìon air an taobh a deas den luing, agus gheibh sibh. Thilg iad uime sin, agus a‑nis cha b’urrainn iad a tharraing airson lìonmhorachd an èisg. Uime sin thubhairt an deisciobal sin, a b’ionmhainn le Iosa, ri Peadar, Is e an Tighearna a tha ann. A‑nis nuair a chuala Sìmon Peadar gur e an Tighearna a bha ann, cheangail e a chòt‐uachdair uime (oir bha e lomnochd), agus thilg e e fhèin anns a’ mhuir. Thàinig na deisciobail eile ann an luing bhig; (oir cha robh iad fada o thìr, ach mu thimcheall dà cheud làmh‐choille), a’ tarraing an lìon èisg. Uime sin nuair a thàinig iad air tìr, chunnaic iad grìosach an sin, agus iasg air a chur oirre, agus aran. Thubhairt Iosa riu, Thugaibh an seo den iasg a ghlac sibh a‑nis. Chaidh Sìmon Peadar suas, agus tharraing e an lìon gu tìr, làn de èisg mhòra, ceud agus leth‐cheud agus trì: agus ged bha an uiread sin ann, cha do bhriseadh an lìon. Thubhairt Iosa riu, Thigibh, gabhaibh ur dìnnear. Agus cha robh a chridhe aig aon de na deisciobail fheòraich dheth, Cò thusa? Oir dh’aithnich iad gur e an Tighearna a bha ann. An sin thàinig Iosa, agus ghlac e aran, agus thug e dhaibh e, agus iasg mar an ceudna. Is i seo a‑nis an treas uair a nochd Iosa e fhèin da dheisciobail, an dèidh dha èirigh o na mairbh. An sin an dèidh dhaibh an dìnnear a ghabhail, thubhairt Iosa ri Sìmon Peadar, A Shìmoin mhic Iònais, a bheil barrachd gràidh agad dhòmhsa orra sin? Thubhairt e ris, Tha, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich m’uain. Thubhairt e ris a‑rìs an dara uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Thubhairt e ris, Seadh, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich mo chaoraich. Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, nuair a bha thu òg, chrioslaich thu thu fhèin, agus dh’imich thu an taobh a bu mhiann leat: ach nuair a bhios tu aosmhor, sìnidh tu a‑mach do làmhan, agus crioslaichidh neach eile thu, agus bheir e thu an taobh nach àill leat. Seo thubhairt e, a’ ciallachadh ciod a’ ghnè bhàis leis an tugadh e glòir do Dhia. Agus air dha seo a ràdh, Thubhairt e ris, Lean mise. An sin air do Pheadar tionndadh, chunnaic e an deisciobal a b’ionmhainn le Iosa, a’ leantainn; an tì mar an ceudna a laigh air uchd Iosa aig an t‑suipeir, agus a thubhairt ris, A Thighearna, cò e a bhrathas thu? Air do Pheadar esan fhaicinn, thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, ciod a nì am fear seo? Thubhairt Iosa ris, Mas àill leam‐sa e a dh’fhantainn gus an tig mi, ciod e sin dhutsa? Lean thusa mise. Uime sin chaidh an ràdh seo a‑mach am measg nam bràithrean, nach faigheadh an deisciobal sin bàs: gidheadh cha dubhairt Iosa ris nach faigheadh e bàs: ach, Mas i mo thoil‐sa e a dh’fhantainn gus an tig mi, ciod e sin dhutsa? Is e seo an deisciobal a tha a’ dèanamh fianais air na nithean seo, agus a sgrìobh na nithean seo: agus tha fhios againne gu bheil a fhianais fìor. Agus tha mar an ceudna mòran de nithean eile a rinn Iosa, agus nam biodh iad uile sgrìobhte, is i mo bharail nach cumadh an saoghal fhèin na rachadh a sgrìobhadh de leabhraichean. Amen. Rinn mi an ciad leabhar, a Theophiluis, mu thimcheall nan uile nithean a thòisich Iosa air a dhèanamh agus a theagasg, Gus an là anns an do thogadh suas e, an dèidh dha, tron Spiorad Naomh, àitheantan a thoirt do na h‑abstoil a thagh e: Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè: Agus air dha a bhith maille riu, dh’àithn e dhaibh gun iad a dhol o Ierusalem, ach feitheamh ri gealladh an Athar, arsa esan, a chuala sibh uamsa. Oir bhaist Eòin gu deimhinn le uisge: ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh, air bheag làithean an dèidh seo. Uime sin nuair a chruinnich iad an ceann a chèile, dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Thighearna, an aisig thu aig an àm seo an rìoghachd do Israel? Ach thubhairt esan riu, Cha bhuin e dhuibhse fios nan aimsir no nan àm fhaotainn, a chuir an t‑Athair na chumhachd fhèin. Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn. Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, thogadh suas e, agus iadsan ga fhaicinn; agus thug neul as an sealladh e. Agus am feadh a bha iadsan a’ geur‐amharc gu nèamh, agus esan a’ dol suas, feuch, sheas dithis fhear làimh riu ann an aodach geal; Agus thubhairt iad, Fheara Ghalile, carson a tha sibh nur seasamh ag amharc gu nèamh? An t‑Iosa seo a thogadh suas uaibh gu nèamh, is amhail sin a thig e, mar a chunnaic sibh e a’ dol do nèamh. An sin thill iad gu Ierusalem, on t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann‐ola, a tha am fagas do Ierusalem, astar là sàbaid as. Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach, far an robh a’ fantainn Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais. Bhuanaich iad seo uile a dh’aon inntinn ann an ùrnaigh (agus ann an guidhe), maille ris na mnathan, agus Muire màthair Iosa, agus maille ra bhràithrean. Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead). Fheara agus a bhràithrean, b’èiginn an sgriobtar seo a bhith air a choileanadh, a ro‑labhair an Spiorad Naomh le beul Dhaibhidh timcheall Iùdais, a bha na cheann‐iùil acasan a ghlac Iosa. Oir bha e air àireamh maille rinne, agus fhuair e cuibhreann den fhrithealadh seo. A‑nis cheannaich am fear seo fearann le duais na h‑eucoir; agus air dha tuiteam sìos air a aghaidh, sgàin e anns a’ mheadhon, agus bhrùchd a mhionach uile a‑mach. Agus rinneadh seo aithnichte do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim uile: air chor is gun abrar ris an fhearann sin nan cainnt fhèin, Aceldama, sin ri ràdh, Fearann fala. Oir tha e sgrìobhte ann an leabhar nan Salm, Biodh a àite‐còmhnaidh na fhàsach, agus na gabhadh neach sam bith tàmh ann: agus, Glacadh neach eile a dhreuchd. Air an adhbhar sin is còir aon de na daoine sin a bha maille rinne, rè na h‑aimsir sin uile anns an deachaidh an Tighearna Iosa a‑steach agus a‑mach nar measg, A’ tòiseachadh o bhaisteadh Eòin, gus an là anns an do thogadh suas uainn e, a bhith air a dhèanamh na fhianais air a aiseirigh‐san maille rinne. Agus shònraich iad dithis, Iòseph ris an abrar Barsabas, dom bu cho‐ainm Iustus, agus Matias. Agus rinn iad ùrnaigh, agus thubhairt iad, Thusa a Thighearna, don aithne cridheachan nan uile dhaoine, foillsich cò den dithis seo a thagh thu, A ghabhail cuibhrinn den fhrithealadh agus den abstolachd seo, on do thuit Iùdas le seachran, gu dol da àite fhèin. Agus thilg iad an crannchur; agus thuit an crannchur air Matias; agus bha e air àireamh maille ris an aon‐abstol‐deug. Agus nuair a thàinig là na Caingis, bha iad gu lèir a dh’aon inntinn ann an aon àite. Agus thàinig gu h‑obann toirm o nèamh, mar shèideadh gaoithe ro‑thrèin, agus lìon i an taigh uile far an robh iad nan suidhe. Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh teangaidhean sgoilte, mar de theine, agus shuidh e air gach aon dhiubh fa leth: Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh. Agus bha a’ gabhail còmhnaidh ann an Ierusalem, Iùdhaich, daoine cràbhach, de gach uile chinneach fo nèamh. A‑nis, nuair a sgaoileadh an t‑iomradh seo, thàinig an sluagh an ceann a chèile, agus bha iad fo amhluadh, do bhrìgh gun cuala gach aon iad a’ labhairt nan cànain fhèin. Agus bha iad uile fo uamhas agus ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Feuch, nach Galilèaich iad sin uile a tha a’ labhairt? Agus cionnas a tha sinne gan cluinntinn gach aon nar cànain fhèin, anns an do rugadh sinn? Partaich, agus Medich, agus Elamaich, agus luchd‐àiteachaidh Mhesopotamia, Iudèa, agus Chapadòcia, Phontuis, agus Asia, Phrigia, agus Phamphilia, na h‑Èiphit, agus crìochan na Libia timcheall Chirène, agus coigrich on Ròimh, Iùdhaich agus proselitich. Muinntir Chrete, agus Aràbia, tha sinn gan cluinntinn a’ labhairt nar teangaidhean fhèin gnìomharan mòralach Dhè. Agus bha iad uile fo uamhas, agus ann an ioma‑chomhairle, ag ràdh gach aon ri chèile, Ciod as ciall dha seo? Ach thubhairt dream eile a’ fanaid, Tha na daoine seo làn de fhìon ùr. Ach air seasamh do Pheadar maille ris an aon‐fhear‐deug, thog e a ghuth, agus thubhairt e riu, Fheara Iudèa, agus sibhse uile a luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, biodh fhios seo agaibh, agus èisdibh rim bhriathran‐sa: Oir chan eil iad seo air mhisg, mar a tha sibhse a’ meas, oir is i an treas uair den là a tha ann. Ach is e seo an nì a chaidh a labhairt leis an fhàidh Ioel: Agus tàrlaidh anns na làithean deireannach (arsa Dia), dòirtidh mise dem Spiorad air gach uile fheòil; agus nì ur mic agus ur nigheanan fàidheadaireachd, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean, agus bruadaraidh ur seann daoine bruadair: Agus dòirtidh mise air m’òglaich, agus air mo bhanoglaich, dem Spiorad anns na làithean sin; agus nì iad fàidheadaireachd: Agus nochdaidh mise iongantasan anns na nèamhan shuas, agus comharraidhean air an talamh shìos; fuil, agus teine, agus dubh‐neul deataich: Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus comharraichte sin an Tighearna: Agus tàrlaidh, ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna, gun tèarnar e. Fheara Israeil, èisdibh ris na briathran seo: Iosa o Nàsaret, duine a dhearbhadh le Dia nur measg‐se, le cumhachdan agus le mìorbhailean agus le comharraidhean, a rinn Dia leis‐san nur meadhon‐se, mar tha fhios agaibh fhèin: An duine seo, a thugadh thairis le comhairle chinntich agus ro‑eòlas Dhè, ghlac sibhse, agus le làmhan dhroch dhaoine cheus agus mharbh sibh e: Neach a thog Dia suas, air dha piantan a’ bhàis fhuasgladh; do bhrìgh nach robh e an comas gun cùmte esan leis: Oir thubhairt Daibhidh ma thimcheall, Chunnaic mi an Tighearna romham a‑ghnàth; oir tha e aig mo dheaslàimh, a‑chum nach gluaiste mi: Air an adhbhar seo rinn mo chridhe gàirdeachas, agus rinn mo theanga aoibhneas: tuilleadh fòs, gabhaidh m’fheòil còmhnaidh fhoisneach ann an dòchas: Do bhrìgh nach fàg thu m’anam shìos ann an ifrinn, cha mhò a dh’fhuilingeas tu dod naomh‐Aon fhèin gum faic e truaillidheachd. Dh’fhoillsich thu dhòmhsa slighean na beatha; lìonaidh tu mi de shubhachas led ghnùis. Fheara agus a bhràithrean, leigibh leam labhairt gu dàna ribh mun phrìomh‐athair Daibhidh, araon gun d’fhuair e bàs, agus gun d’adhlaiceadh e, agus gu bheil a uaigh maille rinn gus an là‑an‑diugh. Air an adhbhar sin air dha a bhith na fhàidh, agus fiosrach gun do mhionnaich Dia le mionnan dha, de thoradh a leasraidh, a rèir na feòla, gun togadh e suas Crìosd, gu suidhe air a rìgh‐chathair‐san: Air dhàsan seo a ro‑fhaicinn, labhair e mu aiseirigh Chrìosd, nach d’fhàgadh a anam ann an ifrinn, agus nach faca a fheòil truaillidheachd. An t‑Iosa seo thog Dia suas, air a bheil sinne uile nar fianaisean. Uime sin, air dha a bhith air àrdachadh le deaslàimh Dhè, agus gealladh an Spioraid Naoimh fhaotainn on Athair, dhòirt e a‑mach an nì seo, a tha sibhse a‑nis a’ faicinn agus a’ cluinntinn. Oir cha deachaidh Daibhidh suas a‑chum nan nèamh: ach tha e fhèin ag ràdh, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh air mo làimh dheis, Gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan. Uime sin biodh fios gu cinnteach aig taigh Israeil uile, gun do rinn Dia na Thighearna, agus na Chrìosd, an t‑Iosa seo fhèin, a cheus sibhse. A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a’ chuid eile de na h‑abstoil, Fheara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn? An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh. Oir tha an gealladh dhuibhse, agus dur cloinn, agus do na h‑uile a tha fad o làimh, eadhon a mheud is a ghairmeas an Tighearna ar Dia. Agus le mòran de bhriathran eile rinn e fianais agus dh’earalaich e iad, ag ràdh, Saoraibh sibh fhèin on ghinealach fhiar seo. An sin bhaisteadh iadsan a ghabh ra fhacal gu toileach: agus air an là sin fhèin chuireadh riu timcheall trì mìle anam. Agus bhuanaich iad gu seasmhach ann an teagasg nan abstol, agus ann an co‑chomann, agus ann am briseadh arain, agus ann an ùrnaighean. Agus thàinig eagal air gach anam: agus rinneadh mòran de mhìorbhailean agus de chomharraidhean leis na h‑abstoil. Agus bha iadsan uile a chreid ann an aon àite, agus bha na h‑uile nithean aca coitcheann; Agus reic iad an seilbh agus am maoin, agus roinn iad air na h‑uile iad, a rèir mar a bha feum gach neach. Agus a’ buanachadh dhaibh gach là a dh’aon inntinn anns an teampall, agus a’ briseadh arain o thaigh gu taigh, chaith iad am biadh le gàirdeachas agus le aon‐fhillteachd cridhe, A’ moladh Dhè, agus deagh‐ghean aca on t‑sluagh uile. Agus chuir an Tighearna gach là ris an eaglais an dream a thèarnar. Agus chaidh Peadar agus Eòin le chèile suas don teampall, aig uair na h‑ùrnaigh, eadhon an naoidheamh uair. Agus bha duine àraidh a bha na bhacach o bhroinn a mhàthar air a ghiùlan, neach a chuireadh gach là aig doras sin an teampaill ris an abrar Sgiamhach, a dh’iarraidh dèirce orrasan a bha a’ dol a‑steach don teampall: Neach nuair a chunnaic e Peadar agus Eòin air tì dol a‑steach don teampall, a dh’iarr dèirc. Agus air do Pheadar sealltainn gu geur air, maille ri Eòin, thubhairt e, Amhairc oirnne. Agus thug esan aire dhaibh ann an dòchas gum faigheadh e nì‑eigin uapa. An sin thubhairt Peadar, Airgead no òr chan eil agam; ach an nì a tha agam, seo bheir mi dhut. Ann an ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, èirich agus imich. Agus air dha breith air a làimh dheis, thog e suas e; agus air ball neartaicheadh a aobrain agus a throighean. Agus leum e suas, agus sheas e, agus dh’imich e, agus chaidh e a‑steach maille riu don teampall, ag imeachd, agus a’ leumnaich, agus a’ toirt cliù do Dhia. Agus chunnaic an sluagh uile e ag imeachd, agus a’ toirt cliù do Dhia. Agus dh’aithnich iad esan gum b’e a bha na shuidhe aig geata Sgiamhach an teampaill ag iarraidh dèirce: agus lìonadh iad le iongantas agus le uamhas airson an nì sin a thachair dha. Agus a’ cumail Pheadair agus Eòin (don bhacach a chaidh a leigheas), ruith an sluagh uile dan ionnsaigh anns an sgàth‐thaigh ris an abrar sgàth‐thaigh Sholaimh, làn iongantais. Agus nuair a chunnaic Peadar seo, fhreagair e an sluagh, Fheara Israeil, carson a tha sibh a’ geur‐amharc oirnne, mar gum b’ann le ar cumhachd no ar naomhachd fhèin a thug sinn air an duine seo imeachd? Ghlòraich Dia Abrahàim, agus Isaaic, agus Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a Mhac Iosa; a thug sibhse thairis, agus a dh’àich sibh an làthair Philait, nuair a b’i a bhreith a chur fa sgaoil. Ach dh’àich sibhse an t‑Aon naomh, agus am Fìrean, agus dh’iarr sibh mortair a thìodhlacadh dhuibh; Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean. Agus tre chreideamh na ainm neartaich e an tì seo, a tha sibhse a’ faicinn, agus as aithne dhuibh: seadh, thug a ainm‐san agus an creideamh a tha trìd‐san, dhàsan an t‑slàinte iomlan seo nur làthair‐se uile. Agus a‑nis, a bhràithrean, tha fhios agam gur ann tro aineolas a rinn sibh e, mar a rinn mar an ceudna ur n‑uachdarain. Ach choilean Dia air an dòigh seo na nithean sin a ro‑fhoillsich e le beul a fhàidhean uile, gum fuilingeadh Crìosd. Air an adhbhar sin, dèanaibh‐se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna; Agus a chuireas e Iosa Crìosd dur n‑ionnsaigh, a chaidh a ro‑òrdachadh: Neach as èiginn do nèamh a ghabhail gu aimsirean aiseag nan uile nithean, air an do labhair Dia le beul a fhàidhean naomha uile, o thoiseach an t‑saoghail. Oir gu fìrinneach thubhairt Maois ris na h‑athraichean, Togaidh an Tighearna ur Dia suas fàidh dhuibh, de ur bràithrean, mar mise; ris‐san èisdidh sibh anns na h‑uile nithean a labhras e ribh. Agus tàrlaidh, gach anam nach èisd ris an fhàidh sin, gun sgriosar a‑mach as an t‑sluagh e. Seadh, dh’fhoillsich na fàidhean uile o Shamuel, agus iadsan a lean o sin, a mheud dhiubh is a labhair ro‑làimh mu na làithean seo. Is sibhse clann nam fàidhean, agus a’ choicheangail a rinn Dia ri ar n‑athraichean, ag ràdh ri Abrahàm, Agus ann ad shliochd‐sa bidh uile theaghlaichean na talmhainn air am beannachadh. Air do Dhia a Mhac Iosa a thogail suas, chuir e dur n‑ionnsaigh‐se e air tùs, a‑chum gum beannaicheadh e sibh, leis gach aon agaibh iompachadh o ur lochdan. Agus am feadh a bha iad a’ labhairt ris an t‑sluagh, thàinig orra na sagartan, agus ceannard an teampaill, agus na Sadusaich; Air dhaibh a bhith fo dhoilgheas gu robh iad a’ teagasg an t‑sluaigh, agus a’ searmonachadh tre Iosa aiseirigh nam marbh. Agus chuir iad làmh annta, agus chuir iad ann am prìosan iad gus an là màireach: oir b’e a‑nis am feasgar a bha ann. Gidheadh chreid mòran dhiubhsan a chuala am facal: agus b’e àireamh nan daoine timcheall còig mìle. Agus thàrladh air an là màireach, gun do chruinnicheadh an ceann a chèile an uachdarain, agus an seanairean, agus an sgrìobhaichean ann an Ierusalem, Agus Annas an t‑àrd‐shagart, agus Caiaphas, agus Eòin, agus Alecsander, agus a mheud is a bha de chinneach an àrd‐shagairt. Agus air dhaibh iadsan a chur anns a’ mheadhon, dh’fheòraich iad, Ciod e an cumhachd, no ciod e an t‑ainm, anns an do rinn sibh seo? An sin air do Pheadar a bhith air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, thubhairt e riu, Uachdarana a’ phobaill, agus a sheanairean Israeil, Ma tha sinne an‑diugh air ar ceasnachadh mun deagh ghnìomh a rinneadh don duine easlan, cionnas a shlànaicheadh e; Biodh e aithnichte dhuibhse uile, agus do phoball Israeil uile, gur ann tre ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh, eadhon trìdsan a tha an duine seo na sheasamh an seo nur làthair‐se slàn. Is i seo a’ chlach a dhiùltadh leibhse, a luchd togail, a rinneadh na ceann na h‑oisne. Agus chan eil slàinte ann an neach air bith eile: oir chan eil ainm air bith eile fo nèamh air a thabhairt am measg dhaoine, tre am faod sinn a bhith air ar tèarnadh. A‑nis nuair a chunnaic iad dànachd Pheadair agus Eòin, agus a thuig iad gum bu daoine gun fhòghlam agus cumanta iad, ghabh iad iongantas; agus dh’aithnich iad iad gu robh iadsan maille ri Iosa. Agus air faicinn an duine a lèighseadh na sheasamh maille riu, cha robh nì air bith aca ri ràdh na aghaidh. Agus an dèidh dhaibh òrdachadh dhaibhsan dol a‑mach as a’ chomhairle, chuir iad an cinn cuideachd, Ag ràdh, Ciod a nì sinn ris na daoine seo? Oir gun deachaidh mìorbhail aithnichte a dhèanamh leo, tha e follaiseach do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim uile, agus chan urrainn sinn a àicheadh. Ach a‑chum nach sgaoilear e nas mò air feadh an t‑sluaigh, bagramaid orra gu geur, gun iad a labhairt nas mò ri neach air bith anns an ainm seo. Agus air dhaibh an gairm, dh’àithn iad dhaibh gun iad a labhairt air chor sam bith, no a theagasg ann an ainm Iosa. Ach fhreagair Peadar, agus Eòin agus thubhairt iad riu, A bheil e ceart ann am fianais Dhè, èisdeachd ribhse ro Dhia, thugaibh fhèin breith. Oir chan eil e an comas dhuinne gun na nithean a chunnaic agus a chuala sinn a labhairt. Agus air dhaibhsan tuilleadh bagraidh a dhèanamh orra, leig iad as iad, gun dòigh air bith fhaotainn air am faodadh iad peanas a dhèanamh orra, airson an t‑sluaigh: oir bha na h‑uile a’ toirt glòire do Dhia airson an nì a rinneadh. Oir bha an duine air an do rinneadh am mìorbhail leighis seo tuilleadh is dà‑fhichead bliadhna a dh’aois. Agus nuair a leigeadh as iad, thàinig iad a dh’ionnsaigh am muinntir fhèin, agus dh’innis iad na h‑uile nithean a thubhairt na h‑àrd‐shagartan, agus na seanairean, riu. Agus nuair a chuala iadsan seo, thog iad suas a dh’aon inntinn an guth ri Dia, agus thubhairt iad, A Thighearna, is tusa an Dia a rinn nèamh agus talamh, agus an fhairge, agus na h‑uile nithean a tha annta: A thubhairt le beul Dhaibhidh do sheirbhiseach, Carson a ghabh na Cinnich boil, agus a smaoinich an sluagh nithean dìomhain? Sheas rìghrean na talmhainn suas, agus chruinnicheadh na h‑uachdarain an ceann a chèile, an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Chrìosd. Oir gu fìrinneach chruinnicheadh an ceann a chèile, an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dh’ung thu, araon Herod agus Pontius Pilat, maille ris na Cinnich, agus sluagh Israeil, A dhèanamh gach nì a ro‑òrdaich do làmh agus do chomhairle a bhith air a dhèanamh. Agus a‑nis, a Thighearna, amhairc air am bagraidhean: agus deònaich dod sheirbhisich fhèin d’fhacal a labhairt leis gach uile dhànachd, Led làmh a shìneadh a‑mach a‑chum leighis: agus gum bi comharraidhean agus mìorbhailean air an dèanamh tre ainm do leinibh naoimh Iosa. Agus air dhaibh ùrnaigh a dhèanamh, chrathadh an t‑àite anns an robh iad cruinn; agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus labhair iad facal Dhè le dànachd. Agus bha aig a’ chuideachd a chreid aon chridhe, agus aon anam: agus cha mhò a thubhairt neach air bith dhiubh gum bu leis fhèin aon nì a shealbhaich e; ach bha na h‑uile nithean coitcheann aca. Agus le mòr‐chumhachd thug na h‑abstoil fianais air aiseirigh an Tighearna Iosa: agus bha mòr‐ghràs orra uile. Agus cha mhò a bha aon neach uireasbhaidheach nam measg: oir a mheud is a bha nan sealbhadairean fearainn, no thaighean, air dhaibh an reic, thug iad luach nan nithean a chaidh a reic leo; Agus chuir iad aig casan nan abstol e; agus roinneadh e air gach neach a rèir a fheuma. Agus air do fhearann a bhith aig Ioses den do ghoireadh leis na h‑abstoil Barnabas (is e sin, air eadar‐theangachadh, Mac na Comhfhurtachd), Lèbhitheach, dom bu dùthaich Cìprus; Reic e e, agus thug e an t‑airgead leis, agus chuir e aig casan nan abstol e. Ach reic fear àraidh dom b’ainm Ananias, maille ra mhnaoi Saphira, sealbh fearainn. Agus cheil e cuid den luach, le fios a mhnà, agus air dha cuid àraidh a thoirt leis, chuir e aig casan nan abstol e. Ach thubhairt Peadar, Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe a dhèanamh brèige don Spiorad Naomh, agus a cheiltinn cuid de luach an fhearainn? Am feadh a dh’fhuirich e gun reic, nach bu leat fhèin e? Agus an dèidh a reic nach robh e nad chomas fhèin? Carson a smaoinich thu ann ad chridhe an gnìomh seo? Cha do rinn thu breug do dhaoine, ach do Dhia. Agus nuair a chuala Ananias na briathran seo, thuit e sìos, agus chaidh an deò as: agus thàinig eagal mòr air na h‑uile a chuala na nithean seo. Agus air èirigh do na h‑òganaich, phaisg iad ann an aodach‐mairbh e, agus air dhaibh a ghiùlan a‑mach, dh’adhlaic iad e. Agus thàrladh mu thimcheall trì uairean na dhèidh sin, gun tàinig a bhean a‑steach, gun fhios aice air an nì a rinneadh. Agus fhreagair Peadar i, Innis dhòmhsa an ann air an uiread seo a reic sibh am fearann? Agus thubhairt ise, Is ann, airson an uiread sin. An sin thubhairt Peadar rithe, Carson a cho‐aontaich sibh Spiorad an Tighearna a dhearbhadh? Feuch, tha casan na muinntir a dh’adhlaic d’fhear aig an doras, agus giùlainidh iad thusa a‑mach. An sin thuit i air ball aig a chasan, agus chaidh an deò aisde: agus air do na h‑òganaich teachd a‑steach, fhuair iad i marbh, agus air dhaibh a giùlan a‑mach, dh’adhlaic iad làimh ri a fear i. Agus thàinig eagal mòr air an eaglais uile, agus air na h‑uile a chuala na nithean seo. Agus rinneadh mòran chomharraidhean agus mhìorbhailean am measg a’ phobaill le làmhan nan abstol; (agus bha iad uile a dh’aon inntinn ann an sgàth‐thaigh Sholaimh: Agus cha robh a chridhe aig aon de chàch e fhèin a cheangal riu ): ach bha mòr‐mheas aig a’ phoball orra. Agus is mò a chuireadh creidmhich ris an Tighearna, buidheann mhòr araon de fhir agus de mhnathan: Air chor is gun tug iad a‑mach a’ mhuinntir easlan air na sràidean, agus gun do chuir iad air leapaichean agus air uirighean iad, a‑chum aig teachd do Pheadar gun cuireadh a fhaileas, mar a bu lugha, sgàil air neach‐eigin aca. Agus thàinig mar an ceudna mòr‐shluagh as na bailtean mun cuairt air Ierusalem a’ toirt leo muinntir easlain, agus dream a bha air an cràdh le spioradan neòghlan: agus lèighseadh iad uile. An sin dh’èirich an t‑àrd‐shagart, agus iadsan uile a bha maille ris, (eadhon luchd‐bharail nan Sadusach ), agus lìonadh iad le eud. Agus chuir iad làmh anns na h‑abstoil, agus chuir iad anns a’ phrìosan chumanta iad. Ach dh’fhosgail aingeal an Tighearna dorsan a’ phrìosain anns an oidhche, agus thug e iadsan a‑mach, agus thubhairt e, Imichibh, agus a’ seasamh dhuibh labhraibh anns an teampall, ris an t‑sluagh, uile bhriathran na beatha seo. Agus nuair a chuala iad seo, chaidh iad gu moch a‑steach don teampall, agus theagaisg iad. Ach thàinig an t‑àrd‐shagart agus iadsan a bha maille ris, agus ghairm iad a’ chomhairle, agus seanadh chloinn Israeil uile, an ceann a chèile, agus chuir iad don phrìosan a‑chum gun tugte iadsan dan ionnsaigh. Ach nuair a thàinig na maoir, cha d’fhuair iad anns a’ phrìosan iad, agus air tilleadh dhaibh, dh’innis iad, Ag ràdh, Fhuair sinne gu fìrinneach am prìosan dùinte gu ro‑thèarainte, agus an luchd‐coimhead nan seasamh a‑mach fa chomhair nan dorsan; ach nuair a dh’fhosgail sinn, cha d’fhuair sinn aon duine a‑staigh. A‑nis nuair a chuala an t‑àrd‐shagart, agus ceannard an teampaill, agus uachdarain nan sagart, na briathran seo, bha iad fo amharas mun timcheall ciod gus an tigeadh seo. An sin thàinig neach àraidh agus dh’innis e dhaibh, ag ràdh, Feuch, tha na daoine a chuir sibh anns a’ phrìosan nan seasamh anns an teampall, agus a’ teagasg a’ phobaill. An sin dh’imich an ceannard maille ris na maoir, agus thug e leis iad gun ainneart: (oir bha eagal orra ron t‑sluagh, gum biodh iad air an clachadh leo). Agus nuair a thug iad leo iad, chuir iad ann am fianais na comhairle iad: agus dh’fheòraich an t‑àrd‐shagart dhiubh, Ag ràdh, Nach tug sinne geur‐òrdagh dhuibh gun teagasg a dhèanamh anns an ainm seo? Agus, feuch, lìon sibh Ierusalem le ur teagasg, agus is àill leibh fuil an duine seo a tharraing oirnne. An sin fhreagair Peadar agus na h‑abstoil eile, agus thubhairt iad, Is còir gèill a thoirt do Dhia nas mò na do dhaoine. Thog Dia ar n‑athraichean Iosa, a mharbh sibhse agus a chroch sibh air crann. Esan dh’àrdaich Dia le a dheas‐làimh na Cheannard agus na Shlànaighear, a thoirt aithreachais agus maitheanas pheacaidhean do Israel. Agus tha sinne nar fianaisean dha air na nithean seo; agus mar an ceudna an Spiorad Naomh, a thug Dia dhaibhsan a tha umhail dha. Agus nuair a chuala iadsan seo, bha iad air an gonadh, agus ghabh iad comhairle an cur gu bàs. An sin dh’èirich Pharasach àraidh anns a’ chomhairle, dom b’ainm Gamaliel, fear‐teagaisg an lagha, air an robh meas aig an t‑sluagh uile, agus dh’òrdaich e na h‑abstoil a chur a‑mach rè tamaill; Agus thubhairt e riu, Fheara Israeil, thugaibh an aire dhuibh fhèin, ciod a tha romhaibh a dhèanamh mu thimcheall nan daoine sin. Oir ro na làithean seo dh’èirich Teudas suas, ag ràdh gum bu neach‐eigin mòr e fhèin, agus cheangail àireamh dhaoine, timcheall ceithir cheud, iad fhèin ris: mharbhadh esan, agus a mheud is a dh’aontaich leis, sgaoileadh iad uile as a chèile, agus chaidh iad gu neoni. An dèidh an fhir seo dh’èirich Iùdas an Galilèach suas, ann an làithean na cìs‐mheasaidh, agus tharraing e mòran sluaigh na dhèidh: sgriosadh esan mar an ceudna, agus a mheud is a ghèill dha sgapadh iad uile. Agus a‑nis tha mi ag ràdh ribh, Fanaibh o na daoine seo, agus leigibh leo: oir mas ann o dhaoine a tha a’ chomhairle seo, no an obair seo, thig i gu neo‐bhrìgh: Ach mas ann o Dhia a tha i, chan urrainn sibhse a cur gu neo‐bhrìgh: air eagal gun tàrladh gum faighear sibh eadhon a’ cogadh an aghaidh Dhè. Agus dh’aontaich iad leis‐san: agus nuair a ghairm iad na h‑abstoil, agus a ghabh iad orra, dh’òrdaich iad dhaibh gun labhairt ann an ainm Iosa, agus leig iad as iad. Agus dh’imich iadsan o làthair na comhairle, le gàirdeachas a chionn gun do mheasadh gum b’airidh iad air eas‐urram fhulang airson a ainme‐san. Agus gach là anns an teampall, agus o thaigh gu taigh, cha do sguir iad a bhith a’ teagasg, agus a’ searmonachadh Iosa Crìosd. Agus anns na làithean sin, nuair a bha àireamh nan deisciobal a’ meudachadh, dh’èirich gearan am measg nan Greugach an aghaidh nan Eabhraidheach, a chionn gun do dhearmadadh am bantraichean anns an fhrithealadh làitheil. An sin ghairm an dà‑fhear‐dheug mòr‐chuideachd nan deisciobal dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Chan eil e iomchaidh sinne a dh’fhàgail facal Dhè, agus a fhrithealadh do bhùird. Uime sin, a bhràithrean, iarraibh a‑mach nur measg seachdnar dhaoine fo dheagh iomradh, làn den Spiorad Naomh agus de ghliocas, a chuireas sinne os cionn an dreuchd seo. Ach buanaichidh sinne a‑ghnàth ann an ùrnaigh, agus ann am ministrealachd an fhacail. Agus bha a’ chainnt seo taitneach an làthair na mòr‐chuideachd uile: agus thagh iad Stèphen, duine làn de chreideamh, agus den Spiorad Naomh, agus Philip, agus Prochoras, agus Nicanor, agus Timon, agus Parmenas, agus Nicolas, proseliteach de mhuinntir Antioch; Chuir iad iadsan an làthair nan abstol: agus air dèanamh ùrnaigh dhaibh, chuir iad an làmhan orra. Agus dh’fhàs facal Dhè; agus mheudaicheadh àireamh nan deisciobal gu ro‑mhòr ann an Ierusalem; agus bha cuideachd mhòr de na sagartan umhail don chreideamh. Agus rinn Stèphen, làn de chreideamh agus de chumhachd, mìorbhailean agus comharraidhean mòra am measg an t‑sluaigh. An sin dh’èirich dream àraidh den t‑sionagog, ris an abrar sionagog nan Libertineach agus nan Cirènianach, agus de mhuinntir Alecsandria, agus na dream o Chilicia, agus on Asia, a’ deasbaireachd ri Stèphen. Agus cha b’urrainn iad cur an aghaidh a’ ghliocais agus an spioraid leis an do labhair e. An sin thug iad a‑steach le foill daoine a thubhairt, Chuala sinne e a’ labhairt bhriathran toibheumach an aghaidh Mhaois, agus Dhè. Agus dhùisg iad suas an sluagh, agus na seanairean, agus na sgrìobhaichean, agus thàinig iad air, agus ghlac iad e, agus thug iad an làthair na comhairle e. Agus chuir iad suas fianaisean brèige, a thubhairt, Chan eil an duine seo a’ sgur de labhairt bhriathran toibheumach an aghaidh an ionaid naoimh seo, agus an lagha. Oir chuala sinn e ag ràdh gun sgrios an t‑Iosa seo o Nàsaret an t‑àite seo, agus gun atharraich e na gnàthan a thug Maois dhuinne. Agus air dhaibhsan uile a bha nan suidhe anns a’ chomhairle amharc gu geur air, chunnaic iad a aghaidh mar aghaidh aingil. An sin thubhairt an t‑àrd‐shagart, A bheil, matà, na nithean seo mar seo? Agus thubhairt esan, Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh. Dh’fhoillsicheadh Dia na glòire dar n‑athair Abrahàm, nuair a bha e ann am Mesopotàmia, mun do ghabh e còmhnaidh ann an Haran. Agus thubhairt e ris, Rach a‑mach à do thìr fhèin, agus od chinneach, agus thig a‑chum na tìre a nochdas mise dhut. An sin chaidh esan a‑mach à talamh nan Caldèanach, agus ghabh e còmhnaidh ann an Haran: agus as a sin, an dèidh bàs a athar, dh’atharraich e e don fhearann seo anns a bheil sibhse a‑nis nur còmhnaidh. Agus cha tug e dha oighreachd sam bith ann, cha tug fiù leud troighe: gidheadh gheall e gun tugadh e mar sheilbh e dha fhèin agus da shliochd na dhèidh, ged nach robh fhathast duine cloinne aige. Agus labhair Dia air an dòigh seo, gum biodh a shliochd air chuairt ann an dùthaich choigrich, agus gun dèanadh iad tràillean dhiubh, agus gum buineadh iad gu h‑olc riu rè ceithir cheud bliadhna. Agus air a’ chinneach sin dom bi iadsan fo dhaorsa, bheir mise breith, arsa Dia: agus an dèidh nan nithean sin thig iad a‑mach, agus nì iad seirbhis dhòmhsa anns an àite seo. Agus thug e dha coicheangal an timcheall‐ghearraidh: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac, agus thimcheall‐gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh‐athair dheug. Agus a’ gabhail farmaid, reic na prìomh‐athraichean Iòseph don Èiphit: ach bha Dia maille ris. Agus shaor e e as a thriobhlaidean uile, agus thug e deagh‐ghean agus gliocas dha an làthair Phàraoh rìgh na h‑Èiphit; agus chuir e e na uachdaran air an Èiphit, agus air a theaghlach fhèin uile. A‑nis thàinig gorta agus àmhghar mòr air an Èiphit uile, agus air talamh Chanàain; agus cha d’fhuair ar n‑athraichean teachd‐an‑tìr. Ach nuair a chuala Iàcob gu robh arbhar anns an Èiphit, chuir e a‑mach ar n‑athraichean air tùs. Agus air an dara uair rinneadh Iòseph aithnichte da bhràithrean; agus rinneadh cinneach Iòseiph follaiseach do Phàraoh. An sin chuir Iòseph fios uaithe, agus ghairm e da ionnsaigh Iàcob athair, agus a luchd‐dàimhe uile, còig‐anaman‐deug agus trì‐fichead. Agus chaidh Iàcob sìos don Èiphit, agus fhuair e bàs, e fhèin agus ar n‑athraichean. Agus ghiùlaineadh thairis iad gu Sichem, agus chuireadh iad anns an àit‐adhlaic a cheannaich Abrahàm air suim airgid o mhic Emoir, athair Shicheim. Ach nuair a dhruid àm a’ gheallaidh, a mhionnaich Dia do Abrahàm, dh’fhàs an sluagh agus rinneadh iad lìonmhor anns an Èiphit. Gus an d’èirich rìgh eile, do nach b’aithne Iòseph. Bhuin esan gu cuilbheirteach ri ar cinneach, agus rinn e olc air ar n‑athraichean, air chor is gun tug e orra an naoidheanan a thilgeadh a‑mach a‑chum nach sìolaicheadh iad. Anns an àm sin rugadh Maois, agus bha e ro‑sgiamhach, agus dh’altramadh e trì mìosan ann an taigh a athar: Agus nuair a thilgeadh a‑mach e, thog nighean Phàraoh leatha e, agus dh’altraim i e mar mhac dhi fhèin. Agus dh’fhòghlaimeadh Maois ann an uile ghliocas nan Èiphiteach, agus bha e cumhachdach ann am briathran agus ann an gnìomharan. Agus nuair a bha e dà‑fhichead bliadhna iomlan a dh’aois, thàinig e na chridhe a bhràithrean, clann Israeil, fhiosrachadh. Agus air dha duine àraidh dhiubh fhaicinn a’ fulang eucoir, theasairg e e, agus air bualadh an Èiphitich dha, rinn e dìoghaltas airson an fhir air an do rinneadh an eucoir: Oir shaoil e gun tuigeadh a bhràithrean gun tugadh Dia le a làimh‐san saorsa dhaibh; ach cha do thuig iadsan. Agus air an là na dhèidh sin nochd e e fhèin dhaibh agus iad a’ còmhstri, agus b’àill leis sìth a dhèanamh eatorra, ag ràdh, A dhaoine, is bràithrean sibh fhèin; carson a tha sibh a’ dèanamh eucoir air a chèile? Ach chuir am fear a rinn an eucoir air a choimhearsnach uaithe e, ag ràdh, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne? Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Èiphiteach an‑dè? An sin theich Maois airson an fhacail seo, agus bha e na choigreach ann an dùthaich Mhidiain, far an do ghin e dithis mhac. Agus nuair a choileanadh dà‑fhichead bliadhna, dh’fhoillsicheadh dha ann am fàsach beinne Shina, aingeal an Tighearna ann an lasair theine ann am preas. Agus nuair a chunnaic Maois seo, ghabh e iongantas mun t‑sealladh; agus air dha teachd am fagas gu beachdachadh air, thàinig guth an Tighearna da ionnsaigh. Ag ràdh, Is mise Dia d’athraichean, Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. An sin chriothnaich Maois, agus cha robh a chridhe aige amharc. An sin thubhairt an Tighearna ris, Fuasgail do bhrògan od chasan: oir is talamh naomh an t‑àit air a bheil thu ad sheasamh. Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo phobaill a tha anns an Èiphit, agus chuala mi an osna, agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh. Agus a‑nis thig, cuiridh mi don Èiphit thu. Am Maois seo fhèin a dhiùlt iadsan, ag ràdh, Cò a rinn uachdaran agus britheamh dhìotsa? Esan chuir Dia gu bhith na uachdaran agus na fhear‐saoraidh le làimh an aingil a dh’fhoillsicheadh dha anns a’ phreas. Thug esan a‑mach iad an dèidh dha mìorbhailean, agus comharraidhean, a dhèanamh ann an tìr na h‑Èiphit, agus anns a’ mhuir ruaidh, agus anns an fhàsach rè dà‑fhichead bliadhna. Is e seo am Maois ud a thubhairt ri cloinn Israeil, Togaidh an Tighearna ur Dia suas fàidh dhuibh de ur bràithrean, cosmhail riumsa; ris‐san èisdidh sibh. Seo esan a bha anns an eaglais anns an fhàsach, maille ris an aingeal a labhair ris ann am beinn Shina, agus maille ri ar n‑athraichean‐ne: neach a fhuair briathran na beatha a‑chum an toirt dhuinne: Do nach b’àill le ar n‑athraichean a bhith umhail, ach chuir iad uapa e, agus nan cridhe thill iad air an ais don Èiphit, Ag ràdh ri Aaron, Dèan dhuinne diathan a thèid romhainn: oir mu thimcheall a’ Mhaois seo, a thug a‑mach sinn à tìr na h‑Èiphit, chan eil fhios againn ciod a dh’èirich dha. Agus rinn iad laogh anns na làithean sin, agus thug iad ìobairt don dealbh, agus rinn iad gàirdeachas ann an obraichean an làmhan fhèin. An sin thill Dia, agus thug e thairis iad a‑chum adhradh a dhèanamh do armailt nèimh, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar nam fàidhean, An tug sibh dhòmhsa beathaichean marbhte, agus ìobairtean rè dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach, O thaigh Israeil? Seadh, thog sibh suas pàillean Mholoich, agus reul ur dè Remphan, dealbhan a rinn sibh a‑chum adhraidh dhaibh: uime sin atharraichidh mi sibh an taobh thall de Bhàbilon. Bha pàillean na fianais aig ar n‑athraichean anns an fhàsach, a rèir mar a dh’àithn an tì a labhair ri Maois gun dèanadh e e a rèir an t‑samhlaidh a chunnaic e. An nì a thug mar an ceudna ar n‑athraichean, a bha nan dèidh, a‑steach maille ri Iosa do sheilbh nan Cinneach, a thilg Dia a‑mach ro ghnùis ar n‑athraichean, gu làithean Dhaibhidh; Neach a fhuair deagh‐ghean am fianais Dhè, agus a dh’iarr pàillean fhaotainn do Dhia Iàcoib. Ach thog Solamh taigh dha. Gidheadh chan eil an Tì as àirde a’ gabhail còmhnaidh ann an teampaill làmh‐dhèante; mar tha am fàidh ag ràdh, Is e nèamh mo rìgh‐chathair, agus an talamh stòl mo chas: ciod an taigh a thogas sibh dhomh, tha an Tighearna ag ràdh, no ciod e ionad mo thàimh? Nach do rinn mo làmh na nithean seo uile? A dhaoine rag‐mhuinealach, agus neo‐thimcheall‐gheàrrte ann an cridhe agus ann an cluasan, tha sibh a‑ghnàth a’ cur an aghaidh an Spioraid Naoimh: mar a rinn ur n‑athraichean, mar sin tha sibhse a’ dèanamh. Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur‐leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd‐brathaidh, agus nur mortairean: Sibhse a fhuair an lagh le frithealadh nan aingeal, agus nach do choimhead e. Nuair a chuala iad na nithean sin, bha iad air an gonadh nan cridhe, agus chas iad am fiaclan ris. Ach air dhàsan a bhith làn den Spiorad Naomh, dh’amhairc e gu geur suas gu nèamh, agus chunnaic e glòir Dhè, agus Iosa na sheasamh air deaslàimh Dhè; Agus thubhairt e, Feuch, tha mi a’ faicinn nan nèamh fosgailte, agus Mac an Duine na sheasamh air deaslàimh Dhè. An sin ghlaodh iadsan le guth mòr, agus dhruid iad an cluasan, agus leum iad air a dh’aon inntinn, Agus air dhaibh a thilgeadh a‑mach as a’ bhaile, chlach iad e: agus thilg na fianaisean an aodach sìos aig casan òganaich, dom b’ainm Saul. Agus chlach iad Stèphen, agus e a’ gairm air Crìosd, agus ag ràdh, A Thighearna Iosa, glac mo spiorad. Agus air dha e fhèin a leigeadh air a ghlùinean, ghlaodh e le guth mòr, A Thighearna, na cuir am peacadh seo as an leth. Agus air dha seo a ràdh, chaidil e. Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs‐san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur‐leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin. Agus ghiùlain daoine diadhaidh Stèphen a‑chum adhlacaidh, agus rinn iad caoidh mhòr air a shon. Ach bha Saul a’ fàsachadh na h‑eaglais, a’ dol a‑steach do gach taigh; agus a’ tarraing a‑mach fhear agus bhan, chuir e ann am prìosan iad. Uime sin dh’imich an dream a sgapadh feadh gach àite, a’ searmonachadh an fhacail. An sin chaidh Philip sìos do bhaile Shamaria, agus shearmonaich e Crìosd dhaibh. Agus thug an sluagh a dh’aon toil aire do na nithean a labhradh le Philip, ag èisdeachd ris, agus a’ faicinn nam mìorbhailean a rinn e. Oir chaidh spioradan neòghlan a‑mach à mòran anns an robh iad, a’ glaodhaich le guth mòr: agus chaidh mòran air an robh a’ phairilis, agus a bha nam bacaich, a shlànachadh. Agus bha gàirdeachas mòr anns a’ bhaile sin. Ach bha roimhe sin duine àraidh anns a’ bhaile sin dom b’ainm Sìmon, a ghnàthaich draoidheachd, agus a mheall muinntir Shamaria, ag ràdh gum bu neach‐eigin mòr e fhèin: Dhàsan thug iad uile aire on bheag gus a’ mhòr, ag ràdh, Is e an duine seo cumhachd mòr Dhè. Agus thug iad an aire dha, a chionn gun do mheall e iad rè ùine fhada le a dhraoidheachd. Ach nuair a chreid iad Philip, a’ searmonachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè, agus do ainm Iosa Crìosd, bhaisteadh iad eadar fhir agus mhnathan. An sin chreid Sìmon fhèin mar an ceudna: agus nuair a bhaisteadh e, dh’fhan e maille ri Philip, agus a’ faicinn nan comharraidhean agus nam feartan a rinneadh, ghabh e iongantas ro‑mhòr. Agus nuair a chuala na h‑abstoil a bha ann an Ierusalem gun do ghabh Samaria facal Dhè, chuir iad dan ionnsaigh Peadar agus Eòin: Agus nuair a chaidh iad sìos, ghuidh iad air an son gum faigheadh iad an Spiorad Naomh. (Oir cha tàinig e fhathast a‑nuas air aon aca: ach a‑mhàin bhaisteadh iad ann an ainm an Tighearna Iosa.) An sin chuir iad an làmhan orra, agus fhuair iad an Spiorad Naomh. Agus nuair a chunnaic Sìmon gu robh an Spiorad Naomh air a thoirt tre làmhan nan abstol a chur orra, thairg e airgead dhaibh. Ag ràdh, Thugaibh dhòmhsa mar an ceudna an cumhachd seo, ge bè neach air an cuir mi mo làmhan, gum faigh e an Spiorad Naomh. Ach thubhairt Peadar ris, Gu rachadh d’airgead am mugha maille riut, a chionn gun do mheas thu gum faodte tìodhlac Dhè a cheannach le airgead. Chan eil agad cuid no crannchur anns a’ chùis seo: oir chan eil do chridhe dìreach ann am fianais Dhè. Gabh aithreachas uime sin ded olc seo, agus guidh air Dia, ma dh’fhaodar gum maithear dhut smuain do chridhe. Oir tha mi gad fhaicinn ann an domblas na seirbhe, agus fo chuibhreach na h‑eucoir. An sin fhreagair Sìmon, agus thubhairt e, Guidhibh‐se an Tighearna air mo shon, nach tig aon de na nithean sin a thubhairt sibh orm. An sin air dhaibhsan fianais a dhèanamh agus facal an Tighearna a labhairt, thill iad gu Ierusalem, agus shearmonaich iad an soisgeul ann am mòran de bhailtean nan Samaritanach. Agus labhair aingeal an Tighearna ri Philip, ag ràdh, Eirich agus imich a‑chum na h‑àird a deas, a‑chum na slighe a tha a’ dol sìos o Ierusalem gu Gàsa, a tha na fhàsach. Agus dh’èirich e, agus dh’imich e: agus, feuch, duine àraidh, caillteanach o Etiopia, aig an robh mòr‐ùghdarras fo Chandace, bànrighinn na h‑Etiopia, agus a bha os cionn a h‑ionmhais uile, agus a bha air teachd gu Ierusalem a‑chum adhradh a dhèanamh, Bha e a’ tilleadh air ais, agus na shuidhe na charbad, agus bha e a’ leughadh an fhàidh Esaias. An sin thubhairt an Spiorad ri Philip, Imich am fagas, agus druid ris a’ charbad seo. Agus ruith Philip da ionnsaigh, agus chuala e e a’ leughadh an fhàidh Esaias, agus thubhairt e, A bheil thu a’ tuigsinn nan nithean a tha thu a’ leughadh? Agus thubhairt esan, Cionnas as urrainn mi, mura seòl neach‐eigin mi? Agus dh’iarr e air Philip teachd a‑nìos, agus suidhe maille ris. A’ chuibhreann den sgriobtar a bha e a’ leughadh, b’i seo i: Thugadh e mar chaora a‑chum marbhaidh; agus mar uan a tha na thosd am fianais an fhir‐lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul: Na ìsleachadh thugadh a bhreitheanas air falbh: agus cò a nochdas a ghinealach? Oir thogadh a bheatha on talamh. Agus fhreagair an caillteanach, agus thubhairt e ri Philip, Guidheam ort, cò uime a tha am fàidh ag ràdh seo, uime fhèin, no mu neach‐eigin eile? An sin dh’fhosgail Philip a bheul, agus a’ tòiseachadh on sgriobtar sin, shearmonaich e Iosa dha. Agus nuair a dh’imich iad air an t‑slighe, thàinig iad gu uisge àraidh: agus thubhairt an caillteanach, Feuch, uisge; ciod a tha a’ bacadh mise a bhith air mo bhaisteadh? Agus thubhairt Philip, Ma tha thu a’ creidsinn led uile chridhe, faodaidh tu. Agus fhreagair e agus thubhairt e, Tha mi a’ creidsinn gur e Iosa Crìosd Mac Dhè. Agus dh’àithn e an carbad a sheasamh: agus chaidh iad sìos le chèile don uisge, araon Philip agus an caillteanach; agus bhaist e e. Agus nuair a thàinig iad a‑nìos as an uisge, thug Spiorad an Tighearna Philip leis, agus chan fhaca an caillteanach tuilleadh e: agus dh’imich e air aghaidh le gàirdeachas. Ach fhuaireadh Philip ann an Asotos: agus shearmonaich e anns na bailtean uile, a’ dol tron dùthaich, gus an tàinig e gu Cesarèa. Agus air do Shaul a bhith fhathast a’ sèideadh a‑mach bagraidh agus àir an aghaidh deisciobail an Tighearna, chaidh e a‑chum an àrd‐shagairt, Agus dh’iarr e litrichean uaithe gu Damascas a‑chum nan sionagog, a‑chum nam faigheadh e aon neach den t‑slighe seo, cò aca b’fhir no mnathan iad, gun tugadh e leis ceangailte gu Ierusalem iad. Agus ag imeachd dha, thàrladh gun do dhruid e ri Damascas: agus dhealraich gu h‑obann mun cuairt air solas o nèamh. Agus air tuiteam dha air an talamh, chuala e guth ag ràdh ris, A Shauil, a Shauil, carson tha thu gam gheur‐leanmhainn‐sa? Agus thubhairt esan, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt an Tighearna, Is mise Iosa a tha thusa a’ geur‐leanmhainn: is cruaidh dhutsa breabadh an aghaidh nan dealg. Agus air dhàsan a bhith air chrith agus làn uamhainn, thubhairt e, A Thighearna, ciod as àill leat mise a dhèanamh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus rach a‑steach don bhaile, agus innsear dhut ciod as còir dhut a dhèanamh. Agus sheas na daoine a bha ag imeachd maille ris nan tosd, a’ cluinntinn a’ ghutha, ach gun neach air bith fhaicinn. Agus dh’èirich Saul on talamh, agus air fosgladh a shùl dha, chan fhaca e neach air bith: ach air dhaibh breith air a làimh, threòraich iad e gu Damascas. Agus bha e trì làithean gun fhradharc, agus cha d’ith agus cha d’òl e nì air bith. Agus bha deisciobal àraidh ann an Damascas, dom b’ainm Ananias; agus thubhairt an Tighearna ris ann am foillseachadh, Ananiais. Agus thubhairt esan, Feuch tha mi an seo, a Thighearna. Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus imich don t‑sràid, ris an abrar Dìreach, agus iarr ann an taigh Iùdais, duine o Tharsas den goirear Saul: oir feuch, tha e ri ùrnaigh, Agus chunnaic e ann am foillseachadh duine don ainm Ananias, a’ teachd a‑steach, agus a’ cur a làimhe air, a‑chum gum faigheadh e a fhradharc. An sin fhreagair Ananias, A Thighearna, chuala mi o mhòran mun duine seo, cia lìon olc a rinn e dod naoimh ann an Ierusalem: Agus tha an seo ùghdarras aige o uachdarain nan sagart, iadsan uile a cheangal a tha a’ gairm air d’ainm‐sa. Ach thubhairt an Tighearna ris, Imich; oir is soitheach taghte dhòmhsa e, a‑chum m’ainm a ghiùlan am fianais nan Cinneach, agus rìghrean, agus chloinn Israeil. Oir nochdaidh mise dha cia mòr na nithean as èiginn dha fhulang air sgàth m’ainme‐sa. Agus dh’imich Ananias, agus chaidh e a‑steach don taigh; agus chuir e a làmhan air, agus thubhairt e, A Shauil, a bhràthair, chuir an Tighearna (eadhon Iosa a dh’fhoillsicheadh dhutsa anns an t‑slighe air an tàinig thu), mise a‑chum gum faigheadh tu do fhradharc, agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh. Agus air ball thuit o a shùilean mar gum biodh lannan; agus dh’aisigeadh a fhradharc dha gun dàil, agus air dha èirigh, bhaisteadh e. Agus nuair a ghabh e biadh, neartaicheadh e. An sin bha Saul làithean àraidh maille ris na deisciobail a bha ann an Damascas. Agus air ball shearmonaich e Iosa anns na sionagogan, gur esan Mac Dhè. Ach bha na h‑uile a chuala e fo uamhas, agus thubhairt iad, Nach e seo esan a bha a’ sgrios ann an Ierusalem na muinntir a bha a’ gairm air an ainm seo, agus a thàinig an seo a‑chum na crìche seo, gun tugadh e ceangailte iad a dh’ionnsaigh uachdarain nan sagart? Ach bu mhò a neartaicheadh Saul, agus chuir e gu amhluadh na h‑Iùdhaich a bha a chòmhnaidh ann an Damascas, a’ dearbhadh gur e seo an Crìosd. Agus air dol do mhòran làithean seachad, rinn na h‑Iùdhaich comhairle ri chèile esan a mharbhadh: Ach thugadh fios do Shaul air am foill: agus bha faire aca air na geatachan a là agus a dh’oidhche a‑chum a mharbhadh. An sin ghabh na deisciobail e anns an oidhche, agus chuir iad a‑mach thar a’ bhalla e, agus leig iad sìos ann an cliabh e. Agus nuair a thàinig Saul gu Ierusalem dh’fheuch e ri e fhèin a cheangal ris na deisciobail: ach bha eagal orra uile roimhe, agus cha do chreid iad gum bu deisciobal e. Ach ghabh Barnabas da ionnsaigh e, agus thug e a‑chum nan abstol e, agus chuir e an cèill dhaibh cionnas a chunnaic e an Tighearna anns an t‑slighe, agus gun do labhair e ris, agus cionnas a shearmonaich e gu dàn ann an Damascas an ainm Iosa. Agus bha e maille riu a’ teachd a‑steach, agus a’ dol a‑mach ann an Ierusalem. Agus labhair e gu dàn ann an ainm an Tighearna Iosa, agus rinn e deasbaireachd an aghaidh nan Greugach: ach chuir iadsan romhpa esan a mharbhadh. Ach nuair a thuig na bràithrean seo, thug iad sìos e gu Cesarèa, agus chuir iad air falbh gu Tarsas e. An sin bha fois aig na h‑eaglaisean tro Iudèa uile, agus Ghalile, agus Shamaria, agus air dhaibh a bhith air an togail suas, agus a’ siubhal ann an eagal an Tighearna, agus ann an comhfhurtachd an Spioraid Naoimh, mheudaicheadh gu mòr iad. Agus thàrladh, air do Pheadar imeachd tro gach àite, gun deachaidh e sìos mar an ceudna a‑chum nan naomh a bha a’ gabhail còmhnaidh ann an Lida. Agus fhuair e an sin duine àraidh dom b’ainm Eneas, a bha rè ochd bliadhna air a leabaidh agus e gu tinn leis a’ phairilis. Agus thubhairt Peadar ris, Eneais, tha Iosa Crìosd gad leigheas: èirich agus dèan do leabaidh. Agus air ball dh’èirich e. Agus chunnaic iadsan uile e, a bha a chòmhnaidh ann an Lida, agus ann an Sàron, agus thill iad a‑chum an Tighearna. A‑nis bha ban‐deisciobal àraidh ann an Iopa dom b’ainm Tabita, is e sin, air eadar‐theangachadh, Dorcas: bha a’ bhean seo làn de dheagh obraichean, agus de dhèircean a rinn i. Agus thàrladh anns na làithean sin, air dhi a bhith gu tinn gun d’fhuair i bàs: agus air dhaibh a h‑ionnlad, chuir iad ann an seòmar uachdarach i. Agus air do Lida a bhith fagas do Iopa, agus air cluinntinn do na deisciobail gu robh Peadar an sin, chuir iad dithis dhaoine da ionnsaigh, a’ guidhe air a theachd dan ionnsaigh gun dàil. An sin dh’èirich Peadar, agus chaidh e maille riu. Agus nuair a bha e air teachd, threòraich iad suas e don t‑seòmar uachdarach: agus sheas na bantraichean uile làimh ris a’ caoineadh, agus a’ nochdadh nan còta agus nan trusgan a rinn Dorcas am feadh a bha i maille riu. Ach air do Pheadar an cur a‑mach uile, leig e e fhèin air a ghlùinean agus rinn e ùrnaigh; agus air dha tionndadh ris a’ chorp, thubhairt e, A Thabita, èirich. Agus dh’fhosgail ise a sùilean: agus air dhi Peadar fhaicinn, dh’èirich i na suidhe. Agus thug e a làmh dhi, agus thog e na seasamh i; agus nuair a ghairm e na naoimh agus na bantraichean, chuir e nan làthair beò i. Agus fhuaireadh fios air seo tre Iopa uile; agus chreid mòran anns an Tighearna. Agus thàrladh gun d’fhan e mòran làithean ann an Iopa maille ri Sìmon àraidh, fear‐deasachaidh leathair. Agus bha duine àraidh ann an Cesarèa, dom b’ainm Cornelius, ceannard‐ceud den chuideachd ris an abrar a’ chuideachd Eadailteach, Duine cràbhach, agus air an robh eagal Dhè maille ra thaigh uile, a bha a’ toirt mòran dèirce don t‑sluagh, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri Dia a‑ghnàth. Chunnaic e ann an sealladh gu soilleir, mu thimcheall na naoidheamh uaire den là, aingeal Dhè a’ teachd a‑steach da ionnsaigh, agus ag ràdh, A Chorneliuis. Agus air dhàsan amharc gu geur air, ghabh e eagal, agus thubhairt e, Ciod e, a Thighearna? Agus thubhairt e ris, Chaidh d’ùrnaighean agus do dhèircean suas mar chuimhneachan ann am fianais Dhè. Agus a‑nis cuir daoine gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar: Tha e air aoigheachd maille ri Sìmon àraidh, fear‐deasachaidh leathair, aig a bheil a thaigh làimh ris an fhairge: innsidh esan dhut ciod as còir dhut a dhèanamh. Agus nuair a dh’fhalbh an t‑aingeal a labhair ri Cornelius, ghairm e da ionnsaigh dithis de mhuinntir a thaighe, agus saighdear cràbhach den dream a bha a‑ghnàth a’ feitheamh air; Agus nuair a chuir e an t‑iomlan an cèill dhaibh, chuir e iad gu Iopa. Agus air an là màireach, nuair a bha iadsan air an turas, agus a’ teachd am fagas don bhaile, chaidh Peadar suas air mullach an taighe a dhèanamh ùrnaigh, mu thimcheall na siathamh uaire. Agus dh’fhàs e ro‑acrach, agus bu mhiann leis biadh ithe: ach am feadh a bha iadsan ag ullachadh, thuit e ann an neul. Agus chunnaic e nèamh fosgailte, agus soitheach àraidh a’ teachd a‑nuas da ionnsaigh, mar bhraith‐lìn mhòir, ceangailte air a ceithir oisnean, agus air a leigeadh sìos air an talamh; Anns an robh gach uile ghnè bheathaichean ceithir‐chasach na talmhainn, agus bheathaichean allta, agus bhiasdan snàigeach, agus eunlaith an adhair. Agus thàinig guth da ionnsaigh, Eirich, a Pheadair; marbh agus ith. Ach thubhairt Peadar, Chan eadh, a Thighearna; oir cha d’ith mi riamh aon nì coitcheann no neòghlan. Agus thubhairt an guth ris a‑rìs an dara uair, Na nithean sin a ghlan Dia, na gairm thusa coitcheann. Agus rinneadh seo trì uairean: agus thogadh an soitheach a‑rìs suas gu nèamh. A‑nis nuair a bha Peadar fo amharas ann fhèin ciod a bu chiall don t‑sealladh a chunnaic e, feuch, bha na daoine a chuireadh o Chornelius, an dèidh dhaibh taigh Shìmoin iarraidh, nan seasamh aig an doras, Agus air gairm dhaibh, dh’fheòraich iad an robh Sìmon, don co‑ainm Peadar, air aoigheachd an sin. Am feadh a bha Peadar a’ smaoineachadh air an t‑sealladh, thubhairt an Spiorad ris, Feuch, tha triùir dhaoine gad iarraidh. Uime sin èirich, agus gabh sìos, agus imich maille riu, gun amharas air bith a bhith ort: oir is mise a chuir uam iad. Agus chaidh Peadar sìos a‑chum nan daoine (a chuireadh da ionnsaigh o Chornelius), agus thubhairt e, Feuch, is mise an tì a tha sibh ag iarraidh: ciod e an t‑adhbhar mun tàinig sibh? Agus thubhairt iadsan, Fhuair Cornelius an ceannard‐ceud, duine cothromach air a bheil eagal Dhè, agus fo dheagh ainm aig cinneach nan Iùdhach uile, rabhabh o Dhia le aingeal naomh, fios a chur ortsa da thaigh, agus briathran a chluinntinn uat. An sin ghairm e a‑steach iad, agus thug e aoigheachd dhaibh. Agus air an là màireach dh’imich Peadar maille riu, agus chaidh dream àraidh de na bràithrean o Iopa maille ris. Agus air an là màireach chaidh iad a‑steach do Chesarèa: agus bha Cornelius a’ feitheamh riu, agus air gairm a luchd‐dàimh agus a chàirdean dìleas an ceann a chèile. Agus nuair a bha Peadar a’ dol a‑steach, choinnich Cornelius e, agus thuit e sìos aig a chasan, agus rinn e adhradh dha. Ach thog Peadar suas e, ag ràdh, Seas suas; is duine mise mar an ceudna. Agus a’ còmhradh ris, chaidh e a‑steach, agus fhuair e mòran cruinn. Agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil e mì‑dhligheach do dhuine a tha na Iùdhach coluadar a chumail ri neach a tha de chinneach eile, no teachd am fagas dha; ach nochd Dia dhòmhsa gun duine air bith a ghairm coitcheann no neòghlan. Uime sin thàinig mi nuair a chuireadh fios orm, gun aon nì a ràdh na aghaidh: air an adhbhar sin tha mi a’ feòraich carson a chuir sibh fios orm? Agus thubhairt Cornelius, On cheathramh là gus an uair seo bha mi a’ dèanamh trasgaidh; agus air an naoidheamh uair bha mi a’ dèanamh ùrnaigh nam thaigh, agus, feuch, sheas duine am làthair ann an aodach dealrach. Agus thubhairt e, A Chorneliuis, fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus tha do dhèircean air an cuimhneachadh am fianais Dhè. Uime sin cuir gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar; tha e air aoigheachd ann an taigh Shìmoin, fear‐deasachaidh leathair, làimh ris a’ mhuir; neach, nuair a thig e, a labhras riut. Uime sin chuir mi air ball fios ort; agus is math a rinn thu teachd. Air an adhbhar sin tha sinne uile an seo an làthair ann am fianais Dhè, a dh’èisdeachd nan uile nithean a tha air an àithneadh dhutsa le Dia. An sin dh’fhosgail Peadar a bheul, agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag aithneachadh nach eil Dia ag amharc air pearsa seach a chèile: Ach anns gach uile chinneach tha an neach air a bheil a eagal‐san, agus a tha ag obrachadh fìreantachd, taitneach dha. Am facal a chuir Dia gu cloinn Israeil a’ searmonachadh sìthe tre Iosa Crìosd (neach as e Tighearna nan uile ), Am facal sin is aithne dhuibh, a sgaoileadh air feadh tìr Iudèa uile, agus a thòisich o Ghalile, an dèidh a’ bhaistidh a shearmonaich Eòin: Cionnas a dh’ung Dia Iosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; neach a chaidh mun cuairt a’ dèanamh maith, agus a’ slànachadh nan uile a bha air an sàrachadh leis an diabhal: oir bha Dia maille ris. Agus tha sinne nar fianaisean air na h‑uile nithean a rinn e, araon ann an tìr nan Iùdhach, agus ann an Ierusalem; neach a mharbh iad, ga chrochadh air crann: Esan thog Dia suas air an treas là, agus nochd e e gu follaiseach; Chan ann don t‑sluagh uile, ach do fhianaisean, a thaghadh le Dia ro‑làimh, eadhon dhuinne, a dh’ith agus a dh’òl maille ris an dèidh dha èirigh o na mairbh. Agus dh’àithn e dhuinne searmonachadh don t‑sluagh, agus fianais a dhèanamh gur esan a dh’òrdaicheadh le Dia na bhritheamh air beò agus air marbh. Dhàsan tha na fàidhean uile a’ toirt fianais, gum faigh gach neach a chreideas ann maitheanas nam peacaidhean tre a ainm‐san. Am feadh a bha Peadar fhathast a’ labhairt nam briathran sin, thùirling an Spiorad Naomh orrasan uile a chuala am facal. Agus ghabh na creidmhich den timcheall‐ghearradh, a mheud dhiubh is a thàinig maille ri Peadar, iongantas mòr, do bhrìgh gun do dhòirteadh air na Cinnich mar an ceudna tìodhlac an Spioraid Naoimh. Oir chuala iad iad a’ labhairt le teangaidhean, agus ag àrd‐mholadh Dhè. An sin fhreagair Peadar, Am faod neach sam bith uisge a thoirmeasg, a‑chum nach rachadh iad seo a bhaisteadh, a fhuair an Spiorad Naomh, cho math rinne? Agus dh’òrdaich e iad a bhith air am baisteadh ann an ainm an Tighearna. An sin ghuidh iad air fantainn maille riu làithean àraidh. Agus chuala na h‑abstoil agus na bràithrean a bha ann an Iudèa gun do ghabh na Cinnich mar an ceudna ri facal Dhè. Agus nuair a chaidh Peadar suas gu Ierusalem, rinn iadsan a bha den timcheall‐ghearradh connspaid ris, Ag ràdh, Chaidh thu a‑steach a dh’ionnsaigh dhaoine nach robh air an timcheall‐ghearradh, agus dh’ith thu maille riu. Agus thòisich Peadar, agus chuir e an t‑iomlan an cèill dhaibh an òrdagh, ag ràdh, Bha mi ann am baile Iopa ri ùrnaigh; agus ann an neul chunnaic mi sealladh, soitheach àraidh a’ teachd a‑nuas, mar bhraith‐lìn mhòir, air a leigeadh a‑nuas o nèamh air a ceithir oisnean; agus thàinig i am ionnsaigh‐sa. Agus air dhomh beachdachadh gu geur oirre, thug mi fa‑near, agus chunnaic mi beathaichean ceithir‐chasach na talmhainn, agus na fiadh‐bheathaichean, agus na biasdan‐snàigeach, agus eunlaith an adhair. Agus chuala mi guth ag ràdh rium, Eirich, a Pheadair; marbh agus ith. Ach thubhairt mise, Chan eadh, a Thighearna: oir cha deachaidh riamh aon nì coitcheann no neòghlan a‑steach dom bheul. Ach fhreagair an guth mi an dara uair o nèamh, Na nithean a ghlan Dia na meas thusa neòghlan. Agus rinneadh seo trì uairean: agus thogadh an t‑iomlan a‑rìs suas gu nèamh. Agus, feuch, air ball bha triùir dhaoine air teachd a‑chum an taighe anns an robh mi, a chuireadh o Chesarèa am ionnsaigh. Agus thubhairt an Spiorad rium dol maille riu, gun amharas air bith a bhith orm. Agus chaidh mar an ceudna an t‑sianar bhràithrean seo maille rium, agus chaidh sinn a‑steach do thaigh an duine: Agus nochd e dhuinn cionnas a chunnaic e aingeal na sheasamh na thaigh, a thubhairt ris, Cuir daoine gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar; Neach a labhras briathran riut, leis an tèarnar thu fhèin agus do thaigh uile. Agus nuair a thòisich mi air labhairt, thùirling an Spiorad Naomh orrasan, mar oirnne air tùs. An sin chuimhnich mise facal ar Tighearna, mar a thubhairt e, Bhaist Eòin gun amharas le uisge; ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh. Uime sin ma thug Dia dhaibhsan a cho‐ionnan tìodhlac rinne, a chreid anns an Tighearna Iosa Crìosd, cò mise gum bithinn comasach bacadh a chur air Dia? Agus nuair a chuala iad na nithean seo, thosd iad, agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Thug Dia mas eadh mar an ceudna do na Cinnich aithreachas a‑chum na beatha. A‑nis chaidh iadsan a sgapadh a‑mach leis an àmhghar a dh’èirich airson Stèphein gu ruig Phenice, agus Cìprus, agus Antioch, gun am facal a labhairt ri aon neach ach ris na h‑Iùdhaich a‑mhàin. Agus bha cuid dhiubh o Chìprus, agus o Chirène, dream air dhaibh dol a‑steach do Antioch, a labhair ris na Greugaich, a’ searmonachadh an Tighearna Iosa. Agus bha làmh an Tighearna maille riu: agus chreid àireamh mhòr, agus thill iad a‑chum an Tighearna. Agus thàinig sgeul air na nithean sin gu cluasan na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus chuir iad Barnabas uapa, a‑chum gu rachadh e gu Antioch: Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth‐leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe. Oir bha e na dhuine math, agus làn den Spiorad Naomh, agus de chreideamh. Agus chuireadh sluagh mòr ris an Tighearna. An sin chaidh Barnabas gu Tarsas a dh’iarraidh Shauil. Agus air dha a fhaotainn, thug e leis e gu Antioch. Agus thàrladh gu robh iad rè bliadhna iomlain air an cruinneachadh maille ris an eaglais, agus gun do theagaisg iad sluagh mòr. Agus ghoireadh Crìosdaidhean de na deisciobail air tùs ann an Antioch. Agus anns na làithean sin thàinig fàidhean o Ierusalem gu Antioch. Agus air seasamh suas do aon dhiubh dom b’ainm Agabus, dh’fhoillsich e tron Spiorad gum biodh gorta mhòr air feadh an domhain uile: nì mar an ceudna a thachair ri linn Chlaudiuis Chèasair. An sin chuir gach aon de na deisciobail roimhe, a rèir a chomais, còmhnadh a chur a‑chum nam bràithrean a bha a chòmhnaidh ann an Iudèa. Nì mar an ceudna a rinn iad, agus chuir iad e a‑chum nan seanairean le làimh Bharnabais agus Shauil. A‑nis mun àm sin, shìn Herod an rìgh a làmhan, a dhèanamh uilc air dream àraidh den eaglais. Agus mharbh e Seumas bràthair Eòin leis a’ chlaidheamh. Agus nuair a chunnaic e gun do thaitinn sin ris na h‑Iùdhaich, chaidh e air aghaidh a ghlacadh Pheadair mar an ceudna. (Agus b’iad làithean an arain neo‐ghortaichte a bha ann.) Agus ghlac e agus chuir e ann am prìosan e, agus thug e e ra ghleidheadh do cheithir cheathrar shaighdearan, fo rùn a thoirt a‑mach don t‑sluagh an dèidh na càisge. Air an adhbhar sin ghleidheadh Peadar anns a’ phrìosan: ach bha bith‐ùrnaigh air a dèanamh leis an eaglais ri Dia air a shon. Agus nuair a b’àill le Herod a thoirt a‑mach, anns an oidhche sin fhèin bha Peadar na chadal eadar dithis shaighdearan, ceangailte le dà shlabhraidh: agus bha an luchd‐faire fa chomhair an dorais a’ coimhead a’ phrìosain. Agus, feuch, thàinig aingeal an Tighearna air, agus dhealraich solas anns a’ phrìosan: agus bhuail e taobh Pheadair, agus dhùisg e e, ag ràdh, Eirich gu grad. Agus thuit a cheanglaichean de a làmhan. Agus thubhairt an t‑aingeal ris, Crioslaich thu fhèin, agus ceangail ort do bhonn‐bhrògan: agus rinn e mar sin. Agus thubhairt e ris, Tilg d’fhallaing umad, agus lean mise. Agus chaidh e a‑mach, agus lean e e; agus cha robh fhios aige gu robh e fìor, an nì a rinneadh leis an aingeal: ach shaoil e gum bu taisbeanadh a chunnaic e. Agus air dhaibh dol tron chiad agus an dara faire, thàinig iad a‑chum a’ gheata iarainn a tha a’ treòrachadh don bhaile, a dh’fhosgail dhaibh leis fhèin: agus air dol a‑mach dhaibh, chaidh iad air an aghaidh tro aon sràid, agus air ball dh’fhalbh an t‑aingeal uaithe. Agus nuair a thàinig Peadar da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, A‑nis tha fhios agam gu fìrinneach gun do chuir an Tighearna aingeal uaithe, agus gun do shaor e mi o làimh Heroid, agus o uile dhùil poball nan Iùdhach. Agus nuair a smaoinich e air a’ chùis, thàinig e gu taigh Mhuire, màthair Eòin, don co‑ainm Marcus, far an robh mòran cruinn, agus iad ri ùrnaigh. Agus nuair a bha Peadar a’ bualadh doras a’ gheata, thàinig gruagach dom b’ainm Ròda a dh’èisdeachd. Agus nuair a dh’aithnich i guth Pheadair, tre aoibhneas cha d’fhosgail i an geata, ach ruith i a‑steach, agus dh’innis i gu robh Peadar na sheasamh aig a’ gheata. Ach thubhairt iad rithe, Tha thu air mhì‐chèill. Ach bha ise a’ toirt dearbh‐chinnte gu robh e mar sin. An sin thubhairt iad, Is e aingeal a tha ann. Ach bhuanaich Peadar a’ bualadh an dorais: agus nuair a dh’fhosgail iad, agus a chunnaic iad e, bha iad làn uamhais. Ach air dhàsan smèideadh orra le a làimh iad a bhith nan tosd, chuir e an cèill dhaibh cionnas a thug an Tighearna as a’ phrìosan e. Agus thubhairt e, Innsibh na nithean seo do Sheumas agus do na bràithrean. Agus air dol a‑mach dha, chaidh e gu àit eile. Agus air teachd don là bha iomairt nach bu bheag am measg nan saighdearan, ciod a thachair do Pheadar. Agus nuair a dh’iarr Herod e, agus nach d’fhuair e e, cheasnaich e an luchd‐coimhead, agus dh’òrdaich e an toirt air falbh a‑chum peanais. Agus chaidh e sìos o Iudèa gu Cesarèa, agus rinn e còmhnaidh an sin. Agus bha fearg mhòr air Herod ri muinntir Thìruis agus Shìdoin: ach thàinig iadsan a dh’aon inntinn da ionnsaigh, agus air dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt air an crann, dh’iarr iad sìth; do bhrìgh gu robh an tìr air a beathachadh le tìr an rìgh. Agus air là òrdaichte, air do Herod a bhith air a sgeadachadh le aodach rìoghail, agus na shuidhe air a rìgh‐chathair, labhair e gu deas‐bhriathrach riu. Agus rinn an sluagh iolach, ag ràdh, Is guth dè seo, agus cha ghuth duine. Agus air ball bhuail aingeal an Tighearna e, do bhrìgh nach tug e a’ ghlòir do Dhia: agus dh’itheadh le cnuimhean e, agus chaidh an deò as. Ach dh’fhàs facal an Tighearna agus mheudaicheadh e. Agus thill Barnabas agus Saul o Ierusalem, air dhaibh am ministrealachd a choileanadh, a’ toirt leo mar an ceudna Eòin, don co‑ainm Marcus. A‑nis bha anns an eaglais a bha aig Antioch, fàidhean, agus luchd‐teagaisg àraidh; mar a tha Barnabas, agus Simeon ris an abrar Niger, agus Lucius o Chirène, agus Manaen, co‑alta Heroid an tetrarc, agus Saul. Agus air dhaibh a bhith ri ministrealachd don Tighearna, agus a’ trasgadh, thubhairt an Spiorad Naomh, Cuiribh air leth dhòmhsa Barnabas agus Saul, a‑chum na h‑obrach gus an do ghairm mi iad. An sin air dhaibh trasgadh, agus ùrnaigh a dhèanamh, agus an làmhan a chur orra, leig iad uapa iad. Mar sin air dhaibhsan a bhith air an cur a‑mach leis an Spiorad Naomh, chaidh iad sìos gu Seleucia; agus o sin sheòl iad gu Cìprus. Agus air dhaibh a bhith ann an Salamis, shearmonaich iad facal Dhè ann an sionagogan nan Iùdhach: agus bha mar an ceudna Eòin aca mar fhear‐frithealaidh. Agus nuair a chaidh iad tron eilean gu Paphos, fhuair iad draoidh àraidh, fàidh‐brèige, Iùdhach, dom b’ainm Bar‐iesus: Neach a bha maille ri Sergius Paulus an t‑uachdaran, duine tuigseach; air dhàsan Barnabas agus Saul a ghairm da ionnsaigh, dh’iarr e facal Dhè a chluinntinn. Ach chuir Elimas an draoidh (oir is ann mar seo a dh’eadar‐theangaichear a ainm) nan aghaidh, ag iarraidh an t‑uachdaran a thionndadh on chreideamh. An sin air a bhith do Shaul (den goirear Pòl) làn den Spiorad Naomh, agus ag amharc gu geur air, Thubhairt e, O thusa a tha làn den uile cheilg, agus den uile dhroch‐bheairt, a mhic an diabhail, a nàmhaid na h‑uile fhìreantachd, nach sguir thu a dh’fhiaradh slighean dìreach an Tighearna? Agus feuch a‑nis, tha làmh an Tighearna ort, agus bidh tu dall, gun a’ ghrian fhaicinn rè tamaill. Agus air ball thuit ceò agus dorchadas air; agus a’ tionndadh mun cuairt, dh’iarr e dream a threòraicheadh air làimh e. An sin nuair a chunnaic an t‑uachdaran an nì a rinneadh, chreid e, air dha a bhith làn iongantais mu theagasg an Tighearna. Agus air gabhail luinge do Phòl agus da chuideachd o Phaphos, thàinig iad gu Perga na Pamphilia: agus air do Eòin am fàgail, thill e gu Ierusalem. Ach air dhaibhsan imeachd o Pherga, thàinig iad gu Antioch na Pisidia, agus chaidh iad a‑steach don t‑sionagog air là na sàbaid, agus shuidh iad. Agus an dèidh leughadh an lagha agus nam Fàidhean, chuir uachdarain an t‑sionagoig dan ionnsaigh, ag ràdh, Fheara agus a bhràithrean, ma tha facal earail agaibh don t‑sluagh, abraibh e. An sin nuair a sheas Pòl suas agus a smèid e orra le a làimh, thubhairt e, Fheara Israeil, agus sibhse air a bheil eagal Dhè, èisdibh. Thagh Dia a’ phobaill seo, Israel, ar n‑athraichean, agus dh’àrdaich e am poball nuair a bha iad air choigrich ann an tìr na h‑Èiphit, agus le làimh àird thug e iad a‑mach aisde. Agus mu thimcheall ùine dà‑fhichead bliadhna ghiùlain e lem beusan anns an fhàsach. Agus nuair a sgrios e seachd cinnich ann an tìr Chanàain, roinn e am fearann orrasan le crannchur. Agus na dhèidh sin mu thimcheall ceithir cheud agus leth‐cheud bliadhna, thug e dhaibh britheamhan, gu Samuel am fàidh. Agus na dhèidh sin dh’iarr iad rìgh: agus thug Dia dhaibh Saul mac Chis, duine de threubh Bheniàmin, rè dà‑fhichead bliadhna. Agus air dha esan atharrachadh, thog e suas Daibhidh gu bhith na rìgh dhaibh; don tug e mar an ceudna fianais, ag ràdh, Fhuair mi Daibhidh mac Iese, duine a rèir mo chridhe fhèin, a nì m’uile thoil. De shliochd an duine seo thog Dia suas do Israel a rèir a gheallaidh Slànaighear, eadhon Iosa: Air do Eòin, ro a theachd‐san, baisteadh an aithreachais air tùs a shearmonachadh do phoball Israeil uile. Agus mar a choilean Eòin a thriall, thubhairt e, An tì a tha sibh a’ saoilsinn as mise, cha mhi e. Ach feuch, tha neach a’ teachd am dhèidh, nach airidh mi air brògan a chas fhuasgladh. Fheara agus a bhràithrean, a chlann fine Abrahàim, agus a mheud agaibh is air a bheil eagal Dhè, is ann dur n‑ionnsaigh‐se a chuireadh facal na slàinte seo. Oir iadsan a tha a chòmhnaidh ann an Ierusalem, agus an uachdarain, air dhaibh a bhith aineolach airsan, agus air briathran nam Fàidhean a tha air an leughadh gach sàbaid, le esan a dhìteadh choilean iad iad. Agus ged nach d’fhuair iad coire bàis air bith ann, dh’iarr iad air Pilat gun cuirte esan gu bàs. Agus nuair a choilean iad na h‑uile nithean a bha sgrìobhte ma thimcheall, thug iad a‑nuas on chrann e, agus chuir iad ann an uaigh e. Ach thog Dia suas o na mairbh e: Agus chunnacas e rè mòran làithean leòsan a chaidh suas maille ris o Ghalile gu Ierusalem, dream a tha nam fianaisean dhàsan don t‑sluagh. Agus tha sinne a’ soisgeulachadh dhuibhse a’ gheallaidh, a rinneadh do na h‑athraichean. Gun do choilean Dia seo dhuinne an clann, air dha Iosa a thogail suas; mar a tha e sgrìobhte mar an ceudna anns an dara Salm, Is tu mo Mhac‐sa, an‑diugh ghin mi thu. Agus mar dhearbhadh gun do thog e suas e o na mairbh, gun e a thilleadh air ais tuilleadh a‑chum truaillidheachd, thubhairt e mar seo, Bheir mise dhuibh tròcairean cinnteach Dhaibhidh. Uime sin thubhairt e mar an ceudna ann an Salm eile, Chan fhuiling thu dod Aon naomh gum faic e truaillidheachd: Oir an dèidh do Dhaibhidh a ghinealach fhèin a riarachadh a rèir toil Dhè, chaidil e, agus chuireadh e a‑chum a athraichean, agus chunnaic e truaillidheachd: Ach an tì a thog Dia suas, chan fhaca e truaillidheachd. Uime sin biodh fhios agaibhse, fheara agus a bhràithrean, gur ann tre an duine seo a tha maitheanas pheacaidhean air a shearmonachadh dhuibh: Agus trìdsan tha gach neach a chreideas air a shaoradh o na h‑uile nithean, o nach robh e an comas dhuibh a bhith air ur saoradh le lagh Mhaois. Thugaibh aire uime sin nach tig oirbh an nì a tha air a ràdh anns na Fàidhean; Feuchaibh, a luchd‐tarcais, agus gabhaibh iongantas, agus rachadh as dhuibh: oir obraichidh mise obair nur làithean‐se, obair nach creid sibh idir, ged a chuireadh duine an cèill dhuibh e. Agus nuair a chaidh na h‑Iùdhaich a‑mach as an t‑sionagog, ghuidh na Cinnich gun rachadh na briathran seo a labhairt riu fhèin air an t‑sàbaid na dhèidh sin. A‑nis nuair a sgaoil an coitheanal, lean mòran de na h‑Iùdhaich agus de na proselitich chràbhach Pòl agus Barnabas: agus labhair iadsan riu, agus chuir iad impidh orra buanachadh ann an gràs Dhè. Agus air an là sàbaid a b’fhaisge, is beag nach do chruinnich am baile gu h‑iomlan a dh’èisdeachd ri facal Dhè. Ach nuair a chunnaic na h‑Iùdhaich na slòigh, lìonadh iad le eud, agus labhair iad an aghaidh nan nithean sin a labhradh le Pòl, a’ labhairt nan aghaidh agus a’ tabhairt toibheim. An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach. Oir is ann mar sin a dh’àithn an Tighearna dhuinn, ag ràdh, Chuir mi thu mar sholas do na Cinnich, a‑chum gum biodh tu mar shlàinte gu iomall na talmhainn. Agus nuair a chuala na Cinnich seo, rinn iad gàirdeachas, agus ghlòraich iad facal an Tighearna: agus chreid a mheud is a bha òrdaichte a‑chum na beatha maireannaich. Agus sgaoileadh facal an Tighearna feadh na tìre uile. Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich na mnathan cràbhach agus urramach, agus daoine uaisle na cathrach, agus thog iad geur‐leanmhainn an aghaidh Phòil agus Bharnabais, agus thilg iad a‑mach as an crìochan iad. Ach chrath iadsan duslach an cas dhiubh nan aghaidh, agus thàinig iad gu Iconium. Agus bha na deisciobail air an lìonadh le aoibhneas, agus leis an Spiorad Naomh. Agus thàrladh ann an Iconium gun deachaidh iad araon a‑steach do shionagog nan Iùdhach, agus gun do labhair iad air chor is gun do chreid cuideachd mhòr de na h‑Iùdhaich, agus mar an ceudna de na Greugaich. Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich mhì‐chreidmheach, agus lìon iad de dhroch rùn, inntinn nan Cinneach an aghaidh nam bràithrean. Uime sin dh’fhan iad aimsir fhada a’ labhairt gu dàn mu thimcheall an Tighearna, a rinn fianais do fhacal a ghràis, agus a thug fa‑near comharraidhean agus mìorbhailean a bhith air an dèanamh len làmhan‐san. Ach bha sluagh a’ bhaile air an roinn: agus bha cuid dhiubh leis na h‑Iùdhaich, agus cuid eile leis na h‑abstoil. Agus nuair a thugadh ionnsaigh araon leis na Cinnich, agus mar an ceudna leis na h‑Iùdhaich, maille rin uachdarain, a‑chum iadsan a mhaslachadh agus a chlachadh; Nuair a thuig iadsan seo, theich iad gu Listra agus Derbe, bailtean de Licaonia, agus a‑chum na dùthcha mun cuairt: Agus bha iad a’ searmonachadh an t‑soisgeil an sin. Agus bha ann an Listra duine àraidh gun lùths na chasan na shuidhe, a bha bacach o bhroinn a mhàthar, neach nach d’imich riamh: Chuala esan Pòl a’ labhairt: neach air dha amharc gu geur air, agus a thuigsinn gu robh creideamh aige a‑chum a bhith air a leigheas. Thubhairt e le guth àrd, Seas suas gu dìreach air do chasan. Agus leum esan agus dh’imich e. Agus nuair a chunnaic an sluagh an nì a rinn Pòl, thog iad an guth, ag ràdh ann an cànain Licaonia, Tha na diathan air teachd a‑nuas ann an coslas dhaoine dar n‑ionnsaigh‐ne. Agus ghoir iad de Bharnabas, Iupiter; agus de Phòl, Mercurius, do bhrìgh gum b’e am prìomh fhear‐labhairt e. An sin thug sagart Iupiteir, a bha fa chomhair an cathrach‐san, tairbh agus blàth‐fhleasgan a‑chum nan geatachan, agus b’àill leis ìobairt a dhèanamh maille ris an t‑sluagh. Ach nuair a chuala na h‑abstoil Barnabas agus Pòl seo, reub iad an aodach, agus ruith iad a‑steach am measg an t‑sluaigh, ag èigheach, Agus ag ràdh, A dhaoine, carson a tha sibh a’ dèanamh nan nithean seo? Oir is daoine sinne aig a bheil co‑aigne ribh fhèin, a’ searmonachadh dhuibhse tilleadh o na nithean dìomhain sin a‑chum an Dè bheò, a rinn nèamh agus an talamh, agus an cuan, agus na h‑uile nithean a tha annta: Neach anns na linntean a chaidh seachad, a dh’fhuiling do na h‑uile Chinnich imeachd nan slighean fhèin. Gidheadh, cha d’fhàg e e fhèin gun fhianais, a’ dèanamh maith, agus a’ toirt dhuinn uisge o nèamh, agus aimsirean tairbheach, a’ lìonadh ar cridheachan le biadh agus le subhachas. Agus ag ràdh nan nithean seo dhaibh, is gann a chùm iad an sluagh gun ìobairt a dhèanamh dhaibh. Agus thàinig Iùdhaich o Antioch agus o Iconium, agus chomhairlich iad an sluagh, agus air dhaibh Pòl a chlachadh, tharraing iad a‑mach as a’ bhaile e, a’ saoilsinn gu robh e marbh. Ach air seasamh do na deisciobail ma thimcheall, dh’èirich e, agus chaidh e a‑steach don bhaile; agus air an là màireach dh’imich e maille ri Barnabas gu Derbe. Agus nuair a shearmonaich iad an soisgeul don bhaile sin, agus a rinn iad mòran dheisciobal, thill iad gu Listra, agus Iconium, agus Antioch, A’ neartachadh anaman nan deisciobal, agus ag earalachadh orra buanachadh anns a’ chreideamh, agus a’ teagasg gur ann tre iomadh àmhghar as èiginn dhuinn dol a‑steach do rìoghachd Dhè. Agus nuair a dh’òrdaich iad seanairean dhaibh anns gach eaglais, agus a rinn iad ùrnaigh maille ri trasgadh, dh’earb iad iad ris an Tighearna, anns an do chreid iad. Agus an dèidh dhaibh dol tro Phisidia, thàinig iad gu Pamphilia. Agus air dhaibh am facal a labhairt ann am Perga, chaidh iad sìos gu Atàlia: Agus sheòl iad as a sin gu Antioch, an t‑àit on d’earbadh iad ri gràs Dhè, a‑chum na h‑obrach a choilean iad. Agus nuair a thàinig iad, agus a chruinnich iad an eaglais an ceann a chèile, dh’aithris iad meud nan nithean a rinn Dia leo, agus gun d’fhosgail e doras creidimh do na Cinnich. Agus dh’fhan iad an sin aimsir nach bu bheag maille ris na deisciobail. Agus theagaisg dream àraidh, a thàinig a‑nuas o Iudèa, na bràithrean, ag ràdh, Mura timcheall‐ghearrar sibh a rèir gnàth Mhaois, chan eil e an comas dhuibh a bhith air ur tèarnadh. Uime sin air do Phòl agus do Bharnabas connsachadh agus deasbaireachd nach bu bheag a bhith aca riu, dh’òrdaich iad Pòl agus Barnabas, agus dream àraidh eile dhiubh fhèin, a dhol suas a‑chum nan abstol agus nan seanairean gu Ierusalem mu thimcheall na ceiste seo. Agus air dhaibh a bhith air an toirt air an aghaidh leis an eaglais, chaidh iad tro Phenice, agus Shamaria, a’ cur an cèill iompachadh nan Cinneach: agus thug iad aoibhneas mòr do na bràithrean uile. Agus nuair a thàinig iad gu Ierusalem, ghabhadh riu leis an eaglais, agus na h‑abstoil, agus na seanairean, agus dh’innis iad meud nan nithean a rinn Dia leòsan. Ach dh’èirich dream àraidh de bharail nam Pharasach a bha nan creidmhich, ag ràdh gur còir an timcheall‐ghearradh, agus ag àithneadh dhaibh lagh Mhaois a choimhead. Agus thàinig na h‑abstoil agus na seanairean an ceann a chèile a dh’fheuchainn mun chùis seo. Agus an dèidh mòran deasbaireachd, dh’èirich Peadar agus thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, tha fhios agaibh o chionn fhada gun do roghnaich Dia nar measg‐ne, om bheul‐sa gun cluinneadh na Cinnich facal an t‑soisgeil, agus gun creideadh iad: Agus rinn an Dia don aithne an cridhe fianais dhaibh, a’ tabhairt an Spioraid Naoimh dhaibh, mar a thug e dhuinne; Agus cha do rinn e eadar‐dhealachadh eadar sinne agus iadsan, a’ glanadh an cridhe le creideamh. Carson uime sin a‑nis a tha sibh a’ brosnachadh Dhè, le cuing a chur air muineal nan deisciobal, nach robh aon chuid ar n‑athraichean no sinne comasach air a ghiùlan? Gidheadh tha sinn a’ creidsinn, tre ghràs on Tighearna Iosa Crìosd, gun saorar sinn amhail mar iadsan. An sin dh’fhan a’ chuideachd uile nan tosd, agus thug iad èisdeachd do Bharnabas agus do Phòl, ag innse meud nan comharraidhean agus nam mìorbhailean a rinn Dia leòsan am measg nan Cinneach. Agus an dèidh dhaibh a bhith nan tosd, fhreagair Seumas, ag ràdh. Fheara agus a bhràithrean, èisdibh riumsa: Chuir Simeon an cèill cionnas a dh’fhiosraich Dia na Cinnich air tùs le poball a ghabhail as am measg da ainm fhèin. Agus dha seo tha briathran nam fàidhean a’ co‑fhreagairt; a rèir mar a tha e sgrìobhte: An dèidh seo tillidh mi, agus togaidh mi suas a‑rìs pàillean Dhaibhidh, a tha air tuiteam; agus togaidh mi a‑rìs an nì a thuit dheth, agus cuiridh mi suas e: A‑chum gun iarr fuidheall nan daoine an Tighearna, agus na h‑uile Chinnich, air an goirear m’ainm‐sa, tha an Tighearna ag ràdh, a tha a’ dèanamh nan nithean seo uile. Aithnichte do Dhia tha a obraichean fhèin uile o thoiseach an t‑saoghail. Uime sin is i mo bhreith‐sa nach cuir sinn mì‑shuaimhneas orrasan de na Cinnich a tha air tilleadh a‑chum Dhè: Ach gun sgrìobh sinn dan ionnsaigh, iad a sheachnadh truaillidheachd iodhalan, agus strìopachais, agus nì tachdte, agus fala. Oir tha aig Maois o na linntean cian anns gach baile daoine a tha ga shearmonachadh, air dha a bhith air a leughadh gach là sàbaid anns na sionagogan. An sin chunnacas iomchaidh do na h‑abstoil, agus do na seanairean, maille ris an eaglais uile, daoine taghte dhiubh fhèin a chur gu Antioch, maille ri Pòl agus Barnabas; eadhon, Iùdas don co‑ainm Barsabas, agus Silas, daoine inbheach am measg nam bràithrean: Agus sgrìobh iad litrichean leo air an dòigh seo, Tha na h‑abstoil, agus na seanairean, agus na bràithrean, a’ cur beannachd a‑chum nam bràithrean de na Cinnich a tha ann an Antioch, agus ann an Siria, agus ann an Cilicia: Do bhrìgh gun cuala sinne gun do chuir dream àraidh a chaidh uainne mì‑shuaimhneas oirbh le briathran, ag atharrachadh ur n‑inntinn, ag ràdh gur còir dhuibh a bhith air ur timcheall‐ghearradh, agus an lagh a choimhead; do nach tug sinne a leithid sin a dh’àithne: Chunnacas iomchaidh dhuinn, air dhuinn a bhith cruinn a dh’aon toil, daoine taghte a chur dur n‑ionnsaigh‐se, maille ri ar bràithrean gràdhach Barnabas agus Pòl; Daoine a thug an anaman fhèin airson ainm ar Tighearna Iosa Crìosd. Chuir sinn uime sin Iùdas agus Silas uainn, a dh’innseas dhuibh na nithean ceudna le cainnt bheòil. Oir chunnacas iomchaidh don Spiorad Naomh agus dhuinne gun nì air bith tuilleadh a chur oirbh a dh’uallach ach na nithean feumail seo; Sibh a sheachnadh nithean a chaidh ìobradh do iodhalan, agus fala, agus nì tachdte, agus strìopachais: uapa seo ma choimheadas sibh sibh fhèin, nì sibh gu math. Slàn leibh. Uime sin nuair a leigeadh uapa iad, thàinig iad gu Antioch: agus air cruinneachadh an t‑sluaigh dhaibh, thug iad seachad an litir. Agus nuair a leugh iad sin, rinn iad gàirdeachas airson an comhfhurtachd. Agus air a bhith do Iùdas agus do Shilas nam fàidhean iad fhèin, le mòran bhriathran dh’earalaich agus neartaich iad na bràithrean. Agus air fuireach rè ùine dhaibh, leigeadh air falbh ann an sìth iad o na bràithrean a‑chum nan abstol. Gidheadh chunnacas iomchaidh do Shilas còmhnaidh a dhèanamh an sin. Dh’fhan Pòl mar an ceudna agus Barnabas ann an Antioch, a’ teagasg agus a’ searmonachadh facal an Tighearna, maille ri mòran eile mar an ceudna. Agus an dèidh làithean àraidh, thubhairt Pòl ri Barnabas, Tilleamaid agus faiceamaid ar bràithrean anns gach baile anns an do shearmonaich sinn facal an Tighearna, cionnas a tha iad. Agus b’àill le Barnabas iad a thoirt Eòin, don co‑ainm Marcus, leo. Ach cha do mheas Pòl gum bu chòir dhaibh esan a dh’fhalbh uapa o Phamphilia, agus nach deachaidh maille riu a‑chum na h‑obrach, a thoirt leo. Dh’èirich uime sin connspaid eatorra cho dian is gun do sgaradh o chèile iad: agus mar sin thug Barnabas leis Marcus, agus chaidh e air luing gu Cìprus; Ach thagh Pòl Silas, agus dh’imich e, air dha a bhith air earbsa ri gràs Dhè leis na bràithrean. Agus shiubhail e tro Shiria agus Chilicia, a’ daingneachadh nan eaglaisean. An sin thàinig e gu Derbe agus Listra: agus, feuch, bha deisciobal àraidh an sin, dom b’ainm Timòteus, mac mnà àraidh den chinneach Iùdhach a bha na creidmheach; ach bu Ghreugach a b’athair dha: A bha fo dheagh ainm aig na bràithrean a bha ann an Listra agus ann an Iconium. Bha toil aig Pòl am fear seo a dhol a‑mach maille ris; agus ghabh e agus thimcheall‐gheàrr e e, airson nan Iùdhach a bha anns na h‑àitean sin: oir bha fhios aca uile gum bu Ghreugach athair. Agus mar a shiubhail iad tro na bailtean, thug iad dhaibh na h‑òrdaighean rin coimhead, a dh’òrdaicheadh leis na h‑abstoil agus na seanairean a bha ann an Ierusalem. Agus mar sin bha na h‑eaglaisean air an daingneachadh anns a’ chreideamh, agus mheudaicheadh iad gach là ann an àireamh. A‑nis nuair a chaidh iad tro Phrigia, agus tìr Ghalàtia, agus a bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh am facal a labhairt ann an Asia, An dèidh dhaibh teachd gu Misia, dh’fheuch iad ri dol gu Bitinia: ach cha do leig an Spiorad leo. Agus air dhaibh gabhail seachad air Misia, chaidh iad sìos gu Tròas. Agus chunnacas sealladh le Pòl anns an oidhche. Sheas duine àraidh o Mhacedònia, agus ghuidh e air, ag ràdh, Thig thairis gu Macedònia, agus cuidich leinn. Agus nuair a chunnaic e an sealladh, air ball dh’iarr sinn dol thairis gu Macedònia, a’ dearbh‐thuigsinn gun do ghairm an Tighearna sinn a‑chum an soisgeul a shearmonachadh dhaibh. Uime sin air dhuinn long a ghabhail o Thròas, thàinig sinn gu dìreach gu Samotràcia, agus air an là na dhèidh sin gu Neapolis; Agus o sin gu Philipi, ciad bhaile na cuid sin de Mhacedònia, agus b’ùr threabhachas e: agus bha sinn a chòmhnaidh anns a’ bhaile sin làithean àraidh. Agus air là na sàbaid chaidh sinn a‑mach as a’ bhaile ri taobh aibhne, far am b’àbhaist ùrnaigh a bhith air a dèanamh; agus air dhuinn suidhe, labhair sinn ris na mnathan a chruinnicheadh an sin. Agus dh’èisd bean àraidh rinn dom b’ainm Lidia, bean‐reicidh purpair, o bhaile Thiatìra, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia; aig an d’fhosgail an Tighearna a cridhe, ionnas gun tug i aire do na nithean a labhradh le Pòl. Agus nuair a bhaisteadh i, agus a teaghlach, ghuidh i oirnn, ag ràdh, Ma mheas sibh mise a bhith dìleas don Tighearna, thigibh a‑steach dom thaigh, agus dèanaibh còmhnaidh ann. Agus cho‐èignich i sinn. Agus thàrladh, a’ dol dhuinne a‑chum ùrnaigh, gun do thachair oirnn banoglach àraidh aig an robh spiorad fiosachd, a thug mòr‐bhuannachd da maighistirean le fiosachd a dhèanamh: Lean ise Pòl agus sinne, agus ghlaodh i, ag ràdh, Is iad na daoine seo seirbhisich an Dè as ro‑àirde, a tha a’ nochdadh dhuinne slighe na slàinte. Agus rinn i seo rè mòran làithean. Ach air do Phòl a bhith duilich, thionndaidh e agus thubhairt e ris an spiorad, Tha mi a’ toirt òrdaigh dhut ann an ainm Iosa Crìosd dol a‑mach aisde. Agus chaidh e a‑mach air an uair sin fhèin. Agus nuair a chunnaic a maighistirean gun d’fhalbh dòchas am buannachd, rug iad air Pòl agus air Silas, agus tharraing iad don mhargadh iad, a‑chum nan uachdaran; Agus air dhaibh an toirt a‑chum luchd‐riaghlaidh a’ bhaile, thubhairt iad, Tha na daoine seo a’ buaireadh ar baile gu ro‑mhòr, air dhaibh a bhith nan Iùdhaich. Agus tha iad a’ teagasg ghnàthan nach eil ceadaichte dhuinne a ghabhail no a leantainn do bhrìgh gur Ròmanaich sinn. Agus dh’èirich an sluagh a dh’aon‐fheachd nan aghaidh: agus reub na h‑uachdarain an aodach dhiubh, agus dh’àithn iad an sgiùrsadh le slatan. Agus an dèidh dhaibh iomadh buille a leagadh orra, thilg iad ann am prìosan iad, a’ toirt sparraidh do fhear‐coimhead a’ phrìosain an gleidheadh gu tèarainte; Neach air dha an àithne sin fhaotainn, a thilg iad don phrìosan a b’fhaide a‑staigh, agus a dhaingnich an casan anns a’ cheap. Agus mu mheadhon‐oidhche air do Phòl agus do Shilas ùrnaigh a dhèanamh, sheinn iad laoidh‐mholaidh do Dhia; agus chuala na prìosanaich iad. Agus gu h‑obann bha crith‐thalmhainn mhòr ann, air chor is gun do chrathadh bunaitean a’ phrìosain: agus air ball dh’fhosgladh na dorsan uile, agus dh’fhuasgladh cuibhrichean gach neach aca. Agus air do fhear‐coimhead a’ phrìosain dùsgadh à cadal, agus air faicinn dorsan a’ phrìosain fosgailte, tharraing e a chlaidheamh, air tì e fhèin a mharbhadh, a’ saoilsinn gu robh na prìosanaich air teicheadh. Ach ghlaodh Pòl le guth àrd, ag ràdh, Na dèan cron sam bith ort fhèin; oir tha sinn uile an seo. Agus air gairm solais dhàsan, leum e a‑steach, agus thàinig e air chrith, agus thuit e sìos an làthair Phòil agus Shilais; Agus air dha an toirt a‑mach, thubhairt e, A mhaighistirean, ciod as còir dhomh a dhèanamh a‑chum gun tèarnar mi? Agus thubhairt iadsan, Creid anns an Tighearna Iosa Crìosd, agus tèarnar thu fhèin, agus do thaigh. Agus labhair iad facal an Tighearna ris, agus riùsan a bha na thaigh. Agus air dha an toirt leis air an uair sin fhèin den oidhche, nigh e an creuchdan; agus bhaisteadh e fhèin, agus a mhuinntir uile, gun dàil. Agus nuair a thug e da thaigh iad, chuir e bòrd romhpa, agus rinn e gàirdeachas maille ra theaghlach uile, a’ creidsinn ann an Dia. Agus air teachd don là, chuir an luchd‐riaghlaidh na maoir uapa, ag ràdh, Leig air an comas na daoine sin. Agus dh’innis fear‐coimhead a’ phrìosain na briathran seo do Phòl, Gun do chuir an luchd‐riaghlaidh fios uapa sibhse a leigeadh as: uime sin rachaibh a‑mach, agus imichibh ann an sìth. Ach thubhairt Pòl riu, an dèidh dhaibh ar sgiùrsadh gu follaiseach gun ar dìteadh, agus gur Ròmanaich sinn, thilg iad am prìosan sinn; agus a‑nis am b’àill leo ar cur a‑mach an uaigneas? Chan eadh gu deimhinn; ach thigeadh iad fhèin agus thugadh iad a‑mach sinn. Agus dh’innis na maoir na briathran sin do na h‑uachdarain: agus ghabh iad eagal nuair a chuala iad gum bu Ròmanaich iad. Agus thàinig iad agus chuir iad impidh orra, agus air dhaibh an toirt a‑mach, ghuidh iad orra imeachd a‑mach as a’ bhaile. Agus air dol a‑mach as a’ phrìosan dhaibh, chaidh iad a‑steach do thaigh Lidia: agus nuair a chunnaic iad na bràithrean, thug iad comhfhurtachd dhaibh, agus dh’imich iad romhpa. A‑nis air dhaibh imeachd tro Amphipolis, agus Apolònia, thàinig iad gu Tesalonìca, far an robh sionagog aig na h‑Iùdhaich: Agus mar a bu ghnàth le Pòl, chaidh e a‑steach dan ionnsaigh, agus air trì làithean sàbaid reusonaich e riu as na sgriobtairean, Gam fosgladh agus a’ dearbhadh gum b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh a‑rìs o na mairbh: agus gur e an t‑Iosa seo a tha mise a’ searmonachadh dhuibh, Crìosd. Agus chreid cuid dhiubh, agus lean iad ri Pòl agus ri Silas: agus de na Greugaich chràbhach buidheann mhòr, agus de na mnathan inbheach, àireamh nach bu bheag. Ach air do na h‑Iùdhaich mhì‐chreidmheach a bhith air am brosnachadh le eud, ghabh iad dan ionnsaigh droch dhaoine àraidh de na corraibh‐margaidh, agus air tional cuideachd mhòir dhiubh, chuir iad am baile uile thar a chèile, agus chuartaich iad taigh Iàsoin, agus dh’iarr iad an toirt a‑mach a‑chum an t‑sluaigh. Agus nuair nach d’fhuair iad iad, tharraing iad Iàson agus bràithrean àraidh a‑chum uachdarain a’ bhaile, ag èigheach, Tha na daoine seo, a chuir an saoghal bun‐os‑cionn, air teachd an seo mar an ceudna: Don tug Iàson aoigheachd: agus tha iad seo uile a’ cur an aghaidh òrdagh Chèasair, ag ràdh gu bheil rìgh eile ann, eadhon Iosa. Agus chuir iad buaireas fon t‑sluagh, agus fo uachdarain a’ bhaile, nuair a chuala iad na nithean seo. Agus nuair a ghabh iad urras o Iàson, agus o chàch, leig iad uapa iad. Agus air ball chuir na bràithrean Pòl agus Silas anns an oidhche gu Berèa: agus air teachd dhaibhsan an sin, chaidh iad a‑steach do shionagog nan Iùdhach. Bha iad sin na b’uaisle na muinntir Thesalonìca, oir ghabh iad am facal dan ionnsaigh leis an uile thogradh, a’ rannsachadh nan sgriobtar gach aon là, a dh’fheuchainn an robh na nithean sin mar sin. Uime sin chreid mòran dhiubh: agus mar an ceudna de mhnathan uaisle de na Greugaich, agus de fhir, àireamh nach bu bheag. Ach nuair a thuig na h‑Iùdhaich o Thesalonìca gun do shearmonaicheadh facal Dhè le Pòl ann am Berèa, thàinig iad an sin mar an ceudna, a’ brosnachadh an t‑sluaigh. An sin air ball chuir na bràithrean uapa Pòl, a‑chum gun rachadh e mar gum b’ann a‑chum na mara: ach dh’fhan Silas agus Timòteus an sin fhathast. Agus threòraich luchd‐coimheadachd Phòil e gu baile na h‑Àithne; agus air faghail òrdaigh dhaibh gu Silas agus Timòteus, iad a theachd da ionnsaigh‐san mar a bu luaithe, dh’imich iad romhpa. A‑nis am feadh a bha Pòl a’ feitheamh riu anns an Aithne, bha a spiorad air a bhrosnachadh ann, do bhrìgh gum faca e am baile làn iodhal‐adhraidh. Air an adhbhar sin rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich, agus ris na daoine cràbhach anns an t‑sionagog, agus air a’ mhargadh gach là riùsan a thachair air. An sin thug feallsanaich àraidh de na h‑Epicuraich, agus de na Stoicich, aghaidh air; agus thubhairt cuid, Ciod a b’àill leis an fhear bhith‐bhriathrach seo a ràdh? Thubhairt cuid eile, Is cosmhail gu bheil e a’ searmonachadh dhiathan coimheach; do bhrìgh gun do shearmonaich e dhaibh Iosa, agus an aiseirigh. Agus rug iad air, agus thug iad leo e gu Areopagas, ag ràdh, Am faod sinn fios fhaotainn ciod e an teagasg nuadh seo a labhrar leat? Oir tha thu a’ toirt nithean àraidh neo‐ghnàthach a‑chum ar cluasan: b’àill leinn uime sin fios fhaotainn ciod as ciall dhaibh sin. (Oir cha do chaith muinntir na h‑Aithne uile, agus na coigrich a bha air chuairt nam measg, an ùine ri nì air bith eile ach ri innse no ri cluinntinn nì‑eigin nuadh.) An sin air seasamh do Phòl ann am meadhon Areopagais, thubhairt e, A mhuinntir na h‑Aithne, tha mi a’ faicinn gu bheil sibh anns na h‑uile nithean cràbhach thar tomhas: Oir air dhomh a bhith dol seachad, agus ag amharc air ur nithean naomha, fhuair mi altair air an robh an sgrìobhadh seo, DON DIA NEO‐AITHNICHTE. Uime sin esan dom bheil sibh a’ dèanamh adhraidh gun eòlas agaibh air, is e a tha mise a’ searmonachadh dhuibh. An Dia a rinn an saoghal, agus na h‑uile nithean a tha ann, do bhrìgh gur e fhèin Tighearna nèimh agus na talmhainn, chan eil e a’ gabhail còmhnaidh ann an teampaill làmh‐dhèante: Cha mhò a bheirear adhradh dha le làmhan dhaoine, mar gum biodh uireasbhaidh nì sam bith air; oir is e fhèin a tha a’ toirt do na h‑uile beatha, agus anail, agus nan uile nithean: Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite‐còmhnaidh; A‑chum gun iarradh iad an Tighearna, a dh’fheuchainn an tàrladh dhaibh, le mion‐rannsachadh, gum faigheadh iad e, ged nach eil e fada o gach aon againn: Oir annsan tha sinn beò, agus a’ gluasad, agus tha ar bith againn; mar a thubhairt mar an ceudna dream àraidh de ur bàird fhèin, Oir is sinne fòs a ghineal‐san. Uime sin do bhrìgh gur sinne gineal Dhè, cha chòir dhuinn a shaoilsinn gu bheil an Diadhachd cosmhail ri òr, no ri airgead, no ri cloich, nithean a ghearradh le ealadhain agus innleachd dhaoine. A‑nis air do Dhia amharc thairis air aimsirean an aineolais seo, tha e a‑nis ag àithneadh do na h‑uile anns gach àite aithreachas a dhèanamh: Do bhrìgh gun do shuidhich e là anns an toir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, tre an duine sin a dh’òrdaich e; agus air seo thug e dearbhadh do na h‑uile dhaoine, le esan a thogail suas o na mairbh. Agus nuair a chuala iad mu aiseirigh nam marbh, rinn cuid dhiubh fanaid; ach thubhairt cuid eile, Eisdidh sinn riut a‑rìs mun nì seo. Agus mar sin chaidh Pòl a‑mach as am meadhon. Gidheadh lean cuid de dhaoine ris, agus chreid iad. Nam measg seo bha Dionisius an t‑Areopagach, agus bean dom b’ainm Damaris, agus dream eile maille riu. An dèidh nan nithean seo, dh’fhàg Pòl baile na h‑Aithne, agus thàinig e gu Corintus; Agus fhuair e Iùdhach àraidh dom b’ainm Acuila, a rugadh ann am Pontas, air ùr‑theachd as an Eadailt, maille ra mhnaoi Priscila (a chionn gun d’òrdaich Claudius do na h‑Iùdhaich uile an Ròimh fhàgail), agus thàinig e dan ionnsaigh. Agus a chionn gu robh e a dh’aon cheàird riu, dh’fhan e maille riu, agus bha e ag obair (oir bu cheàird dhaibh a bhith a’ dèanamh phàilleanan). Agus thagair e anns an t‑sionagog gach aon là sàbaid, agus chuir e impidh air Iùdhaich agus Greugaich. Agus nuair a thàinig Silas agus Timòteus o Mhacedònia, bha Pòl air a theannadh na spiorad, agus rinn e fianais do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa an Crìosd. Agus nuair a chuir iad na aghaidh, agus a labhair iad toibheum, chrath e a aodach, agus thubhairt e riu, Biodh ur fuil air ur ceann fhèin; tha mise glan: à seo suas thèid mi a‑chum nan Cinneach. Agus chaidh e as a sin, agus thàinig e gu taigh duine àraidh dom b’ainm Iustus, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia agus aig an robh a thaigh làimh ris an t‑sionagog. Agus chreid Crispus, prìomh‐uachdaran an t‑sionagoig, anns an Tighearna, maille ra theaghlach uile: agus chreid mòran de na Corintianaich, air dhaibh èisdeachd ris, agus bhaisteadh iad. An sin thubhairt an Tighearna ri Pòl ann an sealladh anns an oidhche, Na biodh eagal ort, ach labhair, agus na bi ad thosd: Oir tha mise maille riut, agus cha toir duine sam bith ionnsaigh ort, a‑chum do chron a dhèanamh: oir tha mòr‐shluagh agamsa anns a’ bhaile seo. Agus dh’fhan e bliadhna agus sia mìosan an sin, a’ teagasg facal Dhè nam measg. Agus nuair a bha Galio na uachdaran air Achaia, dh’èirich na h‑Iùdhaich a dh’aon inntinn an aghaidh Phòil, agus thug iad e gu cathair a’ bhreitheanais; Ag ràdh, Tha an duine seo a’ comhairleachadh dhaoine adhradh a dhèanamh do Dhia an aghaidh an lagha. Agus nuair a bha Pòl a’ dol a dh’fhosgladh a bheòil, thubhairt Galio ris na h‑Iùdhaich, Nam b’eucoir no droch ghnìomh a bhiodh ann, O Iùdhacha, bu reusonta gun giùlaininn leibh: Ach mas ceist a tha ann mu thimcheall fhacal agus ainmean, agus ur lagha fhèin, amhaircibh fhèin air a sin; oir chan àill leamsa a bhith am bhritheamh air an leithid sin de nithean. Agus dh’fhuadaich e iad o chathair a’ bhreitheanais. An sin rug na Greugaich uile air Sostenes, uachdaran an t‑sionagoig, agus ghabh iad air an làthair cathair a’ bhreitheanais: agus cha do ghabh Galio suim de nì sam bith dhiubh sin. Agus dh’fhan Pòl fhathast ùine mhath anns a’ bhaile sin, agus an sin an dèidh a chead a ghabhail de na bràithrean, chaidh e air luing o sin gu Siria, agus maille ris‐san Priscila agus Acuila; an dèidh a cheann a bhearradh ann an Cenchrèa, oir bha bòid air. Agus thàinig e gu Ephesus, agus dh’fhàg e iadsan an sin: ach chaidh e fhèin a‑steach don t‑sionagog, agus reusonaich e ris na h‑Iùdhaich. Agus nuair a dh’iarr iad air fuireach maille riu na b’fhaide, cha d’aontaich e: Ach ghabh e a chead dhiubh, ag ràdh, Is èiginn dhomh, air gach aon chor, an fhèill seo a tha a’ teachd a choimhead ann an Ierusalem: ach tillidh mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh‐se, mas toil le Dia. Agus sheòl e o Ephesus. Agus thàinig e gu tìr aig Cesarèa, agus air dha dol suas agus fàilte a chur air an eaglais, chaidh e sìos gu Antioch. Agus nuair a dh’fhan e rè tamaill an sin, dh’imich e, agus chaidh e ann an òrdagh tro thìr Ghalàtia uile agus Phrigia, a’ neartachadh nan deisciobal uile. Agus thàinig gu Ephesus Iùdhach àraidh dom b’ainm Apollos, a rugadh ann an Alecsandria, duine deas‐bhriathrach, agus cumhachdach anns na sgriobtairean. Bha an duine seo air a theagasg ann an slighe an Tighearna; agus air dha a bhith dian na spiorad, labhair agus theagaisg e gu dìcheallach na nithean a bhuineadh don Tighearna, agus gun eòlas aige ach air baisteadh Eòin. Agus thòisich e air labhairt gu dàn anns an t‑sionagog. Agus air do Acuila agus do Phriscila a chluinntinn, ghabh iad dan ionnsaigh e, agus mhìnich iad dha slighe Dhè na bu choileanta. Agus nuair bu mhiann leis dol gu Achaia, an dèidh a chomhairleachadh, sgrìobh na bràithrean a‑chum nan deisciobal iad a ghabhail ris: neach, air dha teachd, a rinn còmhnadh mòr riùsan a chreid tre ghràs: Oir le mòr‐dhìcheall rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich gu follaiseach, a’ dearbhadh leis na sgriobtairean gur e Iosa an Crìosd. Agus thàrladh, nuair a bha Apollos ann an Corintus, air do Phòl dol tro na crìochan uachdarach, gun tàinig e gu Ephesus. Agus air faotainn dheisciobal àraidh, Thubhairt e riu, An d’fhuair sibh an Spiorad Naomh o chreid sibh? Agus thubhairt iadsan ris, Cha chuala sinne uiread is gu bheil Spiorad Naomh ann. Agus thubhairt e riu, Ciod mas eadh anns an do bhaisteadh sibh? Agus thubhairt iadsan, Ann am baisteadh Eòin. An sin thubhairt Pòl, Bhaist Eòin gu deimhinn le baisteadh an aithreachais, ag ràdh ris an t‑sluagh, iadsan a chreidsinn anns an neach a bha gu teachd na dhèidh‐san, sin ri ràdh, ann an Iosa Crìosd. Agus nuair a chuala iad seo, bhaisteadh iad ann an ainm an Tighearna Iosa. Agus air do Phòl a làmhan a chur orra, thàinig an Spiorad Naomh orra; agus labhair iad le teangaidhean, agus rinn iad fàidheadaireachd. Agus bha ann uile timcheall dà‑fhear‐dheug. Agus chaidh esan a‑steach don t‑sionagog, agus labhair e gu dàn rè trì mìosan, a’ deasbaireachd agus a’ comhairleachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè. Ach nuair a chruadhaicheadh cuid, agus nach do chreid iad, ach a labhair iad olc mun t‑slighe sin an làthair an t‑sluaigh, dh’fhàg e iad agus sgar e na deisciobail uapa, agus bha e gach là a’ deasbaireachd ann an sgoil neach àraidh dom b’ainm Tirannus. Agus rinneadh seo rè dà bhliadhna: air chor is gun cuala luchd‐àiteachaidh na h‑Asia uile, eadar Iùdhaich agus Ghreugaich, facal an Tighearna Iosa. Agus rinn Dia mìorbhailean nach bu bheag le làmhan Phòil: Air chor is gun tugadh o a chorp‐san a‑chum nan daoine tinne, nèapaiginean no aprain, agus gun d’fhalbh an easlaintean uapa, agus gun deachaidh na droch spioradan a‑mach asda. Agus ghabh dream àraidh de na h‑Iùdhaich, a bha ag imeachd o àite gu àite, a’ cur spioraid fo gheasan, os làimh ainm an Tighearna Iosa ainmeachadh os cionn na muinntir sin anns an robh droch spioradan, ag ràdh, Cuireamaid fo gheasan sibh tre Iosa a tha Pòl a’ searmonachadh. Agus bha aig Scebha, Iùdhach àraidh, aon de na h‑àrd‐shagartan, seachdnar mhac a bha a’ dèanamh seo. Agus fhreagair an droch spiorad, agus thubhairt e, Tha eòlas agam air Iosa, agus is aithne dhomh Pòl: ach cò sibhse? Agus leum an duine anns an robh an droch spiorad orra, agus air dha làmh‐an‑uachdair fhaotainn orra, thug e buaidh orra, air chor is gun do theich iad a‑mach as an taigh sin lomnochd agus reubte. Agus fhuair na h‑Iùdhaich uile agus mar an ceudna na Greugaich a bha a’ tàmh ann an Ephesus fios air seo; agus thuit eagal orra uile, agus bha ainm an Tighearna Iosa air àrdachadh. Agus thàinig mòran dhiubhsan a chreid, ag aideachadh, agus ag innse an gnìomharan. Agus thug mòran dhiubhsan a bha a’ gnàthachadh dhroch innleachdan an leabhraichean leo, agus loisg iad iad am fianais nan uile; agus rinn iad an luach àireamh, agus fhuair iad e na leth‐cheud mìle bonn airgid. Mar sin le cumhachd dh’fhàs agus bhuadhaich facal an Tighearna. Agus nuair a choileanadh na nithean seo, chuir Pòl roimhe na spiorad, an dèidh dha imeachd tro Mhacedònia, agus Achaia, dol gu Ierusalem, ag ràdh, An dèidh dhomh a bhith an sin, is èiginn dhomh an Ròimh fhaicinn mar an ceudna. Agus air dha dithis dhiubhsan a bha a’ frithealadh dha, Timòteus, agus Erastus, a chur do Mhacedònia, dh’fhan e fhèin rè tamaill an Asia. Agus dh’èirich mun àm sin iomairt nach bu bheag mu thimcheall na slighe sin. Oir bha ceàrd‐airgid àraidh dom b’ainm Demetrius ann, a bha a’ dèanamh teampaill airgid do Dhiàna, agus a thug buannachd nach bu bheag don luchd‐ceàirde: Agus air dha iadsan a chruinneachadh an ceann a chèile, agus a’ mhuinntir eile a bha a dh’aon cheàird riu, thubhairt e, Fheara, tha fhios agaibh gur ann on cheàird seo a tha ar beartas againne: Os bàrr, tha sibh a’ faicinn agus a’ cluinntinn gu bheil am Pòl seo le a chomhairle air tionndadh air falbh sluagh mòr, chan ann a‑mhàin ann an Ephesus, ach cha mhòr anns an Asia uile, ag ràdh nach diathan iad a nìthear le làmhan: Air chor is nach e a‑mhàin gu bheil e an cunnart gun dèanar tàir air ar ceàird; ach mar an ceudna gun cuirear teampall na ban‐dè mòire Diàna ann an suarachas, agus gun claoidhear a mòrachd‐se, dom bheil an Asia uile agus an domhan a’ dèanamh adhraidh. Agus nuair a chuala iadsan seo, lìonadh le feirg iad, agus ghlaodh iad, ag ràdh, Is mòr Diàna nan Ephèsianach. Agus bha am baile uile air a lìonadh le mì‑riaghailt. Agus ruith iad a dh’aon toil a‑chum àite‐cruinneachaidh an t‑sluaigh, a’ tarraing leo Ghaiuis agus Aristarchuis, Macedònaich, luchd co‑thurais Phòil. Agus nuair a b’àill le Pòl dol a‑steach a‑chum an t‑sluaigh, cha do leig na deisciobail leis. Agus mar an ceudna chuir cuid de uachdarain na h‑Asia, a bha nan càirdean dha, fios da ionnsaigh, a’ guidhe air nach rachadh e gu àite‐cruinneachaidh an t‑sluaigh. Ghlaodh uime sin cuid dhiubh aon nì, agus cuid nì eile: oir bha an coitheanal troimhe chèile, agus cha robh fhios aig a’ chuid a bu mhò carson a thàinig iad cuideachd. Agus tharraing iad a‑mach Alecsander as an t‑sluagh, air a bhith do na h‑Iùdhaich ga iomain romhpa. Agus smèid Alecsander le a làimh, agus b’àill leis a leisgeul a ghabhail ris an t‑sluagh. Ach nuair a thuig iad gum b’Iùdhach e, rinneadh àrd‐iolach leo uile mu thimcheall ùine dà uair, a’ glaodhaich, Is mòr Diàna nan Ephèsianach. Agus nuair a chiùinich an clèireach an sluagh, thubhairt e, Fheara Ephesuis, cò an duine aig nach eil fhios gu bheil baile nan Ephèsianach a’ dèanamh adhraidh don bhan‐dia mhòir Diàna, agus don dealbh a thuit a‑nuas o Iupiter? Air an adhbhar sin do bhrìgh nach fhaodar cur an aghaidh nan nithean seo, is còir dhuibhse a bhith ciùin, agus gun nì sam bith a dhèanamh gu h‑obann. Oir thug sibh an seo na daoine seo, ged nach eil iad a’ creachadh theampall, no a’ toirt toibheim dar ban‐dia. Uime sin ma tha aig Demetrius agus aig an luchd‐ceàird a tha maille ris, cùis an aghaidh neach air bith, tha an lagh rèidh dhaibh, agus tha uachdarain ann; agradh iad a chèile. Ach ma tha ceist sam bith agaibh mu nithean eile, rèitichear sin ann an coitheanal dligheach. Oir tha sinn ann an cunnart a bhith air ar n‑agairt airson ceannairc air an là‑an‑diugh, do bhrìgh nach eil cùis sam bith againn a dh’fhaodas sinn a thoirt seachad mar adhbhar a’ chruinneachaidh seo. Agus air dha seo a ràdh, sgaoil e an coitheanal. Agus an dèidh don choghàir sgur, ghairm Pòl na deisciobail da ionnsaigh, agus air dha a chead a ghabhail dhiubh, thriall e gu dol do Mhacedònia. Agus air dha dol tro na crìochan sin, agus mòr‐earalachadh a dhèanamh orra, thàinig e don Ghrèig; Agus dh’fhan e an sin trì mìosan: agus nuair a bha na h‑Iùdhaich ri feall‐fhalach air a shon, agus e air tì dol air luing do Shiria, chuir e roimhe tilleadh tro Mhacedònia. Agus chaidh na chuideachd gu Asia, Sopater o Bherèa; agus de mhuinntir Thesalonìca, Aristarchus agus Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Asia, Tichicus agus Trophimus. Air dhaibh seo imeachd romhainne dh’fheith iad rinn ann an Tròas. Agus sheòl sinn o Philipi, an dèidh làithean an arain neo‐ghortaichte, agus thàinig sinn dan ionnsaigh‐san gu Tròas ann an còig làithean, far an d’fhan sinn seachdain. Agus air a’ chiad là den t‑seachdain, air do na deisciobail cruinneachadh an ceann a chèile a bhriseadh arain, shearmonaich Pòl dhaibh, agus a rùn air imeachd uapa air an là màireach, agus lean e air labhairt gu meadhon‐oidhche. Agus bha mòran lòchran anns an t‑seòmar uachdarach, far an robh iad cruinn. Agus bha òganach àraidh dom b’ainm Eutichus na shuidhe ann an uinneig, air tuiteam gu trom na chadal: agus air do Phòl a bhith rè fad a’ searmonachadh, shàraicheadh leis a’ chadal e, agus thuit e sìos on treas lobhta, agus thogadh marbh e. Agus chaidh Pòl sìos, agus thuit e air, agus air dha a ghlacadh na uchd, thubhairt e, Na biodh trioblaid oirbh; oir tha a anam ann. Agus air dol suas dha a‑rìs, bhris e aran agus dh’ith e, agus labhair e riu rè ùine fhada, eadhon gu teachd na maidne, agus mar sin dh’fhalbh e. Agus thug iad leo an t‑òganach agus e beò, agus rinn iad gàirdeachas nach bu bheag. Agus air dhuinne imeachd air thoiseach a‑chum na luinge, sheòl sinn gu Asos, fo rùn Pòl a ghabhail a‑steach an sin: oir is ann mar sin a dh’òrdaich e, a’ cur roimhe gun imicheadh e fhèin da chois. Agus nuair a choinnich e sinn aig Asos, ghabh sinn a‑steach e, agus thàinig sinn gu Mitilène. Agus air seòladh dhuinn as a sin, thàinig sinn air an là màireach fa chomhair Chiois; agus air an là na dhèidh sin thàinig sinn gu Samos, agus dh’fhan sinn aig Trogillium; agus air an là a b’fhaisge thàinig sinn gu Miletus. Oir chuir Pòl roimhe seòladh seach Ephesus, a‑chum nach tàrladh dha moille a dhèanamh anns an Asia: oir rinn e cabhag a‑chum nam faodadh e a bhith ann an Ierusalem air là na Caingis. Agus chuir e fios o Mhiletus gu Ephesus, agus ghairm e da ionnsaigh seanairean na h‑eaglais. Agus nuair a thàinig iad da ionnsaigh, thubhairt e riu, Tha fhios agaibh cionnas a bha mi nur measg anns an uile aimsir, on chiad là a thàinig mi don Asia, A’ dèanamh seirbhis don Tighearna leis gach uile irioslachd inntinn, agus maille ri mòran dheur, agus dheuchainnean, a thachair dhomh le ceilg nan Iùdhach. Agus cionnas nach do ghlèidh mi nì sam bith am falach a bha feumail dhuibhse, gun a nochdadh dhuibh, agus gun sibhse a theagasg am follais, agus o thaigh gu taigh, A’ dèanamh fianais araon do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich, mu aithreachas a‑thaobh Dhè, agus mu chreideamh a‑thaobh ar Tighearna Iosa Crìosd. Agus a‑nis feuch, tha mi a’ dol gu Ierusalem ceangailte anns an spiorad, gun fhios agam ciod iad na nithean a thàrlas dhomh an sin; Ach a‑mhàin gu bheil an Spiorad Naomh a’ dèanamh fianais anns gach baile, ag ràdh gu bheil gèimhlean agus trioblaidean a’ feitheamh orm. Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè. Agus a‑nis feuch, tha fhios agam nach faic sibhse uile, am measg an d’imich mi a’ searmonachadh rìoghachd Dhè, mo ghnùis nas mò. Uime sin tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh air an là‑an‑diugh, gu bheil mise glan o fhuil nan uile. Oir cha do sheachainn mi uile chomhairle Dhè fhoillseachadh dhuibh. Air an adhbhar sin thugaibh aire dhuibh fhèin, agus don treud uile, air an do rinn an Spiorad Naomh luchd‐coimhead dhibh, a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich e le a fhuil fhèin. Oir tha fhios agam air a seo, an dèidh m’imeachd‐sa gun tig madaidhean‐allaidh garga nur measg, nach caomhain an treud. Agus èiridh daoine dhibh fhèin, a labhras nithean fiara, a‑chum deisciobail a tharraing nan dèidh fhèin. Uime sin dèanaibh faire, a’ cuimhneachadh nach do sguir mise rè thrì bliadhna de chomhairleachadh gach aoin agaibh a là agus a dh’oidhche le deòir. Agus a‑nis, a bhràithrean, earbam sibh ri Dia, agus ri facal a ghràis, a tha comasach air ur togail suas, agus oighreachd a thoirt dhuibh am measg na muinntir sin uile a tha air an naomhachadh. Cha do shanntaich mi airgead, no òr, no aodach duine sam bith. Seadh, is aithne dhuibh fhèin gun do fhritheil na làmhan seo dom uireasbhaidh fhèin, agus don mhuinntir sin a bha maille rium. Nochd mi na h‑uile nithean dhuibh, gur ann le saothrachadh mar seo as còir dhuibh còmhnadh a dhèanamh riùsan a tha anfhann; agus briathran an Tighearna Iosa a chuimhneachadh, mar a thubhairt e, Tha e nas beannaichte nì a thoirt na a ghabhail. Agus air dha na briathran seo a ràdh, leig e e fhèin air a ghlùinean, agus rinn e ùrnaigh maille riu uile. Agus ghuil iad uile gu goirt, agus thuit iad air muineal Phòil, agus phòg iad e, Air dhaibh a bhith gu h‑àraidh brònach airson nam briathran seo a thubhairt e, nach faiceadh iad a ghnùis‐san nas mò. Agus thug iad coimheadachd dha a‑chum na luinge. Agus air dhuinn dealachadh riùsan, sheòl sinn romhainn, agus thàinig sinn gu dìreach gu Coos, agus air an là màireach gu Rodos, agus as a sin gu Patara: Agus air dhuinn long fhaotainn a bha a’ gabhail thairis gu Phenicia, chaidh sinn air bòrd, agus sheòl sinn romhainn. Agus air dhuinn teachd an sealladh Chìpruis, agus fhàgail air an làimh chlì, sheòl sinn gu Siria, agus thàinig sinn gu tìr aig Tìrus: oir is ann an sin a bha an long gus a luchd a chur a‑mach. Agus air dhuinn deisciobail fhaotainn, dh’fhan sinn an sin seachd làithean: muinntir a thubhairt ri Pòl tre an Spiorad, gun e a dhol suas gu Ierusalem. Agus nuair a chrìochnaicheadh na làithean sin, chaidh sinn a‑mach, agus thriall sinn romhainn; agus thàinig iadsan uile, maille ri mnathan agus ri cloinn nar cuideachd, a‑mach as a’ bhaile: agus chaidh sinn air ar glùinean air an tràigh, agus rinn sinn ùrnaigh. Agus an dèidh dhuinn ar cead a ghabhail da chèile, chaidh sinn air bòrd na luinge; agus thill iadsan dan taighean fhèin. Agus nuair a chrìochnaich sinn ar turas o Thìrus, thàinig sinn gu Ptolemais, agus chuir sinn fàilte air na bràithrean, agus dh’fhan sinn aon là maille riu. Agus air an là màireach, air dhuinne a bha de chuideachd Phòil imeachd, thàinig sinn gu Cesarèa; agus chaidh sinn a‑steach do thaigh Philip an soisgeulaiche (a bha den t‑seachdnar), agus dh’fhan sinn aige. Agus bha ceathrar nighean aigesan, òighean, a bha ri fàidheadaireachd. Agus aig fantainn dhuinn mòran làithean an sin, thàinig a‑nuas o Iudèa fàidh àraidh dom b’ainm Agabus. Agus nuair a thàinig e dar n‑ionnsaigh‐ne, ghabh e crios Phòil, agus cheangail e a làmhan agus a chasan fhèin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Spiorad Naomh ag ràdh, Is ann mar seo a cheanglas na h‑Iùdhaich ann an Ierusalem an duine dom buin an crios seo, agus bheir iad thairis e do làmhan nan Cinneach. Agus nuair a chuala sinne na nithean seo, ghuidh sinn fhèin agus muinntir an àite air, gun e a dhol suas gu Ierusalem. An sin fhreagair Pòl, Ciod as ciall dhuibh, a’ gul, agus a’ briseadh mo chridhe? Oir tha mise ullamh chan ann a‑mhàin gu bhith air mo cheangal, ach eadhon gu bàsachadh ann an Ierusalem airson ainm an Tighearna Iosa. Agus nuair nach gabhadh e comhairle, sguir sinne, ag ràdh, Dèanar toil an Tighearna. Agus an dèidh nan làithean seo, air dhuinn a bhith ullamh, chaidh sinn suas gu Ierusalem. Agus chaidh mar an ceudna maille rinn cuid de na deisciobail o Chesarèa, a’ toirt leo Mhnasoin o Chìprus, seann deisciobal àraidh, aig an robh sinn gu bhith air aoigheachd. Agus nuair a thàinig sinn gu Ierusalem, ghabh na bràithrean rinn gu subhach. Agus air an ath là, chaidh Pòl maille rinn a dh’ionnsaigh Sheumais; agus bha na seanairean uile an làthair. Agus air dhàsan fàilte a chur orra, chuir e an cèill dhaibh fa leth na nithean a rinn Dia le a mhinistrealachd‐san am measg nan Cinneach. Agus nuair a chuala iadsan seo, thug iad glòir don Tighearna, agus thubhairt iad ris‐san, Tha thu a’ faicinn, a bhràthair, cia lìon mìle de na h‑Iùdhaich a tha a’ creidsinn; agus tha iad uile ro‑eudmhor mun lagh. Agus chuala iad umadsa, gu bheil thu a’ teagasg do na h‑Iùdhaich uile a tha am measg nan Cinneach, Maois a thrèigsinn, ag ràdh riu nach còir dhaibh an clann a thimcheall‐ghearradh, no gluasad a rèir nan gnàth. Ciod uime sin a nìthear? Gun teagamh, is èiginn don t‑sluagh cruinneachadh: oir cluinnidh iad gun tàinig thu. Uime sin dèan seo a tha sinne ag ràdh riut: Tha ceathrar fhear maille rinn, air a bheil bòid; Thoir iadsan leat, agus bi air do ghlanadh maille riu, agus dèan costas leo, a‑chum gum beàrr iad an cinn: agus gum bi fhios aig na h‑uile nach eil ach neoni anns na chuala iad mud thimcheall‐sa, ach gu bheil thu fhèin mar an ceudna ag imeachd gu riaghailteach, agus a’ coimhead an lagha. Ach mu thimcheall nan Cinneach a chreid, sgrìobh sinne, agus b’i ar breith gun iad a ghleidheadh aon de na nithean sin, ach a‑mhàin iad fhèin a choimhead o nithean a chaidh ìobradh do iodhalan, agus o fhuil, agus o nì tachdte, agus o strìopachas. An sin ghabh Pòl na daoine; agus air an là màireach air dha a bhith air a ghlanadh maille riu, chaidh e a‑steach don teampall, a’ foillseachadh coileanadh làithean a’ ghlanaidh, gus an tugte tabhartas airson gach aoin aca. Agus nuair a bha na seachd làithean ach beag air an coileanadh, air do na h‑Iùdhaich on Asia esan fhaicinn anns an teampall, bhrosnaich iad am poball uile, agus chuir iad làmh ann. Ag èigheach, Fheara Israeil, cuidichibh: is e seo an duine a tha a’ teagasg nan uile dhaoine anns gach àit an aghaidh a’ phobaill, agus an lagha, agus an àite seo: agus os bàrr, thug e a‑steach Greugaich don teampall, agus shalaich e an t‑ionad naomh seo. (Oir chunnaic iad Trophimus an t‑Ephèsianach roimhe sin anns a’ bhaile maille ris, agus shaoil iad gun tug Pòl a‑steach don teampall e.) Agus ghluaiseadh am baile gu h‑iomlan, agus ruith an sluagh cuideachd: agus air dhaibh breith air Pòl, tharraing iad a‑mach as an teampall e: agus air ball dhùineadh na dorsan. Agus nuair a b’àill leò a mharbhadh, chaidh sgeul a dh’ionnsaigh àrd‐cheannard na cuideachd, gu robh Ierusalem uile thar a chèile: Neach air ball a thug leis saighdearan, agus ceannardan‐cheud, agus a ruith sìos dan ionnsaigh. Agus nuair a chunnaic iadsan an t‑àrd‐cheannard agus na saighdearan, sguir iad de bhualadh Phòil. An sin thàinig an t‑àrd‐cheannard am fagas agus rug e air, agus dh’àithn e a cheangal le dà shlabhraidh; agus dh’fhiosraich e cò e, agus ciod a rinn e. Agus ghlaodh aon chuid am measg an t‑sluaigh aon nì, agus cuid eile nì eile: agus nuair nach robh e an comas dha cinnteachd na cùise a thuigsinn airson na h‑àrd‐bhruidhne, dh’òrdaich e esan a thoirt don chaisteal. Agus nuair a thàinig e a‑chum na staidhreach, thàrladh gun do ghiùlaineadh e leis na saighdearan, airson ainneart an t‑sluaigh. Oir lean am mòr‐shluagh e, a’ glaodhaich, Beir uainn e. Agus nuair a bha Pòl gu bhith air a thoirt a‑steach don chaisteal, thubhairt e ris an àrd‐cheannard, An cead dhòmhsa nì a labhairt riut? Agus thubhairt esan, An labhair thu Grèigis? Nach tusa an t‑Èiphiteach sin a thog ceannairc ro na làithean seo, agus a thug leat don fhàsach ceithir mìle fear a bha nan luchd‐mortaidh? Ach thubhairt Pòl, Is duine mise a tha am Iùdhach gun amharas, o Tharsas, saor‐dhuine de bhaile ro‑inbheach ann an Cilicia: agus guidheam ort, thoir cead dhomh labhairt ris an t‑sluagh. Agus nuair a thug e cead dha, air do Phòl seasamh air an staidhir, smèid e le làimh air an t‑sluagh, ag iarraidh èisdeachd: agus air fantainn ro‑thosdach dhaibhsan, labhair e riu anns a’ chànain Eabhraidhich, ag ràdh: Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh rim dhìon‐chainnt ribh a‑nis: (Agus nuair a chuala iadsan gun do labhair e riu anns a’ chànain Eabhraidhich, bu mhò a thosd iad: agus thubhairt esan,) Is Iùdhach mise da‑rìribh, a rugadh ann an Tarsas na Cilicia, ach a thogadh anns a’ bhaile seo, aig casan Ghamalieil, agus a theagaisgeadh gu coileanta a rèir gnàth lagh nan athraichean; agus bha mi eudmhor a‑thaobh Dhè, mar a tha sibhse uile an‑diugh. Agus rinn mi geur‐leanmhainn gu bàs air an t‑slighe seo, a’ ceangal fhear agus bhan, agus gan tarraing gu prìosan. Mar a nì an t‑àrd‐shagart mar an ceudna fianais dhomh, agus comhairle nan seanairean uile; on d’fhuair mi mar an ceudna litrichean a‑chum nam bràithrean, agus chaidh mi gu Damascas, a‑chum an dream a bha an sin a thoirt ceangailte gu Ierusalem, a‑chum gun dèante peanas orra. Agus thàrladh, air dhomh a bhith ag imeachd, agus a’ druideadh ri Damascas mu mheadhon‐là, gun do dhealraich gu h‑obann o nèamh solas mòr mun cuairt orm. Agus thuit mi air an talamh, agus chuala mi guth ag ràdh, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur‐leanmhainn‐sa? Agus fhreagair mise, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt e rium, is mise Iosa o Nàsaret, air a bheil thusa a’ dèanamh geur‐leanmhainn. Agus chunnaic na daoine a bha maille rium an solas gu deimhinn, agus ghabh iad eagal; ach cha chuala iad guth an tì a labhair riumsa. Agus thubhairt mise, Ciod a nì mi, a Thighearna? Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich agus imich gu Damascas, agus an sin labhrar riut mu thimcheall nan nithean sin uile a dh’òrdaicheadh dhut a dhèanamh. Agus nuair nach bu lèir dhomh tre ghlòir an t‑solais sin, air dhomh a bhith air mo threòrachadh air làimh leòsan a bha maille rium, thàinig mi gu Damascas. Agus air do dhuine àraidh dom b’ainm Ananias, a bha cràbhach a rèir an lagha, agus air an robh deagh theisteas aig na h‑Iùdhaich uile a bha a chòmhnaidh an sin, Teachd am ionnsaigh, agus seasamh làimh rium, thubhairt e rium, A Shauil, a bhràthair, faigh do fhradharc. Agus air an uair sin fhèin dh’amhairc mi suas air. Agus thubhairt esan, Thagh Dia ar n‑athraichean ro‑làimh thusa, a‑chum gun gabhadh tu eòlas air a thoil, agus gum faiceadh tu an t‑Aon cothromach sin, agus gun cluinneadh tu guth as a bheul. Oir bidh tu ad fhianais aige a‑chum nan uile dhaoine, air na nithean a chunnaic agus a chuala tu. Agus a‑nis carson a tha thu a’ dèanamh moille? Eirich, agus bi air do bhaisteadh, agus ionnlaid uat do pheacaidhean, a’ gairm air ainm an Tighearna. Agus thàrladh, nuair a thill mise gu Ierusalem, agus a bha mi a’ dèanamh ùrnaigh anns an teampall, gun deachaidh mi ann an neul, Agus gum faca mi Esan ag ràdh rium, Dèan deifir, agus imich gu grad à Ierusalem; oir cha ghabh iad rid theisteas mum thimcheall‐sa. Agus thubhairt mise, A Thighearna, tha fhios aca gu robh mise a’ tilgeadh ann am prìosan, agus a’ sgiùrsadh anns gach sionagog, an dream a chreid annadsa: Agus nuair a dhòirteadh fuil do mhartaraich, Stèphen, bha mise mar an ceudna am sheasamh an làthair, agus ag aontachadh le a mharbhadh, agus a’ coimhead aodach na muinntir a mharbh e. Agus thubhairt e rium, Imich: oir cuiridh mise thu am fad a‑chum nan Cinneach. Agus dh’èisd iad ris gus am facal seo, agus thog iad an sin an guth gu h‑àrd, ag ràdh, Beir on talamh a leithid seo de dhuine; oir cha chòir e a bhith beò. Agus nuair a bha iadsan ag èigheach agus a’ tilgeadh dhiubh an aodaich, agus a’ tilgeadh luaithre anns an adhar, Dh’àithn an t‑àrd‐cheannard esan a thoirt don chaisteal ag òrdachadh a cheasnachadh le a sgiùrsadh; a‑chum gum faigheadh e fios ciod i a’ choire mun robh iad a’ glaodhaich mar sin na aghaidh. Agus nuair a bha iad ga cheangal le iallan, thubhairt Pòl ris a’ cheannard‐cheud a sheas an làthair, A bheil e ceadaichte dhuibhse duine a tha na Ròmanach a sgiùrsadh, agus gun e air a dhìteadh? Agus nuair a chuala an ceannard‐ceud seo, dh’imich e agus dh’innis e don àrd‐cheannard, ag ràdh, Thoir fa‑near ciod a nì thu: oir is Ròmanach an duine seo. An sin thàinig an t‑àrd‐cheannard da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Innis dhòmhsa, an Ròmanach thu? Agus thubhairt esan, Is eadh. Agus fhreagair an t‑àrd‐cheannard, Is mòr an t‑suim air an do cheannaich mise an t‑saorsa seo. Agus thubhairt Pòl, Ach rugadh mise saor. An sin dh’imich iadsan uaithe air ball a bha gus a cheasnachadh: agus ghabh an t‑àrd‐cheannard mar an ceudna eagal nuair a thuig e gum bu Ròmanach e, agus a chionn gun do cheangail e e. Agus air an là màireach, air dha a bhith togarrach air fios cinnteach fhaotainn ciod i a’ choire a bha na h‑Iùdhaich a’ cur as a leth, dh’fhuasgail e e o a chuibhrichean, agus dh’àithn e do na h‑àrd‐shagartan agus dan comhairle uile teachd an làthair, agus air dha Pòl a thoirt sìos, chuir e nam fianais e. Agus air dearcadh do Phòl air a’ chomhairle, thubhairt e, Fheara agus a bhràithrean, anns an uile dheagh chogais chaith mise mo bheatha a‑thaobh Dhè gus an là‑an‑diugh. Agus dh’àithn an t‑àrd‐shagart Ananias dhaibhsan, a bha nan seasamh làimh ris, a bhualadh air a’ bheul. An sin thubhairt Pòl ris, Buailidh Dia thusa, a bhalla ghealaichte: oir a bheil thusa ad shuidhe a thoirt breith ormsa a rèir an lagha, agus an aghaidh an lagha ag òrdachadh mo bhualadh? Agus thubhairt iadsan a sheas làimh ris, A bheil thusa a’ toirt ana‑cainnt do àrd‐shagart Dhè? An sin thubhairt Pòl, Cha robh fhios agam, a bhràithrean, gum b’e an t‑àrd‐shagart e: oir tha e sgrìobhte, Na labhair olc mu uachdaran do phobaill. Ach nuair a thuig Pòl gu robh cuid dhiubh nan Sadusaich, agus a’ chuid eile nam Pharasaich, ghlaodh e anns a’ chomhairle, Fheara agus a bhràithrean, is Pharasach mise, mac Pharasaich: is ann as leth dòchas agus aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt am breitheanas. Agus air dhàsan seo a labhairt, dh’èirich còmhstri eadar na Pharasaich agus na Sadusaich: agus roinneadh an coitheanal an aghaidh a chèile. Oir tha na Sadusaich ag ràdh nach eil aiseirigh, no aingeal, no spiorad ann; ach tha na Pharasaich ag aideachadh gach aoin dhiubh. Agus dh’èirich gàir mhòr: agus air seasamh suas do na sgrìobhaichean a bha air taobh nam Pharasach, chathaich iad nan aghaidh, ag ràdh, Chan eil sinne a’ faotainn cron air bith anns an duine seo: ach ma labhair spiorad no aingeal ris, na cogamaid an aghaidh Dhè. Agus nuair a dh’èirich connsachadh mòr eatorra, air don àrd‐cheannard a bhith fo eagal gu rachadh Pòl a tharraing as a chèile leo, dh’àithn e do na saighdearan dol sìos, agus esan a thogail leis an làimh làidir as am meadhon, agus a thoirt don chaisteal. Agus air an oidhche na dhèidh sin, sheas an Tighearna làimh ris, agus thubhairt e, Biodh misneach mhath agad, a Phòil; oir mar a rinn thu fianais mum thimcheall‐sa ann an Ierusalem, is amhail sin as èiginn dhut fianais a dhèanamh anns an Ròimh. Agus air teachd don là, chruinnich dream àraidh de na h‑Iùdhaich an ceann a chèile, agus chuir iad iad fhèin fo mhallachadh, ag ràdh nach itheadh agus nach òladh iad gus am marbhadh iad Pòl. Agus bha iad os cionn dà‑fhichead fear a rinn an co‑mhionnachadh seo. Agus thàinig iad a‑chum nan àrd‐shagart, agus nan seanairean, agus thubhairt iad, Chuir sinne sinn fhèin fo àrd‐mhallachadh, nach blaiseamaid nì sam bith gus am marbhamaid Pòl. A‑nis uime sin iarraibh‐se maille ris a’ chomhairle air an àrd‐cheannard, gun tugadh e dur n‑ionnsaigh‐se e a‑màireach, mar gum biodh a rùn oirbh fios fhaotainn na bu choileanta air nì‑eigin ma thimcheall; agus tha sinne deas a‑chum esan a mharbhadh, mun tig e am fagas dhuibh. Agus nuair a chuala mac‐peathar Phòil am feall‐fhalach seo, thàinig e, agus air dha dol a‑steach don chaisteal, dh’innis e sin do Phòl. An sin ghairm Pòl da ionnsaigh aon de na ceannardan‐ceud, agus thubhairt e, Thoir an t‑òganach seo a‑chum an àrd‐cheannaird; oir tha nì àraidh aige ri innse dha. An sin thug e leis e, agus threòraich e e a‑chum an àrd‐cheannaird, agus thubhairt e, Ghairm Pòl am prìosanach mise da ionnsaigh, agus ghuidh e orm an t‑òganach seo a thoirt ad ionnsaigh‐sa, aig a bheil nì‑eigin ri innse dhut. An sin rug an t‑àrd‐cheannard air a làimh, agus chaidh e a lethtaobh an uaigneas maille ris, agus dh’fheòraich e dheth, Ciod a tha agad ri innse dhòmhsa? Agus thubhairt esan, Rinn na h‑Iùdhaich comhairle iarraidh ortsa gun tugadh tu Pòl a‑màireach don chomhairle, mar gum biodh iad gu rannsachadh nas gèire a dhèanamh air nì‑eigin ma thimcheall. Ach na aontaich thusa leo: oir tha os cionn dà‑fhichead fear dhiubh ri feall‐fhalach na aghaidh, a chuir iad fhèin fo mhallachadh, nach ith agus nach òl iad gus am marbh iad e: agus a‑nis tha iad ullamh, a’ feitheamh ri gealladh uatsa. An sin leig an t‑àrd‐cheannard uaithe an t‑òganach, agus dh’àithn e dha, ag ràdh, Feuch nach innis thu do neach sam bith gun d’fhoillsich thu na nithean seo dhòmhsa. Agus ghairm e da ionnsaigh dà cheannard‐ceud, agus thubhairt e, Ullaichibh dà cheud saighdear a thèid gu Cesarèa, agus deich agus trì‐fichead marcach, agus dà cheud fear‐sleagha, air an treas uair den oidhche. Agus ullaichibh eich, a‑chum air dhaibh Pòl a chur orra, gun toir iad e gu tèarainte a‑chum an uachdarain Felics. Agus sgrìobh e litir air a’ mhodh seo: Beatha agus slàinte o Chlaudius Lisias, a‑chum an uachdarain ro‑òirdheirc Felics. Ghlacadh an duine seo leis na h‑Iùdhaich, agus nuair a bha iad air tì a mharbhadh, thàinig mise orra le saighdearan, agus theasairg mi e, a’ tuigsinn gum bu Ròmanach e. Agus air dhomh a bhith toileach air fios an adhbhair fhaotainn airson an d’agair iad e, thug mi sìos e a‑chum an comhairle‐san: Agus thuig mi gu robh e air agairt mu cheistean den lagh fhèin, gun nì sam bith air a chur as a leth a b’airidh air bàs no air ceanglaichean. Ach nuair a dh’innseadh dhomh gu robh na h‑Iùdhaich gu foill a chaitheadh air an duine, air ball chuir mi ad ionnsaigh‐sa e, agus thug mi àithne mar an ceudna da luchd‐casaid gach cùis a bha aca na aghaidh a chur an cèill ad làthair‐sa. Slàn leat. An sin air do na saighdearan Pòl a ghabhail, a rèir mar a dh’àithneadh dhaibh, thug iad anns an oidhche e gu Antipatris. Agus air an là màireach leig iad don mharc‐shluagh dol leis, agus thill iad fhèin don chaisteal. Agus nuair a chaidh iad a‑steach do Chesarèa, agus a thug iad an litir don uachdaran, chuir iad mar an ceudna Pòl na fhianais. Agus nuair a leugh an t‑uachdaran an litir, dh’fhiosraich e ciod an dùthaich on robh e. Agus nuair a thuig e gur ann o Chilicia a bha e, Thubhairt e, Eisdidh mi riut, nuair a thig do luchd‐casaid mar an ceudna. Agus dh’àithn e esan a choimhead ann an talla‑breitheanais Heroid. Agus an ceann còig làithean na dhèidh sin chaidh Ananias an t‑àrd‐shagart sìos maille ris na seanairean, agus ri Tertullus, fear‐tagraidh àraidh, muinntir a nochd iad fhèin an làthair an uachdarain an aghaidh Phòil. Agus nuair a ghairmeadh a‑mach e, thòisich Tertullus air a chasaid, ag ràdh, Do bhrìgh gu bheil sinn tromhadsa a’ mealtainn mòr‐shìth, agus gun do rinneadh iomadh deagh ghnìomh don chinneach seo tre do ghliocas‐sa, Tha sinn a’ gabhail ri seo, anns gach àm agus anns gach àite, Fhelics ro‑òirdheirc, leis gach uile bhuidheachas. Ach, a‑chum nach cuirinn mòr‐mhoille ort, guidheam ort, ded shuairceas gun èisd thu rinn gu h‑ath‐ghoirid. Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, agus a’ dùsgadh nan Iùdhach uile gu ceannairc air feadh an domhain, agus na cheann‐feadhna do luchd saobh‐chreideamh nan Nàsarènach. Neach mar an ceudna a thogair an teampall a thruailleadh; agus a ghlac sinne, agus b’àill leinn breith a thoirt air a rèir ar lagha fhèin: Ach air teachd do Lisias an t‑àrd‐cheannard oirnn, thug e le mòr‐ainneart as ar làmhan e, Ag àithneadh da luchd‐casaid teachd ad ionnsaigh‐sa; neach om faod thu, le a cheasnachadh, fios fhaotainn air na h‑uile nithean a tha sinne a’ cur as a leth. Agus dh’aontaich na h‑Iùdhaich mar an ceudna, ag ràdh gu robh na nithean seo mar sin. An sin air don uachdaran smèideadh air Pòl e a labhairt, fhreagair esan, Is mò mo mhisneach gu freagairt air mo shon fhèin, gu bheil fhios agam gu robh thusa rè mòran bhliadhnachan ad bhritheamh air a’ chinneach seo: Oir faodaidh tu fios fhaotainn, nach mò na dà‑là‑dheug o chaidh mi suas gu Ierusalem a dhèanamh adhraidh. Agus cha d’fhuair iad mi a’ deasbaireachd ri aon neach anns an teampall, no a’ brosnachadh an t‑sluaigh gu ceannairc, aon chuid anns na sionagogan, no anns a’ bhaile: Cha mhò as urrainn iad na nithean sin a dhearbhadh a tha iad a’ cur as mo leth. Ach tha mi ag aideachadh seo dhutsa, gur ann a rèir na slighe sin ris an abair iadsan saobh‐chreideamh, a tha mise a’ dèanamh adhraidh do Dhia m’athraichean, a’ creidsinn nan uile nithean a tha sgrìobhte anns an lagh agus anns na fàidhean: Agus tha dòchas agam ann an Dia, ris a bheil sùil mar an ceudna aca fhèin, gun tig aiseirigh nam marbh, nam fìrean araon agus nan neo‐fhìrean. Agus an seo tha mi a’ saothrachadh a‑ghnàth cogais neo‐lochdach a bhith agam a‑thaobh Dhè, agus a‑thaobh dhaoine. A‑nis an dèidh mòran bhliadhnachan, thàinig mi a thoirt dèirce a‑chum mo chinnich, agus thabhartas. Air a seo fhuair Iùdhaich àraidh on Asia mi air mo ghlanadh anns an teampall, gun sluagh, agus gun bhuaireas; Muinntir dom bu chòir a bhith an seo ad làthair‐sa, agus m’agairt, nam biodh nì sam bith aca am aghaidh. No abradh iad seo fhèin, ma fhuair iad eucoir sam bith annam, nuair a sheas mi an làthair na comhairle; Mura ann a‑mhàin airson an aon fhacail seo, a ghlaodh mi am sheasamh nam measg, gur ann airson aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt gu breitheanas leibhse an‑diugh. Agus nuair a chuala Felics na nithean seo, air dha eòlas na bu choileanta a bhith aige air an t‑slighe sin, chuir e air dàil iad, ag ràdh, Nuair a thig Lisias an t‑àrd‐cheannard a‑nuas, làn‐rannsaichidh mi ur cùis. Agus dh’àithn e do cheannard‐ceud Pòl a ghleidheadh, agus e a bhith fuasgailte aige, agus gun neach de a mhuinntir fhèin a bhacadh o fhrithealadh dha, no teachd da ionnsaigh. Agus an dèidh làithean àraidh, nuair a thàinig Felics maille ra mhnaoi Drusilla, a bha na ban‐Iùdhaich, chuir e fios air Pòl, agus dh’èisd e ris mu thimcheall a’ chreidimh ann an Crìosd. Agus air dhàsan a bhith a’ reusonachadh mu fhìreantachd, stuaim, agus breitheanas ri teachd, ghabh Felics eagal mòr, agus fhreagair e, Imich romhad an tràth seo; nuair a bhios ùine agam, cuiridh mi fios ort. Bha dùil aige mar an ceudna gu rachadh airgead a thoirt dha le Pòl, a‑chum gum fuasgladh e e: uime sin chuir e fios air na bu trice, agus labhair e ris. Ach air do dhà bhliadhna a bhith air an coileanadh, thàinig Porcius Festus an àite Fhelics; agus air do Fhelics a bhith toileach comain a chur air na h‑Iùdhaich, dh’fhàg e Pòl ceangailte. A‑nis nuair a thàinig Festus don mhòr‐roinn, an ceann trì làithean chaidh e suas o Chesarèa gu Ierusalem. Agus nochd an t‑àrd‐shagart agus maithean nan Iùdhach iad fhèin na làthair an aghaidh Phòil, agus chuir iad impidh air, Ag iarraidh fàbhair na aghaidh, gun cuireadh e fios air gu Ierusalem, agus iad a dhèanamh feall‐fhalaich a‑chum esan a mharbhadh air an t‑slighe. Ach fhreagair Festus gum bu chòir Pòl a ghleidheadh ann an Cesarèa, agus gun rachadh e fhèin an sin gu h‑aithghearr. Uime sin, arsa esan, rachadh iadsan nur measg a dh’fhaodas, sìos maille riumsa, agus ma tha coire air bith anns an duine seo, cuireadh iad sin as a leth. Agus air dha fantainn nam measg os cionn deich làithean, chaidh e sìos do Chesarèa; agus air an là màireach shuidh e air a’ chathair‐bhreitheanais, agus dh’àithn e Pòl a thoirt an làthair. Agus nuair a thàinig esan, sheas na h‑Iùdhaich a thàinig a‑nuas o Ierusalem ma thimcheall, a’ cur choireannan lìonmhor agus mòra as leth Phòil, nach b’urrainn iad a dhearbhadh: Nuair a fhreagair esan ga shaoradh fhèin, Cha do rinn mi cionta sam bith an aghaidh lagh nan Iùdhach, no an aghaidh an teampaill, no an aghaidh Chèasair. Ach air a bhith do Fhestus togarrach air toileachas‐inntinn a thoirt do na h‑Iùdhaich, fhreagair e Pòl, agus thubhairt e, An àill leat dol suas gu Ierusalem, agus an sin dol fo bhreitheanas a‑thaobh nan nithean sin nam làthair‐sa? An sin thubhairt Pòl, Tha mi am sheasamh aig cathair‐bhreitheanais Chèasair, far an còir breith a thoirt orm: air na h‑Iùdhaich cha do rinn mi eucoir sam bith, mar as math a tha fhios agadsa. Oir ma tha mi a’ dèanamh eucoir, agus ma rinn mi nì sam bith a thoill bàs, chan eil mi a’ diùltadh bàs fhulang: ach mura eil nì sam bith dhiubh sin fìor a tha iad seo a’ cur as mo leth, chan fhaod duine sam bith mo thoirt thairis dhaibh. Tha mi a’ togail mo chùis gu Cèasar. An sin an dèidh do Fhestus labhairt ris a’ chomhairle, fhreagair e, An do thog thu do chùis gu Cèasar? Gu Cèasar thèid thu. Air dol do làithean àraidh seachad, thàinig Agripa an rìgh agus Bernice gu Cesarèa a chur fàilte air Festus. Agus air dhaibh mòran làithean a chaitheamh an sin, chuir Festus cùis Phòil an cèill don rìgh, ag ràdh, Dh’fhàgadh duine àraidh le Felics na phrìosanach; Airsan, nuair a bha mise ann an Ierusalem, rinn na h‑àrd‐shagartan agus seanairean nan Iùdhach casaid rium, ag iarraidh binne na aghaidh. Don tug mise am freagradh seo, Chan e gnàth nan Ròmanach duine sam bith a thoirt thairis a‑chum bàis, gus am bi aig an neach a tha air agairt a luchd‐casaid aghaidh ri aghaidh, agus gum bi cothrom aige air e fhèin a shaoradh on choire a chuireadh as a leth. Uime sin nuair a thàinig iad araon an seo, gun mhoille sam bith shuidh mi air an là màireach air a’ chathair‐bhreitheanais, agus dh’àithn mi an duine a thoirt an làthair. Agus nuair a sheas a luchd‐casaid ma thimcheall, cha do chuir iad coire air bith as a leth de na nithean a shaoil mise: Ach thug iad ceistean àraidh na aghaidh mu thimcheall an creidimh fhèin, agus mu thimcheall Iosa àraidh, a fhuair bàs, neach a thubhairt Pòl a tha beò. Agus a chionn gu robh mise amharasach mu thimcheall an leithidean sin de cheistean, dh’fheòraich mi dheth am b’àill leis dol suas do Ierusalem, agus an sin dol fo bhreitheanas mu na nithean seo. Ach nuair a dh’iarr Pòl a bhith air a choimhead gus am fiosraichte a chùis le Augustus, dh’àithn mi e a bhith air a ghleidheadh gus an cuirinn gu Cèasar e. An sin thubhairt Agripa ri Festus, B’àill leamsa fhèin an duine seo a chluinntinn. A‑màireach, thubhairt esan, cluinnidh tu e. Uime sin air an là màireach, nuair a thàinig Agripa, agus Bernice, le mòr‐ghreadhnachas, agus a chaidh iad a‑steach maille ris na h‑àrd‐cheannardan agus prìomh‐dhaoine na cathrach don ionad‐èisdeachd, air do Fhestus àithne a thoirt, thugadh Pòl an làthair. Agus thubhairt Festus, A rìgh Agripa, agus sibhse a dhaoine uile a tha an làthair an seo maille rinn, tha sibh a’ faicinn an duine seo, mun do chuir sluagh nan Iùdhach uile impidh ormsa, araon ann an Ierusalem, agus an seo, a’ glaodhaich nach bu chòir e a bhith na b’fhaide beò. Ach nuair a thuig mise nach do rinn e nì sam bith a thoill bàs, agus a chionn gun do thog e fhèin a chùis gu Augustus, shònraich mi a chur da ionnsaigh. Mu nach eil nì sam bith cinnteach agam ri sgrìobhadh a‑chum mo thighearna. Uime sin thug mi a‑mach e dur n‑ionnsaigh‐sa, a rìgh Agripa, a‑chum an dèidh rannsachadh a dhèanamh, gum biodh agam nì‑eigin ri sgrìobhadh. Oir is mì‑reusonta am bheachd‐sa prìosanach a chur uam agus gun na cùisean a tha na aghaidh ainmeachadh. An sin thubhairt Agripa ri Pòl, Tha cead agad labhairt air do shon fhèin. An sin shìn Pòl a‑mach a làmh, agus fhreagair e air a shon fhèin. Tha mi gam mheas fhèin sona, a rìgh Agripa, do bhrìgh gu bheil mi gu freagairt air mo shon fhèin an‑diugh ad làthair‐sa, a‑thaobh nan nithean sin uile a tha air an cur as mo leth leis na h‑Iùdhaich; Gu h‑àraidh, a chionn gu bheil thusa eòlach air gach gnàth agus ceist a tha am measg nan Iùdhach: uime sin guidheam ort, èisd rium gu foighidinneach. Tha mo bheatha‑sa om òige, a chaitheadh air tùs am measg mo chinnich fhèin ann an Ierusalem, aithnichte do na h‑Iùdhaich uile; Dom b’aithne mi o thùs (nam b’àill leo fianais a dhèanamh), gun do chaith mi mo bheatha am Pharasach, a rèir an luchd co‑bharail as teinne de ar creideamh‐ne. Agus a‑nis tha mi am sheasamh fo bhreitheanas airson dòchas a’ gheallaidh a rinneadh le Dia dar n‑athraichean: A‑chum a bheil dùil aig ar dà‑threubh‐dheug‐ne teachd, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche a‑ghnàth; agus airson an dòchais seo tha mise, a rìgh Agripa, air m’agairt leis na h‑Iùdhaich. Carson a mheasar leibhse mar nì do‑chreidsinn gun dùisgeadh Dia na mairbh? Gu deimhinn mheas mise annam fhèin gum bu chòir dhomh mòran nithean a dhèanamh an aghaidh ainm Iosa o Nàsaret. Nì mar an ceudna a rinn mi ann an Ierusalem: agus air faotainn ùghdarrais o na h‑àrd‐shagartan, dhruid mi mòran de na naoimh ann am prìosain; agus nuair a chuireadh gu bàs iad, thug mi mo ghuth nan aghaidh. Agus a’ dèanamh peanais orra gu minig anns gach sionagog, cho‐èignich mi iad gu toibheum a labhairt; agus air dhomh a bhith gu ro‑mhòr air bhoile nan aghaidh, rinn mi geur‐leanmhainn orra, eadhon gu bailtean coigreach. Air a seo, nuair a bha mi a’ dol gu Damascas, le cumhachd agus barantas o na h‑àrd‐shagartan; Mu mheadhon‐là, O rìgh, chunnaic mi air an t‑slighe solas o nèamh, a bu shoilleire na solas na grèine, a’ dealrachadh mun cuairt orm, agus orrasan a bha ag imeachd maille rium. Agus nuair a thuit sinn uile air an talamh, chuala mi guth a’ labhairt rium, agus ag ràdh anns a’ chainnt Eabhraidhich, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur‐leanmhainn? Is cruaidh dhutsa a bhith a’ breabadh an aghaidh nan dealg. Agus thubhairt mise, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Is mise Iosa a tha thusa a’ geur‐leanmhainn. Ach èirich, agus seas air do chasan; oir dh’fhoillsich mi mi fhèin dhut a‑chum na crìche seo, gun òrdaichinn thu ad mhinistear agus ad fhianais araon air na nithean sin a chunnaic thu, agus air na nithean anns am foillsich mi mi fhèin dhut; Gad shaoradh on t‑sluagh, agus o na Cinnich, a‑chum a bheil mi a‑nis gad chur, A dh’fhosgladh an sùl, a‑chum gun tionndaidh iad o dhorchadas gu solas, agus o chumhachd Shàtain gu Dia, a‑chum gum faigh iad maitheanas pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuinntir sin a tha air an naomhachadh tre an chreideamh a tha annamsa. Uime sin, a rìgh Agripa, cha robh mi eas‐umhail don taisbeanadh nèamhaidh: Ach shearmonaich mi air tùs dhaibhsan ann an Damascas, agus ann an Ierusalem, agus air feadh tìr Iudèa uile, agus an sin do na Cinnich, iad a dhèanamh aithreachais agus tilleadh ri Dia, a’ dèanamh obraichean iomchaidh an aithreachais. Airson nan nithean seo ghlac na h‑Iùdhaich mi anns an teampall, agus b’àill leo mo mharbhadh. Uime sin air dhomh còmhnadh fhaotainn o Dhia, bhuanaich mi gus an là‑an‑diugh, a’ dèanamh fianais don bheag agus don mhòr, gun nì air bith a labhairt ach na nithean sin a thubhairt na fàidhean agus Maois a bha gu teachd; Gu robh Crìosd gu fulang, agus gu robh e gu èirigh, an ciad neach o na mairbh, agus gum foillsicheadh e solas don phoball, agus do na Cinnich. Agus air dha a bhith a’ labhairt nan nithean seo air a shon fhèin, thubhairt Festus le guth àrd, Tha thu air mhì‐chèill, a Phòil: tha mòr‐fhòghlam gad chur air bhoile. Ach thubhairt esan, Chan eil mi air bhoile, Fhestuis ro‑òirdheirc; ach tha mi a’ labhairt briathran na fìrinn agus na cèille. Oir tha fhios aig an rìgh, ro a bheil mise a’ labhairt gu saor, air na nithean seo: oir tha cinnt agam nach eil a h‑aon de na nithean seo an ainfhios dha; oir chan ann an cùil a rinneadh seo. A bheil thu a’ creidsinn nam fàidhean, a rìgh Agripa? Tha fhios agam gu bheil thu gan creidsinn. An sin thubhairt Agripa ri Pòl, Is beag nach eil thu gam aomadh gu bhith am Chrìosdaidh. Agus thubhairt Pòl, B’e mo ghuidhe air Dia gum biodh, chan e a‑mhàin thusa, ach mar an ceudna iadsan uile a tha ag èisdeachd rium an‑diugh, ann am beag agus ann am mòr, mar a tha mise, saor o na gèimhlean seo. Agus air dha na briathran seo a labhairt, dh’èirich an rìgh, agus an t‑uachdaran, agus Bernice, agus an dream a shuidh maille riu: Agus nuair a chaidh iad a lethtaobh, labhair iad ri chèile, ag ràdh, Chan eil an duine seo a’ dèanamh nì air bith toillteanach air bàs, no air gèimhlean. An sin thubhairt Agripa ri Festus, Dh’fhaodte an duine seo a leigeadh as, mura biodh gun do thog e a chùis gu Cèasar. Agus nuair a thugadh breith sinne a sheòladh don Eadailt, thug iad Pòl thairis, maille ri prìosanaich àraidh eile, do cheannard‐ceud dom b’ainm Iulius de chuideachd Augustuis. Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn. Agus air an là màireach, thàinig sinn gu Sìdon. Agus air do Iulius buntainn gu suairc ri Pòl, leig e dha dol a dh’ionnsaigh a chàirdean a‑chum comhfhurtachd fhaotainn. Agus air dhuinn stiùradh as a sin, sheòl sinn fo Chìprus, a chionn gu robh na gaothan nar n‑aghaidh. Agus nuair a sheòl sinn tron fhairge a tha làimh ri Cilicia agus Pamphilia, thàinig sinn gu Mira, baile de Licia. Agus fhuair an ceannard‐ceud long an sin o Alecsandria, a bha a’ seòladh don Eadailt, agus chuir e sinn a‑steach innte. Agus nuair a sheòl sinn gu mall rè mòran làithean, agus a thàinig sinn air èiginn fa chomhair Chnidais, a chionn nach do leig a’ ghaoth leinn, sheòl sinn fo Chrete, fa chomhair Shalmone; Agus air dhuinn seòladh air èiginn seachad air, thàinig sinn gu ionad àraidh ris an abrar Na Calachan Sgiamhach, am fagas don robh baile Lasea. Agus air do mhòran ùine dol seachad, nuair a bha seòladaireachd a‑nis cunnartach, a chionn gun deachaidh an trasgadh cheana seachad, chomhairlich Pòl iad, Ag ràdh riu, Fheara, tha mi a’ faicinn gum bi an turas seo le dochann agus call mòr, chan ann a‑mhàin don luchd agus don luing, ach dar n‑anaman fhèin. Gidheadh, is mò a chreid an ceannard‐ceud an stiùradair agus maighistir na luinge, na na nithean a labhradh le Pòl. Agus a chionn gu robh an caladh neo‐iomchaidh gus an geamhradh a chaitheamh ann, b’i comhairle na cuid a bu mhò seòladh as a sin mar an ceudna, agus nam faodadh iad air chor sam bith teachd gu Phenice, caladh de Chrete a tha ag amharc a‑chum an iar‐dheas, agus an iar‐thuath, agus fantainn rè a’ gheamhraidh an sin. Agus nuair a shèid a’ ghaoth a deas gu ciùin, shaoil iad gun d’fhuair iad an rùn, agus a’ togail an seòl dhaibh, stiùir iad ri taobh Chrete. Ach an ceann beagan ùine na dhèidh sin, shèid gaoth ànradhach na h‑aghaidh, ris an abrar Euroclidon. Agus air a bhith don luing air a fuadachadh, agus gun chomas dhi dol an aghaidh na gaoithe, leig sinn ruith dhi. Agus air dhuinn ruith a‑steach fo eilean beag àraidh dom b’ainm Clauda, is ann le èiginn a ràinig sinn air a’ bhàta: Agus air dhaibh a togail suas, ghnàthaich iad gach gleus còmhnaidh, a’ criosadh na luinge foidhpe; agus air dhaibh a bhith fo eagal gun tuiteadh iad anns a’ bheò‐ghaineimh, leag iad na siùil, agus mar sin dh’iomaineadh iad. Agus air dhuinn a bhith gu ro‑mhòr air ar luasgadh leis an doininn, air an là na dhèidh sin thilg iad a‑mach an luchd; Agus air an treas là thilg sinn le ar làmhan fhèin a‑mach acfhainn na luinge. Agus nuair nach robh a’ ghrian no na reultan rim faicinn rè mòran làithean, agus a laigh doineann nach bu bheag oirnn, thugadh an sin uainn gach uile dhòchas gun teasairgte sinn. Ach air dhuinn a bhith fada nar trasg, an sin air seasamh do Phòl nam meadhon, thubhairt e, Fheara, bu chòir dhuibh mo chomhairle‐sa a ghabhail, agus gun fhuasgladh o Chrete, agus an dochann agus an call seo a sheachnadh. Agus a‑nis guidheam oirbh, biodh misneach mhath agaibh: oir cha bhi call anama sam bith nur measg, ach a‑mhàin na luinge. Oir, air an oidhche nochd, sheas làimh riumsa aingeal an Dè sin dom buin mi, agus dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis, Ag ràdh, A Phòil, na biodh eagal ort; is èiginn dhut a bhith air do thoirt an làthair Chèasair: agus, feuch, thìodhlaic Dia dhut iadsan uile a tha a’ seòladh maille riut. Uime sin, fheara, biodh agaibh deagh mhisneach: oir tha mi a’ creidsinn Dhè, gun tachair ceart mar a labhradh rium. Ach is èiginn dhuinn a bhith air ar tilgeadh air eilean àraidh. Agus nuair a bha an ceathramh‐oidhche‐deug air teachd, air dhuinn a bhith air ar n‑iomain a‑null agus a‑nall ann am muir Adria, mu mheadhon‐oidhche b’i barail nam maraichean gu robh iad am fagas do thìr‐eigin: Agus air leigeadh na luaidhe sìos dhaibh, fhuair iad an doimhne fichead aitheamh; agus nuair a chaidh iad beagan air an aghaidh, leig iad sìos an luaidh a‑rìs, agus fhuair iad i na còig‐aitheamh‐deug. An sin air dhaibh a bhith fo eagal gum buaileadh iad air ionadan garbha, thilg iad ceithir acraichean à deireadh na luinge, agus ghuidh iad an là a theachd. Agus nuair a bha na maraichean air tì teicheadh a‑mach as an luing, agus a leig iad sìos am bàta don fhairge, a’ gabhail orra a bhith a’ tilgeadh a‑mach acraichean à toiseach na luinge, Thubhairt Pòl ris a’ cheannard‐ceud, agus ris na saighdearan, Mura fan iad sin anns an luing, chan eil e an comas dhuibh a bhith air ur teasairginn. An sin gheàrr na saighdearan cùird a’ bhàta, agus leig iad leatha tuiteam sìos. Agus am feadh a bha an là a’ teachd, thug Pòl a chomhairle orra uile biadh a ghabhail, ag ràdh, Is e seo an ceathramh‐là‑deug dhuibh a’ feitheamh, agus a’ fantainn nur trasg, gun bhiadh sam bith a ghabhail. Uime sin guidheam oirbh biadh a ghabhail; oir tha seo a‑chum ur slàinte: oir cha chaillear fuiltean à ceann a h‑aoin agaibh. Agus air dha na nithean seo a labhairt, agus aran a ghlacadh, thug e buidheachas do Dhia nan làthair uile: agus air dha a bhriseadh, thòisich e ri ithe. An sin ghlac iad uile deagh mhisneach, agus ghabh iad biadh mar an ceudna. Agus bha sinn a dh’anaman uile anns an luing, dà cheud agus sia‑deug, agus trì‐fichead. Agus nuair a shàsaicheadh iad le biadh, dh’aotromaich iad an long, agus thilg iad a‑mach an cruithneachd anns an fhairge. Agus nuair a bha an là air teachd, cha d’aithnich iad am fearann: ach thug iad an aire do gheodha àraidh aig an robh tràigh, anns an robh a mhiann orra, nam burrainn iad, an long a chur gu tìr. Agus air togail nan acraichean dhaibh, leig iad ris an fhairge i, agus nuair a dh’fhuasgail iad ceanglaichean na stiùrach, agus a thog iad am prìomh‐sheòl ris a’ ghaoith, sheòl iad a‑chum na tràighe. Agus air tuiteam dhaibh ann an ionad àraidh far an do choinnich dà fhairge a chèile, bhuail iad an long air grunnd; agus air sàthadh da toiseach anns a’ ghrunnd, dh’fhan e gun charachadh, ach bhriseadh a deireadh le ainneart nan tonn. Agus b’i comhairle nan saighdearan gum marbhadh iad na prìosanaich, air eagal gun snàmhadh neach sam bith dhiubh a‑mach, agus gu rachadh iad as. Ach air don cheannard‐ceud a bhith toileach Pòl a theasairginn, chùm e air ais on comhairle iad, agus dh’àithn e dhaibhsan dom b’aithne snàmh iad fhèin a thilgeadh anns a’ chuan air tùs, agus dol a‑mach air tìr: Agus do chàch dh’àithn e cuid dhiubh a dhol air clàir, agus cuid eile air mìrean briste den luing: agus mar sin thàrladh gun deachaidh iad uile tèarainte gu tìr. Agus nuair a thèarnadh iad, thuig iad an sin gum b’e Melita ainm an eilein. Agus nochd an sluagh borb coibhneas nach bu bheag dhuinn: oir air fadadh teine dhaibh, ghabh iad rinn uile, airson an uisge a bha ann, agus airson an fhuachd. Agus air do Phòl dòrlach bhioran a thional, agus an cur air an teine, thàinig nathair nimhe a‑mach as an teas, agus shàs i na làimh. Agus nuair a chunnaic an sluagh borb a’ bhèist an crochadh ra làimh, thubhairt iad ri chèile, Gu cinnteach is mortair an duine seo, do nach fuiling dìoghaltas a bhith beò, ged a theasairgeadh on fhairge e. Agus air dhàsan a’ bhèist a chrathadh dheth anns an teine, cha d’fhuiling e dochann sam bith. Ach bha iadsan a’ feitheamh cuin a dh’atadh e, no a thuiteadh e sìos marbh gu h‑obann: ach nuair a dh’fheith iad ùine fhada, agus nach faca iad dochann sam bith a’ teachd air, chaochail iad an inntinn, agus thubhairt iad gur dia e. Agus bha mu thimcheall an àite sin fearann aig prìomh‐dhuine an eilein, dom b’ainm Publius, a ghabh rinn agus a thug rè trì làithean aoigheachd dhuinn gu càirdeil. Agus thàrladh gu robh athair Phubliuis na laighe gu tinn le fiabhras, agus geàrrthach fala: air do Phòl dol a‑steach da ionnsaigh, rinn e ùrnaigh, agus air dha a làmhan a chur air, leighis e e. Agus nuair a rinneadh seo, thàinig mar an ceudna muinntir eile a bha easlan anns an eilean da ionnsaigh, agus lèighseadh iad: Muinntir mar an ceudna a thug mòr‐urram dhuinn; agus nuair a dh’fhalbh sinn, chuir iad na nithean sin leinn a bha feumail dhuinn. Agus an dèidh trì mìosan sheòl sinn ann an luing o Alecsandria, a chaith an geamhradh anns an eilean, dom bu shuaicheantas Castor agus Pollucs. Agus nuair a chaidh sinn air tìr aig Siracuse, dh’fhan sinn an sin trì làithean. Agus air seòladh dhuinn timcheall as a sin, thàinig sinn gu Regium: agus an ceann là na dhèidh sin shèid a’ ghaoth a deas, agus thàinig sinn an ath là gu Puteoli: Air dhuinn bràithrean fhaotainn an sin, chuireadh impidh oirnn leo fantainn seachd làithean maille riu: agus mar sin thriall sin a‑chum na Ròimhe. Agus as a sin, air faotainn ar sgeòil do na bràithrean, thàinig iad nar coinneamh gu Apii‐forum, agus Na Trì Taighean‐òsda; agus nuair a chunnaic Pòl iad, thug e buidheachas do Dhia, agus ghabh e misneach. Agus nuair a thàinig sinn don Ròimh thug an ceannard‐ceud thairis na prìosanaich do cheannard an fhreiceadain: ach thugadh comas do Phòl a bhith leis fhèin, maille ri aon saighdear a bha ga ghleidheadh. Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach. Muinntir an dèidh dhaibh mo cheasnachadh, leis am bu mhiann mo leigeadh as, a chionn nach robh coire bàis sam bith annam. Ach nuair a bha na h‑Iùdhaich a’ labhairt an aghaidh seo, b’èiginn dhomh mo chùis a thogail gu Cèasar; chan e gu bheil coire sam bith agam ri chur as leth mo chinnich. Air an adhbhar seo, uime sin, chuir mi fios oirbhse, a‑chum gum faicinn sibh agus gun labhrainn ribh: oir is ann airson dòchas Israeil a tha mi ceangailte leis an t‑slabhraidh seo. Agus thubhairt iadsan ris, Cha d’fhuair sinne litrichean sam bith à Iudèa mud thimcheall, cha mhò a dh’fhoillsich no dh’innis aon de na bràithrean a thàinig olc sam bith umad. Ach bu mhath leinn a chluinntinn uatsa ciod i do bharail: oir mu thimcheall a’ ghnè chreidimh seo tha fhios againn gun labhrar anns gach àite na h‑aghaidh. Agus air suidheachadh là ris, thàinig mòran da ionnsaigh gu a àite‐còmhnaidh; don do mhìnich e rìoghachd Dhè, a’ dèanamh fianais uimpe, agus a’ cur impidh orra a‑thaobh nan nithean a bhuineas do Iosa, araon à lagh Mhaois, agus as na fàidhean, o mhoch‐thràth gu feasgar. Agus chreid cuid na nithean a labhradh, agus cha do chreid cuid eile dhiubh. Agus air dhaibh a bhith an aghaidh a chèile, sgaoil iad, air do Phòl aon fhacal a ràdh, Is math a labhair an Spiorad Naomh tre an fhàidh Esaias, ri ar n‑athraichean. Ag ràdh, Imich a‑chum a’ phobaill seo, agus abair, Le cluinntinn cluinnidh sibh, agus cha tuig sibh; agus le faicinn chì sibh, agus chan aithnich sibh. Oir tha cridhe a’ phobaill seo air fàs reamhar, agus tha iad a’ cluinntinn gu trom len cluasan, agus chaog iad an sùilean; air eagal gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gun tilleadh iad agus gun slànaichinn‐sa iad. Uime sin biodh fhios agaibhse gun do chuireadh slàinte Dhè a‑chum nan Cinneach agus èisdidh iadsan. Agus nuair a thubhairt e na briathran seo, dh’imich na h‑Iùdhaich romhpa, agus bha mòr‐reusonachadh aca eatorra fhèin. Agus dh’fhan Pòl dà bhliadhna iomlan na thaigh‐màil fhèin, agus ghabh e ris na h‑uile dhaoine a thàinig da ionnsaigh, A’ searmonachadh rìoghachd Dhè, agus a’ teagasg nan nithean a bhuineas don Tighearna Iosa Crìosd, leis an uile dhànachd, gun toirmeasg. Pòl, seirbhiseach Iosa Crìosd, a ghairmeadh na abstol, a chuireadh air leth a‑chum soisgeul Dhè, (A ro‑gheall e le a fhàidhean fhèin anns na sgriobtairean naomha,) Mu thimcheall a Mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna, a rinneadh de shìol Dhaibhidh, a rèir na feòla; A dhearbhadh a bhith na Mhac do Dhia le cumhachd, a rèir Spiorad na naomhachd, tre an aiseirigh o na mairbh: Tre an d’fhuair sinne gràs agus abstolachd a‑chum ùmhlachd a’ chreidimh am measg nan uile chinneach air sgàth a ainme‐san: Am measg a bheil sibhse mar an ceudna air ur gairm le Iosa Crìosd: A‑chum nan uile a tha anns an Ròimh, air an gràdhachadh le Dia, air an gairm nan naoimh: Gràs gu robh dhuibhse, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd. Air tùs, tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia tre Iosa Crìosd air ur son‐se uile, do bhrìgh gu bheil ur creideamh iomraiteach air feadh an domhain gu lèir. Oir is e Dia m’fhianais, dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis lem spiorad ann an soisgeul a Mhic, gu bheil mi gun sgur a’ dèanamh luaidh oirbh, A‑ghnàth a’ guidhe ann am ùrnaighean (nam faodainn a‑nis fa‑dheòidh air aon chor le toil Dhè turas soirbheachail fhaotainn), ri teachd dur n‑ionnsaigh‐se. Oir tha dèidh agam air sibhse fhaicinn, ionnas gum pàirtich mi tìodhlac àraidh spioradail ribh, a‑chum ur neartachadh; Sin ri ràdh, a‑chum gum faigh mi comhfhurtachd annaibhse, tre chreideamh a chèile, ur creideamh‐se, agus mo chreideamh‐sa. Agus chan àill leam, a bhràithrean, e a bhith an an‑fhios dhuibhse gun do chuir mi romham gu minig teachd dur n‑ionnsaigh (ach bhacadh mi gus a seo), a‑chum gum faighinn toradh‐eigin nur measg‐se fòs, mar am measg nan Cinneach eile. Oir tha mi fo fhiachan araon do na Greugaich, agus do na daoine borba, araon dhaibhsan a tha glic, agus dhaibhsan a tha neo‐ghlic. Uime sin, a mheud is a tha an comas dhomh, tha mi ullamh a‑chum an soisgeul a shearmonachadh dhuibhse mar an ceudna a tha anns an Ròimh. Oir cha nàir leamsa soisgeul Chrìosd: oir is e cumhachd Dhè e a‑chum slàinte do gach neach a chreideas, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach. Oir tha fìreantachd Dhè air a foillseachadh ann tre chreideamh gu creideamh: mar a tha e sgrìobhte, Bidh am fìrean beò tre chreideamh. Oir tha fearg Dhè air a foillseachadh o nèamh an aghaidh gach uile mhì‐dhiadhachd, agus eucoir dhaoine, a tha a’ bacadh na fìrinn ann an neo‐fhìreantachd: Do bhrìgh gu bheil an nì air am faodar fios fhaotainn a‑thaobh Dhè follaiseach anntasan; oir rinn Dia follaiseach dhaibh e. Oir riamh o chruthachadh an t‑saoghail tha a nithean‐san nach faodar fhaicinn, eadhon a chumhachd sìorraidh agus a Dhiadhachd, air am faicinn gu soilleir, air dhaibh a bhith so‑thuigsinn o na nithean a rinneadh; a‑chum gum biodh iad gun leisgeul aca: Do bhrìgh nuair a b’aithne dhaibh Dia, nach tug iad glòir dha mar Dhia, agus nach robh iad taingeil, ach gun d’fhàs iad dìomhain nan reusonachadh fhèin, agus gun do dhorchaicheadh an cridhe amaideach. Ag ràdh gur daoine glice iad fhèin, rinneadh amadain dhiubh: Agus chaochail iad glòir an Dè neo‐thruaillidh gu dealbh a rinneadh cosmhail ri duine truaillidh, agus ri eunlaith, agus ainmhidhean ceithir‐chasach, agus biasdan snàigeach. Uime sin thug Dia thairis iad mar an ceudna, tre ana‑miannan an cridhe fhèin, a‑chum neòghlaine, a thoirt eas‐urraim dan cuirp eatorra fhèin: Muinntir a chaochail fìrinn Dhè gu brèig, agus a thug adhradh agus a rinn seirbhis don chreutair nas mò na don Chruithear, a tha beannaichte gu sìorraidh. Amen. Air a shon seo thug Dia thairis iad do ana‑miannan gràineil: oir chaochail eadhon am mnathan an gnàthachadh nàdarra a‑chum a’ ghnàtha a tha an aghaidh nàdair: Agus mar an ceudna na fir, air trèigsinn dhaibh gnàthachadh nàdarra na mnà, loisgeadh iad len togradh da chèile, fireannaich ri fireannaich ag obrachadh gràinealachd agus iad a’ faotainn dìol‐thuarasdail an seachrain annta fhèin, mar a bu chòir. Agus amhail mar nach bu taitneach leo eòlas Dhè a chumail, thug Dia thairis iad do inntinn mhì‐chèillidh, a dhèanamh nithean nach robh iomchaidh: Air dhaibh a bhith air an lìonadh den uile eucoir, strìopachas, olc, shannt, mhìorun: làn de fharmad, de mhortadh, de chonnsachadh, de cheilg, de dhroch‐bheusan; nan luchd‐cogarsaich, Nan luchd‐ana‑cainnt, nan luchd‐fuath air Dia, nan luchd‐tarcais, uaibhreach, nan luchd‐ràiteachais, nan luchd‐cumaidh uilc, eas‐umhail do phàrantan, Eu‑cèillidh, nan luchd‐brisidh coicheangail, gun ghràdh nàdarra, do‑rèiteachaidh, neo‐thruacanta: Muinntir don aithne ceartas Dhè (gu bheil iadsan a nì an leithidean sin de nithean toilltinneach air bàs), gidheadh chan e a‑mhàin gu bheil iad fhèin gan dèanamh, ach tha mar an ceudna tlachd aca den mhuinntir a nì iad. Uime sin tha thu gun leisgeul, O dhuine, cò air bith thu a tha a’ toirt breith: oir nuair a tha thu a’ toirt breith air neach eile, tha thu gad dhìteadh fhèin; oir thusa a tha a’ toirt breith, tha thu a’ dèanamh nan nithean sin fhèin. Ach tha fhios againne gu bheil breitheanas Dhè a rèir fìrinn, an aghaidh na muinntir a tha a’ dèanamh an leithidean sin. Agus an saoil thusa seo, O dhuine, a tha a’ toirt breith orrasan a nì an leithidean sin, agus a tha gan dèanamh thu fhèin, gun tèid thu as o bhreitheanas Dhè? No an dèan thu tarcais air saoibhreas a mhaitheis, agus a fhoighidinn, agus a fhad‐fhulangais, gun fhios a bhith agad gu bheil maitheas Dhè gad threòrachadh a‑chum aithreachais? Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo‐aithreachail, tha thu a’ càrnadh suas feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart‐bhreitheanas Dhè; A bheir do gach aon a rèir a ghnìomharan; Dhaibhsan a tha le buanachadh gu foighidinneach ann an deagh obair, ag iarraidh glòire, agus urraim, agus neo‐bhàsmhorachd, a’ bheatha mhaireannach: Ach dhaibhsan a tha connspoideach, agus nach eil umhail don fhìrinn, ach a tha umhail don eucoir, diomb agus fearg; Amhghar agus teanntachd air gach anam duine a tha a’ dèanamh uilc, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach; Ach glòir, agus urram, agus sìth, do gach duine a nì math, don Iùdhach air tùs, agus don Ghreugach mar an ceudna: Oir chan eil spèis aig Dia de phearsa seach a chèile. Oir a mheud is a pheacaich gun an lagh, sgriosar iad gun an lagh; agus a mheud is a pheacaich fon lagh, dìtear iad leis an lagh: (Oir chan iad luchd‐èisdeachd an lagha a tha nam fìreanan am fianais Dhè, ach bidh luchd‐dèanamh an lagha air am fìreanachadh. Oir nuair a tha na Cinnich aig nach eil lagh, a‑thaobh nàdair a’ dèanamh nan nithean a tha anns an lagh, air dhaibhsan a bhith gun lagh tha iad nan lagh dhaibh fhèin: Muinntir a tha a’ nochdadh obair an lagha sgrìobhte nan cridheachan, air a bhith dan cogais a’ dèanamh fianais leo, agus an smuaintean eatorra fhèin gan agairt, no a’ gabhail an leisgeil:) Anns an là anns an toir Dia breith air nithean uaigneach dhaoine, a rèir mo shoisgeil‐sa, tre Iosa Crìosd. Feuch, goirear Iùdhach dhìotsa, agus tha thu a’ cur dòigh anns an lagh, agus a’ dèanamh uaill à Dia, Agus is aithne dhut a thoil, agus tha thu a’ dearbhadh nan nithean as fheàrr, air dhut a bhith air do theagasg as an lagh; Agus tha thu earbsach gur ceann‐iùil thu fhèin do na doill, solas dhaibhsan a tha an dorchadas, Fear‐fòghlaim do dhaoine neo‐eagnaidh, fear‐teagaisg do leanaban, aig a bheil samhladh an eòlais agus na fìrinn a tha anns an lagh. Thusa uime sin a tha a’ teagasg neach eile, nach eil thu gad theagasg fhèin? Thusa a tha a’ searmonachadh gun ghoid a dhèanamh, a bheil thu ri goid? Thusa a tha ag ràdh gun adhaltranas a dhèanamh, a bheil thu a’ dèanamh adhaltranais? Thusa len gràin iodhalan, a bheil thu ri naomh‐ghoid? Thusa a tha a’ dèanamh uaill as an lagh, an tabhair thu, le briseadh an lagha, eas‐urram do Dhia? Oir tha ainm Dhè a’ faotainn toibheim, dur taobh‐se am measg nan Cinneach, mar a tha e sgrìobhte. Oir tha tairbhe gu fìrinneach anns an timcheall‐ghearradh, ma ghleidheas tu an lagh: ach mas fear‐brisidh an lagha thu, tha do thimcheall‐ghearradh na neo‐thimcheall‐ghearradh dhut. Uime sin, ma ghleidheas an neo‐thimcheall‐ghearradh fìreantachd an lagha, nach measar a neo‐thimcheall‐ghearradh‐san mar thimcheall‐ghearradh? Agus nach dìt an neo‐thimcheall‐ghearradh a‑thaobh nàdair, a tha a’ coileanadh an lagha, thusa a tha tre an litir agus tre an timcheall‐ghearradh ad fhear‐brisidh an lagha? Oir chan Iùdhach esan, a tha mar sin on leth a‑muigh; agus chan e sin an timcheall‐ghearradh, a tha gu follaiseach anns an fheòil: Ach is Iùdhach esan, a tha mar sin anns an taobh a‑staigh; agus is e sin an timcheall‐ghearradh a tha anns a’ chridhe, agus anns an spiorad, chan ann anns an litir, aig a bheil a chliù chan ann o dhaoine, ach o Dhia. Ciod e uime sin barrachd an Iùdhaich? No ciod e tairbhe an timcheall‐ghearraidh? Is mòr sin air gach dòigh: air tùs, do bhrìgh gur ann riùsan a dh’earbadh briathran Dhè. Oir ciod e sin ged nach do chreid cuid? An dèan am mì‑chreideamh‐san fìrinn Dhè gun èifeachd? Nar leigeadh Dia: ach biodh Dia fìor, agus gach duine na bhreugaire; a rèir mar a tha e sgrìobhte, A‑chum gum bi thu ceart ann ad bhriathran, agus gun toir thu buaidh nuair a bheirear breith ort. Ach ma mholas ar n‑eucoir‐ne fìreantachd Dhè, ciod a their sinn? A bheil Dia eucorach a tha a’ dèanamh dìoghaltais (tha mi a’ labhairt mar dhuine)? Nar leigeadh Dia: no cionnas a bheir Dia breith air an t‑saoghal? Oir ma tha fìrinn Dhè tre mo bhrèig‐sa air a meudachadh a‑chum a ghlòire‐san, carson a tha mise air mo dhìteadh mar pheacach? Agus carson nach dèan sinn olc, a‑chum gun tig math as? (mar a labhrar gu toibheumach umainn, agus mar a thubhairt cuid gu bheil sinn ag ràdh), muinntir dom bheil an dìteadh a rèir ceartais. Ciod uime sin? A bheil barrachd againne? Chan eil air aon chor: oir dhearbh sinn roimhe gu bheil araon na h‑Iùdhaich agus na Cinnich uile fo pheacadh; Mar a tha e sgrìobhte, Chan eil ionracan ann, chan eil fiù a h‑aon: Chan eil neach ann a thuigeas, chan eil neach ann a tha ag iarraidh Dhè. Chlaon iad uile as an t‑slighe, tha iad uile mì‑thairbheach; chan eil neach a tha a’ dèanamh maith, chan eil fiù a h‑aon. Is uaigh fhosgailte an sgòrnan; labhair iad cealg len teangaidhean; tha nimh nan nathraichean nimhe fo am bilean: Aig a bheil am beul làn de mhallachadh agus de sheirbhe: Tha an casan luath a dhòrtadh fala: Tha lèirsgrios agus truaighe nan slighean: Agus slighe na sìthe cha b’aithne dhaibh: Chan eil eagal Dhè fa chomhair an sùl. A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè. Uime sin cha bhi feòil air bith air a fìreanachadh na fhianais‐san, tre obraichean an lagha: oir is ann tre an lagh a tha eòlas peacaidh. Ach a‑nis tha fìreantachd Dhè air a foillseachadh as eugmhais an lagha, a’ faotainn fianais on lagh agus o na fàidhean; Eadhon fìreantachd Dhè tre chreideamh Iosa Crìosd, do na h‑uile, agus air na h‑uile a chreideas; oir chan eil eadar‐dhealachadh ann: Oir pheacaich na h‑uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè: Air dhaibh a bhith air am fìreanachadh gu saor le a ghràs, tre an t‑saorsa a tha ann an Iosa Crìosd; Neach a shònraich Dia na ìobairt‐rèitich, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacaidhean a chaidh seachad, tre fhad‐fhulangas Dhè; A dh’fhoillseachadh, tha mi ag ràdh, a fhìreantachd‐san anns an àm a tha an làthair; a‑chum gum biodh e cothromach, agus gum fìreanaicheadh e an tì a chreideas ann an Iosa. Càit uime sin a bheil uaill? Dhruideadh a‑mach i. Ciod e an lagh leis an do dhruideadh a‑mach i? An ann tre lagh nan obraichean? Chan ann; ach tre lagh a’ chreidimh. Tha sinn uime sin a’ meas gu bheil duine air fhìreanachadh tre chreideamh as eugmhais obraichean an lagha. An e Dia nan Iùdhach a‑mhàin e? Nach e mar an ceudna Dia nan Cinneach? Gu deimhinn nan Cinneach mar an ceudna: Do bhrìgh gur aon Dia, a dh’fhìreanaicheas an timcheall‐ghearradh o chreideamh agus an neo‐thimcheall‐ghearradh tre chreideamh. A bheil sinn uime sin a’ cur an lagha ann an neo‐bhrìgh tre an chreideamh? Nar leigeadh Dia: ach tha sinn a’ daingneachadh an lagha. Ciod, matà, a their sinn a fhuair ar n‑athair Abrahàm a rèir na feòla? Oir ma dh’fhìreanaicheadh Abrahàm le obraichean, tha adhbhar uaill aige, ach chan ann a‑thaobh Dhè. Oir ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd. A‑nis don tì a nì obair chan ann mar ghean‐math a mheasar an tuarasdal, ach mar fhiachan. Ach don tì nach dèan obair, ach a tha a’ creidsinn anns an tì a dh’fhìreanaicheas an duine mì‑dhiadhaidh, measar a chreideamh mar fhìreantachd. Amhail mar a tha Daibhidh a’ cur an cèill beannachadh an duine sin dom meas Dia fìreantachd as eugmhais obrach, ag ràdh, Is beannaichte iadsan a fhuair maitheanas nan euceartan, agus aig a bheil am peacaidhean air am falach. Is beannaichte an tì nach cuir an Tighearna peacadh as a leth. A bheil, matà, am beannachadh seo a’ teachd air an timcheall‐ghearradh a‑mhàin, no mar an ceudna air an neo‐thimcheall‐ghearradh? Oir tha sinn ag ràdh gun do mheasadh creideamh do Abrahàm mar fhìreantachd. Cionnas, matà, a mheasadh dha e? An ann an uair a bha e anns an timcheall‐ghearradh, no anns an neo‐thimcheall‐ghearradh? Chan ann anns an timcheall‐ghearradh, ach anns an neo‐thimcheall‐ghearradh. Agus fhuair e comharradh an timcheall‐ghearraidh, seula fìreantachd a’ chreidimh a bha aige anns an neo‐thimcheall‐ghearradh, a‑chum gum biodh e na athair acasan uile anns an neo‐thimcheall‐ghearradh a tha a’ creidsinn, a‑chum gum biodh fìreantachd air a meas dhaibhsan mar an ceudna: Agus na athair an timcheall‐ghearraidh dhaibhsan nach eil a‑mhàin den timcheall‐ghearradh, ach mar an ceudna a tha ag imeachd ann an ceuman creideamh ar n‑athar Abrahàm, a bha aige anns an neo‐thimcheall‐ghearradh. Oir cha b’ann tre an lagh a thugadh an gealladh do Abrahàm no da shìol, gum biodh e na oighre air an t‑saoghal, ach tre fhìreantachd a’ chreidimh. Oir ma tha iadsan a bhuineas don lagh nan oighreachan, tha creideamh air a dhèanamh dìomhain, agus an gealladh gun bhrìgh: A chionn gu bheil an lagh ag obrachadh feirge: oir far nach eil lagh, chan eil an sin briseadh lagha. Uime sin is ann o chreideamh a tha an oighreachd, ionnas gum biodh i tre ghràs: a‑chum gum biodh an gealladh daingeann don t‑sìol uile, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a bhuineas don lagh, ach mar an ceudna dhaibhsan a bhuineas do chreideamh Abrahàim, neach as e ar n‑athair‐ne uile, (A rèir mar a tha e sgrìobhte, Dh’òrdaich mi thu ad athair mòran chinneach ), na làthair‐san anns an do chreid e, eadhon Dia, a tha a’ beothachadh nam marbh, agus a tha a’ gairm nan nithean sin nach eil idir ann mar gum biodh iad ann: Neach an aghaidh dòchais a chreid ann an dòchas, a‑chum gum biodh e na athair mòran chinneach; a rèir mar a thubhairteadh, Mar seo bidh do shliochd. Agus air dha gun a bhith anfhann ann an creideamh, cha do chuir e an suim gu robh a chorp fhèin a‑nis marbh, air dha a bhith timcheall ceud bliadhna a dh’aois, no mairbhe brù Shàra: Agus cha do chuir e an amharas gealladh Dhè le mì‑chreideamh; ach bha e làidir ann an creideamh, a’ toirt glòire do Dhia: Agus bha làn‐chinnt aige, an tì a thug an gealladh, gur comasach e air a choileanadh. Agus uime sin mheasadh seo dha mar fhìreantachd. A‑nis cha b’ann air a shon‐san a‑mhàin a sgrìobhadh, gun do mheasadh seo dha; Ach air ar son‐ne mar an ceudna dom measar e, ma chreideas sinn annsan a thog suas Iosa ar Tighearna o na mairbh, A thugadh thairis airson ar cionta, agus a thogadh suas a‑rìs airson ar fìreanachaidh. Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd: Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè. Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn; Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas: Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn. Oir air dhuinn a bhith fhathast gun neart, ann an àm iomchaidh bhàsaich Crìosd airson nan daoine neo‐dhiadhaidh. Oir is gann a dh’fhuilingeas duine bàs airson duine chothromaich; ach theagamh gum biodh aig neach‐eigin de mhisnich eadhon bàs fhulang airson duine mhaith. Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son. Is mò gu mòr uime sin, air dhuinn a‑nis a bhith air ar fìreanachadh tre a fhuil, a shaorar trìdsan o fheirg sinn. Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn. Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite. Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile. Oir gus an lagh, bha peacadh anns an t‑saoghal: ach cha chuirear peacadh as leth dhaoine far nach eil lagh. Gidheadh, rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, eadhon thar an dream nach do pheacaich a rèir coslas eas‐ùmhlachd Adhaimh, neach as e samhladh an tì ud a bha ri teachd: Ach chan ann mar an cionta a tha an saor‐thìodhlac. Oir ma fhuair mòran bàs tre chionta aoin, is mò gu mòr na sin a tha gràs Dhè, agus an tìodhlac tro ghràs a tha tre aon duine, Iosa Crìosd, pailt do mhòran. Agus chan ann mar tre aon duine a pheacaich, mar sin a tha an tabhartas: oir bha am breitheanas tre aon chionta, a‑chum dìtidh: ach tha an saor‐thabhartas o mhòran euceartan a‑chum fìreanachaidh. Oir mas e is tre chionta aon duine, gun do rìoghaich am bàs tre aon, is mò gu mòr na sin a rìoghaicheas iadsan, a gheibh pailteas gràis, agus tabhartas na fìreantachd, ann am beatha tre aon, eadhon Iosa Crìosd. Uime sin mar tre chionta aon duine a thàinig breitheanas air na h‑uile dhaoine a‑chum dìtidh, is amhail sin mar an ceudna tre fhìreantachd aoin a thàinig an saor‐thìodhlac air na h‑uile dhaoine a‑chum fìreanachadh na beatha. Oir mar tre eas‐ùmhlachd aon duine a rinneadh mòran nam peacaich, is amhail sin tre ùmhlachd aon duine a nìthear mòran nam fìreanan. Ach thàinig an lagh a‑steach, a‑chum gum meudaichte an cionta: ach far an do mheudaicheadh am peacadh, bu ro‑mhò a mheudaicheadh gràs: A‑chum is mar a rìoghaich am peacadh a‑chum bàis, mar sin gun rìoghaicheadh gràs tre fhìreantachd a‑chum na beatha maireannaich tre Iosa Crìosd an Tighearna. Ciod, matà, a their sinn? Am buanaich sinn anns a’ pheacadh, a‑chum gum meudaichear gràs? Nar leigeadh Dia: cionnas a dh’fhaodas sinne, a tha marbh don pheacadh, ar beatha a chaitheamh nas fhaide ann? Nach eil fhios agaibh, a mheud againn is a bhaisteadh ann an Iosa Crìosd, gun do bhaisteadh a‑chum a bhàis sinn? Air an adhbhar sin dh’adhlaiceadh sinn maille ris tre an bhaisteadh a‑chum bàis: ionnas mar a thogadh Crìosd suas o na mairbh le glòir an Athar, mar sin gun gluaiseamaid‐ne mar an ceudna ann an nuadhachd beatha. Oir ma chaidh ar suidheachadh maraon ann an coslas a bhàis, bidh sinn mar an ceudna air ar suidheachadh ann an coslas a aiseirigh. Air fhios seo a bhith againn, gu bheil ar seann duine air a cheusadh maille ris, ionnas gum biodh corp a’ pheacaidh air a sgrios, a‑chum à seo suas nach dèanamaid seirbhis don pheacadh. Oir an tì a fhuair bàs, rinneadh saor e on pheacadh. A‑nis ma fhuair sinn bàs maille ri Crìosd, tha sinn a’ creidsinn gum bi sinn beò maille ris mar an ceudna: Air dhuinn fios a bhith againn air do Chrìosd èirigh o na mairbh, nach bàsaich e nas mò; chan eil tighearnas aig a’ bhàs nas mò air. Oir a mheud is gun d’fhuair e bàs, is ann don pheacadh a fhuair e bàs aon uair a‑mhàin: ach a mheud is gu bheil e beò, is ann do Dhia a tha e beò. Mar sin mar an ceudna measaibh‐se gu bheil sibh fhèin gu deimhinn marbh don pheacadh, ach beò do Dhia tre Iosa Crìosd ar Tighearna. Air an adhbhar sin na rìoghaicheadh am peacadh nur corp bàsmhor, air chor is gun tugadh sibh ùmhlachd dha na ana‑miannan. Agus na tugaibh ur buill nan airm euceirt don pheacadh: ach thugaibh sibh fhèin do Dhia, mar dhream a tha beò o na mairbh, agus ur buill nan airm fìreantachd do Dhia. Oir cha bhi aig a’ pheacadh tighearnas oirbh: oir chan eil sibh fon lagh, ach fo ghràs. Ciod uime sin? Am peacaich sinn, do bhrìgh nach eil sinn fon lagh, ach fo ghràs? Nar leigeadh Dia. Nach eil fhios agaibh, an tì don toir sibh sibh fhèin mar sheirbhisich a‑chum ùmhlachd, gur seirbhisich sibh don tì don dèan sibh ùmhlachd; mas ann don pheacadh a‑chum bàis, no do ùmhlachd a‑chum fìreantachd? Ach buidheachas do Dhia, an dèidh dhuibh a bhith nur seirbhisich don pheacadh, gun tug sibh o ur cridhe ùmhlachd don chumadh teagaisg sin don tugadh sibh thairis. Air dhuibh, matà, a bhith air ur dèanamh saor on pheacadh, rinn sibh seirbhis don fhìreantachd. Tha mi a’ labhairt mar dhuine, airson anfhainneachd ur feòla‐se: oir mar a thug sibh ur buill mar sheirbhisich do neòghlaine, agus do euceart a‑chum euceirt, amhail sin a‑nis thugaibh ur buill mar sheirbhisich don fhìreantachd, a‑chum naomhachd. Oir nuair a bha sibh nur seirbhisich don pheacadh, bha sibh saor on fhìreantachd. Air an adhbhar sin ciod an toradh a bha agaibh an sin anns na nithean sin a tha a‑nis a’ cur nàire oirbh? Oir is e crìoch nan nithean sin am bàs. Ach a‑nis air dhuibh a bhith saor on pheacadh, agus nur seirbhisich do Dhia, tha ur toradh agaibh a‑chum naomhachd, agus a’ chrìoch a’ bheatha mhaireannach. Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor‐thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna. Nach eil fhios agaibh, a bhràithrean (oir is ann riùsan don aithne an lagh a tha mi a’ labhairt), gu bheil tighearnas aig an lagh air duine, am fad is beò e? Oir a’ bhean a tha pòsda ri fear, tha i ceangailte leis an lagh ra fear am fad is beò e: ach ma gheibh a fear bàs, tha i fuasgailte o lagh a fir. Uime sin am feadh is beò a fear, ma phòsar i ri fear eile, goirear ban‐adhaltranach dhith: ach ma gheibh a fear bàs, tha i saor on lagh sin, air chor is nach ban‐adhaltranach i, ged robh i aig fear eile. Air an adhbhar sin, mo bhràithrean, tha sibhse mar an ceudna marbh don lagh tre chorp Chrìosd; ionnas gum biodh sibh pòsda ri fear eile, eadhon ris‐san a thogadh o na mairbh, a‑chum gun tugamaid toradh a‑mach do Dhia. Oir nuair a bha sinn anns an fheòil, bha miannan nam peacaidhean, tre an lagh, ag obrachadh nar buill, a‑chum toradh a thoirt a‑mach gu bàs. Ach a‑nis tha sinn air ar dèanamh saor on lagh, air dha sin a bhith marbh leis an do chumadh sinn; a‑chum gun dèanamaid seirbhis ann an nuadhachd spioraid, agus chan ann ann an aosmhorachd na litreach. Ciod uime sin a their sinn? A bheil an lagh na pheacadh? Nar leigeadh Dia. Chan eadh, cha b’aithne dhomh peacadh, ach tre an lagh: oir cha bhiodh eòlas agam air sannt, mura abradh an lagh, Na sanntaich. Ach air don pheacadh fàth a ghlacadh tre an àithne, dh’obraich e annam gach uile ghnè an‑tograidh: oir as eugmhais an lagha bha am peacadh marbh. Oir bha mise beò as eugmhais an lagha uair‐eigin: ach air teachd don àithne, dh’ath‐bheothaich am peacadh, agus fhuair mise bàs. Agus an àithne a dh’òrdaicheadh a‑chum beatha, fhuaireadh dhòmhsa a‑chum bàis i. Oir air don pheacadh fàth a ghlacadh tre an àithne, mheall e mi, agus le sin mharbh e mi. Air an adhbhar sin tha an lagh naomh; agus tha an àithne naomh, agus cothromach, agus math. Uime sin an do rinneadh an nì sin a bha math na bhàs dhòmhsa? Nar leigeadh Dia. Ach rinneadh am peacadh mar sin, a‑chum gum faicte gur peacadh e, ag obrachadh bàis annamsa, leis an nì sin a tha math: a‑chum tre an àithne gum fàsadh am peacadh ro‑pheacach. Oir tha fhios againn gu bheil an lagh spioradail: ach tha mise feòlmhor, air mo reic fon pheacadh. Oir an nì a tha mi a’ dèanamh, cha taitneach leam e: oir an nì a b’àill leam, chan e a tha mi a’ dèanamh; ach an nì as fuathach leam, is e sin a tha mi a’ dèanamh. Uime sin ma tha mi a’ dèanamh an nì nach b’àill leam, tha mi ag aontachadh leis an lagh, gu bheil e math. A‑nis, matà, cha mhise nas mò a tha a’ dèanamh seo, ach am peacadh a tha a’ gabhail còmhnaidh annam. Oir tha fhios agam, annamsa (sin ri ràdh, ann am fheòil) nach eil math sam bith a’ gabhail còmhnaidh: oir tha an toil an làthair maille rium, ach dòigh sam bith a‑chum math a dhèanamh chan eil mi a’ faotainn: Oir chan eil mi a’ dèanamh a’ mhaith a bu mhiann leam: ach an t‑olc nach b’àill leam, is e sin a tha mi a’ dèanamh. A‑nis ma tha mi a’ dèanamh an nì nach b’àill leam, cha mhise nas mò a tha a’ dèanamh seo, ach am peacadh a tha a’ gabhail còmhnaidh annam. Uime sin tha mi a’ faotainn lagha, nuair a b’àill leam am math a dhèanamh, gu bheil an t‑olc an làthair agam. Oir tha tlachd agam ann an lagh Dhè, a rèir an duine an taobh a‑staigh: Ach tha mi a’ faicinn lagha eile am bhuill, a’ cogadh an aghaidh lagh m’inntinn, agus gam thoirt am bruid do lagh a’ pheacaidh, a tha ann am bhuill. Och is duine truagh mi! Cò a shaoras mi o chorp a’ bhàis seo? Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia, tre Iosa Crìosd ar Tighearna. Uime sin, tha mise fhèin leis an inntinn a’ dèanamh seirbhis do lagh Dhè; ach leis an fheòil do lagh a’ pheacaidh. Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid. Oir shaor lagh Spiorad na beatha, ann an Iosa Crìosd, mise o lagh a’ pheacaidh agus a’ bhàis. Oir an nì nach robh an comas don lagh a dhèanamh, do bhrìgh gu robh e anfhann tre an fheòil, aig cur a Mhic fhèin do Dhia ann an coslas feòla peacaich, agus na ìobairt airson peacaidh, dhìt e am peacadh anns an fheòil: A‑chum gum biodh fìreantachd an lagha air a coileanadh annainne, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid. Oir an dream a tha a rèir na feòla, tha an aire air na nithean sin a bhuineas don fheòil; ach an dream a tha a rèir an Spioraid, air na nithean sin a bhuineas don Spiorad. Oir an inntinn fheòlmhor is bàs i; ach an inntinn spioradail is beatha agus sìth i: Do bhrìgh gur naimhdeas an inntinn fheòlmhor an aghaidh Dhè: oir chan eil i umhail do lagh Dhè, agus cha mhò a tha e an comas dhi a bhith. Uime sin chan urrainn iadsan a tha anns an fheòil Dia a thoileachadh. Ach chan eil sibhse anns an fheòil, ach anns an Spiorad, ma tha Spiorad Dhè a’ gabhail còmhnaidh annaibh. A‑nis mura eil Spiorad Chrìosd aig neach, cha bhuin e dha. Agus ma tha Crìosd annaibh, tha an corp marbh gu deimhinn a‑thaobh peacaidh; ach is beatha an Spiorad a‑thaobh fìreantachd. Ach ma tha Spiorad an tì a thog Iosa o na mairbh a’ gabhail còmhnaidh annaibh, an tì a thog Crìosd o na mairbh, beothaichidh e mar an ceudna ur cuirp bhàsmhor‐se, tre a Spiorad‐san a tha a chòmhnaidh annaibh. Uime sin, a bhràithrean, tha sinn fo fhiachan, chan ann don fheòil, a‑chum ar beatha a chaitheamh a rèir na feòla. Oir ma chaitheas sibh ur beatha a rèir na feòla, gheibh sibh bàs: ach ma mharbhas sibh tre an Spiorad gnìomharan na colainn, bidh sibh beò. Oir a mheud is a tha air an treòrachadh le Spiorad Dhè, is iad mic Dhè. Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a‑rìs a‑chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h‑uchd‐mhacachd, tre an glaodh sinn, Abba, Athair. Tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh fianais maille ri ar spiorad‐ne gur sinn clann Dhè: Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co‑oighreachan maille ri Crìosd: mas e is gum fuiling sinn maille ris, a‑chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna. Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn. Oir tha dùil dhùrachdach a’ chruthachaidh a’ feitheamh ri foillseachadh clann Dhè. Oir chuireadh an cruthachadh fo dhìomhanas, chan ann le a thoil, ach trìdsan a chuir fo dhìomhanas e; Ann an dòchas gun saorar an cruthachadh fhèin fòs o dhaorsa na truaillidheachd, gu saorsa ghlòrmhor clann Dhè. Oir tha fhios againn gu bheil an cruthachadh uile ag osnaich, agus ann am pèin gu lèir, mar mhnaoi ri saothair, gus an àm seo: Agus chan e seo a‑mhàin, ach sinn fhèin mar an ceudna, aig a bheil ciad‐thoradh an Spioraid, tha eadhon sinne ag osnaich annainn fhèin, a’ feitheamh ris an uchd‐mhacachd, eadhon saorsa ar cuirp. Oir is ann le dòchas a shaorar sinn: ach dòchas a chìthear, cha dòchas e: oir an nì a tha an duine a’ faicinn, carson a bhios dòchas aige ris? Ach ma tha dòchas againn ris an nì nach eil sinn a’ faicinn, feithidh sinn gu foighidinneach ris. Tha an Spiorad fhèin mar an ceudna a’ dèanamh còmhnaidh le ar n‑anfhainneachd: oir chan aithne dhuinn ciod a ghuidheamaid mar a bu chòir dhuinn; ach tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh eadar‐ghuidhe air ar son le osnaidhean do‑labhairt. Agus is aithne dhàsan a tha a’ rannsachadh nan cridheachan ciod i inntinn an Spioraid, do bhrìgh gu bheil e a’ dèanamh eadar‐ghuidhe airson nan naomh a rèir toil Dhè. Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin. Oir an dream a ro‑aithnich e, ro‑òrdaich e iad mar an ceudna a‑chum a bhith co‑chosmhail ri ìomhaigh a Mhic, a‑chum gum biodh esan na chiad‐ghin am measg mòran bhràithrean. Agus an dream a ro‑òrdaich e, ghairm e iad mar an ceudna: agus an dream a ghairm e, dh’fhìreanaich e mar an ceudna: agus an dream a dh’fhìreanaich e, ghlòraich e mar an ceudna. Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh? An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son‐ne uile, cionnas maille ris‐san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean? Cò a chuireas coire sam bith as leth daoine taghte Dhè? Is e Dia a dh’fhìreanaicheas. Cò a dhìteas? Is e Crìosd a fhuair bàs, seadh tuilleadh fòs, a dh’èirich a‑rìs, agus a tha air deaslàimh Dhè, neach a tha mar an ceudna a’ dèanamh eadar‐ghuidhe air ar son. Cò a sgaras sinn o ghràdh Chrìosd? An dèan trioblaid, no àmhghar, no geur‐leanmhainn, no gorta, no lomnochdaidh, no cunnart, no claidheamh? (A rèir mar a tha e sgrìobhte, Air do shon‐sa mharbhadh sinn rè an là; mheasadh sinn mar chaoraich a‑chum marbhaidh.) Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn. Oir tha dearbh‐bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna. Tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige (air a bhith dom chogais a’ dèanamh fianais dhomh anns an Spiorad Naomh), Gu bheil doilgheas mòr orm, agus cràdh air mo chridhe an còmhnaidh. Oir ghuidhinn mi fhèin a bhith dealaichte o Chrìosd, airson mo bhràithrean, mo luchd‐dàimh a‑thaobh na feòla: A tha nan Israelich; dom buin an uchd‐mhacachd, agus a’ ghlòir, agus na coicheangail, agus tabhairt an lagha, agus seirbhis Dhè, agus na geallaidhean; Dom buin na h‑athraichean, agus o a bheil Crìosd a‑thaobh na feòla, neach as e Dia os cionn nan uile, beannaichte gu sìorraidh. Amen. Chan e gu bheil facal Dhè gun èifeachd. Oir chan Israelich iadsan uile a tha o Israel: Agus cha mhò do bhrìgh gur sliochd do Abrahàm iad, a tha iad uile nan cloinn: ach, Ann an Isaac ainmichear do shìol. Is e sin ri ràdh, Chan iad clann na feòla clann Dhè: ach is iad clann a’ gheallaidh a mheasar mar shìol. Oir is e seo facal a’ gheallaidh, A rèir an àma seo thig mi, agus bidh mac aig Sàra. Agus chan e a‑mhàin seo, ach Rebeca mar an ceudna nuair a rinneadh torrach i o aon, eadhon Isaac ar n‑athair‐ne; (Oir mun do rugadh na naoidheanan, agus mun do rinn iad math no olc, a‑chum gum biodh rùn Dhè a rèir an taghaidh seasmhach, chan ann o obraichean, ach on tì a ghairmeas;) Thubhairteadh rithe, Nì an neach as sine seirbhis don neach as òige. A rèir mar a tha e sgrìobhte, Ghràdhaich mi Iàcob, ach dh’fhuathaich mi Esau. Ciod a their sinn, matà? A bheil eucoir maille ri Dia? Nar leigeadh Dia. Oir tha e ag ràdh ri Maois, Nì mi tròcair air an neach air an dèan mi tròcair, agus gabhaidh mi truas den neach den gabh mi truas. Uime sin chan ann on tì leis an àill, no on tì a ruitheas, ach o Dhia a nì tròcair. Oir tha an sgriobtar ag ràdh ri Phàraoh, Is ann a‑chum na crìche seo fhèin a thog mi suas thu, a‑chum gum foillsichinn mo chumhachd annad, agus a‑chum gum biodh m’ainm iomraiteach air feadh na talmhainn uile. Uime sin nì e tròcair air an tì as àill leis, agus an tì as àill leis cruadhaichidh e. Their thu, matà, rium, Carson a tha e mas eadh a’ faghail croin? Oir cò a chuir an aghaidh a thoile? Chan eadh ach, O dhuine, cò thusa a tha a’ tagradh an aghaidh Dhè? An abair an nì a chumadh ris an tì a chùm e, Carson a rinn thu mi mar seo? Nach eil cumhachd aig a’ chreadhadair air a’ chriadh, ionnas gun dèanadh e den aon mheall aon soitheach a‑chum urraim, agus soitheach eile a‑chum eas‐urraim? Ciod mas e, air a bhith do Dhia toileach a fhearg a nochdadh, agus a chumhachd a dhèanamh aithnichte, gun d’fhuiling e le mòr fhad‐fhulangas soithichean na feirge air an ullachadh a‑chum sgrios: Agus a‑chum gun dèanadh e aithnichte saoibhreas a ghlòire air soithichean na tròcair, a dh’ullaich e ro‑làimh a‑chum glòire, Eadhon sinne a ghairm e, chan e a‑mhàin de na h‑Iùdhaich, ach mar an ceudna de na Cinnich? Mar a tha e ag ràdh mar an ceudna ann an Hosèa, Goiridh mi mo phoball dhiubhsan nach robh nam poball dhomh; agus bean ghràdhach dhithse nach robh gràdhach. Agus tàrlaidh, anns an ionad anns an dubhairteadh riu, Cha sibh mo phoball‐sa; an sin gun goirear clann an Dè bheò dhiubh. Tha Esaias mar an ceudna ag èigheach mu thimcheall Israeil, Ged tha àireamh chloinn Israeil mar ghaineamh na fairge, is fuidheall a thèarnar. Oir crìochnaichidh e an obair, agus gearraidh e goirid i ann an ceartas: do bhrìgh gun dèan an Tighearna obair ghoirid air an talamh. Agus mar a thubhairt Esaias roimhe, Mura fàgadh Tighearna nan sluagh sìol againn, dhèante sinn mar Shòdom, agus bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah. Ciod a their sinn mas eadh? Gun do ràinig na Cinnich, nach robh a’ leantainn fìreantachd, air fìreantachd, eadhon an fhìreantachd a tha o chreideamh: Ach cha do ràinig Israel, a bha a’ leantainn lagh na fìreantachd, air lagh na fìreantachd. Carson? A chionn nach ann o chreideamh, ach mar gum b’ann o obraichean an lagha a dh’iarr iad i: oir thuislich iad air a’ chloich‐thuislidh sin; Mar a tha e sgrìobhte, Feuch, cuiream ann an Sion clach‐thuislidh, agus carraig oilbheim: agus gach neach a chreideas annsan, cha chuirear gu nàire e. A bhràithrean, is e dùrachd mo chridhe, agus m’ùrnaigh ri Dia airson Israeil, gum biodh iad air an tèarnadh. Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhaibh, gu bheil eud aca a‑thaobh Dhè, ach chan ann a rèir eòlais. Oir air dhaibh a bhith aineolach air fìreantachd Dhè, agus ag iarraidh am fìreantachd fhèin a chur air chois, cha do strìochd iad do fhìreantachd Dhè. Oir is e Crìosd crìoch an lagha a‑chum fìreantachd do gach neach a chreideas. Oir tha Maois a’ cur an cèill na fìreantachd a tha on lagh, eadhon, An duine a nì na nithean sin, gum bi e beò leo. Ach mar seo tha an fhìreantachd a tha o chreideamh ag ràdh, Na abair nad chridhe, Cò a thèid suas air nèamh? (sin ri ràdh, a thoirt Chrìosd a‑nuas;) No, Cò a thèid sìos don doimhne? (sin ri ràdh, a thoirt Chrìosd a‑rìs air ais o na mairbh:) Ach ciod a tha i ag ràdh? Tha m’fhacal am fagas dhut, ann ad bheul, agus ann ad chridhe: is e sin facal a’ chreidimh a tha sinne a’ searmonachadh, Ma dh’aidicheas tu led bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu. Oir is ann leis a’ chridhe a chreidear a‑chum fìreantachd, agus leis a’ bheul a dh’aidichear a‑chum slàinte. Oir tha an sgriobtar ag ràdh, Ge bè neach a chreideas annsan cha nàraichear e. Oir chan eil eadar‐dhealachadh eadar an t‑Iùdhach agus an Greugach: oir an aon Tighearna a tha os cionn nan uile, tha e saoibhir do na h‑uile a ghairmeas air. Oir ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna tèarnar e. Ach cionnas a ghairmeas iad airsan anns nach do chreid iad? Agus cionnas a chreideas iad anns an tì air nach cuala iad iomradh? Agus cionnas a chluinneas iad gun searmonaiche? Agus cionnas a nì iad searmoin, mura cuirear iad? Mar a tha e sgrìobhte, Cia sgiamhach casan na muinntir sin a tha a’ searmonachadh soisgeul na sìthe, a tha a’ toirt sgeòil aoibhnich air nithean matha! Ach cha robh iad uile umhail don t‑soisgeul. Oir tha Esaias ag ràdh, A Thighearna, cò a chreid ar n‑aithris‐ne? Uime sin, is ann o èisdeachd a thig creideamh, agus èisdeachd tre fhacal Dhè. Ach tha mi ag ràdh, Nach cuala iad? Chuala gu deimhinn, chaidh am fuaim air feadh gach tìre a‑mach, agus am briathran gu iomallan an domhain. Ach tha mi ag ràdh, Nach robh fhios aig Israel? Air tùs, tha Maois ag ràdh, Cuiridh mi eud oirbh le Cinneach nach eil nan Cinneach, agus le Cinneach neo‐thuigseach cuiridh mi fearg oirbh. Ach tha Esaias ro‑dhàn, agus tha e ag ràdh, Fhuaireadh mi leòsan nach d’iarr mi; dh’fhoillsicheadh mi dhaibhsan nach d’fheòraich air mo shon. Ach ri Israel tha e ag ràdh, Shìn mi a‑mach mo làmhan rè an là gu h‑iomlan ri poball eas‐umhail agus a labhras am aghaidh. Tha mi ag ràdh mas eadh, An do thilg Dia a phoball uaithe? Nar leigeadh Dia. Oir is Israeleach mise fhèin mar an ceudna, de shliochd Abrahàim, de threubh Bheniàmin. Cha do thilg Dia uaithe a phoball a ro‑aithnich e. Nach eil fhios agaibh ciod a tha an sgriobtar ag ràdh mu Elias, cionnas a tha e a’ casaid ri Dia an aghaidh Israeil, ag ràdh, A Thighearna, mharbh iad d’fhàidhean, agus leag iad sìos d’altairean; agus dh’fhàgadh mise am aonar, agus tha iad ag iarraidh m’anama? Ach ciod a tha freagradh Dhè ag ràdh ris? Dh’fhàg mi dhomh fhèin seachd mìle fear, nach do lùb an glùn do dhealbh Bhàail. Agus mar sin mar an ceudna tha anns an àm seo an làthair fuidheall a rèir taghadh a’ ghràis. Agus mas ann tre ghràs, chan ann o obraichean nas mò; no cha ghràs gràs nas mò. Ach mas ann o obraichean, chan ann o ghràs à sin suas: no chan obair à sin suas obair. Ciod mas eadh? An nì sin a tha Israel ag iarraidh, cha do ràinig e air; ach ràinig an taghadh air, agus chaidh a’ chuid eile a dhalladh: Mar a tha e sgrìobhte, Thug Dia dhaibh spiorad suaine, sùilean a‑chum nach faiceadh iad, agus cluasan a‑chum nach cluinneadh iad, gus an là‑an‑diugh. Agus tha Daibhidh, ag ràdh, Biodh am bòrd mar ribe, agus mar inneal‐glacaidh, agus mar cheap‐tuislidh, agus mar dhìol‐thuarasdail dhaibh: Biodh an sùilean air an dorchachadh, a‑chum nach faic iad; agus crom‐sa an druim an còmhnaidh. Tha mi ag ràdh uime sin, An do thuislich iad ionnas gun tuiteadh iad? Nar leigeadh Dia: ach tre an tuiteam‐san tha slàinte air teachd a‑chum nan Cinneach, a‑chum iadsan a bhrosnachadh gu eud. Mas e an tuiteam‐san saoibhreas an domhain, agus an lùghdachadh saoibhreas nan Cinneach, cia as mò na sin a bhios an lànachd? Oir is ann ribhse a tha mi a’ labhairt, a Chinneacha; do bhrìgh gur mi abstol nan Cinneach, tha mi a’ toirt urraim dom dhreuchd: Ma dh’fhaodas mi air chor sam bith mo cho‐fheòil a bhrosnachadh gu eud, agus gun tèarainn mi dream àraidh dhiubh. Oir mas e an tilgeadh‐san air falbh rèiteachadh an domhain, ciod e an ath‐ghabhail ach beatha o na mairbh? Oir ma tha an ciad‐thoradh naomh, tha am meall naomh mar an ceudna: agus ma tha an fhreumh naomh, tha na geugan mar sin mar an ceudna. Agus ma tha cuid de na geugan air am briseadh dheth, agus gu bheil thusa, a bha ad chrann‐ola fiadhaich, air do shuidheachadh nam measg, agus maille riu a’ faotainn compàirt de fhreumh agus de reamhrachd a’ chroinn‐ola; Na dèan uaill an aghaidh nan geug: ach ma nì thu uaill nan aghaidh, cha tusa a dh’iomchaireas an fhreumh, ach an fhreumh thusa. Their thu uime sin, Bhriseadh dheth na geugan, a‑chum gun suidhichte mise nan àite. Ro‑mhath; airson am mì‑chreidimh bhriseadh iadsan dheth, agus tha thusa a’ seasamh tre chreideamh. Na bi àrd‐inntinneach, ach fo eagal. Oir mura do chaomhain Dia na geugan nàdarra, biodh eagal ort nach caomhain e thusa nas mò. Feuch uime sin maitheas agus geur‐cheartas Dhè: geur‐cheartas dan taobh‐san a thuit; ach dod thaobh‐sa, maitheas, ma bhuanaicheas tu na mhaitheas; agus mura buanaich, gearrar dheth thusa mar an ceudna. Agus suidhichear iadsan mar an ceudna, mura buanaich iad nam mì‑chreideamh: oir tha Dia comasach air an suidheachadh a‑rìs. Oir ma ghearradh thusa as a’ chrann‐ola a bha fiadhaich a‑thaobh nàdair, agus gun do shuidhicheadh ann an deagh chrann‐ola thu an aghaidh nàdair, cia mòr as mò na sin a shuidhichear na geugan nàdarra nan crann‐ola fhèin? Oir cha b’àill leam, a bhràithrean, sibhse a bhith aineolach air an rùn‐diamhair seo (a‑chum nach biodh sibh glic nur barail fhèin), gun do thàrladh doille ann an cuid do Israel, gus an tig iomlanachd nan Cinneach a‑steach. Agus mar sin bidh Israel uile air an tèarnadh: mar a tha e sgrìobhte, Thig am Fear‐saoraidh o Shion, agus tionndaidhidh e mì‑dhiadhachd o Iàcob: Oir is e seo mo choicheangal riu, nuair a bheir mi air falbh am peacaidhean. A‑thaobh an t‑soisgeil, is naimhdean iad air ur son‐se: ach a‑thaobh an taghaidh, tha iad gràdhaichte air sgàth nan athraichean. Oir tha tìodhlacan agus gairm Dhè gun aithreachas. Oir mar a bha sibhse roimhe seo eas‐umhail do Dhia, ach a‑nis a fhuair sibh tròcair tre am mì‑chreideamh‐san: Amhail sin tha iadsan anns an àm seo eas‐umhail, a‑chum tre ur tròcair‐se gum faigh iadsan tròcair mar an ceudna. Oir dhruid Dia iad uile ann am mì‑chreideamh, a‑chum tròcair a dhèanamh air na h‑uile. O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean! Oir cò aig an robh fios inntinn an Tighearna, no cò a bu chomhairleach dha? No cò a thug dha air tùs, agus a làn‐dìolar a‑rìs dha e? Oir is ann uaithesan, agus trìd‐san, agus air a shon‐san a tha na h‑uile nithean: dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen. Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò‐ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta. Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth‐atharrachadh tre ath‐nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè. Oir tha mi ag ràdh, tron ghràs a thugadh dhomh, ris gach neach nur measg, gun smaoineachadh uime fhèin nas àirde na as còir dha smaoineachadh; ach smaoineachadh ann am measarrachd, a rèir mar a roinn Dia ris gach neach tomhas a’ chreidimh. Oir mar a tha mòran bhall againn ann an aon chorp, agus nach e an t‑aon ghnìomh a tha aig gach ball; Amhail sin ged tha sinne nar mòran, is aon chorp ann an Crìosd sinn, agus is buill sinn gach aon fa leth da chèile. Uime sin air a bhith de thìodhlacan againn, eadar‐dhealaichte a rèir a’ ghràis a thugadh dhuinn; mas fàidheadaireachd, dèanamaid fàidheadaireachd a rèir tomhas a’ chreidimh; No mas frithealadh, thugamaid aire dar frithealadh; no an tì a theagaisgeas, thugadh e aire da theagasg; No an tì a bheir earail, thugadh e aire da earail: an tì a roinneas an dèirc, roinneadh e i an treibhdhireas; an tì a riaghlas, dèanadh e e le dùrachd; an tì a nì tròcair, dèanadh e e gu suilbhir. Biodh ur gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh den olc; dlùth‐leanaibh ris an nì a tha math. Bithibh teò‐chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile: Gun a bhith leisg ann an gnothaichean; dùrachdach nur spiorad; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna; A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh: A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoigheachd. Beannaichibh an dream a tha a’ dèanamh geur‐leanmhainn oirbh: beannaichibh, agus na mallaichibh. Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh. Bithibh a dh’aon rùn da chèile. Na biodh ur cion air nithean àrda, ach cuiribh sibh fhèin ann an co‑inbhe riùsan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin. Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine. Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine. A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh. Uime sin, ma bhios do nàmhaid acrach, thoir biadh dha; ma bhios e tartmhor, thoir deoch dha: oir le seo a dhèanamh càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann. Na toirear buaidh ort leis an olc, ach thoir‐sa buaidh air an olc leis a’ mhath. Biodh gach anam umhail do na h‑àrd‐chumhachdan. Oir chan eil cumhachd ann ach o Dhia: agus na cumhachdan a tha ann, is ann le Dia a dh’òrdaicheadh iad. Air an adhbhar sin, ge bè air bith a chuireas an aghaidh a’ chumhachd, tha e cur an aghaidh òrdagh Dhè: agus iadsan a chuireas na aghaidh, gheibh iad breitheanas dhaibh fhèin. Oir chan eil uachdarain nan adhbhar eagail do dheagh obraichean, ach do dhroch obraichean. Uime sin, am miann leat a bhith gun eagal an uachdarain ort? Dèan am math, agus gheibh thu cliù uaithe. Oir is esan seirbhiseach Dhè a‑chum maith dhut. Ach ma nì thu an t‑olc, biodh eagal ort; oir chan ann gu dìomhain a tha e a’ giùlan a’ chlaidheimh: oir is e seirbhiseach Dhè e, na dhìoghaltair feirge air an tì a nì olc. Uime sin is èiginn a bhith umhail, chan ann a‑mhàin airson feirge, ach mar an ceudna airson cogais. Oir, air an adhbhar seo, tha sibh mar an ceudna a’ toirt cìse dhaibh: oir is iad seirbhisich Dhè iad, a’ sìor‐fheitheamh air an nì seo fhèin. Air an adhbhar sin thugaibh do na h‑uile an dlighe fhèin: càin dhàsan don dlighear càin, cìs dhàsan don dlighear cìs, eagal dhàsan don dlighear eagal, agus urram dhàsan don dlighear urram. Na biodh fiachan sam bith aig aon neach oirbh, ach a‑mhàin a chèile a ghràdhachadh: oir an tì aig a bheil gràdh do neach eile, choilean e an lagh. Oir an nì seo, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na dèan fianais bhrèige, Na sanntaich; agus ma tha àithne sam bith eile ann, tha i air a cur sìos gu h‑aithghearr fon fhacal seo, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin. Cha dèan gràdh lochd do choimhearsnach: air an adhbhar sin is e an gràdh coileanadh an lagha. Agus seo, air dhuibh fios na h‑aimsir a bhith agaibh, gur mithich dhuinn a‑nis mosgladh o chadal, oir tha ar slàinte a‑nis nas fhaisge na nuair a chreid sinn. Tha cuid mhòr den oidhche air dol seachad, tha an là am fagas: uime sin cuireamaid dhinn obraichean an dorchadais, agus cuireamaid umainn armachd an t‑solais. Gluaiseamaid gu cubhaidh, mar anns an là; chan ann an raoidhteireachd agus am misg, no an seòmradaireachd agus am macnas, no an aisith agus am farmad: Ach cuiribh umaibh an Tighearna Iosa Crìosd, agus na dèanaibh ullachadh airson na feòla, a‑chum a h‑ana‑miannan a riarachadh. Gabhaibh ris an neach a tha anfhann anns a’ chreideamh, ach chan ann a‑chum deasbaireachd amharasaich. Oir tha aon a’ creidsinn gum faod e na h‑uile nithean ithe: ach tha esan a tha anfhann ag ithe luibhean. Na dèanadh esan a tha ag ithe tàir airsan nach eil ag ithe; agus na tugadh esan nach eil ag ithe, breith air an tì a dh’itheas: oir ghabh Dia ris. Cò thusa a tha a’ toirt breith air seirbhiseach duine eile? Da mhaighistir fhèin seasaidh, no tuitidh e: seadh, cumar suas e; oir is comasach Dia air a chumail na sheasamh. Tha meas aig neach air là thar là: agus tha meas aig neach eile air gach là mar a chèile. Biodh làn‐dearbhadh aig gach duine na inntinn fhèin. An tì aig a bheil suim den là, is ann don Tighearna a tha suim aige dheth; agus an tì aig nach eil suim den là, is ann don Tighearna nach eil suim aige dheth. An tì a tha ag ithe, is ann don Tighearna a tha e ag ithe, oir tha e a’ toirt buidheachais do Dhia; agus an tì nach eil ag ithe, is ann don Tighearna nach ith e, agus bheir e buidheachas do Dhia. Oir chan eil a h‑aon againn beò dha fhèin, agus chan eil a h‑aon againn a’ bàsachadh dha fhèin. Oir mas beò dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn beò: agus mas bàs dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearna sinn. Oir is ann a‑chum seo a fhuair Crìosd bàs, agus a dh’èirich e, agus a tha e beò a‑rìs, a‑chum gum biodh e na Thighearna air a’ bheò agus air a’ mharbh. Ach carson a tha thusa a’ toirt breith air do bhràthair? No carson a tha thusa a’ dèanamh tarcais air do bhràthair? Oir seasaidh sinn gu lèir am fianais cathair‐bhreitheanais Chrìosd. Oir tha e sgrìobhte, Mar as beò mise, tha an Tighearna ag ràdh, lùbaidh gach glùn dhòmhsa, agus aidichidh gach teanga do Dhia. Air an adhbhar sin bheir gach aon againn cunntas uime fhèin do Dhia. Uime sin na tugamaid breith air a chèile nas mò: ach gum b’fheàrr leibh a’ bhreith seo a thoirt, gun adhbhar tuiteim no oilbheim a thoirt do bhràthair. Oir tha fhios agam, agus is dearbh leam anns an Tighearna Iosa, nach eil nì sam bith neòghlan dheth fhèin: ach don tì a mheasas nì sam bith neòghlan, dhàsan tha e neòghlan. Ach ma bhios doilgheas air do bhràthair airson bìdh, a‑nis chan eil thu a’ gluasad a rèir a’ ghràidh. Na sgrios led bhiadh esan airson an d’fhuiling Crìosd bàs. Air an adhbhar sin na labhrar olc mu ur math. Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh. Oir ge bè nì seirbhis do Chrìosd anns na nithean seo, tha e taitneach do Dhia, agus tha e dearbhte do dhaoine. Uime sin leanamaid na nithean a bhios a‑chum sìthe agus na nithean a bhios a‑chum togail suas a chèile. Na sgrios obair Dhè airson bìdh. Gu deimhinn tha na h‑uile nithean glan; ach is olc don duine sin a dh’itheas le oilbheum. Is math an nì gun fheòil ithe, no fìon òl, no nì air bith a dhèanamh leis am faigh do bhràthair tuisleadh no oilbheum, no leis an dèanar lag e. A bheil creideamh agad? Biodh e agad dhut fhèin am fianais Dhè. Is beannaichte an duine sin nach dìt e fhèin anns an nì sin a mheasas e ceadaichte. Ach esan a nì eadar‐dhealachadh tha e air a dhìteadh ma dh’itheas e, a chionn nach ann o chreideamh a tha e ag ithe: oir gach nì nach eil o chreideamh, is peacadh e. Uime sin is còir dhuinne a tha làidir giùlan le anfhainneachd na muinntir sin a tha lag, agus gun sinn fhèin a thoileachadh. Toilicheadh gach aon againn a choimhearsnach gu a mhath a‑chum a thogail suas. Oir cha do thoilich eadhon Crìosd e fhèin; ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Thuit toibheum na muinntir sin a thug toibheum dhut ormsa. Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg‐ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne. A‑nis gun tugadh Dia na foighidinn agus na comhfhurtachd dhuibhse a bhith a dh’aon inntinn a‑thaobh a chèile, a rèir Iosa Crìosd: A‑chum gun tugadh sibh a dh’aon inntinn, agus le aon bheul, glòir do Dhia, eadhon Athair an Tighearna Iosa Crìosd. Uime sin gabhaibh‐se ri chèile, eadhon mar a ghabh Crìosd rinne, a‑chum glòir Dhè. A‑nis tha mi ag ràdh, gu robh Iosa Crìosd na mhinistear an timcheall‐ghearraidh airson fìrinn Dhè, a‑chum na geallaidhean a rinneadh do na h‑athraichean a dhaingneachadh: Agus a‑chum gun tugadh na Cinnich glòir do Dhia airson a thròcair: a rèir mar a tha e sgrìobhte, Air an adhbhar seo aidichidh mi thu am measg nan Cinneach, agus seinnidh mi ceòl dod ainm. Agus a‑rìs tha e ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas, a Chinneacha, maille ri a phoball‐san. Agus a‑rìs, Molaibh an Tighearna, a Chinneacha uile, agus thugaibh cliù dha, a shlòigh uile. Agus a‑rìs tha Esaias ag ràdh, Bidh freumh Iese ann, agus an tì a dh’èireas suas a‑chum uachdaranachd a bhith aige air na Cinnich, annsan cuiridh na Cinnich an dòchas. A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh. Agus tha cinnt agamsa fhèin dur taobh‐se, mo bhràithrean, gu bheil sibh làn de mhaitheas, air ur lìonadh leis an uile eòlas, agus comasach mar an ceudna air a chèile a chomhairleachadh. Gidheadh, a bhràithrean, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh leis an tuilleadh dànadais, an càil‐eigin, mar gun cuirinn an cuimhne sibh, airson a’ ghràis a thugadh dhòmhsa le Dia, Ionnas gum bithinn am mhinistear aig Iosa Crìosd do na Cinnich, a’ frithealadh soisgeul Dhè, a‑chum gum biodh tabhartas nan Cinneach taitneach, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh. Uime sin tha adhbhar uaill agam tre Iosa Crìosd, anns na nithean sin a bhuineas do Dhia. Oir cha bhi dànachd agam labhairt air a’ bheag de na nithean sin, nach d’obraich Crìosd leam, a‑chum na Cinnich a dhèanamh umhail ann am facal agus ann an gnìomh, Le cumhachd chomharraidhean agus mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè; ionnas o Ierusalem agus mun cuairt gu Iliricum, gun do làn‐shearmonaich mi soisgeul Chrìosd. Seadh, mar sin bha ro‑dhèidh agam air an soisgeul a shearmonachadh, chan ann anns an ionad anns an robh Crìosd air ainmeachadh, a‑chum nach togainn air bunait neach eile: Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chì iadsan ris nach do labhradh uime; agus tuigidh iadsan nach cuala. Uime sin mar an ceudna chuireadh gu minig bacadh orm o theachd dur n‑ionnsaigh‐se. Ach a‑nis do bhrìgh nach eil agam ionad nas mò anns na crìochan seo, agus gu bheil mòr‐thogradh agam o chionn mòran bhliadhnachan teachd dur n‑ionnsaigh‐se; Ge bè uair a thriallas mi don Spàin, thig mi dur n‑ionnsaigh; oir tha dùil agam sibhse fhaicinn anns an dol seachad, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh a‑chum an ionaid sin, ma bhios mi air tùs an càil‐eigin air mo lìonadh le ur co‑luadar‐se. Ach a‑nis tha mi a’ dol gu Ierusalem, a fhrithealadh do na naoimh. Oir bu toil leòsan ann am Macedònia, agus ann an Achaia, co‑roinn àraidh a dhèanamh ris na naoimh bhochda a tha ann an Ierusalem. Bu toil leo gu deimhinn, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na Cinnich nan luchd‐compàirt den nithean spioradail‐san, is còir dhaibh ministrealachd a dhèanamh dhaibhsan anns na nithean a bhuineas don cholainn. Uime sin air dhomh seo a chrìochnachadh, agus nuair a sheulaicheas mi an toradh seo dhaibh, gabhaidh mi an rathad agaibhse don Spàin. Agus tha fhios agam, air dhomh teachd dur n‑ionnsaigh, gun tig mi ann an lànachd beannachadh soisgeul Chrìosd. A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, air sgàth an Tighearna Iosa Crìosd, agus air sgàth gràdh an Spioraid, gun dèan sibh gleac maille riumsa ann an ùrnaighean air mo shon ri Dia; A‑chum gun saorar mi uapasan nach eil a’ creidsinn ann an Iudèa; agus a‑chum gum bi mo sheirbhis airson Ierusaleim taitneach do na naoimh: A‑chum gun tig mi dur n‑ionnsaigh‐se le aoibhneas tre thoil Dhè, agus gum faigh mi suaimhneas maille ribh. A‑nis gu robh Dia na sìthe maille ribh uile. Amen. Tha mi ag earbsa ribh Phebe ar piuthar, a tha na searbhanta don eaglais a tha ann an Cenchrèa: A‑chum gun gabh sibh rithe anns an Tighearna, mar as cubhaidh do naoimh, agus gun dèan sibh còmhnadh rithe anns gach gnothach anns am bi feum aice oirbh: oir rinn i fhèin còmhnadh ri mòran, agus riumsa mar an ceudna. Cuiribh fàilte air Priscila agus Acuila, mo cho‐obraichean ann an Iosa Crìosd: (Muinntir a leig sìos am muineal fhèin airson m’anama‑sa: dom bheil a’ toirt buidheachais chan e a‑mhàin mise, ach mar an ceudna eaglaisean nan Cinneach uile.) Mar an ceudna cuiribh fàilte air an eaglais a tha nan taigh. Cuiribh fàilte air Epenetas as ionmhainn leamsa, neach as e ciad‐thoradh Achaia do Chrìosd. Cuiribh fàilte air Muire, a rinn saothair mhòr air ar son‐ne. Cuiribh fàilte air Andronicus agus Iunias, mo luchd‐dàimh agus mo cho‐phrìosanaich, a tha cliùiteach am measg nan abstol, agus a bha ann an Crìosd romhamsa. Cuiribh fàilte air Amplias as ionmhainn leamsa anns an Tighearna. Cuiribh fàilte air Urbanus ar co‑obraiche ann an Crìosd, agus air Stachis, fear mo ghràidh‐sa. Cuiribh fàilte air Apelles a tha dearbhte ann an Crìosd. Cuiribh fàilte orrasan a tha de theaghlach Aristobuluis. Cuiribh fàilte air Herodion mo charaid. Cuiribh fàilte orrasan de theaghlach Narcisuis, a tha anns an Tighearna. Cuiribh fàilte air Triphena agus Triphòsa, mnathan a tha a’ saothrachadh anns an Tighearna. Cuiribh fàilte air Persis as ionmhainn leam, bean a shaothraich gu mòr anns an Tighearna. Cuiribh fàilte air Rufus a tha taghte anns an Tighearna, agus air a mhàthair agus mo mhàthair‐sa. Cuiribh fàilte air Asincritus, Phlegon, Hermas, Patrobas, Hermes, agus air na bràithrean a tha maille riu. Cuiribh fàilte air Philologus, agus Iulia, air Nereus, agus a phiuthar, agus Olimpas, agus na naoimh uile a tha maille riu. Cuiribh fàilte air a chèile le pòig naoimh. Tha eaglaisean Chrìosd a’ cur fàilte oirbh. A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, comharraichibh iadsan a tha a’ togail roinnean agus a’ toirt oilbheim, an aghaidh an teagaisg a dh’fhòghlaim sibh; agus seachnaibh iad. Oir chan eil an leithidean seo a’ dèanamh seirbhis dur Tighearna Iosa Crìosd, ach dam broinn fhèin; agus tha iad le briathran milis agus le miodal a’ mealladh cridheachan na muinntir sin a tha neo‐lochdach. Oir tha ur n‑ùmhlachd‐se air teachd a‑chum nan uile dhaoine. Uime sin tha mise a’ dèanamh gàirdeachais dur taobh‐se: gidheadh b’àill leam sibhse a bhith glic a‑chum a’ mhaith, ach aon‐fhillte a‑thaobh an uilc. Agus bruthaidh Dia na sìthe Sàtan fo ur casan gu h‑aithghearr. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh. Amen. Tha Timòteus mo cho‐obraiche a’ cur fàilte oirbh, agus Lucius agus Iàson agus Sosipater, mo luchd‐dàimhe. Tha mise Tertius, a sgrìobh an litir seo, a’ cur fàilte oirbh anns an Tighearna. Tha Gaius, a tha a’ toirt aoigheachd dhòmhsa agus don eaglais uile, a’ cur fàilte oirbh. Tha Erastus, stiùbhard a’ bhaile, a’ cur fàilte oirbh, agus Cuartus, bràthair. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen. A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a dhaingneachadh a rèir mo shoisgeil‐sa agus searmonachadh Iosa Crìosd (a rèir foillseachadh a rùin‐diamhair, a bha am falach o thoiseach an domhain, Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis, agus tre sgriobtairean nam fàidhean, a rèir àithne an Dè bhithbhuain, a tha air a dhèanamh aithnichte do na h‑uile chinnich a‑chum ùmhlachd a’ chreidimh ); Do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh glòir tre Iosa Crìosd gu sìorraidh. Amen. Pòl, a ghairmeadh gu bhith na abstol do Iosa Crìosd, tre thoil Dhè, agus Sostenes ar bràthair, A‑chum eaglais Dhè, a tha ann an Corintus, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh ann an Iosa Crìosd, air an gairm gu bhith nan naoimh, maille riùsan uile a tha a’ gairm air ainm ar Tighearna Iosa Crìosd anns gach àite, an Tighearna‐san, agus ar Tighearna‐ne: Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd. Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia a‑ghnàth dur taobh, airson gràs Dhè a thugadh dhuibh ann an Iosa Crìosd; Airson gun do rinneadh saoibhir leis‐san sibh anns gach uile nì, anns gach ùr‑labhradh, agus anns gach eòlas: A rèir mar a dhaingnicheadh fianais Chrìosd annaibh: Ionnas nach eil sibh an dèidh‐làimh ann an tìodhlac sam bith; a’ feitheamh ri foillseachadh ar Tighearna Iosa Crìosd. Neach mar an ceudna a dhaingnicheas sibh gus a’ chrìoch, a‑chum gum bi sibh neo‐lochdach ann an là ar Tighearna Iosa Crìosd. Tha Dia fìrinneach, leis an do ghairmeadh sibh a‑chum co‑chomann a mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna. A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, tre ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, gun labhair sibh uile an t‑aon nì, agus nach bi roinnean nur measg; ach gum bi sibh ceangailte ri chèile gu diongmhalta ann an aon inntinn, agus ann an aon bharail. Oir nochdadh dhòmhsa, a bhràithrean, mur timcheall‐se, leòsan a tha de theaghlach Chloe, gu bheil còmhstri nur measg. A‑nis tha mi ag ràdh seo, gun abair gach aon agaibh, Is le Pòl mise; agus is le Apollos mise; agus is le Cèphas mise; agus is le Crìosd mise. A bheil Crìosd air a roinn? An e Pòl a cheusadh air ur son? No an ann an ainm Phòil a bhaisteadh sibh? Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia nach do bhaist mi aon agaibh, ach Crispus agus Gaius: Air eagal gun abradh neach gun do bhaist mi ann am ainm fhèin. Agus bhaist mi mar an ceudna teaghlach Stephanuis: a thuilleadh air seo, chan fhios dhomh an do bhaist mi aon neach eile. Oir cha do chuir Crìosd mi a bhaisteadh, ach a shearmonachadh an t‑soisgeil; chan ann an gliocas facail, a‑chum nach cuirte crann‐ceusaidh Chrìosd an neo‐bhrìgh. Oir tha searmonachadh a’ chroinn‐cheusaidh na amaideachd dhaibhsan a chaillear; ach dhuinne a shaorar is e cumhachd Dhè e. Oir tha e sgrìobhte, Sgriosaidh mi gliocas nan daoine glice, agus cuiridh mi air cùl tuigse nan daoine tuigseach. Càit a bheil an duine glic? Càit a bheil an sgrìobhaiche? Càit a bheil deasbair an t‑saoghail seo? Nach do rinn Dia gliocas an t‑saoghail seo amaideach? Oir nuair, ann an gliocas Dhè, nach b’aithne don t‑saoghal, tre ghliocas, Dia, bu toil le Dia le amaideachd an t‑searmonachaidh iadsan a thèarnadh a tha a’ creidsinn. Oir tha na h‑Iùdhaich ag iarraidh comharraidh, agus tha na Greugaich a’ sireadh gliocais: Ach tha sinne a’ searmonachadh Chrìosd air a cheusadh, na cheap‐tuislidh do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich na amaideachd; Ach dhaibhsan a tha air an gairm, araon Iùdhaich agus Greugaich, Crìosd cumhachd Dhè, agus gliocas Dhè: Do bhrìgh gur glice amaideachd Dhè na daoine, agus gur treasa anfhainneachd Dhè na daoine. Oir chì sibh fhèin ur gairm, a bhràithrean, nach iomadh iad a tha glic a‑thaobh na feòla, nach iomadh cumhachdach, nach iomadh uasal a tha air an gairm: Ach roghnaich Dia nithean amaideach an t‑saoghail seo, a‑chum gun cuireadh e nàire air na daoine glice; agus roghnaich Dia nithean anfhann an t‑saoghail, a‑chum gun cuireadh e gu nàire na nithean cumhachdach; Agus nithean an‑uasal an t‑saoghail, agus nithean tarcaiseach roghnaich Dia, agus na nithean nach eil ann, a‑chum gun cuireadh e na nithean a tha ann an neo‐bhrìgh: Ionnas nach dèanadh feòil sam bith uaill na fhianais. Ach uaithesan tha sibhse ann an Iosa Crìosd, neach a rinneadh dhuinne le Dia na ghliocas, na fhìreantachd, na naomhachadh, agus na shaorsa: A‑chum, a rèir mar a tha e sgrìobhte, An tì a nì uaill, dèanadh e uaill anns an Tighearna. Agus nuair a thàinig mise dur n‑ionnsaigh‐se, a bhràithrean, cha b’ann le òirdheirceas cainnte no gliocais a thàinig mi, a’ cur an cèill dhuibh teisteas Dhè: Oir chuir mi romham gun eòlas a ghabhail air nì sam bith nur measg, ach air Iosa Crìosd, agus esan air a cheusadh. Agus bha mi nur measg ann an anfhainneachd agus ann an eagal, agus ann am mòr‐chrith. Agus cha robh m’fhacal agus mo shearmonachadh ann am briathran milis gliocas dhaoine, ach ann an làn‐dearbhadh an Spioraid, agus a’ chumhachd: A‑chum gum biodh ur creideamh‐se chan ann an gliocas dhaoine, ach ann an cumhachd Dhè. Gidheadh tha sinn a’ labhairt gliocais am measg nan daoine iomlan: ach chan e gliocas an t‑saoghail seo, no uachdaran an t‑saoghail seo, a thèid an neo‐bhrìgh: Ach tha sinn a’ labhairt gliocas Dhè ann an rùn‐diamhair, an gliocas sin a bha falaichte, a dh’òrdaich Dia ron t‑saoghal a‑chum ar glòir‐ne: An gliocas nach b’aithne do aon neach de uachdarain an t‑saoghail seo: oir nam b’aithne dhaibh e, cha cheusadh iad Tighearna na glòire. Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha. Ach dh’fhoillsich Dia dhuinne iad le a Spiorad: oir tha an Spiorad a’ rannsachadh nan uile nithean, eadhon nithean domhain Dhè. Oir cò an duine don aithne nithean duine, ach do spiorad an duine a tha ann? Mar sin chan eil fhios aig neach sam bith air nithean Dhè, ach aig Spiorad Dhè. A‑nis fhuair sinne, chan e spiorad an t‑saoghail, ach an Spiorad a tha o Dhia; a‑chum gum biodh aithne againn air na nithean sin a thugadh dhuinn gu saor le Dia. Nithean mar an ceudna a tha sinn a’ labhairt, chan ann am briathran a theagaisgeas gliocas dhaoine, ach am briathran a theagaisgeas an Spiorad Naomh; a’ coimeas nithean spioradail ri nithean spioradail. Ach cha ghabh an duine nàdarra ri nithean Spiorad Dhè: oir is amaideachd leis iad; agus chan eil e an comas dha eòlas a ghabhail orra, do bhrìgh gur ann air mhodh spioradail a thuigear iad. Ach bheir an duine spioradail breith air na h‑uile nithean, gidheadh chan eil e fhèin fo bhreith duine sam bith. Oir cò dom b’aithne inntinn an Tighearna, agus a theagaisgeas e? Ach tha inntinn Chrìosd againne. Agus, a bhràithrean, chan fhaodainn‐sa labhairt ribhse mar ri daoine spioradail, ach mar ri daoine feòlmhor, amhail ri naoidheanan ann an Crìosd. Bheathaich mi le bainne sibh, agus chan ann le biadh: oir fhathast cha b’urrainn sibh a ghabhail, agus a‑nis fhèin chan urrainn sibh. Oir tha sibh fhathast feòlmhor: oir a‑thaobh gu bheil farmad nur measg, agus strì, agus aimhreit, nach eil sibh feòlmhor, agus ag imeachd mar dhaoine? Oir nuair a tha neach ag ràdh, Is le Pòl mise; agus neach eile, Is le Apollos mise; nach eil sibh feòlmhor? Cò e mas eadh Pòl, agus cò e Apollos, ach ministearan, tre an do chreid sibh, eadhon mar a thug an Tighearna do gach aon? Shuidhich mise, dh’uisgich Apollos: ach is e Dia a thug am fàs. Uime sin chan eil anns an tì a shuidhicheas no anns an tì a dh’uisgicheas, brìgh sam bith; ach ann an Dia a tha a’ toirt an fhàis. An tì a shuidhicheas, agus an tì a dh’uisgicheas, is aon iad: agus gheibh gach aon a dhuais fhèin, a rèir a shaothair fhèin. Oir is co‑luchd‐obrach le Dia sinne: is sibhse treabhachas Dhè, is sibh aitreabh Dhè. A rèir gràs Dhè a thugadh dhòmhsa mar fhear‐togail aitreibh glic, leag mi am bunait, agus tha neach eile a’ togail air, ach thugadh gach neach an aire cionnas a thogas e air. Oir bunait eile chan urrainn duine sam bith a leagadh, ach am bunait a leagadh cheana, eadhon Iosa Crìosd. A‑nis ma thogas neach air a’ bhunait seo, òr, airgead, clachan luachmhor, fiodh, feur, connlach; Nìthear obair gach aon duine follaiseach: oir nochdaidh an là i, do bhrìgh gum foillsichear i le teine; agus dearbhaidh an teine obair gach aoin, ciod as gnè dhi. Ma dh’fhanas obair neach sam bith a thog e air, gheibh e duais. Ma loisgear obair neach sam bith, fuilingidh e call: ach saorar e fhèin; gidheadh mar tre theine. Nach eil fhios agaibh gur sibh teampall Dhè, agus gu bheil Spiorad Dhè na chòmhnaidh annaibh? Ma thruailleas neach air bith teampall Dhè, sgriosaidh Dia an tì sin: oir tha teampall Dhè naomh, agus is sibhse e. Na mealladh neach air bith e fhèin: ma shaoileas neach air bith nur measg e fhèin a bhith glic anns an t‑saoghal seo, biodh e na amadan, a‑chum gum bi e glic. Oir is amaideachd aig Dia gliocas an t‑saoghail seo: oir tha e sgrìobhte, Glacaidh e na daoine glice nan innleachdan fhèin. Agus a‑rìs, Is aithne don Tighearna smuaintean nan daoine glice, gur dìomhain iad. Uime sin na dèanadh neach air bith uaill à daoine: oir is leibhse na h‑uile nithean: Mas e Pòl, no Apollos, no Cèphas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nithean a tha làthair, no nithean a tha ri teachd; is leibhse iad uile; Agus is le Crìosd sibhse; agus is le Dia Crìosd. Biodh a shamhail seo de mheas aig duine oirnne, mar mhinistearan Chrìosd, agus mar stiùbhardan rùintean‐diamhair Dhè. Os bàrr iarrar ann an stiùbhardan gum faighear neach dìleas. Ach agamsa is ro‑bheag an nì gun tugte breith orm leibhse, no le breitheanas duine: seadh, chan eil mi a’ toirt breith orm fhèin. Oir chan fhios dhomh nì sam bith am aghaidh fhèin; gidheadh chan eil mi le seo air m’fhìreanachadh: ach is e an Tighearna an tì a bheir breith orm. Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia. Agus, a bhràithrean, ghabh mi na nithean seo am ionnsaigh fhèin, agus a dh’ionnsaigh Apollois ann an samhladh, air ur son‐se; a‑chum gum fòghlamadh sibh uainne gun bharail a bhith agaibh air daoine os cionn na bheil sgrìobhte, a‑chum nach biodh a h‑aon agaibh air a shèideadh suas airson aon duine an aghaidh duine eile. Oir cò a tha a’ dèanamh eadar‐dhealachaidh ortsa o neach eile? Agus ciod a tha agad nach d’fhuair thu? A‑nis ma fhuair thu e, carson a tha thu a’ dèanamh uaill mar nach faigheadh tu e? A‑nis tha sibh sàthach, a‑nis rinneadh saoibhir sibh, rìoghaich sibh as ar n‑eugmhais‐ne. Agus bu mhiann leam gum bu rìghrean sibh, a‑chum gum bitheamaid‐ne nar rìghrean maille ribh. Oir is i mo bharail gun do chuir Dia sinne, na h‑abstoil, a‑mach mu dheireadh, mar dhream a tha air an òrdachadh a‑chum bàis. Oir rinneadh sinn nar ball‐amhairc don t‑saoghal, agus do ainglean, agus do dhaoine. Is amadain sinne airson Chrìosd, ach tha sibhse glic ann an Crìosd: tha sinne lag, ach tha sibhse làidir: tha sibhse ann an urram, ach sinne ann an eas‐urram. Gus an uair seo fhèin, tha sinn araon acrach, agus ìotmhor, agus lomnochd, agus air ar bualadh le dùirn, agus gun aon àite‐còmhnaidh seasmhach againn: Agus ri saothair, ag obrachadh le ar làmhan fhèin: air fulang ana‐cainnt dhuinn, tha sinn a’ beannachadh: nuair a gheur‐leanar sinn tha sinn ga fhulang: Air faghail toibheim dhuinn, tha sinn a’ guidhe: rinneadh sinn mar shalchar an t‑saoghail, mar anabas nan uile nithean gus an là‑an‑diugh. Chan eil mi a’ sgrìobhadh nan nithean seo a chur nàire oirbh, ach mar mo chloinn ghràdhaich tha mi gur comhairleachadh. Oir ged bhiodh deich mìle luchd‐teagaisg agaibh ann an Crìosd, gidheadh chan eil agaibh mòran athraichean: oir ann an Iosa Crìosd, ghin mise sibh tron t‑soisgeul. Uime sin guidheam oirbh, bithibh nur luchd‐leanmhainn ormsa. A‑chum na crìche seo chuir mi Timòteus dur n‑ionnsaigh, neach a tha na mhac gràdhach dhomh, agus dìleas anns an Tighearna, neach a chuireas an cuimhne dhuibh mo shlighean‐sa a tha ann an Crìosd, a rèir mar a tha mi a’ teagasg anns gach àit anns gach eaglais. A‑nis tha cuid air an sèideadh suas, mar nach tiginn dur n‑ionnsaigh. Gidheadh thig mi dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr, mas toil leis an Tighearna, agus bidh fhios agam, chan ann air cainnt na muinntir a tha air an sèideadh suas, ach air an cumhachd. Oir chan ann am facal a tha rìoghachd Dhè, ach ann an cumhachd. Ciod as àill leibh? An tig mi dur n‑ionnsaigh le slait, no ann an gràdh, agus ann an spiorad na macantachd? Tha e air aithris gu coitcheann gu bheil neòghlaine nur measg, agus a leithid sin de neòghlaine, nach eil uiread is air ainmeachadh am measg nan Cinneach, gum biodh aig neach bean a athar. Agus tha sibh air ur sèideadh suas, agus cha do rinn sibh bròn mar a bu chòir, a‑chum gun tugte air falbh uaibh am fear a rinn an gnìomh seo. Oir gu deimhinn air dhòmhsa a bhith uaibh anns a’ cholainn, ach an làthair agaibh ann an spiorad, thug mi breith cheana, mar gum bithinn an làthair, air an neach a rinn seo mar seo; Ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, air dhuibhse agus dom spiorad‐sa a bhith cruinn an ceann a chèile, maille ri cumhachd ar Tighearna Iosa Crìosd; A shamhail seo de dhuine a thoirt thairis do Shàtan a‑chum sgrios na feòla, a‑chum gum bi an spiorad air a shaoradh ann an là an Tighearna Iosa. Chan eil ur n‑uaill math: nach eil fhios agaibh gun gortaich beagan de thaois ghoirt am meall uile? Glanaibh a‑mach uime sin an t‑seann taois ghoirt, a‑chum gum bi sibh nur meall nuadh, mar a tha sibh neo‐ghortaichte. Oir tha eadhon Crìosd ar n‑uan‐càisge air ìobradh air ar son. Uime sin cumamaid an fhèill, chan ann le seann taois ghoirt, no le taois ghoirt a’ mhìoruin agus an uilc; ach le aran neo‐ghortaichte an treibhdhireis agus na fìrinn. Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh ann an litir, gun choluadar a bhith agaibh ri luchd‐neòghlaine: Gidheadh chan ann gu h‑uile ri luchd‐neòghlaine an t‑saoghail seo, no ri luchd‐sannt, no luchd‐fòirneirt, no luchd‐iodhal‐adhraidh; oir an sin b’èiginn dhuibh dol a‑mach as an t‑saoghal. Ach a‑nis sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gun choluadar a ghleidheadh, ma tha neach air bith ris an abrar bràthair na fhear‐neòghlaine, no sanntach, no na fhear‐iodhal‐adhraidh, no na fhear‐ana‐cainnt, no na mhisgeir, no na fhear‐fòirneirt, maille ra leithid seo de dhuine gun uiread is biadh ithe. Oir ciod e mo ghnothach‐sa breith a thoirt orrasan a tha a‑muigh? Nach eil sibhse a’ toirt breith air an dream a tha a‑staigh? Ach tha Dia a’ toirt breith orrasan a tha an leth a‑muigh. Uime sin cuiribh air falbh an droch dhuine sin as ur meadhon fhèin. A bheil a chridhe aig aon neach agaibh, aig a bheil cùis an aghaidh duine eile, dol fo bhreitheanas nan daoine eucorach, agus chan ann fo bhreitheanas nan naomh? Nach eil fhios agaibh gun toir na naoimh breith air an t‑saoghal? Agus ma bheirear breith air an t‑saoghal leibhse, an e nach fiù sibh a bhith nur britheamhan air na cùisean as lugha? Nach eil fhios agaibh gun toir sinne breith air ainglean? Cia mò na sin air nithean a bhuineas don bheatha seo? Uime sin ma tha breitheanais agaibh mu thimcheall nan nithean sin a bhuineas don bheatha seo, cuiribh nan suidhe a‑chum breitheanais an dream as lugha meas anns an eaglais. A‑chum ur nàire tha mi a’ labhairt. An ann mar sin nach eil aon duine glic nur measg? Nach eil fiù a h‑aon as urrainn breith a thoirt eadar a bhràithrean? Ach tha bràthair a’ dol gu lagh ri bràthair, agus seo an làthair nan ana‑creidmheach. A‑nis uime sin tha gu cinnteach lochd nur measg, do bhrìgh gu bheil sibh a’ dol gu lagh ri chèile: carson nach fheàrr leibh eucoir fhulang? Carson nach fheàrr leibh calldach a ghabhail? Gidheadh tha sibh a’ dèanamh eucoir agus dìobhail, agus sin air ur bràithrean. Nach eil fhios agaibh nach sealbhaich luchd‐dèanamh na h‑eucoir rìoghachd Dhè? Na meallar sibh: cha sealbhaich luchd‐strìopachais, no luchd‐iodhal‐adhraidh, no luchd‐adhaltranais, no luchd‐macnais, no na daoine a tha ciontach de neò‐ghlaine mhì‐nàdurra, No gadaichean, no daoine sanntach, no misgeirean, no luchd‐ana‐cainnt, no luchd‐fòirneirt, rìoghachd Dhè. Agus mar seo bha cuid dhibhse: ach tha sibh air ur n‑ionnlad; ach tha sibh air ur naomhachadh; ach tha sibh air ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spiorad ar Dè‑ne. Tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach chan eil na h‑uile nithean iomchaidh; tha na h‑uile nithean ceadaichte dhomh, ach cha chuirear mi fo chumhachd nì sam bith. Tha am biadh airson na bronn, agus a’ bhrù airson a’ bhìdh: ach sgriosaidh Dia araon seo agus siud. A‑nis chan ann airson neòghlaine tha an corp, ach airson an Tighearna: agus an Tighearna airson a’ chuirp. Agus thog Dia araon an Tighearna suas, agus togaidh e sinne suas tre a chumhachd fhèin mar an ceudna. Nach eil fhios agaibh gur iad ur cuirp buill Chrìosd? Uime sin an gabh mise buill Chrìosd, agus an dèan mi buill strìopaich dhiubh? Nar leigeadh Dia. An e nach eil fhios agaibh, an tì sin a tha ceangailte ri strìopaich, gur aon chorp rithe e? Oir (tha e ag ràdh), bidh dithis nan aon fheòil. Ach an tì a tha ceangailte ris an Tighearna, is aon spiorad ris e. Teichibh o strìopachas. Tha gach aon pheacadh a nì duine an leth a‑muigh den chorp: ach an tì a nì strìopachas, tha e a’ peacachadh an aghaibh a chuirp fhèin. An e nach eil fhios agaibh gur e ur corp teampall an Spioraid Naoimh a tha annaibh, a tha agaibh o Dhia, agus cha leibh fhèin sibh? Oir cheannaicheadh le luach sibh: uime sin thugaibh glòir do Dhia le ur corp, agus le ur spiorad, as le Dia. A‑nis a‑thaobh nan nithean mun do sgrìobh sibh am ionnsaigh: Is math do fhear gun bheantainn ri mnaoi. Gidheadh, a‑chum strìopachas a sheachnadh, biodh a bhean fhèin aig gach fear, agus aig gach mnaoi a fear fhèin. Thugadh am fear an deagh‐ghean dligheach don mhnaoi; agus a’ bhean mar an ceudna don fhear. Chan eil comas a cuirp fhèin aig a’ mhnaoi, ach aig an fhear: agus mar an ceudna chan eil comas a chuirp fhèin aig an fhear, ach aig a’ mhnaoi. Na cumaibh ur dlighe o chèile, ach le toil a chèile rè tamaill, a‑chum sibh fhèin a thoirt do thrasg agus do ùrnaigh; agus thigibh cuideachd a‑rìs, a‑chum nach buair Sàtan sibh airson ur neo‐gheamnaidheachd. Ach tha mi a’ labhairt seo mar nì ceadaichte, agus chan ann mar àithne. Oir bu mhiann leam gum biodh na h‑uile dhaoine mar mi fhèin: gidheadh tha a thìodhlac fhèin aig gach duine o Dhia, aig aon neach mar seo, agus aig neach eile mar siud. Uime sin tha mi ag ràdh ris an dream nach eil pòsda, agus ris na bantraichean, Is math dhaibh ma dh’fhanas iad eadhon mar a tha mise. Gidheadh mura faodar leo iad fhèin a ghleidheadh geamnaidh, pòsadh iad: oir is fheàrr pòsadh na losgadh. Agus dhaibhsan a tha pòsda tha mi ag àithneadh, gidheadh cha mhise, ach an Tighearna, gun a’ bhean a dhealachadh ra fear. Ach ma dhealaicheas i, fanadh i gun phòsadh, no biodh i rèidh ra fear: agus na cuireadh am fear uaithe a bhean. Ach ris a’ chuid eile tha mise ag ràdh, chan e an Tighearna, Ma bhios aig bràthair sam bith bean ana‐creidmheach, agus gu bheil i toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris, na cuireadh e uaithe i. Agus a’ bhean aig a bheil fear ana‐creidmheach, agus gu bheil esan toileach còmhnaidh a ghabhail maille rithe, na cuireadh i uaipe e. Oir tha am fear ana‐creidmheach air a naomhachadh leis a’ mhnaoi, agus tha a’ bhean ana‐creidmheach air a naomhachach leis an fhear: no bhiodh ur clann neòghlan; ach a‑nis tha iad naomh. Ach ma dh’fhalbhas am fear ana‐creidmheach, falbhadh e. Chan eil bràthair no piuthar fo dhaorsa nan leithidean sin de chàsan: ach ghairm Dia sinn a‑chum sìthe. Oir ciod am fios a tha agadsa, O bhean, nach saor thu d’fhear? No ciod am fios a tha agadsa, O fhir, nach saor thu do bhean? Ach a rèir mar a roinn Dia ris gach duine, mar a ghairm an Tighearna gach aon, mar sin gluaiseadh e: agus mar sin tha mise ag òrdachadh anns na h‑eaglaisean uile. An do ghairmeadh neach sam bith agus e timcheall‐gheàrrte? Na dèanar e neo‐thimcheall‐gheàrrte: an do ghairmeadh neach sam bith gun e a bhith timcheall‐gheàrrte? Na timcheall‐ghearrar e. Chan eil èifeachd anns an timcheall‐ghearradh, agus chan eil èifeachd anns an neo‐thimcheall‐ghearradh, ach ann an coimhead àitheantan Dhè. Fanadh gach aon anns a’ ghairm anns an do ghairmeadh e. An do ghairmeadh thu ad sheirbhiseach? Na biodh suim agad dheth; ach ma dh’fhaodas tu a bhith saor, gum b’e sin do roghainn. Oir an tì a ghairmeadh anns an Tighearna na sheirbhiseach, is duine saor an Tighearna e: mar an ceudna an tì a ghairmeadh agus e saor, is e seirbhiseach Chrìosd e. Cheannaicheadh le luach sibh; na bithibh nur seirbhisich do dhaoine. A bhràithrean, anns an staid anns an do ghairmeadh gach neach, an sin fanadh e maille ri Dia. A‑nis a‑thaobh òighean, chan eil àithne agam on Tighearna: gidheadh tha mi a’ toirt breith, mar neach a fhuair tròcair on Tighearna gu bhith dìleas. Tha mi a’ meas uime sin gu bheil seo math airson na teanntachd a tha an làthair; tha mi ag ràdh gu bheil e math do dhuine a bhith mar sin. A bheil thu ceangailte ri mnaoi? Na iarr fuasgladh. A bheil thu fuasgailte o mhnaoi? Na iarr bean. Ach ma phòsas tu, cha do pheacaich thu; agus ma phòsas òigh, cha do pheacaich i: gidheadh, bidh aig an leithidean seo trioblaid anns an fheòil; ach tha mi gur caomhnadh. Ach tha mi ag ràdh seo, a bhràithrean, gu bheil an aimsir goirid anns na bheil ri teachd: a‑chum araon gum bi iadsan, aig a bheil mnathan, mar nach biodh mnathan aca; Agus iadsan a tha ri caoidh, mar nach biodh iad ri caoidh; agus iadsan a tha ri gàirdeachas, mar mhuinntir nach eil ri gàirdeachas; agus iadsan a tha ri ceannachd, mar dhaoine nach eil a’ sealbhachadh; Agus iadsan a tha a’ gnàthachadh an t‑saoghail seo, mar dhream nach eil ga mhì‐ghnàthachadh; oir thèid sgiamh an t‑saoghail seo seachad. Ach b’àill leam sibhse a bhith gun ro‑chùram. An tì nach eil pòsda, bidh cùram nan nithean sin a bhuineas don Tighearna air, cionnas a thoilicheas e an Tighearna. Ach an tì a tha pòsda, bidh cùram nithean an t‑saoghail air, cionnas a dh’fhaodas e a bhean a thoileachadh. Tha mar an ceudna eadar‐dhealachadh eadar bean agus òigh: tha cùram oirrese nach eil pòsda mu nithean an Tighearna, a‑chum gum bi i naomh, araon na corp agus na spiorad; ach bidh cùram air a’ mhnaoi a tha pòsda mu nithean an t‑saoghail, cionnas a dh’fhaodas i a fear a thoileachadh. Agus seo tha mi a’ labhairt a‑chum ur tairbhe fhèin; chan ann a‑chum gun cuirinn ribe oirbh, ach a‑chum an nì sin a tha ciatach, agus gum feitheadh sibh air an Tighearna gun bhuaireadh. Ach ma shaoileas duine sam bith gu bheil e ga ghiùlan fhèin gu mì‑chiatach a‑thaobh a mhaighdinn, ma chaidh blàth a h‑aimsir thairis, agus gur còir a dhèanamh mar sin, dèanadh e nas àill leis, chan eil e a’ peacachadh: pòsadh iad. Gidheadh, an tì sin a tha suidhichte gu daingeann na chridhe, agus gun èiginn sam bith air, ach aig a bheil cumhachd air a thoil fhèin, agus a chuir roimhe na chridhe a mhaighdeann a choimhead, tha e a’ dèanamh gu math. Uime sin, mas eadh, tha an tì a bheir seachad ann am pòsadh i a’ dèanamh gu math; ach tha an tì nach toir ann am pòsadh i a’ dèanamh nas fheàrr. Tha a’ bhean ceangailte leis an lagh rè na h‑ùine a tha a fear beò: ach ma gheibh a fear bàs, tha i saor gu pòsadh ri aon neach as toil leatha; a‑mhàin anns an Tighearna. Ach tha i nas sona ma dh’fhanas i mar sin, a rèir mo bhreith‐sa: agus is i mo bharail gu bheil Spiorad Dhè agam. A‑nis a‑thaobh nithean a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againn gu bheil eòlas againn uile. Ataidh an t‑eòlas suas, ach bheir gràdh fòghlam. Agus ma tha aon duine a’ saoilsinn gur aithne dha nì sam bith, chan aithne dha aon nì fhathast mar a bu chòir dha aithneachadh. Ach ma tha gràdh aig duine sam bith do Dhia, tha esan air aithneachadh leis. Uime sin, mu thimcheall ithe nan nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againne nach nì air an domhan iodhal, agus nach eil Dia sam bith eile ann ach a h‑aon. Oir ged tha iad ann ris an abrar diathan, mas ann air nèamh no air thalamh (amhail mar tha iomadh dia, agus iomadh tighearna ann), Gidheadh dhuinne chan eil ach aon Dia, an t‑Athair, om bheil na h‑uile nithean, agus sinne air a shon‐san; agus aon Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil na h‑uile nithean, agus sinne trìdsan. Gidheadh chan eil an t‑eòlas seo aig na h‑uile dhaoine: oir tha cuid le cogais a‑thaobh an iodhail gus an t‑àm seo, ag ithe a’ bhìdh mar nì a dh’ìobradh do iodhal; agus air dan cogais a bhith anfhann, tha i air a salachadh. Ach cha mhol biadh sinn do Dhia: oir ma dh’itheas sinn, chan fheàirrd sinn e; cha mhò mura ith sinn, is misde sinn e. Ach thugaibh an aire nach bi an comas seo a tha agaibh air aon dòigh na adhbhar oilbheim don dream a tha lag. Oir ma chì neach thusa aig a bheil eòlas a’ suidhe a‑chum bìdh ann an teampall iodhail, nach neartaichear cogais an tì sin a tha lag a‑chum na nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan ithe: Agus tre d’eòlas‐sa an tèid do bhràthair lag am mugha, airson an d’fhuair Crìosd bàs? Ach le peacachadh dhuibh mar sin an aghaidh nam bràithrean, agus len cogais anfhann a lotadh, tha sibh a’ peacachadh an aghaidh Chrìosd. Uime sin ma bheir biadh adhbhar oilbheim dom bhràthair, chan ith mi feòil a‑chaoidh, a‑chum nach toir mi adhbhar oilbheim dom bhràthair. Nach abstol mise? Nach eil mi saor? Nach fhaca mi Iosa Crìosd ar Tighearna? Nach sibhse m’obair anns an Tighearna? Mura eil mi am abstol do dhaoine eile, gidheadh gu cinnteach tha mi dhuibhse; oir is sibhse seula m’abstolachd anns an Tighearna. Is e seo mo fhreagradh don dream a chuireas ceist orm: Nach eil againne comas ithe agus òl? Nach eil againne comas piuthar, bean‐phòsda, a thoirt leinn mun cuairt, amhail mar na h‑abstoil eile, agus bràithrean an Tighearna, agus Cèphas? No a bheil mise agus Barnabas a‑mhàin gun chomas againn a bhith saor o obair? Cò a thèid a‑chum cogaidh uair air bith air a chosdas fhèin? Cò a shuidhicheas fìonlios, agus nach ith de a thoradh? No cò a bheathaicheas treud, agus nach blais de bhainne an treud? An ann mar dhuine a tha mi a’ labhairt nan nithean seo? No nach abair an lagh na nithean seo mar an ceudna? Oir tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, Na cuir ceangal air beul an daimh a tha a’ saltairt an arbhair. A bheil Dia a’ gabhail cùraim de dhaimh? No nach ann gu h‑àraidh air ar son‐ne a tha e ag ràdh seo? Gu deimhinn is ann air ar son‐ne tha e sgrìobhte: do bhrìgh gur ann an dòchas as còir don treabhaiche treabhadh; agus a‑chum an neach a bhuaileas ann an dòchas, gum bi e na fhear‐compàirt de a dhòchas. Ma chuir sinne nithean spioradail dhuibhse, an nì mòr e ma bhuaineas sinn ur nithean feòlmhor‐se? Ma tha muinntir eile nan luchd‐compàirt den chumhachd seo thairis oirbh, nach mò as còir dhuinne a bhith? Gidheadh, cha do chuir sinn an cumhachd seo an cleachdadh; ach tha sinn a’ fulang nan uile nithean, a‑chum nach cuireamaid bacadh air soisgeul Chrìosd. Nach eil fhios agaibh gu bheil iadsan a tha a’ saothrachadh mu thimcheall nithean naomha air am beathachadh on teampall? Agus iadsan a tha a’ frithealadh don altair, gu bheil co‑roinn aca ris an altair? Agus mar sin dh’òrdaich an Tighearna mar an ceudna dhaibhsan a tha a’ searmonachadh an t‑soisgeil, an teachd‐an‑tìr fhaotainn on t‑soisgeul. Ach cha do ghnàthaich mise a h‑aon dhiubh seo, agus cha do sgrìobh mi na nithean seo, a‑chum gun dèante mar sin dhomh: oir b’fheàrr dhomh am bàs fhaghail, na gun cuireadh neach air bith m’uaill ann an neo‐bhrìgh. Oir ged shearmonaich mi an soisgeul, chan eil adhbhar uaill agam: oir tha èiginn air a cur orm; seadh, is an‑aoibhinn dhomh, mura searmonaich mi an soisgeul. Oir mas ann gu toileach a tha mi a’ dèanamh seo, tha duais agam: ach mas ann an aghaidh mo thoile, tha ministrealachd air a h‑earbsa rium. Ciod i mo dhuais, mas eadh? Eadhon seo, a‑chum nuair a tha mi a’ searmonachadh an t‑soisgeil, gun suidhichinn soisgeul Chrìosd gun chosdas, a‑chum nach mì‑ghnàthaichinn mo chumhachd anns an t‑soisgeul. Oir ged tha mi saor o na h‑uile dhaoine, gidheadh rinn mi mi fhèin am sheirbhiseach do na h‑uile, a‑chum gun cosnainn an tuilleadh. Agus rinneadh mi do na h‑Iùdhaich mar Iùdhach, a‑chum gun cosnainn na h‑Iùdhaich; dhaibhsan a tha fon lagh, mar dhuine fon lagh, a‑chum gun cosnainn iadsan a tha fon lagh; Dhaibhsan a tha gun lagh, mar dhuine gun lagh (ged nach eil mi gun lagh do Dhia, ach fo lagh do Chrìosd ), a‑chum gun cosnainn iadsan a tha gun lagh. Rinneadh mi dhaibhsan a tha anfhann mar dhuine anfhann, a‑chum gun cosnainn an dream a tha anfhann: bha mi anns an uile chruth do na h‑uile dhaoine, a‑chum air gach uile dhòigh gun saorainn cuideigin. Agus seo tha mi a’ dèanamh airson an t‑soisgeil, a‑chum gum bi mi am fhear co‑roinne dheth. Nach eil fhios agaibh iadsan a tha a’ ruith anns a’ bhlàr‐rèise, gun ruith iad uile, ach is aon duine a gheibh an duais? Guma h‑amhail a ruitheas sibhse, ionnas gun glac sibh an duais. Agus tha gach uile ghleacair measarra anns na h‑uile nithean: a‑nis tha iadsan a’ dèanamh sin a‑chum gum faigh iad crùn truaillidh; ach sinne airson crùin neo‐thruaillidh. Uime sin is amhail a tha mise a’ ruith, chan ann mar gu neo‐chinnteach: is amhail a tha mi a’ cur catha, chan ann mar neach a bhuaileas an t‑adhar: Ach tha mi a’ trom‐bhualadh mo chuirp, agus ga chur fo smachd: air eagal air chor sam bith an dèidh dhomh searmonachadh do dhream eile, gun cuirear mi fhèin air cùl. Os bàrr, a bhràithrean, cha b’àill leam sibhse a bhith aineolach gu robh ar n‑athraichean uile fon neul, agus gun deachaidh iad uile tron mhuir; Agus gun do bhaisteadh iad uile do Mhaois anns an neul, agus anns a’ mhuir; Agus gun d’ith iad uile an t‑aon bhiadh spioradail; Agus gun d’òl iad uile an aon deoch spioradail (oir dh’òl iad den charraig spioradail sin a lean iad: agus b’i a’ charraig sin Crìosd): Ach le mòran dhiubh cha robh Dia toilichte: oir sgriosadh anns an fhàsach iad. A‑nis bha na nithean sin nan samplairean dhuinne, a‑chum nach miannaicheamaid droch nithean, eadhon mar a mhiannaich iadsan. Agus na bithibh‐se nur luchd‐iodhal‐adhraidh, mar a bha cuid dhiubhsan; a rèir mar a tha e sgrìobhte, Shuidh am poball sìos a dh’ithe agus a dh’òl, agus dh’èirich iad a chluiche. Agus na dèanamaid strìopachas, mar a rinn cuid dhiubhsan, agus a thuit dhiubh ann an aon là trì‐mìle‐fichead. Agus na dearbhamaid Crìosd, mar a dhearbh cuid dhiubhsan, agus a sgriosadh iad le nathraichean nimhe. Agus na dèanabh‐se gearan, mar a rinn cuid dhiubhsan gearan, agus a sgriosadh iad leis an sgriosadair. A‑nis thachair na nithean seo uile dhaibhsan mar eiseimpleirean: agus sgrìobhadh iad a‑chum teagaisg dhuinne, air a bheil deireadh an t‑saoghail air teachd. Uime sin an tì a shaoileas a bhith na sheasamh, thugadh e aire nach tuit e. Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan. Air an adhbhar sin, a mhuinntir mo ghràidh, teichibh o iodhal‐adhradh. Tha mi a’ labhairt mar ri daoine tuigseach: thugaibh‐se breith air an nì a tha mi ag ràdh. Cupan a’ bheannachaidh a tha sinne a’ beannachadh, nach e comann fuil Chrìosd e: an t‑aran a tha sinn a’ briseadh, nach e comann corp Chrìosd e? Oir ged tha sinne nar mòran, is aon aran agus aon chorp sinn: oir tha againn uile compàirt den aon aran. Thugaibh fa‑near Israel a rèir na feòla: nach eil acasan a tha ag ithe nan ìobairt co‑roinn ris an altair? Ciod a their mi uime sin? Gu bheil brìgh air bith anns an iodhal, no gu bheil brìgh air bith anns an nì a dh’ìobradh do iodhalan? Ach tha mi ag ràdh, na nithean a tha na Cinnich ag ìobradh, gur ann do dheamhain a tha iad gan ìobradh, agus nach ann do Dhia: agus cha b’àill leam comann a bhith agaibhse ri deamhain. Chan eil e an comas dhuibh cupan an Tighearna òl, agus cupan dheamhan. Chan eil e an comas dhuibh co‑roinn a bhith agaibh de bhòrd an Tighearna, agus de bhòrd dheamhan. Am brosnaich sinn an Tighearna gu eud? An treasa sinn na esan? Tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach chan eil na h‑uile nithean iomchaidh: tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach cha toir na h‑uile nithean fòghlam. Na iarradh neach air bith an nì sin a bhuineas dha fhèin; ach iarradh gach aon an nì sin a thig ri math neach eile. Ithibh gach nì a reicear ann am margadh na feòla, gun cheist air bith fheòraich air sgàth cogais. Oir is leis an Tighearna an talamh, agus a làn. Ma bheir aon neach dhiubhsan nach eil nan creidmhich cuireadh dhuibh, agus gur toil leibh dol maille ris, ithibh gach nì a chuirear romhaibh, gun nì sam bith fheòraich air sgàth cogais. Ach ma their duine sam bith ribh, Dh’ìobradh an nì seo do iodhalan, na ithibh, air a sgàth‐san a nochd dhuibh e, agus air sgàth cogais. Oir is leis an Tighearna an talamh, agus a làn. Air sgàth cogais, tha mi ag ràdh, chan i do chogais fhèin, ach cogais an neach ud eile: oir carson a bheirear breith air mo shaorsa‐sa le cogais duine eile? Oir, ma tha compàirt bìdh agamsa tre ghràs, carson a labhrar olc umam a‑thaobh an nì sin airson a bheil mi a’ toirt buidheachais? Uime sin co‑dhiù dh’itheas no dh’òlas sibh, no ge bè nì a nì sibh, dèanaibh na h‑uile nithean a‑chum glòir Dhè. Na tugaibh adhbhar oilbheim do na h‑Iùdhaich, no do na Greugaich, no do eaglais Dhè: A rèir mar a tha mise a’ dèanamh toil nan uile dhaoine anns na h‑uile nithean, gun a bhith ag iarraidh mo bhuannachd fhèin, ach buannachd mhòran, a‑chum gun tèarnar iad. Bithibh‐se nur luchd‐leanmhainn ormsa, amhail a tha mise air Crìosd. A‑nis tha mi gur moladh, a bhràithrean, do bhrìgh gu bheil cuimhne agaibh ormsa anns na h‑uile nithean, agus gu bheil sibh a’ coimhead nan òrdaighean, mar a thug mise dhuibh iad. Ach bu mhiann leam fios a bhith agaibh gur e Crìosd ceann gach fir, agus gur e am fear ceann na mnà, agus gur e Dia ceann Chrìosd. Gach fear a tha a’ dèanamh ùrnaigh no fàidheadaireachd, agus còmhdach air a cheann, tha e a’ toirt eas‐urraim da cheann. Ach gach bean a tha a’ dèanamh ùrnaigh no fàidheadaireachd gun chòmhdach air a ceann, tha i a’ toirt eas‐urraim da ceann: oir is ionnan sin agus ged bhiodh i air a bearradh. Oir mura bi còmhdach air ceann na mnà, biodh i air a bearradh mar an ceudna: ach mas grànda do mhnaoi i a bhith air a bearradh no air a lomadh, cuireadh i còmhdach oirre. Oir gun amharas cha chòir do fhear a cheann a chòmhdachadh, do bhrìgh gur e ìomhaigh agus glòir Dhè: ach is i a’ bhean glòir an fhir. Oir chan eil am fear on mhnaoi, ach a’ bhean on fhear. Agus cha do chruthaicheadh am fear airson na mnà, ach a’ bhean airson an fhir. Uime sin is còir don mhnaoi cumhachd a bhith aice air a ceann, airson nan aingeal. Gidheadh, chan eil am fear as eugmhais na mnà, no a’ bhean as eugmhais an fhir, anns an Tighearna. Oir mar a tha a’ bhean on fhear, is amhail sin a tha am fear tre an mhnaoi mar an ceudna: ach is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean. Measaibh annaibh fhèin; a bheil e ciatach do mhnaoi ùrnaigh a dhèanamh ri Dia gun chòmhdach air a ceann? Nach eil nàdar fhèin a’ teagasg dhuibh, ma bhios gruag fhada air fear, gur nàir dha e? Ach ma bhios gruag fhada air mnaoi, is glòir dhi e: oir thugadh gruag dhi airson còmhdaich. Ach ma bhios neach air bith connspaideach, chan eil a leithid sin de ghnàthachadh againne, no aig eaglaisean Dhè. A‑nis anns an nì seo a tha mi a’ cur an cèill dhuibh, cha mhol mi sibh, do bhrìgh gu bheil sibh a’ teachd an ceann a chèile, chan ann a‑chum an nì as fheàrr, ach a‑chum an nì as miosa. Oir air tùs, nuair tha sibh a’ cruinneachadh an ceann a chèile anns an eaglais, tha mi a’ cluinntinn gu bheil roinnean nur measg; agus tha mi an cuid ga chreidsinn. Oir is èiginn saobh‐chreideamh a bhith nur measg, a‑chum gun dèanar follaiseach an dream a tha dearbhte nur measg. Uime sin nuair a thig sibh an ceann a chèile do aon àite, chan e sin suipear an Tighearna ithe. Oir ithidh gach aon air tùs a shuipear fhèin, agus tha neach acrach, agus neach eile air mhisg. An e nach eil taighean agaibh a‑chum ithe agus òl annta? No a bheil sibh a’ dèanamh tàire air eaglais Dhè, agus a’ nàrachadh na muinntir aig nach eil? Ciod a their mi ribh? Am mol mi sibh anns a’ chùis seo? Cha mhol. Oir fhuair mise on Tighearna an nì mar an ceudna a thug mi dhuibhse, gun do ghlac an Tighearna Iosa aran, anns an oidhche anns an do bhrathadh e: Agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp‐sa a tha air a bhriseadh air ur son‐se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa. Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil‐sa: dèanaibh‐se seo, cia minig is a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa. Oir cia minig is a dh’itheas sibh an t‑aran seo, agus a dh’òlas sibh an cupan seo, tha sibh a’ foillseachadh bàs an Tighearna gus an tig e. Uime sin, ge bè neach a dh’itheas an t‑aran seo, agus a dh’òlas cupan seo an Tighearna gu neo‐iomchaidh, bidh e ciontach de chorp agus de fhuil an Tighearna. Ach ceasnaicheadh duine e fhèin, agus mar sin itheadh e den aran seo, agus òladh e den chupan seo: Oir ge bè a dh’itheas agus a dh’òlas gu neo‐iomchaidh, tha e ag ithe agus ag òl breitheanais dha fhèin, do bhrìgh nach eil e a’ dèanamh aithne air corp an Tighearna. Air a shon seo tha mòran nur measg lag agus tinn, agus tha mòran nan cadal. Oir nan tugamaid breith oirnn fhèin, cha tugadh breith oirnn. Ach nuair a bheirear breith oirnn, tha sinn air ar smachdachadh leis an Tighearna, a‑chum nach bitheamaid air ar dìteadh maille ris an t‑saoghal. Uime sin, mo bhràithrean, nuair a thig sibh an ceann a chèile a‑chum ithe, fanaibh ri chèile. Agus ma bhios acras air aon neach, itheadh e aig an taigh; a‑chum nach tig sibh an ceann a chèile gu breitheanas. Agus cuiridh mise gach nì eile ann an òrdagh nuair a thig mi. A‑nis a‑thaobh thìodhlacan spioradail, a bhràithrean, chan àill leam sibh a bhith aineolach. Tha fhios agaibh gu robh sibh nur Cinnich, air ur tarraing gu iodhalan balbha, a rèir mar a threòraicheadh sibh. Uime sin tha mi a’ toirt fios dhuibh, nach abair duine sam bith a tha a’ labhairt o Spiorad Dhè gu bheil Iosa mallaichte; agus nach urrainn duine sam bith a ràdh gur e Iosa an Tighearna, ach tre an Spiorad Naomh. A‑nis tha eadar‐dhealachadh thìodhlacan ann, ach chan eil ach aon Spiorad ann. Agus tha eadar‐dhealachadh frithealaidh ann, gidheadh chan eil ach aon Tighearna ann. Agus tha eadar‐dhealachadh obrachaidh ann, ach is e an t‑aon Dia a tha ag obrachadh nan uile nithean anns na h‑uile. Ach tha foillseachadh an Spioraid air a thoirt do gach neach, a‑chum tairbhe. Oir do aon duine tha facal a’ ghliocais air a thoirt leis an Spiorad: agus do dhuine eile facal an eòlais leis an Spiorad cheudna; Do neach eile creideamh leis an Spiorad cheudna; do dhuine eile tìodhlacan leighis tre an Spiorad cheudna; Do neach eile obrachadh mhìorbhailean; do neach eile fàidheadaireachd; do neach eile aithneachadh spiorad; do neach eile iomadh gnè theanga; agus do neach eile eadar‐mhìneachadh theanga. Ach na nithean sin uile tha an t‑aon Spiorad ceudna ag obrachadh, a’ roinn ris gach aon fa leth a rèir mar as àill leis. Oir mar as aon an corp, agus mòran de bhuill aige, agus a tha uile bhuill an aon chuirp sin, ge h‑iomadh iad, nan aon chorp, mar sin mar an ceudna tha Crìosd. Oir tre aon Spiorad bhaisteadh sinn uile do aon chorp, mas Iùdhaich sinn no Greugaich, mas daor no saor sinn; agus thugadh deoch ra h‑òl dhuinn uile a‑chum aon Spioraid. Oir chan aon bhall an corp, ach mòran. Ma their a’ chas, Do bhrìgh nach mi an làmh, chan ann den chorp mi; nach eil i den chorp air a shon sin? Agus ma their a’ chluas, Do bhrìgh nach mi an t‑sùil, chan ann den chorp mi; nach ann den chorp i air a shon sin? Nam biodh an corp uile na shùil càit am biodh a’ chlaisteachd? Nam biodh e uile na chlaisteachd, càit am biodh an fhàile? Ach a‑nis shuidhich Dia na buill gach aon dhiubh anns a’ chorp, mar bu toil leis. Agus nam biodh iad uile nan aon bhall, càit am biodh an corp? Ach a‑nis tha iad nam mòran bhall, ged nach eil ann ach aon chorp. Agus chan urrainn an t‑sùil a ràdh ris an làimh, Chan eil feum agam ort: no a‑rìs, an ceann ris na casan, Chan eil feum agam oirbhse. Ach gu ro‑mhòr nas mò tha na buill sin den chorp as anfhainne a‑thaobh coslais, feumail: Agus air na buill sin den chorp as lugha urram nar measg‐ne, tha sinn a’ cur an tuilleadh urraim; agus na buill sin dhinn as lugha maise, tha aca sin gu ro‑mhòr an tuilleadh maise. Oir air na buill mhaiseach againn chan eil uireasbhaidh: ach rinn Dia an corp a cho‐chumadh ri chèile, air dha an tuilleadh urraim gu mòr a thoirt don chuid air an robh uireasbhaidh: A‑chum nach biodh eas‐aonachd air bith anns a’ chorp; ach gum biodh an t‑aon chùram aig an buill da chèile. Agus ma dh’fhuilingeas aon bhall, co‑fhuilingidh na buill uile; no ma gheibh aon bhall urram, nì na buill uile gàirdeachas maille ris. A‑nis is sibhse corp Chrìosd, agus is buill sibh fa leth. Agus chuir Dia dream àraidh anns an eaglais, air tùs abstoil, anns an dara àite fàidhean, anns an treas àite luchd‐teagaisg, a‑rìs mìorbhailean, na dhèidh sin tìodhlacan leighis, luchd‐cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh gnè theanga. A bheil na h‑uile nan abstoil? A bheil na h‑uile nam fàidhean? A bheil na h‑uile nan luchd‐teagaisg? A bheil na h‑uile nan luchd‐dèanamh mhìorbhailean? A bheil aig na h‑uile tìodhlacan leighis? An labhair na h‑uile le teangaidhean? An dèan na h‑uile eadar‐theangachadh? Ach biodh miann dùrachdach nan tìodhlacan as fheàrr oirbh: agus gidheadh tha mise a’ nochdadh dhuibh slighe as ro‑fheàrr. Ged labhrainn le teangaidhean dhaoine agus aingeal, agus gun ghràdh agam, tha mi am umha a nì fuaim, no am chiombal a nì gleangarsaich. Agus ged robh agam fàidheadaireachd, agus ged thuiginn na h‑uile rùintean diamhair, agus gach uile eòlas; agus ged robh agam gach uile ghnè creidimh, ionnas gun atharraichinn slèibhtean, agus mi gun ghràdh agam, chan eil annam ach neoni. Agus ged chaithinn mo mhaoin uile a‑chum na bochdan a bheathachadh, agus ged bheirinn mo chorp gu bhith air a losgadh, agus gun ghràdh agam, chan eil tairbhe sam bith dhomh ann. Tha an gràdh fad‐fhulangach, agus coibhneil; cha ghabh an gràdh farmad; cha dèan an gràdh ràiteachas, chan eil e air a shèideadh suas. Cha ghiùlan e e fhèin gu mì‑chiatach, chan iarr e na nithean sin a bhuineas dha fhèin, chan eil e so‑bhrosnachaidh a‑chum feirge, cha smaoinich e olc sam bith, Cha dèan e gàirdeachas anns an eucoir, ach nì e gàirdeachas anns an fhìrinn; Fuilingidh e na h‑uile nithean, creididh e na h‑uile nithean, bidh sùil aige ris na h‑uile nithean, giùlainidh e na h‑uile nithean. Cha tèid an gràdh air cùl a‑chaoidh: ach mas fàidheadaireachdan a tha ann, thèid iad air cùl; mas teangaidhean, sguiridh iad; mas eòlas, cuirear air cùl e. Oir tha eòlas againn ann an cuid, agus tha sinn ri fàidheadaireachd ann an cuid. Ach nuair a thig an nì a tha iomlan, cuirear air cùl an nì sin nach eil ach ann an cuid. Nuair a bha mi am leanaban, labhair mi mar leanaban, thuig mi mar leanaban, reusonaich mi mar leanaban: ach air fàs dhomh am dhuine, chuir mi na nithean leanabaidh air cùl. Oir tha sinn a’ faicinn anns an àm seo gu dorcha tre ghloine; ach an sin chì sinn aghaidh ri aghaidh: anns an àm seo is aithne dhomh ann an cuid; ach an sin aithnichidh mi eadhon mar tha aithne orm. Agus a‑nis fanaidh creideamh, dòchas, gràdh, na trì nithean seo; ach is e an gràdh as mò dhiubh seo. Leanaibh gràdh, agus biodh mòr‐mhiann tìodhlacan spioradail oirbh, ach gum bu mhò ur togradh gun dèanadh sibh fàidheadaireachd. Oir an tì a labhras ann an teangaidh choimhich, chan ann ri daoine a labhras e, ach ri Dia: oir chan eil neach sam bith ga thuigsinn; ged tha e anns an spiorad a’ labhairt rùintean diamhair. Ach an tì a tha a’ dèanamh fàidheadaireachd, tha e a’ labhairt ri daoine a‑chum teagaisg, agus a‑chum earail, agus a‑chum comhfhurtachd. An tì a tha a’ labhairt ann an teangaidh choimhich, tha e ga theagasg fhèin: ach an tì a nì fàidheadaireachd, tha e a’ teagasg na h‑eaglais. Bu mhath leam gun labhradh sibh uile le teangaidhean, ach b’fheàrr leam sibh a dhèanamh fàidheadaireachd, oir is mò an tì a nì fàidheadaireachd na an tì a labhras le teangaidhean, mura eadar‐theangaich e, a‑chum gum faigheadh an eaglais fòghlam. A‑nis, a bhràithrean, ma thig mi dur n‑ionnsaigh a’ labhairt le teangaidhean, ciod an tairbhe a nì mi dhuibh, mura labhair mi ribh ann am foillseachadh, no an eòlas, no am fàidheadaireachd, no an teagasg? Air an dòigh cheudna, na nithean gun bheatha a nì fuaim, mas pìob no clàrsach, mura dèan iad eadar‐dhealachadh nam fuaimean, cionnas a thuigear an nì a sheinnear air a’ phìob no air a’ chlàrsaich? Oir ma bheir a’ ghall‐tromp fuaim neo‐chinnteach uaipe, cò a dh’ullaicheas e fhèin a‑chum a’ chatha? Is amhail sin sibhse, mura labhair sibh leis an teangaidh briathran so‑thuigsinn, cionnas a dh’aithnichear an nì a labhrar? Oir is ann ris an adhar a labhras sibh. Tha, faodaidh e a bhith, na h‑uiread seo de ghuthan anns an t‑saoghal, agus chan eil a h‑aon dhiubh gun seadh. Uime sin, mura tuig mi brìgh a’ ghutha, bidh mi don tì a labhras, borb; agus bidh an tì a labhras borb dhòmhsa. Mar sin mar an ceudna sibhse do bhrìgh gu bheil dèidh agaibh air tìodhlacan spioradail, iarraibh sibh fhèin a thoirt barrachd a‑chum fòghlam na h‑eaglais. Uime sin, an tì a labhras ann an teangaidh choimhich, guidheadh e gun dèanadh e eadar‐theangachadh. Oir ma nì mise ùrnaigh ann an teangaidh choimhich, tha mo spiorad a’ dèanamh ùrnaigh, ach tha mo thuigse neo‐thairbheach. Ciod mas eadh? Nì mi ùrnaigh leis an spiorad, agus nì mi ùrnaigh leis an tuigse mar an ceudna: seinnidh mi leis an spiorad, agus seinnidh mi leis an tuigse mar an ceudna. No nuair a bheannaicheas tu leis an spiorad, cionnas a their an tì, a tha ann an àite an duine gun fhòghlam, Amen rid bhreith‐buidheachais, o nach aithne dha an nì a tha thu ag ràdh? Oir gu deimhinn tha thusa a’ toirt buidheaichais gu math, gidheadh chan eil an neach eile air a theagasg. Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia gu bheil mi a’ labhairt le teangaidhean tuilleadh na sibh uile: Ach b’fheàrr leam còig facail a labhairt anns an eaglais lem thuigse, a‑chum gun teagaisginn daoine eile mar an ceudna, na deich mìle facal ann an teangaidhean coimheach. A bhràithrean, na bithibh‐se nur leanaban ann an tuigse: gidheadh, ann am mìorun bithibh nur leanaban, ach ann an tuigse bithibh nur daoine foirfe. Tha e sgrìobhte anns an lagh, Labhraidh mi ris a’ phoball seo ann an teangaidhean eile, agus le bilean eile: gidheadh an dèidh sin uile chan èisd iad rium, tha an Tighearna ag ràdh. Uime sin tha teangaidhean coimheach nan comharradh, chan ann don dream a tha a’ creidsinn, ach dhaibhsan a tha mì‑chreidmheach: ach tha fàidheadaireachd chan ann air an son‐san nach eil a’ creidsinn, ach air an son‐san a tha a’ creidsinn. Uime sin ma chruinnicheas an eaglais uile anns an aon àit, agus ma labhras iad uile le teangaidhean coimheach, agus gun tig dream a tha gun fhòghlam a‑steach, no daoine mì‑chreidmheach, nach abair iad gu bheil sibh air a’ chuthach? Ach ma nì iad uile fàidheadaireachd, agus gun tig duine gun chreideamh a‑steach, no neach a tha gun fhòghlam, cronaichear e leis na h‑uile, agus bheirear breith air leis na h‑uile: Agus mar sin tha nithean falaichte a chridhe air am foillseachadh; agus mar sin, air dha tuiteam air a aghaidh, nì e adhradh do Dhia, ag aithris gu bheil Dia gu fìrinneach annaibhse. Ciod e sin, matà, a bhràithrean? Nuair a tha sibh a’ teachd an ceann a chèile, tha salm, tha teagasg, tha teanga, tha foillseachadh, tha eadar‐theangachadh, aig gach aon agaibh. Dèanar na h‑uile nithean a‑chum fòghlaim. Ma labhras aon neach ann an teangaidh choimhich, labhradh dithis, no air a’ chuid as mò triùir, agus sin an dèidh a chèile; agus dèanadh a h‑aon eadar‐theangachadh. Ach mura bi eadar‐theangair ann, fanadh e na thosd anns an eaglais; no labhradh e ris fhèin, agus ri Dia. Labhradh dithis no triùir de na fàidhean, agus thugadh a’ chuid eile breith. Ach ma dh’fhoillsichear nì do neach eile a tha na shuidhe, biodh an ciad dhuine na thosd. Oir faodaidh sibh uile fàidheadaireachd a dhèanamh, gach aon an dèidh a chèile, a‑chum gum faigh na h‑uile fòghlam, agus na h‑uile comhfhurtachd. Agus tha spioradan nam fàidhean umhail do na fàidhean. Oir chan e Dia ùghdar na mì‑riaghailt, ach na sìthe, mar ann an eaglaisean nan naomh uile. Biodh ur mnathan nan tosd anns na h‑eaglaisean; oir chan eil e ceadaichte dhaibh labhairt; ach is còir dhaibh a bhith umhail, mar tha an lagh mar an ceudna ag ràdh. Agus mas miann leo nì sam bith fhòghlam, feòraicheadh iad dem fir fhèin aig an taigh e: oir is mì‑chiatach do mhnathan labhairt anns an eaglais. An ann uaibhse a thàinig facal Dhè a‑mach? No an ann dur n‑ionnsaigh‐se a‑mhàin a thàinig e? Ma shaoileas duine sam bith gur fàidh, no gur duine spioradail e fhèin, aidicheadh e na nithean a tha mise a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur iad àitheantan an Tighearna. Ach ma tha neach sam bith aineolach, biodh e aineolach. Uime sin, a bhràithrean, biodh ro‑thogradh agaibh air fàidheadaireachd a dhèanamh, agus na bacaibh labhairt le teangaidhean. Dèanar na h‑uile nithean gu deagh‐mhaiseach, agus a rèir òrdaigh. Os bàrr, a bhràithrean, tha mi a’ cur an cèill dhuibh an t‑soisgeil a shearmonaich mi dhuibh, ris an do ghabh sibhse mar an ceudna, agus anns a bheil sibh nur seasamh; Tro mar an ceudna a bheil sibh air ur tèarnadh, ma chumas sibh gu daingeann an nì a shearmonaich mi dhuibh, mura do chreid sibh gu dìomhain. Oir thug mi dhuibh air tùs an nì a fhuair mi mar an ceudna, gun d’fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan sgriobtar: Agus gun d’adhlaiceadh e, agus gun d’èirich e a‑rìs air an treas là a rèir nan sgriobtar: Agus gum facas e le Cèphas, na dhèidh sin leis an dà‑fhear‐dheug. Na dhèidh sin, chunnacas e le tuilleadh is còig ceud bràthair air aon àm; dem bheil a’ chuid as mò beò gus a‑nis, ach tha cuid dhiubh nan cadal. Na dhèidh sin, chunnacas e le Seumas; agus a‑rìs leis na h‑abstoil uile. Nan dèidh uile chunnacas leamsa e mar an ceudna, mar neach a rugadh ann an an‑àm. Oir is mi as lugha de na h‑abstoil, neach nach fiù abstol a ghairm dhìom, do bhrìgh gu robh mi a’ geur‐leanmhainn eaglais Dhè. Ach tre ghràs Dhè is mi an nì as mi: agus cha robh a ghràs, a bhuilicheadh orm, gun bhrìgh; ach shaothraich mi nas pailte na iad uile; gidheadh cha mhise, ach gràs Dhè a bha maille rium. Uime sin cò air bith iad dhinn, mise no iadsan, is ann mar seo a tha sinne a’ searmonachadh, agus is ann mar seo a chreid sibhse. A‑nis ma shearmonaichear Crìosd, gun d’èirich e o na mairbh, cionnas a tha cuid nur measg‐se ag ràdh nach eil aiseirigh nam marbh ann? Ach mura eil aiseirigh nam marbh ann, cha mhò a dh’èirich Crìosd. Agus mura d’èirich Crìosd, gu deimhinn is dìomhain ar searmoin‐ne, agus is dìomhain ur creideamh‐se mar an ceudna. Seadh, fhuaireadh sinne nar fianaisean brèige air Dia; do bhrìgh gun do rinn sinn fianais a‑thaobh Dhè, gun do thog e suas Crìosd; neach nach do thog e suas, mura èirich na mairbh. Oir mura èirich na mairbh, cha mhò a dh’èirich Crìosd: Agus mura d’èirich Crìosd, tha ur creideamh‐se dìomhain; tha sibh fhathast nur peacaidhean. Mar sin mar an ceudna tha an dream a chaidil ann an Crìosd, caillte. Mas anns a’ bheatha seo a‑mhàin a tha dòchas againn ann an Crìosd, is sinn as truaighe de na h‑uile dhaoine. Ach a‑nis tha Crìosd air èirigh o na mairbh, agus rinneadh dheth an ciad‐thoradh dhiubhsan a chaidil. Oir mar as ann tre dhuine a thàinig am bàs, is ann tre dhuine a thig aiseirigh nam marbh mar an ceudna. Oir mar ann an Adhamh a tha na h‑uile a’ faghail a’ bhàis, is amhail sin mar an ceudna a nìthear na h‑uile beò ann an Crìosd. Ach gach uile dhuine na òrdagh fhèin: Crìosd an ciad‐thoradh, na dhèidh sin iadsan as le Crìosd aig a theachd. An sin bidh a’ chrìoch dheireannach, nuair a bheir e suas an rìoghachd do Dhia, eadhon an t‑Athair; nuair a chuireas e as do gach uile uachdaranachd, agus gach uile ùghdarras, agus chumhachd. Oir is èiginn gun rìoghaich e gus an cuir e a naimhdean uile fo a chasan. Sgriosar an nàmhaid deireannach, am bàs. Oir chuir e na h‑uile nithean fo a chasan. Ach nuair a tha e ag ràdh gun do chuir e na h‑uile nithean fodha, is nì follaiseach gu bheil esan a chuir na h‑uile nithean fodha, an leth a‑muigh dheth seo. Agus nuair a chuirear na h‑uile nithean fodha, an sin bidh am Mac fhèin fon Tì a chuir na h‑uile nithean fodhasan, a‑chum gum bi Dia na uile anns na h‑uile. No ciod a nì iadsan a bhaistear airson nam marbh, mura èirich na mairbh air aon dòigh? Carson mas eadh a bhaistear iad airson nam marbh? Agus carson a tha sinne an gàbhadh gach uair? Air ur gàirdeachas‐se a tha agam ann an Iosa Crìosd ar Tighearna, tha mi a’ faghail a’ bhàis gach là. Ma chòmhraig mi mar dhuine ri fiadh‐bheathaichean ann an Ephesus, ciod i mo thairbhe, mura èirich na mairbh? Itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs. Na meallar sibh: truaillidh droch choluadar deagh bheusan. Dùisgibh a‑chum fìreantachd, agus na dèanaibh peacadh; oir chan eil eòlas Dhè aig cuid; a‑chum ur nàire tha mi a’ labhairt seo. Ach their neach‐eigin, Cionnas a dh’èireas na mairbh? Agus ciod a’ ghnè cuirp leis an tig iad? Amadain, an nì sin a chuireas tu, cha bheothaichear e, mura bàsaich e air tùs: Agus an nì a chuireas tu, chan e an corp a bhios a tha thu a’ cur, ach gràinne lom, faodaidh e a bhith de chruithneachd, no de sheòrsa‐eigin eile: Ach tha Dia a’ toirt cuirp dha mar a bu toil leis, agus do gach uile shìol a chorp fhèin. Chan aon fheòil gach uile fheòil: ach tha feòil air leth aig daoine, agus feòil eile aig ainmhidhean, feòil eile aig iasg, agus feòil eile aig eunlaith. Agus tha cuirp nèamhaidh ann, agus cuirp thalmhaidh: gidheadh tha glòir air leth aig na cuirp nèamhaidh, agus glòir eile aig na cuirp thalmhaidh. Tha aon ghlòir aig a’ ghrèin, agus glòir eile aig a’ ghealaich, agus glòir eile aig na reultan; oir tha eadar‐dhealachadh eadar reul agus reul a‑thaobh glòire. Agus is ann mar sin a bhios aiseirigh nam marbh. Cuirear ann an truaillidheachd e; togar ann an neo‐thruaillidheachd e: Cuirear e ann an eas‐urram; togar ann an glòir e: cuirear ann an anfhainneachd e; èiridh e ann an cumhachd: Cuirear e na chorp nàdarra; èiridh e na chorp spioradail. Tha corp nàdarra ann, agus corp spioradail. Agus mar seo tha e sgrìobhte, Rinneadh an ciad dhuine Adhamh na anam beò, an t‑Adhamh deireannach na Spiorad a bheothaicheas. Gidheadh chan e an nì spioradail a bha ann air tùs, ach an nì nàdarra; agus na dhèidh sin an nì spioradail. An ciad duine on talamh, talmhaidh: an dara duine, an Tighearna o nèamh. Mar an duine talmhaidh, is amhail sin iadsan a tha talmhaidh: agus mar a tha an duine nèamhaidh, is ann mar sin iadsan a tha nèamhaidh. Agus mar a ghiùlain sinn ìomhaigh an duine thalmhaidh, giùlanaidh sinn mar an ceudna ìomhaigh an duine nèamhaidh. A‑nis seo tha mi ag ràdh, a bhràithrean, nach faodar le feòil agus fuil rìoghachd Dhè a shealbhachadh; cha mhò a shealbhaicheas truaillidheachd neo‐thruaillidheachd. Feuch, tha mi a’ labhairt nì diamhair ribh; cha chaidil sinn uile, ach caochlaidhear sinn uile, Ann an tiota, ann am priobadh na sùla, ri guth na trompaid deireannaich (oir sèididh an trompaid ), agus èiridh na mairbh neo‐thruaillidh, agus caochlaidhear sinne. Oir is èiginn don chorp thruaillidh seo neo‐thruaillidheachd a chur uime, agus don chorp bhàsmhor seo neo‐bhàsmhorachd a chur uime. Agus nuair a chuireas an corp truaillidh seo neo‐thruaillidheachd uime, agus a chuireas an corp bàsmhor seo neo‐bhàsmhorachd uime, an sin coileanar am facal a tha sgrìobhte, Shluigeadh suas am bàs le buaidh. O bhàis, càit a bheil do ghath? O uaigh, càit a bheil do bhuaidh? Is e am peacadh gath a’ bhàis; agus is e neart a’ pheacaidh an lagh: Ach buidheachas do Dhia, a tha a’ toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna Iosa Crìosd. Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh‐se daingeann, neo‐ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna. A‑nis a‑thaobh an tionail airson nan naomh, mar a dh’òrdaich mi do eaglaisean Ghalàtia, mar sin dèanaibh‐se mar an ceudna. Air ciad là gach seachdain, cuireadh gach aon agaibh nì air leth anns an ionmhas a‑chum nach bi tional ri dhèanamh nuair a thig mise. Agus nuair a thig mi, cò air bith iad a mholas sibh le ur litrichean, cuiridh mi iadsan a ghiùlan ur tabhartasan gu Ierusalem. Agus mas iomchaidh mise a dhol mar an ceudna, thèid iadsan am chuideachd. Agus thig mi dur n‑ionnsaigh‐se, nuair a thèid mi tro Mhacedònia (oir tha mi a’ dol tro Mhacedònia:) Agus faodaidh e a bhith gum fan mi, no eadhon gun caith mi an geamhradh maille ribh, a‑chum gun toir sibh air m’aghaidh mi, ge bè àite don tèid mi. Oir chan àill leam ur faicinn a‑nis anns an dol seachad; ach tha dùil agam fantainn rè tamaill maille ribh, ma leigeas an Tighearna dhomh. Ach fanaidh mi ann an Ephesus gu Caingis. Oir dh’fhosgladh doras mòr agus èifeachdach dhomh, agus tha mòran eascairdean ann. A‑nis ma thig Timòteus, feuchaibh gum bi e gun eagal maille ribh: oir tha e a’ saothrachadh ann an obair an Tighearna, mar a tha mise. Uime sin na dèanadh neach sam bith tàir air: ach thugaibh air aghaidh e ann an sìth, a‑chum gun tig e am ionnsaigh‐sa: oir tha sùil agam ris maille ris na bràithrean. Mu thimcheall ar bràthar Apollos, ghuidh mi gu dùrachdach air teachd dur n‑ionnsaigh‐se maille ris na bràithrean: ach cha b’i a thoil air chor sam bith teachd aig an àm seo; ach thig e nuair a gheibh e àm iomchaidh. Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir. Biodh ur n‑uile nithean air an dèanamh le gràdh. Agus guidheam oirbh, a bhràithrean (o is aithne dhuibh teaghlach Stephanuis, gur iad ciad‐thoradh Achaia, agus gun tug iad iad fhèin a‑chum frithealaidh do na naoimh), Gum bi sibh umhail dan leithidean sin, agus do gach aon a nì obair agus saothair maille rinne. Tha mi subhach ri teachd Stephanuis, agus Fhortunatuis, agus Achaicuis: oir rinn iad suas an nì sin a bha a dh’uireasbhaidh dur taobh‐se. Oir thug iad suaimhneas dom spiorad‐sa, agus dur spiorad‐se: uime sin biodh meas agaibh air an leithidean sin. Tha eaglaisean na h‑Asia a’ cur fàilte oirbh. Tha Acuila agus Priscila, maille ris an eaglais a tha nan taigh, a’ cur mòr‐fhàilte oirbh anns an Tighearna. Tha na bràithrean uile a’ cur fàilte oirbh. Cuiribh‐se fàilte air a chèile le pòig naoimh. Fàilte uamsa Pòl lem làimh fhèin. Ma tha neach sam bith nach gràdhaich an Tighearna Iosa Crìosd, biodh e na Anatèma, Maranàta. Gu robh gràs an Tighearna Iosa Crìosd maille ribh. Mo ghràdh‐sa maille ribh uile ann an Iosa Crìosd. Amen. Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus, ar bràthair, a‑chum eaglais Dhè a tha ann an Corintus, maille ris na h‑uile naoimh a tha ann an Achaia uile: Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd. Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd; A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia. Oir mar a tha fulangasan Chrìosd pailt annainn, is amhail sin a tha ar comhfhurtachd mar an ceudna pailt tre Chrìosd. Agus ma tha sinn fo àmhghar, is ann airson ur comhfhurtachd agus ur slàinte‐se, a tha air a h‑obrachadh le sibh a dh’fhulang nam fulangas ceudna, a tha sinne a’ fulang: no mas comhfhurtachd dhuinn is ann a‑chum ur comhfhurtachd agus ur slàinte‐se. Agus tha ar dòchas daingeann dur taobh‐se, do bhrìgh gu bheil fhios againn, mar a tha sibh nur luchd‐compàirt de na fulangasan, gum bi sibh mar an ceudna den chomhfhurtachd. Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith an‑fhiosrach mu thimcheall ar n‑àmhghair a thachair dhuinn anns an Asia, gun do bhruthadh sinn gu ro‑mhòr thar ar neart ionnas gu robh sinn fo amharas eadhon mu ar beatha: Ach bha againn binn ar bàis annainn fhèin a‑chum nach biodh againn dòigh annainn fhèin, ach ann an Dia a dhùisgeas na mairbh: Neach a shaor sinn o bhàs cho mòr, agus a tha gar saoradh: anns a bheil ar dòchas gun saor e sinn fhathast; Air dhuibhse a bhith a’ co‑obrachadh le chèile ann an ùrnaigh air ar son, a‑chum gun tugar buidheachas le mòran air ar son, as leth an tìodhlaic a thugadh dhuinn, tre mhòran. Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon‐fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh‐se. Oir chan eil sinn a’ sgrìobhadh nithean sam bith eile dur n‑ionnsaigh‐se, ach nan nithean a tha sibh a’ leughadh, no a tha sibh ag aideachadh, agus a tha dùil agam a dh’aidicheas sibh gus a’ chrìoch; Amhail a dh’aidich sibh an càil, gur sinne ur gàirdeachas, mar as sibhse mar an ceudna ar gàirdeachas‐ne ann an là an Tighearna Iosa. Agus anns a’ mhuinghinn seo b’àill leamsa teachd dur n‑ionnsaigh air tùs, ionnas gum faigheadh sibhse ath‐ghràs; Agus gabhail uaibhse gu Macedònia, agus teachd o Mhacedònia a‑rìs dur n‑ionnsaigh‐se, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh anns an t‑slighe gu Iudèa. Uime sin, nuair a chuir mi seo romham, an do ghnàthaich mi aotromachd? No an ann a rèir na feòla a tha mi a’ cur romham nan nithean a tha mi a’ cur romham, ionnas gum biodh agam seadh, seadh, agus chan eadh, chan eadh? Ach mar a tha Dia fìrinneach, cha b’e ar còmhradh ribhse seadh agus chan eadh. Oir Mac Dhè, Iosa Crìosd, a shearmonaicheadh nur measg‐se leinne, eadhon leamsa, agus le Siluanus, agus le Timòteus, cha robh e na sheadh agus na chan eadh, ach annsan bha seadh. Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan is Amen iad, a‑chum glòir Dhè dar taobh‐ne. A‑nis an tì a dhaingnicheas sinne maille ribhse ann an Crìosd, agus a dh’ung sinn, is e Dia: Neach mar an ceudna a chuir seula oirnn, agus a thug dhuinn geall‐daingnich an Spioraid nar cridheachan. Ach tha mi a’ gairm Dhè mar fhianais air m’anam, gur ann a‑chum sibhse a chaomhnadh nach tàinig mi fhathast gu Corintus. Chan e gu bheil againne tighearnas air ur creideamh‐se, ach is luchd‐cuideachaidh sinn dur n‑aoibhneas: oir is ann tre chreideamh a sheas sibh. Ach chuir mi seo romham annam fhèin, gun teachd a‑rìs fo dhoilgheas dur n‑ionnsaigh. Oir ma nì mise duilich sibhse, cò e matà a nì subhach mise, ach an tì air an do chuireadh doilgheas leam? Agus sgrìobh mi an nì seo fhèin dur n‑ionnsaigh, a‑chum air dhomh teachd, nach cuirte doilgheas orm leis a’ mhuinntir sin om bu chòir dhomh aoibhneas fhaotainn, air dhomh a bhith muinghinneach asaibh uile, gur e m’aoibhneas ur n‑aoibhneas uile. Oir à trioblaid mhòir agus cràdh cridhe, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh le iomadh deur; chan ann a‑chum gum biodh doilgheas oirbh, ach a‑chum gum biodh fios agaibh air a’ ghràdh a tha agam gu ro‑phailt dhuibh. Ach ma thug neach sam bith adhbhar doilgheis, cha do chuir e doilgheas ormsa, ach ann an cuid; a‑chum nach cuirinn ro‑uallach oirbh uile. Is leòr da leithid sin de dhuine am peanas seo, a leagadh air le mòran. Ionnas air an làimh eile, gur mò as còir dhuibh maitheanas agus comhfhurtachd a thoirt dha, air eagal gum biodh a leithid seo de dhuine air a shlugadh suas le anabarr doilgheis. Uime sin guidheam oirbh gun daingnicheadh sibh ur gràdh dha. Oir is ann a‑chum na crìche seo a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum biodh fios ur dearbhaidh agam, a bheil sibh umhail anns na h‑uile nithean. Ge bè neach don toir sibhse maitheanas ann an nì sam bith, bheir mise mar an ceudna: oir ma thug mise maitheanas ann an nì sam bith, ge bè don tug mi am maitheanas, is ann air ur son‐se a thug mi e, am fianais Chrìosd; Air eagal gum faigheadh Sàtan an cothrom oirnn: oir chan eil sinn aineolach air a innleachdan. Os bàrr, nuair a thàinig mi gu Tròas a‑chum soisgeul Chrìosd a shearmonachadh, agus a dh’fhosgladh doras dhomh leis an Tighearna, Cha robh fois agam ann am spiorad, do bhrìgh nach d’fhuair mi Tìtus mo bhràthair: ach air gabhail mo chead dhiubh, dh’imich mi o sin do Mhacedònia. A‑nis buidheachas do Dhia, a tha a‑ghnàth a’ toirt oirnne buadhachadh ann an Crìosd, agus a tha a’ foillseachadh deagh fhàile a eòlais fhèin leinn anns gach àite. Oir tha sinne do Dhia nar fàile cùbhraidh Chrìosd, anns an dream a thèarnar, agus anns an dream a sgriosar: Don aon dream tha sinn nar boltrach bàis a‑chum bàis; agus don dream eile, nar boltrach beatha a‑chum beatha: agus cò a tha foghainteach a‑chum nan nithean seo? Oir chan eil sinne mar mhòran, a thruailleas facal Dhè: ach mar o threibhdhireas, ach mar o Dhia, tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd. An tòisich sinn a‑rìs air sinn fhèin a mholadh? No a bheil feum againn, mar aig dream àraidh, air litrichean molaidh dur n‑ionnsaigh‐se, no air litrichean molaidh uaibh? Is sibhse ar litir‐ne a tha sgrìobhte nar cridheachan, air a h‑aithneachadh agus air a leughadh leis na h‑uile dhaoine: Air dha a bhith follaiseach gur sibh litir Chrìosd, a fhrithealadh leinne, a tha air a sgrìobhadh chan ann le dubh, ach le Spiorad an Dè bheò; chan ann air clàir cloiche, ach air clàir feòil a’ chridhe. Agus tha a leithid seo de dhòchas againn tre Chrìosd a‑thaobh Dhè: Chan e gu bheil sinn foghainteach uainn fhèin a‑chum nì sam bith a smaoineachadh mar uainn fhèin: ach is ann o Dhia a tha ar foghainteachd; A rinn sinne mar an ceudna nar ministearan foghainteach an tiomnaidh nuaidh; chan ann den litir, ach den Spiorad: oir marbhaidh an litir, ach bheir an Spiorad beatha. Ach ma bha ministrealachd a’ bhàis ann an sgrìobhadh air a ghearradh air clachan, glòrmhor, ionnas nach b’urrainn clann Israeil amharc gu geur air gnùis Mhaois, airson glòir a ghnùise, a chuireadh air cùl; Cionnas nach mò na sin a bhios ministrealachd an Spioraid glòrmhor? Oir ma bha ministrealachd an dìtidh glòrmhor, is ro‑mhò na sin a bheir ministrealachd na fìreantachd barrachd ann an glòir. Oir eadhon an nì a rinneadh glòrmhor, cha robh glòir sam bith aige anns a’ chàs seo, a‑thaobh na glòire a tha a’ toirt barrachd. Oir ma bha an nì a chuireadh air cùl glòrmhor, is ro‑mhò na sin a tha an nì a bhuanaicheas glòrmhor. Uime sin do bhrìgh gu bheil againn a shamhail seo de dhòchas, tha sinn a’ cleachdadh mòr‐dhànachd cainnte: Agus chan eil sinn mar a bha Maois, a chuir còmhdach air a aghaidh, a‑chum nach amhairceadh clann Israeil gu geur gu crìch an nì a chuireadh air cùl. Ach dhalladh an inntinnean: oir gus an là‑an‑diugh ann an leughadh an t‑seann tiomnaidh, tha an còmhdach ceudna a’ fantainn gun atharrachadh, nì a chuireadh air cùl ann an Crìosd. Ach eadhon gus an là‑an‑diugh, nuair a leughar Maois, tha an còmhdach air an cridhe. Gidheadh nuair a thilleas e a‑chum an Tighearna, togar an còmhdach dheth. A‑nis is e an Tighearna an Spiorad sin: agus far a bheil Spiorad an Tighearna, tha saorsa an sin. Ach air bhith dhuinne uile, le aghaidh gun chòmhdach, ag amharc mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn air ar n‑atharrachadh a‑chum na h‑ìomhaigh cheudna, o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna. Uime sin, air don mhinistrealachd seo a bhith againn, a rèir mar a fhuair sinn tròcair, chan eil sinn a’ fannachadh: Ach chuir sinn cùl ri nithean falaichte na nàire, gun sinn a bhith a’ siubhal ann an ceilg, no a’ truailleadh facal Dhè, ach le foillseachadh na fìrinn gar moladh fhèin do chogais nan uile dhaoine ann an sealladh Dhè. Ach ma tha ar soisgeul‐ne falaichte, is ann dhaibhsan a tha caillte a tha e falaichte: Anns an do dhall dia an t‑saoghail seo inntinn na dream nach eil nan creidmhich, air eagal gun dealraicheadh orra solas soisgeul glòrmhor Chrìosd, neach as e ìomhaigh Dhè. Oir chan eil sinne gar searmonachadh fhèin, ach Iosa Crìosd an Tighearna; agus sinn fhèin nar seirbhisich dhuibhse airson Iosa. Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan‐ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd. Ach tha an t‑ionmhas seo againn ann an soithichean creadha, a‑chum gum bi òirdheirceas a’ chumhachd o Dhia, agus chan ann uainne. Tha sinn fo thrioblaid air gach taobh, gidheadh chan eil sinn ann an teanntachd; tha sinn ann an ioma‑chomhairle, gidheadh gun sinn a bhith ann an eu‑dòchas; Air ar geur‐leanmhainn, gidheadh gun a bhith air ar trèigsinn; air ar tilgeadh sìos, gidheadh gun a bhith air ar sgrios; A’ giùlan a‑ghnàth bàsachadh an Tighearna Iosa mun cuairt anns a’ cholainn, a‑chum gum biodh beatha Iosa mar an ceudna air a dèanamh follaiseach nar colainn. Oir tha sinne a tha beò a‑ghnàth air ar toirt a‑chum bàis airson Iosa, a‑chum gum biodh mar an ceudna beatha Iosa air a dèanamh follaiseach nar feòil bhàsmhoir‐ne. Uime sin tha bàs ag obrachadh annainne, ach beatha annaibhse. Air dhuinn an spiorad creidimh sin fhèin a bhith againn, a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chreid mi, agus uime sin labhair mi: tha sinne a’ creidsinn mar an ceudna, agus uime sin tha sinn a’ labhairt; Air dhuinn fios a bhith againn, an tì a thog suas an Tighearna Iosa, gun tog e sinne suas mar an ceudna tre Iosa, agus gun cuir e na làthair sinn maille ribhse. Oir tha na h‑uile nithean air ur son‐se, a‑chum gum biodh an gràs a tha saoibhir, tre bhuidheachas mhòran, ro‑phailt a‑chum glòir Dhè. Uime sin chan eil sinn a’ fannachadh, ach ged thruaillear ar duine on leth a‑muigh, gidheadh tha an duine on leth a‑staigh air ath‐nuadhachadh o là gu là. Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom‐chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor‐mhaireannach; Air dhuinne a bhith ag amharc chan ann air na nithean a tha rim faicinn, ach air na nithean nach eil rim faicinn: oir tha na nithean a chìthear aimsireil; ach tha na nithean nach faicear sìorraidh. Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan. Oir tha sinn ri osnaich an seo, a’ miannachadh a bhith air ar n‑èideadh le ar taigh o nèamh: O air dhuinn a bhith air ar n‑èideadh, nach faighear lomnochd sinn. Oir tha sinne a tha anns a’ phàillean seo ri osnaich, air dhuinn a bhith fo uallaich: chan ann a chionn gum bu mhiann leinn a bhith air ar rùsgadh, ach air ar n‑èideadh, a‑chum gum bi bàsmhorachd air a slugadh suas le beatha. A‑nis an tì a dh’obraich sinn a‑chum seo fhèin is e Dia e, a thug dhuinn mar an ceudna geall‐daingnich an Spioraid. Uime sin tha sinn a‑ghnàth deagh‐mhisneachail, air dhuinn fios a bhith againn am feadh a tha sinn aig an taigh anns a’ cholainn, gu bheil sinn air choigrich on Tighearna: (Oir tha sinn a’ gluasad a rèir creidimh, agus chan ann a rèir seallaidh.) Tha deagh mhisneach againn, agus bu roghnaiche leinn gu mòr a bhith air choigrich as a’ cholainn, agus a bhith an làthair maille ris an Tighearna. Uime sin tha sinn a’ dèanamh ar dìchill, a‑chum cò aca a bhios sinn an làthair no air choigrich, gum bi sinn taitneach dhàsan. Oir is èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair‐bhreitheanais Chrìosd; a‑chum gum faigh gach neach na nithean a rinn e anns a’ cholainn, a rèir an nì a rinn e, mas math no olc e. Uime sin, air dhuinn fios a bhith againn air uamhas an Tighearna, tha sinn a’ cur impidh air daoine; ach tha sinn follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam mar an ceudna gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean‐se. Oir chan eil sinn gar moladh fhèin a‑rìs dhuibh, ach tha sinn a’ toirt fàth uaille dhuibh dar taobh, a‑chum gum bi freagradh agaibh dhaibhsan a tha a’ dèanamh uaill ann an gnùis, agus chan ann an cridhe. Oir ma tha sinn a dh’easbhaidh cèille, is ann do Dhia: agus ma tha ar ciall againn, is ann dhuibhse. Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh: Agus gun d’fhuair e bàs airson nan uile, a‑chum iadsan a tha beò nach biodh iad à seo suas beò dhaibh fhèin, ach dhàsan a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’èirich a‑rìs. Uime sin, chan aithne dhuinne à seo suas aon duine a rèir na feòla: seadh, ged a b’aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, gidheadh a‑nis chan aithne dhuinn e nas mò. Uime sin ma tha neach sam bith ann an Crìosd, is creutair nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, rinneadh na h‑uile nithean nuadh. Agus is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean, neach a rinn sinne rèidh ris fhèin tre Iosa Crìosd, agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite; Eadhon, gu robh Dia ann an Crìosd, a’ dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a’ meas an cionta dhaibh; agus dh’earb e rinne facal na rèite. Uime sin is teachdairean sinn airson Chrìosd, mar gun cuireadh Dia impidh leinne: tha sinn a’ guidhe oirbh as uchd Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia. Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt‐pheacaidh air ar son‐se; a‑chum gum bitheamaid‐ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan. Uime sin tha sinne, mar cho‐obraichean leis‐san, a’ guidhe oirbh, gun sibh a ghabhail gràs Dhè gu dìomhain: (Oir tha e ag ràdh, Ann an àm taitneach dh’èisd mi riut, agus ann an là slàinte rinn mi còmhnadh leat: feuch, a‑nis an t‑àm taitneach; feuch, a‑nis là na slàinte.) Gun a bhith a’ toirt adhbhar oilbheim air bith ann an aon nì, a‑chum nach faigheadh a’ mhinistrealachd mì‑chliù: Ach anns gach nì gar dearbhadh fhèin mar mhinistearan Dhè, ann am mòr‐fhoighidinn, ann an àmhgharan, ann an uireasbhaidh, ann an teanntachdan, Ann am buillean, ann am prìosanan, ann an luasgadh o àite gu h‑àite, ann an saothair, ann am faire, ann an trasgadh; Ann am fìorghlaine, ann an eòlas, ann am fad‐fhulangas, ann an coibhneas, anns an Spiorad Naomh, ann an gràdh gun cheilg, Ann am facal na fìrinn, ann an cumhachd Dhè, le airm na fìreantachd air an làimh dheis agus chlì. Tre urram agus eas‐urram, tre mhì‐chliù agus dheagh‐chliù: mar mhealltairean, gidheadh fìrinneach; Mar dhream nach aithnichear, gidheadh air a bheil deagh aithne; mar dhream a tha a’ faghail a’ bhàis, gidheadh feuch, tha sinn beò; mar dhream a tha air an smachdachadh, agus gun a bhith air am marbhadh; Mar dhream a tha brònach, gidheadh a‑ghnàth a’ dèanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, gidheadh a tha a’ dèanamh mòran saoibhir; mar dhaoine aig nach eil nì sam bith, gidheadh a’ sealbhachadh nan uile nithean. Tha ar beul‐ne fosgailte dhuibhse, O Chorintianacha, tha ar cridhe air a dhèanamh farsaing. Chan eil sibh ann an cumhangachd annainne, ach tha sibh ann an cumhangachd nur n‑innibh fhèin. A‑nis mar ath‐dhìoladh anns an nì sin fhèin (tha mi a’ labhairt mar rim chloinn), bithibh‐se farsaing mar an ceudna. Na cuing‐cheanglar gu neo‐chothromach sibh maille ri mì‑chreidmhich: oir ciod e caidreamh na fìreantachd ri neo‐fhìreantachd? Agus ciod e comann an t‑solais ris an dorchadas? Agus ciod an rèite a tha aig Crìosd ri Belial? No ciod i cuid a’ chreidmhich, maille ri ana‑creidmheach? Agus ciod a’ cho‐rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa. Uime sin thigibh a‑mach as am meadhon, agus dealaichibh riu, tha an Tighearna ag ràdh, agus na beanaibh ris an nì neòghlan; agus gabhaidh mise am ionnsaigh sibh, Agus bidh mi am Athair dhuibh, agus bidh sibhse nur mic agus nur nigheanan dhòmhsa, tha an Tighearna uile‐chumhachdach ag ràdh. Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè. Gabhaibh rinne: cha do rinn sinn eucoir air aon duine, cha do thruaill sinn aon duine, cha do mheall sinn aon duine. Chan ann a‑chum ur dìtidh a tha mi a’ labhairt seo: oir thubhairt mi roimhe gu bheil sibh nar cridheachan‐ne a‑chum bàsachadh maille ribh, agus a bhith beò maille ribh. Is mòr mo dhànachd cainnte dur taobh‐se, is mòr m’uaill as ur leth: lìonadh le comhfhurtachd mi, tha mi thar tomhas aoibhneach nar n‑uile àmhghar. Oir nuair a thàinig sinn do Mhacedònia, cha d’fhuair ar feòil fois sam bith, ach bha sinn fo àmhghar air gach taobh; an leth a‑muigh bha còmhrag, an leth a‑staigh bha eagal. Ach Dia a bheir comhfhurtachd dhaibhsan a tha air an leagadh sìos, thug e comhfhurtachd dhuinne le teachd Thìtuis: Agus chan ann le a theachd‐san a‑mhàin, ach mar an ceudna leis a’ chomhfhurtachd a fhuair esan uaibhse, nuair a chuir e an cèill dhuinn ur dian‐thogradh, ur caoidh, ur teas‐ghràdh dhòmhsa; air chor is gur mò a rinn mi gàirdeachas. Oir ged a chuir mi doilgheas oirbh leis an litir, chan eil aithreachas orm, ged a bha aithreachas orm: oir tha mi a’ faicinn gun do chuir an litir sin doilgheas oirbh, ged nach do rinn i seo ach rè tamaill. A‑nis tha gàirdeachas orm, chan ann airson sibh a bhith duilich, ach gu robh sibh duilich a‑chum aithreachais: oir bha doilgheas oirbh air mhodh diadhaidh, a‑chum nach tigeadh call oirbh ann an aon nì dar taobh‐ne. Oir obraichidh am bròn diadhaidh aithreachas a‑chum slàinte de nach gabhar aithreachas; ach obraichidh doilgheas an t‑saoghail bàs. Oir feuch, an nì seo fhèin, doilgheas diadhaidh a bhith oirbh, ciod e meud an dùrachd a dh’obraich e annaibh, seadh, ciod an glanadh oirbh fhèin, seadh, ciod an ro‑dhiomb, seadh, ciod an t‑eagal, seadh, ciod an dian‐thogradh, seadh, ciod an t‑eud, seadh, ciod an togradh dìoghaltais? Anns gach nì dhearbh sibh sibh fhèin a bhith glan anns a’ chùis seo. Uime sin ged a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, cha b’ann air a shon‐san a rinn an eucoir, no air a shon‐san air an do rinneadh an eucoir, ach a‑chum gum foillsichte dhuibh ar cùram‐ne mur timcheall‐se ann am fianais Dhè. Uime sin fhuair sinn comhfhurtachd airson ur comhfhurtachd‐se: seadh, bu ro‑mhò a rinn sinn gàirdeachas, airson gàirdeachas Thìtuis, do bhrìgh gun d’fhuair a spiorad suaimhneas uaibhse uile. Oir ma rinn mi bòsd sam bith ris‐san asaibhse, chan eil nàire orm; ach mar a labhras sinn na h‑uile nithean ann am fìrinn ribhse, is amhail sin a fhuaireadh fìrinneach ar bòsd asaibhse ri Tìtus. Agus tha dùrachd a chridhe‐san nas pailte dur taobh‐se, air dha a bhith a’ cuimhneachadh ur n‑ùmhlachd uile, mar a ghabh sibh ris le eagal agus ball‐chrith. Uime sin tha gàirdeachas orm gu bheil muinghinn agam annaibh anns gach nì. A‑nis, a bhràithrean, tha sinn a’ toirt fios dhuibh air gràs Dhè, a thugadh do eaglaisean Mhacedònia: Eadhon gu robh, ann am mòr‐dhearbhadh àmhghair, pailteas an aoibhneis, agus doimhne am bochdainn, ro‑phailt a‑chum saoibhreas am fialaidheachd. Oir tha mi a’ toirt fianais gu robh iad uapa fhèin toileach a rèir an comais, seadh, thar an comas: A’ guidhe oirnne gu dùrachdach, gun gabhamaid an tìodhlac, agus co‑roinn an fhrithealaidh do na naoimh. Agus chan ann mar a shaoil sinne, ach thug iad iad fhèin air tùs don Tighearna, agus na dhèidh sin dhuinne a rèir toil Dhè: Air chor is gun do chuir sinn impidh air Tìtus, a rèir mar a thòisich e roimhe, mar sin gun crìochnaicheadh e annaibhse an gràs sin fhèin mar an ceudna. Uime sin mar a tha sibh pailt anns gach uile nì, ann an creideamh, ann an ùr‑labhradh, agus ann an eòlas, agus anns an uile dhìcheall, agus nur gràdh dhuinne, bithibh pailt anns a’ ghràs seo mar an ceudna. Chan eil mi a’ labhairt seo mar àithne, ach a‑thaobh dùrachd dhaoine eile, agus a dhearbhadh treibhdhireas ur gràidh‐se. Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd, ged a bha e saoibhir, gidheadh gun do rinneadh bochd e air ur son‐se, a‑chum gum biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn‐san. Agus anns an nì seo tha mi a’ toirt mo chomhairle: oir tha seo tairbheach dhuibhse, a thòisich roimhe, chan ann a‑mhàin air dèanamh, ach air a bhith togarrach o chionn bliadhna. A‑nis air an adhbhar sin coileanaibh an gnìomh; ionnas mar a bha sibh ullamh a‑chum na toile, mar sin gum bi sibh ullamh a‑chum coileanaidh as na bheil agaibh. Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige. Chan ann a‑chum gum biodh socair aig daoine eile, agus àmhghar agaibhse. Ach a‑thaobh co‑cheartais, a‑chum anns an àm seo a‑nis gum bi ur pailteas‐se na choileasachadh air an uireasbhaidh‐san, agus mar an ceudna a‑chum gum bi am pailteas‐san na choileasachadh air ur n‑uireasbhaidh‐se, air chor is gum bi co‑cheartas eadaraibh; A rèir mar a tha e sgrìobhte, An tì a thionail mòran, cha robh anabarr aige: agus an tì a thionail beagan, cha robh easbhaidh air. Ach buidheachas do Dhia, a chuir an cùram dùrachdach sin fhèin dur taobh‐se ann an cridhe Thìtuis. Oir gu deimhinn ghabh e ris an impidh; ach air dha a bhith na bu togarraiche, chaidh e de a thoil fhèin dur n‑ionnsaigh. Agus chuir sinne maille ris am bràthair aig a bheil a chliù anns an t‑soisgeul feadh nan eaglaisean uile: (Agus chan e seo a‑mhàin, ach thaghadh e leis na h‑eaglaisean mar an ceudna mar chompanach‐turais dhuinne, leis an tìodhlac seo a fhrithealadh leinn a‑chum glòir an Tighearna sin fhèin, agus a‑chum foillseachadh ur n‑inntinn ullaimh‐se.) A’ seachnadh seo, gun tugadh neach air bith mì‑chliù dhuinn a‑thaobh a’ phailteis seo a fhrithealadh leinn: Air dhuinn a bhith a’ solar nithean ciatach, chan ann a‑mhàin am fianais an Tighearna, ach mar an ceudna am fianais dhaoine. Agus chuir sinn maille riu ar bràthair, a dhearbh sinn gu minig dùrachdach ann am mòran nithean, ach a‑nis nas ro‑dhùrachdaiche, a‑thaobh an ro‑earbsa tha aige asaibh‐se. Ma dh’fhiosraichear nì sam bith mu Thìtus, is e mo chompanach‐sa e, agus mo cho‐obraiche dur taobh‐se: no mu thimcheall nam bràithrean, is iad teachdairean nan eaglaisean, agus glòir Chrìosd. Uime sin nochdaibh dhaibhsan, agus am fianais nan eaglaisean, dearbhadh ur gràidh‐se, agus ar n‑uaill‐ne dur taobh. Oir a‑thaobh frithealaidh do na naoimh, is neo‐fheumail dhòmhsa sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh: Oir is aithne dhomh togarrachd ur n‑inntinn, as leth a bheil mi a’ dèanamh uaill asaibhse ris na Macedònaich, ag ràdh gu robh Achaia ullamh o chionn bliadhna; agus bhrosnaich ur n‑eud‐se ro‑mhòran. Gidheadh chuir mi na bràithrean dur n‑ionnsaigh, air eagal gum biodh ar n‑uaill‐ne asaibh dìomhain anns a’ chùis seo; a‑chum, mar a thubhairt mi, gum biodh sibh ullamh: Air eagal ma thig na Macedònaich maille rium, agus gum faigh iad sibhse neo‐ullamh, gum bi nàire oirnne (gun a ràdh oirbhse), à dànadas na h‑uaille seo. Uime sin bhreithnich mi gum b’fheumail impidh a chur air na bràithrean, iad a dhol air tùs dur n‑ionnsaigh‐se, agus ur tabhartas, air an do labhradh ribh roimhe, a dhèanamh deas, a‑chum gum biodh sin ullamh, mar thìodhlac, agus chan ann mar nì a dh’aindeoin. Ach seo tha mi ag ràdh, An tì a chuireas gu gann, buainidh e gu gann mar an ceudna; agus an tì a chuireas gu pailt, buainidh e gu pailt mar an ceudna. Thugadh gach duine seachad a rèir rùn a chridhe; na b’ann an doilgheas, no le èiginn: oir is toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir. Agus tha Dia comasach air gach gràs a dhèanamh ro‑phailt dhuibhse, a‑chum air dhuibh anns gach uile nì làn‐leòr a bhith agaibh a‑ghnàth, gum biodh sibh pailt a‑chum gach deagh obrach. (A rèir mar a tha e sgrìobhte, Sgaoil e a chuid; thug e do na bochdan; mairidh a fhìreantachd a‑ghnàth. A‑nis an tì a bheir sìol don fhear‐chuir, agus aran a‑chum bìdh, gun tugadh e agus gum meudaicheadh e ur curachd‐se, agus gun tugadh e do thoradh ur fìreantachd fàs.) Air dhuibh a bhith air ur dèanamh saoibhir anns gach uile nì a‑chum gach uile thabhartais, nì a dh’obraicheas leinne breith‐buidheachais do Dhia. Oir tha frithealadh na seirbhis seo, chan e a‑mhàin a’ leasachadh uireasbhaidh nan naomh, ach tha e mar an ceudna pailt tre mhòran breith‐buidheachais do Dhia; (Air dhaibh a bhith, tre dhearbhadh an fhrithealaidh seo, a’ toirt glòire do Dhia airson ur n‑ùmhlachd do shoisgeul Chrìosd a rèir ur n‑aidmheil, agus airson ur tabhartais fhialaidh dhaibhsan, agus do na h‑uile dhaoine:) Agus tre an ùrnaigh air ur son‐se, aig a bheil mòr‐dhèidh oirbh airson gràs Dhè a tha ro‑phailt annaibh. Buidheachas do Dhia airson a thìodhlaic do‑labhairt. A‑nis tha mise fhèin Pòl a’ guidhe oirbh, tre mhacantas agus shèimheachd Chrìosd, neach air dhomh a bhith an làthair a tha ìosal nur measg, ach air dhomh a bhith uaibh a tha dàn oirbh: Ach tha mi ag iarraidh oirbh a dh’athchuinge, gun sibh a thoirt orm nuair a bhios mi an làthair a bhith dàn, leis a’ mhuinghinn leis an saoilear mi a bhith dàn an aghaidh dream àraidh a tha a’ toirt meas oirnn, mar gum bitheamaid ag imeachd a rèir na feòla. Oir ged tha sinn ag imeachd anns an fheòil, chan ann a rèir na feòla a tha sinn a’ cogadh: (Oir ar n‑airm‐chogaidh chan eil iad feòlmhor, ach cumhachdach o Dhia a‑chum daingnichean a leagail:) A’ tilgeadh sìos reusonachaidh, agus gach nì àrd a dh’àrdaicheas e fhèin an aghaidh eòlas Dhè, agus a’ toirt ann am braighdeanas gach smuain a‑chum ùmhlachd Chrìosd: Agus dìoghaltas ullamh againn ri dhèanamh air gach uile eas‐ùmhlachd, nuair a choileanar ur n‑ùmhlachd‐se. An amhairc sibh air nithean a rèir an coslais? Ma tha dòchas aig aon neach as fhèin, gur le Crìosd e, smaoinicheadh e seo a‑rìs uaithe fhèin, mar as le Crìosd esan, gur le Crìosd sinne mar an ceudna. Oir ged dhèanainn càil‐eigin nas mò de uaill as ar cumhachd‐ne (a thug an Tighearna dhuinn a‑chum ur togail‐se suas, agus chan ann a‑chum ur sgrios), cha bhiodh nàire orm: A‑chum nach measar mi mar gum bithinn a’ cur eagail oirbh le litrichean. Oir tha a litrichean (tha iadsan ag ràdh) cudthromach agus làidir, ach tha an làthaireachd chorporra anfhann, agus a chainnt tàireil. Smaoinicheadh a leithid sin de dhuine seo, mar a tha sinn ann am facal tre litrichean, agus sinn as làthair, mar sin gum bi sinn ann an gnìomh air dhuinn a bhith an làthair. Oir chan eil de dhànadas againn sinn fhèin a chur an àireamh, no a choimeas ri dream àraidh a mholas iad fhèin: ach air dhaibhsan a bhith gan tomhas fhèin eatorra fhèin, agus gan coimeas fhèin riu fhèin, chan eil iad glic. Ach cha dèan sinne uaill à nithean a tha thar ar tomhas, ach a rèir tomhas na riaghailt a roinn Dia dhuinn, eadhon tomhas a ruigeas oirbhse. Oir chan eil sinn gar sìneadh fhèin thar ar tomhas, mar nach ruigeamaid sibhse; oir thàinig sinn eadhon dur n‑ionnsaigh‐se le soisgeul Chrìosd: Gun sinn a bhith a’ dèanamh uaill à nithean a tha thar ar tomhas, eadhon à saothairean dhaoine eile; ach tha dòchas againn, nuair a mheudaichear ur creideamh‐se, gum faigh sinn farsaingeachd gu pailt annaibh a rèir ar riaghailt‐ne, A‑chum an soisgeul a shearmonachadh anns na h‑ionadan an taobh thall dhibhse, agus chan ann a‑chum uaill a dhèanamh ann an riaghailt duine eile, à nithean a tha ullamh cheana. Ach an tì a nì uaill, dèanadh e uaill anns an Tighearna. Oir chan e an tì a mholas e fhèin a tha ionmholta, ach an tì a mholas an Tighearna. B’fheàrr leam gun giùlaineadh sibh beagan lem amaideachd; agus da‑rìribh giùlainibh leam. Oir tha mi eudmhor umaibh le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal‐pòsaidh eadar sibh agus aon fhear, a‑chum ur cur mar òigh fhìorghlain an làthair Chrìosd. Ach tha eagal orm, mar a mheall an nathair Eubha le a cuilbheartachd, mar sin gun truaillear, air dòigh sam bith, ur n‑inntinn‐se on aon‐fhillteachd a tha ann an Crìosd. Oir nan dèanadh an neach a thig Iosa eile a shearmonachadh nach do shearmonaich sinne, no nam faigheadh sibhse spiorad eile nach d’fhuair sibh, no soisgeul eile ris nach do ghabh sibh, dh’fhaodadh sibh gu math giùlan leis. Oir is i mo bharail‐sa nach robh mi a’ bheag goirid air na h‑abstoil a b’àirde. Ach ged tha mi neo‐fhòghlaimte ann an cainnt, gidheadh chan eil mi mar sin ann an eòlas; ach rinneadh sinn làn‐fhollaiseach anns na h‑uile nithean nur measg‐se. An do rinn mi cionta le mi fhèin ìsleachadh a‑chum gum biodh sibhse air ur n‑àrdachadh, no a chionn gun do shearmonaich mi soisgeul Dhè an asgaidh dhuibh? Chreach mi eaglaisean eile, a’ gabhail tuarasdail uapa, a‑chum seirbhis a dhèanamh dhuibhse. Agus nuair a bha mi an làthair maille ribh agus uireasbhaidh orm, cha do leig mi mo throm air duine sam bith: oir leasaich na bràithrean a thàinig o Mhacedònia m’uireasbhaidh: agus anns na h‑uile nithean choimhead mi mi fhèin om throm a leigeil oirbhse; agus coimheadaidh. Mar a tha fìrinn Chrìosd annam, cha chumar an uaill seo uam ann an crìochan Achaia. Carson? An ann a chionn nach eil gràdh agam dhuibh? Tha fhios aig Dia. Ach an nì a tha mi a’ dèanamh, nì mi fhathast e, a‑chum gun toir mi air falbh cion‐fàth uapasan lem bu mhiann cion‐fàth fhaotainn, a‑chum anns an nì as a bheil iad a’ dèanamh uaill, gum faighear iad eadhon mar sinne. Oir is ann dan leithidean sin tha abstoil brèige, luchd‐obrach cealgach, gan cur fhèin ann an coslas abstoil Chrìosd. Agus chan iongantach sin: oir cuirear Sàtan fhèin an cruth aingeal soillse. Uime sin cha nì mòr e ged chuirear a mhinistearan mar an ceudna ann an cruth ministearan na fìreantachd; aig am bi an crìoch dheireannach a rèir an obrach. Tha mi ag ràdh a‑rìs, Na measadh aon neach gur amadan mi; no fòs, gabhaibh rium, mar amadan fhèin, a‑chum gun dèan mi beagan uaill asam fhèin. An nì a tha mi a’ labhairt, chan ann a rèir an Tighearna a tha mi ga labhairt, ach mar gum b’ann gu h‑amaideach anns an dànadas uaille seo. Do bhrìgh gu bheil mòran a’ dèanamh uaill a rèir na feòla, nì mise uaill mar an ceudna. Oir giùlainidh sibh gu toileach le amadain, do bhrìgh gu bheil sibh fhèin glic. Oir fuilingidh sibh ma bheir neach an daorsa sibh, ma dh’itheas neach sibh, ma bheir neach ur cuid dhibh, ma dh’òrdaicheas neach e fhèin, ma bhuaileas neach air an aghaidh sibh. Tha mi a’ labhairt a‑thaobh eas‐urraim, mar gum bitheamaid anfhann: ach, ge bè nì anns a bheil neach air bith dàn (tha mi a’ labhairt gu h‑amaideach), tha mise dàn ann mar an ceudna. An Eabhraidhich iad? Mar sin tha mise mar an ceudna. An Israelich iad? Mar sin tha mise mar an ceudna. An sliochd do Abrahàm iad? Mar sin tha mise mar an ceudna: Am ministearan do Chrìosd iad? (tha mi a’ labhairt mar dhuine mì‑chèillidh). Tha mise os an cionn anns an nì seo: ann an saothairean nas pailte, ann am buillean thar tomhas, ann am prìosanan nas trice, ann am bàsan gu minig. Fhuair mi o na h‑Iùdhaich còig uairean dà‑fhichead buille ach a h‑aon. Ghabhadh orm le slatan trì uairean, chlachadh mi aon uair, dh’fhuiling mi long‐bhriseadh trì uairean; là agus oidhche bha mi anns an doimhne: Ann an turasan gu minig, ann an gàbhadh aibhnichean, ann an cunnartan fhear‐reubainn, ann an cunnartan om chinneach fhèin, ann an cunnartan o na Cinnich, ann an cunnartan anns a’ bhaile, ann an cunnartan anns an fhàsach, ann an cunnartan anns an fhairge, ann an cunnartan am measg bhràithrean breugach; Ann an saothair agus sgìos, ann am fairean gu minig, ann an acras agus tart, ann an trasgadh gu minig, ann am fuachd agus ann an lomnochdaidh. A bhàrr air na nithean a tha an leth a‑muigh, an nì a tha a’ teachd orm gu làitheil, ro‑chùram nan eaglaisean uile. Cò tha lag, agus nach eil mise lag? Cò tha a’ faotainn oilbheim, agus nach eil mise a’ losgadh? Mas èiginn dhomh uaill a dhèanamh, is ann as na nithean a bhuineas dom anfhainneachd a nì mi uaill. Tha fhios aig Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a tha beannaichte gu sìorraidh, nach eil mi a’ dèanamh brèige. Ann an Damascas chuir uachdaran a’ phobaill fo Aretas an rìgh freiceadan air baile nan Damasceneach, an rùn mise a ghlacadh: Ach tre uinneig leigeadh sìos ris a’ bhalla mi ann an cliabh, agus chaidh mi as a làmhan. Gu deimhinn chan eil e iomchaidh dhòmhsa uaill a dhèanamh: ach thig mi a‑chum seallaidhean agus taisbeanaidhean an Tighearna. B’aithne dhomh duine ann an Crìosd ceithir‐bliadhna‑deug roimhe seo (mas ann anns a’ cholainn, chan fhios dhomh; no as a’ cholainn, chan fhios dhomh; aig Dia tha fhios); a leithid sin de dhuine thogadh a‑chum an treas nèimh. Agus b’aithne dhomh a leithid sin de dhuine (mas anns a’ cholainn, no as a’ cholainn, chan fhios dhomh: aig Dia tha fhios); Gun do thogadh suas e gu Pàrras, agus gun cuala e briathran do‑labhairt, nach faod duine a labhairt. Mu a leithid sin de dhuine nì mi uaill: ach asam fhèin cha dèan mi uaill, mura dèan mi am anfhainneachdan. Oir ged b’àill leam uaill a dhèanamh, cha bhi mi am amadan; oir labhraidh mi an fhìrinn: gidheadh tha mi a’ cumail orm fhèin, air eagal gum bi meas aig duine orm thar mar tha e gam fhaicinn, no a’ cluinntinn umam. Agus air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas, tre ro‑mheud nan taisbeanaidhean, thugadh dhomh sgolb anns an fheòil, teachdaire Shàtain a‑chum gum buaileadh e mi, air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas. Air a shon seo ghuidh mi an Tighearna trì uairean, gun imicheadh seo uam. Agus thubhairt e rium, Is leòr mo ghràs‐sa dhut: oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an anfhainneachd. Uime sinn is ro‑thoilichte a nì mi uaill am anfhainneachdan, a‑chum gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh orm. Uime sin tha mi a’ gabhail tlachd ann an anfhainneachdan, ann am masladh, ann an uireasbhaidhean, ann an geur‐leanmhainnean, ann an teanntachdan airson Chrìosd: oir nuair a tha mi lag, an sin tha mi làidir. Rinneadh am amadan mi le uaill a dhèanamh; cho‐èignich sibhse mi: oir bu chòir dhomh a bhith air mo mholadh leibhse: oir cha robh mi a’ bheag sam bith goirid air na h‑abstoil as àirde, ged nach eil annam ach neoni. Gu deimhinn dh’obraicheadh comharraidhean abstoil nur measg‐se anns gach uile fhoighidinn, ann an comharraidhean agus ann an iongantais, agus ann an cumhachdan. Oir ciod an nì anns an robh sibh na bu lugha na eaglaisean eile, mura e nach do leig mi fhèin mo throm oirbh? Thugaibh maitheanas dhomh anns an eucoir seo. Feuch, tha mi ullamh a‑nis an treas uair gu teachd dur n‑ionnsaigh; agus cha chuir mi mo throm oirbh; oir chan e ur cuid a tha mi ag iarraidh, ach sibh fhèin: oir chan eil e mar fhiachan air a’ chloinn ionmhas a chruinneachadh fa chomhair nam pàrantan, ach air na pàrantan fa chomhair na cloinne. Agus is ro‑thogarrach a nì mise caitheamh, agus a chaithear mi airson ur n‑anama‐se, ged mar is ro‑phailte tha gràdh agam dhuibh, is lugha ur gràdh‐se dhomh. Ach biodh e mar sin, nach do chuir mi trom oirbh: gidheadh, air dhomh a bhith innleachdach, ghlac mi le seòltachd sibh. An do rinn mise tre aon neach dhiubhsan a chuir mi dur n‑ionnsaigh buannachd dhibh? Ghuidh mi air Tìtus dol dur n‑ionnsaigh, agus chuir mi bràthair maille ris: an do rinn Tìtus buannachd dhibh? Nach do ghluais sinn anns an aon spiorad? Agus anns na h‑aon cheuman? A‑rìs, a bheil sibh a’ saoilsinn gu bheil sinne a’ gabhail ar leisgeil ribh? Tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd: ach tha an t‑iomlan, a chàirdean, a‑chum ur fòghlaim‐se. Oir is eagal leam, air dhomh teachd, nach faigh mi sibh mar as miann leam, agus gum faighear mise dhuibhse mar nach bu mhiann leibh: air eagal gum bi connsachadh, farmad, fearg, còmhstri, cùl‐chàineadh, cogarsaich, àrdan, ceannairce nur measg: Air eagal, nuair a thig mi a‑rìs, gun ìslich mo Dhia mi nur measg, agus gun dèan mi caoidh airson mòran den dream a pheacaich cheana, agus nach do ghabh aithreachas den neòghlaine, agus strìopachas, agus mhacnas, a rinn iad. Is i seo an treas uair a tha mi a’ teachd dur n‑ionnsaigh: ann am beul dithis no triùir fhianaisean bidh gach facal seasmhach. Dh’innis mi cheana, agus tha mi ro‑làimh ag innse dhuibh, mar gum bithinn an làthair an dara uair; agus a‑nis air dhomh a bhith as ur làthair, tha mi a’ sgrìobhadh a‑chum na dream a pheacaich roimhe seo, agus a‑chum chàich uile, ma thig mi a‑rìs, nach caomhain mi: O tha sibh ag iarraidh dearbhaidh air Crìosd a’ labhairt annamsa, neach dur taobh‐se nach eil anfhann, ach a tha cumhachdach annaibh. Oir ged a cheusadh e tre anfhainneachd, gidheadh tha e beò tre chumhachd Dhè: oir tha sinne mar an ceudna anfhann annsan, gidheadh bidh sinn beò maille ris tre chumhachd Dhè dur taobh‐se. Ceasnaichibh sibh fhèin, a bheil sibh anns a’ chreideamh; dearbhaibh sibh fhèin: nach aithne dhuibh sibh fhèin, gu bheil Iosa Crìosd annaibh, mura daoine a chuireadh air cùl sibh? Ach tha dòchas agam gum bi fhios agaibh nach daoine a chuireadh air cùl sinne. A‑nis tha mi a’ guidhe air Dia gun sibhse a dhèanamh uilc air bith; chan ann a‑chum gum faicear sinne a bhith dearbhte, ach a‑chum gun dèanadh sibhse an nì sin a tha math, ged robh sinne mar dhaoine a chuireadh air cùl. Oir chan urrainn sinn nì air bith a dhèanamh an aghaidh na fìrinn, ach airson na fìrinn. Oir tha sinn subhach nuair a tha sinn fhèin anfhann, agus sibhse làidir: agus tha sinn a’ guidhe seo mar an ceudna, sibhse a bhith coileanta. Is ann uime seo a sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh air dhomh a bhith as ur làthair, a‑chum air dhomh a bhith an làthair nach bithinn garg, a rèir a’ chumhachd a thug an Tighearna dhomh a‑chum togail suas, ach chan ann a‑chum sgrios. Fa‑dheòidh, a bhràithrean, slàn leibh: bithibh coileanta, bithibh subhach, bithibh a dh’aon inntinn, bithibh sìochail; agus bidh Dia a’ ghràidh agus na sìthe maille ribh. Cuiribh fàilte air a chèile le pòig naoimh. Tha na naoimh uile a’ cur beannachd dur n‑ionnsaigh. Gràs an Tighearna Iosa Crìosd, agus gràdh Dhè, agus co‑chomann an Spioraid Naoimh, gu robh maille ribh uile. Amen. Pòl abstol (chan ann o dhaoine, no tre dhuine, ach tre Iosa Crìosd, agus tre Dhia an t‑Athair, a thog suas e o na mairbh), Agus na bràithrean uile a tha maille rium, a‑chum eaglaisean Ghalàtia: Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus o ar Tighearna Iosa Crìosd; A thug e fhèin airson ar peacaidhean, a‑chum gun saoradh e sinn on droch shaoghal a tha an làthair, a rèir toil Dhè agus ar n‑Athar‐ne: Dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen. Is ioghnadh leam gun d’atharraicheadh sibh cho luath uaithesan, a ghairm sibh tre ghràs Chrìosd, gu soisgeul eile: Nì nach soisgeul eile; ach tha dream àraidh gur buaireadh, len àill soisgeul Chrìosd a thilgeadh bun‐os‑cionn. Ach nan dèanamaid‐ne, no aingeal o nèamh, soisgeul eile a shearmonachadh dhuibh, ach an soisgeul a shearmonaich sinn dhuibh, biodh e mallaichte. Amhail a thubhairt sinn roimhe, tha mise ag ràdh a‑nis a‑rìs mar an ceudna, Ma shearmonaicheas neach sam bith soisgeul eile dhuibh, ach an soisgeul a ghabh sibh, biodh e mallaichte. Oir a bheil mi a‑nis a’ cur impidh air daoine, no air Dia? No a bheil mi ag iarraidh daoine a thoileachadh? Oir nam bithinn fhathast a’ toileachadh dhaoine, cha bhithinn am sheirbhiseach aig Crìosd. Ach tha mi a’ toirt fios dhuibh, a bhràithrean, an soisgeul a shearmonaicheadh leamsa, nach ann a rèir duine a tha e. Oir cha b’ann o dhuine a fhuair mi e, cha mhò a theagaisgeadh dhomh e, ach tre fhoillseachadh Iosa Crìosd. Oir chuala sibh mo chaitheamh‐beatha‐sa anns an aimsir a chaidh seachad, ann an creideamh nan Iùdhach, gun do rinn mi thar tomhas geur‐leanmhainn air eaglais Dhè, agus gun d’fhàsaich mi i: Agus gun tàinig mi air m’aghaidh ann an creideamh nan Iùdhach thar mòran dem chomhaoisean am measg mo chinnich fhèin, air dhomh a bhith na bu ro‑eudmhoire mu ghnàthannan mo shinnsireachd. Ach nuair a b’i deagh thoil Dhè, a sgar o bhroinn mo mhàthar mi, agus a ghairm mi tre a ghràs, A Mhac fhèin fhoillseachadh annam, a‑chum gun searmonaichinn e am measg nan Cinneach; air ball cha do chuir mi comhairle ri feòil agus fuil: Cha mhò a chaidh mi suas do Ierusalem, a‑chum na muinntir sin a bha nan abstoil romham; ach chaidh mi do Aràbia, agus a‑rìs thàinig mi air m’ais gu Damascas. An dèidh sin an ceann trì bliadhna, chaidh mi suas gu Ierusalem, a dh’fhaicinn Pheadair, agus dh’fhan mi maille ris còig‐làithean‐deug. Ach neach air bith eile de na h‑abstoil chan fhaca mi, ach Seumas, bràthair an Tighearna. A‑nis anns na nithean a tha mi a’ sgrìobhadh dhuibh, feuch, an làthair Dhè, chan eil mi a’ dèanamh brèige. Na dhèidh sin thàinig mi gu crìochan Shiria agus Chilicia; Agus cha robh eòlas orm a‑thaobh m’fhaicinn aig eaglaisean Iudèa, a bha ann an Crìosd: Ach a‑mhàin chuala iad, An tì anns an àm a chaidh seachad a bha gar geur‐leanmhainn, gu bheil e a‑nis a’ searmonachadh a’ chreidimh a bha e a’ sgrios roimhe seo: Agus thug iad glòir do Dhia air mo shon‐sa. An sin, an ceann ceithir‐bliadhna‐deug, chaidh mi a‑rìs suas gu Ierusalem, maille ri Barnabas, a’ toirt Thìtuis leam mar an ceudna. Agus chaidh mi suas a rèir foillseachaidh, agus chuir mi an cèill dhaibh an soisgeul a tha mi a’ searmonachadh am measg nan Cinneach, ach ann an uaigneas dhaibhsan air an robh meas, air eagal air chor sam bith gun ruithinn, no gun do ruith mi, gu dìomhain. Ach cha b’èiginn do Thìtus fhèin, a bha am chuideachd, a bhith air a thimcheall‐ghearradh, ged bu Ghreugach e: Agus sin airson bhràithrean brèige a ghoid a‑steach nar measg, a thàinig a‑steach an uaigneas a dh’fhaicinn ar saorsa, a tha againn ann an Iosa Crìosd, a‑chum ar toirt fo dhaorsa; Do nach do ghèill sinn eadhon rè uaire; a‑chum gum buanaicheadh fìrinn an t‑soisgeil maille ribhse. Ach on dream sin a mheasadh gum bu nì‑eigin iad, ciod air bith a bha iad roimhe, chan eil suim ann dhòmhsa: chan eil suim aig Dia de phearsa duine, oir iadsan a mheasadh gum bu nì‑eigin iad, cha do phàirtich iad len còmhradh a’ bheag sam bith riumsa: Ach air an làimh eile, nuair a chunnaic iad gun d’earbadh soisgeul an neo‐thimcheall‐ghearraidh riumsa, mar a dh’earbadh soisgeul an timcheall‐ghearraidh ri Peadar; (Oir an tì a dh’obraich gu h‑èifeachdach ann am Peadar a‑chum abstolachd an timcheall‐ghearraidh, dh’obraich e gu cumhachdach annamsa mar an ceudna a‑chum nan Cinneach:) Agus nuair a thuig Seumas, agus Cèphas, agus Eòin, a tha air am meas nam puist, an gràs a thugadh dhomh, thug iad dhòmhsa agus do Bharnabas deaslàmh a’ chomainn; a‑chum gun rachamaid a‑chum nan Cinneach, agus iad fhèin a‑chum an timcheall‐ghearraidh. A‑mhàin b’àill leo gum bitheamaid cuimhneachail air na bochdan: nì mar an ceudna a bha ro‑thoil agam fhèin a dhèanamh. Ach nuair a thàinig Peadar gu Antioch, sheas mi na aghaidh as an aodann, a chionn gu robh e ra choireachadh. Oir ro do dhream àraidh teachd o Sheumas, dh’ith e biadh maille ris na Cinnich, ach nuair a thàinig iadsan, chaidh e a thaobh, agus thearbaidh e e fhèin, air eagal na muinntir a bha den timcheall‐ghearradh. Agus rinn na h‑Iùdhaich eile gnùis‐mhealladh maille ris mar an ceudna; ionnas gun tugadh Barnabas mar an ceudna a thaobh len cluain. Ach nuair a chunnaic mise nach do ghluais iad gu treibhdhireach, a rèir fìrinn an t‑soisgeil, thubhairt mi ri Peadar nam fianais uile, Ma tha thusa, a tha ad Iùdhach, a’ caitheamh do bheatha a rèir nan Cinneach, agus chan ann a rèir nan Iùdhach, carson a tha thu ag èigneachadh nan Cinneach am beatha a chaitheamh mar na h‑Iùdhaich? Air dhuinne a tha nar n‑Iùdhaich a‑thaobh nàdair, agus chan ann nar peacaich de na Cinnich, Fios a bhith againn nach eil duine air fhìreanachadh o obraichean an lagha, ach tre chreideamh Iosa Crìosd, chreid sinne fhèin ann an Iosa Crìosd; a‑chum gum bitheamaid air ar fìreanachadh o chreideamh Chrìosd, agus chan ann o obraichean an lagha: oir o obraichean an lagha, cha bhi feòil sam bith air a fìreanachadh. Ach air dhuinn a bhith ag iarraidh a bhith air ar fìreanachadh tre Chrìosd, ma gheibhear nar peacaich sinn fhèin, a bheil, uime sin, Crìosd na mhinistear peacaidh? Nar leigeadh Dia. Oir ma thogas mi a‑rìs suas na nithean a leag mi, tha mi a’ dèanamh ciontaich dhìom fhèin. Oir tha mise tre an lagh marbh don lagh, a‑chum gum bithinn beò do Dhia. Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon. Chan eil mi a’ cur gràs Dhè an neo‐bhrìgh: oir ma tha fìreantachd tre an lagh, is ann gun adhbhar a fhuair Crìosd bàs. O Ghalàtianacha amaideach, cò a chuir draoidheachd oirbh, ionnas nach biodh sibh umhail don fhìrinn, don robh Crìosd air a nochdadh gu soilleir fa chomhair ur sùl, air a cheusadh nur measg? Seo a‑mhàin a b’àill leam fhòghlam uaibh, An ann o obraichean an lagha a fhuair sibh an Spiorad, no o èisdeachd a’ chreidimh? A bheil sibh cho amaideach is sin? Air dhuibh tòiseachadh anns an Spiorad, a bheil sibh a‑nis air ur dèanamh foirfe leis an fheòil? An d’fhuiling sibh na h‑uiread sin de nithean gu dìomhain, mas ann da‑rìribh gu dìomhain? An tì uime sin a tha a’ frithealadh dhuibh an Spioraid, agus ag obrachadh mhìorbhailean nur measg, an ann tre obraichean an lagha, no tre èisdeachd a’ chreidimh a nì e seo? Eadhon mar a chreid Abrahàm Dia, agus a mheasadh sin dha mar fhìreantachd. Uime sin biodh fhios agaibh an dream a tha den chreideamh, gur iad sin clann Abrahàim. Oir air fhaicinn roimhe don sgriobtar gum fìreanaicheadh Dia na Cinnich tre chreideamh, shearmonaich e an soisgeul ro‑làimh do Abrahàm, ag ràdh, Beannaichear na h‑uile Chinnich annadsa. Uime sin tha an dream a tha den chreideamh air am beannachadh maille ri Abrahàm, fìor‐chreidmheach. Oir a mheud is a tha de obraichean an lagha, tha iad fon mhallachadh; oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach neach nach buanaich anns na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha a‑chum an dèanamh. Ach is nì follaiseach nach fìreanaichear neach sam bith tre an lagh ann am fianais Dhè: oir, Bidh am fìrean beò tre chreideamh. Agus chan eil an lagh o chreideamh: ach, An duine a nì iad gheibh e beatha annta. Shaor Crìosd sinne o mhallachadh an lagha, air dha a bhith air a dhèanamh na mhallachadh air ar son: oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach aon a chrochar air crann: A‑chum gun tigeadh beannachadh Abrahàim air na Cinnich tre Iosa Crìosd; ionnas gum faigheamaid gealladh an Spioraid tre chreideamh. A bhràithrean, tha mi a’ labhairt mar dhuine; ged nach bi ann ach coicheangal duine, ma tha e air a dhaingneachadh, cha chuir neach air bith air cùl e, agus cha chuirear nì sam bith ris. A‑nis is ann do Abrahàm a thugadh na geallaidhean, agus da shìol. Chan abair e, Agus do shìolan, mar gum biodh e a’ labhairt mu mhòran; ach mar mu aon, Agus dod shìol‐sa, neach as e Crìosd. Agus tha mi ag ràdh seo, nach fhaodar gun cuir an lagh, a thugadh an ceann ceithir cheud agus deich‐bliadhna‐fichead na dhèidh, an coicheangal an neo‐bhrìgh, a dhaingnicheadh roimhe le Dia ann an Crìosd, ionnas gun cuireadh e an gealladh air cùl. Oir mas ann on lagh a tha an oighreachd, chan eil i nas mò on ghealladh: ach thug Dia gu saor i do Abrahàm tre ghealladh. Carson uime sin a thugadh an lagh? Thugadh e airson easaontais, gus an tigeadh an sìol, don do rinneadh an gealladh; air òrdachadh le ainglean ann an làimh eadar‐mheadhonair. A‑nis an t‑eadar‐mheadhonair chan ann airson aoin a tha e na eadar‐mheadhonair; ach is aon Dia. Uime sin a bheil an lagh an aghaidh geallaidhean Dhè? Nar leigeadh Dia: oir nam biodh lagh air a thabhairt a bhiodh comasach air beatha a thoirt uaithe, gu deimhinn is ann on lagh a bhiodh fìreantachd. Ach dh’fhàg an sgriobtar na h‑uile dhaoine dùinte anns a’ pheacadh, a‑chum gum biodh an gealladh tre chreideamh Iosa Crìosd air a thoirt dhaibhsan a tha a’ creidsinn. Ach mun tàinig an creideamh, choimheadadh sinn fon lagh, air ar druideadh a‑steach a‑chum a’ chreidimh a bha gu bhith air fhoillseachadh. Uime sin b’e an lagh ar n‑oide‐fòghlaim gu ar treòrachadh gu Crìosd, a‑chum gum bitheamaid air ar fìreanachadh tre chreideamh. Ach air teachd don chreideamh, chan eil sinn nas mò fo oide‐fòghlaim. Oir is sibhse uile mic Dhè tre chreideamh ann an Iosa Crìosd. Oir a mheud agaibh is a bhaisteadh do Chrìosd, chuir sibh umaibh Crìosd. Chan eil Iùdhach no Greugach, chan eil saor no daor, chan eil fireann no boireann ann; oir is aon sibh uile ann an Iosa Crìosd. Agus mas le Crìosd sibh, is sibh sìol Abrahàim gun amharas, agus is oighreachan sibh a rèir a’ gheallaidh. A‑nis tha mi ag ràdh, am feadh a bhios an t‑oighre na leanabh, nach eil eadar‐dhealachadh sam bith eadar e agus seirbhiseach, ged is e tighearna nan uile; Ach tha e fo luchd‐coimhead, agus fo luchd‐riaghlaidh gu teachd na h‑aimsir a dh’òrdaich an t‑athair. Agus mar an ceudna sinne, nuair a bha sinn nar leanaban, bha sinn ann an daorsa fo chiad fhòghlam an t‑saoghail: Ach nuair a thàinig coileanadh na h‑aimsir, chuir Dia a Mhac fhèin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fon lagh, A‑chum gun saoradh e iadsan a bha fon lagh, ionnas gum faigheamaid‐ne uchd‐mhacachd na cloinne. Agus do bhrìgh gur mic sibh chuir Dia Spiorad a mhic fhèin nur cridheachan, ag èigheach, Abba, Athair. Uime sin cha seirbhiseach thu nas mò, ach mac; agus mas mac, is oighre mar an ceudna air Dia tre Chrìosd. Gidheadh, nuair nach b’aithne dhuibh Dia, rinn sibh seirbhis dhaibhsan nach eil nan diathan a‑thaobh nàdair. Ach a‑nis air dhuibh Dia aithneachadh, no mar as fheàrr a dh’fhaodar a ràdh, a bhith air ur n‑aithneachadh le Dia, cionnas a tha sibh ag ath‐thilleadh a‑chum nan ciad‐thoiseach anfhann agus bochd, dom miann leibh a bhith a‑rìs fo dhaorsa? Tha sibh a’ coimhead làithean, agus mhìosan, agus aimsirean, agus bhliadhnachan. Tha eagal orm dur taobh gun do chaith mi gu dìomhain mo shaothair oirbh. Guidheam oirbh, a bhràithrean, bithibh mar a tha mise; oir tha mise mar a tha sibhse: cha do rinn sibh eucoir sam bith orm. Tha fhios agaibh gum b’ann tre anfhainneachd na feòla a shearmonaich mi dhuibh an soisgeul air tùs. Agus air mo bhuaireadh a bha ann am fheòil cha do rinn sibh tarcais, agus cha do ghabh sibh gràin dhìom; ach ghabh sibh rium mar aingeal Dhè, mar Iosa Crìosd. Ciod e, mas eadh, an sonas sin a bha agaibh? Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhuibh, nam bu chomasach e, gun spìonadh sibh a‑mach ur sùilean fhèin, agus gun tugadh sibh dhòmhsa iad. Uime sin an do rinneadh nàmhaid dhuibh dhìom, airson mi a dh’innse na fìrinn dhuibh? Tha iadsan eudmhor umaibh, ach chan ann gu math; ach b’àill leo sinne a dhruideadh a‑mach, a‑chum gum biodh sibhse eudmhor umpa fhèin. Ach is math a bhith eudmhor ann an nì math a‑ghnàth, agus chan ann a‑mhàin nuair a tha mise an làthair maille ribh. Mo chlann bheag, air a bheil mi a‑rìs ri saothair, gus an dealbhar Crìosd annaibh, B’àill leam a bhith a‑nis an làthair maille ribh, agus mo ghuth a chaochladh, oir tha mi fo amharas umaibh. Innsibh dhomh, sibhse lem miann a bhith fon lagh, nach cluinn sibh an lagh? Oir tha e sgrìobhte, gu robh aig Abrahàm dithis mhac; aon ri banoglaich, agus am mac eile ri mnaoi shaoir. Agus esan a bha aige ris a’ bhanoglaich, ghineadh a rèir na feòla e; ach esan a bha aige ris a’ mhnaoi shaoir, tre ghealladh. Na nithean seo is samhladh iad; oir is iad seo an dà choicheangal; aon dhiubh o bheinn Shinài, a tha a’ breith a‑chum daorsa, as i Agar. Oir is i Agar beinn Shinài ann an Aràbia, agus tha i a’ co‑fhreagradh do Ierusalem a tha a‑nis ann, agus tha i fo dhaorsa maille ra cloinn. Ach tha an Ierusalem a tha shuas saor, agus is màthair dhuinn uile i. Oir tha e sgrìobhte, Dèan gàirdeachas, a bhean neo‐thorrach nach eil a’ breith cloinne; bris a‑mach agus glaodh, thusa nach eil ri saothair: oir is lìonmhoire clann na mnà aonaranaich, na na mnà aig a bheil fear. A‑nis, a bhràithrean, is sinne, mar a bha Isaac, clann a’ gheallaidh. Ach mar a rinn esan, a rugadh a rèir na feòla, anns an àm sin geur‐leanmhainn airsan a rugadh a rèir an Spioraid, is amhail sin a tha a‑nis mar an ceudna. Ach ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Tilg a‑mach a’ bhanoglach agus a mac: oir cha bhi mac na banoglaich na oighre maille ri mac na mnà saoire. Uime sin, a bhràithrean, cha sinne clann na banoglaich, ach na mnà saoire. Uime sin seasaibh gu daingeann anns an t‑saorsa leis an do rinn Crìosd saor sinn, agus na bithibh a‑rìs air ur cuibhreachadh le cuing na daorsa. Feuch, tha mise Pòl ag ràdh ribh, ma thimcheall‐ghearrar sibh, nach bi tairbhe air bith dhuibh ann an Crìosd. Oir tha mi a‑rìs a’ dèanamh fianais do gach uile dhuine a thimcheall‐ghearrar, gu bheil e mar fhiachan air an lagh gu h‑iomlan a choileanadh. Chan eil tairbhe sam bith ann an Crìosd dhuibhse a tha air ur fìreanachadh tre an lagh; thuit sibh o ghràs. Oir tha sinne tre an Spiorad a’ feitheamh ri dòchas fìreantachd o chreideamh. Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall‐ghearradh, no ann an neo‐thimcheall‐ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh. Is math a ruith sibh; cò a bhac sibh o bhith umhail don fhìrinn? Cha tàinig an impidh seo on tì a ghairm sibh. Gortaichidh beagan de thaois ghoirt am meall uile. Tha muinghinn agam asaibh anns an Tighearna, nach bi sibh a dh’aon dòigh air atharrachadh inntinn: ach an tì a tha a’ cur dragha oirbh, giùlainidh e a bhreitheanas, cò air bith e. Agus mise, a bhràithrean, ma shearmonaicheas mi fhathast an timcheall‐ghearradh, carson a nìthear fhathast geur‐leanmhainn orm? An sin bhiodh oilbheum a’ chroinn‐cheusaidh air a chur air cùl. B’fheàrr leam gum biodh iadsan a tha a’ cur mì‑shuaimhneis oirbh eadhon air an gearradh as uaibh. Oir, a bhràithrean, ghairmeadh a‑chum saorsa sibh; a‑mhàin na dèanaibh an t‑saorsa na cion‐fàth don fheòil, ach le gràdh dèanaibh seirbhis da chèile. Oir tha an lagh uile air a choileanadh ann an aon fhacal, eadhon ann an seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin. Ach ma bhios sibh a’ teumadh agus ag ithe a chèile, thugaibh aire nach claoidhear le a chèile sibh. Tha mi ag ràdh mas eadh, Gluaisibh anns an Spiorad, agus cha choilean sibh ana‐miann na feòla. Oir tha an fheòil a’ miannachadh an aghaidh an Spioraid, agus an Spiorad an aghaidh na feòla: agus tha iad sin an aghaidh a chèile; ionnas nach faigh sibh na nithean a bu mhiann leibh a dhèanamh. Ach ma threòraichear leis an Spiorad sibh, chan eil sibh fon lagh. A‑nis tha obraichean na feòla follaiseach, as iad seo, adhaltranas, strìopachas, neòghlaine, macnas. Iodhal‐adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh‐chreideamh. Farmad, mortan, misg, raoidhteireachd, agus an leithidean sin: mum bheil mi ag innse dhuibh ro‑làimh, mar a dh’innis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan a nì an leithidean sin rìoghachd Dhè. Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad‐fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh, Macantas, stuaim: an aghaidh an samhail sin chan eil lagh. Agus iadsan as le Crìosd, cheus iad an fheòil, maille ri a h‑an‑tograidhean agus a h‑ana‐miannan. Mas beò dhuinn anns an Spiorad, gluaiseamaid anns an Spiorad mar an ceudna. Na bitheamaid dèidheil air glòir dhìomhain, a’ brosnachadh a chèile, a’ gabhail farmaid ri chèile. A bhràithrean, ma ghlacar neach ann an coire air bith gu h‑obann, sibhse a tha spioradail togaibh suas a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na macantachd; a’ toirt aire dhut fhèin, nach buairear thu mar an ceudna. Giùlainibh uallaichean a chèile, agus mar sin coileanaibh lagh Chrìosd. Oir ma shaoileas duine gur nì‑eigin e fhèin, gun a bhith ann ach neoni, tha e ga mhealladh fhèin. Ach dearbhadh gach neach a obair fhèin, agus an sin bidh adhbhar gàirdeachais aige da thaobh fhèin a‑mhàin, agus chan ann a‑thaobh neach eile. Oir giùlainidh gach neach a uallach fhèin. Co‑roinneadh an neach a tha air a theagasg anns an fhacal ris an neach a tha ga theagasg, anns na h‑uile nithean matha. Na meallar sibh; cha dèanar fanaid air Dia: oir ge bè nì a shìol‐chuireas duine, an nì ceudna buainidh e. Oir an tì a chuireas da fheòil, buainidh e on fheòil truaillidheachd; ach an tì a chuireas don Spiorad, buainidh e on Spiorad a’ bheatha shuthainn. Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn. Uime sin a rèir mar a tha cothrom againn, dèanamaid math do na h‑uile dhaoine, ach gu h‑àraidh dhaibh‐san a tha de theaghlach a’ chreidimh. Tha sibh a’ faicinn meud na litreach a sgrìobh mi dhuibh lem làimh fhèin. A mheud lem miann iad fhèin a thaisbeanadh gu sgiamhach anns an fheòil, tha iad gur n‑èigneachadh gu bhith air ur timcheall‐ghearradh; a‑mhàin a‑chum nach dèante geur‐leanmhainn orra airson crann‐ceusaidh Chrìosd. Oir chan eil iadsan fhèin a tha air an timcheall‐ghearradh a’ coimhead an lagha: ach is àill leo sibhse a bhith air ur timcheall‐ghearradh, a‑chum is gun dèan iad uaill nur feòil. Ach nar leigeadh Dia gun dèanainn‐sa uaill ach ann an crann‐ceusaidh ar Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil an saoghal air a cheusadh dhòmhsa, agus mise don t‑saoghal. Oir ann an Iosa Crìosd chan eil èifeachd air bith ann an timcheall‐ghearradh, no ann an neo‐thimcheall‐ghearradh, ach ann an cruthachadh nuadh. Agus a mheud is a shiùbhlas a rèir na riaghailt seo, sìth orra, agus tròcair, agus air Israel Dhè. O seo a‑mach na cuireadh neach sam bith dragh orm; oir tha mi a’ giùlan comharraidhean an Tighearna Iosa ann am chorp. A bhràithrean, gu robh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd maille ri ur spiorad. Amen. Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, a‑chum nan naomh a tha ann an Ephesus, agus nan creidmheach ann an Iosa Crìosd: Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus on Tighearna Iosa Crìosd. Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd; A rèir mar a thagh e sinn annsan, mun do leagadh bunait an domhain, a‑chum gum bitheamaid naomh, agus neo‐choireach, na làthair‐san ann an gràdh: A ro‑òrdaich sinn a‑chum uchd‐mhacachd na cloinne tre Iosa Crìosd dha fhèin, a rèir deagh‐ghean a thoile, A‑chum cliù glòir a ghràis, tre an do rinn e sinn taitneach na Mhac gràdhach: Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil‐san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis; Anns an robh e ro‑phailt dhuinn anns an uile ghliocas, agus thuigse; A dh’fhoillsich dhuinn rùn‐diamhair a thoile, a rèir a dheagh‐ghean fhèin a rùnaich e ann fhèin: A‑chum ann am frithealadh coileanadh nan aimsir, gun cruinnicheadh e ann an aon na h‑uile nithean ann an Crìosd, araon na nithean a tha air nèamh agus na nithean a tha air talamh, eadhon annsan; Anns an d’fhuair sinne mar an ceudna oighreachd, air dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an tì a tha ag obrachadh nan uile nithean a rèir comhairle a thoile fhèin; Ionnas gum bitheamaid‐ne, a chuir air tùs dòchas ann an Crìosd, a‑chum cliù a ghlòire‐san. Anns an do chuir sibhse mar an ceudna dòchas, air dhuibh facal na fìrinn a chluinntinn, eadhon soisgeul ur slàinte: neach an dèidh dhuibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad Naomh sin a’ gheallaidh, Neach as e geall‐daingnich ar n‑oighreachd‐ne, gu teachd saorsa na seilbhe a cheannaicheadh a‑chum cliù a ghlòire. Uime sin air cluinntinn dhòmhsa mar an ceudna ur creideamh‐se anns an Tighearna Iosa, agus ur gràdh do na naoimh uile, Chan eil mi a’ sgur de bhith a’ toirt buidheachais air ur son, a’ luaidh oirbh ann am ùrnaighean; Gun tugadh Dia ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair na glòire, spiorad gliocais agus foillseachaidh dhuibh, ann an eòlas airsan; Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme‐san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd‐san anns na naoimh; Agus ciod e ro‑mheud a chumhachd dar taobh‐ne a tha a’ creidsinn, a rèir obrachadh a threun‐neirt; A dh’obraich e ann an Crìosd, nuair a thog e o na mairbh e, agus a chuir e na shuidhe air a dheaslàimh fhèin e anns na h‑ionadan nèamhaidh, Gu ro‑àrd os cionn gach uile uachdaranachd, agus cumhachd, agus neirt, agus tighearnais, agus gach ainme a dh’ainmichear, chan e a‑mhàin anns an t‑saoghal seo, ach anns an t‑saoghal ri teachd mar an ceudna: Agus chuir e na h‑uile nithean fo a chasan, agus thug e e gu bhith na cheann os cionn nan uile nithean don eaglais, A tha na corp aige, lànachd an tì a tha a’ lìonadh nan uile nithean anns na h‑uile. Agus sibhse bheothaich e, a bha marbh ann an euceartan agus ann am peacaidhean: Anns an do ghluais sibh anns na h‑àmannan a chaidh seachad, a rèir gnàth an t‑saoghail seo, a rèir uachdaran cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas‐ùmhlachd: Am measg an robh againn uile mar an ceudna ar caitheamh‐beatha roimhe seo, ann an ana‐miannan ar feòla, a’ dèanamh toil na feòla, agus nan smuaintean; agus bha sinn a‑thaobh nàdair nar cloinn na feirge, eadhon mar chàch. Ach Dia, a tha saoibhir ann an tròcair, airson a mhòr‐ghràidh leis an do ghràdhaich e sinn, Eadhon air dhuinn a bhith marbh ann am peacaidhean, cho‐bheothaich e sinn maille ri Crìosd; (le gràs tha sibh air ur tèarnadh;) Agus cho‐thog, agus cho‐shuidhich e sinn ann an ionadan nèamhaidh ann an Iosa Crìosd: A‑chum gum foillsicheadh e anns na linntean ri teachd saoibhreas ro‑phailt a ghràis, ann an coibhneas dar taobh‐ne, tre Iosa Crìosd. Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e: Chan ann o obraichean, a‑chum nach dèanadh neach air bith uaill: Oir is sinne a obair‐san, air ar cruthachadh ann an Iosa Crìosd a‑chum dheagh obraichean, airson an d’ullaich Dia ro‑làimh sinn, a‑chum gun gluaiseamaid annta. Uime sin cuimhnichibh, air dhuibh a bhith anns an aimsir a chaidh thairis nur Cinnich anns an fheòil, ris an abrar an neo‐thimcheall‐ghearradh leòsan den goirear an timcheall‐ghearradh làmh‐dhèante anns an fheòil; Gu robh sibh anns an àm sin as eugmhais Chrìosd, nur coimhich do cho‐fhlaitheachd Israeil, agus nur coigrich do choicheangail a gheallaidh, as eugmhais dòchais, agus gun Dia anns an t‑saoghal: Ach a‑nis ann an Iosa Crìosd, tha sibhse a bha roimhe seo fad o làimh, air ur toirt am fagas tre fhuil Chrìosd. Oir is esan ar sìth‐ne, a rinn aon dhinn araon, agus a bhris sìos balla meadhonach an eadar‐dhealachaidh: Air dha an naimhdeas a chur air cùl tre a fheòil fhèin, eadhon lagh nan àitheantan, a chuireadh sìos ann an òrdaighean, a‑chum gun dèanadh e ann fhèin de dhithis aon duine nuadh, mar sin a’ dèanamh sìthe; Agus gun dèanadh e rèidh araon iad ri Dia ann an aon chorp tre a chrann‐cheusaidh, air dha an naimhdeas a mharbhadh le sin; Agus thàinig e agus shearmonaich e sìth dhuibhse a bha am fad, agus dhaibhsan a bha am fagas. Oir trìdsan tha araon slighe againn gu dol a‑steach tre aon Spiorad a‑chum an Athar. A‑nis uime sin, chan eil sibh nas mò nur coigrich agus nur coimhich, ach nur luchd aon bhaile ris na naoimh, agus nur muinntir‐teaghlaich Dhè; Agus tha sibh air ur togail suas air bunait nan abstol agus nam fàidhean, air a bhith do Iosa Crìosd fhèin na chloich‐chinn na h‑oisinn; Anns a bheil an aitreabh uile, ceangailte gu ceart ri chèile, a’ fàs suas a‑chum a bhith na teampall naomh anns an Tighearna: Anns a bheil sibhse mar an ceudna air ur co‑thogail suas a‑chum a bhith nur taigh‐còmhnaidh do Dhia tre an Spiorad. Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Iosa Crìosd air ur son‐se, a Chinneacha; O chuala sibh mu fhrithealadh gràs Dhè, a thugadh dhomh air ur son‐se: Gun do rinn e aithnichte dhomh tre fhoillseachadh an rùin‐diamhair (mar a sgrìobh mi roimhe gu h‑aithghearr, Leis am faod sibh, air dhuibh a leughadh, m’eòlas ann an rùn‐diamhair Chrìosd a thuigsinn); Nì, ann an linntean eile, air nach tugadh fios do chloinn nan daoine, mar tha e a‑nis air fhoillseachadh da abstoil naomha agus da fhàidhean tre an Spiorad; Gum biodh na Cinnich nan co‑oighreachan, agus nan co‑chorp, agus nan luchd‐compàirt de a ghealladh‐san ann an Crìosd, tre an t‑soisgeul: Air an do rinneadh mise am mhinistear, a rèir tìodhlac gràs Dhè a thugadh dhomh, a rèir obrachadh èifeachdach a chumhachd. Dhòmhsa, as lugha na an tì as lugha de na naoimh uile, thugadh an gràs seo, saoibhreas Chrìosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach; Agus gun dèanainn soilleir do na h‑uile dhaoine, ciod e comann an rùin‐diamhair sin, a bha falaichte ann an Dia o thoiseach an t‑saoghail, a chruthaich na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd; A‑chum gun dèante aithnichte a‑nis do na h‑uachdaranachdan, agus do na cumhachdan ann an ionadan nèamhaidh, leis an eaglais, gliocas eugsamhail Dhè. A rèir an rùin shìorraidh a rùnaich e ann an Iosa Crìosd ar Tighearna: Anns a bheil againn dànachd agus slighe gu dol a‑steach ann am muinghinn tre a chreideamh‐san. Uime sin tha mi ag iarraidh nach fannaich sibh as leth mo thrioblaidean‐sa air ur son, nì as e ur glòir. Air an adhbhar seo tha mi a’ lùbadh mo ghlùn do Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Air an ainmichear an teaghlach uile air nèamh agus air talamh, Gun deònaicheadh e dhuibh a rèir saoibhreas a ghlòire, a bhith air ur neartachadh gu treun, tre a Spiorad‐san anns an duine an leth a‑staigh; Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh, Gum bi sibh comasach, maille ris na naoimh uile, air a thuigsinn ciod e leud, agus fad, agus doimhne, agus àirde; Agus air gràdh Chrìosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas, a‑chum gum bi sibh air ur lìonadh le uile lànachd Dhè. A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn, Dhàsan gu robh glòir anns an eaglais tre Iosa Crìosd, air feadh gach uile linn, gu saoghal nan saoghal. Amen. Uime sin, tha mise, prìosanach an Tighearna, a’ guidhe oirbh gun gluais sibh gu cubhaidh don ghairm leis an do ghairmeadh sibh; Leis gach uile irioslachd inntinn agus mhacantas, le fad‐fhulangas, a’ giùlan le chèile ann an gràdh; A’ dèanamh dìchill air aonachd an Spioraid a choimhead ann an ceangal na sìthe. Is aon chorp agus aon Spiorad a tha ann, amhail mar an ceudna a ghairmeadh sibh ann an aon mhuinghinn ur gairme; Aon Tighearna, aon chreideamh, aon bhaisteadh, Aon Dia agus Athair nan uile, a tha os cionn nan uile, agus tre na h‑uile, agus annaibhse uile. Ach thugadh gràs do gach aon againn, a rèir tomhas tìodhlac Chrìosd. Uime sin tha e ag ràdh, Air dol suas dha an àird, thug e bruid am braighdeanas, agus thug e tìodhlacan do dhaoine. (A‑nis gun deachaidh e suas, ciod e ach gun deachaidh e air tùs sìos gu ionadan ìochdarach na talmhainn? An tì a chaidh sìos, is e sin fhèin e a chaidh suas mar an ceudna gu ro‑àrd os cionn nan uile nèamh, a‑chum gun lìonadh e na h‑uile nithean.) Agus thug e dream àraidh gu bhith nan abstoil; dream eile, gu bhith nam fàidhean; agus dream eile, gu bhith nan soisgeulaichean; agus dream eile, gu bhith nan aodhairean, agus nan luchd‐teagaisg; A‑chum na naoimh a dheasachadh a‑chum obair na ministrealachd, a‑chum togail suas corp Chrìosd: Gus an tig sinn uile ann an aonachd a’ chreidimh, agus eòlas Mac Dhè, a‑chum duine iomlain, a‑chum tomhas àirde lànachd Chrìosd: A‑chum is nach bi sinn à seo suas nar leanaban, air ar tonn‐luasgadh, agus air ar giùlan mun cuairt leis gach uile ghaoith teagaisg, le cleasachd dhaoine, agus seòltachd cealgach, leis a bheil iad gu h‑innleachdach ri feall‐fhalach a‑chum meallaidh: Ach a’ labhairt na fìrinn ann an gràdh, gum fàs sinn suas anns na h‑uile nithean thuigesan, as e an ceann, eadhon Crìosd: Om bheil an corp uile, air a cheangal gu ceart, agus air a dhlùthachadh tre an nì sin a tha gach alt a’ toirt uaithe, a rèir obrachaidh èifeachdaich ann an tomhas gach buill, a’ faghail fàs cuirp, a‑chum a thogail fhèin suas ann an gràdh. Seo uime sin tha mi ag ràdh, agus a’ guidhe am fianais an Tighearna, gun sibh a dh’imeachd à seo suas mar a tha na Cinnich eile ag imeachd, ann an dìomhanas an inntinn fhèin; Aig a bheil an tuigse air a dorchachadh, air dhaibh a bhith nan coimhich do bheatha Dhè, a‑thaobh an aineolais a tha annta, tre chruas an cridhe: Muinntir, air dhaibh am mothachadh a chall, a thug iad fhèin thairis do mhì‐nàire, a‑chum gach uile neò‐ghlaine a chur an gnìomh le cìocras. Ach cha d’fhòghlaim sibhse Crìosd mar seo; O chuala sibh e, agus o theagaisgeadh leis sibh, mar a tha an fhìrinn ann an Iosa: Gun cuir sibh dhibh, a‑thaobh a’ chiad chaitheamh‐beatha, an seann duine, a tha truaillidh a rèir nan ana‐miann cealgach; Agus gum bi sibh air ur n‑ath‐nuadhachadh ann an spiorad ur n‑inntinn; Agus gun cuir sibh umaibh an nuadh‐dhuine, a tha air a chruthachadh a rèir Dhè ann am fìreantachd agus am fìor‐naomhachd. Uime sin, air dhuibh a’ bhreug a chur uaibh, labhraibh an fhìrinn, gach neach ra choimhearsnach: oir is buill sinn de a chèile. Biodh fearg oirbh, agus na peacaichibh: na laigheadh a’ ghrian air ur corraich: Agus na tugaibh àite don diabhal. An tì a ghoid, na goideadh e nas mò: ach gum b’fheàrr leis saothair a dhèanamh, ag obrachadh an nì a tha math le a làmhan, a‑chum gum bi aige nì ri phàirteachadh ris an neach air a bheil uireasbhaidh. Na tigeadh cainnt thruaillidh air bith a‑mach as ur beul, ach an nì sin a tha math a‑chum deagh‐fhòghlaim, ionnas gun toir e gràs don luchd‐èisdeachd. Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an do chuireadh seula oirbh gu là na saorsa. Biodh gach uile sheirbhe, agus corraich, agus fearg, agus gàrrthaich, agus toibheum, air an togail uaibh, maille ris gach uile mhìorun. Agus bithibh coibhneil teò‐chridheach da chèile; a’ toirt maitheanais da chèile, eadhon mar a thug Dia maitheanas dhuibhse ann an Crìosd. Uime sin bithibh‐se nur luchd‐leanmhainn air Dia, mar chloinn ghràdhaich; Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh‐fhàile do Dhia. Ach na biodh strìopachas, agus gach uile neòghlaine, no sannt, uiread is air an ainmeachadh nur measg, mar as cubhaidh do naoimh: No draosdachd, no còmhradh amaideach, no baoth‐shùgradh, nithean nach eil iomchaidh: ach gum b’fheàrr leibh breith‐buidheachais. Oir tha fhios agaibh air seo, nach eil aig fear‐strìopachais air bith, no aig neach neòghlan, no aig duine sanntach (a tha na fhear iodhal‐adhraidh ), oighreachd ann an rìoghachd Chrìosd agus Dhè. Na mealladh neach air bith sibh le briathran dìomhain: oir airson nan nithean sin tha fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas‐ùmhlachd. Na bithibh‐se uime sin nur luchd‐compàirt riu. Oir bha sibh uaireigin nur dorchadas, ach a‑nis tha sibh nur solas anns an Tighearna: gluaisibh mar chloinn an t‑solais; (Oir tha toradh an Spioraid anns an uile mhaitheas, agus ionracas, agus fhìrinn); A’ dearbhadh ciod an nì a tha taitneach don Tighearna. Agus na biodh co‑chomann agaibh ri obraichean neo‐thairbheach an dorchadais, ach gum b’fheàrr leibh an cronachadh. Oir is gràineil eadhon rin innse na nithean a tha air an dèanamh leo ann an uaigneas. Ach tha na h‑uile nithean a tha air an cronachadh air an dèanamh follaiseach leis an t‑solas: oir gach uile nì a nì soilleir, is solas e. Uime sin tha e ag ràdh, Mosgail, thusa a tha ad chadal, agus èirich o na mairbh, agus bheir Crìosd solas dhut. Feuchaibh uime sin gun gluais sibh gu faiceallach, chan ann mar amadain, ach mar dhaoine glice, Ag ath‐cheannach na h‑aimsir, do bhrìgh gu bheil na làithean olc. Air an adhbhar sin na bithibh‐se neo‐ghlic, ach a’ tuigsinn ciod e toil an Tighearna. Agus na bithibh air mhisg le fìon, anns a bheil anabarr; ach bithibh air ur lìonadh den Spiorad: A’ labhairt ribh fhèin ann an sailm, ann an laoidhean, agus ann an dàin spioradail, a’ seinn agus a’ dèanamh ciùil nur cridhe don Tighearna: A’ toirt buidheachais a‑ghnàth airson nan uile nithean do Dhia, eadhon an t‑Athair, ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd; Air dhuibh a bhith umhail da chèile ann an eagal Dhè. A mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, mar don Tighearna. Oir is e am fear ceann na mnà, eadhon mar as e Crìosd ceann na h‑eaglais: agus is esan Slànaighear a’ chuirp. Uime sin, mar a tha an eaglais umhail do Chrìosd, mar sin biodh na mnathan dam fir fhèin mar an ceudna anns gach nì: Fheara, gràdhaichibh ur mnathan fhèin, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd an eaglais, agus a thug e e fhèin air a son; A‑chum gun naomhaicheadh agus gun glanadh e i le ionnlad an uisge tre an fhacal; A‑chum gun cuireadh e na làthair fhèin i na h‑eaglais ghlòrmhoir, gun smal, gun phreasadh, no nì air bith de an leithidean sin; ach a‑chum gum biodh i naomh, agus neo‐lochdach. Is amhlaidh sin is còir do na fir am mnathan fhèin a ghràdhachadh, mar an cuirp fhèin: an tì a ghràdhaicheas a bhean, tha e ga ghràdhachadh fhèin. Oir cha tug duine air bith riamh fuath da fheòil fhèin; ach altramaidh agus eiridnidh e i, eadhon mar a tha an Tighearna a’ dèanamh don eaglais: Oir is buill sinn de a chorp, de a fheòil, agus de a chnàmhan‐san. Air an adhbhar seo fàgaidh duine a athair agus a mhàthair, agus dlùth‐leanaidh e ra mhnaoi, agus bidh an dithis nan aon fheòil. Is diamhaireachd mhòr seo: ach tha mi a’ labhairt mu Chrìosd agus an eaglais. Gidheadh, thugadh gach aon agaibhse fa leth gràdh da mhnaoi, amhail mar dha fhèin; agus feuchadh a’ bhean gun toir i urram da fear. A chlann, bithibh umhail dur pàrantan anns an Tighearna: oir tha seo ceart. Thoir urram dod athair agus dod mhàthair (is i seo a’ chiad àithne le gealladh), A‑chum gun èirich gu math dhut, agus gum bi thu fad‐shaoghalach air an talamh. Agus athraichean, na brosnaichibh ur clann a‑chum feirge: ach togaibh iad ann an oilean agus ann an teagasg an Tighearna. A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean a rèir na feòla, le eagal agus crith, ann an treibhdhireas ur cridhe, mar do Chrìosd: Chan ann le sùil‐sheirbhis, mar dhream a nì toil dhaoine, ach mar sheirbhisich Chrìosd, a’ dèanamh toil Dhè on chridhe; Le deagh thoil a’ dèanamh seirbhis, mar don Tighearna, agus chan ann do dhaoine. Air dhuibh fios a bhith agaibh, ge bè math air bith a nì aon neach, gum faigh e an nì seo fhèin on Tighearna mas saor no daor e. Agus a mhaighistirean, dèanaibh‐se na nithean ceudna dhaibhsan, a’ leigeadh dhibh bagraidh: air dhuibh fios a bhith agaibh gu bheil ur maighistir fhèin air nèamh mar an ceudna, agus nach eil gnùis‐bhreith maille ris. Fa‑dheòidh, mo bhràithrean, bithibh làidir anns an Tighearna, agus ann an neart a chumhachd‐san. Cuiribh umaibh uile armachd Dhè, a‑chum gum bi sibh comasach air seasamh an aghaidh cuilbheirtean an diabhail. Oir chan eil sinn a’ gleac ri fuil agus feòil, ach ri uachdaranachdan, ri cumhachdan, ri riaghlairean dorchadas an t‑saoghail seo, ri aingidheachd spioradail ann an ionadan àrda. Uime sin glacaibh dur n‑ionnsaigh uile armachd Dhè, a‑chum gum bi sibh comasach air seasamh an aghaidh a’ bhuairidh anns an droch là, agus air dhuibh na h‑uile nithean a dhèanamh a‑chum seasamh. Seasaibh uime sin, air a bhith dur leasraidh air an crioslachadh le fìrinn, agus uchd‐èideadh na fìreantachd umaibh; Agus ullachadh soisgeul na sìthe mar bhrògan agaibh air ur casan, Thar gach uile nì, a’ glacadh dur n‑ionnsaigh sgiath a’ chreidimh, leis am bi sibh comasach air uile shaighdean teinnteach an droch Spioraid a mhùchadh. Agus glacaibh clogad na slàinte, agus claidheamh an Spioraid, nì as e facal Dhè: A’ dèanamh ùrnaigh a‑ghnàth leis gach uile ghnè ùrnaigh agus aslachaidh anns an Spiorad, agus a’ dèanamh faire a‑chum an nì seo fhèin maille ris gach uile bhuanachadh, agus ghuidhe airson nan naomh uile; Agus air mo shon‐sa, a‑chum gun toirear dhomh comas labhairt le fosgladh mo bheòil ann an dànachd, a‑chum gum foillsich mi rùn‐diamhair an t‑soisgeil; Airson a bheil mi am theachdaire ann an gèimhlean: a‑chum gun labhair mi gu dàna uime, mar as còir dhomh labhairt. Ach a‑chum gum bi fhios agaibhse mar an ceudna air na nithean a bhuineas dhòmhsa, agus ciod a tha mi a’ dèanamh, foillsichidh Tichicus, bràthair gràdhach agus ministear fìrinneach anns an Tighearna, na h‑uile nithean dhuibh: Neach a chuir mi dur n‑ionnsaigh airson an adhbhair seo fhèin, a‑chum gum biodh fios nan nithean a bhuineas dhuinne agaibh, agus gun tugadh e comhfhurtachd dur cridhe. Sìth gu robh do na bràithrean, agus gràdh maille ri creideamh, o Dhia an t‑Athair, agus an Tighearna Iosa Crìosd. Gu robh gràs maille riùsan uile a tha a’ gràdhachadh ar Tighearna Iosa Crìosd ann an treibhdhireas. Amen. Pòl agus Timòteus, seirbhisich Iosa Crìosd, a‑chum nan naomh uile ann an Iosa Crìosd, a tha ann am Philipi, maille ris na h‑easbaigean agus ris na dèaconan: Gràs dhuibh agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd. Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia gach uair a chuimhnicheas mi oirbh, A‑ghnàth ann am uile ùrnaighean air ur son‐se uile, le gàirdeachas a’ dèanamh guidhe, Airson ur co‑roinn den t‑soisgeul, on chiad là gus a‑nis: Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd: Eadhon mar as còir dhomh seo a smaoineachadh umaibh uile, do bhrìgh gu bheil sibh agam ann am chridhe, agus gu bheil sibh uile nur luchd co‑roinn dem ghràs‐sa, araon ann am ghèimhlean, agus ann an seasamh airson, agus ann an daingneachadh, an t‑soisgeil. Oir is e Dia m’fhianais, cia mòr mo dhèidh oirbh uile, ann an innibh Iosa Crìosd. Agus tha mi a’ guidhe seo, gum biodh ur gràdh‐se air a mheudachadh nas mò agus nas mò ann an eòlas, agus ann an uile thuigse: A‑chum gun dearbh sibh na nithean as fheàrr; a‑chum gum bi sibh treibhdhireach, agus gun tuisleadh gu là Chrìosd; Air ur lìonadh le toradh na fìreantachd, a tha tre Iosa Crìosd a‑chum glòir agus cliù Dhè. Ach is àill leam, a bhràithrean, fios a bhith agaibh, na nithean a thachair dhòmhsa, gur mò a dh’èirich leo an soisgeul a chur air aghaidh: Ionnas gu bheil mo gheimhlean‐sa ann an Crìosd iomraiteach anns an lùchairt uile, agus anns gach àit eile; Agus gu bheil mòran de na bràithrean anns an Tighearna a’ gabhail misnich om ghèimhlean, leis an tuilleadh mòr‐dhànachd a’ labhairt an fhacail gun eagal. Tha cuid gu dearbh a’ searmonachadh Chrìosd tre fharmad agus strì, agus cuid eile tre dheagh thoil. Tha aon dream a’ searmonachadh Chrìosd tre chonnspaid, chan ann gu treibhdhireach, a’ saoilsinn àmhghar a chur rim ghèimhlean‐sa: Ach an dream eile o ghràdh, air dhaibh fios a bhith aca gun do chuireadh mise gu seasamh airson an t‑soisgeil. Ciod matà? Gidheadh air gach aon chor, cia aca is ann an coslas a‑mhàin, no da‑rìribh, tha Crìosd air a shearmonachadh; agus air a shon seo tha mise a’ dèanamh gàirdeachais, seadh, agus nì mi gàirdeachas. Oir tha fhios agam gun tig seo a‑chum slàinte dhòmhsa tre ur n‑ùrnaigh‐se, agus tre fhrithealadh Spiorad Iosa Crìosd. A rèir mo ro‑dhùil, agus mo dhòchais, nach cuirear nàire orm ann an nì air bith, ach leis an uile dhànachd labhairt, mar a‑ghnàth, gum bi Crìosd a‑nis mar an ceudna air àrdachadh ann am chorp‐sa, mas ann tre bheatha no tre bhàs. Oir dhòmhsa a bhith beò is e sin Crìosd, agus bàs fhaotainn is buannachd dhomh e. Ach mas beò dhomh anns an fheòil, is e seo toradh m’obrach: ach ciod den dèanainn roghainn, chan fhios dhomh. Oir tha mi air mo theannachadh eadar dhà nì, air dhomh a bhith togarrach air siubhal, agus a bhith maille ri Crìosd: oir is e seo as ro‑fheàrr: Gidheadh, is e mi a dh’fhantainn anns an fheòil as fheumaile dhuibhse. Agus air dhomh a bhith cinnteach dheth seo, tha fhios agam gum fuirich mi agus gun còmhnaich mi maille ribh uile, a‑chum ur cur air ur n‑aghaidh, agus a‑chum gàirdeachas a’ chreidimh: A‑chum gum bi ur gàirdeachas nas pailte ann an Iosa Crìosd dom thaobh‐sa, airson mi a bhith a‑rìs an làthair maille ribh. A‑mhàin caithibh ur beatha gu cubhaidh do shoisgeul Chrìosd: a‑chum cia aca a thig mi agus a chì mi sibh, no a bhios mi as làthair, gun cluinn mi mur timcheall, gu bheil sibh a’ seasamh gu daingeann ann an aon spiorad, le aon inntinn, a’ gleac le chèile airson creideamh an t‑soisgeil; Gun gheilt ann an nì sam bith oirbh o ur naimhdean: nì a tha dhaibhsan na chomharradh cinnteach air sgrios, ach dhuibhse air slàinte, agus sin o Dhia. Oir thìodhlaiceadh dhuibhse airson Chrìosd, chan e a‑mhàin creidsinn ann, ach mar an ceudna fulang air a shon; Air dhuibh an còmhrag ceudna a bhith agaibh a chunnaic sibh annamsa, agus a tha sibh a‑nis a’ cluinntinn a bhith annam. Uime sin, ma tha comhfhurtachd air bith ann an Crìosd, ma tha sòlas air bith gràidh, ma tha co‑chomann air bith an Spioraid, ma tha truas air bith agus tròcair; Coileanaibh mo ghàirdeachas, gum bi sibh a dh’aon inntinn, a dh’aon ghràdh, a dh’aon toil, a dh’aon bhreithneachadh. Na dèanar aon nì tre chonnspaid, no tre ghlòir dhìomhain, ach ann an irioslachd inntinn measadh gach aon gur fheàrr neach eile na e fhèin. Na seallaibh gach aon air na nithean sin a bhuineas dha fhèin, ach gach aon air na nithean a bhuineas do dhaoine eile mar an ceudna. Uime sin biodh an inntinn cheudna annaibhse, a bha ann an Iosa Crìosd: Neach air a bhith dha ann an cruth Dhè, nach do mheas e na reubainn e fhèin a bhith co‑ionann ri Dia: Ach chuir e e fhèin ann an dìmeas, a’ gabhail air fhèin cruth seirbhisich, air a dhèanamh ann an coslas dhaoine: Agus air dha a bhith air fhaghail ann an cruth mar dhuine, dh’irioslaich e e fhèin, agus bha e umhail gu bàs, eadhon bàs a’ chroinn‐cheusaidh. Air an adhbhar sin dh’àrdaich Dia e gu ro‑àrd mar an ceudna, agus thug e dha ainm os cionn gach uile ainme: A‑chum do ainm Iosa gun lùbadh gach glùin, de nithean a tha air nèamh, agus de nithean a tha air thalamh, agus de nithean a tha fon talamh; Agus gun aidicheadh gach teanga gur e Iosa Crìosd an Tighearna, a‑chum glòir Dhè an t‑Athair. Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair‐sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn‐obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball‐chrith: Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh‐ghean fhèin. Dèanaibh na h‑uile nithean gun ghearan, agus gun deasbaireachd: A‑chum gum bi sibh neo‐choireach, agus neo‐chronail, nur cloinn do Dhia, neo‐lochdach, am meadhon ginealaich fhiair agus chrosda, am measg a bheil sibhse a’ dealrachadh mar lòchrain‐sholais an t‑saoghail; A’ cumail a‑mach facal na beatha; a‑chum gun dèan mise uaill ann an là Chrìosd, do bhrìgh nach do ruith mi gu dìomhain, agus nach do shaothraich mi gu dìomhain. Seadh agus ma dh’ìobrar mi air ìobairt agus seirbhis fhollaiseach ur creidimh‐se, tha aoibhneas orm, agus tha mi a’ dèanamh gàirdeachais maille ribhse uile. Air an dòigh cheudna biodh aoibhneas oirbhse, agus dèanaibh gàirdeachas maille riumsa. Ach tha dòchas agam anns an Tighearna Iosa, Timòteus a chur gu goirid dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi mise mar an ceudna ann an deagh mhisnich, air dhomh fios fhaotainn ciod as cor dhuibhse. Oir chan eil duine air bith agam co‑ionnan inntinn ris‐san, air am bi cùram nan nithean a bhuineas dhuibhse gu dùrachdach. Oir tha na h‑uile ag iarraidh nan nithean a bhuineas dhaibh fhèin, chan iad na nithean a bhuineas do Iosa Crìosd. Ach is aithne dhuibh a dhearbhadh‐san, mar mhac da athair, gun do rinn e seirbhis maille riumsa anns an t‑soisgeul. Uime sin tha dùil agam esan a chur dur n‑ionnsaigh air ball, cho luath is a chì mi ciod as cor dhomh fhèin. Ach tha earbsa agam anns an Tighearna gun tig mi fhèin dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr mar an ceudna. Gidheadh mheas mi gum b’fheumail Epaphroditus mo bhràthair, agus mo cho‐obraiche, agus mo cho‐shaighdear, ach ur teachdaire‐se, agus an tì a fhritheil dom uireasbhaidh, a chur dur n‑ionnsaigh. Oir bha dèidh mhòr aige oirbh uile, agus bha e làn tùirse, do bhrìgh gun cuala sibh gu robh e tinn. Agus gu deimhinn bha e tinn fagas don bhàs: gidheadh rinn Dia tròcair air; agus cha b’ann airsan a‑mhàin, ach ormsa mar an ceudna, a‑chum nach biodh doilgheas air muin doilgheis orm. Uime sin bu togarraiche a chuir mi dur n‑ionnsaigh e, a‑chum air dhuibh fhaicinn a‑rìs, gum biodh aoibhneas oirbh, agus gum bu lugha mo dhoilgheas‐sa. Air an adhbhar sin, gabhaibh ris anns an Tighearna leis an uile aoibhneas, agus biodh meas mòr agaibh air an leithidean sin: Do bhrìgh, airson obair Chrìosd, gu robh e dlùth don bhàs, agus nach robh suim aige de a bheatha fhèin, a‑chum gun dèanadh e suas uireasbhaidh ur seirbhis‐se dom thaobh‐sa. Os bàrr, mo bhràithrean, dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna. Gu deimhinn cha leisg leamsa na nithean ceudna a sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, ach dhuibhse tha seo tèarainte. Bithibh air ur faicill o mhadaidhean, bithibh air ur faicill o dhroch luchd‐obrach, coimheadaibh sibh fhèin on cho‐ghearradh. Oir is sinne an timcheall‐ghearradh, a tha a’ dèanamh adhraidh do Dhia anns an Spiorad, agus a’ dèanamh gàirdeachais ann an Iosa Crìosd, agus nach eil a’ cur muinghinn anns an fheòil: Ged dh’fhaodainn‐sa mar an ceudna muinghinn a bhith agam anns an fheòil. Ma shaoileas aon neach eile gum faod e muinghinn a chur anns an fheòil, is mò na sin a dh’fhaodas mise: Air mo thimcheall‐ghearradh air an ochdamh là, de chinneach Israeil, de threubh Bheniàmin, am Eabhraidheach de na h‑Eabhraidhich; a rèir an lagha, am Pharasach; A‑thaobh eud, a’ dèanamh geur‐leanmhainn air an eaglais; a rèir na fìreantachd a tha anns an lagh, neo‐choireach. Ach na nithean a bha nam buannachd dhomh, mheas mi iad sin nan call airson Chrìosd. Seadh gun amharas, agus tha mi a’ meas nan uile nithean nan call, airson ro‑òirdheirceas eòlas Iosa Crìosd mo Thighearna: airson an d’fhuiling mi call nan uile nithean, agus tha mi a’ meas gur aolach iad a‑chum gun cosnainn Crìosd. Agus gum faighear annsan mi, gun m’fhìreantachd fhèin agam a tha on lagh, ach an fhìreantachd sin a tha tre chreideamh Chrìosd, an fhìreantachd a tha o Dhia tre chreideamh: A‑chum eòlas a bhith agam airsan, agus air cumhachd a aiseirigh, agus air co‑chomann a fhualangais, air a bhith dhomh air mo chur ann an coslas crutha ra bhàs; Dh’fheuchainn am faodainn air aon chor teachd a‑chum aiseirigh nam marbh. Chan e gun do ràinig mi cheana, no gu bheil mi cheana foirfe, ach tha mi a’ leantainn, a dh’fheuchainn am faigh mi greim den nì sin fhèin airson an do ghabhadh greim dhìom le Iosa Crìosd. A bhràithrean, chan eil mi a’ meas gun do ghlac mi greim: ach aon nì tha mi a’ dèanamh, air dhomh na nithean a tha air mo chùl a dhìochuimhneachadh, agus a bhith gam shìneadh fhèin a‑chum nan nithean a tha romham, Tha mi a’ dian‐ruith a dh’ionnsaigh a’ chomharraidh, a‑chum duais àrd‐ghairm Dhè ann an Iosa Crìosd. Uime sin, a mheud dhinne is a tha coileanta, biodh an inntinn seo againn: agus ma tha sibh ann an nì sam bith air atharrachadh inntinn, foillsichidh Dia an nì seo fhèin dhuibh. Gidheadh, an nì air an do ràinig sinn cheana, gluaiseamaid a rèir aon riaghailt, bitheamaid a dh’aon inntinn. A bhràithrean, bithibh‐se le chèile nur luchd‐leanmhainn ormsa, agus thugaibh an aire dhaibhsan a tha a’ gluasad air an dòigh sin mar a tha sinne nar n‑eisempleir agaibh. (Oir tha mòran a’ gluasad, mun dubhairt mi gu minig ribh, agus mum bheil mi a‑nis eadhon a’ gul ag ràdh ribh, gur naimhdean iad do chrann‐ceusaidh Chrìosd: Don deireadh a bhith air an sgrios, don dia am brù; agus aig a bheil an glòir nan nàire, aig a bheil an aire air nithean talmhaidh.) Oir tha ar caitheamh‐beatha‐ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd; A chruth‐atharraicheas ar corp dìblidh, a‑chum gun dèanar e co‑chosmhail ra chorp glòrmhor fhèin, a rèir a obrachaidh leis a bheil e comasach air na h‑uile nithean a chur fo a cheannsal fhèin. Uime sin, mo bhràithrean gràdhach agus air a bheil mo dhèidh, m’aoibhneas agus mo chrùn, seasaibh mar seo gu daingeann anns an Tighearna, a mhuinntir mo ghràidh. Tha mi a’ guidhe air Euodias, agus tha mi a’ guidhe air Sintiche, iad a bhith a dh’aon inntinn anns an Tighearna. Agus tha mi ag iarraidh ortsa mar an ceudna, a chompanaich dhìleis, dèan còmhnadh ris na mnathan sin a rinn saothair maille riumsa anns an t‑soisgeul, maille ri Clemens, agus a’ chuid eile dem cho‐obraichean, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha. Dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna a‑ghnàth: a‑rìs tha mi ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas. Biodh ur measarrachd follaiseach do na h‑uile dhaoine. Tha an Tighearna am fagas. Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith‐buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia. Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd. Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion‐ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh‐bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin. Na nithean sin araon a dh’fhòghlaim agus a ghabh sibh, agus a chuala agus a chunnaic sibh annamsa, dèanaibh: agus bidh Dia na sìthe maille ribh. Ach rinn mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna do bhrìgh gun d’ath‐ùraicheadh a‑nis fa dheireadh ur cùram umamsa; nì mar an ceudna anns an robh sibh cùramach, ach cha robh cothrom agaibh. Chan e gu bheil mi a’ labhairt a‑thaobh uireasbhaidh: oir dh’fhòghlaim mi, ge bè staid anns a bheil mi, a bhith toilichte. Is aithne dhomh a bhith ìosal, agus is aithne dhomh mar an ceudna pailteas a mhealtainn: anns gach àit, agus anns na h‑uile nithean, theagaisgeadh mi, araon a bhith sàthach agus acrach, araon pailteas a shealbhachadh agus uireasbhaidh fhulang. Is urrainn mi na h‑uile nithean a dhèanamh tre Chrìosd a neartaicheas mi. Gidheadh, is math a rinn sibh gun do cho‐phàirtich sibh rim thrioblaid. Agus a‑nis biodh fhios agaibhse, Philipianacha, ann an toiseach an t‑soisgeil, nuair a dh’fhàg mi Macedònia, nach do roinn eaglais air bith riumsa, a‑thaobh tabhairt agus gabhail, ach sibhse a‑mhàin. Oir eadhon ann an Tesalonìca chuir sibh aon uair agus a‑rìs am ionnsaigh leasachadh dom uireasbhaidh. Chan e gu bheil mi ag iarraidh tabhartais: ach tha mi ag iarraidh toraidh a bhios pailt a‑chum ur cunntais‐se. Ach tha mi a’ sealbhachadh nan uile nithean, agus tha pailteas agam: lìonadh mi, air dhomh na nithean fhaotainn o Epaphrodìtus a chuireadh uaibhse, fàile deagh‐chùbhraidh, ìobairt thaitneach, anns a bheil tlachd aig Dia. Ach leasaichidh mo Dhia‐sa ur n‑uireasbhaidh uile, a rèir a shaoibhreis ann an glòir, tre Iosa Crìosd. A‑nis do Dhia agus ar n‑Athair‐ne gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen. Cuiribh fàilte air gach uile naomh ann an Iosa Crìosd. Tha na bràithrean a tha maille rium a’ cur fàilte oirbh. Tha na naoimh uile a’ cur fàilte oirbh, gu h‑àraidh iadsan a tha de theaghlach Chèasair. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen. Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus ar bràthair, A‑chum nan naomh agus nam bràthair dìleas ann an Crìosd, a tha ann an Colose: gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus an Tighearna Iosa Crìosd. Tha sinn a’ toirt buidheachais do Dhia, agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a’ sìor‐dhèanamh ùrnaigh air ur son‐se; O chuala sinn iomradh ur creidimh ann an Iosa Crìosd, agus ur gràidh do na naoimh uile; Airson an dòchais a tha air a thasgadh fa ur comhair air nèamh, air an cuala sibh iomradh roimhe ann am facal fìrinn an t‑soisgeil: A thàinig dur n‑ionnsaigh‐se, mar anns an t‑saoghal uile; agus a tha a’ toirt toraidh uaithe, mar a tha e a’ dèanamh mar an ceudna nur measg‐se, on là anns an cuala sibh e, agus anns an d’fhuair sibh eòlas air gràs Dhè ann am fìrinn. A rèir fòs mar a dh’fhòghlaim sibh o Epaphras, ar co‑sheirbhiseach gràdhach‐ne, a tha air ur son‐se na mhinistear dìleas do Chrìosd; A chuir an cèill dhuinne mar an ceudna ur gràdh‐se anns an Spiorad. Air an adhbhar seo, chan eil sinne mar an ceudna a’ sgur on là a chuala sinn e, a dhèanamh ùrnaigh air ur son‐se, agus a ghuidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoile, anns an uile ghliocas agus thuigse spioradail; A‑chum gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh don Tighearna a‑chum gach uile thoileachaidh, a’ toirt toraidh uaibh anns an uile dheagh obair, agus a’ fàs ann an eòlas Dhè; Air ur neartachadh leis an uile neart a rèir a chumhachd ghlòrmhoir‐san, a‑chum an uile fhoighidinn agus fhad‐fhulangais maille ri gàirdeachas; A’ tabhairt buidheachais don Athair, a rinn sinn iomchaidh a‑chum a bhith nar luchd‐compàirt de oighreachd nan naomh anns an t‑solas: A shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a‑chum rìoghachd Mac a ghràidh‐san: Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil, eadhon maitheanas nam peacaidhean: Neach as e ìomhaigh an Dè neo‐fhaicsinnich, ciad‐ghin a’ chruthachaidh uile: Oir is ann leis‐san a chruthaicheadh na h‑uile nithean, a tha air nèamh, agus a tha air thalamh, faicsinneach agus neo‐fhaicsinneach, mas àrd‐chathraichean iad, no tighearnais, no uachdaranachdan, no cumhachdan; is ann leis‐san agus air a shon‐san a chruthaicheadh na h‑uile nithean: Agus tha esan ro na h‑uile nithean, agus trìdsan tha na h‑uile nithean a’ co‑sheasamh. Agus is e ceann a’ chuirp, eadhon na h‑eaglais: neach as e an toiseach, an ciad‐ghin o na mairbh; a‑chum gum biodh aige àrd‐cheannas anns na h‑uile. Oir b’e deagh thoil an Athar gun còmhnaicheadh gach uile iomlanachd annsan; Agus gum biodh na h‑uile air an dèanamh rèidh ris fhèin trìdsan, air dha sìth a dhèanamh tre fhuil a chroinn‐cheusaidh‐san; trìdsan, tha mi ag ràdh, mas nithean iad a tha air talamh, no nithean a tha air nèamh. Agus sibhse a bha uaireigin nur coimhich, agus nur naimhdean nur n‑inntinn a‑thaobh dhroch obraichean, a‑nis rinn e rèidh ris fhèin, Ann an corp a fheòla fhèin tre an bhàs, a‑chum sibhse a chur naomh, agus neo‐lochdach, agus neo‐choireach, na làthair: Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear. Tha mi a‑nis a’ dèanamh gàirdeachais ann am fhulangais air ur son‐se, agus a’ coileanadh a mheud is a tha a dhèidh‐làimh de àmhgharan Chrìosd ann am fheòil, airson a chuirp‐san, eadhon na h‑eaglais: Don do rinneadh mise am mhinistear, a rèir stiùbhartachd Dhè a thugadh dhomh air ur son‐se, a choileanadh facal Dhè; Eadhon an rùn‐diamhair a bha falaichte o na linntean, agus o na ginealaichean a chaidh seachad, ach a‑nis a tha air fhoillseachadh da naoimh‐san: Dom bu toil le Dia fhoillseachadh ciod e saoibhreas glòir an rùin‐diamhair seo am measg nan Cinneach; neach as e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire; Neach a tha sinne a’ searmonachadh, a’ toirt rabhaidh do gach duine, agus a’ teagasg gach uile dhuine anns an uile ghliocas; a‑chum gun nochd sinn gach uile dhuine na làthair‐san iomlan ann an Iosa Crìosd: An nì a‑chum a bheil mise mar an ceudna a’ saothrachadh, a’ dèanamh spàirn a rèir a obrachaidh‐san, a tha ag obrachadh annam gu cumhachdach. Oir b’àill leam fios a bhith agaibh ciod e meud mo chòmhraig air ur son‐se, agus airson na dream a tha ann an Laodicèa, agus airson a mheud is nach fhaca m’aghaidh anns an fheòil: Ionnas gum faigheadh an cridhe sòlas, air dhaibh a bhith air an dlùth‐cheangal ri chèile ann an gràdh, agus a‑chum uile shaoibhreas an làn dearbhachd tuigse, a‑chum eòlas rùn‐diamhair Dhè, eadhon an Athar, agus Chrìosd; Anns a bheil uile ionmhasan a’ ghliocais agus an eòlais falaichte. Agus seo tha mi ag ràdh, air eagal gum mealladh neach air bith sibh le briathran tàirngeach. Oir ged tha mi uaibh anns an fheòil, gidheadh tha mi maille ribh anns an spiorad, a’ dèanamh gàirdeachais, agus a’ faicinn ur n‑òrdaigh, agus seasmhachd ur creidimh ann an Crìosd. Uime sin mar a ghabh sibh dur n‑ionnsaigh an Tighearna Iosa Crìosd, gluaisibh ann: Air dhuibh a bhith air ur freumhachadh agus air ur togail suas annsan, agus air ur daingneachadh anns a’ chreideamh, a rèir mar a theagaisgeadh sibh, a’ meudachadh ann le breith‐buidheachais. Thugaibh an aire nach dèan neach air bith fòirneart oirbh tre fheallsanachd agus mealltaireachd dhìomhain, a rèir beul‐aithris dhaoine, a rèir ciad‐thoiseachan an t‑saoghail, agus chan ann a rèir Chrìosd: Oir annsan tha uile iomlanachd na Diadhachd a’ gabhail còmhnaidh gu corporra. Agus tha sibhse coileanta annsan, neach as e ceann gach uile uachdaranachd agus chumhachd; Anns a bheil sibh mar an ceudna air ur timcheall‐ghearradh leis an timcheall‐ghearradh nach do rinneadh le làmhan, ann an cur dhibh corp peacaidhean na feòla, le timcheall‐ghearradh Chrìosd; Air dhuibh a bhith adhlaicte maille ris ann am baisteadh, anns a bheil sibh mar an ceudna air ur togail suas maille ris tre chreideamh obrachadh Dhè a thog suas esan o na mairbh. Agus sibhse a bha marbh nur n‑euceartan, agus ann an neo‐thimcheall‐ghearradh ur feòla, bheothaich e maille ris, a’ maitheadh dhuibh nan uile euceart; A’ dubhadh a‑mach làmh‐sgrìobhadh nan òrdaighean dar taobh‐ne, a bha nar n‑aghaidh, agus thug e as an t‑slighe i, air dha a sparradh ri a chrann‐ceusaidh‐san: Air dha uachdaranachdan agus cumhachdan a chreachadh, rinn e ball‐sampaill dhiubh gu follaiseach, a’ dèanamh buaidh‐chaithreim os an cionn tre an chrann ud fhèin. Uime sin na tugadh aon neach breith oirbh airson bìdh, no dibhe, no a‑thaobh là fèille, no gealaich nuaidh, no shàbaidean: A tha nan sgàil air na nithean a tha ri teachd; ach is le Crìosd an corp. Na mealladh aon neach ur duais uaibh le irioslachd thoileil, agus adhradh do ainglean, a’ fòirneadh a‑steach gu dàna a‑chum nan nithean nach faca e, gu dìomhain air a shèideadh suas le a inntinn fheòlmhoir fhèin; Agus gun an Ceann a chumail, om bheil an corp uile, air dha a bhith air a bheathachadh tre uilt agus bhannan, agus air a dhlùth‐cheangal ri chèile, a’ fàs le fàs Dhè. Uime sin ma fhuair sibh bàs maille ri Crìosd o chiad‐thoiseachan an t‑saoghail, carson, mar dhaoine a tha beò anns an t‑saoghal, a tha sibh fo òrdaighean, (Na bean ri, na blais, na làimhsich; Nithean a thèid uile an neoni len gnàthachadh), a rèir àitheantan agus teagasgan dhaoine? Nithean gun amharas aig a bheil samhladh gliocais ann an adhradh fèin‐thoile agus irioslachd, agus mì‑chaomhnadh a’ chuirp, chan ann an urram sam bith a‑chum sàsachadh na feòla. Uime sin ma dh’èirich sibh maille ri Crìosd, iarraibh na nithean a tha shuas, far a bheil Crìosd na shuidhe aig deaslàimh Dhè. Suidhichibh ur n‑aigne air na nithean a tha shuas, agus chan ann air na nithean a tha air an talamh. Oir tha sibh marbh, agus tha ur beatha falaichte maille ri Crìosd ann an Dia. Nuair a dh’fhoillsichear Crìosd, neach as e ar beatha‑ne, an sin bidh sibhse mar an ceudna air ur foillseachadh maille ris ann an glòir. Uime sin claoidhibh ur buill a tha air an talamh, strìopachas, neòghlaine, fonn‐collaidh, ana‑miannan, agus sannt, nì as iodhal‐adhradh; Nithean airson a bheil fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas‐ùmhlachd, Anns an robh sibhse mar an ceudna a’ gluasad uaireigin, nuair a bha sibh a’ caitheamh ur beatha annta. Ach a‑nis cuiribh uaibh na nithean seo uile: fearg, corraich, mìorun, toibheum, cainnt shalach as ur beul. Na dèanaibh breug da chèile, do bhrìgh gun do chuir sibh dhibh an seann duine maille ra ghnìomharan, Agus gun do chuir sibh umaibh an duine nuadh, a tha air ath‐nuadhachadh ann an eòlas, a rèir ìomhaigh an tì a chruthaich e: Far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall‐ghearradh, no neo‐thimcheall‐ghearradh, duine borb, Sitianach, daor no saor: ach is e Crìosd na h‑uile, agus anns na h‑uile. Uime sin cuiribh‐se umaibh (mar dhaoine taghte Dhè, naomh agus ionmhainn), innidh thròcairean, caomhalachd, irioslachd inntinn, macantas, fad‐fhulangas; A’ giùlan le chèile, agus a’ maitheadh da chèile, ma tha cùis‐ghearain aig neach an aghaidh neach: mar a thug Crìosd maitheanas dhuibhse, mar sin dèanaibh‐se mar an ceudna. Agus thar na nithean seo uile, cuiribh umaibh gràdh, nì as e coicheangal na foirfeachd. Agus biodh sìth Dhè a’ riaghladh nur cridhe, a‑chum a bheil sibh mar an ceudna air ur gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil. Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe. Agus gach nì air bith a nì sibh ann am facal no ann an gnìomh, dèanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Iosa, a’ toirt buidheachais do Dhia, eadhon an t‑Athair trìd‐san. A mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, mar as cubhaidh, anns an Tighearna. Fheara‑pòsda, gràdhaichibh ur mnathan, agus na bithibh searbh nan aghaidh. A chlann, bithibh umhail dur pàrantan anns na h‑uile nithean: oir tha seo taitneach don Tighearna. Athraichean, na brosnaichibh ur clann a‑chum feirge, air eagal gun caill iad am misneach. A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean a rèir na feòla, anns na h‑uile nithean; chan ann le seirbhis‐sùl, mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach ann an treibhdhireas cridhe, ann an eagal Dhè: Agus ge bè air bith nì a nì sibh, dèanaibh o ur cridhe e, mar don Tighearna, agus chan ann do dhaoine; Air dhuibh fios a bhith agaibh gum faigh sibh on Tighearna duais na h‑oighreachd: oir is ann don Tighearna Crìosd a tha sibh a’ dèanamh seirbhis. Ach an tì a nì eucoir, gheibh e toillteanas na h‑eucoir a rinn e: agus chan eil leth‐bhreith ann. A mhaighistirean, thugaibh dur seirbhisich an nì sin a tha ceart agus cothromach, air dhuibh fios a bhith agaibh gu bheil agaibh fhèin maighistir mar an ceudna air nèamh. Buanaichibh ann an ùrnaigh, a’ dèanamh faire innte le breith‐buidheachais; Ag ùrnaigh mar an ceudna air ar son‐ne, a‑chum gum fosgladh Dia dhuinn doras na h‑ùr‑labhraidh, a chur an cèill rùn‐diamhair Chrìosd, airson a bheil mise ann an cuibhrichean: A‑chum gum foillsich mi e, mar as còir dhomh labhairt. Gluaisibh ann an gliocas a‑thaobh na dream sin a tha an leth a‑muigh, ag ath‐cheannach na h‑aimsir. Biodh ur còmhradh a‑ghnàth ann an gràs, air a dhèanamh blasda le salann, a‑chum gum bi fhios agaibh cionnas as còir dhuibh gach neach a fhreagairt. Foillsichidh Tichicus, bràthair gràdhach, agus ministear dìleas, agus co‑sheirbhiseach anns an Tighearna, gach nì dhuibh mum thimcheall‐sa: Neach a chuir mi dur n‑ionnsaigh a‑chum na crìche seo fhèin, gum biodh fios ur staid‐se aige, agus gun tugadh e comhfhurtachd dur cridheachan; Maille ri Onesimus, bràthair dìleas agus gràdhach, a tha dhibh fhèin. Nì iad aithnichte dhuibh na h‑uile nithean a tha an seo. Tha Aristarchus mo cho‐phrìosanach a’ cur fàilte oirbh, agus Marcus, mac peathar do Bharnabas (mun d’fhuair sibh àitheantan; ma thig e dur n‑ionnsaigh, gabhaibh ris); Agus Iosa, ris an abrar Iustus, muinntir a tha den timcheall‐ghearradh. Is iad sin a‑mhàin mo cho‐obraichean a‑chum rìoghachd Dhè, a bha nan comhfhurtachd dhomh. Tha Epaphras, a tha dhibh fhèin, seirbhiseach Chrìosd, a’ cur fàilte oirbh, a‑ghnàth a’ dèanamh spàirn dhùrachdaich air ur son ann an ùrnaighean, a‑chum gun seas sibh foirfe agus coileanta, ann an uile thoil Dhè. Oir tha mi a’ dèanamh fianais dha gu bheil aige mòr theas‐ghràdh dhuibhse, agus dhaibhsan a tha ann an Laodicèa, agus don mhuinntir a tha ann an Hierapolis. Tha Lùcas, an lèigh gràdhach, agus Dèmas a’ cur fàilte oirbh. Cuiribh fàilte air na bràithrean a tha ann an Laodicèa, agus air Nimphas, agus air an eaglais a tha na thaigh. Agus nuair a leughar an litir seo nur measg‐se, thugaibh fa‑near gun leughar i ann an eaglais nan Laodicèanach mar an ceudna; agus gun leugh sibhse cuideachd an litir o Laodicèa. Agus abraibh ri Archipas, Thoir an aire don mhinistrealachd a fhuair thu anns an Tighearna, gun coilean thu i. Fàilte uamsa Pòl lem làimh fhèin. Cuimhnichibh mo chuibhrichean. Gràs gu robh maille ribh. Amen. Pòl, agus Siluanus, agus Timòteus, a‑chum eaglais nan Tesalònianach, a tha ann an Dia an t‑Athair, agus anns an Tighearna Iosa Crìosd: gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd. Tha sinn a’ toirt buidheachais do Dhia a‑ghnàth air ur son‐se uile, a’ toirt iomraidh oirbh nar n‑ùrnaighean; A’ cuimhneachadh gun sgur obair ur creidimh, agus saothair ur gràidh, agus foighidinn ur dòchais nar Tighearna Iosa Crìosd, ann am fianais Dhè, agus ar n‑Athar; Air dhuinn fios a bhith againn, a bhràithrean gràdhaichte le Dia, air ur taghadh‐se. Oir cha tàinig ar soisgeul‐ne dur n‑ionnsaigh‐se ann am facal a‑mhàin, ach mar an ceudna ann an cumhachd, agus anns an Spiorad Naomh, agus ann am mòr làn‐dearbhachd; mar as aithne dhuibh ciod a’ ghnè dhaoine bha annainn nur measg air ur son‐se. Agus rinneadh sibh nur luchd‐leanmhainn oirnne, agus air an Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann am mòr‐àmhghar, le aoibhneas an Spioraid Naoimh: Ionnas gu robh sibh nur n‑eisimpleirean dhaibhsan uile a tha a’ creidsinn ann am Macedònia, agus ann an Achaia. Oir uaibhse chaidh fuaim facal an Tighearna a‑mach, chan ann a‑mhàin ann am Macedònia agus ann an Achaia, ach mar an ceudna anns gach àite; tha ur creideamh ann an Dia air a sgaoileadh a‑mach, ionnas nach eil feum air sinne a labhairt nì air bith. Oir tha iad fhèin a’ foillseachadh mar timcheall‐ne ciod a’ ghnè dol a‑steach a bha againn dur n‑ionnsaigh‐se, agus cionnas a thill sibh a‑chum Dhè o iodhalan, a dhèanamh seirbhis don Dia bheò agus fhìor, Agus gu feitheamh ri a Mhac o nèamh, a thog e suas o na mairbh, eadhon Iosa a shaor sinne on fheirg a tha ri teachd. Oir is aithne dhuibh fhèin, a bhràithrean, ar dol‐ne a‑steach dur n‑ionnsaigh, nach robh e ann an dìomhain: Ach fòs air dhuinn fulang roimhe, agus an dèidh ar maslachaidh ann am Philipi, mar as aithne dhuibh, bha dànachd againn nar Dia soisgeul Dhè a labhairt ribhse ann am mòr‐ghleac. Oir cha robh ar n‑earail o mhealltaireachd, no o neòghlaine, no ann an ceilg: Ach mar a mheasadh sinn le Dia iomchaidh gum biodh an soisgeul air earbsa rinn, is amhail sin a labhramaid, chan ann mar dhream a tha a’ toileachadh dhaoine, ach Dhè, a tha a’ dearbhadh ar cridheachan. Oir cha do ghnàthaich sinn uair air bith briathran miodalach, mar as aithne dhuibh, no leisgeul sannt; is e Dia ar fianais: Cha mhò a dh’iarr sinn urram o dhaoine, no uaibhse, no o dhaoine eile, ged dh’fhaodamaid ar trom a leagail oirbh, mar abstoil Chrìosd. Ach bha sinn caomh nur measg, amhail a dh’altramas banaltram a clann fhèin: Mar sin, air a bhith dhuinne ro‑dhèidheil oirbhse, bu toileach leinn chan e a‑mhàin soisgeul Dhè a phàirteachadh ribh, ach mar an ceudna ar n‑anaman fhèin, do bhrìgh gu robh sibh ro‑ionmhainn leinn. Oir is cuimhne leibh, a bhràithrean, ar saothair, agus ar sgìos: oir air dhuinn a bhith ri obair a dh’oidhche agus a là, a‑chum nach cuireamaid trom air neach sam bith agaibh, shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè. Is fianaisean sibhse, agus Dia, cia naomh, agus cia cothromach, agus neo‐lochdach a ghiùlain sinn sinn fhèin nur measg‐se a tha a’ creidsinn: Mar as aithne dhuibh cionnas a dh’earalaich sinn, agus a thug sinn comhfhurtachd, agus a chuir sinn impidh air gach aon agaibh fa leth (mar a nì athair ra chloinn), Gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh do Dhia, a ghairm sibh a‑chum a rìoghachd agus a ghlòire fhèin. Uime sin tha sinne mar an ceudna a’ toirt buidheachais do Dhia gun sgur, do bhrìgh nuair a ghabh sibh ri facal Dhè a chuala sibh uainne, gun do ghabh sibh ris chan ann mar fhacal dhaoine, ach (mar as e gu fìrinneach) facal Dhè, a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annaibhse a tha a’ creidsinn. Oir rinneadh sibhse, a bhràithrean, nur luchd‐leanmhainn air eaglaisean Dhè, ann an Iudèa, a tha ann an Iosa Crìosd: oir dh’fhuiling sibh na nithean ceudna o ur luchd‐dùthcha fhèin, mar a dh’fhuiling iadsan o na h‑Iùdhaich: A chuir araon an Tighearna Iosa agus am fàidhean fhèin gu bàs, agus a rinn geur‐leanmhainn oirnne; agus nach eil a’ toileachadh Dhè, agus a tha an aghaidh nan uile dhaoine: A tha a’ bacadh dhuinne labhairt ris na Cinnich, a‑chum gum biodh iad air an tèarnadh, a‑chum sìor‐lìonadh suas am peacaidhean: oir thàinig an fhearg orra mu dheireadh. Ach air dhuinne, a bhràithrean, a bhith air ar dealachadh uaibhse rè tamaill bhig ann am pearsa, ach chan ann an cridhe, is ro‑mhò a rinn sinn dìcheall air ur n‑aghaidh fhaicinn le mòr‐thogradh. Uime sin bu mhiann leinn teachd dur n‑ionnsaigh (eadhon leamsa Pòl), uair no dhà: ach bhac Sàtan sinn. Oir ciod e ar dòchas‐ne, no ar n‑aoibhneas, no ar crùn uaille? Nach sibhse fhèin e ann am fianais ar Tighearna Iosa Crìosd aig a theachd? Oir is sibhse ar glòir‐ne agus ar n‑aoibhneas. Air an adhbhar sin, nuair nach b’urrainn sinn cumail oirnn fhèin na b’fhaide, bu taitneach leinn a bhith air ar fàgail nar n‑aonar ann am baile na h‑Aithne: Agus chuir sinn Timòteus, ar bràthair agus ministear Dhè, agus ar co‑obraiche ann an soisgeul Chrìosd, a‑chum sibhse a dhaingneachadh, agus comhfhurtachd a thoirt dhuibh mu thimcheall ur creidimh; A‑chum nach gluaiste neach air bith agaibh leis na trioblaidean seo; oir tha fhios agaibh fhèin gun d’òrdaicheadh sinn a dh’ionnsaigh seo. Oir gu deimhinn, nuair a bha sinn maille ribh, dh’innis sinn dhuibh ro‑làimh gu robh sinn gu àmhghar fhulang; eadhon mar a thachair, agus is aithne dhuibh. Air an adhbhar seo, nuair nach robh mise comasach air cumail orm fhèin na b’fhaide, chuir mi a dh’fhaghail fios mur creideamh, air eagal air chor sam bith gun do bhuair am buaireadair sibh, agus gum biodh ar saothair‐ne dìomhain. Ach a‑nis nuair a thàinig Timòteus uaibhse dar n‑ionnsaigh‐ne, agus a thug e deagh sgeul dhuinn mur creideamh agus ur gràdh, agus gu bheil cuimhne mhath agaibh oirnne a‑ghnàth, a’ miannachadh gu mòr sinne fhaicinn, amhail a tha sinne mar an ceudna a’ miannachadh sibhse fhaicinn: Uime sin, a bhràithrean, fhuair sinn comhfhurtachd dur taobh nar n‑uile àmhghar agus theinn, tre ur creideamh‐se: Oir tha sinne beò a‑nis, ma sheasas sibhse gu bunaiteach anns an Tighearna. Oir ciod am buidheachas a dh’fhaodas sinn ìocadh do Dhia as ur leth‐se, airson an aoibhneis sin uile leis a bheil sinn ri gàirdeachas dur taobh am fianais ar Dè, A dh’oidhche agus a là a’ guidhe gu ro‑dhùrachdach gum faiceamaid ur n‑aghaidh‐se, agus gun leasaicheamaid uireasbhaidh ur creidimh? A‑nis gun dèanadh Dia fhèin, eadhon ar n‑Athair, agus ar Tighearna Iosa Crìosd ar slighe a threòrachadh dur n‑ionnsaigh. Agus gun tugadh an Tighearna oirbh fàs, agus a bhith ro‑phailt ann an gràdh da chèile, agus do na h‑uile dhaoine, mar a tha sinne dhuibhse; A‑chum gun daingnich e ur cridheachan neo‐choireach ann an naomhachd am fianais Dhè, eadhon ar n‑Athar‐ne, aig teachd ar Tighearna Iosa Crìosd maille ra naoimh uile. Os bàrr, matà, a bhràithrean, cuireamaid a dh’impidh agus a dh’athchuing oirbh tre an Tighearna Iosa, mar a fhuair sibh uainne cionnas as còir dhuibh imeachd, agus Dia a thoileachadh, gum meudaicheadh sibh mar sin nas mò agus nas mò. Oir tha fhios agaibh ciod iad na h‑àitheantan a thug sinn dhuibh tre an Tighearna Iosa. Oir is i seo toil Dhè, eadhon ur naomhachadh‐se, sibh a sheachnadh strìopachais: Gum b’aithne do gach aon agaibh a shoitheach fhèin a shealbhachadh ann an naomhachd, agus ann an urram; Chan ann ann am fonn ana‑miannach, mar a nì na Cinnich aig nach eil eòlas air Dia: Gun neach air bith a dhèanamh eucoir no mealltaireachd anns a’ chùis air a bhràthair; do bhrìgh gur e an Tighearna a nì dìoghaltas air an uile leithidean sin, a rèir mar a dh’innis sinn mar an ceudna dhuibh roimhe, agus a rinn sinn fianais. Oir cha do ghairm Dia sinn gu neòghlaine, ach gu naomhachd. Uime sin an neach a nì tàir, chan ann air duine a tha e a’ dèanamh tàir, ach air Dia, a thug dhuinn a Spiorad Naomh fhèin. Ach a‑thaobh gràidh bhràthaireil, chan eil feum agaibh mise a sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh: oir tha sibh fhèin air ur teagasg o Dhia gràdh a thoirt da chèile. Agus gu deimhinn tha sibh a’ dèanamh seo a‑thaobh nam bràthair uile, a tha ann am Macedònia gu h‑iomlan: ach guidheamaid oirbh, a bhràithrean, sibh a mheudachadh nas mò agus nas mò; Agus gun dèan sibh ur dìcheall a bhith ciùin, agus ur gnothaichean fhèin a dhèanamh, agus a’ saothrachadh le ur làmhan fhèin (amhail a dh’àithn sinne dhuibh); A‑chum gun gluais sibh gu cubhaidh a‑thaobh na muinntir sin a tha an leth a‑muigh, agus nach bi uireasbhaidh nì sam bith oirbh. Ach cha b’àill leam, a bhràithrean, sibh a bhith aineolach a‑thaobh na muinntir sin a tha nan cadal, a‑chum nach dèan sibh bròn, eadhon mar dhaoine eile aig nach eil dòchas. Oir ma chreideas sinn gun d’fhuair Iosa bàs, agus gun d’èirich e a‑rìs, amhail sin mar an ceudna an dream a chaidil ann an Iosa, bheir Dia maille ris. Oir seo tha sinn ag ràdh ribh ann am facal an Tighearna, nach bi againne a tha beò agus a dh’fhàgar gu teachd an Tighearna, toiseach orrasan a tha nan cadal. Oir thig an Tighearna fhèin a‑nuas o nèamh le àrd‐iolaich, le guth an àrd‐aingil, agus le trompaid Dhè: agus èiridh na mairbh ann an Crìosd air tùs: An dèidh sin, sinne a bhios beò agus a dh’fhàgar, togar suas sinn maille riùsan anns na neòil, an còdhail an Tighearna anns an adhar: agus mar sin bidh sinn gu sìorraidh maille ris an Tighearna. Uime sin thugaibh comhfhurtachd da chèile leis na briathran seo. Ach mu thimcheall nan aimsirean agus nan àm chan eil feum agaibhse, a bhràithrean, mise a sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh. Oir tha sàr fhios agaibh fhèin gun tig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche. Oir nuair a their iad, Sìth agus tèarainteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair air mnaoi thorraich; agus cha tèid iad as. Ach chan eil sibhse, a bhràithrean, anns an dorchadas, ionnas gum beireadh an là sin oirbh mar ghadaiche. Is sibhse uile clann an t‑solais, agus clann an là: chan ann den oidhche, no den dorchadas sinn. Uime sin na caidleamaid mar dhaoine eile; ach dèanamaid faire agus bitheamaid stuama. Oir an dream a chaidleas, is anns an oidhche a chaidleas iad: agus an dream a tha air mhisg, is anns an oidhche tha iad air mhisg. Ach bitheamaid‐ne, a tha den là, stuama, a’ cur oirnn uchd‐èideadh a’ chreidimh agus a’ ghràidh, agus mar chlogaid, dòchas na slàinte: Oir cha d’òrdaich Dia sinn a‑chum feirge; ach a‑chum slàinte fhaotainn tre ar Tighearna Iosa Crìosd, A fhuair bàs air ar son, a‑chum cia aca is faireachadh no cadal dhuinn, gum bitheamaid beò maille ris‐san. Uime sin thugaibh comhfhurtachd da chèile, agus togaibh suas gach aon a chèile, eadhon mar tha sibh a’ dèanamh. Agus guidheamaid oirbh, a bhràithrean, aithne a bhith agaibh air an dream a tha a’ saothrachadh nur measg, agus a tha os ur cionn anns an Tighearna, agus a tha gur comhairleachadh; Agus meas mòr a bhith agaibh dhiubh ann an gràdh airson an obrach. Bithibh sìochail nur measg fhèin. A‑nis guidheamaid oirbh, a bhràithrean, thugaibh rabhadh dhaibhsan a tha mì‑riaghailteach, thugaibh comhfhurtachd dhaibhsan a tha lag‐chridheach, cumaibh suas iadsan a tha anfhann, bithibh foighidinneach a‑thaobh nan uile dhaoine. Feuchaibh nach ìoc neach olc airson uilc do dhuine sam bith; ach leanaibh‐se a‑ghnàth an nì a tha math, araon dur taobh fhèin, agus a‑thaobh nan uile dhaoine. Dèanaibh gàirdeachas a‑ghnàth. Dèanaibh ùrnaigh gun sgur. Anns gach uile nì thugaibh buidheachas; oir is i seo toil Dhè ann an Iosa Crìosd dur taobh. Na mùchaibh an Spiorad. Na dèanaibh tàir air fàidheadaireachd. Dearbhaibh na h‑uile nithean: cumaibh gu daingeann an nì sin a tha math. Seachnaibh gach uile choslas uilc. Agus gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan; agus gun deònaicheadh Dia gum bi ur n‑uile spiorad, agus anam, agus chorp, air an gleidheadh gu neo‐choireach, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd. Is fìrinneach an Tì a tha gur gairm, neach mar an ceudna a nì e. A bhràithrean, dèanaibh ùrnaigh air ar son‐ne. Cuiribh fàilte air na bràithrean uile le pòig naoimh. Tha mi a’ sparradh oirbh à uchd an Tighearna gun leughar an litir seo do na bràithrean naomha uile. Gu robh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd maille ribh. Amen. Pòl, agus Siluanus, agus Timòteus a‑chum eaglais nan Tesalònianach, ann an Dia ar n‑Athair, agus anns an Tighearna Iosa Crìosd: Gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd. Tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son‐se, a bhràithrean, mar as cubhaidh, do bhrìgh gu bheil ur creideamh a’ fàs gu ro‑mhòr, agus gu bheil gràdh gach aoin agaibh uile a’ meudachadh da chèile: Ionnas gu bheil sinne fhèin a’ dèanamh uaille asaibh ann an eaglaisean Dhè, airson ur foighidinn agus ur creidimh nur n‑uile gheur leanmhainnean agus àmhgharan a tha sibh a’ fulang: Nì a tha na chomharradh follaiseach air ceart‐bhreitheanas Dhè, a‑chum gum measar gur airidh sibhse air rìoghachd Dhè, airson a bheil sibh a’ fulang: Do bhrìgh gur ceart an nì do Dhia àmhghar ìocadh dhaibhsan a tha a’ cur àmhghair oirbh: Agus dhuibhse a tha fo àmhghar, fois maille rinne, nuair a dh’fhoillsichear an Tighearna Iosa o nèamh, maille ra ainglean cumhachdach: Ann an teine lasrach, a’ dèanamh dìoghaltais air an dream aig nach eil eòlas air Dia, agus nach eil umhail do shoisgeul ar Tighearna Iosa Crìosd: Muinntir air an dèanar peanas le sgrios sìorraidh o làthair an Tighearna, agus o ghlòir a chumhachd; Nuair a thig e gu bhith air a ghlòrachadh na naoimh, agus a‑chum gun dèanar iongantach e anntasan uile a tha a’ creidsinn anns an là sin (do bhrìgh gun do chreideadh ar fianais‐ne nur measg‐se). Air an adhbhar seo, tha sinne mar an ceudna a’ dèanamh sìor‐ùrnaigh air ur son‐se, a‑chum gum meas ar Dia‑ne gur airidh sibh air a’ ghairm seo, agus gun coilean e uile dheagh‐ghean a mhaitheis, agus obair a’ chreidimh le cumhachd: A‑chum gum bi ainm ar Tighearna Iosa Crìosd air a ghlòrachadh annaibh, agus sibhse annsan, a rèir gràs ar Dè, agus an Tighearna Iosa Crìosd. A‑nis guidheamaid oirbh, a bhràithrean, a‑thaobh teachd ar Tighearna Iosa Crìosd, agus ar co‑chruinneachaidh‐ne da ionnsaigh, Gun sibh a bhith gu h‑ealamh air ur crathadh nur n‑inntinn, no fo bhuaireas, le spiorad, no le facal, no le litir, mar uainne, mar gum biodh là Chrìosd am fagas. Na mealladh neach sam bith sibh air aon chor: oir cha tig an là sin mura tig air tùs trèigsinn‐creidimh, agus mura foillsichear duine sin a’ pheacaidh, mac an sgrios; A tha a’ cur an aghaidh agus ga àrdachadh fhèin os cionn gach nì ris an abrar Dia, no don dèanar adhradh; ionnas mar Dhia gu bheil e na shuidhe ann an teampall Dhè, ga nochdadh fhèin gur Dia e. Nach cuimhne leibh, air dhomh a bhith fhathast maille ribh, gun d’innis mi na nithean seo dhuibh? Agus is aithne dhuibh ciod a tha a’ bacadh a‑nis e a bhith air fhoillseachadh na àm fhèin. Oir tha rùn‐diamhair na h‑an‑diadhachd ag obrachadh cheana, a‑mhàin gus an toirear air falbh an tì a tha a‑nis a’ bacadh. Agus an sin foillsichear an t‑aingidh sin, a chlaoidheas an Tighearna le anail a bheòil fhèin, agus don cur e as le dealradh a theachd: Eadhon esan, aig a bheil a theachd a rèir obrachadh Shàtain, maille ris an uile chumhachd, agus chomharraidhean, agus iongantasan breugach, Agus maille ri uile mhealltaireachd na h‑eucoir anntasan a chaillear; a chionn nach do ghabh iad gràdh na fìrinn, a‑chum gun tèarainte iad. Agus air a shon seo cuiridh Dia treun‐obrachadh meallaidh dan ionnsaigh, ionnas gun creid iad a’ bhreug: A‑chum gum bi iad uile air an dìteadh nach do chreid an fhìrinn, ach aig an robh tlachd anns an eucoir. Ach tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son‐se, a bhràithrean ionmhainn don Tighearna, do bhrìgh gun do thagh Dia sibh o thùs a‑chum slàinte, tre naomhachadh an Spioraid, agus creidsinn na fìrinn: A‑chum an do ghairm e sibh tre ar soisgeul‐ne, a‑chum sibh a dh’fhaotainn glòir ar Tighearna Iosa Crìosd. Uime sin, a bhràithrean, seasaibh gu daingeann, agus cumaibh na teagasgan a thugadh dhuibh, co‑dhiù is ann le facal, no le ar litir‐ne. A‑nis gun tugadh ar Tighearna Iosa Crìosd e fhèin, agus Dia, eadhon ar n‑Athair‐ne, a ghràdhaich sinn, agus a thug dhuinn sòlas sìorraidh, agus dòchas math tre ghràs, Comhfhurtachd dur cridhe‐se, agus gun daingnicheadh e sibh anns gach uile dheagh fhacal agus ghnìomh. Fa‑dheòidh, a bhràithrean, dèanaibh ùrnaigh air ar son‐ne, a‑chum gun ruith facal an Tighearna, agus gum bi e air a ghlòrachadh mar nur measg‐se: Agus a‑chum gun saorar sinn o dhaoine mì‑reusanta agus olc: oir chan eil creideamh aig na h‑uile. Ach tha an Tighearna dìleas, a dhaingnicheas, agus a choimheadas on olc sibh. Agus tha earbsa againn anns an Tighearna dur taobh, gu bheil sibh araon a’ dèanamh, agus gun dèan sibh, na nithean a tha sinn ag àithneadh dhuibh. Agus gun seòladh an Tighearna ur cridheachan a‑chum gràdh Dhè, agus a‑chum foighidinn Chrìosd. A‑nis àithneamaid dhuibh, a bhràithrean, ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, sibh fhèin a dhealachadh ris gach uile bhràthair a tha ag imeachd gu mì‑riaghailteach, agus chan ann a rèir an teagaisg a fhuair e uainne. Oir tha fhios agaibh fhèin cionnas as còir dhuibh ar lorg‐ne a leantainn: oir cha do ghiùlain sinn sinn fhèin gu mì‑riaghailteach nur measg; Cha mhò a dh’ith sinn aran duine sam bith an asgaidh; ach le saothair agus anshocair, a dh’oidhche agus a là ri obair, a‑chum nach cuireamaid ar trom air aon agaibh: Chan e nach eil comas againn, ach a‑chum gun dèanamaid sinn fhèin nar n‑eisempleir dhuibhse, gu ar leantainn. Oir nuair a bha sinn maille ribh, thug sinn an àithne seo dhuibh, mura àill le neach obair a dhèanamh, gun e dh’ithe bìdh. Oir tha sinn a’ cluinntinn gu bheil daoine àraidh ag imeachd gu mì‑riaghailteach nur measg, nach eil a’ dèanamh obrach sam bith, ach a’ gabhail gnothaich ri nithean nach buin dhaibh. A‑nis tha sinn a’ toirt àithne dan leithidean sin, agus ag earail orra tre ar Tighearna Iosa Crìosd, le saothrachadh gu ciùin, gun ith iad an aran fhèin. Agus sibhse, a bhràithrean, na sgìthichibh de dhèanamh maith. Agus ma tha neach sam bith nach toir ùmhlachd dar facal‐ne tre an litir seo, comharraichibh esan, agus na biodh coluadar agaibh ris, a‑chum gum bi nàire air. Gidheadh na measaibh e mar nàmhaid, ach thugaibh comhairle air mar bhràthair. A‑nis gun tugadh Tighearna na sìthe e fhèin sìth dhuibhse a‑ghnàth air gach aon chor. Gu robh an Tighearna maille ribh uile. Fàilte uamsa Pòl lem làimh fhèin, nì as e an comharradh anns gach uile litir: mar seo tha mi a’ sgrìobhadh. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen. Pòl, abstol Iosa Crìosd, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear, agus an Tighearna Iosa Crìosd, neach as e ar dòchas; A‑chum Thimòteuis, m’fhìor mhac anns a’ chreideamh: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus o Iosa Crìosd ar Tighearna. Mar a dh’iarr mi ort fantainn ann an Ephesus, nuair a chaidh mi do Mhacedònia, a‑chum gun tugadh tu òrdagh do dhream àraidh gun atharrachadh teagaisg a thoirt uapa; Agus gun aire a thoirt do sgeulachdan, agus do shloinnteireachd gun chrìoch, a bheir adhbhar do cheistean, nas mò na do fhòghlam diadhaidh, a tha tre chreideamh: dèan mar sin. A‑nis is e as crìoch don àithne, gràdh à cridhe glan, agus à cogais mhaith, agus à creideamh neo‐chealgach: Nithean air do dhream àraidh claonadh uapa, chaidh iad a thaobh a‑chum dìomhanas cainnte; A’ miannachadh a bhith nan luchd‐teagaisg an lagha agus gun iad a’ tuigsinn ciod a tha iad ag ràdh, no ciod iad mum bheil iad a’ toirt cinnte. Ach tha fhios againn gu bheil an lagh math, ma ghnàthaicheas neach gu dligheach e: Air do fhios seo a bhith aige, nach ann do dhuine fìreanach a dh’òrdaicheadh an lagh, ach do dhaoine neo‐dhligheach agus eas‐umhail, dhaibh‐san a tha mì‑dhiadhaidh, agus do pheacaich, do dhaoine mì‑naomha agus neo‐chràbhach, do luchd‐marbhaidh athraichean agus do luchd‐marbhaidh mhàthraichean, do luchd‐mortaidh, Do luchd‐strìopachais, do luchd‐ana‑miannan mì‑nàdarra, do luchd‐goid dhaoine, do bhreugairean, do luchd‐eithich, agus ma tha nì sam bith eile a tha an aghaidh teagaisg fhallain, A rèir soisgeul glòrmhor an Dè bheannaichte, a dh’earbadh riumsa. Agus tha mi a’ toirt buidheachais do Iosa Crìosd ar Tighearna, a neartaich mi, do bhrìgh gun do mheas e mi dìleas, gam chur anns a’ mhinistrealachd; A bha roimhe am fhear‐labhairt toibheim, agus am fhear geur‐leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh: Agus bha gràs ar Tighearna thar tomhas ro‑phailt dhomh, maille ri creideamh, agus ri gràdh a tha ann an Iosa Crìosd. Is fìor an ràdh seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gun tàinig Iosa Crìosd don t‑saoghal a thèarnadh pheacach, dem mise an ciad‐fhear. Gidheadh, air a shon seo fhuair mi tròcair, a‑chum gum foillsicheadh Crìosd annamsa air tùs an uile fhad‐fhulangas, mar eisempleir dhaibhsan a chreideadh ann, an dèidh seo, a‑chum na beatha maireannaich. A‑nis don Rìgh shìorraidh, neo‐thruaillidh, neo‐fhaicsinneach, do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh urram agus glòir, gu saoghal nan saoghal. Amen. An àithne seo tha mi ag earbsa riut, a Thimòteuis, a mhic, a rèir na fàidheadaireachd a rinneadh umad roimhe seo, a‑chum trìdsan gun cogadh tu deagh chogadh; A’ coimhead creidimh agus deagh chogais; nì, air do chuid de dhaoine a chur uapa, rinn iad long‐bhriseadh a‑thaobh a’ chreidimh. Dem bheil Himenèus agus Alecsander; muinntir a thug mise thairis do Shàtan, a‑chum len smachdachadh gum fòghlamadh iad gun toibheum a labhairt. Tha mi ag iarraidh uime sin, ro na h‑uile nithean, gun dèanar athchuinge, ùrnaighean, eadar‐ghuidhe, agus breith‐buidheachais airson nan uile dhaoine: Airson rìghrean, agus airson nan uile a tha ann an ùghdarras: a‑chum gun caith sinn ar beatha gu foisneach agus gu sìochail, anns an uile dhiadhachd agus chiatachd. Oir tha seo math agus taitneach am fianais Dhè ar Slànaighear: Neach leis an àill na h‑uile dhaoine a bhith air an tèarnadh, agus iad a theachd a‑chum eòlas na fìrinn. Oir is aon Dia a tha ann, agus aon eadar‐mheadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Crìosd; A thug e fhèin na èirig airson nan uile, mar fhianais ann an àm iomchaidh: A‑chum an d’òrdaicheadh mise am shearmonaiche, agus am abstol (tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige), am fhear‐teagaisg nan Cinneach ann an creideamh agus ann am fìrinn. Uime sin is àill leam na fir a dhèanamh ùrnaigh anns gach àit, a’ togail suas làmhan naomha gun fheirg, gun amharas: Air an dòigh cheudna, na mnathan a chur aodaich iomchaidh umpa, gan sgeadachadh fhèin le nàisneachd agus stuaim: chan ann le casadh an gruaige, no le òr, no le neamhnaidean, no le culaidhean luachmhor; Ach (mar as cubhaidh do mhnathan a tha ag aideachadh diadhachd), le deagh obraichean. Fòghlamadh a’ bhean ann an ciùineas leis an uile ùmhlachd. Ach chan eil mi a’ ceadachadh do mhnaoi teagasg a thoirt uaipe, no ceannas a ghlacadh air an fhear, ach i a bhith na tosd. Oir is e Adhamh a chruthaicheadh air tùs, agus na dhèidh sin Eubha. Agus cha b’e Adhamh a mhealladh, ach air don mhnaoi a bhith air a mealladh, bha i anns a’ chionta. Gidheadh tèarnar i tre bhreith cloinne, ma bhuanaicheas iad ann an creideamh, agus ann an gràdh, agus ann an naomhachd, maille ri stuaim. Is ràdh fìor seo, Ma tha togradh aig duine air bith a‑chum dreuchd easbaig, tha e a’ miannachadh deagh obrach. Uime sin is còir do easbaig a bhith neo‐lochdach, na fhear aon mhnà, faireil, ciallach, deagh‐bheusach, fialaidh, ealamh gu teagasg; Gun a bhith na phòitear, gun a bhith tuasaideach, gun a bhith dèidheil air buannachd shalaich; ach macanta, neo‐thuasaideach, neo‐shanntach; Na dhuine a riaghlas a thaigh fhèin gu math, aig a bheil a chlann fo smachd maille ris an uile shuidheachadh inntinn; (Oir mura aithne do dhuine a thaigh fhèin a riaghladh, cionnas a ghabhas e cùram de eaglais Dhè?) Gun a bhith na nuadh‐chreidmheach, air eagal, air dha a bhith air atadh le uabhar, gun tuit e ann an dìteadh an diabhail. Is còir dha mar an ceudna deagh theisteas a bhith aige uapasan a tha an leth a‑muigh; air eagal gun tuit e ann an sgainneal, agus ann an ribe an diabhail. Mar an ceudna is còir do na dèaconan a bhith suidhichte, gun an teanga a bhith leam‐leat, gun a bhith cionail air mòran fìona, gun a bhith dèidheil air buannachd shalaich, A’ cumail rùn‐diamhair a’ chreidimh ann an cogais ghlain. Agus biodh iadsan mar an ceudna air an dearbhadh an toiseach; agus an sin gnàthaicheadh iad dreuchd dèacoin, air dhaibh a bhith air am faghail neo‐choireach. Is amhail sin is còir do na mnathan a bhith suidhichte, gun a bhith nan luchd‐tuaileis; ach a bhith measarra, ionraic anns na h‑uile nithean. Biodh na dèacoin nam fir aon mhnà, a’ riaghladh an cloinne, agus an taighe fhèin gu math. Oir an dream a ghnàthaich dreuchd dèacoin gu math, tha iad a’ cosnadh deagh cheum dhaibh fhèin, agus dànachd mhòr anns a’ chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd. Tha mi a’ sgrìobhadh nan nithean seo ad ionnsaigh an dòchas teachd gu grad ad ionnsaigh: Ach ma nì mi moille, a‑chum gum bi fhios agad cionnas as còir dhut thu fhèin a ghiùlan ann an taigh Dhè, nì as e eaglais an Dè bheò, post agus stèidh na fìrinn. Agus gun amharas is mòr rùn‐diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire. A‑nis tha an Spiorad ag ràdh gu soilleir, anns na h‑aimsirean deireannach gun trèig dream àraidh an creideamh, a’ toirt aire do spioradan mealltach, agus do theagasgan dheamhan; Tre cheilg bhreugairean, air a bhith dan cogaisean air an losgadh le iarann dearg; A’ toirmeasg pòsaidh agus ag iarraidh biadhan a sheachnadh, a chruthaich Dia a‑chum an gabhail maille ri breith‐buidheachais leòsan a tha a’ creidsinn, agus aig a bheil eòlas na fìrinn. Oir tha gach nì a chruthaich Dia math, agus chan ion nì sam bith a dhiùltadh, a ghabhar le breith‐buidheachais: Oir tha e air a naomhachadh le facal Dhè agus le ùrnaigh. Ma chuireas tu na nithean seo an cuimhne do na bràithrean, bidh tu ad dheagh mhinistear do Iosa Crìosd, air d’altram suas ann am briathran a’ chreidimh, agus an deagh theagaisg, air an do ghabh thu eòlas: Ach diùlt sgeulachdan mì‑dhiadhaidh sheana bhan, agus cleachd thu fhèin a‑chum diadhachd. Oir tha an cleachdadh corporra tairbheach a‑chum beag nithean; ach tha an diadhachd tairbheach a‑chum nan uile nithean, aig a bheil gealladh na beatha a tha an làthair, agus a‑chum teachd. Is ràdh fìor seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris. Oir is ann uime seo a tha sinn an dà chuid ri saothair, agus a’ fulang maslaidh, do bhrìgh gu bheil dòchas againn anns an Dia bheò, neach as e Slànaighear nan uile dhaoine, gu h‑àraidh nan creidmheach. Aithn agus teagaisg na nithean seo. Na dèanadh duine sam bith tarcais air d’òige; ach bi thusa ad eisempleir do na creidmhich, ann am facal, ann an caitheamh‐beatha, ann an gràdh, ann an spiorad, ann an creideamh, ann am fìorghlaine. Gus an tig mi, thoir an aire do leughadh, do earail, do theagasg. Na dearmad an tìodhlac a tha annad, a thugadh dhut tre fhàidheadaireachd, maille ri leagadh làmhan na seanaireachd ort. Smaoinich air na nithean sin; thoir thu fhèin gu tur dhaibh, a‑chum gum bi do theachd air d’aghaidh follaiseach do na h‑uile. Thoir aire dhut fhèin, agus dod theagasg; buanaich annta: oir le seo a dhèanamh, saoraidh tu araon thu fhèin, agus iadsan a tha ag èisdeachd riut. Na garg‐chronaich seanair, ach cuir impidh air mar athair, agus air na h‑òigfhir mar bhràithrean; Na mnathan aosda mar mhàthraichean, na mnathan òga mar pheathraichean, maille ris an uile fhìorghlaine. Thoir urram do bhantraichean a tha nam bantraichean da‑rìribh. Ach ma tha bantrach air bith aig a bheil clann, no oghachan, fòghlamadh iad air tùs a bhith dleasdanach nan taighean fhèin, agus ath‐dhìol a thoirt dam pàrantan: oir tha seo math agus taitneach ann am fianais Dhè. A‑nis cuiridh ise a tha na bantraich dha‑rìribh, agus air a fàgail na h‑aonar, a dòchas ann an Dia, agus buanaichidh i a là agus a dh’oidhche ann an athchuingean, agus ann an ùrnaighean. Ach ise a tha a’ caitheamh a beatha ann am macnas, air dhi a bhith beò, tha i marbh. Uime sin àithn na nithean seo dhaibh, a‑chum gum bi iad neo‐lochdach. Ach mura dèan duine solar airson a chuideachd fhèin, agus gu h‑àraidh airson muinntir a theaghlaich, dh’àich e an creideamh, agus is miosa e na ana‑creidmheach. Na gabhar bantrach anns an àireamh a bhios fo thrì‐fichead bliadhna a dh’aois, a bha na mnaoi aon duine, Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoigheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd‐àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair. Ach diùlt na bantraichean òga: oir nuair a dh’fhàsas iad mear an aghaidh Chrìosd, is miann leo pòsadh; Muinntir a tha fo dhìteadh, a chionn gun do thrèig iad an ciad chreideamh. Agus os bàrr, fòghlamaidh iad a bhith dìomhanach, a’ dol mun cuairt o thaigh gu taigh; agus chan e a‑mhàin dìomhanach, ach mar an ceudna bruidhneach, agus a’ gabhail gnothaich ris na nithean nach buin dhaibh, a’ labhairt nithean nach bu chòir dhaibh. Is àill leam uime sin na mnathan òga a phòsadh, iad a bhreith cloinne, a stiùradh an taighe, agus gun chion‐fàth air bith a thoirt don eascaraid labhairt gu toibheumach. Oir tha cuid cheana air dol a thaobh an dèidh Shàtain. Ma tha aig creidmheach no aig ban‐chreidmheach bantraichean, fòireadh iad orra, agus na biodh an trom air an eaglais; a‑chum gun dèan i cabhair orrasan a tha nam bantraichean da‑rìribh. Measar gur airidh na seanairean a riaghlas gu math air urram dùbailte, gu h‑àraidh iadsan a tha a’ saothrachadh anns an fhacal agus ann an teagasg. Oir tha an sgriobtar ag ràdh, Na ceangail beul an daimh a tha a’ saltairt an arbhair: agus, Is airidh an t‑obraiche air a thuarasdal. Na gabh casaid an aghaidh seanair, ach an làthair dithis no triùir a dh’fhianaisean. Iadsan a tha a’ peacachadh, cronaich an làthair nan uile, a‑chum gun gabh càch eagal mar an ceudna. Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, agus nan aingeal taghte, gun coimhead thu na nithean seo, gun aon a chur ro neach eile, gun nì air bith a dhèanamh le claon‐bhreith. Na leag do làmhan gu h‑obann air duine sam bith, agus na biodh com‐pàirt agad de pheacaidhean dhaoine eile: coimhead thu fhèin glan. Na òl uisge nas mò, ach cleachd beagan fìona airson do ghoile, agus d’anfhainneachd mhinig. Tha peacaidhean cuid de dhaoine follaiseach ro‑làimh, a’ dol romhpa a‑chum breitheanais; agus tha peacaidhean dhream àraidh gan leantainn. Mar an ceudna tha deagh obraichean cuid follaiseach ro‑làimh; agus na h‑obraichean a tha air ghleus eile, chan fhaodar am falach. Measadh a mheud is a tha fon chuing, nan seirbhisich, gur airidh am maighistirean fhèin air an uile urram; a‑chum nach faigh ainm Dhè, agus a theagasg, toibheum. Agus iadsan aig a bheil maighistirean creidmheach, na dèanadh iad tarcais orra, airson gur bràithrean iad: ach gum b’fheàrr leo seirbhis a dhèanamh dhaibh, do bhrìgh gu bheil iad creidmheach agus ionmhainn, nan luchd‐compàirt de thìodhlac a’ ghràis. Na nithean seo teagaisg agus earalaich. Ma bheir aon neach atharrachadh teagaisg uaithe, agus nach aontaich e do bhriathran fallain, eadhon do bhriathran ar Tighearna Iosa Crìosd, agus don teagasg, a tha a rèir na diadhachd: Tha e uaibhreach, gun eòlas aige air nì sam bith, ach tha e as a chèill mu thimcheall cheistean, agus bhriathar‐connsachaidh, on tig farmad, còmhstri, ana‑cainnt, droch amharasan. Fiar‐dheasbaireachd dhaoine aig a bheil inntinn thruaillidh, agus as eugmhais na fìrinn, a’ meas gur buannachd an diadhachd: dealaich ri an leithidean sin. Ach is buannachd mhòr an diadhachd maille ri inntinn thoilichte. Oir cha tug sinn nì air bith leinn don t‑saoghal seo, agus is soilleir nach urrainn sinn nì sam bith a thoirt as. Uime sin air dhuinn biadh agus aodach a bhith againn, bitheamaid toilichte leo sin. Ach an dream len àill a bhith beartach, tuitidh iad ann am buaireadh, agus ann an ribe, agus ann an iomadh ana‑miann amaideach agus ciùrrail, a bhàthas daoine ann am milleadh agus ann an sgrios. Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro‐lot iad iad fhèin le iomadh cràdh. Ach thusa, O òglaich Dhè, teich o na nithean sin: agus lean fìreantachd, diadhachd, creideamh, gràdh, foighidinn, ceannsachd. Còmhraig deagh chòmhrag a’ chreidimh, gabh greim den bheatha mhaireannaich, a‑chum mar an ceudna an do ghairmeadh thu, agus dh’aidich thu deagh aidmheil an làthair mòran fhianaisean. Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, a bheothaicheas na h‑uile nithean, agus ann am fianais Iosa Crìosd, a rinn fianais air deagh aidmheil an làthair Phontiuis Philait, Thu a choimhead na h‑àithne seo gun smal, gun lochd, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd: Nì, na àmannan fhèin, a dh’fhoillsicheas an Tì a tha beannaichte, agus a‑mhàin cumhachdach, Rìgh nan rìgh, agus Tighearna nan tighearnan; Neach na aonar aig a bheil neo‐bhàsmhorachd, a tha na chòmhnaidh anns an t‑solas a dh’ionnsaigh nach faodar teachd; neach nach faca duine sam bith, agus nach mò a dh’fhaodas e fhaicinn: dhàsan gu robh urram agus cumhachd sìorraidh. Amen. Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd‐inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo‐chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn: Iad a dhèanamh maith, iad a bhith saoibhir ann an deagh obraichean, ullamh gu roinn, compàirteach; A’ tasgadh suas dhaibh fhèin deagh bhunait fa chomhair an àm ri teachd, a‑chum gun dèan iad greim air a’ bheatha mhaireannaich. O Thimòteuis, coimhead an nì sin a dh’earbadh riut, a’ seachnadh faoin‐chòmhraidh mhì‐naomha, agus co‑chogadh eòlais don toirear gu breugach an t‑ainm sin: Nì air a bhith do dhream àraidh ag aidmheil, chaidh iad air seachran a‑thaobh a’ chreidimh. Gràs gu robh maille riut. Amen. Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, a rèir gealladh na beatha, a tha ann an Iosa Crìosd. Gu Timòteus, mo mhac gràdhach: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus o Iosa Crìosd ar Tighearna. Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia, dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis om shinnsirean le cogais ghlain, gu bheil agam cuimhne ortsa a‑ghnàth a là agus a dh’oidhche ann am ùrnaighean; Air dhomh a bhith ro‑thogarrach air thusa fhaicinn, a’ cuimhneachadh do dheur, a‑chum gum bi mi air mo lìonadh le gàirdeachas; Nuair a chuimhnicheas mi an creideamh neo‐chealgach a tha annadsa, a chòmhnaich air tùs ad sheanmhair Lois, agus ad mhàthair Eunice: agus is dearbh leam a tha annadsa mar an ceudna. Air an adhbhar seo tha mi a’ cur an cuimhne dhut, thu a dh’ath‐bheothachadh tìodhlac Dhè, a tha annad tre chur mo làmh‐sa ort. Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain. Uime sin na gabh‐sa nàire de fhianais ar Tighearna, no dhìomsa a phrìosanach: ach biodh do chuid agad de àmhghar an t‑soisgeil, a rèir cumhachd Dhè; A shaor sinne, agus a ghairm sinn le gairm naoimh, chan ann a rèir ar n‑obraichean, ach a rèir a rùin fhèin, agus a ghràis a thugadh dhuinn ann an Iosa Crìosd, ro thoiseach an t‑saoghail; Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis tro theachd ar Slànaighir Iosa Crìosd, a chuir as don bhàs, agus a thug beatha agus neo‐bhàsmhorachd a‑chum solais, tre an t‑soisgeul; A‑chum an d’òrdaicheadh mise am shearmonaiche, agus am abstol, agus am fhear‐teagaisg nan Cinneach: An t‑adhbhar airson a bheil mi mar an ceudna a’ fulang nan nithean seo: gidheadh chan eil nàire orm: oir tha fhios agam cò ann a chreid mi, agus is dearbh leam gu bheil esan comasach air an nì sin a dh’earb mi ris a choimhead fa chomhair an là sin. Cùm gu daingeann samhladh fìrinneach nam briathar fallain, a chuala tu uamsa, ann an creideamh agus ann an gràdh a tha ann an Iosa Crìosd. Coimhead an taisgeach math sin a dh’earbadh riut, tre an Spiorad Naomh, a tha a chòmhnaidh annainn. Tha fhios seo agad, gun do thill iadsan uile a tha anns an Asia uamsa; dem bheil Phigellus agus Hermogenes. Gun tugadh an Tighearna tròcair do theaghlach Onesiphoruis; oir is minig a thug e sòlas dhòmhsa, agus cha do ghabh e nàire dem shlabhraidh: Ach nuair a bha e anns an Ròimh dh’iarr e a‑mach mi gu dìcheallach, agus fhuair e mi. Gun deònaicheadh an Tighearna dhàsan gum faigh e tròcair on Tighearna anns an là sin: agus tha sàr‐fhios agad, cia lìon nithean anns an do rinn e frithealadh dhomh ann an Ephesus. Uime sin bi‑sa, a mhic, làidir anns a’ ghràs a tha ann an Iosa Crìosd. Agus na nithean a chuala tu uamsa am measg mòran fhianaisean, earb thusa na nithean sin fhèin ri daoine fìrinneach, a bhios iomchaidh daoine eile a theagasg mar an ceudna. Fuiling thusa uime sin cruaidh‐chàs, mar dheagh shaighdear Iosa Crìosd. Cha dèan neach sam bith a leanas an cogadh e fhèin a ribeadh ann an gnothaichean na beatha seo: a‑chum gun toilich e an tì a thagh e gu bhith na shaighdear. Agus mar an ceudna ged nì fear air bith spàirn, cha chrùnar e mura dèan e spàirn gu dligheach. Is còir don treabhaiche a shaothraicheas air tùs, co‑roinn fhaotainn den toradh. Smaoinich air na nithean a tha mi ag ràdh; agus gun tugadh an Tighearna dhut tuigse anns na h‑uile nithean. Cuimhnich gun do thogadh o na mairbh Iosa Crìosd, de shìol Dhaibhidh, a rèir mo shoisgeil‐sa; Airson a bheil mise a’ fulang mar fhear droch‐bheairt, eadhon gu gèimhlean; ach chan eil facal Dhè ceangailte. Uime sin tha mi ag iomchar nan uile nithean airson nan daoine taghte, a‑chum gum faigh iadsan mar an ceudna an t‑slàinte a tha ann an Iosa Crìosd, maille ri glòir shìorraidh. Is ràdh fìor seo, Ma bhàsaicheas sinn maille ris, gum bi sinn beò mar an ceudna maille ris: Ma dh’fhuilingeas sinn, rìghichidh sinn mar an ceudna maille ris: ma dh’àicheas sinn e, àichidh esan sinne mar an ceudna: Mura creid sinne, gidheadh tha esan a’ fantainn fìrinneach; chan eil e an comas dha e fhèin àicheadh. Cuir na nithean sin an cuimhne dhaibh, a’ cur sparraidh orra am fianais an Tighearna, gun iad a bhith a’ connsachadh mu fhacail anns nach eil tairbhe sam bith, ach a thilgeas bun‐os‑cionn an luchd‐èisdeachd. Dèan dìcheall air thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, ad shaothraiche nach ruig a leas nàire a ghabhail, a’ roinn facal na fìrinn gu ceart. Ach seachainn faoin‐chainnt mhì‐naomh; oir thèid iad air aghaidh a‑chum an tuilleadh mì‑dhiadhachd. Agus ithidh am facal mar chnàmhainn; dem bheil Himenèus agus Philètus; Muinntir a‑thaobh na fìrinn a chaidh air seachran, ag ràdh gun deachaidh an aiseirigh cheana seachad; agus a tha a’ tilgeadh creideamh dream àraidh bun‐os‑cionn. Gidheadh, tha bunait Dhè a’ seasamh daingeann, aig a bheil an seula seo, Is aithne don Tighearna an dream sin as leis. Agus, gach neach a tha ag ainmeachadh ainm Chrìosd, trèigeadh e eucoir. Ach ann an taigh mòr chan e a‑mhàin gu bheil soithichean òir, agus airgid, ach mar an ceudna soithichean fiodha, agus creadha; agus cuid dhiubh a‑chum urraim, agus cuid eile a‑chum eas‐urraim. Uime sin ma ghlanas neach e fhèin uapa seo, bidh e na shoitheach a‑chum urraim, air a naomhachadh, agus iomchaidh a‑chum feum a’ mhaighistir, deas a‑chum gach uile dheagh obrach. Teich uime sin o ana‑miannan na h‑òige: ach lean fìreantachd, creideamh, gràdh, sìth, maille riùsan a tha a’ gairm air an Tighearna o chridhe glan. Ach seachainn ceistean amaideach agus neo‐fhòghlaimte, air dhut fios a bhith agad gun tog iad connsachadh. Agus chan fhaod òglach an Tighearna a bhith connspaideach; ach ciùin ris na h‑uile dhaoine, ealamh a‑chum teagaisg, foighidinneach, Ann an ceannsachd a’ teagasg na dream a sheasas na aghaidh; a dh’fheuchainn an toir Dia uair air bith aithreachas dhaibh, a‑chum aidmheil na fìrinn; Agus air mosgladh dhaibh gun tèid iad as o ribe an diabhail, aig a bheil iad air am beò‐ghlacadh a‑chum a thoile. Ach biodh fhios seo agad, gun tig anns na làithean deireannach aimsirean cunnartach. Oir bidh daoine fèin‐spèiseil, sanntach, ràiteachail, uaibhreach, toibheumach, eas‐umhail do phàrantan, mì‑thaingeil, mì‑naomha, Gun ghràdh nàdarra, nan luchd‐brisidh coicheangail, tuaileasach, neo‐gheamnaidh, borb, gun ghaol don mhath, Fealltach, ceann‐làidir, àrdanach, aig a bheil bàrr gràidh do shàimh na tha aca do Dhia; Aig a bheil coslas diadhachd, ach a tha ag àicheadh a cumhachd: on leithidean sin tionndaidh‐sa air falbh. Oir is ann dhiubh seo a tha an dream sin a dh’èalaidheas a‑steach do thaighean, agus a bheir leo ann am braighdeanas mnathan suarach air an uallachadh le peacaidhean, air an iomain le iomadh gnè ana‑mianna, A’ sìor‐fhòghlam, agus gun chomas dhaibh gu bràth teachd a‑chum eòlas na fìrinn. Agus mar a chuir Iannes agus Iambres an aghaidh Mhaois, mar sin tha iadsan a’ cur an aghaidh na fìrinn: daoine aig a bheil inntinn thruaillidh, gun tuigse a‑thaobh a’ chreidimh. Ach cha tèid iad nas fhaide air an aghaidh: oir bidh am mì‑chiall follaiseach do na h‑uile dhaoine, mar a bha am mì‑chiall‐san mar an ceudna. Ach tha làn‐fhios agad air mo theagasg‐sa, mo ghnè beatha, mo rùn, mo chreideamh, m’fhad‐fhulangas, mo sheirc, m’fhoighidinn, Mo gheur‐leanmhainnean, m’fhulangasan a thàinig orm ann an Antioch, ann an Iconium, ann an Listra; ciod e meud nan geur‐leanmhainn a ghiùlain mi: ach asda uile shaor an Tighearna mi. Seadh, fuilingidh iadsan uile, leis an àill am beatha a chaitheamh gu diadhaidh ann an Iosa Crìosd, geur‐leanmhainn. Ach fàsaidh droch dhaoine agus mealltairean nas miosa agus nas miosa, a’ mealladh, agus air am mealladh. Ach buanaich thusa anns na nithean a dh’fhòghlaim thu, agus air an do rinneadh thu dearbh‐fhiosrach, air dhut fios a bhith agad cia uaithe a dh’fhòghlaim thu iad; Agus o bha thu ad leanabh gum b’aithne dhut na sgriobtairean naomha, a tha comasach air do dhèanamh glic a‑chum slàinte, tre an chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd. Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd: A‑chum gum bi òglach Dhè coileanta, làn‐deas a‑chum gach uile dheagh obrach. Tha mi a’ sparradh ort uime sin am fianais Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a bheir breith air beò agus marbh, aig a theachd dealrach agus na rìoghachd: Searmonaich am facal, bi dùrachdach ann an àm agus ann an an‑àm; spreig, cronaich, earalaich leis an uile fhad‐fhulangas agus theagasg. Oir thig an t‑àm anns nach bi fulang aca air teagasg fallain: ach air do chluasan tachasach a bhith aca, càrnaidh iad suas dhaibh fhèin luchd‐teagaisg a rèir an ana‑miann; Agus tionndaidhidh iad an cluasan air falbh on fhìrinn, agus tionndaidhear iad a‑chum sgeulachdan faoine. Ach dèan thusa faire anns na h‑uile nithean, fuiling cruaidh‐chàs, dèan obair soisgeulaiche, làn‐choilean do mhinistrealachd. Oir tha mise a‑nis gu bhith air m’ìobradh, agus tha àm mo shiubhail am fagas. Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chrìochnaich mi mo thuras, ghlèidh mi an creideamh. O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd‐san. Dèan do dhìcheall air tighinn am ionnsaigh gu luath: Oir thrèig Dèmas mi, air dha an saoghal seo a tha an làthair a ghràdhachadh, agus chaidh e do Thesalonìca; Crescens do Ghalàtia, Tìtus do Dhalmàtia. Tha Lùcas na aonar maille rium. Gabh Marcus agus thoir leat e: oir tha e feumail dhòmhsa a‑chum na ministrealachd. Ach chuir mi Tichicus gu Ephesus. An fhallaing a dh’fhàg mi ann an Tròas aig Carpus, nuair a thig thu, thoir leat, agus na leabhraichean, ach gu h‑àraidh na meambranan. Rinn Alecsander an ceàrd‐umha iomadh olc orm: gun tugadh an Tighearna dha a rèir a ghnìomharan: Bi thusa mar an ceudna air d’fhaicill uaithe, oir chuir e gu mòr an aghaidh ar briathar‐ne. Aig mo chiad fhreagradh cha robh aon neach leam, ach thrèig na h‑uile mi: nar agrar orra e. Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn‐fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn. Agus saoraidh an Tighearna mi o gach uile dhroch obair, agus gleidhidh e mi a‑chum a rìoghachd nèamhaidh fhèin: dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen. Cuir fàilte air Prisca, agus air Acuila, agus air teaghlach Onesiphoruis. Dh’fhan Erastus ann an Corintus: ach dh’fhàg mi Trophimus gu tinn ann am Miletum. Dèan dìcheall air teachd ron gheamhradh. Tha Eubulus, agus Pudens, agus Linus, agus Claudia, agus na bràithrean uile a’ cur fàilte ort. Gu robh an Tighearna Iosa Crìosd maille rid spiorad. Gràs maille ribh. Amen. Pòl, seirbhiseach Dhè, agus abstol Iosa Crìosd, a rèir creideamh daoine taghte Dhè, agus aidmheil na fìrinn a tha a rèir diadhachd; Ann an dòchas na beatha maireannaich a gheall Dia, do nach comasach breug a dhèanamh, ro chruthachadh an t‑saoghail; Ach dh’fhoillsich e a fhacal fhèin ann an àm iomchaidh tre shearmonachadh, a dh’earbadh riumsa, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear; A‑chum Thìtuis, mo dhearbh mhac fhèin a rèir a’ chreidimh choitchinn: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd, ar Slànaighear. Air a shon seo dh’fhàg mi thu ann an Crete, a‑chum gun cuireadh tu an òrdagh na nithean a dh’fhàgadh gun dèanamh, agus gun suidhicheadh tu seanairean anns gach baile, a rèir mar a dh’àithn mise dhut. Ma tha neach sam bith neo‐lochdach, na fhear aon mhnà, aig a bheil a chlann creidmheach, nach eil fo mhì‐chliù a‑thaobh ana‑caitheimh, no eas‐umhail: Oir is còir do easbaig a bhith neo‐choireach, mar stiùbhard Dhè, gun a bhith fèin‐thoileil, no feargach, no òlmhor, no tuasaideach, no cionail air buannachd shalaich; Ach aoidheil, dèidheil air daoine matha, ciallach, cothromach, naomh, measarra; A’ cumail an fhacail fhìor gu daingeann, a rèir teagaisg, a‑chum gum bi e comasach le teagasg fallain, araon earail a thabhairt, agus an dream a sheas na aghaidh a chur as am barail. Oir tha mòran ann a tha mì‑riaghailteach, a labhras gu dìomhain, agus a tha nam mealltairean, gu h‑àraidh iadsan a tha den timcheall‐ghearradh: Muinntir as còir am beul a dhruideadh, dream a tha a’ tionndadh thaighean iomlan bun‐os‑cionn, a’ teagasg nan nithean nach còir, air ghaol buannachd shalaich. Thubhairt neach àraidh dhiubh fhèin, eadhon fàidh dhiubh fhèin, Is breugairean a‑ghnàth na Crètich, droch fhiadh‐bheathaichean, builg mhall. Tha an fhianais seo fìor: air an adhbhar sin cronaich gu geur iad, a‑chum gum bi iad fallain anns a’ chreideamh; Gun a bhith a’ toirt aire do fhaoin‐sgeulachdan Iùdhach, agus do àitheantan dhaoine, a thionndaidheas on fhìrinn. Oir gu deimhinn tha na h‑uile nithean glan don dream a tha glan: ach dhaibhsan a tha salach, agus mì‑chreidmheach, chan eil aon nì glan; ach tha an inntinn agus an cogais fhèin air an salachadh. Tha iad a’ gabhail orra eòlas a bhith aca air Dia; ach ann an obraichean tha iad ga àicheadh, air dhaibh a bhith gràineil, agus eas‐umhail, agus a‑thaobh gach deagh obrach as eugmhais tuigse. Ach labhair thusa na nithean a thig ri teagasg fallain: Eadhon na daoine aosda a bhith aireach, suidhichte, measarra, fallain anns a’ chreideamh, ann an gràdh, ann am foighidinn: Mar an ceudna na mnathan aosda a bhith nan giùlan mar as cubhaidh do naomhachd, gun a bhith nan luchd‐tuaileis, gun a bhith trom air fìon, a bhith nan luchd‐teagaisg air nithean matha; A‑chum gun teagaisg iad na mnathan òga a bhith ciallach, gràdhach air am fir, gràdhach air an cloinn, A bhith eagnaidh, geamnaidh, fantainn aig an taigh, a bhith math, umhail dam fir a‑chum nach faigh facal Dhè mì‑chliù. Cuir impidh air na daoine òga mar an ceudna, iad a bhith ciallach. Anns na h‑uile nithean gad nochdadh fhèin ann ad eisempleir dheagh obraichean: ann an teagasg a’ nochdadh neo‐thruaillidheachd, suidheachadh inntinn, treibhdhireis, Cainnt fhallain nach fhaodar a dhìteadh; a‑chum gum bi nàire air an neach a tha nur n‑aghaidh, a chionn nach eil droch nì sam bith aige ri labhairt umaibh. Earalaich seirbhisich a bhith umhail dam maighistirean fhèin, agus an deagh‐thoileachadh anns na h‑uile nithean: gun a bhith a’ labhairt nan aghaidh; Gun a bhith a’ ceiltinn aon nì den cuid, ach a’ nochdadh gach uile dheagh thairisneachd; a‑chum gun dèan iad teagasg Dhè ar Slànaighear maiseach anns na h‑uile nithean. Oir dh’fhoillsicheadh gràs slàinteil Dhè do na h‑uile dhaoine; A’ teagasg dhuinn gach mì‑dhiadhachd agus ana‑miann saoghalta àicheadh, agus ar beatha a chaitheamh gu stuama, gu cothromach, ach gu diadhaidh anns an t‑saoghal seo an làthair; Air dhuinn sùil a bhith againn ris an dòchas bheannaichte sin, eadhon foillseachadh glòir an Dè mhòir, agus ar Slànaighir Iosa Crìosd: A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean. Na nithean seo labhair, agus earalaich, agus cronaich leis an uile ùghdarras. Na dèanadh duine sam bith tàir ort. Cuir an cuimhne dhaibh a bhith umhail do uachdaranachdan agus do chumhachdan, freagarrach do luchd‐riaghlaidh, ullamh a‑chum gach uile dheagh obrach, Gun olc a labhairt mu neach air bith, a bhith neo‐thuasaideach, mìn, a’ taisbeanadh an uile cheannsachd do na h‑uile dhaoine. Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas‐umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana‑miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath‐thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile. Ach nuair a dh’fhoillsicheadh coibhneas agus gràdh Dhè ar Slànaighear do dhaoine, Chan ann o obraichean fìreantachd a rinn sinne, ach a rèir a thròcair fhèin shaor e sinn, tre ionnlad na h‑ath‐ghineamhainn, agus ath‐nuadhachadh an Spioraid Naoimh; A dhòirt e oirnn gu saoibhir, tre Iosa Crìosd ar Slànaighear; A‑chum air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre a ghràs, gum bitheamaid air ar dèanamh nar n‑oighreachan a rèir dòchas na beatha maireannaich. Is fìor an ràdh seo, agus is àill leam thu a thoirt dearbh‐chinnte air na nithean sin, a‑chum gum biodh iadsan a chreid ann an Dia cùramach air toiseach a bhith aca ann an deagh obraichean: oir tha na nithean seo math agus tairbheach do dhaoine. Ach seachainn ceistean amaideach, agus sloinnteireachd, agus connspaidean, agus connsachadh mun lagh; oir tha iad gun tairbhe agus dìomhain. Duine a tha na shaobh‐chreidmheach, an dèidh na ciad agus na dara comhairle, diùlt: Air do fhios a bhith agad gu bheil a leithid sin de dhuine air a chur bun‐os‑cionn, agus gu bheil e a’ peacachadh, air dha a bhith air fhèin‐dhìteadh. Nuair a chuireas mi Artèmas ad ionnsaigh, no Tichicus, dèan dìcheall air teachd am ionnsaigh gu Nicopolis: oir is ann an sin a chuir mi romham an geamhradh a chaitheamh. Thoir Senas am fear‐lagha agus Apollos air an aghaidh anns an t‑slighe gu dùrachdach, a‑chum nach bi nì air bith a dh’uireasbhaidh orra. Agus fòghlamadh ar muinntir‐ne mar an ceudna deagh obraichean a dhèanamh gu dùrachdach fa chomhair ghnàthachadh feumail, a‑chum nach bi iad neo‐thairbheach. Tha an dream a tha maille rium uile a’ cur fàilte ort. Cuir fàilte orrasan len ionmhainn sinn anns a’ chreideamh. Gràs maille ribh uile. Amen. Pòl, prìosanach Iosa Crìosd, agus Timòteus ar bràthair, a‑chum Philemoin as ionmhainn leinn, agus ar co‑shaothraiche, Agus a‑chum Aphia ionmhainn, agus Archipuis ar co‑shaighdear, agus a‑chum na h‑eaglais a tha ann ad thaigh: Gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd. Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia, a’ sìor‐thoirt luaidh ort ann am ùrnaighean, Air dhomh a bhith a’ cluinntinn mud ghràdh, agus a’ chreidimh a tha agad a‑thaobh an Tighearna Iosa, agus a‑thaobh nan uile naomh; A‑chum gum bi co‑chomann do chreidimh èifeachdach ann an aidmheil an uile mhaith a tha annaibh ann an Iosa Crìosd. Oir tha subhachas ro‑mhòr agus comhfhurtachd againne ann ad ghràdh‐sa, do bhrìgh gu bheil innidh nan naomh air faotainn suaimhneis tromhadsa, a bhràthair. Uime sin ged dh’fhaodainn a bhith ro‑dhàn ann an Crìosd a‑chum an nì a tha iomchaidh àithneadh dhut, Gidheadh is fheàrr leam airson gràidh impidh a chur ort, air a bhith dhomh mar Phòl aosda, agus a‑nis mar an ceudna am phrìosanach airson Iosa Crìosd. Guidheam ort airson mo mhic Onesimus, a ghin mi ann am ghèimhlean: Neach a bha uaireigin neo‐thairbheach dhutsa, ach a‑nis a tha tairbheach dhutsa agus dhòmhsa: Neach a chuir mi air ais: uime sin gabh‐sa ris mar rim innidh fhèin; Neach a bu mhiann leam a chumail maille rium fhèin, a‑chum gun dèanadh e frithealadh dhomh ann ad àite‐sa, ann an gèimhlean an t‑soisgeil: Ach as eugmhais d’inntinn‐sa cha bu toil leam nì sam bith a dhèanamh; a‑chum nach biodh do mhaith‐sa mar gum b’ann a dh’aindeoin, ach od thoil fhèin. Oir theagamh gur ann air a shon seo a dh’fhàg e thu rè tamaill, a‑chum gum faigheadh tu e gu sìorraidh; Chan ann à seo suas mar sheirbhiseach, ach os cionn seirbhisich, na bhràthair gràdhach, gu h‑àraidh dhòmhsa, agus nach mò na sin dhutsa, araon anns an fheòil, agus anns an Tighearna? Uime sin ma mheasas tu mise mar fhear co‑roinne, gabh ris‐san mar rium fhèin. Agus ma rinn e eucoir ort, no ma dhligheas e nì sam bith dhut, cuir sin as mo leth‐sa. Sgrìobh mise Pòl lem làimh fhèin e, agus dìolaidh mi e: ged nach eil mi ag ràdh riut gun dlighear leat thu fhèin os bàrr dhomh. Seadh, a bhràthair, faigheam gàirdeachas dod thaobh anns an Tighearna: dèan suaimhneach mo chridhe anns an Tighearna. Air dhomh a bhith earbsach as d’ùmhlachd sgrìobh mi ad ionnsaigh, oir tha fhios agam gun dèan thusa mar an ceudna nas mò na tha mi ag ràdh. Ach maille ri seo ullaich mar an ceudna fàrdach air mo shon: oir tha dòchas agam, tre ur n‑ùrnaighean‐se, gun toirear mi dhuibh. Tha Epaphras, mo cho‐phrìosanach ann an Iosa Crìosd, Marcus, Aristarchus, Dèmas, Lùcas, mo cho‐luchd‐obrach, a’ cur fàilte ort. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ri ur spiorad‐sa. Amen Dia, a labhair o shean gu minig, agus air iomadh dòigh ris na h‑athraichean leis na fàidhean, Labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac, a dh’òrdaich e na oighre air na h‑uile nithean, tre an do chruthaich e fòs na saoghail; Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire‐san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas‐làimh na mòrachd anns na h‑àrdan: Air dha a bhith air a dhèanamh nas ro‑òirdheirce na na h‑aingil, a mheud is gun d’fhuair e mar oighreachd ainm a bu ro‑fheàrr na iadsan. Oir cò de na h‑aingil ris an dubhairt e uair air bith, Is tu mo Mhac‐sa, an‑diugh ghin mi thu? Agus a‑rìs, Bidh mise am Athair dhàsan, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa? Agus a‑rìs, nuair a tha e a’ tabhairt a’ chiad‐ghin a‑steach don t‑saoghal, tha e ag ràdh, Agus dèanadh uile aingil Dhè adhradh dha. Agus a‑thaobh nan aingeal tha e ag ràdh, Neach a tha a’ dèanamh ainglean nan spioradan, agus a mhinistearan nan lasair theine. Ach ris a’ Mhac tha e ag ràdh, Tha do rìgh‐chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal; is slat‐rìoghail ro‑chothromach slat do rìoghachd‐sa: Ghràdhaich thu fìreantachd, agus thug thu fuath do aingidheachd; uime sin dh’ung Dia, do Dhia‐sa, thu le ola aoibhneis os cionn do chompanach. Agus, Leag thusa, a Thighearna, bunaitean na talmhainn air tùs; agus is iad na nèamhan obraichean do làmh: Teirgidh iadsan, ach mairidh tusa: agus fàsaidh iad uile sean mar aodach; Agus fillidh tu iad mar bhrat, agus caochlaidhear iad: ach is tusa an Tì ceudna, agus chan fhàilnich do bhliadhnachan. Ach cò de na h‑ainglean ris an dubhairt e uair air bith, Suidh air mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl‐chas fod chasan? Nach spioradan‐frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte? Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo. Oir ma bha am facal a labhradh le ainglean seasmhach, agus gun d’fhuair gach uile bhriseadh agus eas‐ùmhlachd dìol‐thuarasdal dligheach; Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e; Air a bhith do Dhia a’ dèanamh co‑fhianais leo, araon le comharraidhean agus le iongantasan, agus le feartan eugsamhail, agus le tìodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoile fhèin? Oir cha do chuir e fo cheannsal nan aingeal an saoghal ri teachd, mum bheil sinn a’ labhairt. Ach rinn neach fianais ann an ionad àraidh, ag ràdh, Ciod e an duine gun cuimhnicheadh tu air? No mac an duine gum fiosraicheadh tu e? Rinn thu e rè tamaill bhig na b’ìsle na na h‑aingil; chrùn thu e le glòir agus le urram, agus chuir thu e os cionn obraichean do làmh; Chuir thu na h‑uile nithean sìos fo a chasan. Oir ann an cur nan uile nithean fodha dha, cha d’fhàg e nì air bith gun chur fodha. Ach a‑nis chan eil sinn a’ faicinn nan uile nithean fhathast air an cur fo a cheannsal: Ach chì sinn Iosa, a rinneadh rè ùine bhig na b’ìsle na na h‑aingil, a‑chum tre ghràs Dhè gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine, tre fhulang a’ bhàis air a chrùnadh le glòir agus le urram. Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais. Oir tha araon an tì a naomhaicheas, agus iadsan a naomhaichear, uile o aon: air an adhbhar sin cha nàir leis bràithrean a ghairm dhiubh, Ag ràdh, Cuiridh mi d’ainm an cèill dom bhràithrean, ann am meadhon na h‑eaglais seinnidh mi cliù dhut. Agus a‑rìs, Cuiridh mi mo dhòchas ann. Agus a‑rìs, Feuch mise, agus a’ chlann a thug Dia dhomh. Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal; Agus gun saoradh e iadsan a bha tre eagal a’ bhàis rè am beatha uile fo dhaorsa. Oir gu deimhinn cha do ghabh e nàdar nan aingeal air; ach ghabh e sìol Abrahàim air. Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd‐shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh: Oir a mheud is gun d’fhuiling e fhèin, air dha a bhith air a bhuaireadh, is comasach e air cobhair a dhèanamh orrasan a tha air am buaireadh. Uime sin, a bhràithrean naomha, a tha nur luchd‐compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Iosa Crìosd, Abstol agus Àrd‐shagart ar n‑aidmheil; A bha dìleas dhàsan a dh’òrdaich e, amhail a bha Maois mar an ceudna na thaigh‐san uile. Oir mheasadh gum b’airidh an Tì seo air glòir a bu mhò na Maois, a mheud is gu bheil tuilleadh urraim aig an neach a thog an taigh, na aig an taigh fhèin. Oir tha gach uile thaigh air a thogail le aon‐eigin; ach an tì a thog na h‑uile nithean, is e Dia. Agus gu deimhinn bha Maois dìleas na thaigh‐san uile mar sheirbhiseach, a‑chum fianais air na nithean sin a bha gu bhith air an labhairt an dèidh sin; Ach Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe fhèin: agus is sinne a thaigh‐san, ma chumas sinn dànachd, agus gàirdeachas an dòchais, gu daingeann gus a’ chrìoch. Uime sin, mar a tha an Spiorad Naomh ag ràdh, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, Na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh, ann an là a’ bhuairidh anns an fhàsach: Far an do bhuair ur n‑athraichean mi, agus dhearbh iad mi, agus a chunnaic iad m’obraichean rè dà‑fhichead bliadhna. Uime sin bha diomb orm ris a’ ghinealach sin, agus thubhairt mi, Tha iad a‑ghnàth air seachran nan cridhe; agus cha do ghabh iad eòlas air mo shlighean‐sa. Ionnas gun tug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas. Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal gum bi ann an aon neach agaibh droch cridhe mì‑chreidimh, ann an trèigsinn an Dè bheò. Ach earalaichibh a chèile gach là, am feadh a ghoirear An Là‑an‑diugh dheth; air eagal gun cruadhaichear neach air bith agaibh tre mhealltaireachd a’ pheacaidh. Oir rinneadh sinn nar luchd‐compàirt de Chrìosd, ma chumas sinn toiseach ar muinghinn gu daingeann gus a’ chrìoch; Am feadh a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh. Oir air do dhream àraidh cluinntinn, bhrosnaich iad: ach cha b’iadsan uile a thàinig a‑mach as an Èiphit le Maois. Ach cò ris a bha diomb air rè dà‑fhichead bliadhna? Nach ann riùsan a pheacaich, muinntir don do thuit an colainnean anns an fhàsach? Agus cò iad don tug e a mhionnan nach rachadh iad a‑steach da shuaimhneas, ach dhaibhsan nach do chreid? Mar seo chì sinn nach b’urrainn iad dol a‑steach airson mì‑chreidimh. Uime sin biodh faitcheas oirnn, air eagal air a bhith do ghealladh dol a‑steach da shuaimhneas air fhàgail againn, gun tigeadh aon neach agaibh a dhèidh‐làimh air. Oir shearmonaicheadh an soisgeul dhuinne, amhail a rinneadh dhaibhsan: ach cha robh tairbhe dhaibhsan anns an fhacal a chaidh a shearmonachadh, do bhrìgh nach robh e air a mheasgadh le creideamh anns an dream a chuala e. Oir tha sinne a chreid a’ dol a‑steach do shuaimhneas, amhail a thubhairt e, Mar a thug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas: ged bha na h‑obraichean crìochnaichte o thoiseach an t‑saoghail. Oir labhair e ann an ionad àraidh mun t‑seachdamh là air an dòigh seo, Agus ghabh Dia fois air an t‑seachdamh là o a obraichean uile. Agus anns an ionad seo a‑rìs, Cha tèid iad a‑steach dom shuaimhneas. Do bhrìgh uime sin gun tuigear uaithe seo gun tèid dream àraidh a‑steach ann, agus nach deachaidh an dream, don do shearmonaicheadh e air tùs, a‑steach airson am mì‑chreidimh; A‑rìs, tha e a’ suidheachadh là àraidh, ag ràdh ann an Daibhidh, An‑diugh, an dèidh aimsir cho fada; mar a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe. Oir nam biodh Iosua air toirt suaimhneis dhaibh, cha labhradh e an dèidh sin mu là eile. Uime sin dh’fhàgadh fois fa chomhair sluagh Dhè. Oir an tì a chaidh a‑steach da shuaimhneas, ghabh esan tàmh o a obraichean, amhail a ghabh Dia o a obraichean fhèin. Dèanamaid dìcheall uime sin air dol a‑steach don t‑suaimhneas sin, air eagal gun tuit aon neach a rèir eisempleir cheudna a’ mhì‐chreidimh. Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar‐sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe. Agus chan eil creutair sam bith nach eil follaiseach na làthair‐san: ach tha na h‑uile nithean lomnochd, agus fosgailte do shùilean an Tì dom feum sinn cunntas a thabhairt. Do bhrìgh uime sin gu bheil againn Ard‐shagart mòr, a chaidh a‑steach do na nèamhan, Iosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil. Oir chan eil Ard‐shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh. Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh‐chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma. Oir tha gach uile àrd‐shagart, air a thoirt o mheasg dhaoine, air òrdachadh airson dhaoine ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum gun toir e suas araon tìodhlacan agus ìobairtean airson pheacaidhean: Neach a tha comasach air truas a ghabhail ris an dream a tha aineolach, agus air seachran: do bhrìgh gu bheil e fhèin mar an ceudna air a chuartachadh le anfhainneachd: Agus air a shon seo, is còir dha ìobradh airson pheacaidhean, mar as leth an t‑sluaigh, is amhail sin as a leth fhèin mar an ceudna. Agus cha ghabh aon duine an t‑urram seo dha fhèin, ach an tì a tha air a ghairm o Dhia, mar a bha Aaron: Is amhail sin, cha do ghlòraich Crìosd e fhèin, gu bhith air a dhèanamh na Ard‐shagart; ach an tì a thubhairt ris, Is tu mo Mhac, an‑diugh ghin mi thu. A rèir mar a tha e ag ràdh mar an ceudna ann an ionad eile, Is sagart thu gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic. Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd‐èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air. Ged bu Mhac e, dh’fhòghlaim e ùmhlachd o na nithean a dh’fhuiling e: Agus air dha a bhith air a dhèanamh foirfe, rinneadh e na ùghdar slàinte shìorraidh dhaibhsan uile a bhios umhail dha; Air a ghairm le Dia na Ard‐shagart a rèir òrdagh Mhelchisedeic; Mum bheil mòran againn ri labhairt, agus cruaidh rim mìneachadh; do bhrìgh gu bheil sibh mall nur n‑èisdeachd. Oir ged bu chòir dhuibh a rèir na h‑aimsir a bhith nur luchd‐teagaisg, tha feum agaibh gun teagaisgeadh neach dhuibh a‑rìs ciod iad ciad‐thoiseachan briathran Dhè; agus tha sibh air teachd a‑chum na h‑inbhe sin, gur mò tha bainne a dh’uireasbhaidh oirbh na biadh làidir. Oir gach neach a tha a’ gnàthachadh bainne, tha e neo‐theòma air facal na fìreantachd: oir is naoidhean e. Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar‐dhealachadh a chur eadar math agus olc. Uime sin air fàgail dhuinn ciad‐thoiseachan teagasg Chrìosd, rachamaid air ar n‑aghaidh a‑chum foirfeachd; gun a bhith a‑rìs a’ suidheachadh bunaitean aithreachais o obraichean marbha, agus creidimh a‑thaobh Dhè; Bunaitean teagasg nam baistidhean, agus leagadh nan làmh, agus aiseirigh nam marbh, agus breitheanais shìorraidh. Agus nì sinn seo, ma cheadaicheas Dia. Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd‐compàirt den Spiorad Naomh, Agus a bhlais deagh fhacal Dhè, agus cumhachdan an t‑saoghail ri teachd, Agus a thuit air falbh, ath‐nuadhachadh a‑chum aithreachais: do bhrìgh gu bheil iad a’ ceusadh Mac Dhè a‑rìs dhaibh fhèin, agus ga chur gu nàire fhollaisich. Oir an talamh a dh’òlas a‑steach an t‑uisge a tha a’ teachd gu minig air, agus a bheir uaithe luibhean iomchaidh don dream leis an saothraichear e, gheibh e beannachadh o Dhia: Ach an talamh sin a bheir uaithe droigheann agus drisean, tha e air a chur air cùl, agus fagas do mhallachadh; don deireadh a bhith air a losgadh. Ach is dearbh leinn nithean as fheàrr mur timcheall‐se, a mhuinntir ionmhainn, agus nithean a tha dlùth do shlàinte, ged tha sinn a’ labhairt mar seo. Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme‐san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh. Agus is miann leinn gun dèan gach aon agaibh an dùrachd ceudna a nochdadh, a‑chum làn‐dearbhadh an dòchais gus a’ chrìoch: A‑chum nach bi sibh leisg, ach nur luchd‐leanmhainn orrasan, a tha tre chreideamh agus fhoighidinn a’ sealbhachadh nan geallaidhean. Oir nuair a thug Dia gealladh do Abrahàm, do bhrìgh nach faodadh e mionnan a thoirt air neach a bu mhò, thug e mionnan air fhèin; Ag ràdh, Gu fìrinneach, beannaichidh mi gu mòr thu, agus nì mi ro‑lìonmhor thu. Agus mar sin an dèidh dhàsan feitheamh gu foighidinneach, fhuair e sealbh air a’ ghealladh. Oir gu deimhinn bheir daoine mionnan air an neach as mò: agus dhaibhsan is crìoch air gach uile chonnsachadh mionnan a‑chum daingneachaidh. Uime sin air a bhith do Dhia toileach air neo‐chaochlaideachd a chomhairle a nochdadh na bu phailte do oighreachan a’ gheallaidh, dhaingnich e le mionnan e: A‑chum tre dhà nì neo‐chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn: Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat‐roinn. Far an deachaidh an ro‑ruith‐fhear a‑steach air ar son‐ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard‐shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic. Oir b’e am Melchisedec seo rìgh Shàleim, sagart an Dè as ro‑àirde, neach a choinnich Abrahàm a’ tilleadh o àr nan rìghrean, agus a bheannaich e; Don tug Abrahàm eadhon deicheamh den uile: neach as e air tùs, air eadar‐theangachadh, rìgh na fìreantachd, agus na dhèidh sin mar an ceudna, rìgh Shàleim, is e sin rìgh na sìthe; Gun athair, gun mhàthair, gun sinnsireachd, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha aige; ach air a dhèanamh cosmhail ri Mac Dhè, tha e a’ fantainn na shagart gu sìorraidh. A‑nis thugaibh an aire cia mòr an duine seo, don tug eadhon am prìomh‐athair Abrahàm an deicheamh den chreich. Agus gu deimhinn iadsan de chloinn Lèbhi, a tha a’ faotainn na sagartachd, tha àithne aca deicheamh a thogail on t‑sluagh a rèir an lagha, sin ri ràdh, om bràithrean fhèin, ged thàinig iad a‑mach à leasraidh Abrahàim: Ach an tì nach eil air a shloinneadh uapasan, fhuair e deicheamh o Abrahàm, agus bheannaich e esan aig an robh na geallaidhean. Agus gun ag sam bith, beannaichear an tì as lugha leis an tì as fheàrr. Agus an seo tha daoine a gheibh bàs a’ faotainn deichimh: ach an sin an tì aig a bheil fianais gu bheil e beò. Agus mar a dh’fhaodas mi a ràdh, fhuaireadh ann an Abrahàm deicheamh o Lèbhi fhèin, a thogas an deicheamh: Oir bha e fhathast ann an leasraidh a athar, nuair a choinnich Melchisedec e. A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach, (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin? Oir air don t‑sagartachd a bhith air a h‑atharrachadh, is èiginn an lagh a bhith air atharrachadh mar an ceudna. Oir an tì air an labhrar na nithean sin, buinidh e do threubh eile, de nach do rinn aon neach frithealadh aig an altair. Oir is soilleir gur ann o Iùdah a dh’èirich ar Tighearna, treubh air nach do labhair Maois nì air bith a‑thaobh sagartachd. Agus tha e fhathast nas ro‑shoilleire, a mheud gun d’èirich sagart eile a rèir coslas Mhelchisedeic, A rinneadh na shagart, chan ann a rèir lagh àithne fheòlmhoir, ach a rèir cumhachd beatha gun chrìoch. Oir tha e a’ dèanamh fianais gur sagart thu gach linn a rèir òrdagh Mhelchisedeic. Oir gu deimhinn tha an àithne roimhe air a cur air cùl, airson i a bhith anfhann agus neo‐thairbheach. Oir cha do rinn an lagh nì sam bith foirfe, ach rinn toirt a‑steach dòchais as fheàrr e; tre a bheil sinn a’ teachd am fagas do Dhia. Agus a mheud nach do rinneadh sagart dheth gun mhionnan; (Oir rinneadh sagartan dhiubhsan as eugmhais mhionnan: ach dhethsan le mionnan, tre an tì a thubhairt ris, Mhionnaich an Tighearna, agus cha ghabh e aithreachas, Is sagart thu gu sìorraidh, a rèir òrdagh Mhelchisedeic;) Is cho mòr is sin a rinneadh Iosa na urras air coicheangal as fheàrr. Agus bha gu deimhinn mòran dhiubhsan nan sagartan, do bhrìgh gun do bhacadh dhaibh leis a’ bhàs a bhith maireann: Ach an duine seo, do bhrìgh gum mair e gu sìorraidh, tha sagartachd neo‐chaochlaideach aige. Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar‐ghuidhe a dhèanamh air an son. Oir bha a shamhail sin de Àrd‐shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo‐lochdach, neo‐thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan; Nach feum gach là mar na h‑àrd‐shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt. Oir tha an lagh a’ dèanamh àrd‐shagartan de dhaoine aig a bheil anfhainneachd; ach facal nam mionnan a bha an dèidh an lagha, a’ dèanamh Àrd‐shagairt den Mhac, a tha air a dhèanamh iomlan gu sìorraidh. A‑nis is e seo suim nan nithean a labhair sinn: tha a shamhail sin de Àrd‐shagart againn, a tha a’ suidhe air deis rìgh‐chathair na mòrachd anns na nèamhan; Ministear an ionaid naoimh, agus an fhìor phàillein, a shuidhich an Tighearna, agus cha b’e duine. Oir tha gach uile àrd‐shagart air òrdachadh a‑chum tìodhlacan agus ìobairtean a thoirt suas: uime sin b’èiginn gum biodh aig an duine seo mar an ceudna nì‑eigin ra thabhairt suas. Oir nam biodh e air thalamh, cha bhitheadh e na shagart, do bhrìgh gu bheil sagartan ann a tha a’ tabhairt suas thìodhlac a rèir an lagha: Muinntir a tha a’ dèanamh seirbhis le samhladh agus sgàil nan nithean nèamhaidh, a rèir mar a dh’òrdaicheadh do Mhaois le Dia nuair a bha e air tì am pàillean a chur suas. Oir feuch (tha e ag ràdh) gun dèan thu na h‑uile nithean a rèir an t‑saimpleir a nochdadh dhut anns an t‑sliabh. Ach a‑nis fhuair e ministrealachd as ro‑fheàrr, a mheud is gu bheil e mar an ceudna na eadar‐mheadhonair air coicheangal as fheàrr, a chaidh a dhaingneachadh air geallaidhean as fheàrr. Oir nam biodh an ciad choicheangal sin gun uireasbhaidh, chan iarrte àite don dara coicheangal. Oir, a’ faotainn croin dhaibh, tha e ag ràdh, Feuch, thig na làithean (tha an Tighearna ag ràdh), anns an dèan mi coicheangal nuadh ri taigh Israeil, agus ri taigh Iùdah: Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do rug mi air làimh orra a‑chum an treòrachadh a‑mach à talamh na h‑Èiphit; do bhrìgh nach d’fhan iad ann am choicheangal, agus chuir mise suarach iadsan, tha an Tighearna ag ràdh. Oir is e seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil an dèidh nan làithean ud, tha an Tighearna ag ràdh; cuiridh mi mo reachdan nan inntinn, agus sgrìobhaidh mi iad air an cridheachan: agus bidh mi am Dhia dhaibh, agus bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa. Agus cha teagaisg iad gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabh eòlas air an Tighearna: oir bidh eòlas aca uile orm, on neach as lugha gus an neach as mò dhiubh. Oir bidh mise tròcaireach dan euceartan, agus am peacaidhean agus an aingidheachd cha chuimhnich mi nas mò. Am feadh a tha e ag ràdh, Coicheangal nuadh, rinn e an ciad choicheangal sean. A‑nis an nì a tha aosda agus air fàs sean, tha e fagas do dhol as an t‑sealladh. Bha, mas eadh, gu dearbh aig a’ chiad phàillean òrdaighean a‑thaobh seirbhis Dhè, agus naomh‐ionad saoghalta. Oir dheasaicheadh an ciad phàillean, anns an robh an coinnleir, agus am bòrd, agus aran na fianais, ris an abrar an t‑ionad naomh. Agus an taobh a‑staigh den dara roinn‐bhrat, am pàillean ris an abrar an t‑ionad as ro‑naoimhe; Anns an robh an tùiseir òir, agus àirc a’ choicheangail air a còmhdachadh mun cuairt le òr, anns an robh a’ phoit òir anns an robh am mana, agus slat Aaroin a bha fo bhlàth, agus clàir a’ choicheangail; Agus os a cionn, ceruban na glòire, a’ cur sgàile air cathair na tròcair; mu nach urrainn sinn a‑nis labhairt fa leth. A‑nis nuair a bha na nithean seo air an cur an òrdagh mar seo, chaidh na sagartan a‑ghnàth a‑steach don chiad phàillean, a’ coileanadh seirbhis Dhè: Ach don dara pàillean chaidh an t‑àrd‐shagart na aonar a‑steach aon uair anns a’ bhliadhna, cha b’ann as eugmhais fala, a thug e suas air a shon fhèin, agus airson seachran an t‑sluaigh: Air a bhith don Spiorad Naomh a’ nochdadh seo, nach robh fhathast an t‑slighe a‑chum an ionaid a bu ro‑naoimhe air a foillseachadh, am feadh a bha an ciad phàillean fhathast na sheasamh: Nì a bha na shamhladh don aimsir a tha an làthair, anns an robh araon tìodhlacan agus ìobairtean air an toirt suas, nach robh comasach air an tì a bha a’ dèanamh na seirbhis sin a dhèanamh coileanta, a‑thaobh a chogais, An t‑seirbhis a bha a‑mhàin ann am biadhan agus ann an deochan, agus ann an iomadh gnè ionnlaid, agus deas‐ghnàthan a‑thaobh na feòla, a chuireadh mar uallaich orra gu àm an leasachaidh. Ach air teachd do Chrìosd na Àrd‐shagart nan nithean matha a bha ri teachd, tre phàillean a bu mhò agus a b’iomlaine, nach do rinneadh le làmhan, sin ri ràdh, nach robh den togail seo; Agus cha b’ann tre fhuil ghobhar agus laogh, ach tre a fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair don ionad naomh, air dha saorsa shìorraidh fhaotainn dhuinne. Oir ma nì fuil tharbh, agus ghobhar, agus luaithre aighe air a crathadh air an dream a bha neòghlan, an naomhachadh a‑chum glanadh na feòla; Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais‐se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò? Agus air a shon seo is esan eadar‐mheadhonair an tiomnaidh nuaidh, ionnas tre fhulangas a’ bhàis, a‑chum saorsa nan euceart a bha fon chiad thiomnadh a chosnadh, gum faigheadh iadsan a tha air an gairm gealladh na h‑oighreachd sìorraidh. Oir far a bheil tiomnadh, is èiginn bàs an tiomnaidhir a bhith ann mar an ceudna. Oir tha tiomnadh daingeann an dèidh bàs dhaoine: ach chan eil brìgh sam bith ann am feadh tha an tiomnaidhear beò. A rèir sin, cha mhò a bha an ciad thiomnadh air a choisrigeadh as eugmhais fala. Oir nuair a labhradh gach uile àithne a rèir an lagha ris an t‑sluagh uile le Maois, air dha fuil laogh agus ghobhar a ghabhail, maille ri uisge, agus olainn sgàrlaid, agus hiosop, chrath e iad araon air an leabhar agus air an t‑sluagh uile, Ag ràdh, Is i seo fuil an tiomnaidh a dh’àithn Dia dhuibh. Os bàrr, chrath e mar an ceudna an fhuil air a’ phàillean, agus air soithichean na naomh‐sheirbhis uile. Agus is beag nach eil na h‑uile nithean air an glanadh le fuil a rèir an lagha; agus as eugmhais dòrtadh fala chan eil maitheanas ra fhaotainn. B’fheumail uime sin gum biodh samhlaidhean nan nithean a tha anns na nèamhan air an glanadh leo seo; ach na nithean nèamhaidh fhèin le ìobairtean a b’fheàrr na iad seo: Oir cha deachaidh Crìosd a‑steach do na h‑ionadan naomha làmh‐dhèante, nithean a tha nan samhladh air an fhìor ionad; ach do nèamh fhèin, a‑chum a‑nis e fhèin a nochdadh ann am fianais Dhè air ar son‐ne: No fòs a‑chum e fhèin ìobradh gu minig, mar a thèid an t‑àrd‐shagart gach bliadhna a‑steach don ionad naomh, le fuil nach leis fhèin; (Oir mar sin b’èiginn gum fuilingeadh e gu minig o thoiseach an t‑saoghail); ach a‑nis dh’fhoillsicheadh e aon uair ann an deireadh an t‑saoghail, a‑chum peacadh a chur air cùl trìd e fhèin ìobradh. Agus amhail a tha e air òrdachadh do dhaoine bàs fhaotainn aon uair, ach na dhèidh seo breitheanas: Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh‐san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte. Uime sin, air a bhith aig an lagh sgàil nithean matha ri teachd, agus chan e fìor‐choslas nan nithean fhèin, chan eil e comasach dha an dream a thig da ionnsaigh a‑chaoidh a dhèanamh coileanta leis na h‑ìobairtean sin a bha iad a’ toirt suas o bhliadhna gu bliadhna a‑ghnàth: Oir an sin nach sguireadh iad de bhith gan toirt suas? Do bhrìgh nach biodh aig luchd‐dèanamh na naomh‐sheirbhis tuilleadh cogais air bith peacaidh, air dhaibh a bhith aon uair air an glanadh. Ach anns na h‑ìobairtean sin nìthear ath‐chuimhneachadh air na peacaidhean gach bliadhna. Oir chan eil e an comas gun tugadh fuil tharbh agus ghobhar peacaidhean air falbh. Uime sin a’ teachd dha don t‑saoghal, tha e ag ràdh, Ìobairt agus tabhartas cha b’àill leat, ach dh’ullaich thu corp dhòmhsa: Ann an ìobairtean‐loisgte, agus ann an ìobairtean airson peacaidh cha robh tlachd agad: An sin thubhairt mise, Feuch, tha mi a’ teachd (ann an ròla an leabhair tha siud sgrìobhte orm), a‑chum do thoil‐sa a dhèanamh, O Dhè. Air dha a ràdh roimhe sin, Ìobairt, agus tabhartas, agus ìobairtean‐loisgte, agus ìobairt airson peacaidh cha b’àill leat, agus cha robh do thlachd annta (a tha air an toirt suas a rèir an lagha); An sin thubhairt e, Feuch, tha mi a’ teachd a dhèanamh do thoil‐sa, O Dhè. Tha e a’ cur air cùl a’ chiad nì, a‑chum gun daingnich e an dara nì. Leis an toil seo tha sinne air ar naomhachadh, tre toirt suas corp Iosa Crìosd aon uair. Agus tha gach uile shagart a’ seasamh gach là, a’ frithealadh agus a’ toirt suas nan ìobairt ceudna gu minig, nithean do nach eil e an comas a‑chaoidh peacaidhean a thoirt air falbh: Ach an duine seo, an dèidh dha aon ìobairt a thoirt suas airson peacaidh, shuidh e a‑chaoidh tuilleadh air deaslàimh Dhè: A’ feitheamh o sin suas gus an cuirear a naimhdean nan stòl‐chas fo a chasan. Oir le aon ìobairt rinn e a‑chaoidh foirfe iadsan a tha air an naomhachadh. Agus tha an Spiorad Naomh mar an ceudna a’ dèanamh fianais dhuinne air na nithean seo: oir an dèidh dha a ràdh roimhe, Is e seo an coicheangal a nì mi riu an dèidh nan làithean ud, tha an Tighearna ag ràdh, Cuiridh mi mo reachdan nan cridhe, agus sgrìobhaidh mi iad air an inntinn: Agus am peacaidhean agus an euceartan cha chuimhnich mi nas mò. A‑nis, far a bheil maitheanas nan nithean seo, chan eil tabhartas airson peacaidh ann nas mò. Uime sin, a bhràithrean, do bhrìgh gu bheil dànachd againn gu dol a‑steach don ionad as naoimhe tre fhuil Iosa, Air slighe nuaidh agus bheò a choisrig e dhuinne, tre an roinn‐bhrat, is sin ri ràdh, tre a fheòil fhèin: Agus do bhrìgh gu bheil againn Ard‐shagart os cionn taigh Dhè, Thigeamaid am fagas le cridhe fìor, ann an làn dearbhachd a’ chreidimh, le ar cridheachan air an crath‐ghlanadh o dhroch cogais, agus le ar cuirp air an nighe le uisge glan. Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall ): Agus thugamaid an aire da chèile a‑chum ar brosnachadh gu gràdh, agus gu deagh obraichean: Gun a bhith a’ leigeadh dhinn sinn fhèin a chruinneachadh an ceann a chèile, mar as gnàth le dream àraidh; ach a’ comhairleachadh a chèile: agus gum bu mhò a nì sinn seo, gu bheil sibh a’ faicinn an là a’ tarraing am fagas. Oir ma pheacaicheas sinn de ar toil fhèin an dèidh dhuinn eòlas na fìrinn fhaotainn, chan fhàgar tuilleadh dhuinn ìobairt airson peacaidh, Ach dùil eagalach ri breitheanas, agus feirg theinntich, a sgriosas na h‑eascairdean. An neach a rinn tàir air lagh Mhaois, bhàsaich e gun tròcair, fo dhithis no thriùir de fhianaisean: Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs? Oir is aithne dhuinn an Tì a thubhairt, Is leamsa an dìoghaltas, agus bheir mi dìoladh uam, tha an Tighearna ag ràdh: agus a‑rìs, Bheir an Tighearna breith air a shluagh. Is nì eagalach tuiteam ann an làmhan an Dè bheò. Ach biodh ath‐chuimhne agaibh air na làithean a chaidh seachad, anns an d’fhuiling sibh, an dèidh dhuibh a bhith air ur soillseachadh, gleac mhòr fhulangas; Ann an cuid, am feadh a rinneadh sibh nur ball‐amhairc, araon tre mhaslaidhean agus thrioblaidean; agus ann an cuid, am feadh a rinneadh sibh nur companaich dhaibhsan ris an do bhuineadh mar sin. Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach. Uime sin na tilgibh uaibh ur muinghinn, aig a bheil mòr dhìol‐thuarasdal. Oir tha feum agaibh air foighidinn; a‑chum an dèidh dhuibh toil Dhè a dhèanamh, gum faigh sibh an gealladh. Oir fhathast sealan beag, agus an Tì a tha ri teachd thig e, agus cha dèan e moille. A‑nis bidh am fìrean beò tre chreideamh: ach ma thilleas neach sam bith air ais, cha bhi aig m’anamsa tlachd ann. Ach chan eil sinne den dream sin a thilleas air an ais a‑chum sgrios; ach den dream a chreideas a‑chum tèarnadh an anama. A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh‐chinnte nan nithean nach faicear. Oir is ann tre seo a fhuair na sinnsirean deagh theisteas. Tre chreideamh tha sinn a’ tuigsinn gun do chruthaicheadh na saoghail tre fhacal Dhè, air chor is nach do rinneadh na nithean a chìthear de nithean a bha rim faicinn. Tre chreideamh thug Abel suas do Dhia ìobairt na b’fheàrr na Càin, tre an tugadh teisteas dha gu robh e na fhìrean, air a bhith do Dhia a’ dèanamh fianais de a thìodhlacan: agus tre sin, air dha a bhith marbh, tha e fhathast a’ labhairt. Tre chreideamh dh’atharraicheadh Enoch a‑chum nach faiceadh e bàs; agus cha d’fhuaireadh e, do bhrìgh gun d’atharraich Dia e: oir ro a atharrachadh thugadh fianais dha gun do thaitinn e ri Dia. Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach. Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh. Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol. Tre chreideamh bha e air chuairt ann an tìr a’ gheallaidh, mar ann an tìr choimhich, a’ gabhail còmhnaidh ann am pàilleanan maille ri Isaac agus Iàcob, co‑oighreachan a’ gheallaidh cheudna. Oir bha sùil aige ri baile aig a bheil bunaitean, air a bheil Dia na fhear‐dealbhaidh agus na fhear‐togail. Tre chreideamh mar an ceudna fhuair Sàrah fhèin neart gu sliochd a ghabhail na broinn, agus rug i leanabh an dèidh dhi dol thar aois cloinne, do bhrìgh gun do mheas i gu robh esan fìrinneach a thug an gealladh. Uime sin ghineadh o aon a‑mhàin, agus esan ionnan agus marbh, sliochd mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd, agus mar a’ ghaineamh air tràigh na fairge do‑àireamh. Fhuair iad seo uile bàs ann an creideamh, gun na geallaidhean fhaotainn, ach air dhaibh am faicinn fad o làimh (agus an làn‐chreidsinn), ghabh iad riu, agus dh’aidich iad gum bu choigrich agus luchd‐cuairt air an talamh iad fhèin. Oir an dream a tha ag ràdh nan nithean sin, tha iad a’ nochdadh gu soilleir gu bheil iad ag iarraidh dùthcha. Agus gu fìrinneach nam biodh iad cuimhneachail air an dùthaich sin as an tàinig iad a‑mach, dh’fhaodadh iad àm iomchaidh fhaghail air tilleadh: Ach a‑nis tha dèidh aca air dùthaich as fheàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh: uime sin cha nàir le Dia gun goirear an Dia‐san dheth, oir dh’ullaich e dhaibh baile. Tre chreideamh dh’ìobair Abrahàm, air dha a bhith air a dhearbhadh, a mhac Isaac; agus thug an tì a fhuair na geallaidhean suas a aon‐ghin mhic; Ris an dubhairteadh, Ann an Isaac goirear do shliochd: A’ meas gum bu chomasach Dia air a thogail eadhon o na mairbh; on d’fhuair e e eadhon ann an samhladh. Tre chreideamh bheannaich Isaac Iàcob agus Esau mu thimcheall nithean a bha ri teachd. Tre chreideamh bheannaich Iàcob, aig faghail bàis dha, dithis mhac Iòseiph; agus rinn e adhradh, a’ leigeadh a chudthrom air bàrr a bhata. Tre chreideamh rinn Iòseph, ri àm faghail a’ bhàis dha, iomradh air dol a‑mach chloinn Israeil: agus thug e àithne mu thimcheall a chnàmh. Tre chreideamh nuair a rugadh Maois, dh’fhalaicheadh e trì mìosan le a phàrantan, do bhrìgh gum faca iad gum bu leanabh tlachdmhor e; agus cha robh eagal orra ro àithne an rìgh. Tre chreideamh air teachd gu aois do Mhaois, dhiùlt e a bhith air a ghairm na mhac do nighinn Phàraoh; A’ roghnachadh àmhghar fhulang maille ri sluagh Dhè, ro shòlas a’ pheacaidh a mhealtainn rè seal; A’ meas gum bu mhò an saoibhreas masladh Chrìosd na ionmhasan na h‑Èiphit: oir bha sùil aige ris an luach‐saothrach. Tre chreideamh thrèig e an Èiphit, gun eagal a bhith air ro chorraich an rìgh: oir bha e làidir na inntinn, mar neach a bha a’ faicinn an Tì a tha neo‐fhaicsinneach. Tre chreideamh ghlèidh e a’ chàisg, agus an dòrtadh fala, a‑chum nach beanadh an tì a sgrios na ciad‐ghin riùsan. Tre chreideamh chaidh iad tre an mhuir ruaidh, mar tre thalamh tioram: nì nuair a thug na h‑Èiphitich ionnsaigh air a dhèanamh, bhàthadh iad. Tre chreideamh thuit ballachan Iericho, an dèidh a bhith air an cuartachadh rè seachd làithean. Is ann tre chreideamh nach do sgriosadh Rahab, an strìopach, maille riùsan nach do chreid, nuair a ghabh i ris an luchd‐brathaidh ann an sìth. Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir theirgeadh an ùine dhomh ann an labhairt mu Ghideon, Bharac, agus Shampson, agus Iephtah, Dhaibhidh mar an ceudna, agus Shamuel, agus na fàidhean: Muinntir tre chreideamh a cheannsaich rìoghachdan, a dh’obraich fìreantachd, a fhuair geallaidhean, a dhruid beòil leòmhann, A mhùch neart teine, a chaidh as o fhaobhar a’ chlaidheimh, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh’fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach. Fhuair mnathan am mairbh air an togail a‑rìs gu beatha: agus chràidh‐phianadh dream eile, gun iad a ghabhail ri saorsa; a‑chum gum faigheadh iad aiseirigh a b’fheàrr. Fhuair dream eile deuchainn de fhanaidean, agus de sgiùrsaidhean, seadh fòs, de ghèimhlean agus de phrìosan. Chlachadh iad, shàbhadh as a chèile iad, bhuaireadh iad, chuireadh gu bàs leis a’ chlaidheamh iad: chaidh iad mun cuairt nam fògarraich ann an craicinn chaorach agus ghobhar, ann an uireasbhaidh, ann an trioblaidean, ann an cràdh; (Dream air nach b’airidh an saoghal); a’ dol air seachran ann am fàsaichean, agus air slèibhtean, agus ann an uaimhean agus ann an sluic na talmhainn. Agus air dhaibh seo uile deagh theisteas fhaotainn tre chreideamh, cha d’fhuair iad an gealladh: Air do Dhia nì‑eigin as fheàrr a sholar dhuinne, ionnas nach biodh iadsan air an dèanamh foirfe as ar n‑eugmhais‐ne. Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn, Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear‐crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann‐ceusaidh, a’ cur na nàire an neo‐shuim, agus a shuidh air deis rìgh‐chathair Dhè. Uime sin thugaibh fa‑near esan a dh’fhuiling a shamhail sin de ana‐cainnt o pheacaich na aghaidh fhèin, air eagal gum bi sibh sgìth agus lag nur n‑inntinnean. Cha do sheas sibh fhathast gu fuil, a’ cathachadh an aghaidh peacaidh. Agus dhìochuimhnich sibh an earail a tha a’ labhairt ribh mar ri cloinn, A mhic, na cuir suarach smachdachadh an Tighearna, agus na fannaich nuair a chronaichear leis thu: Oir an tì as ionmhainn leis an Tighearna, smachdaichidh e, agus sgiùrsaidh e gach mac ris an gabh e. Ma ghiùlaineas sibh smachdachadh, tha Dia a’ buntainn ribh mar ri cloinn: oir cò am mac nach smachdaich an t‑Athair? Ach ma tha sibh as eugmhais smachdachaidh, dem bheil na h‑uile nan luchd‐compàirt, an sin is clann dhìolain sibh, agus cha chlann dhligheach. Os bàrr, bha againn athraichean a‑thaobh na feòla, a smachdaich sinn, agus thug sinn urram dhaibh: nach mò gu mòr is còir dhuinn a bhith umhail do Athair nan spiorad, agus a bhith beò? Oir gu deimhinn smachdaich iadsan sinn rè beagan làithean a rèir an toile fhèin; ach esan a‑chum ar leas, ionnas gum bitheamaid nar luchd‐compàirt de a naomhachd. Ach cha mheasar smachdachadh air bith am feadh tha e an làthair sòlasach, ach doilgheasach: gidheadh, na dhèidh sin bheir e uaithe toradh sìochail na fìreantachd don dream a tha gu dligheach air an cleachdadh ris. Uime sin, togaibh suas na làmhan a tha air tuiteam sìos, agus neartaichibh na glùinean laga; Agus dèanaibh cas‐cheuman dìreach dur casan, air eagal gum bi an nì sin a tha bacach air a thionndadh as an t‑slighe; ach gum bu mhò a bhiodh e air a shlànachadh. Leanaibh sìth maille ris na h‑uile dhaoine, agus naomhachd, nì as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearna: A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh‐làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh: Air eagal gum bi fear‐strìopachais ann, no neach mì‑naomh sam bith mar Esau, a reic airson aon ghreim bìdh còir a chiad‐bhreith. Oir tha fhios agaibh nuair a b’àill leis, an dèidh sin, am beannachadh a shealbhachadh, gun do dhiùltadh e: oir cha d’fhuair e àit aithreachais, ged a dh’iarr e e gu dùrachdach le deòir. Oir cha tàinig sibh a‑chum an t‑slèibh ris am faodte beantainn, agus a bha a’ losgadh le teine, no a‑chum duibhre, agus dorchadais, agus doininn, Agus fuaim na trompaid, agus guth nam briathar, ionnas gun do ghuidh an dream a chuala e nach labhairte am facal riu tuilleadh: (Oir cha b’urrainn iad an nì sin a chaidh àithneadh dhaibh iomchar, Agus ma bheanas fiù ainmhidh ris an t‑sliabh, clachar e, no cuirear sleagh a‑mach troimhe. Agus bu cho uamhasach an sealladh is gun dubhairt Maois, Tha eagal ro‑mhòr agus crith orm): Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do‑àireamh de ainglean, Gu làn‐choitheanal agus eaglais nan ciad‐ghin, a tha sgrìobhte anns na nèamhan, agus gu Dia, britheamh nan uile, agus gu spioradan nam fìrean air an dèanamh foirfe, Agus gu Iosa, eadar‐mheadhonair a’ choicheangail nuaidh, agus gu fuil a’ chrathaidh, a tha a’ labhairt nithean as fheàrr na fuil Abeil. Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha a’ labhairt: oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe‐san a tha a’ labhairt o nèamh: Neach aig an do chrath a ghuth an talamh an sin: ach a‑nis gheall e, ag ràdh, Aon uair eile fhathast crathaidh mi chan e an talamh a‑mhàin, ach nèamh mar an ceudna. Agus tha am facal seo, Aon uair eile, a’ ciallachadh atharrachadh nan nithean sin a ghabhas crathadh, mar nithean a rinneadh, a‑chum gum fanadh na nithean nach gabh crathadh. Uime sin air dhuinne rìoghachd fhaotainn nach faodar a ghluasad, biodh againn gràs, leis an dèan sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le urram agus eagal diadhaidh: Oir tha ar Dia‐ne na theine dian‐loisgeach. Fanadh gràdh bràthaireil agaibh. Na dearmadaibh aoigheachd a thoirt do choigrich; oir le seo thug dream àraidh aoigheachd do ainglean gun fhios dhaibh. Bithibh cuimhneachail orrasan a tha ceangailte, mar gum biodh sibh ceangailte maille riu; agus air an dream a tha a’ fulang anshocair, mar mhuinntir a tha sibh fhèin mar an ceudna anns a’ cholainn. Tha am pòsadh urramach anns na h‑uile, agus an leabaidh neo‐shalach: ach air luchd‐strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith. Biodh ur caitheamh‐beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu. Ionnas gum faod sinn a ràdh gu dàn, Is e an Tighearna m’fhear‐cuideachaidh, agus chan eagal leam aon nì a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm. Bithibh cuimhneachail air ur cinn‐iùil, a labhair ribh facal Dhè: leanaibh an creideamh‐san, a’ beachdachadh air crìch an caitheamh‐beatha: Iosa Crìosd an‑dè, agus an‑diugh, agus gu sìorraidh an Tì ceudna. Na bithibh air ur giùlan mun cuairt le teagasgan eugsamhail coimheach: oir is math an nì an cridhe a bhith air a dhaingneachadh le gràs, chan ann le biadhan, nithean nach tug tairbhe don dream a ghnàthaich iad. Tha altair againne, de nach eil còir acasan a’ bheag ithe, a tha a’ dèanamh seirbhis don phàillean. Oir tha cuirp nan ainmhidhean sin, aig a bheil am fuil air a toirt a‑steach airson peacaidh don ionad naomh leis an àrd‐shagart, air an losgadh an leth a‑muigh den champ. Uime sin a‑chum gun dèanadh Iosa an sluagh a naomhachadh le a fhuil fhèin, dh’fhuiling e mar an ceudna an taobh a‑muigh den gheata. Air an adhbhar sin, rachamaid a‑mach da ionnsaigh‐san an taobh a‑muigh den champ, a’ giùlan a mhaslaidh. Oir an seo chan eil againn baile a mhaireas, ach tha sinn ag iarraidh aoin a tha ri teachd. Uime sin trìdsan thugamaid suas ìobairt‐bhuidheachais do Dhia a‑ghnàth, is e sin toradh ar bilean, a’ toirt molaidh da ainm. Ach na dìochuimhnichibh math a dhèanamh, agus co‑roinn a thoirt uaibh: oir tha an leithidean sin de ìobairtean taitneach do Dhia. Bithibh umhail dur cinn‐iùil, agus thugaibh gèill dhaibh: oir tha iad ri faire air ur n‑anaman, mar mhuinntir don èiginn cunntas a thoirt uapa, a‑chum gun dèan iad e le gàirdeachas, agus chan ann le doilgheas: oir tha seo neo‐thairbheach dhuibhse. Dèanaibh ùrnaigh air ar son‐ne: oir is dòigh leinn gu bheil deagh chogais againn, air dhuinn a bhith toileach ar beatha a chaitheamh gu cubhaidh anns na h‑uile nithean. Ach is mò a ghuidheam oirbh seo a dhèanamh, a‑chum gur luaithe a dh’aisigear mise dhuibh. A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe, a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Iosa, àrd‐bhuachaille nan caorach, tre fhuil a’ choicheangail shìorraidh, Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile‐san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair‐san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen. Agus guidheam oirbh, a bhràithrean, sibh a ghiùlan facal na h‑earalach; oir sgrìobh mi gu h‑aithghearr dur n‑ionnsaigh. Biodh fhios agaibh gun do chuireadh ar bràthair Timòteus air a chomas; maille ris‐san, ma thig e gu goirid, chì mi sibh. Cuiribh fàilte orrasan uile a tha nan cinn‐iùil dhuibh, agus air na naoimh uile. Tha muinntir na h‑Eadailt a’ cur fàilte oirbh. Gràs gu robh maille ribh uile. Amen. Tha Seumas, seirbhiseach Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a’ cur beannachd a‑chum an dà‑threubh‐dheug a tha air an sgapadh o chèile. Mo bhràithrean, measaibh mar an uile ghàirdeachas nuair a thuiteas sibh ann an iomadh gnè dheuchainnean; Air dhuibh fios seo a bhith agaibh, gun obraich dearbhadh ur creidimh foighidinn. Ach biodh aig an fhoighidinn a h‑obair iomlan fhèin, a‑chum gum bi sibh diongmhalta agus iomlan, gun uireasbhaidh nì sam bith. Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e. Ach iarradh e le creideamh, gun a bhith fo amharas sam bith: oir an tì a tha fo amharas, is cosmhail e ri tonn na fairge a shèidear le gaoith, agus a tha air a luasgadh a‑null agus a‑nall. Oir na saoileadh an duine sin gum faigh e nì air bith on Tighearna. Tha fear na h‑inntinn dhùbailte neo‐sheasmhach na uile shlighean. Dèanadh am bràthair a tha ìosal gàirdeachas na àrdachadh: Ach an duine saoibhir na ìsleachadh: do bhrìgh mar bhlàth an fheòir gun tèid e seachad: Oir air èirigh don ghrèin le dian‐theas, crìonaidh i am feur, agus tuitidh a bhlàth, agus thèid maise a dhreach am mugha: is amhail sin mar an ceudna a sheargas an duine saoibhir na shlighean. Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha, a gheall an Tighearna don dream a ghràdhaicheas e. Na abradh neach sam bith nuair a bhuairear e, Tha mi air mo bhuaireadh le Dia: oir cha chomasach Dia a bhuaireadh le olc, cha mhò a bhuaireas e neach sam bith. Ach tha gach duine air a bhuaireadh, nuair a thàirngear, agus a thàlaidhear, e le a ana‑miann fhèin. An sin air a bhith don ana‑miann torrach, beiridh e peacadh: agus air don pheacadh a bhith air a chrìochnachadh, beiridh e bàs. Na bithibh air ur mealladh, mo bhràithrean gràdhach. Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh. O a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinn, a‑chum gum bitheamaid nar gnè chiad‐toraidh de a chreutairean. Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, biodh gach duine ealamh a‑chum èisdeachd, mall a‑chum labhairt, mall a‑chum feirge: Oir chan obraich fearg duine fìreantachd Dhè. Uime sin cuiribh uaibh gach uile shalchar, agus anabarr mìoruin, agus gabhaibh dur n‑ionnsaigh le macantas am facal a tha air a shuidheachadh annaibh, a tha comasach air ur n‑anaman a thèarnadh. Ach bithibh‐se nur luchd cur‐an‑gnìomh an fhacail, agus na b’ann nur luchd‐èisdeachd a‑mhàin, gur mealladh fhèin. Oir ma tha neach air bith na fhear‐èisdeachd an fhacail, agus chan ann na fhear‐dèanamh da rèir, is cosmhail e ri duine a tha ag amharc air a aghaidh nàdarra fhèin ann an sgàthan: Oir bheachdaich e air fhèin, agus dh’imich e roimhe, agus dhìochuimhnich e air ball ciod an coslas duine a bha ann fhèin. Ach ge bè a bheachdaicheas gu dùrachdach air lagh coileanta na saorsa, agus a bhuanaicheas ann, gun e a bhith na fhear‐èisdeachd dearmadach, ach na fhear‐dèanamh na h‑obrach, bidh an duine seo beannaichte na dhèanadas. Ma shaoileas neach air bith nur measg gu bheil e diadhaidh, gun a bhith a’ cur srèin ra theangaidh, ach a’ mealladh a chridhe fhèin, is dìomhain diadhachd an duine seo. Is i seo an diadhachd fhìorghlan agus neo‐shalach am fianais Dhè agus an Athar, dìlleachdain agus bantraichean fhiosrachadh nan trioblaid, agus neach ga choimhead fhèin gun smal on t‑saoghal. Mo bhràithrean, na biodh agaibh creideamh ar Tighearna Iosa Crìosd, Tighearna na glòire, maille ri gnùis‐bhreith. Oir ma thig a‑steach dur coitheanal duine air a bheil fàinne òir, ann an aodach dealrach, agus gun tig a‑steach mar an ceudna duine bochd ann an aodach suarach; Agus gun amhairc sibh le meas air an duine sin air a bheil an deagh thrusgan, agus gun abair sibh ris, Suidh thusa an seo ann an àite inbheach; agus gun abair sibh ris an duine bhochd, Seas thusa an sin, no suidh an seo fo stòl mo chas: Nach eil sibh mar sin leth‐bhreitheach annaibh fhèin, agus nach do rinneadh sibh nur britheamhan dhroch smuaintean? Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo, saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e? Ach thug sibhse masladh don bhochd. Nach eil na daoine saoibhir ri aintighearnas oirbh, agus gur tarraing gu cathraichean‐breitheanais? Nach eil iad a’ toirt toibheim don ainm òirdheirc, a dh’ainmichear oirbh? Ma choileanas sibh an lagh rìoghail a rèir an sgriobtair, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin, is math a nì sibh: Ach ma nì sibh leth‐bhreith air daoine, tha sibh a’ dèanamh peacaidh, agus tha sibh air ur fàgail shìos leis an lagh mar a luchd‐brisidh. Oir ge bè neach a choimheadas an lagh uile, agus a thuislicheas ann an aon àithne, tha e ciontach den iomlan. Oir an tì a thubhairt, Na dèan adhaltranas, thubhairt e mar an ceudna, Na dèan mort. A‑nis ged nach dèan thu adhaltranas, gidheadh ma nì thu mort, rinneadh fear‐brisidh an lagha dhìot. Guma h‑amhlaidh sin a labhras sibhse, agus guma h‑amhlaidh a nì sibh, mar iadsan air an tèid breith a thoirt le lagh na saorsa. Oir gheibh esan breitheanas gun tròcair, nach do rinn tròcair; agus nì tròcair gàirdeachas an aghaidh breitheanais. Ciod an tairbhe, mo bhràithrean, ged their neach gu bheil creideamh aige, agus gun obraichean a bhith aige? An urrainn creideamh a thèarnadh? Ma bhios bràthair no piuthar lomnochd, agus a dh’uireasbhaidh teachd‐an‑tìr làitheil, Agus gun abair neach agaibhse riu, Imichibh ann an sìth, bithibh air ur garadh, agus bithibh air ur sàsachadh: gidheadh nach toir sibh dhaibh na nithean sin a tha feumail don chorp, ciod an tairbhe a tha ann? Is amhail sin creideamh mar an ceudna, mura bi obraichean aige, tha e marbh, air dha a bhith leis fhèin. Ach tha neach àraidh ag ràdh, Tha creideamh agadsa, agus tha obraichean agamsa: nochd dhòmhsa do chreideamh as eugmhais d’obraichean, agus nochdaidh mise dhutsa mo chreideamh lem obraichean. Tha thu a’ creidsinn gu bheil aon Dia ann; is math a nì thu: tha na deamhain a’ creidsinn mar an ceudna, agus tha iad a’ criothnachadh. Ach, O dhuine dhìomhain, an àill leat fios fhaotainn gu bheil creideamh as eugmhais obraichean marbh? Nach deachaidh ar n‑athair Abrahàm fhìreanachadh le obraichean nuair a thug e suas a mhac Isaac air an altair? Nach lèir dhut gun do cho‐obraich creideamh le a ghnìomharan, agus gun do rinneadh creideamh coileanta le obraichean? Agus choileanadh an sgriobtar a tha ag ràdh, Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd: agus ghoireadh caraid Dhè dheth. Chì sibh uime sin gum fìreanaichear duine le obraichean, agus chan ann le creideamh a‑mhàin. Amhail sin mar an ceudna, nach robh Rahab an strìopach air a fìreanachadh le obraichean, nuair a ghabh i ris na teachdairean, agus a chuir i a‑mach air slighe eile iad? Oir mar a tha an corp marbh as eugmhais an spioraid, mar sin mar an ceudna tha creideamh marbh as eugmhais obraichean. Mo bhràithrean, na bithibh nur mòran mhaighistirean, air dhuibh fios a bhith agaibh gum faigh sinne an tuilleadh breitheanais. Oir ann am mòran nithean tha sinn uile ciontach. Mura eil duine ciontach ann am facal, is duine coileanta an tì sin, comasach mar an ceudna air srian a chur ris a’ chorp uile. Feuch, tha sinn a’ cur shrian ann am beul nan each, a‑chum gum bi iad umhail dhuinn, agus tionndaidhidh sinn an corp uile mun cuairt. Feuch mar an ceudna na longan, ged tha iad cho mòr, agus ged shèidear iad le garbh‐ghaothan, gidheadh tionndaidhear mun cuairt iad le stiùir ro‑bhig, ge bè taobh gus am miann leis an stiùradair. Is amhail sin as ball beag an teanga, agus nì i mòr‐uaill. Feuch, cia mòr an connadh a lasas teine beag! Agus is teine an teanga, saoghal de aingidheachd: mar sin tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, ionnas gun salaich i an corp gu h‑iomlan, agus gun las i cùrsa nàdair; agus i fhèin air a lasadh o ifrinn. Oir tha gach uile ghnè fhiadh‐bheathach, agus eunlaith, agus nithean snàigeach, agus nithean anns an fhairge, air an ceannsachadh: agus cheannsaicheadh iad leis a’ chinne‐daonna: Ach cha chomasach do dhuine air bith an teanga a cheannsachadh; is olc do‑chasgaidh i, làn de nimh mhairbhteach. Leathase tha sinn a’ beannachadh Dhè, eadhon an t‑Athar; agus leathase tha sinn a’ mallachadh dhaoine, a rinneadh a rèir coslas Dhè. As an aon bheul tha beannachadh agus mallachadh a’ teachd a‑mach. Mo bhràithrean, cha chòir do na nithean seo a bhith mar seo. An cuir tobar a‑mach as an aon sùil uisge milis agus searbh? Am faod craobh‐fhìge, mo bhràithrean, dearcan‐ola a thoirt uaipe? No a’ chraobh‐fhìona, fìgean? Mar sin chan fhaod tobar sam bith sàil agus uisge milis a thoirt uaithe araon. Cò a tha na dhuine glic agus aig a bheil eòlas nur measg? Nochdadh e à deagh chaitheamh‐beatha, a obraichean fhèin le ceannsachd gliocais. Ach ma tha eud searbh agus còmhstri agaibh nur cridhe, na dèanaibh uaill, agus na dèanaibh breug an aghaidh na fìrinn. Chan ann on àirde a tha an gliocas seo a’ teachd a‑nuas, ach tha e talmhaidh, collaidh, diabhlaidh. Oir far a bheil farmad agus còmhstri, an sin tha buaireas, agus gach uile dhroch ghnìomh. Ach tha an gliocas a tha on àirde air tùs glan, an dèidh sin sìochail, ciùin, agus so‑chomhairleachaidh, làn de thròcair agus de dheagh thoradh, gun leth‐bhreith agus gun cheilg. Agus tha toradh na fìreantachd air a chur ann an sìth do luchd‐dèanamh na sìthe. Cia as a tha cogaidhean agus còmhragan a’ teachd nur measg? Nach ann as a seo, eadhon o ur n‑ana‑miannan, a tha a’ cogadh nur buill? Tha sibh a’ miannachadh, agus chan eil agaibh: tha sibh a’ marbhadh, agus a’ dian‐shanntachadh, agus chan eil e an comas dhuibh nì fhaotainn; tha sibh a’ cathachadh agus a’ cogadh, gidheadh chan eil agaibh, do bhrìgh nach eil sibh ag iarraidh. Tha sibh ag iarraidh, agus chan eil sibh a’ faotainn, do bhrìgh gu bheil sibh ag iarraidh gu h‑olc, a‑chum gun caith sibh e air ur n‑ana‑miannan. Adhaltranaichean, agus a bhan‐adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia. A bheil sibh a’ smaoineachadh gu bheil an sgriobtar gu dìomhain a’ labhairt, Tha an spiorad a tha a chòmhnaidh annainn a’ togairt gu farmad? Ach bheir e gràs as mò uaithe: uime sin tha e ag ràdh, Tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal. Uime sin ùmhlaichibh sibh fhèin do Dhia; cuiribh an aghaidh an diabhail, agus teichidh e uaibh: Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte. Bithibh ann an àmhghar, agus dèanaibh caoidh, agus gul: biodh ur gàire air a thionndadh gu bròn, agus ur n‑aoibhneas gu tùirse. Irioslaichibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, agus àrdaichidh e sibh. Na labhraibh olc mu chèile, a bhràithrean. An tì a tha a’ labhairt uilc ma bhràthair, agus a’ toirt breith air a bhràthair, tha e a’ labhairt uilc mun lagh, agus a’ toirt breith air an lagh: ach ma tha thu a’ toirt breith air an lagh, chan fhear‐coileanaidh an lagha thu, ach britheamh. Tha aon fhear‐tabhairt lagha ann, as urrainn saoradh agus sgrios: cò thusa a tha a’ toirt breith air neach eile? Imichibh a‑nis, sibhse a tha ag ràdh, Thèid sinn an‑diugh no a‑màireach gus a leithid seo de bhaile, agus fanaidh sinn an sin rè bliadhna, agus nì sinn ceannachd, agus gheibh sinn buannachd: Nuair nach eil fhios agaibh ciod a thàrlas air a’ mhàireach: oir ciod i ur beatha? Is deatach i a chìthear rè ùine bhig, agus an dèidh sin a thèid as an t‑sealladh. An àite gum bu chòir dhuibh a ràdh, Mas toil leis an Tighearna, bidh sinn beò, agus nì sinn seo, no siud. Ach a‑nis tha sibh a’ dèanamh uaille as ur ràiteachas fhèin: is olc gach uile shamhail sin de uaill. Uime sin dhàsan don aithne math a dhèanamh, agus nach dèan e, is peacadh e dha. Imichibh a‑nis, a dhaoine saoibhir, dèanaibh gul agus caoidh airson ur n‑àmhghair a tha a’ teachd oirbh. Tha ur saoibhreas air a thruailleadh, agus ur n‑aodach air ithe leis an leòmann. Tha ur n‑òr agus ur n‑airgead air meirgeadh; agus bidh am meirg‐san na fhianais nur n‑aghaidh, agus ithidh i ur feòil mar theine; thaisg sibh ionmhas fa chomhair nan làithean deireannach. Feuch, tha tuarasdal an luchd‐obrach a bhuain sìos ur n‑achaidhean, nì a chumadh uapa leibhse le foill, ag èigheach; agus tha glaodhaich na muinntir a bhuain air dol a‑steach a‑chum cluasan Tighearna nan sluagh. Chaith sibh ur beatha ann an sògh air thalamh, agus bha sibh mear: dh’altraim sibh ur cridheachan, mar ann an là a’ mharbhaidh. Dhìt agus mharbh sibh am fìrean, agus chan eil e a’ cur nur n‑aghaidh. Uime sin, a bhràithrean, bithibh foighidinneach gu teachd an Tighearna. Feuch, feithidh an treabhaiche ri toradh luachmhor na talmhainn, agus fanaidh e gu foighidinneach ris, gus am faigh e an ciad uisge agus an t‑uisge deireannach. Bithibh‐se foighidinneach mar an ceudna; socraichibh ur cridheachan: oir tha teachd an Tighearna am fagas. Na dèanaibh gearan an aghaidh a chèile, a bhràithrean, a‑chum nach dìtear sibh: feuch, tha am Britheamh na sheasamh aig an doras. Gabhaibh, mo bhràithrean, na fàidhean, a labhair ann an ainm an Tighearna, nan eisimpleir air anshocair fhulang, agus air foighidinn. Feuch, measar sona leinn iadsan a dh’fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro‑theò‐chridheach agus tròcaireach. Ach ro na h‑uile nithean, mo bhràithrean, na tugaibh mionnan, aon chuid air nèamh, no air an talamh, no air mionnan sam bith eile: ach guma h‑e ur còmhradh, Seadh, seadh, agus Chan eadh, chan eadh; air eagal gun tuit sibh ann an dìteadh. A bheil neach sam bith fo thrioblaid nur measg? Dèanadh e ùrnaigh. A bheil neach sam bith subhach? Seinneadh e sailm. A bheil neach sam bith tinn nur measg? Cuireadh e fios air seanairean na h‑eaglais; agus dèanadh iad ùrnaigh os a chionn, ga ungadh le ola ann an ainm an Tighearna: Agus slànaichidh ùrnaigh a’ chreidimh an t‑easlan, agus togaidh an Tighearna suas e; agus ma rinn e peacaidhean, maithear dha iad. Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr‐èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein. Bu duine Elias aig an robh co‑aigne rinne, agus ghuidh e gu dùrachdach gun uisge a bhith ann: agus cha tàinig uisge air an talamh rè trì bliadhna agus sia mìosan. Agus rinn e ùrnaigh a‑rìs, agus thug nèamh uisge uaithe, agus thug an talamh a‑mach a thoradh. A bhràithrean, ma thèid aon neach agaibhse air seachran on fhìrinn, agus gun iompaich neach e; Biodh fhios aige, an duine a dh’iompaicheas peacach o sheachran a shlighe, gun saor e a anam o bhàs, agus gum falaich e mòran pheacaidhean. Peadar, abstol Iosa Crìosd, a‑chum nan coigreach a tha air an sgapadh tre Phontus, Ghalàtia, Chapadòcia, Asia, agus Bhitinia, A thaghadh a rèir ro‑eòlas Dhè an t‑Athair, tre naomhachadh an Spioraid, a‑chum ùmhlachd, agus crathadh fuil Iosa Crìosd: gràs agus sìth gu robh air am meudachadh dhuibh. Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr‐thròcair a dh’ath‐ghin sinne gu beò‐dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh. A‑chum oighreachd neo‐thruaillidh, agus neo‐shalaich, agus nach searg as, a tha air a coimhead anns na nèamhan dhuibhse, A tha air ur coimhead le cumhachd Dhè tre chreideamh a‑chum slàinte, a tha ullamh ra foillseachadh anns an aimsir dheireannaich: Nì anns a bheil sibh a’ dèanamh mòr‐ghàirdeachas, ged tha sibh a‑nis rè ùine bhig (mas feumail e,) fo thùirse tre iomadh buaireadh; A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd: Dom bheil sibh a’ toirt gràidh, ged nach faca sibh e; agus ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn, air dhuibh a bhith a’ creidsinn ann, tha sibh a’ dèanamh mòr‐ghàirdeachais le aoibhneas air dol thar labhairt, agus làn de ghlòir: A’ faotainn crìoch ur creidimh, eadhon slàinte ur n‑anama: Slàinte mun d’fhiosraich na fàidhean, agus mun do rinn iad geur‐rannsachadh, muinntir a rinn fàidheadaireachd mun ghràs a bha gu teachd dur n‑ionnsaigh‐se; A’ rannsachadh ciod i, no ciod a’ ghnè aimsir a bha Spiorad Chrìosd anntasan a’ foillseachadh, nuair a rinn e fianais ro‑làimh air fulangasan Chrìosd, agus a’ ghlòir a bha gu an leantainn. Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh. Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd; Mar chloinn umhail, gun a bhith gur co‑chumadh fhèin ris na h‑ana‐miannan a bha agaibh roimhe ann an àm ur n‑aineolais: Ach a rèir mar a tha esan a ghairm sibh naomh, bithibh‐se naomh mar an ceudna nur n‑uile chaitheamh‐beatha: Do bhrìgh gu bheil e sgrìobhte, Bithibh‐se naomh, oir tha mise naomh. Agus ma ghoireas sibh air an Athair, a bheir breith a rèir obraichean gach neach, gun chlaon‐bhàidh ri neach seach a chèile, caithibh aimsir ur cuairt an seo le eagal: Air dhuibh fios a bhith agaibh nach do shaoradh sibh le nithean truaillidh, mar a tha airgead agus òr, o ur caitheamh‐beatha dìomhain, a thugadh dhuibh o ur sinnsireachd; Ach le fuil luachmhoir Chrìosd, mar fhuil Uain gun chron, gun smal: Neach gu deimhinn a ro‑òrdaicheadh ro chruthachadh an t‑saoghail, ach a dh’fhoillsicheadh anns na h‑aimsirean deireannach air ur son‐se; Muinntir trìdsan a tha a’ creidsinn ann an Dia a thog esan o na mairbh, agus a thug glòir dha, a‑chum gum biodh ur creideamh agus ur muinghinn ann an Dia. Do bhrìgh gun do ghlan sibh ur n‑anaman le ùmhlachd a thoirt don fhìrinn tre an Spiorad, a‑chum gràidh neo‐chealgaich do na bràithrean: feuchaibh gun toir sibh gràdh da chèile à cridhe glan gu dùrachdach: Air dhuibh a bhith air ur n‑ath‐ghineamhainn, chan ann o shìol truaillidh, ach neo‐thruaillidh, le facal an Dè bheò, agus a mhaireas gu sìorraidh. Oir tha gach uile fheòil mar fheur, agus uile ghlòir dhaoine mar bhlàth an fheòir. Seargaidh am feur, agus tuitidh a bhlàth dheth: Ach fanaidh facal an Tighearna gu sìorraidh. Agus is e seo am facal a shearmonaicheadh dhuibhse anns an t‑soisgeul. Uime sin a’ cur uaibh gach uile mhìoruin, agus gach uile mhealltaireachd, agus chealg, agus fharmad, agus gach uile ana‐cainnt, Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis; Mas e is gun do bhlais sibh gu bheil an Tighearna gràsmhor: A’ teachd da ionnsaigh‐san, mar gu cloich bheò, a dhiùltadh gu deimhinn le daoine, ach air a taghadh le Dia agus luachmhor; Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd. Uime sin tha seo mar an ceudna air a chur sìos anns an sgriobtar, Feuch, cuiridh mi ann an Sion prìomh chlach‐oisne thaghte, luachmhor: agus an tì a chreideas ann, cha chuirear gu nàire e. Dhuibhse uime sin a chreideas, tha e luachmhor: ach dhaibhsan a tha eas‐umhail, a’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisne dhith, Agus clach‐thuislidh, agus carraig‐oilbheim dhaibhsan a thuislicheas air an fhacal, air dhaibh a bhith eas‐umhail, a‑chum mar an ceudna an d’òrdaicheadh iad. Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin: Nach robh uaireigin nur sluagh, ach a‑nis is sibh sluagh Dhè: dream nach d’fhuair tròcair, ach a‑nis a tha air faotainn tròcair. A mhuinntir mo ghràidh, guidheam oirbh, mar choigrich agus luchd‐cuairt, sibh a sheachnadh ana‐miannan feòlmhor, a tha a’ cogadh an aghaidh an anama; Air dhuibh deagh chaitheamh‐beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh. Uime sin bithibh umhail do gach uile riaghailt dhaoine airson an Tighearna: mas ann don rìgh mar an tì as àirde inbhe; No do uachdarain mar don mhuinntir a chuireadh uaithe a‑chum dìoghaltais air luchd‐dèanamh an uilc, ach a‑chum cliù dhaibhsan a nì math. Oir is i toil Dhè gun cuireadh sibh le deagh dhèanadas tosd air aineolas dhaoine amaideach: Mar dhaoine saora, agus gun ur saorsa a ghnàthachadh mar bhrat‐falaich don olc, ach mar sheirbhisich Dhè. Thugaibh urram do na h‑uile dhaoine. Gràdhaichibh na bràithrean. Biodh eagal Dhè oirbh. Thugaibh urram don rìgh. A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean maille ris an uile eagal, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a tha math agus ciùin, ach mar an ceudna dhaibhsan a tha ana‐mèineach. Oir tha seo cliù‐thoillteannach, ma dh’iomchaireas neach sam bith doilgheas airson cogais a‑thaobh Dhè, a’ fulang gu h‑eucorach. Oir ciod an t‑adhbhar molaidh a tha ann mas e nuair a ghabhar oirbh airson ur cionta, gun giùlan sibh gu foighidinneach e? Ach mas e nuair a tha sibh a’ dèanamh maith, agus a’ fulang air a shon, gun giùlain sibh e gu foighidinneach, tha seo taitneach do Dhia. Oir is ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh: do bhrìgh gun d’fhuiling Crìosd mar an ceudna air ur son, a’ fàgail eisimpleir agaibh, a‑chum gun leanadh sibh a cheuman: Neach nach do rinn peacadh, cha mhò a fhuaireadh cealg na bheul: Neach, nuair a chàineadh e, nach do chàin a‑rìs; nuair a dh’fhuiling e, nach do bhagair; ach a dh’earb e fhèin ris‐san a bheir breith cheart: Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh. Oir bha sibh mar chaoraich a’ dol air seachran; ach thilleadh sibh a‑nis a‑chum Buachaille agus Easbaig ur n‑anama. Mar an ceudna, a mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, a‑chum ma tha dream air bith eas‐umhail don fhacal, gum bi iadsan mar an ceudna, as eugmhais an fhacail, air an cosnadh le deagh chaitheamh‐beatha nam ban; Nuair a bheachdaicheas iad air ur caitheamh‐beatha geamnaidh maille ri eagal. Na b’i ur brèaghachd fighe an fhuilt agus a’ cur òir oirbh, agus dheagh thrusgan umaibh, a’ bhrèaghachd sin on leth a‑muigh: Ach duine falaichte a’ chridhe, ann an neo‐thruaillidheachd spioraid mhacanta agus chiùin, nì a tha ro‑luachmhor ann an sealladh Dhè. Oir b’ann mar seo a rinn na mnathan naomha o shean, aig an robh am muinghinn ann an Dia, iad fhèin brèagha, air dhaibh a bhith umhail dam fir fhèin; Amhail a thug Sàrah ùmhlachd do Abrahàm, a’ gairm tighearna dheth: don nigheanan sibhse am feadh a nì sibh gu math, agus gun gheilt oirbh le uamhas sam bith, Mar an ceudna, fheara, gabhaibh‐se còmhnaidh maille riu a rèir eòlais, a’ tabhairt urraim don mhnaoi mar an soitheach as anfhainne, agus mar mhuinntir a tha nan co‑oighreachan air gràs na beatha; a‑chum nach cuirear bacadh air ur n‑ùrnaighean. Fa‑dheòidh, bithibh uile de aon inntinn, biodh co‑fhulangas agaibh ri chèile, gràdhaichibh a chèile mar bhràithrean, bithibh truacanta, càirdeil: Na h‑ìocaibh olc airson uilc, no càineadh airson càinidh: ach na aghaidh sin, beannaichibh; air dhuibh fios a bhith agaibh gur ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh, a‑chum gun sealbhaicheadh sibh beannachadh mar oighreachd: Oir ge bè lem b’àill beatha a ghràdhachadh, agus làithean matha fhaicinn, cumadh e a theanga o olc, agus a bhilean o labhairt ceilg; Seachnadh e olc, agus dèanadh e math; iarradh e sìth, agus leanadh e i. Oir tha sùilean an Tighearna air na fìreanan, agus a chluasan fosgailte rin ùrnaigh: ach tha gnùis an Tighearna an aghaidh na muinntir a nì olc. Agus cò e a nì olc oirbh, ma bhios sibh nur luchd‐leanmhainn air an nì sin a tha math? Ach eadhon ma dh’fhuilingeas sibh air sgàth fìreantachd, is sona sibh: agus na biodh fiamh an eagail‐san oirbh, agus na bithibh mì‑shuaimhneach; Ach naomhaichibh an Tighearna Dia nur cridheachan: agus bithibh ullamh a‑ghnàth a‑chum freagradh a thoirt, maille ri ceannsachd agus eagal, do gach uile dhuine a dh’iarras oirbh reuson an dòchais a tha annaibh: Air dhuibh deagh chogais a bhith agaibh: a‑chum, nuair a tha iad a’ labhairt uilc umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun gabh iad nàire, a tha a’ toirt toibheim dur deagh chaitheamh‐beatha ann an Crìosd. Oir is fheàrr, mas e sin toil Dhè, sibh a dh’fhulang airson math a dhèanamh, na airson olc a dhèanamh. Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo‐fhìrean (a‑chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad. Leis an deachaidh e mar an ceudna, agus an do shearmonaich e do na spioradan ann am prìosan; A bha o shean eas‐umhail, nuair a dh’fheith fad‐fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge. Tha am baisteadh, mar shamhlachas a tha a’ co‑fhreagradh dha seo (chan e cur dhinn sal na feòla, ach freagradh deagh chogais a‑thaobh Dhè), a‑nis gar tèarnadh‐ne, tre aiseirigh Iosa Crìosd: Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal. Uime sin, o dh’fhuiling Crìosd air ar son‐ne anns an fheòil, armaichibh‐se mar an ceudna sibh fhèin leis an inntinn cheudna: oir an tì a dh’fhuiling anns an fheòil, sguir e de pheacadh; A‑chum nach caitheadh e fuidheall aimsir anns an fheòil, a rèir ana‐miannan dhaoine, ach a rèir toil Dhè. Oir is leòr dhuinn a’ chuid a chaidh seachad de aimsir ar beatha gu toil nan Cinneach a dhèanamh, nuair a shiubhail sinn ann am macnas, ann an ana‐miannan, ann an anabarr fìona, ann an geòcaireachd, ann am pòiteireachd, agus ann an iodhal‐adhradh ain‐dligheach: Nì anns a bheil iad a’ gabhail iongantais, do bhrìgh nach eil sibhse a’ ruith maille riu anns an neò‐mheasarrachd cheudna gun tomhas, a’ labhairt uilc umaibh: Muinntir a bheir cunntas dhàsan, a tha ullamh gu breith a thoirt air na beòthan agus air na mairbh. Oir is ann a‑chum na crìche seo a shearmonaicheadh an soisgeul dhaibhsan a tha marbh mar an ceudna, a‑chum gun tugte breith orra a rèir dhaoine anns an fheòil, ach gum biodh iad beò a rèir Dhè anns an Spiorad. Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh. Agus ro na h‑uile nithean biodh agaibh teas‐ghràdh da chèile; oir cuiridh gràdh falach air mòran pheacaidhean. Thugaibh aoigheachd da chèile gun ghearan. A rèir mar a fhuair gach aon an tìodhlac, mar sin dèanaibh frithealadh da chèile, mar dheagh stiùbhardan air gràs eugsamhail Dhè. Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen. A mhuinntir mo ghràidh, na biodh iongantas oirbh a‑thaobh na deuchainn theinntich, a thig oirbh a‑chum ur dearbhadh, mar gun tàrladh nì‑eigin neo‐ghnàthach dhuibh: Ach do bhrìgh gu bheil sibh nur luchd‐compàirt de fhulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas; a‑chum mar an ceudna, ann an àm foillseachadh a ghlòire, gun dèan sibh gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr. Ma mhaslaichear sibh airson ainm Chrìosd, is sona sibh; oir tha Spiorad na glòire agus Dhè a’ gabhail còmhnaidh oirbh; dan taobh‐san gu deimhinn tha e a’ faotainn toibheim, ach dur taobh‐se tha e air a ghlòrachadh. Ach na fuilingeadh aon agaibh mar mhortair, no mar ghadaiche, mo mar fhear droch‐bheairt, no mar neach a ghabhas gnothach ri nithean nach buin dha. Gidheadh ma dh’fhuilingeas duine mar Chrìosdaidh, na biodh nàire air; ach thugadh e glòir do Dhia as a leth seo. Oir thàinig an t‑àm anns an tòisich breitheanas aig taigh Dhè: agus ma thòisicheas e againne, ciod as crìoch dhaibhsan a tha eas‐umhail do shoisgeul Dhè? Agus mas ann air èiginn a thèarnar am fìrean, càit an taisbein an duine mì‑dhiadhaidh agus am peacach e fhèin? Uime sin, an dream a dh’fhuilingeas a rèir toil Dhè, earbadh iad an anaman ris‐san ann an dèanamh maith, mar ri Cruithear dìleas. Na seanairean a tha nur measg tha mi ag earalachadh, air a bhith dhomh fhèin am sheanair mar an ceudna, agus am fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar an ceudna am fhear‐compàirt den ghlòir sin, a tha gu bhith air a foillseachadh: Beathaichibh treud Dhè a tha nur measg, a’ gabhail cùraim dheth, chan ann a dh’aindeoin, ach gu deònach; chan ann airson buannachd shalaich, ach le inntinn ealamh; Cha mhò mar thighearnan os cionn oighreachd Dhè, ach mar dhream a tha nan eisimpleirean don treud. Agus nuair a dh’fhoillsichear an t‑Ard‐bhuachaille, gheibh sibh crùn na glòire nach searg as. Mar an ceudna, a dhaoine òga, bithibh umhail do na seanairean: seadh, bithibh uile umhail da chèile, agus bithibh air ur sgeadachadh le irioslachd: oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal. Uime sin irioslaichibh sibh fhèin fo làimh chumhachdaich Dhè, a‑chum is gun àrdaich e sibh ann an àm iomchaidh: A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air‐san: oir tha cùram aige dhibh. Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas: Cuiribh‐se na aghaidh, air dhuibh a bhith daingeann anns a’ chreideamh, agus fhios a bhith agaibh gu bheil na fulangasan ceudna air an coileanadh nur bràithrean, a tha anns an t‑saoghal. Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh: Dhàsan gu robh glòir agus cumhachd, gu saoghal nan saoghal. Amen. Le Siluanus, bràthair dìleas (a rèir mo bharail‐sa), sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr, a’ teagasg, agus a’ dèanamh fianais, gur e seo fìor‐ghràs Dhè, anns a bheil sibh nur seasamh. Tha an eaglais ann am Bàbilon, a thaghadh maille ribhse, a’ cur fàilte oirbh, agus Marcus mo mhac. Cuiribh fàilte air a chèile le pòig ghràidh. Sìth gu robh maille ribh uile a tha ann an Iosa Crìosd. Amen. Sìmon Peadar, seirbhiseach agus abstol Iosa Crìosd, dhaibhsan a fhuair an creideamh luachmhor ceudna rinne, tre fhìreantachd ar Dè agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd: Gu robh gràs agus sìth air am meudachadh dhuibh, tre eòlas Dhè, agus Iosa ar Tighearna, A rèir mar a dheònaich a chumhachd diadhaidh‐san dhuinn na nithean sin uile a bhuineas do bheatha agus do dhiadhachd, tre eòlas an tì sin a ghairm sinn a‑chum glòire, agus deagh‐bheus: Tre an tugadh dhuinn geallaidhean ro‑mhòr agus luachmhor, a‑chum den trìdsan gum biodh sibhse air ur dèanamh nur luchd‐compàirt de nàdar na diadhachd, air dhuibh dol as on truaillidheachd a tha anns an t‑saoghal tre ana‑miann. Agus a thuilleadh air seo, air dèanamh an uile dhìchill dhuibh, cuiribh ri ur creideamh deagh‐bheus; agus ri deagh‐bheus eòlas; Agus ri eòlas stuaim; agus ri stuaim foighidinn; agus ri foighidinn diadhachd; Agus ri diadhachd gràdh bràthaireil; agus ri gràdh bràthaireil seirc. Oir ma bhios na nithean seo annaibh, agus pailt, bheir iad oirbh gun a bhith leisg, no mì‑thorrach ann an eòlas ar Tighearna, Iosa Crìosd. Ach an tì aig nach eil na nithean sin, tha e dall, agus geàrr‐sheallach, a’ dìochuimhneachadh gun do ghlanadh e o a sheann pheacaidhean. Uime sin, a bhràithrean, dèanaibh tuilleadh dìchill a‑chum ur gairm agus ur taghadh a dhèanamh cinnteach: oir ma nì sibh na nithean seo, cha tuit sibh a‑chaoidh: Oir mar sin fritheilear gu pailt dhuibh slighe a‑steach do rìoghachd shìorraidh ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd. Uime sin cha dearmad mi na nithean seo a ghnàth‐chur an cuimhne dhuibh, ged is aithne dhuibh iad, agus ged tha sibh air ur daingneachadh anns an fhìrinn an làthair. Ach tha mi a’ meas gur còir, am feadh a tha mi anns a’ phàillean seo, sibhse a bhrosnachadh le ur cur an cuimhne: Air dhomh fios a bhith agam gur fagas dhomh àm cur dhìom mo phàillein seo, amhail a dh’fhoillsich ar Tighearna Iosa Crìosd dhomh. Ach nì mi dìcheall, a‑chum an dèidh dhomh siubhal, gum bi agaibhse gnàth‐chuimhne air na nithean seo. Oir cha do lean sinne faoin‐sgeulachdan a dhealbhadh gu h‑innleachdach, nuair a chuir sinn an cèill dhuibh cumhachd agus teachd ar Tighearna Iosa Crìosd, ach rinneadh sinn nar sùil‐fhianaisean air a mhòrachd‐san. Oir fhuair e o Dhia an t‑Athair urram agus glòir, nuair a thàinig a shamhail seo de ghuth da ionnsaigh on ghlòir òirdheirc, Is e seo mo Mhac gràdhach‐sa, anns a bheil mo mhòr‐thlachd. Agus chuala sinne an guth seo a thàinig o nèamh, nuair a bha sinn maille ris air an t‑sliabh naomh. Tha againn mar an ceudna facal fàidheadaireachd as cinntiche; dom math a nì sibh aire a thoirt, mar do lòchran a tha a’ toirt solais uaithe ann an ionad dorcha, gus an soillsich an là, agus an èirich an reul‐mhaidne nur cridheachan: Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, nach eil fàidheadaireachd air bith den sgriobtar o thogradh dhaoine fhèin. Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh. Ach bha fàidhean brèige mar an ceudna am measg an t‑sluaigh, amhail a bhios luchd‐teagaisg brèige nur measg‐se, dream a bheir a‑steach an uaigneas saobh‐chreideamh millteach, eadhon ag àicheadh an Tighearna a cheannaich iad, agus a bheir sgrios obann orra fhèin. Agus leanaidh mòran an slighean millteach tre am faigh slighe na fìrinn mì‑chliù. Agus tre shannt nì iad ceannachd oirbh le briathran mealltach: dream nach eil am breitheanas a‑nis o chian a’ dèanamh moille, agus chan eil an sgrios a’ turra‑chadal. Oir mura do chaomhain Dia na h‑aingil a pheacaich, ach air dha an tilgeadh sìos do ifrinn, gun tug e thairis iad gu bhith air an coimhead ann an slabhraidhean dorchadais, fa chomhair breitheanais; Agus nach do chaomhain e an seann saoghal, ach gun do shaor e Nòah, an t‑ochdamh pearsa, searmonaiche fìreantachd, air dha an dìle a thoirt air saoghal nan daoine mì‑dhiadhaidh; Agus a’ tionndadh cathraichean Shòdoim agus Ghomorrah gu luaithre, gun do dhìt e le lèirsgrios iad, gan dèanamh nam ball‐sampaill dhaibhsan a bhiodh mì‑dhiadhaidh an dèidh sin; Agus gun do shaor e Lot am fìrean, a bha fo champar le caitheamh‐beatha neòghlain nan aingidh: (Oir chràidh an t‑ionracan sin, agus e a’ gabhail còmhnaidh nam measg, a anam fìreanta o là ga là, le bhith a’ faicinn, agus a’ cluinntinn, an gnìomharan ain‐dligheach:) Is aithne don Tighearna na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine eucorach a choimhead gu là a’ bhreitheanais a‑chum peanas a dhèanamh orra: Ach gu h‑àraidh iadsan a leanas an fheòil ann an ana‑miann na neòghlaine, agus a nì tàir air uachdaranachd: air dhaibh a bhith an‑dàna, fèin‐thoileil, chan eagal leo ana‑cainnt a thoirt dhaibhsan a tha ann an àrd‐inbhe: Nuair nach toir aingil, as mò ann an neart agus ann an cumhachd, casaid thoibheumach nan aghaidh am fianais an Tighearna. Ach iadsan, mar ainmhidhean nàdarra eu‑cèillidh, a rinneadh gu bhith air an glacadh, agus air an sgrios, air dhaibh a bhith a’ labhairt gu toibheumach mu na nithean nach tuig iad, sgriosar iad nan truaillidheachd fhèin; Agus gheibh iad tuarasdal na h‑euceirt, mar dhream a mheasas mar shubhachas sògh anns an là: is smalan iad agus adhbhar‐maslaidh, a’ gabhail toileachas‐inntinn nam mealltaireachd fhèin, am feadh a tha iad air cuirmean maille ribh; Aig a bheil an sùilean làn adhaltranais, agus do nach eil e an comas sgur de pheacadh; a’ mealladh anaman neo‐shuidhichte; aig a bheil an cridhe air a chleachdadh ri gnìomharan sanntach; clann nam mallachd: A thrèig an t‑slighe dhìreach, agus a chaidh air seachran, a’ leantainn slighe Bhalàaim mhic Bhosoir, a ghràdhaich duais na h‑eucoir; Ach a fhuair achmhasan airson a aingidheachd: oir labhair an asal bhalbh le cainnt duine, agus thoirmisg i mì‑chiall an fhàidh. Is tobraichean gun uisge iad seo, neòil air an iomain le iomaghaoith; fa chomhair a bheil duibhre an dorchadais air a thasgadh gu sìorraidh. Oir nuair a labhras iad briathran atmhor dìomhanais, meallaidh iad tre ana‑miannan na feòla, tre mhacnas, iadsan a chaidh gu glan as uapasan a tha a’ caitheamh am beatha ann an seachran; A’ gealltainn saorsa dhaibh, agus gun annta fhèin ach tràillean na truaillidheachd: oir ge bè nì lem buadhaichear air duine, don nì sin fhèin tha e air a chur fo dhaorsa. Oir an dèidh dhaibh dol as o shalchar an t‑saoghail, tre eòlas an Tighearna agus an t‑Slànaighir Iosa Crìosd, ma bhios iad a‑rìs air an ribeadh annta, agus air an cur fo ghèill, tha a’ chrìoch aca nas miosa na an toiseach. Oir b’fheàrr dhaibh gun eòlas a bhith aca air slighe na fìreantachd, na, an dèidh a h‑eòlas fhaotainn, tilleadh on àithne naoimh a thugadh dhaibh. Ach thachair dhaibh a rèir an t‑sean‐fhacail fhìrinnich: thill am madadh air ais a‑chum a sgeith fhèin; agus, a’ mhuc a chaidh a nighe, a‑chum a h‑aoirneagan anns an làthaich. An dara litir seo, a mhuinntir mo ghràidh, tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh a‑nis; annta le chèile tha mi a’ brosnachadh ur n‑inntinn fhìorghlain le ur cur an cuimhne: A‑chum gum bi sibh cuimhneachail air na briathran a labhradh roimhe leis na fàidhean naomha, agus air ar n‑àithne‐ne, abstoil an Tighearna agus an t‑Slànaighir: Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, gun tig anns na làithean deireannach luchd‐fochaid, ag imeachd a rèir an ana‑miann fhèin. Agus ag ràdh, Càit a bheil gealladh a theachd? Oir o chaidil na h‑athraichean, tha na h‑uile nithean a’ fantainn mar a bha iad o thoiseach a’ chruthachaidh. Oir tha iad aineolach air seo de an deòin, gu robh na nèamhan ann o chian, agus an talamh na sheasamh as an uisge, agus anns an uisge, tre fhacal Dhè: Tre an deachaidh an saoghal a bha an sin ann a sgrios, air teachd don dìle air. Ach tha na nèamhan agus an talamh a tha a‑nis ann, leis an fhacal sin fhèin air an tasgadh suas, agus air an gleidheadh fa chomhair teine air cheann là a’ bhreitheanais, agus sgrios dhaoine an‑diadhaidh. Ach, a mhuinntir mo ghràidh, na bithibh‐se aineolach air an aon nì seo, gu bheil aon là aig an Tighearna mar mhìle bliadhna, agus mìle bliadhna mar aon là. Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad‐fhulangach dar taobh‐ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas. Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian‐theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas. Uime sin do bhrìgh gum bi na nithean seo uile air an sgaoileadh as a chèile, ciod a’ ghnè dhaoine a bu chòir a bhith annaibh, ann an caitheamh‐beatha naomh, agus diadhachd, Le sùil a bhith agaibh ris, agus a’ luathachadh a‑chum teachd là Dhè, anns am bi na nèamhan, air dhaibh a bhith ri theine, air an sgaoileadh as a chèile, agus anns an leaghar na dùilean le dian‐theas? Gidheadh tha dùil againne ri nèamhan nuadh agus talamh nuadh, a rèir a gheallaidh, anns an còmhnaich fìreantachd. Uime sin, a mhuinntir ionmhainn, o tha dùil agaibh ris na nithean sin, dèanaibh ur dìcheall a‑chum gum faighear leis‐san ann an sìth sibh, gun smal agus neo‐lochdach: Agus measaibh gur slàinte fad‐fhulangas ar Tighearna; amhail a sgrìobh ar bràthair gràdhach Pòl mar an ceudna dur n‑ionnsaigh, a rèir a’ ghliocais a thugadh dha; Eadhon mar na litrichean uile, a’ labhairt annta mu na nithean seo; anns a bheil cuid de nithean do‑thuigsinn, a tha an dream a tha neo‐fhòghlaimte, agus neo‐sheasmhach, a’ fiaradh, mar na sgriobtairean eile, a‑chum an sgrios fhèin. Ach sibhse, a mhuinntir mo ghràidh, o is aithne dhuibh na nithean seo ro‑làimh, thugaibh an aire air eagal air dhuibhse mar an ceudna a bhith air ur tarraing air falbh le seachran nan daoine an‑diadhaidh, gun tuit sibh o ur seasmhachd fhèin: Ach fàsaibh ann an gràs, agus ann an eòlas ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd. Dhàsan gu robh glòir a‑nis agus gu sìorraidh. Amen. An nì a bha ann o thùs, an nì a chuala sinne, a chunnaic sinn le ar sùilean, air an d’amhairc sinn, agus a làimhsich ar làmhan a‑thaobh facal na beatha; (Oir dh’fhoillsicheadh a’ bheatha, agus chunnaic sinne i, agus tha sinn a’ dèanamh fianais, agus a’ cur an cèill dhuibhse na beatha maireannaich ud a bha maille ris an Athair, agus a dh’fhoillsicheadh dhuinne;) An nì a chunnaic agus a chuala sinn tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse, a‑chum gum bi agaibhse mar an ceudna comann rinne: agus gu fìrinneach tha ar comann‐ne ris an Athair, agus ra Mhac Iosa Crìosd. Agus tha sinn a’ sgrìobhadh nan nithean seo dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi ur gàirdeachas coileanta. Agus is i seo an teachdaireachd a chuala sinn uaithesan, agus a tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse, gur solas Dia, agus nach eil dorchadas air bith annsan. Ma their sinn gu bheil comann againn ris, agus sinn a’ gluasad ann an dorchadas, tha sinn a’ dèanamh brèige, agus chan eil sinn a’ dèanamh na fìrinn: Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh. Ma their sinn nach eil peacadh againn, tha sinn gar mealladh fhèin, agus chan eil an fhìrinn annainn. Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo‐fhìreantachd. Ma their sinn nach do pheacaich sinn, tha sinn a’ dèanamh breugaire dhethsan, agus chan eil a fhacal annainn. Mo chlann bheag, na nithean seo tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a‑chum nach peacaich sibh. Agus ma pheacaicheas neach air bith, tha fear‐tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Crìosd am fìrean: Agus is esan an ìobairt‐rèitich airson ar peacaidhean, agus chan ann airson ar peacaidhean‐ne a‑mhàin, ach mar an ceudna airson peacaidhean an t‑saoghail uile. Agus le seo tha fhios againn gur aithne dhuinne e, ma choimheadas sinn a àitheantan. An tì a their, Is aithne dhomh e, agus nach eil a’ coimhead a àitheantan, is breugaire e, agus chan eil an fhìrinn ann. Ach ge bè a choimheadas a fhacal, annsan gu deimhinn tha gràdh Dhè air a choileanadh: le seo is aithne dhuinn gu bheil sinn annsan. An tì a their gu bheil e a’ fantainn annsan, is còir dha mar an ceudna gluasad, eadhon mar a ghluais esan. A bhràithrean, chan eil mi a’ sgrìobhadh àithne nuaidh dur n‑ionnsaigh, ach seann àithne, a bha agaibh o thùs: is i an t‑seann àithne am facal a chuala sibh o thùs. A‑rìs, tha mi a’ sgrìobhadh àithne nuaidh dur n‑ionnsaigh, nì a tha fìor annsan agus annaibhse: do bhrìgh gun d’imich an dorchadas thairis, agus gu bheil a‑nis an solas fìor a’ dealrachadh. An tì a their gu bheil e anns an t‑solas, agus a tha a’ fuathachadh a bhràthar, tha e anns an dorchadas gus a‑nis. An tì aig a bheil gràdh da bhràthair, tha e na chòmhnaidh anns an t‑solas, agus chan eil adhbhar oilbheim air bith ann: Ach an tì a tha a’ fuathachadh a bhràthar, tha e anns an dorchadas, agus ag imeachd anns an dorchadas, agus chan aithne dha càit a bheil e a’ dol, do bhrìgh gun do dhall an dorchadas a shùilean. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a chlann bheag, do bhrìgh gu bheil ur peacaidhean air am maitheadh dhuibh, air sgàth a ainme‐san. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, athraichean, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh esan a tha o thùs. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, òganacha, do bhrìgh gun tug sibh buaidh air an droch aon. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a chlann bheag, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh an t‑Athair. Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, athraichean, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh an tì a tha ann o thùs. Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, òganacha, do bhrìgh gu bheil sibh làidir, agus gu bheil facal Dhè na chòmhnaidh annaibh, agus gun tug sibh buaidh air an droch aon. Na gràdhaichibh an saoghal, no na nithean a tha anns an t‑saoghal. Ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, chan eil gràdh an Athar ann. Oir na h‑uile a tha anns an t‑saoghal, ana‐miann na feòla, agus ana‐miann nan sùl, agus uabhar na beatha, chan ann on Athair a tha iad, ach on t‑saoghal. Agus siùbhlaidh an saoghal seachad, agus ana‐miann: ach an tì a nì toil Dhè mairidh e a‑chaoidh. A chlann bheag, is i an aimsir dheireannach a tha ann: agus mar a chuala sibh gun tig an t‑ana‐crìosd, is ann mar sin a tha a‑nis iomadh ana‐crìosd ann; om bheil sinn a’ tuigsinn gur i an aimsir dheireannach a tha ann. Chaidh iad a‑mach uainn, ach cha robh iad dhinn: oir nam biodh iad dhinn, gu deimhinn dh’fhanadh iad maille rinn: ach chaidh iad a‑mach, a‑chum gun dèante follaiseach iad, nach robh iad uile dhinn. Ach tha agaibhse ungadh on Tì Naomh, agus is aithne dhuibh na h‑uile nithean. Cha do sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, do bhrìgh nach aithne dhuibh an fhìrinn; ach do bhrìgh gur aithne dhuibh i, agus nach eil breug air bith on fhìrinn. Cò tha na bhreugaire, ach esan a dh’àicheas gur e Iosa an Crìosd? Is e seo an t‑ana‐crìosd, a tha ag àicheadh an Athar agus a’ Mhic. Ge bè neach a dh’àicheas am Mac, chan eil an t‑Athair aige: (ach an tì a dh’aidicheas am Mac, tha an t‑Athair aige mar an ceudna). Uime sin fanadh an nì sin annaibhse a chuala sibh o thùs. Ma dh’fhanas an nì a chuala sibh o thùs annaibh, fanaidh sibhse mar an ceudna anns a’ Mhac, agus anns an Athair. Agus is e seo an gealladh a gheall e dhuinn, eadhon a’ bheatha mhaireannach. Sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh, mu thimcheall an dream a tha gur mealladh. Ach tha an t‑ungadh a fhuair sibh uaithesan a’ fantainn annaibh: agus chan eil feum agaibh gun teagaisgeadh aon neach air bith sibh: ach, mar a tha an t‑ungadh seo fhèin gur teagasg mu thimcheall nan uile nithean, agus a tha e fìor, agus nach breug e, eadhon mar a theagaisg e sibh, fanaibh ann. Agus a‑nis, a chlann bheag, fanaibh annsan; a‑chum nuair a dh’fhoillsichear e, gum bi dànachd againn, agus nach bi nàire oirnn na làthair aig a theachd. Ma tha fhios agaibh gu bheil esan fìreanta, tha fhios agaibh gu bheil gach neach a nì fìreantachd air a bhreith uaithesan. Feuchaibh, ciod a’ ghnè ghràidh a thug an t‑Athair dhuinne, gun goirte clann Dhè dhinn! Uime sin chan aithne don t‑saoghal sinn, do bhrìgh nach b’aithne dha esan. A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e. Agus gach neach aig a bheil an dòchas seo ann, glanaidh e e fhèin, mar a tha esan glan. Ge bè neach a nì peacadh, tha e mar an ceudna a’ briseadh an lagha: oir is e am peacadh briseadh an lagha. Agus tha fhios agaibh gun d’fhoillsicheadh esan a‑chum ar peacaidhean a thoirt air falbh; agus chan eil peacadh sam bith annsan. Gach neach a dh’fhanas annsan cha dèan e peacadh: ge bè air bith a pheacaicheas, chan fhaca e esan, agus cha robh eòlas aige air. A chlann bheag, na mealladh neach air bith sibh: an tì a nì fìreantachd is fìrean e, mar as fìrean esan: An tì a nì peacadh, is ann on diabhal a tha e; oir tha an diabhal a’ peacachadh o thùs. Is ann a‑chum na crìche seo a dh’fhoillsicheadh Mac Dhè, a‑chum gun sgriosadh e obraichean an diabhail. Ge bè neach a ghineadh o Dhia cha dèan e peacadh: oir tha a shìol‐san a’ fantainn ann; agus chan eil e an comas dha peacadh a dhèanamh, do bhrìgh gun do ghineadh o Dhia e. An seo tha clann Dhè, agus clann an diabhail follaiseach: ge bè neach nach dèan fìreantachd chan ann o Dhia a tha e, no an tì nach gràdhaich a bhràthair. Oir is i seo an teachdaireachd a chuala sibh o thùs, sinn a thoirt gràidh da chèile: Chan ann mar Chàin, a bha on droch aon, agus a mharbh a bhràthair. Agus carson a mharbh e e? A chionn gu robh a obraichean fhèin olc, agus obraichean a bhràthar fìreanta. Na biodh ioghnadh oirbh, mo bhràithrean, ged dh’fhuathaicheas an saoghal sibh. Tha fhios againn gun deachaidh sinn thairis o bhàs gu beatha, do bhrìgh gu bheil gràdh againn do na bràithrean: an tì nach gràdhaich a bhràthair, fanaidh e ann am bàs. Gach neach a dh’fhuathaicheas a bhràthair, is mortair e; agus tha fhios agaibh nach eil aig mortair sam bith a’ bheatha mhaireannach a’ fantainn ann. Le seo is aithne dhuinn gràdh Dhè, do bhrìgh gun do leig esan sìos a anam fhèin air ar son‐ne: agus is còir dhuinne ar n‑anaman fhèin a leigeadh sìos airson nam bràithrean. Agus ge bè neach aig a bheil maoin an t‑saoghail seo, agus a chì a bhràthair ann an uireasbhaidh, agus a dhruideas a chridhe na aghaidh, cionnas a tha gràdh Dhè a’ gabhail còmhnaidh annsan? Mo chlann bheag, na gràdhaicheamaid ann am facal, no ann an teangaidh; ach ann an gnìomh agus ann am fìrinn. Agus le seo is aithne dhuinn gu bheil sinn den fhìrinn, agus bheir sinn dearbhachd dar cridheachan na làthair. Oir ma dhìteas ar cridhe sinn, is mò Dia na ar cridhe, agus is aithne dha na h‑uile nithean. A mhuinntir mo ghràidh, mura dìt ar cridhe sinn, tha dànachd againn a‑thaobh Dhè. Agus ge bè nì a dh’iarras sinn gheibh sinn uaithe e, do bhrìgh gu bheil sinn a’ coimhead a àitheantan, agus a’ dèanamh nan nithean a tha taitneach na fhianais. Agus is i seo a àithne‐san, gun creideamaid ann an ainm a Mhic Iosa Crìosd, agus gun gràdhaicheamaid a chèile, mar a thug esan àithne dhuinn. Agus an tì a choimheadas a àitheantan‐san, tha e a’ gabhail còmhnaidh ann, agus esan annsan: agus le seo is aithne dhuinn gu bheil esan a’ gabhail còmhnaidh annainn, on Spiorad a thug e dhuinn. A mhuinntir ionmhainn, na creidibh gach uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan, an ann o Dhia a tha iad: do bhrìgh gu bheil mòran fhàidhean brèige air dol a‑mach don t‑saoghal. Le seo aithnichibh Spiorad Dhè: gach uile spiorad a dh’aidicheas gun tàinig Iosa Crìosd anns an fheòil, is ann o Dhia a tha e. Agus gach uile spiorad nach aidich gu bheil Iosa Crìosd air teachd anns an fheòil, chan ann o Dhia a tha e: agus is e seo spiorad an ana‐crìosd, neach a chuala sibh e a bhith a’ teachd, agus a‑nis tha e cheana anns an t‑saoghal. A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal. Tha iadsan on t‑saoghal: uime sin tha iad a’ labhairt mun t‑saoghal, agus tha an saoghal ag èisdeachd riu. Tha sinne o Dhia: an tì aig a bheil eòlas air Dia èisdidh e rinne; an tì nach eil o Dhia, chan èisd e rinn. O seo aithnichidh sinn spiorad na fìrinn, agus spiorad an t‑seachrain. A mhuinntir ionmhainn, gràdhaicheamaid a chèile: oir is ann o Dhia a tha an gràdh; agus gach neach a ghràdhaicheas, ghineadh o Dhia e, agus is aithne dha Dia. An tì nach gràdhaich, chan aithne dha Dia; oir is gràdh Dia. An seo dh’fhoillsicheadh gràdh Dhè dhuinne, do bhrìgh gun do chuir Dia a aon‐ghin Mhic don t‑saoghal, a‑chum gum bitheamaid beò trìdsan. Ann an seo tha gràdh, chan e gun do ghràdhaich sinne Dia, ach gun do ghràdhaich esan sinne, agus gun do chuir e a Mhac fhèin gu bhith na ìobairt‐rèitich airson ar peacaidhean. A mhuinntir ionmhainn, ma ghràdhaich Dia sinne mar sin, tha e mar fhiachan oirnne a chèile a ghràdhachadh mar an ceudna. Chan fhaca neach air bith Dia riamh. Ma ghràdhaicheas sinn a chèile, tha Dia na chòmhnaidh annainn, agus tha a ghràdh air a choileanadh annainn. O seo is aithne dhuinn gu bheil sinne nar còmhnaidh annsan, agus esan annainne, do bhrìgh gun tug e dhuinn de a Spiorad. Agus chunnaic sinn agus tha sinn a’ dèanamh fianais gun do chuir an t‑Athair am Mac uaithe mar Shlànaighear an t‑saoghail. Ge bè neach a dh’aidicheas gur e Iosa Mac Dhè, tha Dia na chòmhnaidh annsan, agus esan ann an Dia. Agus fhuair sinn aithne air agus chreid sinn an gràdh a tha aig Dia dhuinn. Is gràdh Dia; agus an tì a tha a’ fantainn ann an gràdh tha e na chòmhnaidh ann an Dia, agus Dia annsan. An seo tha ar gràdh‐ne air a dhèanamh coileanta, a‑chum gum bi againn dànachd ann an là a’ bhreitheanais: do bhrìgh mar a tha esan, gur amhail sin a tha sinne anns an t‑saoghal seo. Chan eil eagal ann an gràdh; ach tilgidh gràdh iomlan an t‑eagal a‑mach; do bhrìgh gu bheil pian anns an eagal; an tì a tha fo eagal, cha do rinneadh coileanta ann an gràdh e. Tha gràdh againne dhàsan, do bhrìgh gun do ghràdhaich esan sinne air tùs. Ma their neach, Tha gràdh agam do Dhia, agus fuath aige da bhràthair, is breugaire e: oir an tì nach gràdhaich a bhràthair a chunnaic e, cionnas a dh’fhaodas e Dia nach faca e a ghràdhachadh? Agus an àithne seo tha againn uaithesan, An tì a ghràdhaicheas Dia, gun gràdhaich e a bhràthair mar an ceudna. Ge bè neach a chreideas gur e Iosa an Crìosd, ghineadh o Dhia e; agus ge bè a ghràdhaicheas an tì a ghin, gràdhaichidh e mar an ceudna an tì a ghineadh leis. O seo is aithne dhuinn gu bheil gràdh againn do chloinn Dhè, nuair a ghràdhaicheas sinn Dia, agus a choimheadas sinn a àitheantan. Oir is e seo gràdh Dhè, sinn a choimhead a àitheantan: agus chan eil a àitheantan‐san trom. Oir gach uile nì a ghinear o Dhia, bheir e buaidh air an t‑saoghal: agus is i seo a’ bhuaidh a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, eadhon ar creideamh‐ne. Cò an tì a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, ach esan a tha a’ creidsinn gur e Iosa Mac Dhè? Is e seo esan a thàinig tre uisge agus tre fhuil, Iosa Crìosd; chan ann tre uisge a‑mhàin, ach tre uisge agus fuil: agus is e an Spiorad a nì fianais, do bhrìgh gur fìrinn an Spiorad. Oir tha triùir a tha a’ dèanamh fianais air nèamh, an t‑Athair, am Facal, agus an Spiorad Naomh: agus an triùir sin is aon iad. Agus tha triùir a tha a’ dèanamh fianais air an talamh, an Spiorad, agus an t‑uisge, agus an fhuil: agus thig an triùir seo ri chèile ann an aon. Ma ghabhas sinn ri fianais dhaoine, is i fianais Dhè as mò: oir is i seo fianais Dhè, a thug e mu thimcheall a Mhic. An tì a chreideas ann am Mac Dhè, tha an fhianais aige ann fhèin: an tì nach creid Dia, rinn e breugaire dheth, do bhrìgh nach do chreid e an fhianais a rinn Dia mu thimcheall a Mhic. Agus is i seo an fhianais, gun tug Dia dhuinn a’ bheatha mhaireannach: agus tha a’ bheatha seo na Mhac. An tì aig a bheil am Mac tha beatha aige: an tì aig nach eil Mac Dhè chan eil beatha aige. Na nithean seo sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh‐se a tha a’ creidsinn ann an ainm Mac Dhè; a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh, agus a‑chum gun creid sibh ann an ainm Mac Dhè. Agus is e seo an dòchas a tha againn annsan, ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn. Agus ma tha fhios againn gun èisd e rinn, ge bè nì a dh’iarras sinn, tha fhios againn gu bheil ar n‑iarrtais, a dh’iarr sinn air, againn. Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe. Is peacadh gach uile eucoir: agus tha peacadh ann nach eil a‑chum bàis. Tha fhios againn ge bè neach a ghineadh le Dia nach peacaich e; ach an tì a ghineadh o Dhia, coimheadaidh e e fhèin, agus cha bhean an droch aon ris. Tha fhios againn gu bheil sinne o Dhia, agus tha an saoghal uile na laighe anns an olc. Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach. A chlann bheag, coimheadaibh sibh fhèin o iodhalan. Amen. An seanair a‑chum na ban‐tighearna thaghte, agus a‑chum a cloinne, as ionmhainn leam anns an fhìrinn; agus chan ann leamsa a‑mhàin, ach leòsan uile mar an ceudna a ghabh eòlas air an fhìrinn; Airson na fìrinn a tha na còmhnaidh annainne, agus a bhios maille rinn gu bràth: Gràs, tròcair, agus sìth gu robh maille ribh o Dhia an t‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd, Mac an Athar, ann am fìrinn agus ann an gràdh. Bha gàirdeachas mòr orm, do bhrìgh gun d’fhuair mi cuid ded chloinn‐sa ag imeachd anns an fhìrinn, a rèir mar a fhuair sinne àithne on Athair. Agus a‑nis guidheam ort, a bhan‐tighearna, chan ann mar gun sgrìobhainn àithne nuadh ad ionnsaigh, ach an àithne a bha againn o thùs, gun gràdhaicheamaid a chèile. Agus is e seo an gràdh, gun imicheamaid a rèir a àitheantan‐san. Is i seo an àithne, mar a chuala sibh o thùs, gun imicheadh sibh innte. Oir tha mòran mhealltairean air teachd a‑steach don t‑saoghal, nach eil ag aideachadh gu bheil Crìosd air teachd anns an fheòil. Is mealltair seo agus ana‐crìosd. Thugaibh aire dhuibh fhèin, nach caill sinn na nithean sin a shaothraich sinn, ach gum faigh sinn làn‐duais. Ge bè neach a bhriseas an lagh, agus nach fan ann an teagasg Chrìosd, chan eil Dia aige: an tì a dh’fhanas ann an teagasg Chrìosd, tha araon an t‑Athair agus am Mac aige. Ma thig neach air bith dur n‑ionnsaigh, agus nach toir e an teagasg seo leis, na gabhaibh e a‑steach dur taigh, agus na abraibh ris, Guma subhach dhut: Oir ge bè neach a their ris, Guma subhach dhut, tha compàirt aige de a dhroch obraichean. Air dhomh mòran a bhith agam ri sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, cha b’àill leam sgrìobhadh le paipear agus dubh; ach tha dòchas agam teachd dur n‑ionnsaigh, agus labhairt beul ri beul, a‑chum gum bi ar gàirdeachas coileanta. Tha clann do pheathar thaghte a’ cur fàilte ort. Amen. An seanair a‑chum Ghaiuis ghràdhaich, as ionmhainn leam anns an fhìrinn. A bhràthair ghràdhaich, is e mo ghuidhe a‑thaobh gach uile nì gun soirbhicheadh leat, agus gum biodh tu slàn, mar a tha soirbheachadh led anam. Oir rinn mi gàirdeachas gu mòr nuair a thàinig na bràithrean, agus a rinn iad fianais don fhìrinn a tha annadsa, mar a tha thusa ag imeachd anns an fhìrinn. Chan eil gàirdeachas agam as mò na bhith a’ cluinntinn gu bheil mo chlann ag imeachd anns an fhìrinn. A bhràthair ghràdhaich, is dìleas a nì thu gach nì a tha thu a’ dèanamh do na bràithrean, agus do choigrich; Muinntir a rinn fianais air do ghràdh an làthair na h‑eaglais: ma bheir thu air an aghaidh iad nan slighe mar as cubhaidh do Dhia, is math a nì thu: Oir chaidh iad a‑mach air sgàth a ainme‐san, gun nì air bith a ghabhail o na Cinnich. Uime sin tha e mar fhiachan oirnne gabhail rin leithidean sin, a‑chum gum bitheamaid nar co‑shaothraichean don fhìrinn. Sgrìobh mi a‑chum na h‑eaglais: ach cha ghabh Diotrephes, leis am miann àrd‐cheannas a bhith aige nam measg, rinn. Uime sin ma thig mi, cuiridh mi an cuimhne a obraichean a tha e a’ dèanamh, a’ bith‐labhairt nar n‑aghaidh le briathran aingidh: agus cha leòr leis sin, ach cha mhò a tha e fhèin a’ gabhail ris na bràithrean, agus tha e a’ bacadh na dream leis am b’àill, agus gan tilgeadh a‑mach as an eaglais. A bhràthair ghràdhaich, na lean an nì a tha olc, ach an nì a tha math. An tì a nì math is ann o Dhia a tha e; ach an tì a nì olc, chan fhaca e Dia. Tha deagh theisteas air Demetrius o na h‑uile, agus on fhìrinn fhèin: agus tha sinne mar an ceudna a’ dèanamh fianais; agus tha fhios agaibh gu bheil ar fianais‐ne fìor. Bha mòran agam ri sgrìobhadh ach chan àill leam sgrìobhadh le dubh agus peann ad ionnsaigh: Ach tha dòchas agam d’fhaicinn gun dàil, agus labhraidh sinn beul ri beul. Sìth maille riut. Tha na càirdean a’ cur fàilte ort. Cuir fàilte air na càirdean air an ainm. Iùdas, seirbhiseach Iosa Crìosd, agus bràthair Sheumais, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh le Dia an t‑Athair, agus air an coimhead le Iosa Crìosd, air an gairm: Gu robh tròcair, agus sìth, agus gràdh, air am meudachadh dhuibh. A mhuinntir ionmhainn, air dhomh an uile dhìcheall a dhèanamh a‑chum sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh mu thimcheall na slàinte coitchinn, b’fheumail dhomh sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur n‑earalachadh sibh a chathachadh gu dìcheallach airson a’ chreidimh a thugadh aon uair do na naoimh. Oir ghoid daoine àraidh a‑steach, a dh’òrdaicheadh roimhe o shean a‑chum an dìtidh seo, daoine mì‑dhiadhaidh, a’ tionndadh gràs ar Dè‑ne gu macnas, agus ag àicheadh Dhè, as aon Uachdaran ann, agus ar Tighearna Iosa Crìosd. Uime sin is àill leam ur cur an cuimhne, ged bha fhios agaibh aon uair air seo, cionnas an dèidh don Tighearna am poball a shaoradh à tìr na h‑Èiphit, a sgrios e an dèidh sin an dream nach do chreid. Agus na h‑aingil nach do ghlèidh an ciad inbhe, ach a dh’fhàg an àite‐còmhnaidh fhèin, choimhead e ann an gèimhlean sìorraidh fo dhorchadas, fa chomhair breitheanas an là mhòir. Amhail a tha Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean mun cuairt orra, a thug iad fhèin thairis do strìopachas air a’ mhodh cheudna, agus a bha a’ leantainn feòla coimhich, air an cur suas nam ball‐sampaill, a’ fulang dìoghaltas teine shìorraidh. Mar an ceudna fòs tha an luchd‐bruadair sin a’ salachadh na feòla, a’ dèanamh tàir air uachdaranachd, agus a’ labhairt gu toibheumach air àrd‐inbhean. Gidheadh, cha do ghabh Mìchael an t‑àrd‐aingeal, nuair a chathaich e an aghaidh an diabhail, agus a rinn e deasbaireachd mu chorp Mhaois, dànadas air casaid thoibheumach a thoirt na aghaidh, ach thubhairt e, Gun cronaicheadh an Tighearna thu. Ach tha an dream sin a’ labhairt gu toibheumach air na nithean nach aithne dhaibh: ach na nithean sin as aithne dhaibh air mhodh nàdarra, mar ainmhidhean gun reusan, tha iad gan truailleadh fhèin annta. Is an‑aoibhinn dhaibh! Oir dh’imich iad ann an slighe Chàin, agus ruith iad gu togarrach ann an seachran Bhalàaim air ghaol tuarasdail, agus sgriosadh iad ann an ana‐cainnt cheannaircich Chore. Is smalan iad sin nur cuirmean gràidh, nuair a tha iad air cuirmean maille ribh, gam beathachadh fhèin gun eagal: is neòil iad gun uisge, air an giùlan mun cuairt le gaothan; craobhan searg‐mheasach, gun toradh; dà uair marbh, air an spìonadh as am freumhan; Garbh‐thonnan na fairge, a sgeitheas an nàire fhèin mar chobhar; reultan seachranach, dom bheil duibhre an dorchadais gu sìorraidh air a thasgadh. Agus rinn Enoch mar an ceudna, an seachdamh pearsa o Adhamh, fàidheadaireachd umpa seo, ag ràdh, Feuch, tha an Tighearna a’ teachd le deich mìle de a naoimh, A dhèanamh breitheanais air na h‑uile, agus a‑chum iadsan uile a tha mì‑dhiadhaidh nam measg fhàgail ris, a‑thaobh an uile ghnìomharan mì‑dhiadhaidh a rinn iad gu mì‑dhiadhaidh, agus a‑thaobh an uile bhriathar cruaidhe, a labhair peacaich mhì‐dhiadhaidh na aghaidh. Is luchd‐cànrain agus gearain an dream seo, a tha ag imeachd a rèir an ana‐miann fhèin; agus tha am beul a’ labhairt bhriathar atmhor, agus iad a’ gabhail iongantais de phearsachan dhaoine air sgàth buannachd. Ach cuimhnichibh‐se, a mhuinntir mo ghràidh, na facail a labhradh roimhe le abstoil ar Tighearna Iosa Crìosd; Mar a thubhairt iad ribh, gum biodh anns an aimsir dheireannaich luchd‐fanaid, a ghluaiseadh a rèir an ana‐miannan mì‑dhiadhaidh fhèin. Is iad sin an dream a sgaras iad fhèin o chàch, collaidh, gun an Spiorad aca. Ach air a bhith dhuibhse, a mhuinntir ionmhainn, gur togail fhèin suas nur creideamh ro‑naomh, a’ dèanamh ùrnaigh anns an Spiorad Naomh, Coimheadaibh sibh fhèin ann an gràdh Dhè, le sùil ri tròcair ar Tighearna Iosa Crìosd a‑chum na beatha maireannaich. Agus gabhaibh truas de dhream àraidh, a’ dèanamh eadar‐dhealachaidh; Agus tèarnaibh dream eile le eagal, gan spìonadh as an teine; a’ fuathachadh eadhon an aodaich air a bheil smal na feòla. A‑nis dhàsan a tha comasach air ur gleidheadh o thuisleadh, agus ur cur gu neo‐lochdach an làthair a ghlòire le aoibhneas ro‑mhòr, Don Dia a tha a‑mhàin glic, ar Slànaighear, gu robh glòir agus mòralachd, neart agus cumhachd, a‑nis agus air feadh nan uile linn. Amen. Taisbeanadh Iosa Crìosd, a thug Dia dha, a dh’fhoillseachadh da sheirbhisich nithean as èiginn teachd gu crìch ann an ùine gheàrr; agus chuir e teachdaireachd uaithe, agus le a aingeal fhèin dh’fhoillsich e iad da sheirbhiseach Eòin, A rinn fianais air facal Dhè, agus air teisteas Iosa Crìosd, agus air gach nì a chunnaic e. Is beannaichte an tì a leughas, agus iadsan a dh’èisdeas ri briathran na fàidheadaireachd seo, agus a choimheadas na nithean a tha sgrìobhte innte: oir tha an t‑àm am fagas. Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh‐chathrach‐san; Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad‐ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin, Agus a rinn rìghrean dhinn agus sagartan do Dhia agus da Athair‐san; dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen. Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon‐san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile‐chumhachdach. Bha mise Eòin, ur dearbh‐bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd. Bha mi anns an Spiorad air là an Tighearna, agus chuala mi air mo chùlaibh guth mòr, mar ghuth trompaid, Ag ràdh, Is mise Alpha agus Omega, an ciad neach agus an neach deireannach: agus sgrìobh‐sa ann an leabhar an nì a chì thu, agus cuir e a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; a‑chum Ephesuis, agus a‑chum Smirna, agus a‑chum Phergamois, agus a‑chum Thiatìra, agus a‑chum Shardis, agus a‑chum Philadelphia, agus a‑chum Laodicèa. Agus thionndaidh mi a dh’fhaicinn a ghutha a labhair rium. Agus air tionndadh dhomh, chunnaic mi seachd coinnleirean òir; Agus ann am meadhon nan seachd coinnleirean, neach cosmhail ri Mac an Duine, air an robh aodach a ràinig sìos gu a shàiltean, agus crioslaichte le crios òir ma chìochan. Bha a cheann agus a fhalt geal mar olainn ghil, mar shneachd; agus a shùilean mar lasair theine; Agus a chasan cosmhail ri umha fìorghlan, mar gum biodh iad a’ dearg‐losgadh ann an àmhainn; agus a ghuth mar thoirm mòran uisgeachan. Agus bha aige na làimh dheis seachd reultan; agus claidheamh geur dà fhaobhair a’ teachd a‑mach as a bheul: agus bha a ghnùis mar a’ ghrian a’ dealrachadh na làn neart. Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach. Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam. Sgrìobh na nithean a chunnaic thu, agus na nithean a tha ann, agus na nithean a bhitheas an dèidh seo: Rùn‐diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean. A‑chum aingeal eaglais Ephesuis, sgrìobh: Is iad seo na nithean a tha an Tì a tha a’ cumail nan seachd reultan na làimh dheis, a tha ag imeachd ann am meadhon nan seachd coinnleirean òir, ag ràdh; Is aithne dhomh d’obraichean, agus do shaothair, agus d’fhoighidinn, agus nach urrainn thu giùlan leòsan a tha olc; agus gun do dhearbh thu iadsan a their gur abstoil iad fhèin, agus nach eadh, agus gun d’fhuair thu iad breugach; Agus gun do ghiùlain thu, agus gu bheil foighidinn agad, agus air sgàth m’ainme‐sa gun do rinn thu saothair, agus nach tug thu thairis. Gidheadh, tha nì‑eigin agam ad aghaidh, do bhrìgh gun do thrèig thu do chiad ghràdh. Cuimhnich uime sin cia uaithe a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dèan na ciad obraichean; no thig mi ort gu grad, agus atharraichidh mi do choinnleir as àite, mura gabh thu aithreachas. Ach tha seo agad, gur fuathach leat obraichean nan Nicolaiteach, nithean mar an ceudna as fuathach leamsa. An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè. Agus a‑chum aingeal eaglais Smirna, sgrìobh: Na nithean seo tha esan ag ràdh, an Tì as e an ciad neach agus an neach deireannach, a bha marbh, agus a tha beò; Is aithne dhomh d’obraichean, agus d’àmhghar, agus do bhochdainn (gidheadh, tha thu beartach ), agus is aithne dhomh toibheum na muinntir a their gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach sionagog Shàtain. Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha. An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: An tì a bheir buaidh, cha chiùrrar leis an dara bàs e. Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann am Pergamos, sgrìobh: Na nithean seo tha Esan, aig a bheil an claidheamh geur dà fhaobhair, ag ràdh: Is aithne dhomh d’obraichean, agus càit a bheil thu ad chòmhnaidh, eadhon far a bheil cathair Shàtain: agus tha thu a’ cumail m’ainme‐sa gu daingeann, agus cha d’àich thu mo chreideamh, eadhon anns na làithean sin anns an robh Antipas na fhianais fhìrinneach dhomh, a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan na chòmhnaidh. Gidheadh, tha beagan agam ad aghaidh, do bhrìgh gu bheil agad an sin an dream a tha a’ cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap‐tuislidh a chur ro chloinn Israeil, a‑chum nithean a dh’ìobradh do iodhalan ithe, agus strìopachas a dhèanamh. Is amhail sin a tha agad mar an ceudna an dream a tha a’ cumail teagaisg nan Nicolaiteach, nì as fuathach leamsa. Dèan aithreachas, no thig mi ad ionnsaigh gu grad, agus cogaidh mi nan aghaidh le claidheamh mo bheòil. An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i. Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Tiatìra, sgrìobh: Na nithean seo tha Mac Dhè, aig a bheil a shùilean mar lasair theine, agus a chasan mar umha fìorghlan, ag ràdh; Is aithne dhomh d’obraichean, agus do ghràdh, agus do sheirbhis, agus do chreideamh, agus d’fhoighidinn, agus d’obraichean deireannach, gu bheil iad nas mò na do chiad obraichean. Gidheadh, tha agam beagan de nithean ad aghaidh, gu bheil thu a’ fulang don mhnaoi sin Iesebel, a tha ag ràdh gur ban‐fhàidh i fhèin, mo sheirbhisich a theagasg agus a mhealladh a‑chum strìopachas a dhèanamh, agus nithean, a dh’ìobradh do iodhalan, ithe. Agus thug mi dhi ùine gu aithreachas a ghabhail de a strìopachas; agus cha do ghabh i aithreachas. Feuch, tilgidh mi i ann an leabaidh, agus iadsan a tha a’ dèanamh adhaltranais rithe ann an àmhghar mòr, mura gabh iad aithreachas de a gnìomharan. Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean. Ach ribhse tha mi ag ràdh, agus ris a’ chuid eile ann an Tiatìra, A mheud aig nach eil an teagasg seo, agus do nach b’aithne doimhneachdan Shàtain, mar a their iad, cha chuir mi uallach eile oirbh; Ach cumaibh gu daingeann an nì a tha agaibh, gus an tig mi. Agus an tì a bhuadhaicheas, agus a ghleidheas m’obraichean gus a’ chrìoch, dhàsan bheir mi cumhachd os cionn nan Cinneach: (Agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: mar shoithichean creadha brisear nam bloighdean iad): amhail a fhuair mise om Athair. Agus bheir mi dha reul na maidne. An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Sardis, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì aig a bheil seachd spioradan Dhè, agus na seachd reultan, ag ràdh: Is aithne dhomh d’obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, gidheadh tha thu marbh. Bi faireil, agus neartaich na nithean a tha an làthair, agus a tha ullamh gu bàsachadh: oir cha d’fhuair mi d’obraichean coileanta am fianais Dhè. Cuimhnich uime sin cionnas a fhuair agus a chuala tu, agus glèidh, agus gabh aithreachas. Uime sin mura dèan thu faire, thig mi ort mar ghadaiche, agus cha bhi fhios agad ciod i an uair anns an tig mi ort. Tha beagan ainmean agad eadhon ann an Sardis, nach do shalaich an aodach; agus imichidh iad maille riumsa ann an culaidhean geala: oir is airidh iad. An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm‐san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean. An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith: Is aithne dhomh d’obraichean: feuch, chuir mi doras fosgailte romhad, agus chan urrainn neach air bith a dhùnadh: oir tha neart beag agad, agus ghlèidh thu m’fhacal, agus cha d’àich thu m’ainm. Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu. A chionn gun do ghlèidh thu facal m’fhoighidinn‐sa, gleidhidh mise thusa mar an ceudna o uair a’ bhuairidh, a thig air an t‑saoghal uile, a dhearbhadh na muinntir sin a tha nan còmhnaidh air an talamh. Feuch, tha mi a’ teachd gu grad: dèan greim daingeann air na bheil agad, a‑chum nach glac neach air bith do chrùn. An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air. An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann an Laodicèa, sgrìobh; Na nithean seo tha an Amen, an fhianais dhìleas agus fhìrinneach, toiseach cruthachadh Dhè, ag ràdh: Is aithne dhomh d’obraichean, nach eil thu aon chuid fuar no teth: b’fheàrr leam gum biodh tu fuar no teth. Uime sin do bhrìgh gu bheil thu meagh‐bhlàth, agus nach eil thu aon chuid fuar no teth, sgeithidh mi thu a‑mach as mo bheul. Do bhrìgh gu bheil thu ag ràdh, Tha mi beartach, agus air fàs ann an saoibhreas, agus gun fheum agam air nì sam bith; agus gun fhios agad gu bheil thu dòrainneach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd: Comhairlicheam dhut òr a cheannach uamsa, air a dhearbhadh anns an teine, a‑chum gum bi thu saoibhir; agus aodach geal, a‑chum gun còmhdaichear thu, agus nach bi nàire do lomnochdaidh follaiseach; agus ung do shùilean le sàbh‐shùl, a‑chum gur lèir dhut. A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas‐ghràdh, agus dèan aithreachas. Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa. Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh‐chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh‐chathair‐san. An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean. An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, bha doras fosgailte air nèamh; agus bha an ciad ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompaid a’ labhairt rium, ag ràdh, Thig a‑nìos an seo, agus nochdaidh mise dhut nithean as èiginn tachairt an dèidh seo. Agus air ball bha mi anns an Spiorad: agus, feuch, bha rìgh‐chathair air a suidheachadh air nèamh, agus bha neach na shuidhe air an rìgh‐chathair. Agus bha an Tì a shuidh, ri amharc air, cosmhail ri cloich iasper, agus shardis: agus bha bogha‑frois timcheall na rìgh‐chathrach mun cuairt, cosmhail, ri fhaicinn, ri emerald. Agus timcheall na rìgh‐chathrach mun cuairt bha ceithir‐cathraichean‐fichead; agus air na cathraichean chunnaic mi ceithir‐seanairean‐fichead nan suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhean geala; agus bha aca air an cinn crùin òir. Agus chaidh a‑mach as an rìgh‐chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg‐lasadh am fianais na rìgh‐chathrach, as iad seachd spioradan Dhè. Agus fa chomhair na rìgh‐chathrach bha fairge ghloine cosmhail ri criostal: agus ann am meadhon na rìgh‐chathrach, agus mun cuairt den rìgh‐chathair, bha ceithir beò‐chreutairean làn de shùilean air am beulaibh agus air an cùlaibh. Agus bha an ciad bheò‐chreutair cosmhail ri leòmhann, agus an dara beò‐chreutair cosmhail ri laogh, agus bha aig an treas beò‐chreutair aghaidh mar dhuine, agus bha an ceathramh beò‐chreutair cosmhail ri iolair ag itealaich. Agus aig na ceithir beò‐chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile‐chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas. Agus nuair a thug na beò‐chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh‐chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal, Thuit na ceithir‐seanairean‐fichead sìos an làthair an Tì a bha na shuidhe air an rìgh‐chathair, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus thilg iad sìos an crùin an làthair na rìgh‐chathrach, ag ràdh, Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile‐sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad. Agus chunnaic mi ann an làimh dheis an Tì a shuidh air an rìgh‐chathair, leabhar sgrìobhte anns an taobh a‑staigh dheth agus air a chùlaibh, air a sheulachadh le seachd seulachan. Agus chunnaic mi aingeal treun a’ gairm le guth àrd, Cò as airidh air an leabhar fhosgladh, agus air a sheulachan fhuasgladh? Agus cha robh aon neach air nèamh, no air thalamh, no fon talamh, comasach air an leabhar fhosgladh, no sealltainn air. Agus ghuil mi gu mòr, do bhrìgh nach d’fhuaireadh aon neach a b’airidh air an leabhar fhosgladh, agus a leughadh, no sealltainn air. Agus thubhairt aon de na seanairean rium, Na guil: feuch, bhuadhaich an Leòmhann a tha de threubh Iùdah, Freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus a sheachd seulachan fhuasgladh. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ann am meadhon na rìgh‐chathrach, agus nan ceithir beò‐chreutairean, agus ann am meadhon nan seanairean, Uan na sheasamh mar gum biodh e air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean, agus seachd sùilean, as iad seachd spioradan Dhè, a chuireadh a‑mach a‑chum na talmhainn uile. Agus thàinig e, agus ghlac e an leabhar à deaslàimh an Tì a bha na shuidhe air an rìgh‐chathair. Agus nuair a ghlac e an leabhar, thuit na ceithir beò‐chreutairean, agus na ceithir‐seanairean‐fichead, sìos an làthair an Uain, agus aig gach aon dhiubh clàrsaichean, agus tùis‐shoithichean òir làn tùise, nì as e ùrnaighean nan naomh. Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach; Agus gun do rinn thu rìghrean dhinn agus sagartan dar Dia: agus rìghichidh sinn air an talamh. Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi guth mòran aingeal timcheall na rìgh‐chathrach, agus nam beò‐chreutairean, agus nan seanairean; agus b’e an àireamh deich mìle uair deich mìle, agus mìltean de mhìltean: Ag ràdh le guth àrd, Is airidh an t‑Uan a chaidh a mharbhadh, air cumhachd, agus saoibhreas, agus gliocas, agus neart, agus urram, agus glòir, agus moladh fhaotainn. Agus chuala mi gach uile chreutair a tha air nèamh, agus air an talamh, agus fon talamh, agus a tha air a’ chuan, agus na h‑uile nithean a tha annta, ag ràdh, Moladh, agus urram, agus glòir, agus cumhachd, gu robh dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh‐chathair, agus don Uan gu saoghal nan saoghal. Agus thubhairt na ceithir beò‐chreutairean, Amen. Agus thuit na ceithir‐seanairean‐fichead sìos, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal. Agus chunnaic mi, nuair a dh’fhosgail an t‑Uan aon de na seulachan, agus chuala mi aon de na ceithir beò‐chreutairean ag ràdh, mar le fuaim tàirneanaich, Thig, agus faic. Agus chunnaic mi, agus, feuch, each geal; agus bha aig an tì a shuidh air, bogha: agus thugadh dha crùn, agus chaidh e a‑mach a’ buadhachadh, agus a‑chum gum buadhaicheadh e. Agus nuair a dh’fhosgail e an dara seula, chuala mi an dara beò‐chreutair ag ràdh, Thig, agus faic. Agus chaidh each eile a‑mach, a bha dearg; agus thugadh cumhachd dhàsan a shuidh air, a‑chum sìth a thoirt on talamh, ionnas gum marbhadh iad a chèile: agus thugadh claidheamh mòr dha. Agus nuair a dh’fhosgail e an treas seula, chuala mi an treas beò‐chreutair ag ràdh, Thig, agus faic. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each dubh, agus bha aig an tì a shuidh air, meidh na làimh. Agus chuala mi guth ann am meadhon nan ceithir beò‐chreutairean ag ràdh, Tomhas cruithneachd airson pèighinn, agus trì tomhaisean eòrna air phèighinn; agus na dèan cron air an ola, no air an fhìon. Agus nuair a dh’fhosgail e an ceathramh seula, chuala mi guth a’ cheathramh beò‐chreutair ag ràdh, Thig, agus faic. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh‐san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh‐bheathaichean na talmhainn. Agus nuair a dh’fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anaman na muinntir sin a mharbhadh airson facal Dhè, agus airson na fianais a thug iad: Agus ghlaodh iad le guth mòr, ag ràdh, Cia fhad, O Thighearna naoimh agus fhìrinnich, gus an dèan thu breitheanas, agus an dìol thu ar fuil‐ne orrasan a tha nan còmhnaidh air an talamh? Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh. Agus dh’amhairc mi nuair a dh’fhosgail e an siathamh seula, agus, feuch, bha crith‐thalmhainn mhòr ann; agus dh’fhàs a’ ghrian dubh mar shac‐aodach de fhionna, agus dh’fhàs a’ ghealach mar fhuil; Agus thuit reultan nèimh air an talamh, mar a thilgeas craobh‐fhìge a fìgean an‑abaich, nuair a chrathar i le gaoith mhòir: Agus chaidh nèamh thairis mar ròla leabhair air fhilleadh air a chèile; agus dh’atharraicheadh gach beinn agus eilean as an ionadan fhèin: Agus dh’fhalaich rìghrean na talmhainn, agus na daoine mòra, agus na daoine saoibhir, agus na h‑àrd‐cheannardan, agus na daoine cumhachdach, agus gach tràill, agus gach duine saor, iad fhèin ann an uaimhean agus ann an creagan nam beann; Agus thubhairt iad ris na slèibhtean agus ris na creagan, Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn o ghnùis an Tì a tha na shuidhe air an rìgh‐chathair, agus o fheirg an Uain: Oir thàinig là mòr a fheirge‐san; agus cò a dh’fhaodas seasamh? Agus an dèidh nan nithean sin, chunnaic mi ceithir aingil nan seasamh air ceithir oisinnean na talmhainn, a’ cumail ceithir ghaothan na talmhainn, a‑chum nach sèideadh a’ ghaoth air an talamh, no air an fhairge, no air craoibh sam bith. Agus chunnaic mi aingeal eile ag èirigh on àird an ear, aig an robh seula an Dè bheò: agus ghlaodh e le guth mòr ris na ceithir aingil, don tugadh cumhachd cron a dhèanamh air an talamh agus air an fhairge, Ag ràdh, Na dèanaibh dochann air an talamh, no air an fhairge, no air na craobhan, gus an cuir sinn seula air seirbhisich ar Dè air clàir an aodainn. Agus chuala mi àireamh na dream a sheulaicheadh: ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, a sheulaicheadh de uile threubhan chloinn Israeil. De threubh Iùdah sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Reubein sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Ghad sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Aseir sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Nephtalim sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Mhanaseis sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Shimeoin sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Lèbhi sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Isachair sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Shabuloin sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Iòseiph sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Bheniàmin sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, sluagh mòr nach robh neach sam bith comasach air àireamh, de na h‑uile chinnich, agus threubhan, agus shlòigh, agus theangaidhean, nan seasamh an làthair na rìgh‐chathrach, agus an làthair an Uain, air an sgeadachadh le trusganan fada geala, agus pailm aca nan làmhan; Agus ghlaodh iad le guth àrd, ag ràdh, Slàinte dar Dia‑ne a tha na shuidhe air an rìgh‐chathair, agus don Uan. Agus sheas na h‑aingil uile timcheall na rìgh‐chathrach, agus nan seanairean, agus nan ceithir beò‐chreutairean, agus thuit iad air an aghaidh an làthair na rìgh‐chathrach, agus rinn iad adhradh do Dhia, Ag ràdh, Amen: Moladh, agus glòir, agus gliocas, agus buidheachas, agus urram, agus cumhachd, agus neart gu robh dar Dia‑ne gu saoghal nan saoghal. Amen. Agus fhreagair aon de na seanairean, ag ràdh rium, Cò iad sin a tha air an sgeadachadh le trusganan fada geala? Agus cia as a thàinig iad? Agus thubhairt mi ris, A Thighearna, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium, Is iad seo iadsan a thàinig à àmhghar mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain. Uime sin tha iad an làthair rìgh‐chathair Dhè, agus a’ dèanamh adhraidh dha a là agus a dh’oidhche na theampall: agus gabhaidh an Tì a tha na shuidhe air an rìgh‐chathair còmhnaidh nam measg. Cha bhi acras orra tuilleadh, no tart nas mò; cha mhò a bhuaileas a’ ghrian orra, no teas air bith. Oir beathaichidh an t‑Uan a tha am meadhon na rìgh‐chathrach iad, agus treòraichidh e iad gu beò‐thobraichean uisge: agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean. Agus nuair a dh’fhosgail e an seachdamh seula, bha tosd air nèamh mu thimcheall leth uaire. Agus chunnaic mi na seachd aingil a sheas am fianais Dhè; agus thugadh dhaibh seachd trompaidean. Agus thàinig aingeal eile, agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige; agus thugadh dha mòran tùise, a‑chum gun tugadh e e suas maille ri ùrnaighean nan uile naomh, air an altair òir a bha an làthair na rìgh‐chathrach. Agus chaidh deatach na tùise suas maille ri ùrnaighean nan naomh, o làimh an aingil, an làthair Dhè. Agus ghlac an t‑aingeal an tùiseir, agus lìon e e le teine na h‑altarach, agus thilg e air an talamh e: agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich, agus crith‐thalmhainn ann. Agus dh’ullaich na seachd aingil aig an robh na seachd trompaidean iad fhèin, a‑chum an sèideadh. Agus shèid an ciad aingeal, agus bha clachan‐meallain ann, agus teine air am measgadh le fuil, agus thilgeadh air an talamh iad; agus loisgeadh an treas cuid de na craobhan, agus am feur uaine uile. Agus shèid an dara aingeal, agus thilgeadh mar gum bu bheinn mhòr a’ losgadh le teine anns an fhairge: agus dh’fhàs an treas cuid den fhairge na fuil: Agus fhuair an treas cuid de na creutairean a bha anns an fhairge, aig an robh anam, bàs; agus mhilleadh an treas cuid de na longan. Agus shèid an treas aingeal, agus thuit reul mhòr o nèamh, a’ dearg‐lasadh mar lòchran, agus thuit i air an treas cuid de na h‑aibhnichean, agus air na tobraichean uisge; Agus is e an t‑ainm a ghoirear den reul Burmaid: agus rinneadh an treas cuid de na h‑uisgeachan nam burmaid; agus fhuair mòran dhaoine bàs leis na h‑uisgeachan, do bhrìgh gun do rinneadh searbh iad. Agus shèid an ceathramh aingeal, agus bhuaileadh an treas cuid den ghrèin, agus an treas cuid den ghealaich, agus an treas cuid de na reultan; ionnas gun do rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha agus nach do dhealraich an là rè an treas cuid dheth, no an oidhche air a’ mhodh cheudna. Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi aingeal ag itealaich ann am meadhon nèimh, ag ràdh le guth àrd, Is truagh, truagh, truagh, do luchd‐àiteachaidh na talmhainn, airson guthan eile trompaid nan trì aingeal a tha fhathast gu sèideadh! Agus shèid an còigeamh aingeal a thrompaid, agus chunnaic mi reul a’ tuiteam o nèamh a‑chum na talmhainn: agus thugadh dha iuchair sloc an dubh‐aigein. Agus dh’fhosgail e sloc an dubh‐aigein, agus dh’èirich deatach as an t‑sloc, mar dheataich àmhainn mhòir theinntich; agus rinneadh a’ ghrian agus an t‑adhar dorcha le deataich an t‑sluic. Agus thàinig a‑mach as an deataich air an talamh, lòcaist; agus thugadh cumhachd dhaibh, a rèir mar a tha cumhachd aig scorpionan na talmhainn. Agus chaidh a ràdh riu gun iad a dhèanamh dochainn air feur na talmhainn, no air nì sam bith uaine, no air craoibh sam bith; ach air na daoine sin a‑mhàin aig nach eil seula Dhè air clàr an aodainn. Agus thugadh dhaibh, chan e gum marbhadh iad iad, ach gum biodh iad air am pianadh rè chòig mìosan: agus bha am pian cosmhail ri pèin scorpion, nuair a bhuaileas e duine. Agus anns na làithean sin iarraidh daoine am bàs, agus chan fhaigh iad e; agus bidh dèidh aca air bàsachadh, agus teichidh am bàs uapa. Agus bha cruth nan lòcast cosmhail ri eich air an ullachadh a‑chum catha; agus bha air an cinn mar gum biodh crùin cosmhail ri òr, agus bha an aghaidhean cosmhail ri aghaidhean dhaoine. Agus bha falt orra cosmhail ri falt bhan, agus bha am fiaclan mar fhiaclan leòmhann. Agus bha aca uchd‐èididhean, mar uchd‐èididhean iarainn, agus bha fuaim an sgiathan mar fhuaim carbadan mòran each a’ ruith a‑chum catha. Agus bha earbaill aca cosmhail ri scorpionan, agus bha gathan nan earbaill: agus b’e an cumhachd daoine a chiùrradh rè còig mìosan. Agus bha rìgh aca os an cionn, eadhon aingeal an dubh‐aigein, agus is e as ainm dha anns an Eabhra, Abadon, ach anns a’ Ghrèigis is e as ainm dha Apolion. Chaidh aon truaighe thairis; feuch, tha dà thruaighe ri teachd fhathast an dèidh seo. Agus shèid an siathamh aingeal a thrompaid, agus chuala mi guth o cheithir adhaircean na h‑altair òir, a tha am fianais Dhè, Ag ràdh ris an t‑siathamh aingeal aig an robh an trompaid, Fuasgail na ceithir aingil a tha ceangailte aig an abhainn mhòir Euphràtes. Agus dh’fhuasgladh na ceithir aingil a bha ullaichte fa chomhair uaire, agus là, agus mìosa, agus bliadhna, a‑chum gum marbhadh iad an treas cuid de dhaoine. Agus b’e àireamh armailtean a’ mharc‐shluaigh fichead mìle de dheich mìltean: agus chuala mi an àireamh. Agus mar seo chunnaic mi na h‑eich anns an taisbeanadh, agus iadsan a shuidh orra, aig an robh uchd‐èididhean de theine, agus de hiacint, agus de phronnasg: agus bha cinn nan each mar chinn leòmhann; agus as am beòil thàinig a‑mach teine, agus deatach, agus pronnasg. Leis na trì plàighean seo mharbhadh an treas cuid de dhaoine, leis an teine, agus leis an deataich, agus leis a’ phronnasg, a chaidh a‑mach as am beòil. Oir tha an cumhachdan nam beul, agus nan earbaill: oir bha an earbaill cosmhail ri nathraichean, agus bha cinn aca, agus leo sin nì iad dochann. Agus cha do ghabh a’ chuid eile de na daoine, nach do mharbhadh leis na plàighean sin, aithreachas de obraichean an làmh, ionnas nach dèanadh iad adhradh do dheamhain, agus do dhealbhan òir, agus airgid, agus umha, agus cloiche, agus fiodha; nach urrainn faicinn, no cluinntinn, no imeachd: Agus cha mhò a ghabh iad aithreachas dem mort, no den draoigheachd, no den strìopachas, no den gadachd. Agus chunnaic mi aingeal cumhachdach eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le neul, agus bogha‑frois air a cheann, agus a aghaidh mar a’ ghrian, agus a chasan mar phuist theine. Agus bha aige na làimh leabhran fosgailte: agus chuir e a chas dheas air an fhairge, agus a chas chlì air an talamh. Agus ghlaodh e le guth àrd, mar a bheucas leòmhann; agus nuair a ghlaodh e, labhair seachd tàirneanaich an guthan fhèin. Agus nuair a labhair na seachd tàirneanaich an guthan fhèin, bha mi a’ dol a sgrìobhadh: agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Seulaich na nithean a labhair na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh iad. Agus thog an t‑aingeal, a chunnaic mi na sheasamh air a’ mhuir, agus air an talamh, a làmh gu nèamh, Agus mhionnaich e airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, a chruthaich nèamh agus na nithean a tha ann, agus an talamh agus na nithean a tha ann, agus an fhairge agus na nithean a tha innte, nach bi aimsir ann nas mò: Ach ann an làithean guth an t‑seachdamh aingil, nuair a thòisicheas e air sèideadh, an sin gum biodh rùn‐diamhair Dhè air a chrìochnachadh, mar a dh’innis e da sheirbhisich na fàidhean. Agus labhair an guth, a chuala mi o nèamh, rium a‑rìs, agus thubhairt e, Imich, glac an leabhran a tha fosgailte ann an làimh an aingil a tha na sheasamh air an fhairge, agus air an talamh. Agus chaidh mi a dh’ionnsaigh an aingil, agus thubhairt mi ris, Thoir dhòmhsa an leabhran: agus thubhairt esan rium, Glac, agus ith suas e; agus nì e do bhroinn searbh, ach bidh e nad bheul milis mar mhil. Agus ghlac mi an leabhran à làimh an aingil, agus dh’ith mi suas e; agus bha e nam bheul milis mar mhil; agus nuair a dh’ith mi e, rinneadh mo bhrù searbh. Agus thubhairt e rium, Is èiginn dhut a‑rìs fàidheadaireachd a dhèanamh am fianais shlògh, agus chinneach, agus theangaidhean, agus rìghrean lìonmhor. Agus thugadh dhomh cuilc cosmhail ri slait: agus sheas an t‑aingeal, ag ràdh, Eirich, agus tomhais teampall Dhè, agus an altair, agus iadsan a tha a’ dèanamh adhraidh ann. Ach fàg a‑mach a’ chùirt a tha an taobh a‑muigh den teampall, agus na tomhais i, oir thugadh i do na Cinnich: agus saltraidh iad fo an casan am baile naomh rè dà mhìos agus dà‑fhichead. Agus bheir mise cumhachd dom dhithis fhianaisean, agus nì iad fàidheadaireachd rè mìle agus dà cheud agus trì‐fichead là, èidichte ann an sac‐aodach. Is iad seo an dà chrann‐ola, agus an dà choinnleir a tha nan seasamh an làthair Dia na talmhainn. Agus ma chiùrras neach air bith iad, thèid teine a‑mach as am beul, agus claoidhidh e an naimhdean: agus ma chiùrras neach air bith iad, is èiginn dha a bhith air a mharbhadh mar seo. Tha cumhachd aca seo nèamh a dhùnadh, ionnas nach bi uisge ann, ann an làithean am fàidheadaireachd: agus tha cumhachd aca air uisgeachan a‑chum an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh leis an uile phlàigh, cho minig is as toil leo. Agus nuair a chrìochnaicheas iad am fianais, nì am fiadh‐bheathach a dh’èireas as an t‑sloc gun ìochdar cogadh nan aghaidh, agus bheir e buaidh orra, agus marbhaidh e iad. Agus bidh an cuirp mharbha nan laighe ann an sràid a’ bhaile mhòir, ris an abrar gu spioradail Sòdom agus an Èiphit, far mar an ceudna an do cheusadh ar Tighearna. Agus chì cuid de na slòigh, agus de threubhan, agus de theangaidhean, agus de chinnich, an cuirp mharbha rè thrì làithean gu leth, agus cha leig iad an cuirp mharbha a bhith air an cur ann an uaighean. Agus nì luchd‐àiteachaidh na talmhainn gàirdeachas os an cionn, agus bidh iad subhach, agus cuiridh iad tìodhlacan a dh’ionnsaigh a chèile; do bhrìgh gun do phian an dà fhàidh seo iadsan a bha a chòmhnaidh air an talamh. Agus an dèidh trì làithean gu leth, chaidh Spiorad na beatha o Dhia a‑steach annta, agus sheas iad air an casan; agus thuit eagal mòr orrasan a chunnaic iad. Agus chuala iad guth mòr o nèamh, ag ràdh riu, Thigibh a‑nìos an seo. Agus chaidh iad suas do nèamh air neul; agus chunnaic an naimhdean iad. Agus anns an uair sin fhèin bha crith‐thalmhainn mhòr ann, agus thuit an deicheamh cuid den bhaile, agus mharbhadh seachd mìle pearsa anns a’ chrith‐thalmhainn: agus ghabh a’ chuid eile eagal, agus thug iad glòir do Dhia nèimh. Chaidh an dara truaighe thairis: feuch, thig an treas truaighe gu h‑aithghearr. Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd‐san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal. Agus thuit na ceithir‐seanairean‐fichead, a bha nan suidhe air an cathraichean am fianais Dhè, sìos air an aghaidh, agus rinn iad adhradh do Dhia, Ag ràdh, Bheireamaid buidheachas dhutsa, O Thighearna Dhè uile‐chumhachdaich, a tha, agus a bha, agus a bhitheas; airson gun do ghabh thu do chumhachd mòr ad ionnsaigh, agus gun do rìoghaich thu. Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg‐sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh. Agus dh’fhosgladh teampall Dhè air nèamh, agus chunnacas na theampall àirc a’ choicheangail: agus bha dealanaich, agus guthan, agus tàirneanaich, agus crith‐thalmhainn, agus clachan‐meallain mòra ann. Agus chunnacas iongantas mòr air nèamh, bean air a sgeadachadh leis a’ ghrèin, agus a’ ghealach fo a casan, agus air a ceann crùn de dhà‐reul‐dheug. Agus air dhi a bhith torrach, ghlaodh i ri saothair‐chloinne, agus bha i air a pianadh a‑chum a h‑aisead. Agus chunnacas iongantas eile air nèamh, agus, feuch, dràgon mòr dearg, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a chinn seachd crùin. Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e. Agus rug i leanabh mic, a bha gus na cinnich uile a riaghladh le slait iarainn: agus thogadh a leanabh suas a‑chum Dhè, agus a‑chum a rìgh‐chathrach‐san. Agus theich a’ bhean don fhàsach, far a bheil aice ionad air ullachadh le Dia, a‑chum gum biodh i air a beathachadh an sin rè mìle agus dà cheud agus trì‐fichead là. Agus bha cogadh air nèamh; rinn Mìchael agus a aingil cogadh an aghaidh an dràgoin; agus chog an dràgon agus a aingil fhèin; Agus cha tug iad buaidh, cha mhò a fhuaireadh an àite nas mò air nèamh. Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris. Agus chuala mi guth mòr ag ràdh air nèamh, A‑nis tha slàinte agus neart, agus rìoghachd ar Dè, agus cumhachd a Chrìosd air teachd; oir thilgeadh sìos fear‐casaid ar bràithrean, a bha gan casaid an làthair ar Dè a là agus a dh’oidhche. Agus thug iad buaidh air tre fhuil an Uain, agus tre fhacal am fianais‐san; agus cha do ghràdhaich iad an anaman fhèin gu bàs. Uime sin biodh gàirdeachas oirbh, O nèamhan, agus oirbhse a tha nur còmhnaidh annta. An‑aoibhinn do luchd‐àiteachaidh na talmhainn, agus na fairge! Oir thàinig an diabhal a‑nuas dur n‑ionnsaigh, agus fearg ro‑mhòr air, do bhrìgh gur fiosrach e nach eil aige ach ùine gheàrr. Agus nuair a chunnaic an dràgon gun do thilgeadh e a‑chum na talmhainn, rinn e geur‐leanmhainn air a’ mhnaoi a rug an leanabh mic. Agus don mhnaoi thugadh dà sgèith iolair mhòir a‑chum gun rachadh i air itealaich leo don fhàsach, a‑chum a h‑ionaid fhèin; far a bheil i air a h‑altram rè aimsir, agus aimsirean, agus leth‐aimsir, o aghaidh na nathrach. Agus thilg an nathair as a beul uisge mar thuil, an dèidh na mnà, a‑chum gun tugadh i oirre a bhith air a giùlan air falbh leis an t‑sruth. Agus rinn an talamh còmhnadh ris a’ mhnaoi; agus dh’fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas an tuil, a thilg an dràgon as a bheul. Agus bha fearg air an dràgon ris a’ mhnaoi, agus chaidh e a dhèanamh cogaidh ris a’ chuid eile de a sliochd, a tha a’ coimhead àitheantan Dhè, agus aig a bheil fianais Iosa Crìosd. Agus sheas mi air gaineimh na fairge, agus chunnaic mi fiadh‐bheathach ag èirigh suas as an fhairge, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a adhaircean deich crùin, agus air a chinn ainm toibheim. Agus bu chosmhail am fiadh‐bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math‐ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha. Agus chunnaic mi aon de a chinn mar gum biodh e air a lotadh gu bàs; agus lèighseadh a lot bàsmhor: agus ghabh an talamh uile iongantas an dèidh an fhiadh‐bheathaich. Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh‐bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh‐bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh‐bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh? Agus thugadh dha beul a’ labhairt nithean mòra, agus thoibheum; agus thugadh cumhachd dha cogadh a dhèanamh rè dà mhìos agus dà‑fhichead. Agus dh’fhosgail e a bheul ann an toibheum an aghaidh Dhè, a‑chum toibheum a thoirt da ainm, agus da phàillean, agus don dream a tha nan còmhnaidh air nèamh. Agus thugadh dha cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh, agus buaidh a thoirt orra: agus thugadh dha cumhachd os cionn gach uile threubh, agus theangaidh, agus chinnich. Agus nì iadsan uile, a tha nan còmhnaidh air an talamh, adhradh dha, aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar‐beatha an Uain, a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail. Ma tha cluas aig neach air bith, èisdeadh e. Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh. Agus chunnaic mi fiadh‐bheathach eile ag èirigh as an talamh; agus bha aige dà adhairc cosmhail ri uan, agus labhair e mar dhràgon. Agus tha e a’ cur an gnìomh cumhachd a’ chiad fhiadh‐bheathaich uile na fhianais, agus tha e a’ toirt air an talamh, agus orrasan a tha nan còmhnaidh ann, adhradh a dhèanamh don chiad fhiadh‐bheathach, aig an robh a lot bàsmhor air a leigheas. Agus tha e a’ dèanamh chomharraidhean mòra, ionnas gu bheil e a’ toirt air teine teachd a‑nuas o nèamh air an talamh, ann am fianais dhaoine; Agus tha e a’ mealladh na dream a tha nan còmhnaidh air an talamh, leis na comharraidhean sin a thugadh dha a dhèanamh an làthair an fhiadh‐bheathaich, ag ràdh ri luchd‐àiteachaidh na talmhainn, ìomhaigh a dhèanamh don bheathach aig an robh an lot‐claidheimh, agus a bha beò. Agus thugadh cumhachd dha beatha a thoirt do ìomhaigh an fhiadh‐bheathaich, ionnas gun labhradh ìomhaigh an fhiadh‐bheathaich, agus gun tugadh e fa‑near gum biodh a mheud is nach dèanadh adhradh do ìomhaigh an fhiadh‐bheathaich, air am marbhadh. Agus tha e a’ toirt air na h‑uile dhaoine, araon beag agus mòr, saoibhir agus bochd, saor agus daor, comharradh a ghabhail air an làimh dheis, no air clàr an aodainn; Agus nach faodadh neach sam bith ceannach no reic, ach esan aig am biodh an comharradh, no ainm an fhiadh‐bheathaich no àireamh a ainme. An seo tha gliocas. An tì aig a bheil tuigse, àirmheadh e àireamh an fhiadh‐bheathaich: oir is àireamh duine e; agus is e a àireamh sia ceud agus trì‐fichead agus sia. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, Uan na sheasamh air sliabh Shioin, agus maille ris ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, aig an robh ainm a Athar‐san sgrìobhte air clàr an aodainn. Agus chuala mi guth o nèamh, mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar fhuaim tàirneanaich mhòir; agus chuala mi fuaim chlàrsairean, a’ dèanamh ciùil len clàrsaichean: Agus sheinn iad mar gum b’òran nuadh e an làthair na rìgh‐chathrach, agus an làthair nan ceithir beathaichean, agus nan seanairean: agus cha b’urrainn neach sam bith an t‑òran sin fhòghlam, ach an ceud agus an dà‑fhichead agus na ceithir mìle, a shaoradh on talamh. Is iad seo an dream nach do shalaicheadh le mnathan; oir is òighean iad: is iad seo an dream a tha a’ leantainn an Uain ge bè àit an tèid e: shaoradh iad seo o mheasg dhaoine, nan ciad‐thoradh do Dhia, agus don Uan. Agus nam beul cha d’fhuaireadh cealg; oir tha iad gun lochd an làthair rìgh‐chathair Dhè. Agus chunnaic mi aingeal eile, ag itealaich ann am meadhon nèimh, aig an robh an soisgeul sìorraidh ri shearmonachadh dhaibhsan a tha nan còmhnaidh air an talamh, agus do gach uile chinneach, agus threubh, agus theangaidh, agus shluagh, Ag ràdh le guth àrd, Biodh eagal Dhè oirbh, agus thugaibh glòir dha; oir thàinig uair a bhreitheanais: agus dèanaibh adhradh dhàsan a rinn nèamh, agus talamh, agus an fhairge, agus na tobraichean uisge. Agus lean aingeal eile, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon, am baile mòr sin, do bhrìgh gun tug i air gach uile chinneach òl de fhìon fearg a strìopachais. Agus lean an treas aingeal iad, ag ràdh le guth àrd, Ma nì neach air bith adhradh don fhiadh‐bheathach, agus da ìomhaigh, agus ma ghabhas e a chomharradh air clàr a aodainn, no air a làimh, Olaidh esan de fhìon fearg Dhè, a tha air a dhòrtadh gun mheasgadh, ann an cupan a fheirge‐san; agus bidh e air a phianadh le teine agus pronnasg, am fianais nan aingeal naomha, agus am fianais an Uain. Agus bidh deatach am pèine ag èirigh suas gu saoghal nan saoghal: agus chan eil fois sam bith a là no dh’oidhche acasan a nì adhradh don fhiadh‐bheathach agus da ìomhaigh, no aig neach air bith a ghabhas comharradh a ainme‐san. An seo tha foighidinn nan naomh: an seo tha an dream a choimheadas àitheantan Dhè, agus creideamh Iosa. Agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Sgrìobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs anns an Tighearna, à seo a‑mach: Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, a‑chum gum faigh iad fois on saothair; agus leanaidh an obraichean iad. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, neul geal, agus air an neul neach na shuidhe cosmhail ri Mac an Duine, aig an robh crùn òir air a cheann, agus corran geur na làimh. Agus thàinig aingeal eile a‑mach as an teampall, a’ glaodhaich le guth àrd ris an Tì a bha na shuidhe air an neul, Sàth a‑steach do chorran, agus buain: oir thàinig àm dhut buain: oir tha fogharadh na talmhainn abaich. Agus shàth an Tì a bha na shuidhe air an neul a chorran anns an talamh; agus bhuaineadh an talamh. Agus thàinig aingeal eile a‑mach as an teampall a tha air nèamh, agus corran geur aigesan mar an ceudna. Agus thàinig aingeal eile a‑mach on altair, aig an robh cumhachd os cionn teine, agus ghlaodh e le glaodh àrd ris an Tì aig an robh an corran geur, ag ràdh, Sàth a‑steach do chorran geur, agus cnuasaich bagaidean fìonain na talmhainn: oir tha a fìondhearcan làn‐abaich. Agus shàth an t‑aingeal a chorran anns an talamh, agus chnuasaich e fìonain na talmhainn, agus thilg e i ann am fìon‐amar mòr fearg Dhè. Agus shaltradh am fìon‐amar an taobh a‑muigh den bhaile, agus thàinig fuil a‑mach as an fhìon‐amar, gu srèin nan each, fad mìle agus sia ceud stàid. Agus chunnaic mi comharradh eile air nèamh, mòr agus iongantach, seachd aingil aig an robh na seachd plàighean deireannach; oir annta seo tha fearg Dhè air a coileanadh. Agus chunnaic mi mar gum b’fhairge ghloine, air a measgadh le teine; agus iadsan a thug buaidh air an fhiadh‐bheathach, agus air a ìomhaigh, agus air a chomharradh, agus air àireamh a ainme, nan seasamh air an fhairge ghloine, agus clàrsaichean Dhè aca. Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile‐chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean‐sa, a Rìgh nan naomh. Cò air nach biodh eagal romhad, O Thighearna, agus nach tugadh glòir dod ainm? Oir tha thusa a‑mhàin naomh: oir thig na h‑uile chinnich, agus nì iad adhradh ann ad làthair; do bhrìgh gu bheil do bhreitheanais air an dèanamh follaiseach. Agus an dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, dh’fhosgladh teampall pàillean na fianais air nèamh. Agus thàinig a‑mach as an teampall na seachd aingil, aig an robh na seachd plàighean air an sgeadachadh le lìon‐aodach glan agus dealrach, agus air an crioslachadh mun uchd le criosan òir. Agus thug aon de na ceithir beò‐chreutairean do na seachd aingil seachd soithichean òir, làn de fheirg an Dè a tha beò gu saoghal nan saoghal. Agus lìonadh an teampall le deataich o ghlòir Dhè, agus o a chumhachd‐san; agus cha b’urrainn neach sam bith dol a‑steach don teampall, gus am biodh seachd plàighean nan seachd aingeal air an coileanadh. Agus chuala mi guth mòr as an teampall, ag ràdh ris na seachd aingil, Imichibh, agus taomaibh soithichean fearg Dhè air an talamh. Agus dh’imich an ciad aingeal, agus thaom e a shoitheach air an talamh; agus dh’èirich droch neasgaid nimhneach air na daoine sin aig an robh comharradh an fhiadh‐bheathaich, agus orrasan a rinn adhradh da ìomhaigh. Agus thaom an dara aingeal a shoitheach anns an fhairge; agus rinneadh i mar fhuil duine mhairbh: agus fhuair gach anam beò bàs anns an fhairge. Agus thaom an treas aingeal a shoitheach anns na h‑aibhnichean agus anns na tobraichean uisge; agus rinneadh iad nam fuil. Agus chuala mi aingeal nan uisgeachan ag ràdh, Is cothromach thusa, O Thighearna, a tha, agus a bha, agus a bhitheas, do bhrìgh gun tug thu breith air an dòigh seo: Oir dhòirt iadsan fuil naomh agus fhàidhean, agus thug thusa dhaibh fuil ra h‑òl; oir is toillteanach iad. Agus chuala mi neach eile on altair ag ràdh, Seadh, a Thighearna Dhè uile‐chumhachdaich, is fìor agus cothromach do bhreitheanais. Agus thaom an ceathramh aingeal a shoitheach air a’ ghrèin; agus thugadh cumhachd dha daoine a phianadh le ainteas teine. Agus bha daoine air an losgadh le teas mòr, agus thug iad toibheum do ainm Dhè, aig a bheil cumhachd air na plàighean sin: agus cha do rinn iad aithreachas, a‑chum glòir a thoirt dhàsan. Agus thaom an còigeamh aingeal a shoitheach air rìgh‐chathair an fhiadh‐bheathaich; agus rinneadh a rìoghachd dorcha; agus chagainn daoine an teangaidhean tre phèin, Agus thug iad toibheum do Dhia nèimh airson am piantan agus an creuchdan, agus cha do ghabh iad aithreachas den gnìomharan. Agus thaom an siathamh aingeal a shoitheach air an abhainn mhòir Euphràtes; agus thiormaicheadh a h‑uisge, a‑chum gun ullaichte slighe rìghrean na h‑àird an ear. Agus chunnaic mi a’ teachd a‑mach à beul an dràgoin, agus à beul an fhiadh‐bheathaich, agus à beul an fhàidh‐bhrèige, trì spioradan neòghlan, cosmhail ri losgainn. Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile‐chumhachdaich. Feuch, tha mi a’ teachd mar ghadaiche. Is beannaichte esan a nì faire, agus a ghleidheas a èideadh, a‑chum nach imich e lomnochd, agus nach faic daoine a nàire. Agus chruinnich iad iad ri chèile a‑chum ionaid ris an abrar anns an Eabhra, Armagedon. Agus thaom an seachdamh aingeal a shoitheach anns an adhar; agus thàinig guth mòr a‑mach à teampall nèimh, on rìgh‐chathair, ag ràdh, Tha e dèante. Agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich ann; agus bha crith‐thalmhainn mhòr ann, nach robh a leithid ann o bha daoine air an talamh, a samhail de chrith‐thalmhainn cho mòr. Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan‐fìona fraoch a fheirge. Agus theich gach uile eilean as, agus cha d’fhuaireadh na beanntan. Agus thàinig clachan‐meallain mòra a‑nuas o nèamh air daoine, gach clach cho trom ri tàlann: agus thug daoine toibheum do Dhia, airson plàigh nan clachan‐meallain; oir bha am plàigh ro‑mhòr. Agus thàinig aon de na seachd aingil aig an robh na seachd soithichean, agus labhair e rium, ag ràdh rium, Thig an seo; nochdaidh mi dhut breitheanas na strìopaich mhòir, a tha na suidhe air mòran uisgeachan: Ris an do rinn rìghrean na talmhainn strìopachas, agus aig an do chuireadh luchd‐àiteachaidh na talmhainn air mhisg le fìon a strìopachais. Agus thug e leis mi anns an spiorad don fhàsach: agus chunnaic mi bean na suidhe air fiadh‐bheathach air dhath sgàrlaid, làn de ainmean toibheim, air an robh seachd cinn agus deich adhaircean. Agus bha a’ bhean air a sgeadachadh ann am purpar, agus ann an sgàrlaid, agus air a dèanamh brèagha le òr, agus clachan luachmhor, agus neamhnaidean, agus cupan òir aice na làimh, làn de ghràinealachd agus de neòghlaine a strìopachais. Agus air clàr a h‑aodainn bha ainm sgrìobhte, RUN‐DIAMHAIR, BÀBILON MHOR, MATHAIR NAN STRIOPACH AGUS GRAINEALACHDAN NA TALMHAINN. Agus chunnaic mi a’ bhean air mhisg le fuil nan naomh, agus le fuil fianaisean Iosa: agus nuair a chunnaic mi i, ghabh mi iongantas le iongantas mòr. Agus thubhairt an t‑aingeal rium, Carson a ghabh thu iongantas? Innsidh mise dhut rùn‐diamhair na mnà, agus an fhiadh‐bheathaich a tha ga giùlan, air a bheil na seachd cinn agus na deich adhaircean. Am fiadh‐bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh‐aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd‐àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh‐bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann. An seo tha an inntinn aig a bheil gliocas. Na seachd cinn is seachd slèibhtean iad air a bheil a’ bhean na suidhe. Is seachd rìghrean iad mar an ceudna: tha còig dhiubh air tuiteam, agus tha aon ann: cha tàinig am fear eile fhathast; agus nuair a thig e, is èiginn dha fantainn rè ùine bhig. Agus am fiadh‐bheathach a bha, agus nach eil ann, is esan an t‑ochdamh, agus tha e on t‑seachdnar, agus thèid e am mugha. Agus na deich adhaircean a chunnaic thu, is deich rìghrean iad, nach d’fhuair rìoghachd fhathast, ach a tha a’ faotainn cumhachd mar rìghrean rè aon uaire maille ris an fhiadh‐bheathach. Tha aca seo aon inntinn, agus bheir iad an neart agus an cumhachd don fhiadh‐bheathach. Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas. Agus thubhairt e rium, Na h‑uisgeachan a chunnaic thu, far a bheil an strìopach na suidhe, is slòigh, agus coitheanail, agus cinnich, agus teangan iad. Agus na deich adhaircean a chunnaic thu air an fhiadh‐bheathach, bheir iad sin fuath don strìopaich, agus nì iad fàs i, agus lomnochd, agus ithidh iad a feòil, agus loisgidh iad i le teine. Oir chuir Dia nan cridhe a thoil a choileanadh, agus a bhith a dh’aon chomhairle, agus an rìoghachd a thoirt don fhiadh‐bheathach, gus an coileanar briathran Dhè. Agus is i a’ bhean a chunnaic thu, am baile mòr sin, a tha a’ rìoghachadh os cionn rìghrean na talmhainn. Agus an dèidh nan nithean seo chunnaic mi aingeal eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, aig an robh cumhachd mòr; agus dhealraich an talamh le a ghlòir. Agus ghlaodh e gu làidir le guth mòr, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon mhòr, agus rinneadh i na h‑àite‐còmhnaidh dheamhan, na prìosan do gach spiorad neòghlan, na h‑ionad‐cumail do gach eun neòghlan agus fuathmhor. Oir dh’òl na h‑uile chinnich de fhìon fearg a strìopachais, agus rinn rìghrean na talmhainn strìopachas rithe, agus rinneadh saoibhir ceannaichean na talmhainn le pailteas a sògha. Agus chuala mi guth eile o nèamh, ag ràdh, Thigibh a‑mach aisde, mo phoball, a‑chum nach bi sibh com‐pàirteach de a peacaidhean, agus nach faigh sibh cuid de a plàighean; Oir tha a peacaidhean air ruigheachd suas gu nèamh, agus chuimhnich Dia a h‑euceartan. Thugaibh ath‐dhìol dhi mar a dhìol ise ribh, agus thugaibh dhi a dhà uiread, a rèir a h‑obraichean: anns a’ chupan a lìon i, lìonaibh a dhà uiread dhi. A mheud is a ghlòraich i i fhèin, agus a chaith i a beatha gu sòghail, cho mòr is sin thugaibh dhi de pheanas agus de bhròn: oir tha i ag ràdh na cridhe fhèin, Tha mi am shuidhe am bhànrighinn, agus cha bhantrach mi, agus chan fhaic mi bròn. Uime sin ann an aon là thig a plàighean, bàs, agus bròn, agus gorta; agus loisgear i gu tur le teine: oir is neartmhor an Tighearna Dia a bheir breith oirre. Agus nì rìghrean na talmhainn, a rinn strìopachas agus a chaith am beatha gu sòghail maille rithe, gul agus caoidh air a son, nuair a chì iad deatach a losgaidh, A’ seasamh fad as, tre eagal a peanais, ag ràdh. Mo thruaighe, mo thruaighe! A’ chathair mhòr sin Bàbilon, a’ chathair threun sin! Oir ann an aon uair thàinig do bhreitheanas. Agus nì ceannaichean na talmhainn gul agus caoidh air a son; oir cha cheannaich neach sam bith am bathair nas mò. Bathair òir, agus airgid, agus chlach luachmhor, agus neamhnaidean, agus lìon‐aodaich ghrinn, agus phurpair, agus shìoda, agus sgàrlaid, agus gach uile ghnè fhiodh thine, agus gach uile ghnè shoithichean ìbhiridh, agus gach uile ghnè shoithichean de fhiodh ro‑luachmhor, agus de umha, agus de iarann, agus de mharmor, Agus canal, agus nithean deagh‐fhàile, agus ola‑ungaidh, agus tùis, agus fìon, agus ola, agus min mhìn, agus cruithneachd, agus ainmhidhean, agus caoraich, agus eich, agus carbadan, agus tràillean, agus anaman dhaoine. Agus dh’imich an toradh, air an robh mòr‐dhèidh d’anama, uat, agus dh’imich na h‑uile nithean annasach agus maiseach uat, agus chan fhaigh thu iad nas mò. Seasaidh ceannaichean nan nithean seo a rinneadh saoibhir leatha, am fad, air eagal a peanais, a’ gul agus a’ caoidh, Agus ag ràdh, Is truagh am baile mòr sin, a bha air a sgeadachadh le lìon‐aodach grinn, agus purpar, agus sgàrlaid, agus a bha air a dhèanamh brèagha le òr, agus le clachan luachmhor, agus le neamhnaidean! Oir ann an aon uair thugadh saoibhreas cho mòr gu neoni. Agus sheas gach uile long‐mhaighistir, agus gach uile chuideachd a thèid air longan, agus na seòladairean, agus a mheud is a nì gnothaichean air fairge, am fad, Agus ghlaodh iad, nuair a chunnaic iad deatach a losgaidh, ag ràdh, Cò am baile as cosmhail ris a’ bhaile mhòr seo? Agus thilg iad duslach air an cinn, agus ghlaodh iad, a’ gul agus a’ caoidh, ag ràdh, Is truagh, is truagh, am baile mòr sin, anns an do rinneadh saoibhir iadsan uile aig an robh longan air an fhairge, tre a ghreadhnachas‐san! Oir ann an aon uair dh’fhàsaicheadh e. Dèan gàirdeachas os a chionn, O nèamh, agus sibhse, abstoil naomha agus fhàidhean: oir dhìol Dia sibhse air. Agus thog aingeal treun clach mar chloich‐mhuilinn mhòir, agus thilg e anns an fhairge i, ag ràdh, Is ann mar seo le neart a thilgear sìos am baile mòr sin Bàbilon, agus chan fhaighear e nas mò. Agus cha chluinnear annad nas mò fuaim chlàrsairean, agus luchd‐ciùil, agus phìobairean, agus thrompadairean; agus chan fhaighear annad nas mò fear‐ceàirde, de ghnè ceàirde sam bith; agus cha chluinnear fuaim cloiche‐muilinn annad nas mò; Agus cha soillsich solas coinnle annad nas mò; agus cha chluinnear annad nas mò guth fear‐bainnse no bean‐bainnse: oir b’iad do cheannaichean daoine mòra na talmhainn; agus led dhraoidheachd bha na h‑uile chinnich air am mealladh: Agus fhuaireadh ann fuil fhàidhean, agus naomh, agus nan uile dhaoine a mharbhadh air an talamh. Agus an dèidh nan nithean seo, chuala mi guth àrd mhòr‐shluaigh air nèamh, ag ràdh, Haleluia, Slàinte, agus glòir, agus urram, agus cumhachd don Tighearna ar Dia: Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh. Agus a‑rìs thubhairt iad, Haleluia. Agus chaidh a deatach suas gu saoghal nan saoghal. Agus thuit na ceithir‐seanairean‐fichead, agus na ceithir beò‐chreutairean sìos, agus rinn iad adhradh do Dhia, a bha na shuidhe air an rìgh‐chathair, ag ràdh, Amen; Haleluia. Agus thàinig guth a‑mach on rìgh‐chathair, ag ràdh, Molaibh ar Dia‑ne, sibhse uile as seirbhisich dha, agus air a bheil a eagal‐san, eadar bheag agus mhòr. Agus chuala mi mar ghuth mòr‐shluaigh, agus mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar thoirm tàirneanaich chumhachdaich, ag ràdh, Haleluia: oir tha an Tighearna Dia uile‐chumhachdach a’ rìoghachadh. Bitheamaid aoibhinn agus dèanamaid gàirdeachas, agus thugamaid glòir dhàsan: oir thàinig pòsadh an Uain, agus dh’ullaich a bhean i fhèin. Agus thugadh dhi gum biodh i air a sgeadachadh le lìon‐aodach grinn, glan agus dealrach: oir is e an lìon‐aodach grinn fìreantachd nan naomh. Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, Is beannaichte iadsan a tha air an cuireadh gu suipear‐bainnse an Uain. Agus thubhairt e rium, Is iad seo briathran fìrinneach Dhè. Agus thuit mi sìos aig a chasan a‑chum adhradh a dhèanamh dha: agus thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: is co‑sheirbhiseach dhut fhèin mise, agus dod bhràithrean aig a bheil fianais Iosa: dèan adhradh do Dhia: oir is i fianais Iosa spiorad na fàidheadaireachd. Agus chunnaic mi nèamh air fhosgladh, agus, feuch, each geal; agus ghoireadh den Tì a shuidh air Dìleas, agus Fìor; agus ann am fìreantachd tha e a’ dèanamh breitheanais agus cogaidh. Agus bha a shùilean mar lasair theine, agus air a cheann bha mòran chrùn; agus bha ainm aige sgrìobhte, nach b’aithne do neach sam bith ach e fhèin; Agus bha e air a sgeadachadh le trusgan tumte ann am fuil: agus is e an t‑ainm a ghoirear dheth, FACAL DHE. Agus lean na h‑armailtean a bha air nèamh e air eich gheala, air an sgeadachadh le lìon‐aodach grinn, geal agus glan. Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon‐amair fraoch‐feirge an Dè uile‐chumhachdaich. Agus tha aige air a thrusgan agus air a leis ainm sgrìobhte, RIGH NAN RIGH, AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNA. Agus chunnaic mi aingeal àraidh na sheasamh anns a’ ghrèin; agus ghlaodh e le guth àrd, ag ràdh ris an eunlaith uile, a bha ag itealaich ann am meadhon nèimh, Thigibh, agus cruinnichibh sibh fhèin a‑chum suipear an Dè mhòir; A‑chum gun ith sibh feòil rìghrean, agus feòil àrd‐cheannard, agus feòil dhaoine cumhachdach, agus feòil each agus na muinntir a shuidheas orra, agus feòil nan uile dhaoine, araon saor agus daor, araon beag agus mòr. Agus chunnaic mi am fiadh‐bheathach, agus rìghrean na talmhainn, agus an armailtean air an cruinneachadh, a dhèanamh cogaidh an aghaidh an Tì a bha na shuidhe air an each, agus an aghaidh a armailt‐san. Agus ghlacadh am fiadh‐bheathach, agus maille ris‐san am fàidh‐brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh‐bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg‐lasadh le pronnasg. Agus mharbhadh a’ chuid eile le claidheamh an Tì a bha na shuidhe air an each, a thàinig a‑mach as a bheul: agus bha an eunlaith uile air an lìonadh lem feòil. Agus chunnaic mi aingeal a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus iuchair sloc an dubh‐aigein aige, agus slabhraidh mhòr na làimh. Agus rug e air an dràgon, an t‑seann nathair nimhe sin, as e an diabhal agus Sàtan, agus cheangail e e rè mìle bliadhna; Agus thilg e e do shloc an dubh‐aigein, agus dhùin e a‑staigh e, agus chuir e seula air, a‑chum nach mealladh e na cinnich tuilleadh, gus an crìochnaichte am mìle bliadhna: agus an dèidh sin, is èiginn gum fuasglar e rè ùine bhig. Agus chunnaic mi rìgh‐chathraichean, agus shuidh iad orra, agus thugadh breitheanas dhaibh: agus chunnaic mi anaman na muinntir den do chuireadh an cinn airson fianais Iosa, agus facal Dhè, agus nach do rinn adhradh don fhiadh‐bheathach, no da ìomhaigh, agus nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn, no air an làmhan; agus bha iad beò, agus rìoghaich iad maille ri Crìosd rè mìle bliadhna. Ach cha d’ath‐bheothaicheadh a’ chuid eile de na mairbh gus an robh am mìle bliadhna air an crìochnachadh. Is i seo a’ chiad aiseirigh. Is beannaichte agus is naomh an tì aig a bheil cuid anns a’ chiad aiseirigh: orra seo chan eil cumhachd aig an dara bàs; ach bidh iad nan sagartan do Dhia, agus do Chrìosd, agus rìoghaichidh iad maille ris mìle bliadhna. Agus nuair a chrìochnaichear am mìle bliadhna, fuasglar Sàtan as a phrìosan, Agus thèid e a‑mach a mhealladh nan cinneach, a tha ann an ceithir cheàrnan na talmhainn, Gog agus Magog, a‑chum an cruinneachadh gu cath; muinntir a tha ann an àireamh mar ghaineimh na fairge. Agus chaidh iad suas air leud na talmhainn, agus chuartaich iad camp nan naomh, agus am baile ionmhainn: agus thàinig teine a‑nuas o Dhia à nèamh, agus chuir e as dhaibh. Agus thilgeadh an diabhal a mheall iad anns an loch theine agus phronnaisg, far a bheil am fiadh‐bheathach, agus am fàidh brèige, agus bidh iad air am pianadh a là agus a dh’oidhche, gu saoghal nan saoghal. Agus chunnaic mi rìgh‐chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh. Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan. Agus thug an fhairge uaipe na mairbh a bha innte; agus thug am bàs agus an uaigh uapa na mairbh a bha annta: agus thugadh breith orra gach aon a rèir an gnìomharan. Agus thilgeadh am bàs agus ifrinn don loch theine: is e seo an dara bàs. Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine. Agus chunnaic mi nèamh nuadh, agus talamh nuadh: oir chaidh an ciad nèamh agus an ciad talamh thairis; agus cha robh fairge ann nas mò. Agus chunnaic mise Eòin am baile naomh, Ierusalem nuadh, a’ teachd a‑nuas o Dhia à nèamh, air ullachadh mar bhean‐bainnse air a sgeadachadh fa chomhair a fir. Agus chuala mi guth mòr à nèamh ag ràdh, Feuch, tha pàillean Dhè maille ri daoine, agus nì esan còmhnaidh maille riu, agus bidh iadsan nan sluagh dha, agus bidh Dia fhèin maille riu, agus na Dhia dhaibh. Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis. Agus thubhairt an Tì a bha na shuidhe air an rìgh‐chathair, Feuch, tha mi a’ dèanamh nan uile nithean nuadh. Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, oir tha na briathran seo fìrinneach agus dìleas. Agus thubhairt e rium, Tha e dèante. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch: bheir mi dhàsan, air a bheil tart, de thobar uisge na beatha gu saor. Sealbhaichidh an tì a bheir buaidh na h‑uile nithean; agus bidh mise am Dhia dhàsan, agus bidh esan na mhac dhòmhsa. Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd‐mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal‐adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg‐lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs. Agus thàinig am ionnsaigh aon de na seachd aingil, aig an robh na seachd soithichean làn de na seachd plàighean deireannach, agus labhair e rium, ag ràdh, Thig an seo, nochdaidh mise dhut a’ bhean nuadh‐phòsda, bean an Uain. Agus thug e leis mi anns an spiorad gu beinn mhòir agus àird, agus dh’fheuch e dhomh am baile mòr sin, Ierusalem naomh, a’ teachd a‑nuas à nèamh o Dhia, Aig an robh glòir Dhè: agus bha a shoillse cosmhail ri cloich ro‑luachmhoir, mar chloich iaspeir, soilleir mar chriostal; Agus bha balla mòr agus àrd aige, air an robh dà‑gheata‑dheug, agus aig na geatachan dà‑aingeal‐dheug, agus ainmean sgrìobhte orra, eadhon ainmean dà‑threubh‐dheug chloinn Israeil. Air an taobh an ear, trì geatachan; air an taobh a tuath, trì geatachan; air an taobh a deas, trì geatachan; agus air an taobh an iar, trì geatachan. Agus bha aig balla na cathrach dà‑bhunait‐dheug, agus anntasan ainmean dà‑abstol‐dheug an Uain. Agus bha aig an tì a labhair rium, cuilc‐shlat òir, a‑chum gun tomhaiseadh e am baile, agus a gheatachan, agus a bhalla. Agus tha am baile na laighe ceithir‐cheàrnach, agus tha a fhad cho mòr ri a leud: agus thomhais e am baile leis a’ chuilc‐shlait, dà‑mhìle‐dheug stàid: is ionann fad, agus leud, agus àirde dha. Agus thomhais e a bhalla, ceud agus dà‑fhichead agus ceithir làmhan‐coille, a rèir tomhas duine, eadhon an aingil. Agus bha a bhalla air a thogail de chloich iaspeir; agus b’òr fìorghlan am baile, cosmhail ri glainne soilleir. Agus bha bunaitean balla a’ bhaile air an dèanamh sgiamhach leis gach uile ghnè chlachan luachmhor. Bu iasper an ciad bunait; bu shaphir an dara; bu chalcedon an treas; b’emerald an ceathramh bunait; Bu shardonics an còigeamh; bu shardias an siathamh; bu chrisolit an seachdamh; bu bheril an t‑ochdamh; bu topas an naoidheamh: bu chrisoprasas an deicheamh; bu hiacint an t‑aon‐deug; b’ametist an dara‑bunait‐deug. Agus an dà‑gheata‑dheug bu dà‑neamhnaid‐dheug iad; bha gach aon fa leth de na geatachan air a dhèanamh a dh’aon neamhnaid: agus b’òr fìorghlan sràid a’ bhaile, mar ghloine soilleir. Agus chan fhaca mi teampall ann: oir is e an Tighearna Dia uile‐chumhachdach, agus an t‑Uan, as teampall dha. Agus chan eil feum aig a’ bhaile air a’ ghrèin no air a’ ghealaich a dhealrachadh ann: oir shoillsich glòir Dhè e, agus is e an t‑Uan as solas dha. Agus gluaisidh cinnich na muinntir sin a shaorar na sholas: agus bheir rìghrean na talmhainn an glòir agus an urram da ionnsaigh. Agus cha dùinear a gheatachan anns an là: oir cha bhi oidhche an sin. Agus bheirear glòir agus urram nan cinneach da ionnsaigh. Agus cha tèid air chor sam bith a‑steach ann nì air bith a shalaicheas, no a dh’obraicheas gràinealachd, no a nì breug: ach iadsan a‑mhàin a tha sgrìobhte ann an leabhar‐beatha an Uain. Agus dh’fheuch e dhomh abhainn fhìorghlan de uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a’ teachd a‑mach à rìgh‐chathair Dhè, agus an Uain. Ann am meadhon sràid na cathrach, agus air gach taobh den abhainn, bha craobh na beatha, a’ giùlan dà‑thoradh‐dheug, agus a’ toirt a toraidh uaipe gach uile mhìos; agus bha duilleach na craoibhe a‑chum leigheas nan cinneach. Agus cha bhi mallachd air bith ann nas mò: ach bidh rìgh‐chathair Dhè agus an Uain innte; agus nì a sheirbhisich seirbhis dha. Agus chì iad a aghaidh; agus bidh a ainm‐san air clàr an aodainn. Agus cha bhi oidhche an sin, agus chan eil feum aca air coinnil, no air solas na grèine: oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh: agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal. Agus thubhairt e rium, Tha na briathran seo dìleas agus fìrinneach. Agus chuir an Tighearna, Dia nam fàidhean naomha, a aingeal fhèin a nochdadh da sheirbhisich nan nithean sin as èiginn tachairt gu h‑aithghearr. Feuch, tha mi a’ teachd gu luath: is beannaichte an tì a choimheadas briathran fàidheadaireachd an leabhair seo. Agus chunnaic mise Eòin na nithean seo, agus chuala mi iad: agus nuair a chuala agus a chunnaic mi iad, thuit mi sìos a’ dèanamh adhraidh ro chasan an aingil a nochd na nithean seo dhomh. An sin thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: oir is co‑sheirbhiseach dhut mise, agus dod bhràithrean na fàidhean, agus dhaibhsan a choimheadas briathran an leabhair seo: dèan adhradh do Dhia. Agus thubhairt e rium, Na seulaich facail fàidheadaireachd an leabhair seo: oir tha an t‑àm am fagas. An tì a nì eucoir, dèanadh e eucoir a‑ghnàth: agus an tì a tha salach, biodh e salach a‑ghnàth: agus an tì a tha na fhìrean, biodh e na fhìrean a‑ghnàth: agus an tì a tha naomh, biodh e naomh a‑ghnàth. Agus, feuch, tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr; agus tha mo luach‐saothrach maille rium, a thoirt do gach aon fa leth, a rèir mar a bhios a ghnìomharan. Is mise Alpha agus Omega, an tùs agus a’ chrìoch, an ciad neach agus an neach deireannach. Is beannaichte iadsan a nì a àitheantan‐san, a‑chum gum bi còir aca air craoibh na beatha, agus gun tèid iad a‑steach tre na geatachan don bhaile. Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd‐draoidheachd, agus luchd‐strìopachais, agus luchd‐mort, agus luchd‐iodhal‐adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug. Chuir mise Iosa m’aingeal a dhèanamh fianais dhuibhse air na nithean seo anns na h‑eaglaisean. Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh, an reul dhealrach agus mhaidne. Agus tha an Spiorad agus a’ bhean nuadh‐phòsda ag ràdh, Thig. Agus abradh an tì a chluinneas, Thig. Agus an neach air a bheil tart, thigeadh e. Agus ge bè neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor. Oir tha mi a’ dèanamh fianais do gach uile neach a chluinneas briathran fàidheadaireachd an leabhair seo, Ma chuireas neach air bith ris na nithean seo, cuiridh Dia airsan na plàighean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo: Agus ma bheir neach air bith o bhriathran leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia a chuibhreann‐san à leabhar na beatha, agus as a’ bhaile naomh, agus as na nithean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo. Tha an Tì a tha a’ toirt fianais air na nithean seo ag ràdh, Gu deimhinn tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr. Amen. Seadh, thig, a Thighearna Iosa. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen.